[153]

[Vol . 11. No. 20. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 3, 1903. No. 20.


Litir a Alba.

FHIR MO CHRIDHE: —Thug e toileachadh mòr dhomh fhaicinn, anns an àireamh mu dheireadh a fhuair mi dhen MHAC-TALLA, gum bheil an seann duine còir, “Conafhathast beò, agus air chomas Gàilig a sgriobhadh cho snasail, agus cho pongail, agus cho làn tuigse agus gliocaiss a bha e riamh. Ged nach fhaca mise riamh, agus ged nacheil fhios agam e de shluagh an t-saoghail, ach gur e Gàidheal guchùl a thann, tha meas anabarrach mòr agam air riamh on a leugh mi na sgriobh e mu dheidhinnOiseina linn agus a bhàrdachd,” an uair a thòisichAn Gàidhealri tathaich orm anns abhliadhna 1871. Bha ecur sgriobhaidhean taitneach gad ionnsuidh fhein o chionn beagan bhliadhnachan; agus an uair a sguir e de sgriobhadh ugad, ghabh mi eagal gur ann tinn a bha e, no gun dthug am bàsfear gun mheachainnair falbh e. Ach gu ma fada beò es ceò as a thaigh. Nam biodh fhios aige air cho measails a thachuid sgriobhaidhean air an taobh so dhen chuan, shaoilinn gum feuchadh e ri beagan a sgrìobhadh ugad gu math tric. Mar a than seanfhacal ag ràdh, “Is fhearr duine na daoine.” Bha na seann laoich ainmeil riamh, agus bithidh.

Is dòcha nacheil e ceart dhomhsabhithg ràdh gur e seann duine a thann anCona,” an déigh dhomh a ràdh nacheil aithne no eòlas agam air ach troimh na leugh mi dhechuid sgriobhaidhean matha; agus tha min dòchas nach gabh e gu h-olc na thubhairt mi. Ma tha e pòsda, tha mi cinnteach nach gabh e gu h-olc, ged a theirinn gur e seann duine a thann. Ach faodaidh mi ràdh nacheilna seann fhleasgaich a tha againne air an taobh so dhen chuan idir deònach aideachadh gum bheil iad sean, eadhoin an uair a tha iad ag aideachadh nacheil enam beachd pòsadh gu bràth. Cha chuireadh e ioghnadh sam bith orm ged a bhiodh na seana mhaighdeanan an aghaidh a bhithg aideachadh gum bheil iad afàs sean. Is aithne dhomh no dhà a rugadh anns an aon bhliadhna rium; agus ged a tha mi nis adol anns an trì fichead bliadhna, tha iad acumail am mach nacheil iad fhathast ach mu dhà fhichead bliadhna!

Tha boirionnach còir air tòiseachadh ri sgriobhadh ugad o chionn bliadhna, agus gu cinnteach ceart tha a cuid litrichean atoirt toileachaidh dhomhsa, agus do iomadh neach a bharrachd orm: tha mi ciallachadh, “Peigidh Phabach.” Cha robh mise ann am Pabaidh riamh; ach chunnaic mi astar math uam e, mar a chunnaic Padaidh aghealach. Ma dhfhaodas tu dhen t-saoghal cum air do thaobh i. Tha cuid dhe na mnathan anabarrach math gu sgrìobhadh, araon ann am Beurlas an Gàilig. Nan robh mise beairteachrud nacheil mi, agus nach mo a bhitheasbheirinn sgrìob a null do Chanada, agus rachainn a dhamharc air na Gàidheil, agus air na bana-Ghàidheil, a tha cho dìleas air taobh na Gàilig. Ach o nach urrainn duinn a chéile a choinneachadh, agus fàilte chridheil a chur air a chéile, mar bu chòir do na Gàidheil a dheanamh ge be air bith àite anns an tachair iad richéile, is còir dhuinn eòlas a chur air a chéile le bhith, gu math tric asgrìobhadh beagan gad ionnsuidh fhein. Mar a than seanfhacal ag ràdh, “Is e obair latha tòiseachadh.” A dhinnseadh na firinn dut, is e tòiseachadh ri sgrìobhadh mòran as duilighe dhomh na crioch a chur air an litir aon uairs gun tòisich mi. Agus tha amhrus agam gum bheil so fior a thaobh dhaoineile mar an ceudna. Agus faodaidh mi ràdh gum bi minntinn mòran nas fosgailte air amannan na bhios i air amannan eile. Chaneil abheag agam ri ràdh anochd; oir tha mi air mo shàrachadh ag obair on a dhéirich mi gu math mochs amhadainn. Leis cho fliuchs cho fuars cho fiadhaichs a bhan t-side on a thainig an t-earrach, cha burrainn domh abheag a dhobair a dheanamh; agus on a than obair air dhol air druim orm, feumaidh mi nis a h-uile almsadh a gheibh mi air an t-sìde a ghabhail, ar neo bidh an obair gun deanamh am bliadhna.

Tha miguidhe soirbheachadh dhut fhein, agus do na h-uile a thatoirt làimh-chuideachaidh dhut. Is mi do charaid,

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh-an-Locha, 19, 3, ’03.


AN am a bhitaghadh ainme do ni sam bith is coir roghainn a dheanamh den fhacal as giorras as fhearr fuaim. Chunna sinn caochladh ainmean Gàilig air an toirt seachad anns na paipeirean air-sonwireless telegraphy,ach bhan da fhàilinn so orruile, —bha iad fadas air dhroch fhuaim. “Sanas-clisneach,” “Innleachd adhar-iùil,” “Teachdaireachd neo-chàballach,” “Inneal-fhios neo-theudach.” Is iad so cuid de na h-ainmean a thainig far comhair, agus cha mholamaid aon seach aon dhiu. Chan eil fior bhrigh aghnothaich anntidir, ’s tha iad anabarrach rag rin labhairt, ni nach tigeadh ri càil luchd-labhairt na Gàilig.


THA sgriobhadair anns an àireamh mu dheireadh dhen MHAC-TALLA dhen bharail gum biodhfios-iarmailtna bfhearr nan t-ainm a thug sinn fein air. Tha leth toisich an fhacail sin math gu leor, ach chan eil an leth deiridh buileach cho math. Dheanadhfiosan gnothach an àitecogar,” ged nach eil e buileach cho math fuaim; ach chan eiliarmailtnaGhàilig cho math airairris an fhacaladhar.” Ann an tri faclairean Gàilig a thagainn, tha am facaliarmailtair eadar-theangachadhsky , firmament,agus tha am facaladharair eadar-theangachadh, air , sky, firmament.Thaiarmailtmar sin anainm air achuid sin den àile tha fad as cionn na talmhainnna speuran, —agusadharna ainm air an àile gu h-iomlan, dlùth don talamh no fad air falbh. Chithear mar so nach eilfios-iarmailtann am brìgh, mar nach eil e ann a fuaim, cho freagarrach mar ainm do innleachd ùr Mharconi ris an fhacal a chaidh a chùinneadh an toiseach,— “Cogar-adhair.”


Is math a labhair am fear a chuir ri chéile an sgriobhadh mun Mhòd a ghabh sinn an iasad on Obanach anns an àireamh mu dheireadh: “Cha tig an lathas cha chiar an tràth a bhios fior shoirbheachadh air aMhòd cho fads a bhios gach gnothuch is eilebhuineas dha air an giùlan air an aghaidh ann am Beurla.” Tha am Mòds an Comunn a tha richùl air an cur air bonn air-son aGhàilig a bheothachadhs a chumail suas, agus chan eil dòigh eilann air sin a dheanamh ach le bhi gacur an cleachdadh. Cha leasaich e cor na Gàilig gu bràth a bhi bruidhinn mu deidhinn nasa Bheurla.


MA tha Ghàilig ri bhi air a cumail beò, feumaidh na Gàidheil tuilleadh meas a chur oirre. Feumaidh iad ionnsachadh a leughadhs a sgriobhadhs a labhairt gu coilionta. Feumaidh pàrantan a teagasg dan cloinn; mur bi i aig a chloinn a tha fàs suas, chan fhad a bhios i aig duinidir, oir is dual do na seann daoine bàsachadh. Ben gliocas don Chomunn Ghàidhealach feuchainn ris an t-sluagh chumanta thoirt gu bhi na bu mheasaile air an cainnt dhùthchasaich. Cuireadh iad a mach leabhraichean Gàilig. Cha bu mhor an obair no an cosdus dhaibh aon leabhar math Gàilig a chur a mach gach bliadhna, agus cha bu bheag an cuideachadh a dheanadh sin leis an t-seann chànain. Bu chòir air achuid bu lugha na h-òrains na sgriobhaidhean ròisg a thacosnadh dhuaisean aig aMhòd a bhi air an cur a mach ann an leabhar.


ACH chan eilan Comunn Gàidhealachach ag obair air an aon seòls a tha na comuinn Ghàilig uile. Tha àireamh mhor ann dhiu, ’s than aon deagh rùn, mas fior, fa-near dhaibh, ach tha iad uile air tuiteamsan aon mhearachda bhi smaoineachadh gun gabh cainnt cumail beò gun bhi gacleachdadh. Tha far comhair an dràsda iomradh air coinneamh mhor a bhaig Comunnn Gàilig Pheairt. Agus mur eil am paipeir-naidheachd acur bhreug am beul cinn-suidhechomuinn cha robh òraid Ghàilig aca aig aon den coinneamhan fad na bliadhna chaidh seachad. Tha fios againn gu bheil Comuinn Ghàilig ann aig nach faigh òraid Ghàilig éisdeachd. Than t-àm aig an t-seòrsa sin tòiseachadh ri iad fein a cheasnachadh, dhfheuch am faigh iad a mach am bfhearr don Ghàilig iad a bhi marbh na beò mar a tha iad.


THATAR atoirt ionnsaidh ann an pàrlamaid Chanada, o àm gu àm, air reachd a dheanamh leis am bi e nas furasda do chàraid phòsda litir-dhealachaidh fhaotainn o chéile. Gu ruige so cha do shoirbhich leis na h-ionnsaidhean sin, agus chan eil ach àireamh gle bheag anns an dùthaich afaotainn snaim aphòs-



[154]

[Vol . 11. No. 20. p. 2]

aidh fhuasgladh aon uairs gun teid a cheangal. Tha sinn an dòchas gur fhada mhaireas achùis mar sin. Chan eil againn ach sùil a thoirt thar na crìche gu deas gus sealladh fhaotainn air an toradh a tha ghnàth aleantuinn laghannan a tha deanamh ni faoin de cheangal aphòsaidh. Chan i Connecticut an stàid as miosa anns an dòigh so a dhfhaodamaid ainmeachadh, agus air a bhliadhna dhfhalbh bha ceithir cheud ceithir fichead is da chàraid dheug air an eadar-sgaradh, ged nach eil de shluagh anns an stàid ach mu uiread gu leths a tha ann an Nobha Scotia. Tha so a nochdadh gu soilleir cho suarachs a than sluagh air fàs mu dheidhinn ceangal aphòsaidh. Gu ma fada uainn an latha bhios muinntir Chanada cho suarach mu dheidhinn. Chan eil feum mor sam bith air lagh dhen t-seòrsa dhainmicheadh. Biodh fios aig daoine gu bheil am pòsadh gu mairsinn gus an sgaoilear leis a bhàs e, agus cha bhi iad cho ealamh gus a dheanamh gun sealltainn rompa.


AN TEINEM MEINN BHRIDGEPORTBha an teine bhrist a mach ann am mèinn an Dominion, an Seana Bhridgeport, na bu mhiosa na bhatar an dùil a bhitheadh e. Feasgar an latha thòisich e, chuireadh a mach sgeul gu robh e air a chasg, ach cha robh sin fior. Tha e gun chasg ceart fhathast. Bha buidheann mhor dhaoine gachathachadh fad còrr is seachduin, agus nuair nach robh iad gacheannsachadh, chuir iad rompa amhèinn a lionadh le uisge, Thatar ris an obair sin an dràsda, agus chan eil teagamh nach bi amhèinn dùinte gu deireadh an fhoghair, oir an deigh an teine chur as gabhaidh e ùine mhor gus a tràghadhs a tiormachadh suas a rithist. Fhads a bhios amheinn so natamh cuirear tuilleadh neart ri obrachadh nam meinnean eile, air-son an tomhas guail athaiga chuideachd ri chreic a chur os ceann talmhainn.

Tha an t-Urr. Uilleam Moireasdan, a bha o chionn dha no tri bhliadhnachan suidhichte mar mhinisteir ann an Graniteville, an stàit Vermont, an deigh gairm aontachail fhaotainn a Dalhousie Mills, an Ontario. ’Se so am paraiste anns an robh an t-Urr. Iain Mac-Fhionghain, a tha nis air a shuidheachadh aig Aiseag Mhira. Bha tri cheud is ceithir deug de dhainmean ris aghairm, agus bu Mhoireasdanaich da fhichead is seachd deug dhiu sin, ’s bhaMacann an seachd fichead ainm eile. Is coithional fior Ghàidhealach a thann, agusse Mr. Moireasdan an treas fear de Mhinisteirean òga Cheap Breatuinn a bhios air a shuidheachadh nam measg.

Tha mu fhichead dhe na saighdearan Canadach a dhfhuirichsan arm an Africa mu dheas air an turus dhachaidh. Tha iad ag radh gu bheil iad fheins na h-uile aon den companaich a dhfhàg iad nan deigh seachd sgìth de dhùthaich nam Boerach, ’s toigheach air an dùthaich fein a ruigheachd cho luaths a bhios nan comas. Cha robh iad feins na h-ofigich Bhreatunnach a bha os an ceann acòrdadh ro mhath, agus bha na h-ofigich a deanamh chùisean mi-thaitneach dhaibh.

LEABHRAGAN CHARNEGIETha an làrach air an cuirear an togalach so air a shònrachadh mu dheireadh thall. Rinn comhairle abhaile roghainn de dhoisean sràidean Dheòrsas Bhrookland, ’s chuir an sluagh an aonta ris. Than làrach acosd coig miles sia ceud dolair. Cordaidh an togalach coig mile deug dolair; than t-suim sin atighinn mar ghibht bho Charnegie air chumha gun cosd am baile coig ceud deug dolairsa bhliadhna acumail an leabhragain air adhart.

Tha Castro, riaghladair Bhenesuela, an deigh gach trioblaid a dhaobharaich e dha dhùthaich, a nisetairgsedhreuchd a leigeadh dheth. Chan eil aphàrlamaid no achomhairle toileach e dheanamh sin, sgus chan eil teagamh nach gleidh e a dhreuchd.

Tha ball den àrd-riaghladh an deighbilla thoirt fa chomhair na pàrlamaid air-son bacadh a chur air cluicheans air sealladhean mi-bheusach ann an tighean-cluich na dùthcha.


Bas Shir Eachainn Dhomhnullaich.

Is iomadh lathas bliadhna chaidh seachad on thainig sgeul a chuir uiread duilichinn air Gàidheil an t-saoghail gu leirsa chuir sgeula-bàis an laoich so. Seachduin gus an Di-ciaduin sa chaidh, thainig crioch air beatha Eachainn Dhomhnallaich le laimh fein ann an tigh-osda am baile-mor Pharis. Latha no dha roimhe sin thainig fios gu robh e fo mhi-chliù, agus ri bhi air fheuchainn aig cùirt-airm ann an Ceylon air-son giùlan mi-bheusach. Bha e aig an àm ann an Lunnainn far an robh e air tighinn gus comhairle ghabhail o Mhorair Roberts. Bha e feins an t-àrd-ofigeach sin nan dlùth chàirdean, agus thatar ag radh nuair a dhealaich iad gu robh iad le cheilesileadh nan deur. Dhfhàg e Lunnainn gu dhol air ais do Cheylon, ach ann am Paris, thainig e ri bheatha fein le peileir daga chur troimh cheann. Bha a chorp air a ghiùlan air ais do Bhreatuinns air adhlacadh an Alba. Bhiodh e fhathast tuilleadh is tràth feuchainn ri breth chothromach a thoirt air aghnothuch mhuladach so. Chan eil an fhirinn iomlan fa chomhair dhaoine, agus gus am bi cha bhi anns gach breth ach barail an fhir a bhios gatobhairt. Ach cha chum sin muinntir o bhi cur am barailean an céill, agus tha a bharail glé choitcheann am measg dhaoine aig an àm nach dfhuair an Seanalair an ceartas bu chòir dha fhaotainn. Co-dhiu bha e ciontach de na bhatar a cur as a leth no nach robh, tha e fior gun robhas a deanamh a bheag no mhor de shealltuinn-sioss de gheur-leanmhuinn air leis na h-ofigich eile a chionn nach dfhuair ebhreth is àrach o phàrantan uaisle. Bidh am fear a gheibh dreuchd gun a cosnadh daonnan farmadach ris-san a choisinneas gach àrdachadh a gheibh e le threubhantass le dhìlseachd fein.

Cha robh duinesan arm Bhreatunnach a rinn an ni a rinn Eachann Domhnullach, mac croiteir, a thòisich le gabhailsan ann mar shaighdear cumanta, a dheirich o ofig gu ofigs achriochnaich mar sheanalair. Bu mhath a choisinn e gach àrdachadh a fhuair e bu mhor uaill nan Gàidheal as a shoirbheachadh, agus is goirt a bhuille leo e bhi air a ghearradh as mar a rinneadhs e fo neul duaichuidh a mhi-chliu.


Dhfhàs duine no dithis tinn leis a bhric ann an Sidni Tuath air an t-seachduin sa chaidh agus ghabh muinntir na Meinne eagal gun sgaoileadh i dam baile fein. Air-son sin a sheachnadh, dhòrdaich iad stad a chur air gach malairt is falbh is tighinn eadar an da bhaile. Fad dha no tri làithean bha luchd-faire ageard criochan bhaile na meinnes chan fhaigheadh duine stigh gun teisteanas gun robh e gu h-iomlan saor on bhric. Bha iomadh sgeul àbhachdach air innsesna paipeirean mun dol air adhart a bheadar luchd na faires muinntir a bhag iarraidh a stigh gun teisteanas, ach cha robhsa mhor chuid dhe na sgeòil sin ach ròlaistean a dhlùths a dhuachdar.

Chuala sinn iomradh uair is uair air luchd-cumail thighean-òil a bhig iarraidh chléireach nach blaiseadh air an deòch a bha iad acreic. Ach is sgeul ùr ri aithris gu bheil, ann an cearnan àraidh, na cléirich fhein atoirt bòidean stuaime. Ann an ùine ghearr cha ghabhar fear-òil ann an obair sam bith. Nuair tha eadhon luchd creic dibhe làidir atòiseachadh ri tàire dheanamh air mar fhear-gnothuich, an iongantach ged chuirte cùl gu buileach ris leothasan a thadeanamh am beòlaint ann an gnothuichean dligheach.

Fhuaireadh corp Charter anns an Abhainninhabitantsseachduin gus an Di-luain sa chaidh. Be so am fear a bhair an inneil iarainn fon do thuit an drochaid air an abhainn sin toiseach a gheamhraidh.


Naidheachd a New Zealand.

Bidh an treas latha deug de Februaridh fad air chuimhne aig muinntirWaipu , New Zealand.Air an latha sin bha cruinneachadh mor aig na tha làthair de na Gàidheil a chaidh don dùthaich sin as an eilein so o chionn leth-cheud bliadhnair aisiad feins an sliochd acumail iubili na h-imrich sin. ’S ann an Waipu a shuidhich na Ceap Breatunnaich, aguss ann an sin a tha mhor chuid den teaghlaichean fhathast, ged tha cuid dhiu air gluasad do chearnan eile den dùthaich. Bha mu choig ceud deug aig achruinneachadh so, agus chuireadh an latha seachad gu cridheil ag eisdeachd ri ceòl is oraidean, ’s ag ùrachadh seann eòlas. Ben dithis bu shine bha làthair Eachann Mac Coinnich, a tha ceithir fichead is ochd, ’s bantrach Dhonnachaidh Mhic Coinnich a tha ceithir fichead is ceithir. Faodar a radh an so gun drainig aon den fheadhainn a chaidh air imrich a St. Anns, Domhnull Mac Gillemhaoil, aois ceud is da bhliadhna mun do chaochail e. Tha sinn an comain Chalum Mhic-Mhanainn, an Kaurihohori, air-son an naidheachd so a chur ugainn, agus tha dùil againn tuilleadh feuma dheanamh dhen fhiosrachadh a fhuair sinn uaithe, ann an iomradh gearr a thoirt air an imrich, ’s air soirbheachadh luchd na h-imrich an deigh dhaibh ruigheachd thall taobh eilen t-saoghail.


AMI MHORAIDHTha a bhan-òranaiche ghasda so an dùil cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach air a mhios sa tighinn, agus tha sinn cinnteach gun cuir na Gàidheil fàilte chridheil oirre. Thaitinn a seinn gu ro-mhath riutha nuair bha i an so roimheda bhliadhnan t-samhraidh sa tighinn. Air a bhliadhnan uiridh thug i sgriob do Alba, far an dfhuair i barrachd eòlais air cainnt a sinnsirs farn do ghlac i duais a Mhorair Chaimbeil aig a Mhòd air-son seinn Gàilig ri fonn na clàrsaich. Tha in duigh nas fileantasa Ghàilig na bha i riamhs tha i gle mheasail air bhi seinn nan seann òran. Bidh sanas uaipesa MHAC-TALLA ag innse nan amannans nan àiteachansam bheil i cur roimpe seinn.

AINBHEACH BAILE SHIDNITha ainbheach abhaile so a cheana cho àrd ri seachd ceud is sia mile dolair ( $706 ,000), agus tha tuilleadh ri bhi air a chur ris gun dàil. Thabillsfa chomhair pàrlamaid Nobha Scotia aig an àm so aceadachadh don bhaile da cheuds ceithir fichead mil’ ( $280 .000) eile ghabhail an iasad. Tha da cheud gu leth mile dhe sin ri bhi air a thoirt mar shaor-thiodhlac do chuideachd thogail-shoithichean, ma ghabhas aon an tairgse. Nam biodh an ainbheach a tha air abhaile aig an àm so air a leagail mar chìs air an t-sluagh a tha chòmhnaidh ann, bhiodh aig gach duine bean is pàisde ri còrr is tri fichead dolair a phàidheadh.

AigGranville Ferry, N. S. ,bhrist meirlich a stigh do bhancas ghoid iad còrr is tri mile dolair. Chaidh an glacadh an ceann latha no dha, ’s bhan t-airgiod air fhaotainn farn do chuir iad am falach e. Bhrist fear no dha dhen cheird cheudna stigh do bhanca an Glace Bay, ach bha iad air am faicinn mun do thàrr iad toiseachadh ri sireadh air-son an airgid, ’s ghabh iad an ruaig. Tha iad so gun ghlacadh fhathast.

Oidhche Di-luain air an t-seachduin sa chaidh fhuaireadh fear Seumas Findlay marbh ann am bothaig fhàis faisg air naCoke Ovens.Bha e gu tric acur seachad na h-oidhche ann agus thatar a deanamh mach gu robh e marbh cùnntas uairean mun dfhuaireadh e le fear eile bhadol a chadalsan àite cheudna. Bha e mu dha fhichead is coig bliadhna dhaois, agus dhfhàg e bean is pàisde ann an Dartmouth.

Bha fear Seumas Daley air fhaotainn ciontach de mheairle anns abhaile so o chionn da sheachduin air aiss bha e air a dhìteadh gu ceithir bliadhna chur seachad anns an tigh-obrach. Bhuineadh Daley roimhe so do Phictou. Tha dithis eile air am bheil amharus a bhi nan companaich dhasa mheairle ri bhi air am feuchainn aig achùirt mhoir toiseach an t-samhraidh.

Roimhe so bofigich á Breatunn a bha daonnan air an taghadh mar àrd-cheannardan do arm Chanada. Tha apharlamaid am bliadhna a brath sin a leasachadh, agus an deigh so, faodar an dreuchd, ma chithear sin iomchuidh a thoirt do dhaoine mhuinntir Chanada fhein.



[155]

[Vol . 11. No. 20. p. 3]

EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. II.

CUSPAIR AR SGEOIL AGUS AON NO DHA EILEANNS ABHEINN SHEILGCUNGAIDH AIRSON GALAIR ARAIDH.

BE so miann a mhàthar, ged nach robh ig ràdh a bheag ri Eóbhain da thaobh. Ach mo thruaighethaobh miann na bantraich agus chàich! bha Eóbhain air a chridhe liubhairt seachad roimhe so do dhUna dhonn aphiobaire, man dug sinn iomradh. Bha Eobhain cho eòlach air Màiris nach do smaoinich e riamh oirre mar leannan, agus cho eòlach air a buadhan inntinns air a bòidhcheads gun robh e gabhail a h-uile rud a bhann mar ghnothuch maireannach, stéidhichte nashaoghal, mar a bhios sinn buailteach a bhi uile mun fheadhainn a bhios leinn air slighe na beatha. Cha smaointich sinn uair sam bith ach uair ainneamh a dhol as ar ceum àbhaisteach, le guth no gniomh a nochdadh coibhneis dhaibh, on a bhios iad aig ar n-uilinn daonnan. Ach an uair a thréigeas iad ar sùileans ar làthair gu dìlinn, bidh sinn ag amharc air aiss gar cnàmh, a smaointean air an àm uds air an àm ud eiledhfhaodamaid le gniomh faoin, no le facal, no le gàire fhéin, toileachadh a thoirt dhaibh, ’s an t-slighe gharbh a réiteach an gleann nan deòir so. Chan e ar rùin idir gun tuig daoine bhuaithe so gun robh Eobhain bàn mi-shuimeil no greannach uair sam bith ri Màiri, oir cha robh sin na nàdar, ’s cha beòl dha dubhailc sam bith. Na aghaidh sin bha e cho coibhneil, furachar ma deidhinns a burrainn bràthair a bhith. Ach bha Màiri bheag ag iarraidh barrachd air a so, ged nach robh i ga nochdadh sin do neach beò ach a mhàin dha cridhe fhéin: be sin gaol Eobhain bhàn, oir bu leis gun sireadh gun iarraidh a cridhe dìleas, blàth, òg. ’S gann, gun teagamh, a dhaidicheadh i so nah-inntinn fhéin, air eagals gum brathadh i staid a cridhe do shùilean furachar nan coimhearsnach, no gu h-àraidh do dhEobhain; mar sin bha e gu mor na bu chruaidhe ri ghiulan, mar a bhios gach eallach eile a bhios sinn air-son a chumail o shùilean coimheach an t-saoghail. ’S iomadh uair a lot Eobhain fhéin i gu neo-chiontach le bhi luaidh buadhan a leannain, gun smaointean gun amharus gun robh ecur saighead nacridhe leis gach facal, ged a bha i cumail a sùilean ciùine, gàireach airs ag aontachadh leis fad na h-ùine, ged is beag a bha de thoileachadh nacom, ach a mhàin na bhann ri linn a bhith gafhaicinn-san sona naghaol, a dhfhàgas iomadh uair sinn uile dall agus car féineil, gun mhothachadh gun fhaireachadh a thaobh duine no ni ach a mhàin ar toileachadh glòrmhor fhein. Bha iarmailt Eobhain bhàin gun neul, gun sgleò uige so, ged a bha naimhdean aige; oir co is fhiach a shalann aig nacheil. Bha e toilichte naghaol; oir bha Una dhonn ga cùnntas fhéin gle shona a leithid de leannan a bhi aice, aguss iomadh ainnir òg chuimirsan àite aig an robh mor fharmad rithe.

Mar a dhvainmicheadh bhan t-òg sparasach, Caiptein Adam, air oighreachd aBheallaich a shealbhachadh, ’s mar a dhfhaodar a thuigsinn cha robh e idir na charaide don bheagan tuath a bha gabhail còmhnuidhsan àite. Ged a bhan Dùn, dachaidh Eobhain, air an fhearann aige cha burrainn e dragh sam bith a chur air an teaghlach a thaobh màil; oir fhuair an saighdear còir sgriobhte air an àite gu bràth o sheann tighearnaBheallaich air-son seirbhis àraidh a rinn e dha, agus mar an ceudna còir dha fhéins dha shliochd na dhéigh sealgsna frìthean mun cuairt uair sam bith a thogradh iad. Mar a dhainmicheadh bhan Caiptein uaibhreach, mòralach na staid ùir, gun chogais, gun inntinn, ach miann na mionaid a shàsachadhs an t-sùil a thoileachadh. Uige so cha do thachair e-fhein is Eobhain bàn ri chéile aghaidh ri aghaidh, ach cha robh sin fada gun tighinn mun cuairt.

Air àraid dhfhalbh Eobhain bàn don bheinn sheilg, agus a thaobhs gun robh aige ri dhol astar mor dhfhàg edhachaidhsan t-soilleireachadh, ’s le ceum lùthmhor, làn spioraid agus dòchais, ’s fhuil a ruaiseadh troimh chuislibh, an samhradh sòlasach na h-òige, cha robh e fada fàgail a bhaile na dhéighs atoirt a cheann-uidhe, Gleann dubh nan earb, am fradharc. Mu éirigh na gréine, an déigh dhabhithg imeachd fraoich ùine mhath, chunnaic e damh cròcach eireachdail air stùc as a chionn, a thug air a dhol air chrith le fior aoibhneas an t-sealgair. A glacadh a ghunna gu teann cruaidh, fhuair an sealgair, le iomadh cuairt agus ialaidh cràiteach, dlùth don fhiadh, agus air don bheothach bhòidheach, mheanmnach éirigh o thalamh iomadh troidhs e air eagal a ghabhail, thug peileir guineach cinnteach Eobhain bhàin gu talamh e gun chrith. Tacan na dhéigh sin shrac fuaim urchrach eile sàmhchair na maidne, ’s mhùch ceò an fhùdair òr na gréine; agus air do dhEobhain bàn leum suas lechuirc gheur nalaimh, chunnaic en spadaire riomhach sin, le fhéileadh goirid Gàidhealach, a leum na choinneamh on taobh eiles corc nalaimh a deanamh direach air fiadh Eobhain. Ach bha Eobhain air na bha dhìth air a dheanamh mun do ràinig an t-òganach e, ged nach robh idir teangan fhir sin natàmh uige sin.

,” arsesan gu danarra, ’s e bualadh a choise ris abheinn, gniomh a leig ris barrachd dheghlùinean na bha en dùil, oir cha robh e eòlach air a chulaidh Ghàidhealach a ghiùlan ann— “,” arsesan, “an gnothuch a bhagad, amadain òig, air do chorc shalach mheirgeach a chuir an còir an fhéidh a leag mi? Mas ann air-son dùil a bhi agad ri duais bhuam sid i agads bi toirt do chasan leat!” Le so a ràdh, thilg e bonn-a- sia ruadh air an talamh le bàrr a mhiar aig casan Eobhain, ’s chuir e aig a cheart àm fìdeag airgid ribheul agus shéid e gu cruaidh i.

Dhfhàs aodann Eobhain cho dearg ris an fhuil; ach thuirt e ris an fhear eile gu socair, stòlda, ’s e glanadh na cuirc: “Mharbh misem fiadh; agus is leam am fiadh. Gheibh thusa do pheileir aig bonn na creige glaise ud thall, agus o nach do ghluais i on a bhualadh i is cinnteach gu bheil i marbh! ach gu dearbh cha bhi farmad agamsa riut mum faigh thu dhachaidh i!”

Gun an còrr a ràdh, leum Adam, ’s lasair chaothaich as a shùilear, leis a chuirc ghuinich am bad Eobhain bhàin, agus nam biodh na bha na rùin air a dhol leis bhiodh an eachdraidh fhìrinneach so a sgur an so fhéin. Ach bha sùil gheur dhìleas aig an t-sealgair, ’s am priobadh na sùla, gun éirigh bhar a ghlùine, ghlac e làmh dheas achaiptein bhuirb air chaol dùirn, agus ged a bha e nadhuine òg treun cha bfhearr e na gille beag an greim iarnaidh an t-sealgair.

Chaneil,” arsEobhain, “galair fon ghréin gun a chùngaidh fhéin ma choinneamh; ’s mar sin tha mi smaointean nach misde do ghalairsa so. Le so a ràdh chuir e Gall an fhéileadh bhig tarsuinn air a ghlùineansan t-seann dòigh, is thòisich e gu fuaimneach air a dhéiseadh. Aig an àm nochd dithis chompanach achaiptein, ’s iad air an fhìdeag aigechluinntinn. Ged a chunnaic iad an diol a bha e faighinn cha do leig an t-eagal dhaibh tighinn air adhart, air eagals gum faigheadh iad fhéin an aon diol. An uair a thug an sealgair dha na bha e smaointean a bhiodh gu math, chuir e aghaidh Chaiptein Adam air grunnd a ghlinne, ’s thug e upag dha sios, a chuir a leithid de shitheadh roimhes nach fhac e ach ceò bàn gusn do ràinig en còmhnard, ’s a chompanaich leòmach na dhéigh cho luaths a dheanadh na casan dhaibh.

Faodar a thuigsinn n teine gamhlais agus feirge a dhùisg so an com duaichnidh Adam. Ach o nach burrainn dhan sealgair a phàidheadhsan aon dòigh, chuir e roimhe a lot air dhòigh eile, a bhiodh na bu chràitiche gu mor na cràdh corporra, agus an sin le foill, an uair a bhiodh an t-àm abuich, a mhùchadh as a sholus gu bràth. Bha fios aig Adam gun robh gealladh pòsaidh eadar an sealgair agus Una dhonn, agus nach robh iad ach a feitheamh gus an ruitheadh ùine fhreagarrach an déigh bàs a h-athar gun phòsadh. Thòisich e air an aobhar sin air a tathaichs air a coinneachadhs gach àite, air a chur suas daonnan aig na h-àmannan sos gach riomhadh, gus a dhubhan féineil a bhiadhadh na bfhearr. Bha Una dhonn féineil, caochlaideach nanàdar, ’s bhamàthair mar an ceudna cho iomlan ris a ghaoith tuath. Mar sin an uair a chunnaic iad reul cho àillidh snuadh ris a chaiptein a tighinn nan iarmailt, cha robh sùil aca tuilleadh dha na reultan mùgach, cumanta, an coimpirean fhein, dom buineadh Eobhain bàn mac an t-saighdeir. Cha robhn sealgair gun amharus air rudeigin a bhi cearr, ach cha robh e idir a creidsinn gach sgeul a bha teangannan luatha, sleamhain ag innse dha. Cha robh e air-son idir eisdeachd riutha, no ghabhail a stigh gun dearbhadh a shùil fhéin, gun robh a leannan mi-dhìleas dha, no gun sealladh i air fear eile, an déigh nam bòidean a thug iad dha chéile air feasgar fann àraid aig Eas-an-iubhair. Ach mo thruaighe! cha robh e air fhàgail fadan teagamh mun chùis.

Air feasgar àraidh anmoch as t-fhoghar, bha Eobhain a tilleadh dhachaidh o iasgach, ’s gad math aige cuideachd. Bhan saoghal ag amharc dha gu bòidheach, taitneach, —gun ghnù, gun ghamhlas nachridhe do neach no do chreutair air uachdar, bha e da rireadh ag amharc na àite taitneach don òganach a bhi beò annsan àm, an sìths an slàinte bheòthail na h-òige. Bha eg imeachd leis na smaointean so mun cuairt gob rudha Phearsanaich, an uair a sheas e, ’s e smaointinn gun cuale monmhar bruidhne dluth dhà. Ach cha robh e faicinn ni, ’s ghabh e air adhart gu fàillidh gu cùl sgeire, ’s sheall e thairis, oir bha ainm gun robh ofigich a chrùin ag iathadh mu na cladaichean a glacadh dhaoinòga air-son an airm. Mu choinneamh chunnaic e sealladh a chur saighead nachridhe, ’s a dhfhàg a shaoghal dorcha, dorcha, agus a chuir gach boinne fala le ruais troimh chuislibh thun a chinn; thàinig sgleò air a shùilean, agus mur biodh a chreag ri uchd, treuns mar a bha e, bha e air tuiteam. Bha an sin mu choinneamh air an tràigh ghil, Caiptein Adam, air a chur suas cho riomhach ri coileach peucaig; ach bann air an nighinn òig a bha nachuideachd, ’s a làmh mun cuairt oirre, a laidh sùilean Eobhain a rithist agus a rithist, mar nach biodh e idir gan creidsinn. Ach cha ghabhadh an fhìrinn falach, searbh gan robh i. Bha an sin, fo ghairdean fir eile, pearsa chuimir ghrinn Una dhonn na bantraicha phearsa bha e smaointean a bha coisrigte dha fhéin fhads bu bheò i, ach a nis a bha cho dealaichte bhuaithes ged a bhiodh i fuar fon fhòid ghuirm. O, an t-atharrachadh a thàinig air a chruinnesa mhionaid bhuaireasaich ud don t-sealgair! Shaoil leis gun dthainig greann fhuar air aghaidh nàdair gu léir. Shaoil leis



[156]

[Vol . 11. No. 20. p. 4]

nach dearrsadh a ghrian dha gu bràth tuilleadh leis an òradh a bàbhaist di na iarmailt, ’s nach gabhadh e tlachd gu dìlinn naobraichean àbhaisteach. Bha e air chorra-biod, adol a leum thairis thun a nàmhaid, gus an gairdean gràineil ud a spionadh as a ghualainn, an uair a thàinig e uige fhein, agus thòisich a reusan air i fhein a chur an géill, ag ràdh ris gur ann gumhath a dhfhosgladh a shùilean na àm. Aig an àm dhlùthaich bàta ris a chladach, ’s dhealaich a chàraid a bhair an tràigh, ’s thug gach aon aghaidh air an dachaidh. Shuidh an sealgair air a chreig, ’s thòisich am feasgar air ciaradh mun cuairt da, gus mu dheireadhn do mhùchadh gach ni nashealladh, mar a mhùchadh a dhòchasan fhéin tiotadh beag air ais, ’s chaidh fhàgail aonaranach, ’s gun aigach na spealgan bochda air a charragh air an robh iomhaigh a bhan-dia Una dhonn o chionn ùine cho gearr.

An ath latha, ged nach do rinn e moran cadail, bha e faicinn aghaidh na bfhearr air cùisean. Bha e gathoileachadh fhein le ràdh gum bu mhath an t-àm an dfhuair e mach nàdar Una, seach an uair a bhiodh e tuilleadh is anmoch air-son a chùis a leasachadh. Ach a dhaindeoin so bha cridhen t-sealgair brùite fad iomadh latha, agus bu shuarach an suathadh a dhùraicheadh a chreuchdan dha. Bhainntinnsan dòigh fhàs, iongantach ud, a dhfhairicheas sinn, air dhuinn fhaighinn a mach a cheud uair nach bisan iodhal don robh sinn ag aoradh agus a bha sinn a smaointinn a bha os cionn a chòrr den chinne-daonna gu léir ach criath fior chumanta, a dhatharraicheas cruth is dath ris gach àird on séid a ghaoth. Cha robh Eobhain a leigeil a bheag air, ach bha Màiri bheag dhìleas gathuigsinn, agus na dòigh shiobhalta fhéin a toirt aotromachadh dha inntinn, le gathan àigh dhe mathas fhéin a chuir troimhn duibhre a bhasan àm gamhùchadh.

(Ri leantuinn.)


MUN CHUL-CHAISEMUINNTIR GHLINNE COMHANN, 1543.

Tha gnàth-fhocal coitchionn air feadh na dùthcha, air a chleachdadh le móran aig nach eil fios ciod is ciall da. ’Sen sean-fhocalBidh tuilleadh uime na bha mun chul-chàise.”

Tha fios againn uile nach robh agus nacheil dùthaich no cearn den domhan anns nach do thachair air an fhear-thuruis inbhe dhaoine, ’s iad sin daoine beairteach agus daoine bochda. Tha so mar an ceudna ra fhaotainn anns aGhàidhealtachd. Bha seana chleachdadh am measg nam fior Ghàidheal a thainig a nuas iomad linn, gun rachadh na h-uireasbhidhean so, romh àm na nolluig, airFaoidh Nolluigam measg an cairdean agus an coimhearsnaich shaoibhir, a chums gum faigheadh iad nithe leis an cumadh iad féisd na nolluig. Bhan cleachdadh so gu ro-shònruichtair a chumail am measg muinntir aghlinne.

Anns abhliadhna 1543 air maduinn an 19mh do cheud mhìos agheamhraidh, thàr ochd-fir-dheug air an turus faoidhe. Bha iad òg, curanta meamnach, nach gabhadh giorrag roimh ghnùis nàmhaid, nan uchd cruaidh ghàbhaidh nach meataicheadh ri garbh-fhrasaich fhogharaidh, no sneachda dùmhail dùdlachd geamhraidh, an cas cheum air taobh glinne mar chiar-cheò maduinn fhogharaidh air sliabh beinne. Iadsan a bhachòmhnuidh am bràigh aghlinne, thog iad a mach ri Gleann-lic-na-muidhe, tarsuinn a nùnn Catha-na-cuinneagaidh; agus iadsan a bha san t-srath, a mach ri Gleann-an-fhiodha, a nùnn thar Màm-uchdaidh, agus air bheag de latha, shocraich gach buidheann iad féin air Cnocan-na-comhairle, ’se sin tulach bheag uaine bhòidheach air taobh deas Mhàm-uchdaidh, ionad anns am bu ghnàth leis an luchd-faoidhe comhairle ghabhail on mhór bhuidhinn an déigh dhoibh uile cruinneachadh, agus socruchadh air an àm agus air an àite anns an tachradh iad a rithist. Air dhoibh air an àm so amhòr bhuidheann a roinn na trì buidhnean beaga, sèanar anns gach buidhinn, agus gach buidheann diubh so ri tachairt air a chéile air feasgar an treas latha, aig Ruithe na coinneimh, am bràigh aghlinne goirid on àit anns abheil Tigh-an-Righ agus uidhe bheag on àit anns an dthug Fionn fial, o shean, fleagh do mhaithean na Féinne; oir be sin an t-ionad anns am bu ghnàth leis an luchd-faoidhe cruinneachadh. Air dhoibh mar so an uile ghnothuichean a shocruchadh air Cnocan-na-comhairle, ghabh buidheann diubh a nùnn guala Chorrabheinn, a mach bealach Caol-chréireann, tarsuinn a nunn tre Gleann Eite, a mach Lairig-Dochairt, agus a stigh bràigh Ghlinn-Urchaidh. Ghabh an bhuidhinn eile sios Gleann-Créireann, adealachadh ra chéile aig an Eirilg; buidheann diubh agabhail sìos gu ceann Loch-Créireann, agus abhuidheann eiletogail a mach slochd Ghlinn-Uidhir, a nùnn thar achreig Eanacha, agus a stigh Ceann-loch-Eite. Bha mar so gach buidheann gu sùnndach, dian, togarrach agairm air gach caraid agus fear-eòlais a thuit tachairt orra. Air an àm shuidhichte, thòisich gach buidheann air an aghaidh a chur ri Ruithe-na-Coinneimh, agus do réir an cùmhnanta, thachair gach aon diubh air feasgar an treas latha. Air dhoibh sgeul a ghabhail gach aon da chéile, chuir iad an cuid uile cuideachd, chums gum biodh e a rithist air a roinnna thri earrannan, earrann mu choinneamh gach buidhe, agus gach earrann diubh a rithist ri bhi air an roinnnan earrannan beaga, ’s e sin earrann mu choinneamh gach fir. Fhuair iad gu maith air an aghaidh leis acheud roinn, gus mu dheireadh an robh aona chùl càise ra roinn. Thuirt fear gur h-ann air an roinn so bu chòir a chur; thuirt fear eile gum bann air an roinn so bu chòir a chur; agus thuirt an treas fear nach bann idir, ach air a roinn-sa bu chòir a chur; thuirt fear eile nach bann idir, ach air an roinn so. Dhéirich mar so connsuchadhnam measg; lìon tnù mar so na laoich lan feirg, ’s o gharbh bhriathran gu marbh bhuillean sgaiteach geur, gus fa-dheòidh nach robh mac màthar ann a burrainn sgeul a thoirt mar thachair. Thàinig an oidhches bhan cairdean aig abhaile fo mhòr iomaguin agus imcheist ciod an tubaist a thachair air an luchd-faoidhe, asiubhal o bhaile gu baile, ag iarraidh an sgeòil nach robh ra fhaotainn. Mu bhriseadh na fàire thog buidheann a mach ri Innein aghlinne, tarsuinn a nunn gus an Ruithe. Air dhoibh a bhi tarruing fagus don ionad, agus a nis an latha air bristeadh gu math soilleir, ar leotha gun robh iad afaicinn mar gum biodh daoinenan sìneadh air bruaich uillt a bha siubhal seachad ri taobh an Ruithe. Ràinig iad, agus bha sin an càirdean, na h-ochd fir-dheugnan sìneadh gun phlosg! Bha cladach an uillt a bhasiubhal seachad, agus lochan beag a bha aig ceann an uillt, mar uidhe ceud slat don ionad anns an robh iadnan sìneadh, dearg le fuil. Theirte ris an lochan so san àm lochan Ruithe-na-coinneimh, ach uaithe sin gus an latha diugh theirear lochan-na-fala ris. Laimhsich iad na daoine bhanan sìneadh gach aon fa leth, agus fhuarasnam measg aon anns an robh an deò. Ghiùlain iad e ga thigh féin, agus le mòr chùram chleachdadh gach a burrainnear a smuainteachadh chum a chreuchdan a leigheas, ach dhfhàilnich gach oidhirp, agus bhàsaich en ceann beagan ùine. na h-uine bhan duine so beò chaidh gach oidhirp a dheanamh air mion-chunntas fhaotainn uaithe, ach cha dfhuaras uaithe nas fhaide na tha air aithris an so. Mar so bha toiseach aghnath-fhocail. “Bidh tuilleadh uime na bha mun chùl-chàise.” —Cuairtear nan Gleanu.


TUS AGUS NADAR DIBHE LAIDIR.

LE P. MAC GRIOGAIR.

THA anns an t-saoghal còrr as leth-cheud priomh-dhuil, dem bheil gach ni air a dheanamh suas, agus buaidhean air leth aig gach aon diu. Tha neart de na nithe a chi sinn air an deanamh suas de dha no tri de na duilibh so air an coimheasgadh. Tha cuid diu nach gabh faicinn idir. Dhiu so than da stuth dem bheil an t-aile air a dheanamh suas. Than cuigeamh cuid deth den phriomh-dhuil ris an abrar oxygen, agus a chuid eile de nitrogen. Nise cha burrainn neach air bith a bhi beo ach uine ghoirid ann an aon de na dùilibh sin air leth. Tha uisge, a rithisd, air a dheanamh suas de hydrogen agus oxygen; da stuth a loisgeas mar ghuail nuair nacheil iad measgta feadh a cheile. Mar so tha an staillin soilleir cruaidh a fasna luaithre ruadh, agus gach seorsa feòla nan ni breun, nuair than t-aile a drughadh orra. Faodaidh tu nise a thuigsinn ciamar tha ni cho milis ri siucar air a thoirt á eorna agus a buntata grod, agus ni cho garg loisgeach ri uisge-beatha, á siucar.

Tha siucar air a dheanamh suas de dha stuth ris an abrarsa Bheurla carbonic acid agus alcohol. Ma chuirear beirm ri siucar air a leaghadh ann am burn, agus gun dtheid fhagail air dhoigh as gun ruig an t-aile air, tha sgaradh air a chuir eadar an stuth ud: tha blas milis an t-siucair a falbh agusna aite tha blas garg an alcohol, air a choimheasgadh le blas geur an acid. Ged a tha am burn agus iad so fhathasd an ceann a cheile, gidheadh tha iad a nisenam boinneagan air leth feadh an uisge. Roiso bha an t-alcohol agus an t-acid air an coimheasgadh air dhoighs gun robh gné gach aon diu air a chall, mar anns an t-siùcar thioram. Tha an stuth a nisena leann. Gabhaidh stuth coltach ri so deanamh de gach deoch anns am bheil siucar, mar a tha sùgh nan ubhlan agus nan fion-dhearcan. Oibrichidh sùgh mheasan mar iad so, gun bheirm idir, ma dhfhagar iad sgaoiltesan aile: ach ma dhuinear suas iad ann an soitheach, chan oibrich. Ach far am bheil a mhain siucar agus uisge glan, no stuth mar bhrailis, chan oibrich e gun bheirm a chuir ris. ’S e na tha de mhùthadh eadar fion agus leann, gur e fuigheall nam fion-dhearc a thanns an dara h-aon, agus fuigheall eorna no slait-shiucair a thanns an stuth eile, maille ri uisge, carbonic acid, agus alcohol. Ma leigear leotha seasamh anns a ghaoith car uine bheag, falbhaidh an t-acid feadh an athair agus caillidh iad am blas geur; ach tha iad cho garg agus cho laidirs a bha iad roimhe; oir is e an t-alcohol a mhain a tha alosgadh agus atogail misg. Ach ma bhlaithichear iad, than t-alcohol agus beagan den uisge ag eiridh comhla ris an acid; agus mar is treise an teine, ’s ann is mugha a dheireas den uisge. Nise ma ghlacar an toit ann am feadan fada fuar, coltach ri cnuimheag na poite duibhe, tha an t-alcohol agus an t-uisge ag éiridh nam boinneachan an ceann a cheile, ach tha an t-acid a sgaoileadh feadh an aile. Tha, mar an ceudna beagan de stuithean sleamhain eile, a bhanns an leann nos an fhion, a leantuinn riutha; agusse so a mhain is aobhar air na tha de mhuth eadar branndi, rum, agus uisge-beatha, ach gum bheil beagan tuilluisge ann an cuid diu na thanns a chuid eile. Tha



[157]

[Vol . 11. No. 20. p. 5]

gach aon diu soilleir mar uisge-beatha gus am bheil dathg a chuir orra, an deigh a bhi air an tarruinn. ’S ann as an t-siucar a mhain a tha an t-alcohol a tighinn; agus chaneil an t-atharach is lutha eadar an t-alcohol a thann an uisge-beatha agus an t-alcohol a thann an leann, no ann am fion, no an dibhe air bith eile.

Tha doigh aig daoine foghluimte air an t-alcohol a sgaradh gu tur bho gach ni eile: agus mar so fhuaras a mach gum bheil tuille as leth an uisge-bheathana alcohol, agus gur uisge glan, gu inbhe bhig, a chuid eile. Is alcohol an ceathramh cuid den fhion a thatar ag òl anns na rioghachdaibh so: agus mar sin tha e soilleir gum bheil ghloine fhion faisg air a bhi cho druighteach ri aona ghloin uisge-bheatha. Mar is treise an stuth, ’s ann is mugha an diughail. Nuair a tha uisge an ceann alcohol, chaneil an t-aon tomhas deth buileach cho gargs a nuair a tha e gun mheasgadh agus uime sin feumar beagan tuille dheth òl mun druigh e air neach cho searbhs a nuair nacheil sionn a cheann. Achse so na tha de mhùth eadar a bhig òl alcohol ghlan agus a bhig òl leann, fion, uisge-beatha no deoch air bith den t-seorsa. Tha mi creidsinn gum bheil fios agad fhein, a leughadair, gum feud duine abhi air mhisg le leann no le fion cho maths le uisge-beatha: agus than tuille dhiu sin cho diubhalach air gach doigh ri tomhas nas lutha den uisge bheatha.

Feudar a thuigsinn, on bhlas a thair alcohol, agus mar a sgaoileas em beul, nach biadh no deoch e. Thug ar Cruitheir dhuinn ar blas agus ar faireachdainn a chomharachadh an ni a tha feumail bhon ni a tha cronail dor pearsa. Nise nan tugamaid uisge-beatha do neach nach cualadh ni riamh mu dheibhinn, ’s ann a chuireadh e mach e agus braoisg air, mar is minig a chithear air daoine an deighe balgum dibhe a shlugadh; cha dean duine paiteach mar sin an deigh uisge òl; ni mo a tha iotadh a fantain an deighe dha gu leoir òl. Ach tha alcohol garg, loisgeach; agus an aite e chasgadh pathaidh, mar is mugha a dholar dheth, ’s ann is mugha ar patha, aguss ann is mugha ar deidh air tuille, a mheudsg an òl sinn. Tha clann an toiseachg a shlugadh gu sgairteil, ged a bheir e deoir bhon suilibh, on a tha iad asmuaineachadh gum bheil e cluiteach dhaibh gun smuairein a ghabhail a ni a thag an goirteachadh; agus mar so tha iad ag ionnsachadh òl gu toileach.

Nuair a tha alcohol a ruigheachd a ghoile, tha eg a sgaldadh; agus ma tha neach a leantainn fada air a bhig a òl tric, tha e a losgadh air falbh a chochail a tha acomhdachadh taobh a stigh a ghoile gu leir. Fhuaras so a mach le dearg-lighichibh a dhfhosgail cuirp dhaoine a bha trom air an deoch; aguss ann mar so a fhuaras a mach gu coimhlionta an doigh anns am bheil an deoch laidir ag oibreachadh air pearsa an duine. Nise tha so buileach cronail: oir nuair a loisgear an comhdach so, tha an sùgh a tha asruthadh troimhe acall a chuid mhòr da neart; agussen sugh so is meadhon air a bhiadh a chnamh. Tha alcohol a cuir bacadh air cnamh a bhidh cuideachd, a chionn gun cùm e ni air bith a chuirear ann gun chaochladh. Nuair is math le leigh ball-cuirp a chumail gun ghrodadh, cuiridh e an alcohol e. Loisgidh so an taobh a mach dheth; ach cha tig muthadh tuille air, ged chumtadh an sin mile bliadhne.

An deigh a bhi uine bheag anns a ghoile, tha an t-alcohol a dol am measg na fala, agus asgaoileadh air feadh an eanachainn, agus gach ball den chorp. Tha e nise acuir teas feadh na colluinne gu leir; agus tha daoine a faineachadh a bhi nis beothaile, nis misneachaile, agus nis neo-umhailiche mu gach ni; agus tha an smaointean troia cheile, air dhoighs nach urrainn iad cuis dhomhainn a rannsachadh mar air uairibh eile. Mar so tha an lasanan agus an anamiannan air an neartachadh, agus an tuigse aig a cheart am air a cuir fo mhi-riaghailt. Tha daoine an sin deas air nithe a labhairt nach bu choir dhaibh, air a bhi cuir bòsd asda fhein, agus a deanamh tair air daoin eile, agus air geilleadh do gach droch run a dheireasn an inntinn. “Amhaircidh do shuilean,” arsa Solamh, “air mnaibh coimheach, agus cuiridh do chridhe an céill nithe claona; agus bithidh tu mar an ti a luidheas sios ann am meadhon na fairge, no mar esan a luidheas air barr croinn siuil.” —Gnath-fhocal, xxiii. 33, 34. Mar so tha daoine fo chumhachd deoch laidir air an tarruinn gu braid agus neo-ghloine, gu connsachadh, trodadh, agus math dhfheudte gu mort. Tha Breitheachan agus Maoir a Chruin ag radh gur h-en t-ol is aobhar corr as da thrian de na ciontaibh a thair an cuir an gniomh air feadh Bhreatann.

Bheir bodach de dhalcohol glan bas duine an uine ghearr agus foghnaidh leth-bhodach do neach òg. ’S em fàth nacheil daoine a thag òl tuillas so abasachadh nacheil iad ag òl moran deth comhladh; oir an deigh dha sgaoileadh feadh na fala, tha moran deth gu h-ealamh atighinn amach troi a chraicionn aguss an anail. Ged a tha e adol am measg na fala, chan eil boinne dheth afasn a fhuil, mar a tha gach seorsa bidh. Tha so a feuchainn nacheil toradh air bith ann; oir tha dearbh fhios aig daoine foghluimte gur ann as an fhuil a tha an corp gu leir air a bheathachadh. Chan eil an alcohol ach gual as uisge; agus chaneil e a toirt neart do dhaoine nis mugha na tha a chuip a toirt neart don each. Tha e cuir teas agus buaireas feadh na fala; agus uime sin tha moran asmaoineachadh gum bheil eg an neartachadh. Ach beachdaicheadh iad ciod a tha tighinnn a dheighe; agus chi iad gur ann a tha efàgail dhaoine fann agus an-fhulanach. ’S e fois as biadh a mhain a shuidhich Freasdal chum neart ath-bheothachadh, agus foghnaidh iad so; as chaneil feum an ni eile. Ged a tha e cuir teas feadh a chuirp an toiseach tha e a fosgladh pòran a chraicinn, agus tha an duine a rithist nis buailtiche do fhuachd agus nis fhuaire na bha e mun do dòl e boinne dheth. Mar so chualthar mu iomad neach a mheilich le fuachd an taobh tuath America, a cheann gun dòl iad mòran branndi ri latha reota geamhraidh.

Labhair na baird moran mun chridhealas a thag eiridh bho dheoch laidir; ach be sin cridhealas na boilich agus na connspoid, a dhfhagadh daoine tiamhaidh, crosda, an la-iar-na-mhaireach. Cridhealas gu dearbh! Ciod an cridhealas a thaig bean agus cloinn a mhisgeir nuair a tha iadn an crùban gu luideagach, acrach mu theallach fuar, lom, agus esan ag olsan tigh-leanna an ni bu choir biadh agus aodach a cheannach dhaibh, agus a chuireas fuaim a cheuman a tighinn dachaidh sgàth orra, agus chan e aoibhneas, mar bu chubhaidh? Be sin cridhealas na bochdainn agus na truaighe! Ciod an cridhealas a thaig a chairdibh nuair a tha eg an ruigheachd cho goirts gum bheil iad cuid de dhuairibh a runachadh gun tigeadh crioch air a laithibh? Mas math le daoine stuth diubhail òl a ni cridheil iad car seal, faigheadh iad luach sgillinn no dha den aile ris an abrarsa Bheurlalaughing gas.Bheir so orra garachdaich gun allsach, agus leum le h-aoibhneas; agus ged a tha e cronail, chaneil e cho cronail ri alcohol, agus tha e mòran nis saoire: no mas math leo ni a bheir mor-shubhachas dhaibh, oileadh iad beagan opium. Bheir sin orra bhi cho sona ciuins ged a bhitheadh iad am flaitheas. Than stuth so gun teagamh ro chronail, laidir, oirse a tha moran a gabhail nuair a tha iad a cur as daibh fhein; ach cha chuir e daoine air chaothach mar a ni alcohol. Tha so cuideachd cheart cho laidir, cronach; oir tha e toirt bàs moran feadh nan rioghachdan so gach latha; agus ma dhòlas duine dheth uimhirsa dholadh neach paiteach de dhuisgo, bheir e bàs obann air. Tha na nithe sin a feuchainn gum faod iomad ni cronail gean a chuir air daoine, agus faochadh a thoirt daibh car tiota. Be bhi cur as teine le bhi cuir connaidh air, bhig òl alcohol chum pathadh a chasgadh: oirs ann a chuireadh e tart air daoine air nacheil pathadh. Th deoch laidir a fagail dhaoine nis buailtich do gach seorsa galair; agus nis taise an deigh a gabhail: agus a bharr air a so, tha i togail mòran ghalaran do dhaoine gun aobhar air bith eile. “Chan aithne dhomh aon ni eile,” ars an Leigh Trotter, “a tha togail tuille eucail na deoch laidir.” “ ’S e ar barailarsa tri air fhichead de na Leighibh as ainmeile an Lunnuinn, “nacheil ni a bfhearr chum anshocair a laodachadh, agus slainte a chumail ris gach neach, na sgur gu h-iomlan de bhig òl deoch laidir.” “Air gach ball den chorp air an druigh i,” ars an t-ollamh Allen, “tha ig oibreachadh mar phuinsein.”

Tha na daoine ris an abrar Quakers comharraichte air son a bhi seachnach air deoch laidir; agus uime sin tha am beathasa, a reir a cheile, ceithir bliadhna deug nis fhaide na beatha a chuid eile den t-sluagh. Tha cuid de ghalaraibh sgrathail dom bheil misgeirean amhain buailteach. Chan fhaod daoine a bhi smuaineachadh nacheil deoch laidir adeanamh coire dhaibh ach nuair a tha ig an goirteachadh; oir tha leighean ag innseadh gum bheil i deanamh coire an còmhnaidh, air cho beagsg an gabhthar dhi, agus gum bheil neach cuid de dhuairibh gun ghoirteas air bith, nuair a tha taobh a stigh a ghoile air iongrachadh le dibhe. Mar so tha morang am mealladh fhein mar a bham fear a thubhairt gun robh esanna ioma shlainte ged a bha eg òl moran leanna car fhichead bliadhna, agus bhasaich e leis an t-ath latha.

Chaneil beathachadh idir an uisgebeatha, no deoch laidir air bith a thair a tarruinn mar sin; agus chaneil beathachadh an leann ach na thanns an leann-loisgte, a bheirear do na mucaibh. Chan fhearr fion no portair.

Tha cor moran sheoladairean agus dhaoineile a leig dhiu deoch laidir gu tur, a dearbhadh gur ro mhearachd barail nan daoine a tha smuaineachadh gum bheil alcohol a neartachadh neach; oir tha iad uile ag radh gum bheil iad nis treises nis cruadalaiche, agus nis murraich air mòran obair a chur troi laimh na bha iad an uair a bha iad ag òl a bheag no mhòr dhi.

Tha mile mhilltean punnd Sasunnach leth-cheud uair thairis air a chosdadh gach bliadhnas na rioghachdaibh so air deoch laidir, suim a chumadh suas na bheil de shluagh an Albainn car thri bliadhna. Chuireadh na thatar acur a h-aithne dheorna an Breatunn comhdach, slat air dhoimhnead, air rathad mor, coig slat air leud agus da cheud agus sea mile deug air fad.

Tha deoch laidir a toirt moran tuille call air an rioghachd na tha an stuth acosdadh; oir tha i toirt moran dhaoine gu bochdainn as laigse, a than sin a tighinn beò air daoin eile, agus tha na milltean a tha i toirt gu cionta nan eallaich air an duthaich, air dhoigh no doigh. ’S i is aobhar air moran de na losgachaibh caillteach a tha tachairt tric air feadh na rioghachd, agus air iomad long bhriseadh, far am bheil moran bathair air a chall an comhnaidh, ’s iomad uair beatha dhaoine.



[158]

[Vol . 11. No. 20. p. 6]

A bharr air a so, tha i tarruinn air daoine moran ghalaran agus chuisean lagha, a tha cosd ro mhoran airgid.

Math a dhfheudte gun abair thu gum bheil leighean gu tric a comhairleachadh do dhaoine deoch laidir a ghabhail, airson feum an slainte. Ach tha mise ag radh riutsa gum bheil leighean mar so a toirt iomad neach gu dubh mhisg. Cha bu choir dhaibh so a chomhairleachadh uair air bith oir cluinn ciod thubhairt Johnson, leigh ainmeil an Lunnuinn. “Tha mise ag radh gum bheil iad” ( ’s e sin deochan laidir) anns gach cuis cronail mar dheoch, agus nacheil feum orra mar leigheas, a chionn gum bheil stuithean eile againn a ni an gnothach a cheart cho math, mur dean nis fhearr.” Ach tha leigheang atoirt do shluagh euslan iomad uair, cheann gum bheil iad furasd am faotuinn, agus taitneach don ghoile a thug iad fon leigh.

Thachair do mhoran de leighibh mu alcohol mar a thachair dhaibh bho cheann fada mu lotaibh. Bha e chleachda aca ola goileach a thaomadh orra agus theireadh iad nach gabhadh lot leigheas ceart gun so. Thachair do Fhrangach dom bainm Pare aon uair nach burrain da ola fhaotainn; agus mar sin fhuair e doigh air lotan a leigheas ni bfhearr gun ola idir. ’S e thubhairt leigh Gallda ri brathair-ceird da an Duneidin: “Cha bu choir dhuit a bhi cho dian an aghaidh dibhe, oirs ann oirre a tha sinn a deanamh moran der cosnadh.” Tha so leigeadh ris aon aobhar airson cuid de leighibh a bhi air taobh an òil. Tha cuid de na leighibh as fhearr an Duneidins an Lunnuinn air leigeadh dhiù bhig orduchadh dibhe an cuis air bith. Ma bha daoine faotainn a chuid a bfhearr de na h-eugailibh air son an robh na Gaidheil a toirt uisge-beatha dhaibh, ’s ann a dhaindeoin air an leigheas mar bu trice, ’s cha bann le chònadh, mar a chi neach air bith a smuainicheas air buaidhibh alcohol.

Chan ann air pearsa agus air sporan duine amhain a tha deoch laidir a drughadh: tha i milleadh a chinn agus a chridhe cuideachd. Tha mheamhair a failneachadh, agus tha an tuigse air a h-an-fhannachadhs air a dalladh; agus tha an cridhe a fas fuar gun fhaireachdainn. Tha gach aon duine a bha riamh trom air an deochna dhearbhadh air a so. Tha iad a fas clannail, gun seagh, gun fhirinn, agus gun onoir; agus ma gheobh iadsa pailteas dibhe, ’s coma leo ged rachadh an saoghal a dhith. Nach uamhasach an sealladh duine tapaidh, gasda, teodh-chridheach fhaicinn air a thoirt chum na staid so!

Ach math a dhfheudte gun abair thu— “O, ’sann bho anameasarrachd tha so uile a tighinn; nam fanadh daoine air cuimse, cha bhitheadh ni am mearachd.” ’S ann an so a tha chealgaireachd air am bheil Solamh alabhairt. Mur blaiseadh daoine boinnidir, tha e soilleir ri fhaicinn gun rachadh a mhisg agus gach diubhail a than lorg air chul a dhaona bheum. Ach ged a bha an langan so, fanaibh air cuimse, an cluasaibh dhaoine bho cheann còr as da mhile bliadhna bha a mhisg a sior neartachadh gusn do theann sluagh ri leigeil dhiu a bhig a bhlas. Bha gach neach lan dearbhte nach dtigeadh an lathas am bitheadh esan na mhisgeir: ach a dhaindheoin gach comhairle agus earail a ghabhadh toirt daibh, thainig an lathas an robh milltean diu nan dubh mhisgeirean. Tha e furasd fhaicinn carson a bha na comhairlean ud gun fheum. “Fanaibh air cuimse,” ars iadsan; ach cha dinnis iad daibh ciod e cuimse, oir cha burrainn daibh, cha robh nan comas an tomhas ainmeachadh; oir cuiridh tomhas nach aithnich fear aige misg air fear eile; agus chan e an tomhas a chuireadh misg air neach an uiridh a chuireas misg air am bliadhna. Cha mhugha a burrainn daibh a radh, a thaobh biadh as deoch, iad a ghabhail gus nach bitheadh deigh aca air tuille; oir mar is mugha a dhòlas neachs ann is mugha a dheigh air tuille. Cha robh math dhaibh a radh iad a dhòl gus am faireadh iad an cinn a fàs eatrom; oir air cheann sin bhitheadh daorach bheag orra.

Achs ni faoin a bhi abruidhinn air cuimse an leithid so de chuis. Se cuimse, gu leoir de ni feumail. Chan urrainn cuimse a bhi an nithe cronail. Bamaideach do neach a radh nach robh eucoir cronail nam fanadh daoine air cuimse; agus tha e cheart cho amaideach a bhig radh nacheil cron an deoch laidir ma dhfhanas daoine air cuimse, nuair a tha i deanamh cron air cho beags gan olthar dhi.

S ann o bhig òl beagan an drasd’ ’s a rithisd a thainig gach misgeir a bha riamh air thalamh gu fas deidheil air an deoch, agus gu bhig òl moran. Cha chualas iomradh air neach riamh a thainig gu bhi na mhisgeir a dhaona bheum. On a tha nadur an duine agus buaidhean na dibhe direach mar a bha iad, an ni a bhas e a bhitheas. Fhads a bhitheas daoineg a blasad, thig moran diu gu bhin am misgeiribh. Tha gach neach deas air a bhin duil gun teid esan as, on a chaidh daoine eil as: ach beachdaicheadh e air a chuis gu geur, gun chlaon-bhreith, agus chi e nacheil dearbhadh air bith aige nach bi e air aon den dream air an toir an dibhe buaidh. ’S e thug air moran fas trom air an òl gun robh iad am barail nach tigeadh an latha a thigeadh iadsan gu bhi mar so. Tha duine cinnteach nach ionnsaich en t-òl fhads nach blais e boinne, ach ma tha eg a bhlsaad chan urrainn dha bhi cinnteach.

Cha ruig mise leas ni a radh mun doigh anns am bheil daoine carach mealladh dhaoine eile troi mheadhon deoch laidir, agus a faotainn uapa brath air iomad ni nach bu choir dhaibh innseadh; oir chaneil morans a Ghaidhealtachd aig nacheil fhios air a so a cheana.

Na bitheadh daoine a smuaineachadh nach dean dibhe coire dhaibh mur òil iad uair air bith gus am bi an dall daoirich orra: oir tha daoine foghluimte ag innseadh gu sonraichte gum bheil a bhig a bhlas tric nis miosa na bhig ol moran corruair, agus gur luaithe bheir e bas duine a thag ol beagan gach latha na bas fir a dholas aon uairs a mhios gus am bheil e call a bheachd agus lùs nan cas. Chunnacas daoine don do thog a bhlaisemeineachd so an galar ris an abair leighean delirium tremens, no am boile critheanach eucail sgàthach, nach fhacas riamh air neach a bha seachnach air deoch.

Dhinnis mi dhuit gun oibrich sugh mheasan nuair a dhfhagthar iad sgaoilte fon aile. ’S ann mar so, a reir coltaich, a fhuaras amach deoch laidir an toiseach. Nuair a thug Noah an sùgh as na fion-dhearcaibh, chaidh leigeil leis seasamh an saothach fosgailte; agus mar sin dhoibrich e. Nuair a dh òl se dheith, thug en aire gun dfhas e beothailna dheighe: agus mar sin mheallthar e, mar a mheallthar cho lion mile da shliochdna dheighe. Shaoil daoine nach deanadh e coire air bith mur òileadh iad gus am bitheadh iad air mhisg; oir nuair nach òladh iad ach beagan cha robh an t-olc cho mòr na cho soilleir; agus tha daoine deas air a bhi leigeil as am beachd nan duibhailcean a tha tighinn an lorg ni a tha toirt toileachadh dhaibh aig an àm; agus mar sin lean daoine air a bhig òl alcohol gus an latha an diugh.

Cha robh eolas aig daoine air stuithibh tarruingte mar uisge-beatha gu naoi ceud bliadhna an deighe teachd ar Slanuighear. Mun am sin bha daoine am barail gun gabhadh stuth faotainn a thionndadh gach ni gu h-òr; agus uime sin smuainich ollamh Arabach gum feuchadh e ri fion a tharruinn, gun fhios nach fodhnadh an stuth a thigeadh as; oir bha iad eolach air tarruin roimhe so; agus bha fios aca gun robh an stuth tarruingte moran ni bu treise nan stuth ás an dthainig e. Rinn e sud, aguss ann mar sin a fhuaras a mach branndi no uisge-beatha an toiseach. Cha deanadh e òr na airgiod de ni a chuirthear ann; ach bha e moran ni bu treise gu daoine a bheothachadh car seal na fion. ’S ann airson so a thugthar uisge beatha mar ainm airachs e uisge bais ainm bu fhreagarraiche gu mor. Chaidh buaidhean an stutha a mholadh thair tomhas; cha mhor nach tugadh e beo na mairbh, a reir na h-aithris. Bha daoinesan àm sin ro aineolach, agus deas gu bhi creidsinn gach ni a dhinnsear dhaibh, a bha idir dealbhach, gun a bhig iarraidh dearbhan pongail gun robh e fior; agus mar sin chreid iad gum bu leigheas ro fheumail alcohol. Achs ann mar leigheas amhain a ghnathaichtear é car sheachd ceud bliadhna, agus cha robh e ri fhaotainn ach am buthaibh nan leigheas-reiceadairean. Ach chomharraich cuid de na h-Arabaich mar a chuireadh branndi daoine air bhoile car seal; agus uime sin thug iad alcohol no al goril mar ainm air, ’s e sin, air eadar-theangachadh, an droch spiorad, agus lean an t-ainm sin gus an lathan diugh.

Fhuaras amach a rithisd gum faidhtear stuth co-ionnan a leann no ni air bith mar sin; agus their na Gaidheil anise uisge-beatha ris an stuth a gheobhar a leann bracha. Bho cheann còrr us da cheud bladhna thoisich cuid ri smuaineachadh gur cinnteach gun robh e feumail do dhaoine slainteach, cho maths do dhaoine tinn, ged a tha dearbh fhios aig gach leigh gum bheil gach leigheas cronail do dhaoine slainteach; agus mar sin, uidh airn uidhe, thainig daoine gu bhig a òl air gach tachartas. —An Gaidheal.


Toradh an Fhearainn.

(Oban Times) .

Bha stoirmean fiadhaich againn o cheann ghoirid, agus tha eagal air mòran gum bi so gu tur an aghaidh fàs is fogharadh air abhliadhna so. Ach tha so ri thoirt fainear gun robh toiseach na bliadhna a dhfhalbh cho fliuchs cho donas a dhfhiosraich sinn o cheann ioma latha. Ach a dhaindeoin so uile bha fogharradh anabarrach math againn. Bha toradh na tìre ni bu reachdmhoire na bha e ioma bliadhna roimhe so. Bidh sona aobhar-ghàirdeachais do mhòran a thaobh gearain an latha. Chaneil nisam bith as motha adhaobharaicheas bròns an tìr na gum biodh ar tuathanaich afulang call a am biadh car daor. Tha e duilich ri thoirt fainear nacheil sinn atogail ah-uiread do bhiadh ás an fhearanns a bu chòir dhuinn. Tha so ag éiridh o laghan eucorach agus o na h-iarrtuis a thaig na Gàidheil bhochd a bhi faotainn saorsa anns na bailtean o na cumhachan searbha a rinn strìth na beathana cruaidh-chàs is na trioblaid nach burrainn mùinntir dhuineil a ghiùlan. Ach tha dòchas gum bi cùisean nis feàrr anns na bliadhnaibh ri teachd.


An turus mu dheireadh a bha Morair Citsiner ann an Lunnainn, thainig caraid ga ionnsaidh a cruinneachadh airgid air-son fear-lagha bochd a bha air caochladh a thiodhlacadh. ’Se tasdan a bha eg iarraidh air gach neach a ruigeadh e, aguss e tasdan a dhiarr e air Citsiner. “Tasdan a thiodhlacadh fir-lagha!” arsa Citsiners fiamh aghàire air. “So dhut ginis tiodhlaic fear air fhichead dhiu.”



[159]

[Vol . 11. No. 20. p. 7]

CLARSACH AN DOIREIs còir dhaibh-san a tha air-son an leabhar luachmhor so a chosnadh dol a dhobair. Cha mhair an tairgse thug sinn seachad ach fhadsa mhaireas na thagainn de na leabhraichean air làimh. A’ “Chlàrsacha nasgaidh do neach sam bith a gheibh triùir luchd-gabhail ùra.


ORAN DON AOIS.

LE AILEIN NAN SIONNACH.

Mile marbhaisg air an aois,
S iomadh caochladh bheir i oirnn,
Fagaidh i gu seachdaidh cruaidh
Ghruaidh a bha cho deargsan ròs.

M falt a bha gu sleamhuinn, mìn,
S nuair chìrte air lith an òir,
Fasaidh e caiteineach, ciar,
S cuid eile cho liath ri clòimh.

N t-sùil a bha gu soilleir, glan,
Toirt soluis don chorp gu léir,
Tàirnidh an aois oirre smal
S cha léir dhuit gu ceart do mheur.

Chluas a bha gu furachair, geur,
Leis an cluinntam feur a fàs,
Rinn an aois a druideadh suas,
S cha chluinn thu gun nuallan àrd.

N deud a bha mar ìbhri shnaight’,
Cho geal ri cailc ann ad bheul,
Cnàmhaidh ise am buns am bàrr
S bidh an càirein lom nadeidh.

N teanga bha gu sgiolta, grinn,
Cho binn ri smeorach air ghéig,
Mar thromb is a teanga brist
Chìnn nagliogan ann ad bheul.

N gàirdeansan robh spionnadh mor,
Leis an tilgteadh òrd is clach,
Tàirnidh an aois uaith a lùths,
S trom leis a bhith giulan bat’.

Chas a bha gu làidir, luath,
Leis am buidhnteadh buaidhsan réis,
Cha dean i ceum gun am bat’,
S gum feumadh i taic na déidh.

Goididhn aois do chuimhne uait,
S tàirnidh i ort snuadh an aoig,
S gheibh thun sin tigh còmhnuidh buan;
S neo-shuairc an leannan an aois.

Rugadh Ailein Mac-an-t- Saoir an Cille-Bharra faisg air an Tairbeirt. Bha e nabhrocair an Ceann-tìre. Bha e math air cur as do na sionnaich, agus mar sin theirteadh Ailein nan Sionnach ris. Tha cuid ag radh nach robh e a cur as do na sionnaich uile, air eagals gun rachadh a thilgeadh am mach a obair.


A GHRUAGACH DHONN NAM MEALL-SHUILEAN.

LE EOGHAN OG AN STRATH-NIN.

ESAN.

A ghruagach dhonn nam meall-shuilean,
Gun dchum thun raoir am chaithris mi;
Gur beag tha dh-aogas cailinn ort,
S do chùl mar fhaileas òir.
Mo rùn dhuit ainnir òig.

ISE.

Gun dthog iad moch Di-haoine orm
Gun deachaidh mi don chaochan leat;
Cha dfhuadaich sid mo ghaol-sa dhuit,
Nam faodainn a bhi beò.—
Mo rùn dhuit Eóghain òig.

ESAN.

Gun dthog iad moch Di-sathairnorm,
Gun robh mi-fhìn a laighe leat,
Bidh sinne mar sin fhathast,
Is don-rath air luchd an sgeoil.—
Mo rùn dhuit ainnir òig.

ISE.

Nam biodh de ghaol aig baintighearnort
Na thug mi-fhìn bho Chaingis dhuit,
Bu shuarach chuirteadh saibhreas leath’;
Gum boighreachd leathdo phòg.—
Mo rùn dhuit Eóghain òig.

Ged bha thun raoirsan ridhe so,
Cha dfhaod midhol a bhruidhinn riut,
Do bhreacan trom fon t-snighe
Is mo chridhe-sair a leon.—
Mo rùn dhuit Eóghain òig.

S ann aig aghlacaig sheilich ud
A rinn sinn fhìn an dealachadh;
Bu chaoimhneil blàth ar faireachdainn,
S gu talamh ruith na deoir.—
Mo rùn dhuit Eóghain òig.

Bu mhac Eóghan Og do dh-Eóghan Domhnallach ann an Strath-Nin, faisg air caisteal na Moighe. Ghabh e gaol air nighinn breabadair a bha nabanseirbheiseach an taigh athar. Bha a chuideachd an aghaidh dha a pòsadh. Thug e an t-arm air, agus dheirich e gu bhi nachaiptein. Thill e dhachaidh an ceann sheachd bliadhna, agus phòs e an nighean. Bha da mhac aca, Gileabart agus Aonghus. Tha co dhiù tri fichead bliadhna on a chaochail e.


CRUACHAN BEANN.

LE PARUIG MAC-AN-T- SAOIR.

Cruachan Beann, Cruachan Beann,
Cruachan Beanns mòr mo thlachd dheth,
Cruachan Beann lechuid meall
S a chuid alltruith troimhghlacaibh.

Cruachan Beanns e cho mòr,
Tha e sònraichtrifhaicinn,
Chan fheil a leithids an Roinn-Eòrp’,
S geal a chòtri àm sneachda.

Clann an t-Saoir gam bu dual
Bhith nachluaineagan fasgach,
Bha iad uair a seòl air chuain
S fhuair iad buaidh ann le gaisge.

S iomadh linn bhon fhuair iad còir
Air a ghleanns bòidhchrifhaicinn,
S fhads a ruitheas uisggu cuan
Bidh an dualchas sin aca.

Fines duineile gun ghruaim,
S iomadh buaidh a bhan taic riu;
S mairg a theannadh orra dlùth
N àm bhith rùsgadh nan glas lann.

S iomadh blàrsan dfhuair iad buaidh,
N àm dol suas gum bu bhras iad,
S an ceann-cinnidh air an ceann
Toirt comànnd do na gaisgich.

N Leitir Beann chaidh màrach òg,
Deiseir bhòidheach nam badan,
Gheibhtam fiadh air an t-sliabh
S earbag riabhachs gach lagan.

Aites maisiche fon ghréin
Chaoidh cha léir dhomh rifhaicinn,
Leis gach seòrsa thasan fhonn
Feadh gach toms air gach stacan.

Soraidh nis le Cruachan Beann,
S leis gach coires gleann than taic ris;
S e mo dhùrachd Clann an t-Saoir
Bhith chòmhnuidh air gach taobh nafhasgaibh.

Rugadh Pàruig Mac-an-t- Saoir an Leitir Beann aig Loch Odhasa bhliadhna 1782. Bha e greis a cumail sgoil an Diura. Thàinig e a chumail sgoil aig Loch Odhasa bhliadhna 1811. Bha e namhaighstir-sgoil sgìre an sin da fhichead bliadhnas a ceithir. Phòs e Ciorstaidh Shinclair an Achadh-na-craoibhe, agus bha siathnar chloinne aige, Donnachadh, Iain, Alasdair, Pàdruig, Mairearad is Iseabal. Chaochail esa bhliadhna 1855. Sgriobh e dòrlach de dh-orain.


Iadsan a Phaigh.

Alasdair A Camaran, Bridgeport
M A Mac-a- Phearsain, Bridgeport
An t-Urr A L Domhnullach, Broad Cove
Floiri Nic-Gillfhinnein, Beinn Ghillandra
Bean Iain Mhic Citheagain, Horne ’s Road
A G Mac-Gilleain, Sidni
Robert Barclay, Sidni
Gilleasbuig Mac Phaidein, Gleann Logain
Tormad Mac Fhionghain, Cnoc an Aoil
Tormad Domhnullach, Lochside
Bean Alasdair Chaimbeil, Ridge Mhabou
Ruairidh Mac Neill, Glace Bay
Ruairidh Mac Philip, Rudhan Rothaich
Bean ThormaidIc Aonghais, Ingonish
Seumas D Mac Eachairn, Inbhirnis
Seonaid A Dhomhnullach, Inbhirnis
Ceit A Nic Eachairn, S W Margaree
R N Mac Gilleain, an Abhainn Dhubh
Bean Dhomhnuill Mhic Philip, St Esperit
Bean Iain D Dhomhnullaich, St Esperit
Caipt D Mac Leoid, Baile nan Gall
Coinneach Mac Leoid, Ceap Nor
An t-Urr R MacCoinnich, Iona
Iain Mac Fhionghain, Rosedale
D I Domhnullach, New Glasgow, N.S.
Gilleasbuig Siosal, Glassburn , N.S.
Calum Caimbeul, Kinross , E P I
Alasdair Mac Mhanainn, Braidalbainn, E P I
Iain Mac Cuithein, Boothville , Ont
Niall MacDhiarmaid, Duntroon , Ont.
Murchadh Mac Gillaollain, Roden , Man.
F A Gemmel, Selkirk , Man.
Fionnladh Donullach, Earlswood , N W T
Bean M H Dhomhnullaich, Springhill , Que
Iain Mac Rath, Chicago , Ills.
Iain Mac Fhearghais, Ouray , Colo.
Iain K. Domhnullach, Ouray , Colo.
Seumas Stiubhart, Ouray , Colo.
Iain Mac Gillfhaollain, Gagetown , Mich.
Uilleam D Grannd, Berkeley , Cala.
Ami Mhoraidh, New York
Ruairidh D Mac-Iain, Cambridgeport
Calum Mac Mhanainn, Kaurihohori , N.Z.
Iain Mac Gilleain, Auckland , N.Z.
Coinneach Domhnullach, Kamo , N.Z.
Coinneach Camaran, Invercargil , N.Z.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisAn togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidhAirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[160]

[Vol . 11. No. 20. p. 8]

HO RO, IAIN.

LE AONGHUS MAC-CUARRAIG.

LUINNEAG.
Ho ro, Iain, taobh rium fhìn,
S na bi strì ri amaideachd;
Feumaidh mnathan uaisle ,
S goirt an cìnn mur faigh iad i.

Tionndaidh rium is leugh a chòir,
Tha mise deònach teannadh riut;
S mas olc no math a bhios mo dhòigh,
Cha chluinn na h-eòlaich gearan uam.

Chan iarr mi siùcar no ti,
No sròl no sioda cheannach dhomh;
S i obair mo dha làimhe fhìn
As cìnntiche mileanailt rium.

Gabh thus’, Iain, am muir-làn
Mar phàtaran, ’s chan aireach dhuit;
Air fhads gan éirich e an àird
Gum faic thun tràigh an ealachd ann.

Sin mar bhitheas luchd na stràic,
Len curraichdean àrds len cailleaguth;
Nim pòsadh bochd an toirt gu làr
Mar shneachda bàn na gailline.

An rìomhadh cheannaicheas iad gu daor
S an saoghal bheir an car asda;
Bidh gùn is gùn gan cur mu sgaoil
Gu aodach do na caileagaibh.

Nuair a theid iad chum na féill,
Gur gann dhuit dhiu aithneachadh,
Ach seargaidh iad mar ròs na géig
Ri teas na gréina dhfhannaicheas.

Cadal feumaidh iad is tàmh,
Cha bhi iad slàn mur faigh iad sin.
Cha ghearain dhiu thu bhid thràill;
S ann ni i tàir is fanoid ort.

Gun sloinn i suas, o bhun gu géig,
An treubh on drinn i failleineadh,
Ga dchur-sa sios mar mhith gun bheus,
S gur mairg bheir spéis mar leannan di.

An uaisle bhochd gun chas, gun làmh
Than dàn mar dhfhàg an sean-fhacal
Cha chuir i salann air a chàl;
Bi tfhaicill tràth mun lean i riut.

Cha dugainn-sa don uaisle beum
Nah-àite fein, ’s cha teannainn ris;
Achs beag an cliù do dh-fhear gun spréidh
Bhith fòirneadh tha talach air.

Tha thusis misa réir a chéil,
Ar n-òr, ar spréidh, ’s ar seanairean;
S ma gheibh mi each gu ruith na réis’,
Cho cruaidh riut féin gun lean mi ris.

Nuair thig am bothan le chraos cam,
Am màl, a chlann, ’s an ceannach ort,
Gur taitneach dhuit a bheansan àm
A thàirneas ceann an amuill dhuit.

Bha Aonghus Mac-Cuarraig a fuireach anns a Bhlàthaich an Airdghobhar. Chuireadh oran Iain am mach an Co-chruinneachadh Phàdruig Mhic Pharlain an 1813. Is eHoro, Iain, taobh rium fhìna thasan leabhar sin. Is eA cheist, Iain, teann rium fhìna thasan Ailleagan, a chuireadh am mach an 1830.


ORAN

Do Chòirneal Daibhidh Stiubhart, triath Ghart.

LE ALASDAIR FOIRBEIS.

M brat-sròilbha anns an Fhraing,
Nach dfhuair tàmailt o thùs,
Chuir iad sios e don Eipheit
A dhfheuchainn a chliù.
Bha thusan sins do réisimeid
Féin air do chùl,
N da-fhicheadamhs a dhà,
Sar luchd-càraidh gach cùis.
Chuir sibh Frangaich nan smùr
An tir ainmeil nan tùr,
S thug sibh uapbhratach riomhach,
Bha miaghail nan cùirt.

Am math air faiche Mhaida,
Gun taing thug sibh buaidh;
Ged bha na Frangaich lionmhor
On t-sliabh tighnn a nuas.
N tri-ficheadamhs ochd-deug
Bha gu treun ri do chluais.—
Biad sud na seòid, a Dhàidh,
Nach fàgadh tun cruas;
Na fior Ghàidheil gun ghruaim,
Rachadh dàn anns an ruaig,
S a dhiomaineadh na naimhdean
Gu ceannsgalach, cruaidh.

Nuair chaidh sibhMhartinìg
Anns na h-Innsibh an Iar,
Bu luath do dhaoinair tràigh ann,
S gum bàluinn an triall,
Nuair dhéigheadh tu adbhànnsa,
Mar bannsa leat riamh,
Bhiodh tri-chlaisich rùisgte,
S fuil bhrùit air an fhiar,
Aig na gaisgich gun ghiamh,
Ghuineach, chalma, gun fhiamh,
Nuair bheireadh tu dhaibh òrdagh,
Nach sòradh dol sios.

Tha thu de dh-fhuil nan righrean
Bha miaghail rin ,
Siol ainmeil Bhanco uasail,
Bhiodh buadhachsna blàir.
Is iomadh baintighearnphrìseil
Than air do làimh;
S chan fhacas anns an tìr so
Na dhìobradh do ghràdh.
Bu tu còirneal nam buadh
Roimh bhragàd tarruinnsuas
Bàrd a chluinntdo chomànnd
Ann an rangan do shluaigh.

Ma dhfhàg thu sinn air sgrìob,
S tu air thì dhol don Fhraing,
Gum meal thu slàints toil-ìnntinn
Ri linn do dhol ann.
Chan fheil a leths na bfhiach thu
Fo driaghladhsan àm;
S nam faigheadh tu mo dhùrachd-s’ ,
Ben crùn chur mu dcheann.
S fada leam bhios tu bhuam,
Fhir na gaisges an truais;
S in aoidh a chithear daonnan
A taodann gun ghruaim.

S e fior dhuin’ -uasal eireachdail a bhan triath Ghart. Bha e na shaighdear misneachail, na ofaigeach tùrail, na Ghaidheal rioghail, na eachdraiche math, agus na dhuine iriseal, bàigheal, caoimhneal. Cha robh neach ann an Albainn ri a latha bu dìllse air cùl a luchd-dùthcha na e. Cha biongantach ged a bhiodh am fear a rinn an t-oran ullamh gu crùn Bhreatainn a chur air a cheann.

Bha Alasdair Foirbeis nasheirdseansan Reisimeid Dhuibh. Chaochail e am baile Pheairt.


GUR TROM TROM A THA MI.

LE EOGHAN OG AN STRATH-NIN.

LUINNEAG.
Gur trom trom a tha mi,
S gur trom a dhfhàg an t-earrach mi;
Gur truimen diugh nan mi
S mi cumhan déidh na banaraich.

Do bhanaraich na bàthaigh,
A thug min gaol nach baithreach leam;
S ma dhfhuireas tu coig bliadhna
Gun cuir mi rian air aran dhuit.

Chan fheil thu fhein ach òg dheth
Gu pòsadh air an earrach so;
S ged shiubhlainn-sa an saoghal
Gum bi mo ghaol dhuit maireannach.

Is ged a bha mo bhràithrean
San àiridh a cur maille orm;
Nam bitheadh tughaoil deònach
Gun seòlainn a null thairis leat.

Ged tha thu gun saibhreas
Tha daimh annad is ceanaltachd;
Is tha thu laghach bòidheach,
S gun ghòraiche riut ceangailte.

Nam bithinn-san Strath-Eireann
Do spéis cha bhiodh an aineol orm;
Ach tillidh mi mas beò mi,
S le mdheòin cha dean sinn dealachadh.


Is mairg a dheanadh bàthaich dhethbhroinn.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. o.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton

titleIssue 20
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XI No. 20. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page