[Vol . 11. No. 21. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 17, 1903. No. 21.
CHUIR buill Tigh nan Cumantach an Ottawa am beachd an géill an la roimhe, gu ’m bu chòir bacadh iomlan a chur air deanamh, ceannach is reic nancigarettesann an Canada. Bha ceud is tri bhòt air taobh a’ bhacaidh ’s da fhichead ’s a h-ochd na aghaidh. Tha nacigarettesna ’n ni anabarrach cronail, gu h-àraidh do ’n òigridh, agus nuair theid lagh am bacaidh a chur air an leabhar, ’s còir e bhi cho làidir ’s cho saor o chearban ’s a ghabhas e deanamh. Bidh e na bheannachd mhor do ’n dùthaich so ’s dhaibhsan a tha ’fàs suas innte ma theid cur as daibh gu buileach.
CHA ’n eil muinntir Eilean a’ Phrionnsa deònach àireamh an luchd-pàrlamaid a tha iad a’ cur do Ottawa a lughdachadh. Tha cóig aca ’san àrd-phàrlamaid an dràsda, agus a réir àireamh an t-sluaigh cha ’n eil ri bhi aca ’n deigh so ach a ceithir. An àite bhi leagte ris an atharrachadh sin, ’s ann a tha pàrlamaid an eilein a’ dol a chur impidh air an àrd-phàrlamaid sia a thoirt dhaibh. Cha’n eil e idir taitneach do na roinnean beaga bhi call neart an gutha ’san àrd-phàrlamaid, ach a reir gach coltais feumaidh sin tachairt. Tha an t-achd a rinn na roinnean aonadh gle shoilleir mu ’n chùis.
“THA a smùdan fein á ceann gach fòid.” Ge mor cumhachd is urram Riaghladair Mhecsico, cha mhor a thoil-inntinn. O chionn ghoirid bha ’n tigh anns am bheil e ’fuireach air a chuartachadh le cóig mile deug sluaigh, ’s ghabh iad dha leis na clachan. Gu fortanach do ’n urra bha iad a’ sireadh, cha d’ rinn iad deagh chuimse, agus ged chaidh na h-uinneagan a chur na ’n spealgan, chum na ballachan tiugha cloiche esan o dhochann sam bith fhaotainn. Cha’n eil e air innse ciod a bh’ aca na ’aghaidh, ach cha’n eil teagamh nach robh iad fein a’ smaoineachadh gu robh deagh aobhar aca dha. Ghabhamaid iomadh dreuchd a roghainn air riaghladaireachd Mhecsico.
MADUINN Di-ciaduin s’a chaidh thog aon de phaipeirean a’ bhaile so guth làidir an aghaidh luchd-òil a bhi air am fàgail an dreuchd no an obair timchioll an rathaid-iarainn. Tha sinn a’ cur ar n-aonta ris gach facal a tha ’m paipeir sin ag radh mu ’n chùis. Cha ’n eil e aon chuid ceart no freagarrach gu ’m biodh beatha luchd-turais air earbsa ri daoine aig am bheil an eanchainn gu tric ann an teas na daoraich. A réir nan riaghailtean cha ’n fhaod fear-òil a bhi timchioll ruith an rathaid-iarainn idir, ach cha ’n eil teagamh nach e cho beag suim ’s a thatar a cur ’sna riaghailtean sin is coireach ri moran de na sgiorraidhean bàsmhor a tha tachairt. Bu chòir gach duine aig am bheil gnothuch ris an rathad-iarainn a bhi na ’dhuine stuama, agus bidh daoine ’n comain a’ Phost air-son labhairt mar a rinn e. Ach ’s i ar barail dhiomhair fhein gu’m biodh an earail stuaime sin gu math mor na bu drùidhtiche ’s na b’ éifeachdaiche mur biodh am paipeir ceudna a toirt àite do shanasan a tha moladh seòrs’ àraidh de dh’ uisge-beatha. Tha creic uisge-beatha ’s gach dibh làidir eile mi-laghail anns an àite so, agus bu chòir do na paipeirean urram dligheach a chur air an lagh, deanadh muinntir eile mar a dh’ fhaodas iad. Ach lagh ann no as, bu chòir sgaradh a dheanamh eadar searmonachadh stuaime ’s moladh uisge-beatha. Tha e tuilleadh is coltach ri duine labhairt air taobh stuaime ’s fàileadh na dibhe dhe fhein.
GHEIBHEAR anns an àireamh so eadar-theangachadh de aon de na sgriobhaidhean aig Morair Francis Bacon, sgriobhaidhean anns am bheil moran gliocais ri fhaotainn, agus anns am bheil reusonachadh geur, domhain. Mur leughar na sgriobhaidhean so gu cùramach ’s le mor aire cha ’n fhaighear am fior bhrìgh; cha ’n ionann iad is sgeulachd àbhachdach no mìr eachdraidh a thuigeas neach le aon leughadh. Ach neach a leughas iad gus an tuig e gach puing a tha annta, gheibh e geurachadh is neartachadh inntinn a bhios ro bhuannachdail dha.
THA comhairle baile Ottawa ag iarraidh gu ’n gabhadh riaghladh na dùthcha seilbh air na mèinnean guail, gus an obrachadh air-son maith an t-sluaigh gu h-iomlan. Mar a tha cùisean an dràsda tha cuideachdan làidir a’ daoradh a’ ghuail agus a’ deanamh moran airgid air chosd an t-sluaigh a tha ga ’cheannach. Cha ’n ’eil teagamh nach eil an latha tighinn anns am feum an riaghladh seilbh a ghabhail air moran nithean a tha ’n diugh an seilbh chuideachdan, no air a’ chuid a’s lugha cumhachan a leagail air na cuideachdan fo nach faod iad cothrom a ghabhail air an t-sluagh.
RINNEADH adhartas math air an t-seòl sin an caochladh àiteachan cheana. Ann an Glascho, buinidh a mhor chuid de na goireasan do ’n bhaile—an t-uisge, an solus, an telefón, an rathad-iarainn sràide, tighean-còmhnaidh do ’n luchd-obrach, agus nithean eile. Tha gach ni dhiu air an cur an seirbhis an t-sluaigh air prìsean moran na ’s ìsle na gheibhear iad ann am bailtean eile, agus tha ’m baile ’bharrachd air sin a’ deanamh deagh phrobhaid orra. Anns a’ mhor chuid de na dùthchannan a’s adhartaiche tha air an t-saoghal, tha an riaghladh gu ìre bhig an làmhan an t-sluaigh, ach gu ruige so tha an sluagh ann an tomhas mor dearmadach mu ’n dleasanas a thaobh cùisean-riaghlaidh, agus air an aobhar sin cha ’n eil iad a’ mealtuinn gach sochair a dh’ fhaodadh iad. Tha fhathast am beagan a’ deanamh greim air goireasan nan uile agus ga ’n daoradh air-son am buannachd fein. Tha muinntir Ghlascho an deigh sin a thoirt fa-near mar nach d’ thug muinntir baile no dùthcha sam bith eile, agus tha iad air tòiseachadh ri cùisean a leasachadh. Agus mar a shoirbhicheas leotha bidh bailtean is àiteachan eile, a lion beagan is beagan, a’ gabhail an eisimpleir.
ANN am barail morain cha’ n eil ann am Mark Twain ach sgriobhadair sgeulachdan àbhachdach, a tha làn riaraichte ma theid aige air gàire thoirt air an leughadair. Cha’n ann mar sin a tha: tha e gu tric a’ cur pailteas gliocais am measg na gòraiche, agus dh’ fhaodadh gu leòr dhiùsan a tha ’g aideachadh gliocais teagasg a ghabhail uaithe. Mar dhearbhadh air so faodar an earrann a leanas a thoirt seachad. Tha i ri ’faotainn ann an sgeul a tha e ’g innse anns am bheil murtair a bhatar a sireadh le luchd a’ cheartais air fhaotainn marbh glaiste ann an uaimh dhorcha ’s e air bàsachadh le acras is pathadh. An deigh innse mu thiodhlacadh an duine sin tha “Marc” ag ràdh mar a leanas:—
“Chuir an tiodhlacadh stad obann air aon ni—an t-iarrtas a bhatar a cur dh’ ionnsuidh an Riaghladair air-son mathanas a thoirt do’n mhurtair. Chaidh iomadh ainm a chur ris an tagradh: bha iomadh coinneamh dheurach fhileanta air a cumail, agus bha pannal de mhnathan tùrsach air an taghadh gu iad fein a chòmhdach an culaidhean bròin ’s a dhol a dh’ ochanaich fa chomhair an Riaghladair, agus a dh’ aslachadh air a bhi na ’bhurraidh tròcaireach ’s a dhleasanas a shaltairt fo chasan. Bha e air iomradh gu ’n do mharbh am murtair na ’latha cóignear de dhaoine mhuinntir a’ bhaile, ach gu dé dhe sin? Na ’m b’e Sàtan fhein a bhiodh ann, gheibhte gu leòr de spreòchanan a chuireadh an ainmean ri iarrtas mathanais, ’s a shileadh deur air á amair ao-dionach an cinn.”
Na ’n robh “Marc” a’ sgriobhadh sgeòil mu chearnan àraidh de Chanada bhiodh na briathran so a cheart cho fìrinneach ’s a tha iad mu bhaile sam bith a tha ’sna Stàidean. Tha againn anns an dùthaich so muinntir a a tha gle ullamh gu mathanas iarraidh do ’n mhurtair, agus nach smaoinich idir gu bheil iad le bhi ga ’shaoradh a’ gabhail pàirt na ’chionta.
CHA b’ ann an Canada a mhàin a bha geamhradh cruaidh am bliadhna. Ann an Breatunn bha sìde dhoirbh is gaillionn aca, agus cha tig sin cho math riutha ’s a thig e ruinne, oir cha ’n eil sìde chruaidh reòta cho nàdarra do ’n t-seann dùthaich ’s a tha i do ’n dùthaich so. Fhuair iad an cuid fein dhe ’n droch shìde air a’ Ghàidhealtachd. A thaobh sin leigidh sinn leis An t-Obanach labhairt mar a leanas:—
“Cha gheamhradh e gu Nollaig,
’S cha ’n earrach e gu Feill Paruig.”
Ma bha an sean-fhacal fìor riamh ’s ann am bliadhna. Coi’meas do ’n aimsir a dh’ fhiosraich daoine bho bhliadhn’ ùr so ’chaidh cha chuimhneach leis an neach a’s sine anns an dùthaich. Bha gaoth agus uisge ri strìth a h-uile latha ’feuchainn co aige ’bhiodh làmh-an-uachdar; ionnas gur gann a dhùraichdeadh duine no beathach dol thar stairsnich an
[Vol . 11. No. 21. p. 2]
doruis. Ach, cha robh aobhar gearain idir acasan aig an robh an cas air tìr. ’S iad na seòladairean a bha ’marcachd nan tonn a fhuair gu sònruichte deuchainn agus cruadal. ’S iomadh gille treubhach, tapaidh a theann a’ mach gu fairge ré a’ gheamhraidh nach do thill air ais a dh’ innseadh sgeoil—agus nach till. Tha tuathanaich ag ràdh gun robh an an-shìde trom air biadh spréidhe agus gum bi a’ chònlach agus am feur glé ghann air a thàilleamh sin. Tha iad mar an ceudna ’gearan gun d’ thug na tuiltean a shùgh as an talamh agus gun do sguab e móran dheth a’ mach air a’ mhuir. Leis a’ sin cha ’n ’eil sùil aca ri pòr ro mhath air an ath fhoghar. Ach ’s minic a chunnaic sinn barail dhaoine buileach cearr snn an cùisean de ’n t-seòrsa so. Ma thig a’ chuid a tha romhainn de ’n bhliadhna gu math faodaidh na h-iodhlannan a bhi glé dhomhail aig toiseach an ath gheamhraidh. “Pàighidh an aimsir i fhéin.”
Naidheachdan.
Chaidh flodruinn(buoy)a dh’ fhuasgail o h-acaire air cladach Nobha Scotia a ghiùlan le tuinn a’ chuain a null do ’n Fhraing far an deachaidh a faotainn an la roimhe air a tilgeadh air an tràigh.
Chunnaic an àrd-phàrlamaid aig an t-suidhe so iomchuidh cìs àrd a chur air na Sineich a tha tighinn do Chanada; an deigh so tha coig ceud dolair air gach fear ri phàidheadh mu’m faigh e cead tighinn air tìr.
Tha còrr is da cheud gu leth duine tinn leis a’ bhric ann an siorrachd Ghloucester, New Brunswick. Cha’n eilear a’ gabhail cùram sam bith gus an easlaint a chumail gun sgaoileadh, ach gu fortanach tha an t-àite ’sam bheil i car leth-oireach, agus cha’n eil i ’faotainn a dh’ àiteachan eile.
Tha té d’ an ainm Cairistine T. Chidston a mhuinntir Bhaddeck air a glacadh ann am Boston air àmhrus gu’n do phuinnseanaich i bean d’ am b’ ainm Mrs Perkins air an robh i frithealadh mar bhanaltrum. Bha Mrs Perkins beairteach, agus thatar ag radh gu robh i a’ tiomnadh pàirt de ’beairteas do’n bhan-Chidstonaich.
Spraidh inneal ann am muileann-sàbhaidh ann an Coleman, E. P. I., Di-màirt air an t-seachduin s’a chaidh, agus bha ’n teineadair, Fred Profit, aois bliadhn’ air fhichead, air a mharbhadh. Bha ’m fear d’ am buineadh a mhuileann, Aonghas Mac Fhionghain agus dithis eile air an goirteachadh. Bha a mhuileann air a cur as a cheile na spealgan.
Tha Cornelius Shields, a bha o chionn da bhliadhna na cheann air Cuideachd a Ghuail, agus pàirt dhe’n ùine air Cuideachd an Iarainn, an deigh a dhreuchd fhàgail ’s air a dhol gu Sault Ste Marie, an Ontario, far am bheil e gabhail cùram de na h-obraichean a chuireadh air chois le Clergue. Bha Mr Shields gle mheasail ann an Sidni, agus tha moran duilich gu’n do roghnaich e falbh as. Cha’n eil fhios fhathast co tha dol a ghabhail ’àite.
Tha nastrikesgu bhi lionmhor anns na Stàidean air an t-samhradh so: tha iad air tòiseachadh cheana. Air an t-seachduin roimh ’n t-seachduin s’a chaidh, sheas miltean dhe’n luchd-obrach a mach anns na Stàidean Siar agus Meadhonach. Tha iad ag iarraidh àrdachadh tuarasdail agus nithean eile. Ann an Lowell, Mass., chaidh na muillnean a dhùnadh air do’n luchd-obrach a bhi bagairt seasamh a mach, agus mar sin tha àireamh mhor air am fàgail gun chosnadh. Bhuineadh àireamh nach bu bheag dhiu so do Chanada.
OBAIR UR—Tha cuideachd Shasunnach a’ tòiseachadh ri obair a chur air adhart ann an Sidni a bheir cosnadh do àireamh mhath dhaoine, ’s a sgaoileas moran airgid air feadh a bhaile. ’S e ’n obair a bhios iad a’ cur air adhart, a’ tarruing as an tearr a tha tighinn as a ghuail nuair thatar a’ deanamhcokedheth nan caochladh stuthan a ghabhas toirt as. Cosdaidh na togalaichean ’s na h-innealan a dh’ fheumar air-son na h-obrach mu cheud mile dolair. Bidh dùile aca gach ni dhiu sin a bhi deas ’s na ’n àite mu thoiseach October.
Tha righ Iomhar aig an àm so air chuairt ann am Portugal, ’s mu’n till e bhar a thuruis tadhlaidh e an caochladh àiteachan. Chaidh fhàilteachadh gu suilbhir ann an Lisbon, ceanna-bhaile na rioghachd.
Bha fear a mhurt a bhean ann am Maine air a ghlacadh an la roimhe ann an New Brunswick. Bha e ’falach ’s a’ cumail as an rathad air luchd a’ cheartais o chionn treis a dh’ ùine. Cha robh a bhean ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois.
Seachduin gus an Di-sathairne s’a chaidh bha ’n tigh aig Niall Mathanach air Rathad Mhira, faisg air a’ bhaile, air a losgadh gu làr. Chaidh sàbhaladh caol air cuid de’n teaghlach, agus cha deachaidh ni dhe’n àirneis a ghleidheadh.
Bha àireamh de thuathanaich á Manitoba thall ann an Breatuinn air a’ gheamhradh so, a toirt fiosrachaidh do mhuinntir na seann dùthcha mu fheobhas Chanada mar dhùthaich thuathanachais. Bidh an turus gle thorach ann a bhi gluasad dhaoine gu tighinn a nall aig nach robh roimhe so eòlas no fiosrachadh sam bith a thaobh Chanada.
Tha ochd ceud de na Boerich fhathast na ’m priosanaich anns na h-Innsean. Tha iad a’ diùltadh as is as ùmlachd aideachadh do Bhreatuinn, no an aonta chur ri cumhachan na sìthe. Tha ’n Seanalair Botha a’ gabhail os laimh a dhol ga ’n ionnsaidh a chur mar fhiachaibh orra striochdadh. Tha e ’m barail nach eil iad a fior thuigsinn nan cumhachan a rinneadh aig crioch a’ chogaidh.
Chaidh Iain Mac Nèill, gill’ òg aois thri bliadhn’ deug a mharbhadh ann am mèinn an Glace Bay feasgar Di-luain s’a chaidh. Bha e dìreach a fàgail na meinne an deigh ’òbair-latha chriochnachadh nuair thachair an sgiorradh dha. Chaidh e leagail le each a bha tarraing càr guail; chaidh an càr thairis air ga ghrad mharbhadh. Bu mach bantraich e, agus tha ise gu math tinn agus neo-chomasach air i-fein a chumail suas.
Thachair sgiorradh uamhasach air an rathad-iarainn faisg air Windsor Junction, N. S., oidhche Di-sathuirne s’a chaidh. Bhuail da threin a bha ruith an coinneamh a chéile, bha àireamh charbadan air am bristeadh, ’s chaidh ceathrar dhaoine mharbhadh ’s feadhain eile leònadh. Bha an sgiorradh so air aobharachadh le fear na h-inneil air an trein a bha tighinn a tuath a dhol an aghaidh òrduigh. Cha’n eil fhios car son a rinn e sin, agus is docha nach bi, oir bha e air a leònadh cho dona ’s nach eil mor dhùil gu’m faigh e as le ’bheatha.
Rinneadh murt grànda ann an Eilean a’ Phrionnsa feasgar Di-sathairne s’a chaidh, beagan mhiltean a mach a Charlottetown. Bha tuathanach d’ am b’ ainm Alasdair Stiubhart air a mharbhadh le fear Ioseph Carver a bha na sgalaig aige. Chaidh iad bhar a cheile chionn an sgalag a bhi fuireach air falbh o obair gun chead an tuathanaich. Dh’ fheuch e ri losgadh air a mhaighstir le daga, ach thug am fear eile sin uaithe. Dh’ fhalbh e an sin ’s fhuair e gunna o fhear de na coimhearsnaich, ’s thainig e air an Stiùbhartach gun fhios da, ’s loisg e air, ga ghrad mharbhadh. Chaidh Carver a ghlacadh ’s a chur do’n phriosan Di-luain. Bha an duine mharbhadh mu leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus na thuathanach cothromach.
SGIORRADH AIG CAOL MHIRA—Thachair droch sgiorradh air an rathaid-iarainn aig Caol Mhira maduinn Di-màirt s’a chaidh, leis ’n do chaill fear Seumas Parsons a bheatha. Bha trein guail a tighinn air ais falamh á Louisbourg, agus bha ’n drochaid aig a Chaòl fosgailte a leigeil a mach bàta-smùide. Bha ’n comharradh àbhaisteach air a chur roimh ’n trein astar beag o’n drochaid, ach a reir coltais cha ’n fhaca Parsons, fear na h-inneil, e, no ma chunnaic, bha e ’n dùil gu’n rachadh aige air an inneal a stad na b’ ealamha na chaidh aig air a dheanamh. Chaidh an t-inneal ’s tri dhe na càraichean gu grunnd na h-aibhne. Fhuair an teineadair leum dhith an àm, ach chaidh fear na h-inneil a thilgeadh do’n uisge ’s fhuaireadh a chorp marbh anns an abhainn beagan an deigh do’n sgiorradh tachairt. ’Se so an sgiorradh bu mhiosa thachair air rathad-iarainn Shidni is Louisbourg o’n chaidh fhosgladh. Bha ’m fear a mharbhadh leth-cheud is coig bliadhna dh’ aois. Dh’ fhàg e bantrach is ochdnar chloinne ann an Louisbourg. Rugadh e ann an Sherbrooke, an Cuebec.
Litir a Beinn-a- Mharmoir.
THA Alasdair Mac Mhanainn a trod o nach ’eil mise sgriobhadh gu MAC-TALLA. Nach faod e fhein sgriobhadh gu MAC-TALLA gun bhi ga m’ chumails’ air obair gun chlos. Na ’m biodh a pheann cho snasail ri a theangaidh gu naidheachd innseadh, ’s math a b’ fhiach iomadh ni a chunnaic ’s a chual’ e a chur ’sa phaipeir Ghàilig. ’S e ’s docha nach ’eil duin’ eile an Canada dha na shìn a Bhànrigh Bhictoria nach maireann, le a laimh féin, làn a glaic de mheasan luachmhor. Chuir i ’n onair ud airsan. Cha do dhiochuimhnich e riamh e, ’s cha ’n ioghnadh leam sin.
Tha mise car gann de naidheachdan, ’s cha ’n ’eil fios agam gle mhath co air a bheir mi làmh. Tha mi aig an àm a cur seachad beagan ùine aig Beinn-a- Mharmoir, far a bheil cuideachd na h-obair iaruinn a buinig na cloiche sin air-son an cuid fùirneisean ann a Sidni. Feumaidh moran de ’n chloich sin a bhi air a thaomadh am measg na meatailt gu iarunn agus cruaidh mhath a dheanamh.
Tha bruthadair(crusher)mor ga ’chur suas ann a so aig an àm. Pronnaidh e tri mìle tunna chlach ’san latha. Theid na clachan mora ’thilgeadh na ’shlugan ’s ni e “pronnadh na meanbh-chuileag” orra. Spùtaidh iad an sin am mach troimhe mar allt, ’s theid iad air bòrd soitheach smùid a bheir gu Sidni iad. Tha sùil ri moran sluaigh ann an so air an t-samhradh a tha tighinn a stigh. Tha ’n obair a meudachadh gach bliadhna.
Am measg gach àite taitneach air ’n do chuir nàdar maise anabarrach tha ’n earrann so de Cheap Breatunn. Tha ’Bheinn-a- tuath, no mar theirear a nis, Beinn-a- Mharmoir, ag éirigh na balla cas o oir a chladaich seachd no ochd a cheudan troigh air àirde, agus mu chóig mìle deug air fad, o cheann a Bhaigh-an-Iar, gus an ruig i ’n Creagan, faisg air criochan Malagawatch. Tha ’n Creagan na ’mheall cruinn sia no seachd a cheudan troigh air àirde. Tha e ainmeil air-son farsuingeachd an t-seallaidh a gheibhear o a mhullach. Bha mi air aoidheachd an tigh duine còir, Murchadh Mathanach, agus a dheagh bhean, a fhuair a h-àrach air an Amhainn Mheadhanaich. Mar thuirt e fhéin: “Bhithinnsa o chionn fada ’tadhal air an Abhainn Mheadhonaich, agus ’s e ’n rud a thàinig as a sin, gu ’n do lean boirionnach mi a nall as agus cha do dhealaich i riamh rium.”
Tha ’n Creagan, ma ta, suas os cionn tigh Mhurchaidh. Anns a mhaduinn, an deigh an t-aoradh a chur seachad, sud suas mi do ’n Chreagan. Nuair a sheas mi na ’mhullach, ’s a sheall mi mu ’n cuairt, bha ’n sealladh neo-chumant’ àillidh. ’S e cheud smuain a ghabh àite cromadh sios ann an ùmhlachd do ’n Ti a chruthaich ann an dòigh cho ro thaitneach do ’n t-sùil an fharsaingeachd mhor a bha fa m’ chomhair. Bha loch a Bhras d’Oir na ’laidhe fodham, leis gach òb is lub is ruighe thall ’s a bhos air gach taobh dheth—e fad mo sheallaidh air a bhreacadh le eileinean beaga bòidheach, ’s iad còmhdaichte le coille gu oir an uisge. Fad mo sheallaidh air gach taobh dhiom bha glinn le cnuic is beanntan ag éirigh suas air cùl a chéile.
Ach c’ar-son a bhios mi a cur so sios; cha ghabh maise an t-seallaidh cur an géill do neach sam bith nach faca e, air dhòigh gu ’n gabh e tuigsinn.
Shuidh mi air mullach na creige a b’ àirde ’s leig mi ruith le m’ inntinn. Smaoinich mi air iomadh ni is neach, air càirdean m’ òige ’s càirdean mo mheadhain-latha—cuid diubh fad air falbh, ’s cuid nach robh ro-fhada bhuam far an
[Vol . 11. No. 21. p. 3]
robh mi am shuidhe. Cha ’n àicheadh mi nach robh mi rudeigin aonaranach ga m’ fhaotainn fhéin. “Ach,” arsa mise rium fhìn, “ni mi cleas na seilcheig. Nuair thig an inntinn a chreutair sin ’àite-còmhnuidh atharrachadh, cuiridh e mach adharc, an toiseach aon agus an sin té eile, gus am faigh e mach cinnteach a bheil no nach ’eil an t-slighe réidh roimhe. Nuair ghluaiseas e cha deoin leis stad— ’s e ’n éiginn a bheir sin air, oir cha ghluais e gun aobhar math. Mur ’eil dòigh air faighinn air adhart cha ’n ’eil comas air. Cha ’n ’eil e ’dol a dheanamh rathad cam no lùbach dha fèin le tionndadh gu slighe eile. Bheir e stigh gach adharc is eile; dùinidh e mach an saoghal, ’s cruinnichidh se e fhéin a stigh na ’shlige.” Sin, fhir mo chridhe, pàirt de na chaidh troimh m’ inntinn anns a Chreagan.
Soirbheachadh le MAC-TALLA ’s leis na seòid a th’ air a chùl. Thoir mo bheannachdsa do gach fear is té a leughas agus a thuigeas na tha mi sgriobhadh. Do charaid, C. C.
Am Màrt 23, 1903.
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. III.
AM FAOL-CHU AN UAMH AN T-SIONNAICH—MAR A BHA EATORRA.
THA ghrian a dol fodha ’s ag òradh nam beann mu ’n cuairt, ga ’m fàgail bòidheach, taitneach do ’n t-sùil, ged is e toiseach a gheamhraidh a th’ ann. Ged a tha ’n sealladh taitneach so ri fhaicinn air gach taobh, air gach stùc, is gleann, is beinn, tha còrr agus uair o’n a dh’ fhalaich a’ ghrian a sùil air Gleann Duibhre, anns am bheil sàmhchair throm, dhorch’ a riaghladh, cho tiugh ’s gu ’m mùchadh e cridheachan aoibhneach ged a bhiodh an leithidean ri ’m faotainn ann. Ach an soilleireachd no ’n duibhre, cha robh ’n seòrsa bha còmhnaidh ’s a’ mhuileann dubh ri bhi ach air an aon dòigh. Ged a tha ’m feasgar cho bòidheach, chì ’n t-sùil eòlach iomadh comharradh ’tha taisbeanadh dhith gu bheil atharrachadh agus atharrachadh garbh aig laimh. Tha nàdar, mar gu ’m b’ eadh, na ’suidhe ’tarruinn a h-analach, gus a bhi na ’s comasaiche air an obair a tha na ’rùn a dheanamh gun chearb. ’S e so am feasgar a chuireas am maraiche na ’chabhaig, ’s a chuireas an seann iasgair gu ’dhùbhlan, a tarruinn a bhàta gu àite tearuinte. A dh’ aon fhacal, ’s e so am feasgar a dh’ fhanas an duine glic aig a dhachaidh agus a chì e ’chuid gu math fo dhìon.
Ach cha b’ ann diubh so Caiptein Adam; oir chi sinn e marcachd na aonar, ged nach ’eil sin soirbh, air a cheum gharbh a tha dol gu dorus a charaid, Osdair dubh Ghlinn Duibhre. Cha ’n ’eil sùil no cluas aige do ni dhe na th’ aig nàdar m’a choinneamh air an t-slighe ghairbh, ach le mala chlaon chrom a’ triall, a’ smaointinn a smaointean dorcha fhein. O nach robh rathad còmhnard, comhartail aige, tha e gach uair a theid bacag air an each a dioladh a dhroch nadair fhéin air a bhrùid bhochd a tha ga ’ghiùlan, le spuir ’s le cuip ’s le sréin. Mu dheireadh ràinig e dorus an tigh òsda, ’s le iomadh mionn agus maoidheadh thug e ’n t-òsdair dubh fhéin thun an doruis. Dh’ fhàs gruaidh dhorcha an òsdair glas-neulach an uair a chunnaic e có bh’ aige, oir bha e fàs car eòlach air tathaich a Chaiptein—tathaich a bha ’toirt faothachadh mor dha ’sporan, ach nach robh idir a toirt sin dha ’inntinn. Le sùil chrom as an robh lasair ghràin dh’ fhàiltich e ’n t-uasal òg le beic no dha, agus le briathran a bha e air-son a chur air an fhear eile mar bhriathran coibhneil, ach ge b’ oil leis, a bha nochdadh an fhuath, na gràin, agus an eagail a bh’ aige air agus roimhe. Bha Adam air a chuid a chosg le stròdhalachd, mar a dh’ ainmicheadh, air chor ’s gur e greim gu math faoin a bh’ aige air an staid ’san àm so, ’s mar sin bha e tadhal gu math tric air an òsdair a dh’ iarraidh iasaid, mar a theireadh e fhéin, a dhioladh na fiachan ’s a chumadh an latha dubh beagan na b’ fhada bhuaithe. Bha ’n t-òsdair a smaointinn gur e so a bha bhuaithe cuideachd air an turus so; ach cha b’ e; bha gnothuch bu chùramaiche na sin aige ris air an fheasgar so. Bha gràin an uilc aig an òsdair air, mar a dh’ fhaodar a thuigsinn, agus air-son a chothrom fhéin fhaighinn air ’s iomadh cuireadh fialaidh agus tathunn a dheanadh e air gus an oidhche ’chur seachad maille ris fo chabair a a mhuilinn duibh. Ach bha Adam tuilleadh is teòma air a shon, oir bha tuilleadh ’s a chòir dhe nàdar fhéin ann, ’s mar sin bha e gabhail na fialachd mhi-nàdarra so aig a luach.
“Seadh, a sheann robair dhuibh!” thuirt e ris an uair a nochd e aig an dorus mu dheireadh, “an ni nach binn leat cha chluinn thu! Tha mi faicinn gu bheil thu sior fhàs bodhar gach uair a thadhaileas mi ’n t-seann uamh dhubh agad an so. Chuala mi gu ’n robh iomadh robair ainmeil an Gleann Duibhre, ach cha robh gin riamh ann a thigeadh suas riutsa ann an ceilg. Ach rachainn an urras gu ’n cluinneadh tu cagar mìle air falbh na ’m biodh e ’s na briathran so: ‘So, òsdair dhuibh, bonn òir. ’”
“Robair ann no as,” arsa Dùghall, “tha feum agaibhs’ orm; agus o’n a tha sibh a tighinn thairis air seanfhacail, ’s docha gu ’n cuala sibh gur toigh le bó sgàirdeach bó sgàirdeach eile.”
“An e, a sheann robair, gu bheil thu ga ’m chur-sa ’n caiginn riut fhéin; an e gu bheil de dhànachd agad m’ ainmeachadh ’san aon latha ri d’ sheann charcais chrainntidh, sheacte! Ach mu ’m bi thu moran na ’s sine bheir mise beagan ionnsachaidh dhut leis a chuip, los gu ’n tuig thu mar is còir dhut do theanga ghluasad an uair a bhios tu bruidhinn ri duin’ -uasal.” Le so a ràdh thug e garbh ionnsuidh air an t-seann òsdair le cuip an eich, ach mu ’n d’ fhuair am fear sin moran dochainn leum e stigh ’s dhruid e ’n dorus, ’s cha toireadh mionnan no brosgul air fhosgladh, no gus am fac’ e Adam a tionndadh air falbh a maoidheadh a bhrath cha do nochd e. Dh’ fhosgail e ’n uair sin ’s dh’ fhoighneachd e dé ’n gnothuch a bh’ aige ris. Thill an Caiptein uaibhreach, ’s e ’g amharc a nis gu ciùin, subhach.
“So mo làmh, a dheagh Dhùghaill,” ars’ esan, “is còir dhuinn a bhith na ’r deagh chàirdean, car tacain co dhiu, oir tha obair agus sealg againn ri dheanamh, a ni sinn gu math na ’s fhearr an caiginn na o chéile. Agus a nis, o’n a dh’ fhosgail thu do dhorus cho fialaidh, theid sinn a stigh is fosglaidh tu botul ùr de sheann driùchd nam beann, ’s an uair a chluinneas tu na bheil agam ri radh ’s na bheil agam ri dheanamh, òlaidh sinn adharc no dha air a bhuaidh, agus air a chrìch a bhios na ’r n-aire ’thighinn mu ’n cuairt gun mhaille.”
Dh’ fhalbh na neòil bhar mala ’n òsdair dhuibh ’sa mhionaid, is thàinig solus aoibhneach na ’shùilean, ’s cha bu ruith ach leum leis an nis, gus gach urram a thoirt do ’n aoidh uasal.
“Uilleam,” ars’ esan, ’s e glaodhaich àird a chlaiginn, “am mach, Uilleim, ’s gach cùram do dh’ each an duin’ -uasail, fear a’ Bheallaich.”
Leum Uilleam teith am mach á cùil air choireigin gu toilichte, ’s e faicinn dram an sùil an òsdair. Anns an dol seachad chuir a mhaighstir facal na ’chluais; ’s ghabh e fhéin (an t-òsdair) ’s a nàmhaid a stigh do ’n t-seòmar dhubh far an robh ’m bòrd. Bha seann chrùisgein dubh ola crochte ri té de shailthean na lobhta, a deanamh beagan soluis agus a cur fàileadh blàth, làidir air feadh an t-seòmair, a thug air a Chaiptein tòiseachadh ri casadaich, rud a thug moran aoibhneis do ’n òsdair, oir ghabh e null thun a chrùisgein ’s leag e pàirt dhe ’n t-siobhaig a bha na ’teine sios do ’n eòlan, a cur am barrachd dhe ’n t-samh chùbhraidh gu cuinnleinean Adam. Bha ’n da bhéisd gle choltach aig an àm ri da choileach air dùnan—eagal aca roimh chéile ’s gun iad air-son a nochdadh, ’s iad mar sin a cumail aghaidh agus sùil air a chéile daonnan. An uair a bha ’n t-òsdair a dol seachad a dh’ iarraidh a bhotuil a dh’ òrdaich an Caiptein bha aige ri dhol seachad air a chùlaobh, ach thionndaidh an Caiptein aghaidh air ’sa mhionaid, ’s e ma b’ fhior air rodan fhaicinn a dol a stigh do ’n bhalla ’n taobh sin, ach ’s e bha e air-son sealladh a chumail le deireadh a shùil air fear an taighe, air eagal ’s gu ’n robh corc dhubh aige ’m falach na mhuilichinn. An uair a thill e leis an uisge-bheatha bha ’m botul air fhosgladh agus glaine mhor loma-làn na ’laimh, a thairg e le ùmhlachd mhor do Adam.
“O,” ars’ am fear sin, “tha do choibhneas thar choimeas, a charaid chaoimh! Ach modh na h-aoise, modh na h-aoise, a Dhùghaill! Bi fhéin cho math—bi fhéin cho math ’s gu ’n òl thu ’ghlaine sin agus té eile as a bhotul an toiseach, ’s gabhaidh mise as do dhéigh an còrr.”
“Tut, tut! cha ghabh sin a bhith—cha ghabh sin a bhith idir,” ars’ an t-òsdair dubh, nach robh idir air-son a bhith air deireadh ann am modh, “an uaisle roimh ’n chumantas daonnan, co dhiu bhios i òg no aosda, ’s mar sin gabhaidh sibhse so as mo laimh fhìn, air slàinte( ’s e caogadh le shùil) Una dhonn a’ phìobaire. Cha ’n fhaod sibh a diùltadh a nis,” ’s e deanamh gàire aognaidh.
“Ol fhéin i, ’charaid, ’s dean cabhag, is diùrais dhiomhair agam ri dheanamh riut nach fhuilig moran maille, ’s agam ri tilleadh dhachaidh ’s coltas aognaidh air an oidhche,” ars’ an Caiptein, ’s e nis cinnteach gu ’n robh ’m bàs ’sa ghlain’ aig an òsdair dhubh.
“O, ceart gu leòr, ceart gu leor. Cha robh fios agam gu ’n robh sibh idir cho gealtach no cho mor eagal roimh ghlaineig bhig de mhac-na-braiche; bha mi smaointinn gu ’n robh sibh an déigh air a chuideachd aig gach àm ’s anns gach àite. Ach so air bhur deagh shlàinte!” ’s e ma b’ fhior a togail na glaine thun a bheòil gus a h-òl, ach aig an àm sin thàinig droch chrith na ’laimh, ’s thuit i leis na bha innte air an ùrlar chloiche, ’s chaidh i na mìle spealg. “Mo mhallachd! mo mhìle mallachd!” ars’ an seann sionnach, “air an fhiabhrus mhosach, a dh’ fhàg an cuimhneachan ud agamsa; ’s mi chaill an deagh dhram ’s a bhrist an deagh ghlaine. Ach cha ’n ’eil comas air; is math a chreach a dh’ fhàgas a leth. Tha rud fhathast ’s a bhotul, ’s cha ’n e ’chuid a’s miosa.” Fhuair e glain’ ùr, ’s an déigh dha fear no dha òl, le lamh a bha gu math dìleas air an turus so, ghabh fear a’ Bheallaich cùram dhe ’n bhotul, ’s chaidh a thràghadh.
Shuidh fear air gach taobh dhe ’n bhòrd; ’san deigh dha fhaicinn gu ’n robh ’n dorus air a chrannadh gu cùramach, agus nach robh neach eile farchluais, thug Caiptein Adam an t-sreang bhar a phoca dhuibh sin ris an canadh e inntinn, agus leig e ris do ’n fhear eile pàirt dhe na gnothaichean bu chùramaiche bh’ ann ’san àm. Cha bu lugha sin na gu ’n robh toil aige crìoch a chur le foill air beatha Eóbhain bhàin, mar a gheall e dha fhéin beagan ùin’ air ais, agus a nis bha e smaointinn gu ’n robh ’n t-àm abuich, oir bha barrachd is aon reusan aige ’nis gus sin a
[Vol . 11. No. 21. p. 4]
thoirt mu ’n cuairt. B’ e so an gniomh an robh toil aige cuideachadh an òsdair dhuibh fhaighinn. Cha b’ e nach b’ fhior thoigh leis fhein a dheanamh na ’aonar na ’n leigeadh an t-eagal dha, ach cha leigeadh. Mar sin chuir e chùis an lamhan an òsdair gus a dheanamh air a shon, o’n bhiodh an sealgair iomadh uair na ’chuairtean ga ’thathaich, agus o nach b’ aithne dha eagal, a cur oidhche seachad leis an dràsda ’s a rithist. Cha do chuir an t-òsdair dubh moran na ’aghaidh, an uair a chual’ e na bh’ aige ri ràdh; oir cha robh beatha duin’ aige ach mar bheatha aon de rodain a mhuilinn duibh. A bhàrr air a sin cha robh gaol sam bith aige do ’n t-sealgair, oir thug Eóbhain coinneamh gharbh dha uair no dha mu char cam air choireigin. Ach air a shon sin b’ fhearr leis gu mor an Caiptein fhéin a bhith aige na ’àite an àm a bhith tarruinn na cuirce duibhe. Air-son ’s gu ’m faigheadh e ’n cothrom so rinn e barrachd ga ’chumail air an fheasgar so na rinn e riamh roimhe, ach cha toireadh Adam géill dha, ged a bha coltas coimheach a tighinn air an oidhche. Mu ’n do dh’ fhàg iad an seòmar thog an t òsdair a làmh gu ’cheann tri uairean, ’s aig an àm shaoil le Adam gu ’m fac’ e faileas a falbh o’n uinneig a deanamh air an stàbull. An uair a chaidh iad am mach chunnaic iad Uilleam a nall uca leis an each aig Caiptein Adam.
(Ri leantuinn.)
LITIR MU RUD NO DHA.
’FHIR MO CHRIDHE,— ’S iomadh latha ’s bliadhna bho ’n a bha mi ’cur romham sgriobhadh thugad m’a dhéighinn a’ Mhòid Ghàidhealaich agus rud no dhà eile; ach mar a’s math a tha fios agad, “an rud ’s an téid dàil théid dearmad.” Tha e air a ràdh nach “deachaidh theab riamh le creig;” agus nach e “gogadh nan ceann a ni ’n t-iomradh.” ’S mithich dhomh, uime sin, am peann ite a ghlacadh am làimh—ged nach ra thoil leam a sgread—agus tòiseachadh air pàirt de na tha air m’ inntinn a leigeil ris riut.
Tha fios gun cuala tu gur ’h-ann ’an Inbhirnis a tha am Mòd ri ’bhi air a chumail am bliadhna. Tha gu leoir de airgead a’ tighinn a’ stigh air son dhuaisean, ach tha eagal orm an déigh a h-uile rud a tha ann gur iad na seann luchd-breith a bhios air an cur air leth. Cha ’n e gum bheil mi a’ deanamh tàir ann an tomhas air bith air na breitheamhnan a’s àbhuist an seirbhis a thoirt seachad, ’chionn, tha fios aige gach Gàidheal gum bheil iad làn mhurrach air an dreuchd a choi’ -lionadh gu cothromach agus gu ceart. Ach, air a shon sin “fóghnaidh na dh’ fhóghnas ged a b’ ann de aran ’s de ìm.” Rinn na fir ud obair cho math ré nan deich bliadhna a chaidh seachad agus gur math an airidh iad air anail bheag a’ nis. An do ghabh thusa beachd gur iad an aon fheadhainn a tha faighinn nan duaisean air son sgrìobhadh Gaidhlig aig a’ Mhòd a h-uile bliadhna? Carson a tha sin mar sin? An ann a chionn gum bheil claon-bhàigh aig na breitheamhnan riutha? Gun teagamh air bith cha ’n ann. Cha ’n ’eil aon duine air an taobh so de ’n chuan a shamhlaicheadh claon-bhàigh ris na daoin’ -uaisle grinn, suairce. ’S e a’s aobhar gum bheil na duaisean a’ tuiteam gach bliadhna a dh’ ionnsuidh na h-aon fheadhainn nach ’eil móran a’ feuchainn ach iad fhéin. Thug càch a’ suas de ’n ghnothach bho cheann fhada, oir chunnaic iad nach robh aon nì a b’ urrainn iadsan a sgrìobhadh a dol a thighinn ri càil nam breitheamhnan so. Nan robh an luchd-breith air an atharrachadh bho àm gu àm gheibheadh gach duine an aon chothrom agus dh’ fheuchadh móran tuillidh air son nan duaisean.
Tha sinn a’ cur a’ mach air a chéile gu h-olc a bhos a’ so an tràsda mu thimchioll ’de an giorrachadh ceart agus dligheach air son “agus.” Tha an t-Urr. Iain Mac Ruairidh, Donnachadh Mac Iosaig, agus an Lighiche Mac ’Ill’ìosa ag ràdh gur ’h-e “is” an giorràchadh ceart ’chionn gun d’ thàinig e, cha ’n ann bho “agus,” ach bho ’n fhacal Laideann “et.” Tha iad a’ cumail a’ mach gum bheil“ ’us” buileach cearr, agus nach cleachd e ach iadsan a’ mhàin nach ’eil eòlach air seann sgrìobhaidhnean Gàidhlig agus air obair Windisch. Tha Mr Mac Ruairidh cho làn eud air taobh “is” agus nach fuiling e“ ’us” idir ’an taobh a’ stigh de cheithir chrìochan “Beatha agus Obair.” ’N uair a bha an t-Ollamh G. Cléireach air ceann an leabhrain shnasail sin b’ àbhuist dhomh fhéin criomag a’ sgrìobhadh air a shon an tràsda ’s a’ rithisd. Lean mi air sin a dheanamh greis an déigh do Mhr Mac Ruairidh an stiuir fhaotainn ’n a làimh. Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh Mr Mac Ruairidh, a réir coltais iompachadh gu beachdan Windisch, agus thòisich e air a h-uile“ ’us” a chuirinn-sa air paipear atharrachadh gun chead, gun rabhadh gu “is.” Gun teagamh air bith sguir mi, air an aobhar sin, a sgrìobhadh air son “Beatha agus Obair.” Bha agus tha iomadh aon nach toireadh, mar sgoilearan Gàidhlig, comaidh a’ chopain chàil do luchd-leanmhuinn Windisch a’ cleachdadh“ ’us” ’an roghainn air “is.” Cha do sgrìobh an t-Ollamh G. Cléireach no an t-Ollamh Tormaid Mac Leoid riamh ach“ ’us” mar ghiorrachadh air “agus,” agus cha mhór a bu sgoinneala ’s a b’ eireachdala a chuireadh an t-seann chànain air paipear no iad. Tha deagha chliu aig Mr Eanruig Mac’Ille-bhàin( “Fionn”) mar sgrìobhadair Gàidhlig—leis an fhìrinn, tha e duilich do fhear air bith dol a’ bheag air thoiseach air—agus ’s e“ ’us” a tha e a’ sgrìobhadh daonnan. Cha ’n fhiosrach mi gun do chleachd e “is” riamh anns an t-seadh so.
Tha na h-urrad de rudan eile a bha ’m bheachd a ràdh riut, ach feumaidh mi leigeil leotha ’n diugh. ’S mithich tarruing gu crìch. M’a bhios gnothaichean mar a’s math leam cha bhi thu fada gus an cluinn thu bh’ uam a’ rithisd. Ach, air na chunna tu riamh na gabh gnothach ris an“ ’us” agam! Do charaid dìleas,
AONGHAS MAC EANRUIG.
Aird’ -na-murchan, Albainn,
An Giblein 2, 1903.
DEOCH LAIDIR.
MU DHLEAS DHAOINE A THAOBH DIBHE LAIDIR—MAR A THA SIN AIR A LEIGEIL RIS ANNS A BHIOBULL.
THA daoine deas air a bhi smuaineachadh gun robh gach ni ris an abrar fion ’s a Bhiobull Ghaidhealach comhionann ris an fhion a reicear am Breiteann. Ach tha facal no dha ’s a Bhiobull Eabhrach, a tha air an eadar-theangachadh fion; agus cha’n ’eil a h-aon diu a ciallachadh fion goirt, amhain. Tha am facal cumanta airson fion a ciallachadh fion milis, ionann ri fion goirt no oibrichte. Tha so soilleir bho Iob, xxx, 18, agus Mata, ix, 17: oir ’s e ’m fion milis amhain a dh’ atas; agus uime sin dh’ fhonadh seann searragan airson fion goirt. Tha am facal tiruis a ciallach toradh na fionain gu h-iomlan; agus ’s e so am facal a ghnathaichear far am bheil arbhar air ainmeachadh, mar an Genesis xxvii, 28, agus Deuteronomi, xxviii, 51, a’s dearcan fiona pairt mhòr do bhiadh an t-sluaigh, air feadh tir Chanaain.
Gabhaidh fion cumail milis air tri doighibh—le pronnasc, le dhunadh suas bho ’n àile, agus le bhruicheadh gus am fàs e tiugh. Bha na h-Iudhaich eòlach air an dà dhoigh mu dheireadh, An àm na càisge, bha iad gu cùramach a glanadh as an taighibh gach ni goirtichte, a reir aithne an lagha, araon deoch a’s aran: agus ’s e fion milis a bha iad ag òl aig an fhéisd, mar a tha iad a deanamh gus an latha ’n diugh. Mur faidh iad fion milis air dhoigh eile, bogaidh iad fion dhearcan caoinichte an uisge.
Mar so chi sinn gur e fion milis a dh’ òl ar Slànuighear agus abstoil aig an t-suipeir: oir cha robh fion goirt ri fhaighinn. Agus nuair a smuainicheas sinn air buaidhibh an stuth so, agus air an truaighe a thug deoch laidir air milltibh gun aireamh, feumaidh sinn a dhunadh gun do chruthaich e aig Cana fion mar a chruthaich Freasdal ’s an dearc, agus cha’n e an stuth cronail a thig a fion le bhi ’g a ghrodadh. Dhuin an Cruithfhear suas stuth na beirme am meadhon nam fion dhearc; agus uime sin cha tig boinne alcohol asda mur brughar iad. Chaidh pòitear fiona a radh ris an t-Slanuighear gun teagamh: ach ghoirear “duine geocach” dhe leis na ceart dhaoine; agus tha fios againn gum bu bhreug sin. Tha am fion milis car coltach ri brailis, agus ro thaitneach ri òl. Cha robh am fion goirt bu treise a bh’ aig na h-Iudhaich idir cho laidir riPortnoMadeira :oir tha branndi air a chur annta. Agus a bharr air a sin, b’ e’n seann chleachd a fion goirt a mheasgadh le h-uisge mus an òlar e. Bhatar a meas gum bu choir dà thrian de ’n dibhe a bhi ’n a h-uisge. A thaobh na dibhe ris an abrar “deoch laidir” ’s a Bhiobull Ghaidhealach, cha’n ’eil ach aon fhacal ’s an Eabhra; agus tha daoine foghluimte ag innseadh gur e fion na crann-pailme is ciall da, deoch nach ’eil ni ’s treise na fion na fionain.
Tha an aithne so, “Na dean cron sam bith ort féin,” a toirmeasg gach ni a ni coire; agus gun teagamh ’s ann diu sin alcohol. Tha ciall nàduir fhein ag innseadh dhuinn gum bheil an duine a tha gu fiosrachail a giorrachadh a shaoghail le dibhe, a cur laimhe ’n a anam. Agus tha ’m Biobull gu comharraichte a becadh fion a phòiteir, “Na h-amhairc thusa air an fhion an uair a bhios e dearg, nuair a bheir e a dhath ’s a chupan;” “Is cealgach an ni fion; is buaireasach an ni deoch laidir; agus ge b’ e neach a mhealltar leo, cha’n ’eil e glic.” “Is an-aoibhin dhoibhsan a dh’ eireas gu moch ’s a mhaduinn, a dhol an deigh dibhe làidir, a bhuanaicheas gu feasgar, ionnus gu ’n cuir am fion teas orra,” “Is truagh dhoibhsan a ta làidir a dh’ òl fiona, agus ’nan daoinibh neartmhor a mheasgadh dibhe làidir.”
Tha a chiad earrann diu sin a toirmeasg sealltuinn air dibhe a phòiteir, agus uime sin a teagasg dhuinn fantainn as a rathad. Agus nach ’eil an t-aite sin a toirmeasg a bhi blas dibhe, far am bheil e air a ràdh nach sealbhaich misgeir rioghachd Dhé? Nuair tha mhisg air a bacadh, tha gach ni air a thoirmeisg a bheir daoine gu bhi ’nam misgeiribh; agus cha’n ’eil ni a’s cinntiche a ni so na bhi ’g òl dibhe. Tha earrainnean ’s a Bhiobull ’s am bheil fion air a mholadh; ach ’s e toradh fallain na fionain, agus cha’n e fion grod, air an bheil iad sin a luaidh.
Tha a Phaidir fhein a bacadh dibhe laidir, anns a ghuidhe so: “na leig sin ann am buaireadh.” Tha so a feuchainn gur coir buairidhean a sheachnadh; agus tha ’m fear a dh’ olas deoch laidir ’g a thilgeadh fhein ’n am meadhon.
Tha ’m Biobull a toirmeasg do dhuine dibhe òl, ged nach deanadh i coire dha fhein, agus ged a bhitheadh e cinnteach nach tigeadh e ri latha gu bhi ’n a mhisgeir: “Is maith an ni gun fheoil itheadh, no fion òl, no ni air bith a dheanamh leis am faigh do bhrathair tuisleadh no oilbheum, no
[Vol . 11. No. 21. p. 5]
leis an deanar lag e.” Nise tha e ro chinnteach gum bhell moran d’ ar braithribh a faighinn oilbheum agus tuislidh le dibhe laidir, agus gum faigh moran eile oilbheum leatha, fhad ’s a leanas daoine air a bhi ’g a h-òl. ’S e ar dleasnas, uime sin, a seachnadh airson so amhain, a bharr air aobharaibh eile.
Tha am Biobull a feuchainn gum bheil deoch laidir a lagachadh sluaigh araon an corp ’s an inntinn; oir bhacar i do mhathair Shamsoin, a bha gu bhi ’n a dhuine laidir, agus bha i air a toirmeasg do na sagartaibh, an àm an dleasnais. Os bàrr tha an Ti Mhath Uile-leirsinneach a feuchainn gur droch ni pòit; oir bheannaich e na Rechabaich, a cheann gun do sheachainn iad i gu tur, a reir aithne am priomhathar. Na saoil gun d’ thainig am beannachadh ach airson deagh aithne a choilionadh; oir cha tigeadh beannachd Dhé air sgàth aithne aingidh no leibidich.
P. MAC GRIOGAIR.
AN FHIRINN.
CIOD i an Fhirinn?” arsa Pilat a’ deanamh fanaid, agus cha ’n fheitheadh e ri freagairt. Tha muinntir ann, gu cinnteach, a tha ’gabhail tlachd ann an luasgan inntinn, agus a tha meas gur daorsa bhi suidhichte ann am barail; a’ cur an ìre gu bheil saorsa ’n toile fein aca ann an smaoin agus ann an gniomh. Agus ged tha ’n seòrsa fheallsanach sin air siubhal, tha fhathast na ’r measg luchd-conaltraidh àraidh a tha dhe ’n aon dòigh smaoineachaidh, ged nach eil iad idir cho beothail ’s a bha iadsan a bh’ ann o shean. Ach cha’n e mhàin an duilgheadas no an t-saothair leis an eiginn do dhaoine an fhìrinn fhaighinn, no a rithist gu bheil i an deigh a faighinn a’ mealladh air barailean dhaoine, a tha toirt oirnn a bhi bàigheil ris na breugan; ach gràdh truaillidh a bhi againn a thaobh nàdair do’n bhréig fhein. Tha aon de dh’ fheallsanaich na Gréige, air dha bhi cnuasachadh na cùise, an imcheist mu’n ni so, gu bheil daoine gràdhachadh bhreugan; nuair nach eil iad a’ cosnadh toil-inntinn dhaibh mar do na bàird; no buannachd, mar do’n cheannaiche, ach air sgàth na bréige fein. Ach cha’n urrainn dhomhsa a’ cheist sin fhuasgladh: tha an fhirinn so fhein mar sholus glan an latha, leis nach faicear aghaidhean-coimheach is dealbh-chluichean is buaidh-chaithreaman an t-saoghail am faisg cho stàtail no cho taitneach do ’n t-sùil ’s a chithear iad le soluis choinnlean. Faodaidh e bhith gu’m bi an fhìrinn cho àrd prìs ri nèamhnaid a dh’ amhairceas na’s fhearr ri solus an latha, ach cha tig i gu pris daoimein no carbuncail, a dh’ amhairceas na’s fhearr ann an soluis mhùthach. Tha cothlamadh dhe’n bhreig a ghnath na ’thoil-inntinn. Am bheil neach sam bith a’ cur an teagamh, na’n tilgte mach á inntinnean dhaoine barailean diomhaine, dòchasan faoine, aislingean àrd-amasach, agus an leithide sin, nach fàgte inntinnean moran dhaoine na ’n nithean bochda seargte, làn cianalais is anshocair, agus mi-thaitneach dhaibh fein? Tha aon de na h-aithrichean, le gairgead mhóir, a toirt mar ainm do’n bhàrdachd “fion nan droch spiorad,” a chionn gu bheil i lionadh na macmeanmna, gidheadh is ann le faileas bréige. Ach cha’n i ’bhreug a dh’ imicheas troimh ’n inntinn, ach a’ bhreug a theid gu ’grunnd agus a shuidhicheas innte, a ni an cron mu’n do labhair sinn. Co-dhiu, tha na nithean so mar sin ann am barailean ’s an aignidhean truaillte dhaoine, gidheadh tha ’n fhirinn, a tha mhàin a’ toirt breith oirre fein, a’ teagasg dhuinn gur e iarraidh na firinn, ni a’s e bhi leannanach rithe, eòlas na fìrinn, a bhi na ’làthair, agus creidsinn na fìrinn, a bhi ga ’mealtuinn, àrd mhaitheas nàdair dhaoine. B’e ’cheud ni a chruthaich Dia, an oibribh nan làithean, solus a’ mhothachaidh; b’e an ni mu dheireadh solus na tuigse; agus is obair Sàbaid dha riamh uaithe sin, soillseachadh a Spioraid. An toiseach shéid E solus air aghaidh na talmhainn; an sin shéid E solus air aghaidh an duine; agus tha E fhathast a’ séideadh ’s a’ dearrsadh soluis orra-san a tha na ’n sluagh taghte dha. Tha am bàrd Lucretius, a chuir maise air an sgoil fheallsanachd a bha air dhòigh eile eas-ionann ri càch, gu h-òirdheirc ag radh, “Is taitneach an ni seasamh air an tràigh agus longan fhaicinn ga ’n luasgadh air a’ mhuir; is taitneach an ni seasamh ann an uinneig caisteil, agus blàr agus ’iomairtean fhaicinn air a chòmhnard fodhad; ach cha’n eil taitneas no toil-inntinn ann a dh’ fhaodar a shamhlachadh ri bhi seasamh air fonn àrd na fìrinn” (cnoc nach gabh cìsneachadh, agus air am bi an t-àileadh a ghnàth soilleir agus ciùin) “agus a bhi gabhail beachd air gach mearachd is seacharan is ceò is doinionn a tha anns a’ ghleann gu h-iosal:” ma ’s ann le iochd ’s le bàigh a ghabhar sealladh, agus nach ann le mor-chùis no le uabhar. Gu cinnteach is nèamh air thalamh inntinn duine bhi ’gluasad ann an gràdh, a’ gabhail tàimh anns an fhreasdal agus a’ tionndadh air aiseil na firinn.
Ach gu tionndadh o fhìrinn dhiadhaireach agus fheallsanach gu fìrinn gnothuich làitheil, aidichear eadhon leothasan nach bi ga ’chleachdadh gur e déiligeadh dìreach, glan urram nàdair an duine, agus gu bheil cothlamadh dhe’n bhréig mar luaidhe no stàin ann an cùinneadh òir is airgid, nithean a dh’ fhàgas am meatailt na’s furasd’ obrachadh, ach a thruailleas e. Oir cha’n eil anns na seòlan cama, lùbach so ach imeachd na nathrach; a dh’ fhalbhas gu tàireil air a bhroinn ’s cha’n ann air na casan. Cha’n eil dubhailc ann a ni duine chòmhdachadh le nàire mar ni bhi air fhaotainn breugach agus mealltach; agus air an aobhar sin tha Montaigne gu grinn ag radh, air dha bhi ’sireadh an aobhair air-son an robh a’ bhreug na ’masladh cho mor agus na ’casaid cho fuathmhor, ars esan, “Ma bheirear a’ chùis gu ceart fa-near, tha a radh gu bheil duine ’g innse bréige co-ionann ri radh gu bheil e treun fa chomhair Dhé agus na ghealtair fa chomhair dhaoine: oir tha a’ bhreug a’ cumail a h-aghaidh ri Dia, ach a’ gabhail geilt roimh dhaoine.” Cha ’n urrainnear gu deimhin, cainnt a’s fhearr a chur air aingidheachd bréige ’s bristeadh-geallaidh na gur h-i an stàirn dheireannach leis an gairmear breitheanasan Dhé a nuas air ginealaichean dhaoine; air dha bhi air a roimh-innse, nuair a thig Criosd, “nach faigh e creideamh air an talamh.” —O Bheurla Mhorair Francis Bacon.
Sgeul Iudhach.
Bha Abraham an deigh obair an latha ’chur seachad, ag ullmhachadh air son gabhail mu thàmh, an uair a thàinig seann duine lag, breòite, a bha ceud bliadhna dh’ aois, gu dorus a bhùtha ag iarraidh cuid na h-oidhch’ air. Thugadh sin dha gu h-aoidheil a reir cleachda na h-àird an ear. Fhuaradh uisge ’nigheadh a chos, agus chuireadh lòn fa chomhair. Ach an uair a chunnaic Abraham gun do thòisich e air a shuipeir gun bheannachadh iarraidh, dh’ fheòraich e dheth an robh e ag aideachadh an Tighearna, cruithfhear nan uile nithean. Fhreagair an t-aoidh nach robh e a’ deanamh aoroidh do ni no do neach ’s a chruinne, ach do an Teine—ceud thùs nan uile nithean, a réir a bheachd-san. Lan eud, agus corruich ghrad dh’ iomain Abraham a mach as a bhùth e, ’g a smàdadh air son ’ìodhol-aoraidh; agus dh’ imich an seann duine a mach gu sàmhach gun fhocal a ràdh air ais.
Ann an ùine ghoirid labhair guth an Tighearna ri Abraham a’ feoraich c’àit’ an robh an duine bochd a thàinig a dh’ iarraidh fasgadh na h-oidhche uaithe. Dh’ innis e gun d’ iomain e a mach e a chionn nach robh e ’g a aideachadhsan, an Dia beò, agus fìor.
“Ghiùlain mise leis an duine sin ré chuig fichead bliadhna, agus nach fhaodadh tusa giùlan leis car aon oidhche?” thubhairt an Tighearna ris.
Riamh ’n a dhéigh sin bha “athair nan creidmheach” foighidneach, fialuidh, seirceil ris gach aon a bha ann am feum, gun fhuath air bith a nochdadh air son an aidmheil creidimh.
Tormod Mac Leoid ’san Aird’ an Ear.
Tha cuimhne aig a h-uile neach air an t-Ollamh Tormod MacLeoid, duine ainmeil, urramach, bu mhinistear a’ Bharroni ann an Glascho bho cheann leth cheud bliadhna. Am measg moran sgeulachdan mu dheidhinn tha aon ro thaitneach nach eil ro thric air a h-innseadh a ghabhas labhairt a ris.
Thug e na cheann aon àm turas a ghabhail do’n airde an Ear, agus ’nuair a chuala seana bhoirionnach ’s a chomhthional gu’n robh an dotair a dol air cuairt, “Fiach,” ars’ ise, “ma chi sibh Iain mo mhac a tha na sgiobair air long a tha seoladh mu ’n cuairt sliosan rioghachd an Turcach gu’n tabhair sibh focail dà. Cha d’ fhuair mi sgriob litir uaidh bho cheann bliadhna.” “Ma chi mi e,” ars’ an dotair, “ni mi sin.” Ach gu dearbh cha robh duil mor aige gu’n tachradh Iain Mac Thomais air anns an airde an Ear.
Dh’ fhalbh an dotair air a thuras, agus tha duil gu’n dh’ fhalbh Iain as a chuimhne, gu aon latha ’nuair a bha an soitheach air an robh e a siubhal a smuideadh suas an caol cumhang a tha ruigsinn do “Constantinople,” baile mor rioghachd an Turcaich. Ann an sin thainig nan coinnimh long mhor chomasach a seoladh suas fo làn shiuil, a deanamh astar grad le gaoth fhabharach, agus chunnaic an dotair aig taobh fear an stiuir, nuair a thainig an long fa ’chomhair, duine le aodann a thug na chuimhne an gealladh a thug e do’n t seana bhean ann an Glascho. Ruith e air ball do thaobh an t-soithich agus ghlaoidh e aig airde a ghuth,— “An e Iain MacThomais is ainm dhuit?” “Moire, ’s e!” fhreagair an sgiobair le iongantas. “A Glascho?” thubhairt an dotair. “Seadh, gu dearbh.” “Sgriobh gu d’ mhàthair.”
Doctair Rathuaidhe.
“Smeorach cheòlmhor Chloinn Lachainn,
’S tric ’chuir aighear ’an tighean a’ bhròin!”
—Donnachadh Mac-a’ -Phearsain.
Bi’dh Gàidheil deas ’us tuath toilichte ’chluinntinn gum bheil oidheirp ùr r’a bhi air a toirt air carragh-cuimhneachain a chur ’suas aig uaigh an Lighiche Mhic Lachainn. Cò leis nach bu mhiann clach a chur an càrn an Doctair Ruaidh—doctair nam bochd ’us nam feumach! C’àite ’n diugh am faighear lighiche a bheir seachad sgil ’us cungaidhean ’an nasgaidh mar a dheanadh esan? Cha’n ’eil iad idir ann. Tha na h-òrain ’s na duanagan aige air an cunntas am measg na bàrdachd a’s mìlse a chaidh a chur r’a chéile bho linn Uilleim Rois. Chuala sinn iomadh duine a toirt iomradh air Doctair Rathuaidhe—agus a’s ainneamh oidhche Gheamhraidh nach toirear tarruing air ann an tighean na céilidh anns na Garbh Chriochan—ach cha chuala sinn a h-aon riamh a’ labhairt uime ach le gradh, le uaill ’us le cliu. Tha an t-Urramach D. Mac Phàrlain, ministear na Morairne, ’an déigh tòiseachadh air airgead a thional air son carragh grinn a chur a’ suas dha ann an cladh na Cille, agus cha b’ urrainn fear a bu fhreagaraiche an gnothach a ghabh-
[Vol . 11. No. 21. p. 6]
ail os làimh. Cha’n ’eil cùram nach soirbhich leis agus nach toir e gu buil an nì a chuir e r’a shùil. ’S iomadh naigheachd gasda a th’ air aithris mu thimchioll air an Lighiche Mac Lachainn. Bu mhath agus b’ fheumail an obair do chuideigin a b’ urrainn an ùine ’sheachnadh iad so a chruinneachadh agus a chur a’ mach maille ris na h-òrain aige. Tha na h-òrain an ceart-uair a’ mach á clòdh.
Tha Bodach na Beinne
’N a dhuine cho còir,
’S e ’bheireadh dhomh cuireadh
Le furan gun ghò;
Bi’dh pailteas gun airceas
’G a sgapadh m’a bhòrd,
’S bu toigh leam a chuideachd
Na’n sguireadh e ’n bhòsd!
So na briathran anns an tug an Doctair Ruadh taing do Fhear Mhiongairidh—Mr Seumas Mac Lachainn, a chaochail bho cheann còrr ’us dusan bliadhna— ’an déigh dhaibh aon latha sgur do’n dinneir. Theirte Bodach na Beinne gu math tric ris an duine shnasail so a thaobh a’s gun robh an sliabh àrd, eireachdail sin, Beinn Shianta, ann am meadhoin na gabhail aige. Bha e fein agus an doctair ra mhór aig a chéile, agus bhiodh iad daonnan ri ràbhart ’us feala-dha ’n uair a thachradh iad. —An t-Obanach.
Bas Shir Eachuinn.
(Oban Times) .
Tha bròn mòr feadh na Gàidhealtachd gu léir mu bhàs a’ churaidh ainmeil, Sir Eachunn Mac Dhòmhnuill air an t-seachdain so chaidh. Cha’n ann a mhàin am measg nan Gàidheal ach feadh Impireachd Bhreatuinn uile agus an dùthaichean céin a gheibhear caoidh agus co-thruas a thaobh na crìch chianail a thàinig air cùrsa a bheatha. O cheann beagan ùine thàinig e do’n dùthaich so á Ceylon ach cha robh fhios aig a’ mhòr shluagh c’air-son. Cha robh e an Lunnuinn ach glé ghoirid ’nuair a bha e air a chur a mach gu’n robh e dol air ais do Cheylon. Chaidh e cho fhada ri Paris, baile mòr na Fraing, far an d’ fhan e beagan làithean, agus ás an d’ thainig sgeul aig toiseach na seachdain gu’n robh e dol air ais a choinneachadh casaidean a bha air a dheanamh ’na aghaidh. An ath latha bha na paipeirean làn do’n sgeul gu’n do chuir Sir Eachunn a làmh ’na bheatha féin. Cha ’n ’eil fhios fathast air gu dé na nithean a bha air an cur as a leth. Ach ’se beachd mhòran na ’m biodh e a làthair agus aghaidh ri aghaidh ri a luchd-casaid gu’n glanadh e e-fèin. A rèir coslais cha robh ’inntinn cho làidir o’n bha e air a lot ann an taobh deas Africa. Tha mòran ag ràdh gu’m bu chòir dha fois a ghabhail re da bhliadhna co-dhiù an déigh dha tighinn á Africa. Chaidh a chàirdean do Pharis aig deireadh na seachdain agus chuireadh a chorp f’ an curam-san gus am biodh e air adhlacadh ann an Albainn. Bha moran a bha ag iarraidh gu’m biodh e air a thiolacadh ann an siorrachd Rois far an d’ rugadh e; ach bha a bhean ’s a mhac an aghaidh so. Bidh cuimhne air an t-saighdeir ainmeil so troimh ioma lìnn; bidh a chliù cho maireannach ri cliù nan Eachunn gaisgeil a thàinig a mach á sliochd a shìnnsear. Sheinn am bàrd mar so mu Eachunn Ruadh nan Cath:—
Gur h-ioma laoch dòrn-gheal
Chaidh an òrduigh mu d’ bhrataich,
Agus òganach sgiamhach
Bha ’ga riasladh fo eachaibh,
Agus spailp do fhear-tighe
Nach tugadh atha d’a phearsa,
A bheireadh claidheamh á duille
Bhiodh cho guineach ri ealtuinn.
’Nuair a thogamaid feachdan,
A rì! bu ghasd ar ceann-armailt;
Ge b’e thigeadh air t’ eachdraidh
Ghabh iad tlachd dhiot air Ghalltachd.
Tha sgeul air tighinn á Ruisia a nochdadh gu bheil na madaidh-allaidh fhathast lionmhor ’san dùthaich sin. Dh’ fhalbh fear is bean a bha fuireach air an dùthaich do’n bhaile a dh’ fhaotainn leanaibh air a bhaisteadh. Air an rathad thug treud mhadadh-allaidh as an deigh. Dh’ iarr an duine air a mhnaoi an leanabh a thilgeadh g’ an ionnsaidh. Dhiùlt ise sin a dheanamh, agus dh’ fheuch esan ris a’ phàisde thoirt uaipe. Thuit a’ bhean ’s am pàisde as an t-sleighe ’s gun fhios do na madaidh-allaidh chaidh iad car mu char do chlais an rathaid. Lean na madaidh-allaidh air adhart ’s dh’ ith iad an duine ’s an t-each. Fhuair a bhean i fhein ’s am pàisde a shàbhaladh.
Tha lagh ac’ ann an Switzerland o chionn àireamh bhliadhnachan a’ cur mar fhiachaibh air cuideachdan nan ròidean-iaruinn leth-cheud ’s a dha de làithean taimh a thoirt d’ an cuid sheirbhiseach. ’S làithean Sàbaid a dh’ fheumadh a bhi ’san treas cuid dhe ’n àireamh. Tha lagh air a dheanamh a nis a’ cur bacaidh air ruith thréineachan air latha na Sàbaid, mar sin a’ toirt do ’n luchd obrach cothrom an t-Sàbaid a choimhead mar dhaoin’ eile. Dh’ fhaodadh dùthchannan eile leasan a ghabhail o mhuinntir Switzerland anns an dòigh so.
BARDACHD NA FEINNE.
DAN AN DEIRG MHIC DRUIDHINN.
ROIMH-RADH.
THA ’n dàn so a’ toirt dearbhaidh dhuinn air na gniomharaibh iongantach agus treun’ a rinn an laoch Dearg mac Druidhinn. Is cosmhuil gu ’n do mharbh an Fheinn Druidhinn, athair an Deirg. Smaointich a mhac, air dha tighinn gu aois, agus gu gniomharan buadhach a dheanamh, cìs a bhith aige thairis air mòran sluaigh, agus buaidh fhaotainn air gach neach ris an do ghleachd e; agus gu ’n smachdaicheadh e an Fheinn mar an ceudna. Ach ge do cheangail e cuid diubh, agus ge do mharbh e cuid eile, fhuair iad buaidh air mu dheireadh; agus mar a tha ’n dàn ag innseadh, mharbh iad am mac cho math ris an athair.
Innseam sgeul air caithream an fhir mhòir,
A thàinig o ’n ear le dòchas buaidh;
Treun laoch a bha làn do fheirg,
’S b’ e ’n Dearg dàna mac Druidhinn.
Gu teach nam Fiann bu mhòr glòir,
Do ghluais an Dearg mac Druidhinn,
O ’n ear, o thìr nam fear treun
Gu crioch a chur air Fianntaibh Alba.
Briathar a thug an laoch làn,
A’ cheud là do chaidh air sàl,
Gu ’n tugadh e géill am mach
Air gach aon Fhiannaidh d’a fheobhas.
Air teachd o’n ear do ’n laoch làn
Is e gu ’m feumadh an còmhrag:
Ghluais an Dearg deud-gheal, donn
Gu beinn Chruachain nam mòr shluagh.
Bha ’n dithis laoch nach d’ fhuiling tàir
A’ coimhead cuain a’ chobhair bhàin,
Raoine nan iuil glan, mac Fheinn,
’S an Caol crodha, mac Gru-dhinn.
’N tràth ’choimhead an dithis ud an cuan,
Tuiteadh iad ’nan codal trom,
Gus ’n do ghabh curach an fhir mhòir
Cal’ air an tràigh ’nan ceart chòir.
Leumadh an laoch a b’ fhearr dreach
Air tìr a crannagaibh a’ churaich;
Tharruinn e i air na snoighibh,
Air an tràigh ghil ghaineamh.
Bha ’fhalt fionn-bhuidh’ mar òr dealrach,
Os cionn da mhala nach dubh is gruaidhdhearg;
’S bha dà dhearc-shùil ghorm mar ghloine,
An geal-ghnùis mhacanta ’mhilidh.
Bha da shleagh reamhar chatha,
An laimh mic an àrd-fhlatha;
Sgiath òir air a’ ghuaillinn chlì
Aig mac uasal an àrd-righ.
Lann nimheil gu liodairt chorp,
Air an laoch gun eagal còmhraig;
Dealbh chumpta, chlochara, chorr,
Air a’ mhilidh thartarrach, thaobh-gheal.
Geilleadh ghaisgeacha ’n domhain shoir
Do choisinn an Dearg mac Druidhinn
Aig a mheudachd, air dhealbh ’s air dhreach,
Air comhrag, ceart is air ciatfath.
Dh’ éirich Raoine mac Fheinn,
’S an Caol ciatach, crodha, calma;
Thogadar an airm ’nan laimh,
Agus ruith iad ann a chodhail.
“Innis do sgeul dhuinn, fhir mhòir;
’S ann oirnne tha coimhead a’ chuain:
Is dà mhac righ le mòr uaill sinn,
Do Fhianntaibh àrd, uaibhreach Alba.”
Fhreagair esan le glòir neo-thìom:
“An tir as an d’ thàinig mi,
Ni h-iomadh aon neach ann do m’ ainfhios:
’S mi ’n Dearg mac Druidhinn ’s cha bhreug,
Ag iarraidh géill o fhearaibh Alba.”
Labhair Raoine an aignidh mhir:
“Ciod e an righ an Dearg mac Druidhinn?
Freagradh no geill o fhearaibh Phail,
Ciod am faigheadh tusa ’laoich iomlain?”
“Ge borb sibhse a dhithis laoch,
Do bhrigh farmaid agus fraoich,
Gu ’n tugainnsa cìs am mach
De Gholl e fein ’s de chlannaibh Threinmhoir.”
“Nan aithrisinnsa dhutsa na cathan,
A Dheirg, a mhic an àrd-fhlatha,
A chuireadh le Fionn fial
’S le Goll mac Morna nam mòr ghniomh;
’S gur lionmhor ’san tìr de laoich threun’
A dh’ eireadh riutsa gu d’ chòmhrag;
’S mor ’s glice dhut gun dol air d’ aghaidh
Na tuiteam le ’m beumaibh crodha.”
“Mo chorruich cha tréig mi a chaoidh,”
’S e labhair an Dearg mac Druidhinn;
“Gun chinn na muinntir a shloinntear leam:
Ceann Fhinn is Oscair is Ghuill air tùs,
Ceann Dhiarmaid is Chaoilt’ is Charuill;
Is cinn trì cheud luchd-muinntir gach fir
Thoirt dhomh air madainn am màireach;
An tìr uile ’thoirt dhomh geill,
An eiric m’ athar, ’s cha ’n aon bheud,
No còmhrag diol-fheargach, dian
Fhaotainn, ’s cha ’n iarr mi tuilleadh.”
“Mo bhriathar, ge borb do chainnt,”
Do labhair an Caol ceutach, crodha,
“Gu ’n rachamaid ’g ad chlaoidh, fhir mhòir,
Mu ’n teid do sgleò na ’s fhaide.”
Ris a’ Chaol chrodh’, chalm’ a b’ fhearr dreach
Do ghleachdadh an Dearg mac Druidhinn,
Gu laidir le feirg, agus fraoch:
’S mairg a dh’ fheuchadh an treun laoch.
Dheanadh an Dearg comhrag cruaidh
’S an Caol crodha le mòr uaill;
’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag
Ri sgoltadh an sgiath ’s na cathaibh;
’S bu deireadh do ghleachd an dithis
Gu ’n d’ cheangladh leis an Dearg ro-ghlan
An Caol crodha ’s a’ chomhrag dhianmhor.
Dh’ éirich Raoine an aignidh mhir,
An deigh an Caol crodha a cheangal,
Mach righ na Feinne gun tàir,
Is ghleachd e ris an Dearg dàn’.
B’ iongantach na cleasan goil’
A bha eatorra ’s an uair sin
Gus ’n do cheangladh le cruaidh-bheum an Deirg
Raoine an gaisgeach treubhach.
“Is treun an gniomh dhutsa, ’fhir mhòir,
Sinne ’nar dithis a chuibhreach.
Sgaoil do cheangal, a laoich iomlain,
’S thoir leat sinne fad do thuruis.”
Sgaoil an Dearg le mor chiall,
A cheangal bhar dithis mhac righ,
Is ghabh e bòidean o gach fear
Nach togadh iad airm ’na aghaidh.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 11. No. 21. p. 7]
DI-DOMHNAICH CASG.
LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN.
Ceud fàilt ort a mhaduinn, a mhaduinn an àigh—
’Chaomh mhaduinn gun ghruaman, gun smalan, gun bruaillean,
Ghlan-rosgaibh gun smuairean, làn uaisl’ agus gràidh;
Dùisg aoibhneas neo-thruaillidh ’mhaireas buan gu là bhràth.
Biodh do ghrian-sa le h-aoibhneas a’ boillsgeadh ’s a dearrs’,
A fògradh ’s a’ fuadach gach ceathach a’s gruamaich’
O gach cridhe tha ’n cruadal fo uamhunn a’ bhàis—
Dhaibh innis gu ’n d’ bhuadhaich an t-Uan anns a’ bhlàr.
O! giùlain an sgeula do ’n euslan bhochd, thruagh;
Dha aithris le firinn, dha aithris le cinnte,
Gu ’m bheil slàinte an Iosa o’n mhilltear ’s o’n uaigh,
Do bhraighdibh bochd, dìblidh, fo bhinne ro chruaidh.
Dha innis ge d’ shàraich car tràth e na slòigh,
Ge d’ dhiùlt iad le tàir e, ge d’ mhaslaich ge d’ nàraich,
Ge d’ dhìt iad gu bàs e le tàmailt ’sa mhòd,
Gu’n d’ éirich an àird e le slàinte ’s le gloir.
Dha innis gu ’m fac thu sàr ghaisgeach nam buadh,
A’ mosgladh ’s a dùsgadh o’n chadal bu chiùine;
Mar a’ mhaduinn a ghnùis gheal gun smùrnein, gun ghruaim,
Gu ’n ’chreachadh, ’s gu ’n ’spùineadh an ùir leis ’san uaigh.
Dha innis gu ’m fac thu an gaisgeach nach fann,
Ag éiridh gu buadhach, ag éiridh gun ghruaman,
’N déigh braighdean bochd truagha ’shaor fhuasgladh a fang,
O’n bhas a’s o thruaill’eachd le buaidh chath gun taing.
Dha innis gu siorruidh gur h-e ’n grian e ’s an ròd,
Gur h-e ’n dìdein gach là e, gur h-e ’n Slàn’ear gu brath e,
Gur h-e ’n gaisgeach nach cearr e ’n àm gàbhaidh no broin,
’S nach dìobair gu brath e gus ’n tàrr iad gu gloir.
Nach aithris thu ’n sgeulsa le éibhneas a’s mùirn,
Nach aithris gu luath e do ’n lag-chridheach thruagh e,
Ge d’ thionndar ’s an uaigh e gu truailleachd a’s smùr,
Gu ’n éirich ’s gu ’n gluais e ’nìos uaipe le sunnd.
Mar chaoin mhaduinn shamhraidh gu ’n dealraich a ghruaidh,
Mar chaomh mhaduinn chùbhraidh, mar mhaoth mhaduinn dhrùchda,
Gu ’m b’ i aogasg a ghnùise gun chùram, gun ghruaim,
Gu ’n éirich le sunnd e, le mùirn e ’s le buaidh.
Dha innis ged ’s duaichnidh gnùis uaine a’ bhàis,
Ged ’s ogluidh a shealladh, ge caol-shuileach, scallach,
Ge aognaidh, ge alluidh, ge sceannach gun àgh;
’S ge d’ bhuadhaich car sealain nach meal e am blàr.
Dha innis ge d’ rùisg e, ge d’ spùinn e do ghruag,
Ge d’ chaith e gu d’ chùl thu, ge d’ thaisg e ’san ùir thu,
Ge d’ thionndar gu smùr thu, gu h-ùir a’s gu luathr’
Gun creachar d’a chliù e ’s gu ’n spùinear d’a bhuaidh.
O! ’s binn leam r’a éisdeachd do sgeul-sa, a lò,
O! ’s taitneach am chluais e, ’s ro bhlasda gach uair e,
O! cluinneam gu buan e a gluasad am choir,
Gun cluinneam le buaidh e ga luaidh ann an gloir.
Gus am faic mi mu ’m choinneamh naomh chomunn nam buadh,
Gus an cluinn mi gu h-ard e o ’m bilibh ’s o’n claraibh
Am fonn ud ro aluinn leam ’s gràdhach gach uair,
Gu ’n d’ chreachadh le m’ Shlàn’ear am bas a’s an uaigh.
Iadsan a Phaigh.
D A Mac Neill, Loch an Fhuamhair, N. S.
Uilleam D Camaran, Heatherton , N. S.
An t-Urr. A. S. Mac Neill, Orwell , E.P. I.
Iain A Stiubhart, Belle Creek, E.P. I.
Aonghas A Stiubhart, High Bank, E.P. I.
Bean Iain Mhic-Nimhein, Catalone
Aonghas Mac Gilleain, Catalone
C R Mathanach, L’Ardoise Iseal
D I Mac Neill, Bail’ -Iain
Lachainn I Mac Aoidh, Scotsville
Cailean F Johnston, Sidni
A F Moireasdan, Sidhni Tuath
An t-Urr. Niall Mac-Mhuirich, Loch Ainslie
M D Caimbeal, Baoghasdal
A Mac Mhuirich, Red Jacket, Assa.
F Mac-an-Toisich, Red Jacket, Assa.
Ruairidh Mac CormaicRed Jacket, Assa.
Dr D Mac Dhiarmaid, Maxville , Ont.
Iain I Mac Rath, Martintown , Ont.
Eobhan Mac Isaic, Spokane , Wash.
Iain Mac Amhlaidh, Quincy , Mass.
An t-Olla D. Mac-Fhionghain, Duneideann
BAS.
Maduinn na Sàbaid, an coigeamh latha dhe ’n mhios so, aig Rathad Horne, am Mira, chaochail Domhnull Iain Mac-Aonghais, sia bliadhn’ deug air fhichead a dh’ aois. Bha e na dhuine bha riamh fo dheagh chliù, agus a choisinn meas o gach aon a chuir eolas air. Bha e stuama, onarach agus dichiollach, agus bidh ionndrainn mhor air anns an sgìreachd ’san robh a dhachaidh. Tha co-fhaireachdain againn ris na càirdean a dh’ fhag e na ’dhéigh.
SEAN-FHACAIL.
Is fearr na ’s leòir na tuilleadh ’s a’ chòir.
Is faoilidh an coileach le coirc’ an eich.
Is fhearr sgreuch leinibh na cnead caillich.
Is fearr rathad fada glan na rathad goirid salach.
Is fhearr a dhol as an amhaich na dhol as an fhasan.
Is fearr am bochd ionraic na ’m beartach mealltach.
Is fearr am foghlum a dh’ ìslicheas duine na ’m foghlum a dh’ àrdaicheas e.
Is fear dichioll an duine laig na neo-shunnt an duine làidir.
Is fear aon laogh còir na dà chraicionn.
Is fearr bannag le sìth na baile le strìth.
Is fearr beagan le ionracas na teachd-a- steach mòr gun cheartas.
Is fearr bròn na gàire.
Is fhearr bhi cinnteach na bhi caillteach.
Is fearr deagh eisimpleir na cronachadh.
Is fhearr an t-amadan a bhreugadh na dol ’g a fheuchainn an comhrag.
Is fhearr eisimpleir na achmhasan.
Is fhearr greim caillich na tagar righ.
Is fhearr dithis na aon fhear.
Is fhearr tighinn an deireadh comuinn na an toiseach trod.
Is fearr pilleadh am meadhon an t-srutha na dhol leis an abhainn.
Is fhearr teicheadh math na droch fhuireach.
Is glice an saighdear a theicheas le ’anam na ’m fear a dh’ fhanas.
Is math an leanabh nach toir aobhar-guil do ’mhathair uair-eigin.
Ami Mhoraidh.
Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-sonconcertsa chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:—
MISS AMY MURRAY,
20 West 28th Street,
New York, N. Y.
Tha na bàtaichean aiseig a nise deanamh an tursan riaghailteach eadar Sidni is Sidni Tuath. Tha ’n deigh mhor anns an acarsaid o chionn dha no tri làithean, ach cha’n eil i cur maille an na bataichean. Tha i co-dhiu a’ fàgail na h-aimsir moran na’s fuaire na bhitheadh i na’n robh ar criochan saor o’n deigh.
Tha an sgadan earraich pailt mu na cladaichean air an t-seachduin so, agus tha na h-iasgairean a’ glacadh roinn mhor dheth.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 21. p. 8]
ORAN A BROCAIR.
LE DONNACHADH MAC-GRIOGAIR.
O, gur mis’ tha fo airsneal,
’S mi ri faire na broclaich ud thall,
’S gun mi faicinn fear m’ aiteis
’Tigh’nn le lomhainn chon ghasda airsreing;
Leis na h-abhagan sgairteil
’S luath a dheanadh an aisith ’sa chàrn,
’S leis na miol-chonaibh seanga
Bhuaileadh speach air fear cabrach nam beann.
Gur a h-iomad oidhch’ anmoch
A thug mise air sgàirnich ’san tìr;
’S bidh mi ’n nochd mar a b’ àbhaist
Gun aon duine ri mànran rium fhìn.
Nam biodh fios aig mo nàbaidh
Gu bheil mis’ an so ’n dràsda ri strì,
’S ann na cheum nach biodh fàilinn,
Bhiodh e agam am màireach le cìnnt’.
C’uim an cuirinn-sa coire
Air an òigear ’s nach toilleadh e i,
’S gur mi fhìn ’bhrisd a choinneamh;
Cha ’n fheil stàth dhomh bhith gearan no caoidh,
Ged a dh’ fhuiling mi cruadal,
Agus moran de dh’ fhuachd orm ga chinn,
’S mi gun leaba, gun chluasaig,
Ach na leacan fo m’ chruachan ’s mi sgìth.
Ach nan digeadh tu, Uilleim,
’S grad a thogadh tu ’m mulad so dhiom;
Is sar ghiomanach gunn’ thu
Leis an deanteadh an fhuil anns an fhrìth,
Bu tu leannan na gruagaich,
Te cho banail ’s cho suairc ’s tha ’san tìr;
’S làmh a leagadh ’n fhir ruaidh thu,
Leis an cuirteadh na h-uain oirnn a dhìth.
Tha mi fada bho aitreabh,
Gun aon neach ’ni rium facal de chainnt,
Ann an cùlaobh na beinne,
’N taobh mu dheas do Loch-Eireachd so thall,
Ach na bidheam fo smuairean
’S mi ag amharc a suas ris gach àird,
Ann an lagan beag uaine,
Dh’ fheuch am faic mi ’m fear ruadh ’tighinn air sgàth.
Dh’ fheuchainn ro bheagan caoibhneis
Dhuit, a shionnaich nan coilltean ’s nam fròg,
Nuair a ghlacainn an spàinteach,
A bhiodh freagarrach, làmhchar fo ’n òrd,
Bheirinn toll air do léine,
Nach leighiseadh léigh a tha beò,
On ’s i ’n droch-bheirt dha ’n géill thu,
Is nach faighear thu ’dh’ éisdeachd a mhòid.
’S iomad fear a tha ’m barail
Gu bheil m’ aran-sa socrach gu leoir;
Their gach aon a tha ’s tìr rium,
Gur tu fear an druim dhìrich gach lò.
Ach nam faighinn seachd bliadhn’ iad
Gu bhith siubhal nan crioch air mo lorg,
’S e mo bharail gun fhiaradh
Gu bheil pàirt diu a liathadh ’s iad òg.
Cha’n ioghn’ dhomhs’ a bhi truagh dheth
’S a liuthad oidhche fliuch, fuar a thug mi
Ann am shìneadh ’m bun bruaiche,
’S dian chur sneachda bho thuath orm gam chlaoidh,
Gur h-e ’mheudaich droch shnuadh orm,
Is a thanaich a ghruag bhàrr mo chinn:
Is mor m’ eagal ’san uair so
Gnu greas e gu uaigh mi roimh ’m thìm.
Thug mi tamull am òige,
’S bha mi amaideach gòrach gu leoir;
’S fheudar aideach’ le nàir’
Gun robh mi bristeadh nan àithntean gach lò
Ann an smuaintibh ’s am briathraibh,
Ann am miannaibh, ’s droch ghniomharaibh fòs,
An nis ’s mithich fàs diadhaidh
Bho ’n tha ’n aimsir a triall mar an ceò.
Rugadh Donnachadh Mac-Griogair am Braighe Raineach. Bha e na ’bhrocair. Bha e a còmhnuidh am Braigh’ -Fasaidh. Bha e pòsda ri Sìne, nighean Ailein Stiubhairt am Bun Raineach. Bha Uilleam na ’ghille aige ag ionnsachadh na brocaireachd. Bha e ri tachairt ris air oidhche shònraichte, ach rainig am brocair an t-àite roimh ’n àm. Is ann an sin a thòisich e air an òran.
STRON-EASGAIR.
LE DONNACHADH MAC-AN-T- SAOIR AN COMHALL.
Is mór mo chùis smuairean
On ghluais mi Diar-daoin
Gu gleann nan lùb uaine,
’N robh uaislean mo ghaoil.
Bu phailt ann crodh guaillionn
A nuallan ri ’n laoigh;—
Sud a bhuail’ anns nach gluaiseadh a chaoile.
Bu ghreadhnach ri uair
Stròn nan cluaineagan caoin’,
’S bu lionmhor na sguaban
Ga ’m buan air gach raon;
On chìnn i fo luachair
Chaidh gruaim air a h-aoibh;
An àit bhuailtean is chluaran tha fraoch oirr’.
A Bhàn-leacann bhruachach,
Air ’m buaint’ an subh chraobh,
Bu lionmhor do bhuadhan,
’S cha b’ fhuar leam do ghaoth.
A mheud ’s a bha ’n uachdar
De d’ chnuaic bu chlach-aoil;
’S ann o d’ luaithre bhiodh duais aig luchd-saoithreach.
Dhail-ghearrte ghrinn, bhòidheach,
Cha b’ fhòlach do bhàrr,
Ach coirc agus eòrna,
Bhiodh mòg-cheannach, àrd;
Muim-altruim gach pòir thu,
Thig beò anns a Mhàrt;
’S cha laigh fuarachd no gruaim ort ’san fhaoilteach.
Bu sheamragach, feòirneineach,
Neòineineach thu,
Is b’ fhasgach do shrònagan
Ceòsagach, ùr;
Do mhachraichean òrdail
Bhiodh còmhdaicht’ gu dlùth;
’S ann ga’m buain a bhiodh smuais aig na faobhair.
B’ e ’n t-eibhneas bhith gluasad
Mu d’ chluaineagan réidh’;
Bu sheasgair do m’ ghruaidh iad
Fo fhuarachd nan speur,
’S do phreasan mar bhuaile
Gu suain aig an spréidh,
’S gorm-bhrat uain’ air gach gualainn is raon dhiot.
A Shròn nam bad cùbhraidh,
Nan ùbhlan ’s nam peur,
Laigh bròn air do lùchairt,
’S tu ’g ionndrainn na dh’ eug;
Gach ròs tha air lùbadh,
Gun drùchd, gun teas gréin’;
Maise shuaicheant’ do shnuadh tha air caochladh.
A Chnocain an fhuarain,
’S dubh uaignidh do ghnùis;
Ach chunna mis’ uair
Nach robh gruaim ort no mùig;
Bhiodh spaidseireachd uaislean
Gle chruaidh air na bùird,
’S bu ghlan snuadh na bha gluasad air t’ aodann.
Bhon dh’ fhalbh na fir àluinn
Chaidh àrach fo d’ shùil,
Cha chluinn sinn guth mànrain
An àros na mùirn,
Bhiodh àgh ann is gàire,
’S piàna toirt ciùil
Aig na gruagaichean snuadh-mhaiseach, caoin-gheal.
Ach sguiream de m’ dhàn
Mu na h-àrmuinn b’ fhearr cliù;
Cha dùisgear le ceòl iad,
Tha ’n còmhnuidh ’san ùir.
’S e ’n gliocas bhith òrdail
N’ ar còmhradh ’s n’ ar rùn;
’S gearr ar cuairt, ’s beag ar buannachd ’san t-saoghal.
Chuireadh an t-oran so am mach an Co-chruinneachadh Mhic-Caluim ’sa bhliadhna 1821. Bha ’m fear a rinn e beò an uair sin.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. o.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton
title | Issue 21 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 21. %p |
parent text | Volume 11 |