[Vol . 11. No. 22. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 1, 1903. No. 22.
THA luchd-cladhach nan uaighean ann am Montreal air seasamh a mach o’n obair. Tha nastrikesgle lionmhor ’sna bliadhnachan so, ’s cha’n eil gann aon diubh nach eil a cur call is cosdas air an duine bheò. Tha e coltach a nise nach urrainn do neach a’ bhi cinnteach gu’m bi e cuibhteas iad eadhon an deigh a bhàis.
A reir beul-aithris na h-Eadailte, b’ ann air an aonamh latha fichead de mhios Aprail a bha baile na Ròimhe air a shuidheachadh an toiseach, agus tha da mhile sia ceud lethcheud is sia (2,656) bliadhna air dol seachad o’n thachair sin. Bha co-ainm an latha air a chumail ’san Ròimh am bliadhna le moran othail is greadhnachais.
Tha Sasunnach a tha ’cur cuairt air na Stàidean, a’ faotainn coire do’n dòigh anns am bheilear a’ togail bhailtean mora na dùthcha sin. Tha moran de na togalaichean tuilleadh is àrd, agus tuilleadh is faisg air a chéile, air dhòigh ’s gu ’m bheil an solus ’s an t-àile glan air an cumail a mach. Thatar mar sin a’ toirt anacothrom mor do na daoine bochda—luchd-aiteachaidh nan togalach sin—agus ag aobharachadh tinneis is tuilleadh bochdainn na ’m measg. Aig bun a ghnothaich so uile tha gaol an airgid. Tha luchd-seilbh nan taighean mora ga ’n togail air sgàth a’ mhàil a gheibhear air an son. Air an aobhar sin feumar an deanamh cho mor air leud ’s air fad ’s a cheadaicheas am fearann, agus cho àrd ’san adhar ’sa cheadaicheas an sporan; feumar cuideachd na seòmraichean a dheanamh beag a chum ’s gu’m faighear gach sgillinn màil a ghabhas fàsgadh as an t-sluagh a theid a chòmhnaidh annta.
CHA’N eil an Sasunnach so ag àicheadh nach eil tighean-còmhnaidh cumhann, mi-fhallain gu leòr ann am bailtean mora a dhùthcha féin; tha e ’g radh, co-dhiu, gu’m buin iad do na linntean a dh’ fhalbh, agus gu bheil iad a lion beagan is beagan a’ deanamh àite do dh’ aitreibh a’s fhearr. Ach anns na Stàidean buinidh an seòrsa thogalaichean d’ am bheil e ’faotainn coire do ’n latha ’n diugh; thatar ga ’n sior chur suas gun bhacadh sam bith, agus air an aobhar sin tha e meas nach eil bailtean mora nan Stàidean idir cho adhartach ri bailtean mora na seann dùthcha.
Is baile ùr Sidni an latha ’n diugh, agus tha e ’fàs gu bras. Anns a bhraisead sin tha cunnart—cunnart gu’n deanar mearachdan nach gabh ceartachadh ’sna bliadhnachan a tha ri tighinn. Tha sinn an dòchas gu’m bi an luchd-riaghlaidh ’s an sluagh glic, agus gu’n dean iad an dichioll air gach mearachd a sheachnadh. Is còir sùil gheur a chumail air gach ni agus neach a dh’ fhaodas a bhi ’g iarraidh greim a dheanamh air còirichean an t-sluaigh. Tha còir aig gach duine, biodh e bochd no beairteach, air dearrsadh blàth na gréine ’s air àile glan an adhair. Deanamaid cinnteach nach bi taighean-còmhnaidh a bhaile so mar na h-aitreibh a dh’ ainmicheadh, dùmhail, dorcha, mi-fhallain mar phrìosain.
AN àm a bhi togail bhailtean ùra cha ’n e ’n gliocas daonnan a bhi gabhail bhailtean eile mar riaghailt. Tha e ceart is feumail deagh riaghailt a ghabhail o bhaile mar a tha e deagh eisimpleir a ghabhail o dhuine, ach faodar a dhol tuilleadh is fada leis. Ann an sùilean cuid de dhaoine tha ni sam bith ceart ma thatar ga ’chleachdadh no ga ’cheadachadh an àiteigin eile. Ma tha iad aig àm air bith an imcheist mu ni a tha ri dheanamh, is leòir leotha fhaotainn a mach ciamar a thatar ga ’dheanamh le muinntir eile. Na’m bitheamaid uile dhe’n inntinn sin, cha mhor adhartais a thigeadh oirnn mar dhùthaich no mar shluagh. Bhitheamaid an ùine ghearr mar mhuinntir Shina, dùthaich anns am bheil e na mhì-mhodh mor do dhuine feuchainn ri inneal no innleachd a rinneadh le duin’ eile a dheanamh na’s fhearr.
CHUAL an saoghal uile mu chàs Dhreyfuis, agus tha e coltach gu’n cluinnear tuilleadh mu dheidhinn. Tha nithean ùra air tighinn am follais o chionn ghoirid a tha dearbhadh gu soilleir gu robh e neo-chiontach. Chaidh fheuchainn aig cùirtean airm da uair cheana. A’ cheud uair chaidh fhògradh do eilean aonranach, mi-fhallain ’sa chuan a deas far ’n do dh’ fhuiling e peanas do-labhairt. an deigh a shaoradh as a sin, chaidh a thoirt air ais do ’n Fhraing ’s fheuchainn a rithist. Air an turas sin fhuaireadh ciontach e, ach thugadh mathanas dha. A reir barail an t-saoghail mhoir bha ’n fhianuis a thugadh aig a’ chùirt mu dheireadh ga ’shaoradh gu h-iomlan, ach airson an toil fein a thoirt do chuid de dh’ àrd ofigich an airm rinneadh mar a dh’ ainmicheadh, fhaotainn ciontach agus an sin a mhathadh. Cha robh Dreyfus no ’chàirdean riamh leagte ris a’ bhinn sin, agus tha iad a’ dol a thoirt ionnsaidh eile air ceartas fhaotainn dha. Ged is math an t-saorsa, is searbh an gnothuch le duine neo-chiontach a bhi ga mealtuinn mar ghibht o naimhdean nuair bhuineas i dha mar chòir.
THA sinn fior thoilichte gu bheil cuid de na Gàidheil air an gluasad, mu dheireadh thall, gu urram a chur air bàird an dùthcha féin. Agus tha sinn gle riaraichte gu’n do thòisich iad aig Donnachadh Bàn, le coinneamh chuimhneachain a chumail air co-ainm latha ’bhreith. A reir a’ chùnntais a fhuair sinne, cha b’ ann am Beurla bha choinneamh sin air a cumail idir; tha so cinnteach co-dhiu, gur glan gasda a’ Ghàilig a th’ anns an òraid a bha air a labhairt, agus a tha air a clòbhualadh air taobh eile dhe ’n àireamh so. Tha cuimhn’ againn air bhi ’leughadh ann an aon de phaipeirean na h-Alba bliadhna no dha air ais, gu’n robh “Oidhche Bhurns” air a cumail le aon de na Comuinn Ghàidhealach. Agus mur biodh an tàmailt bheireadh an naidheachd a bh’ ann gàir’ oirnn—Gàidheil na Gàidhealtachd, buill Comuinn Gàilig, a’ cur urrram air bàrd nan Gall ’s a’ deanamh dearmad air an cuid bhàrd fhein! Ach ’s obair latha tòiseachadh, agus o’n chuir Gàidheil an Obain an t-urram so aon uair air cuimhne Dhonnachaidh Bhain, bidh dòchas is dùil againn ri nithean a’s fhearr. Ma tha ni ann as an dligheach do na Gàidheil uaill a dheanamh ’s e sin bàrdachd an dùthcha; agus ma tha meas ac’ oirre ’s còir dhaibh urram a chur air na bàird a thug dhaibh i.
Gun teagamh sam bith tha Canada a’ soirbheachadh ’sna bliadhnachan so. Air a’ bhliadhna ’n uiridh, bha teachd-a- steach riaghladh na dùthcha cho àrd ri $58 ,050,790. Re nan ceithir bliadhna chaidh seachad bha còrr is coig muillion dolair air a thoirt bhar ainbheach na dùthcha. Thatar a’ meas nach bi an teachd-a- steach am bliadhna na’s lugha na $65 ,000,000. Cha d’ rinneadh atharrachadh sam bith a’s fhiach ainmeachadh air cisean na cusbainn.
THA Yung Lu, an t-ard-chomhairleach aig Ban-Iompaire Shina, marbh. Chaochail e o chionn da sheachduin. Bha e na ’dhuine cumhachdach, agus bha gràin an uilc aig air na coigrich. Mur biodh sin dh’ fhaodadh e bhi beò an diugh. Cha robh a thinneas a chum bàis idir na’n robh lighichean ceart a’ frithealadh dha, ach lean e ri lighichean a dhùthcha fein, ’s cha’n fhuiligeadh e cur a dh’ iarraidh lighiche geal gus an robh e ro anmoch.
Am Priosanach Sineach.
An deigh do aon de dh’ iompairean Shina faotainn air cathair-rioghail a shinnsir, thug e òrdugh seachad gu’m biodh gach neach a bha air a chumail am priosan air-son ainbheach air a chur m’a sgaoil. Am measg na feadhnach sin bha seann duin’ àraidh a thainig gu bochdainn an làithean òige, agus a reir a chùnntais a bha e fein a cumail le bhi ’gearradh eagan air taobh an doruis, bha còrr is leth-cheud bliadhna air ruith o’n chaill e ’shaorsa. Le lamhan critheanach ’s le ceum trom, chaidh e mach á aitreabh a bhròin; bha àilleas am t-soluis a toirt a fhradhairc uaithe, agus bha aghaidh nàdair na shealladh mar fhios phàras. Bha ’m priosan ’san robh e astar beag o Phekin, agus air a’ bhaile mhor sin chuir e aghaidh, ’s fadachd air gu bhi air fhàilteachadh le mhnaoi, le chloinn ’s le ’chàirdean.
Cha b’ ainn gun mhoran duilgheadais a chaidh aig air an t-slighe dheanamh dh’ ionnsaidh na sràide air an robh an tigh aige fein; agus bha a chridhe fàs na b’ aotruime mar bu dlùithe bha e dol air. Bha e ’g amharc mu’n cuairt gu togarrach; ach bu ro ainneamh ni a bha e faicinn air an robh cuimhn’ aige. Bha aitreabh mhor eireachdail air a cur suas air làrach an taighe ’san robh e fein a’ fuireach;
[Vol . 11. No. 22. p. 2]
bha taighean-còmhaidh nan nàbaidh air cruth ùr a ghabhail; agus cha’n fhac’ e aghaidh duine bu chuimhneach leis fhaicinn riamh roimhe.
Chunnaic e seann diol-deirc na ’sheasamh faisg air dorus o’n deachaidh fhuadach air falbh gu tàireil le seirbhiseach. Do ’n urra bhochd sin thug e bonn beag dhe’n airgiod a thugadh dha fein leis an iompaire, agus uaithesan fhuair e an sgeula cruaidh, gu’n d’ fhuair a bhean bàs le bròn ’s le acras, gu’n d’ fhalbh a chlann a shireadh am beòlaint an dùthchannan céin, agus gu robh a chàirdean bu dlùithe ’s bu ghràdhaiche air an càradh fo’n fhòd.
Air a lionadh le bron ’s le cràdh-intinn, ghreas e gu lùchairt an iompaire. Thug a chiabhan glasa ’s a ghnùis dhoilghiosach dha cead teachd an làthair an urra mhoir sin, agus a tuiteam aig a chasan, ghuidh e air: “A Phrionnsa Mhoir, cuir mise air ais do’n phriosan as am fac’ thu iomchuidh mo shaoradh! Tha mi air m’ fhàgail na ’m aonaran, mo bhean ’s mo chàirdean air an toirt uam, agus eadhon am measg sluaigh a’ bhaile mhoir so tha mi mar gu’m bithinn leam fein. Bha ballachan mo phriosain a’ cumail dhaoine o bhi ’g amharc air mo thruaighe, agus ged bha mi air mo chumail o chomunn an t-saoghail, cha robh aithne agam air na bha mi call dhe ’shòlasan. Tha mi nis air mo chiùrradh ag amharc air sonasan nach urrainn mi shealbhachadh, agus a’ bàsachadh le tart ged tha aibhnichean de thoileachas-inntinn ga m’ chuartachadh.”
Naidheachdan.
Bha fear Seumas Haines, an Digby, N. S., a muigh a’ sealgaireachd an la roimhe: thuit an gunn’ air, ’s chaidh an urchair troimh ’lamhan. Feumar an da laimh a thoirt dheth.
Cha d’ fhuaireadh a mach fhathast ciod a b’ aobhar dh’ an sgiorradh a thachair air an rathad-iaruinn aigWindsor Junction.Tha Copeland, fear-na-h- inneil, am fear bu choireach ris an sgiorradh, gu ruige so san tigh-eiridinn, agus gus an togair e-fein innse, cha bhi fhios aig daoine ciod a thug air a dhol an aghaidh an òrduigh a fhuair e, ’s gun suim a ghabhal de na comharraidhean a bh’ air an cur a mach roimhe.
Tha nighean òg ann anSalt Lake Citya bha na cadal gun dùsgadh fad leth-cheud is seachd latha. Dhùisg i maduinn Di-luain s’a chaidh, agus choisich i beagan cheum air an ùrlar. Nuair chaidh i chadal thomhaiseadh i sia fichead is seachd punnd, ach an uair a dhùisg i cha tomhaiseadh i ach tri fichead is naodh deug. Tha na lighichean dhe’n bharail gur e ni-eigin a bhi cearr air an eanachainn aice a dh’ aobharaich an cadal fada so.
Chaidh duine dubh a chrochadh ann an Stàid Missouri o chionn ghoirid le gràisg de dhaoine geala bhrist a stigh do’n phrìosan ’s a thug a mach e gun taing do oifigich an lagha. Tha a leithid so a tachairt gu math tric ’sna stàidean a deas, ach am bitheantas ’se ’n duine ciontach a thatar a cur gu bàs. Air an turus so, co-dhiu chaidh a dhearbhadh gu soilleir gu robh ’n duine chaidh a chrochadh neo-chiontach. Ach cha dean sin diubhar. Cha’n e gràin an uile a tha gluasad an t-sluaigh ud gu gniomharan cho an-iochdmhor, murtail, —cha’n e, ach gràin an duine dhuibh.
O chionn àireamh mhios air ais tha cuideachd a’ ghuail is cuideachd an iaruinn fo’n aon riaghladh. Thatar a nise ’g iomradh gu bheil iad ri bhi air an tàthadh ri cheile gu h-iomlan, agus nach bi ann an ùine ghoirid ach aon chuideachd. Tha stochd cuideach an iaruinn air tuiteam gu mor ann am prìs air an earrach so, agus cha’n eil teagamh nach e sin aon de na h-aobharan air-son am bheilear a’ dol a dheanamh an aonaidh. Nuair a nithear sin gabhaidh an da obair cur air adhart na’s fhearr agus na’s probhaidiche na’s urrainnear a dheanamh fhad ’s a bhios iad air leth.
Chaidh duine tha ’fuireach ann aHamilton , Ontario,a chur do’n phaiosan an la roimhe airson da thasdan a ghoid o mhàthair. Tha aige ri bhi ’sa phriosan sia miosan.
O’n chaidh roinnean Chanada aonadh ’sa bhliadhna 1867, tha àrd-riaghladh na dùthcha an deigh còrr is ceud gu leth muillion dolair a chosd a togail rathaidean-iaruinn, no a’ cuideachadh le ’n togail.
Thainig còrr is còig ceud de luchd-imrich á Alba air aon soitheach do Halifacs air an t-seachduin s’a chaidh. Bu mhuinntir òg iad uile; cha robh ach aon ainneamh dhiu thar deich bliadhna fichead a dh-aois.
Thatar ag iomradh gu bheil Pòl Crugar agus Steyn, an da riaghladair Bhoerach bu choireach ris a’ chogadh, a nis air leabaidh am bàis. Cha’n eil teagamh nach eil am mi-fhortan a thainig orra ri linn a’ chogaidh ag aobharachadh trioblaid-inntinn a tha cuideachadh an tinneis.
Bha teine mor ann an baile St. John seachduin gus an Di-haoine s’a chaidh. Aig cridhe ’n rathaid-iarainn (an C. P. R.) bha luaca faisg air ceithir fichead mile dolair air a losgadh, agus anns a’ bhaile fhein bha dha no tri thogalaichean air an losgadh a b’ fhiach leis na bh’ annta mu cheud mile dolair.
Chaidh tòiseachadh air a’ churachd ann am Manitoba air a’ cheud latha dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Tha i nise ’n ìre mhath a bhi ullamh. Ma chinneas na chuireadh gu math, bidh a’ bhliadhna so air toiseach air gach bliadhna thainig roimpe anns na Roinnean an Iar. Cha’n eil soirbheachadh nan cearnan sin de Chanada ach a’ tòiseachadh.
TUBAIST AIR AN “t-SEAMRAG” —Tha e ro choltach nach urrainn do Shir Tòmas Lipton birlinn a thogail do nach eil an dàn tubaist air choireigin tachairt mu’m fàg i thall. Da bhliadhna ’n t-samhraidh so, thachair sgiorradh do’n t-Shamrock II a chuir beatha ’n righ an cunnart, agus anns an deachaidh sàbhaladh caol air gach aon a bh’ air bòrd. Agus cha’n eil an t-Shamrock III dad na’s fortanaiche. Air an t-seachdamh latha deug de dh’ April, nuair bhatar ga toirt a mach a chur réise ri da bhirlinn eile thainig oiteag làidir ghaoithe a sguab air falbh gach crann is seòl is ni eile bha os ceann clàir. Bha Sir Tomas fhein air a leònadh gu cràiteach, agus bha aon de na seòladairean air a bhàthadh. Cha chum so a’ bhirlinn o bhi air an taobh so dhe’n chuan a chur réise ris a’ bhirlinn Gheancaich aig an àm shonraichte.
Muinntir Leoghais.
Chhidh an Rùn chléireach Stàiteil air son na h-Alba maille r’a fhear-cuideachaidh do eilean Leòghais air an t-seachdain a dh’ fhalbh a dheanamh rannsachadh ás ur mu choir is mu fheuman an t-sluaigh. Tha fhios coitcheann aig na h-uile cionnus a tha cùisean anns an eilean ud. Tha mòran ann gun fhearann; agus tha iadsan a’ gearan. Tha feadhainn eile ann agus cha’n ’eil aca do fhearann na chumadh anam is corp ri chéile. Bidh muinntir eile a’ cumail a mach nach ’eil e gu feum air bith a bhi toirt fearann do na daoine bochda ud aig nach ’eil airgiod na or a cheannach stuic. Cluinnear sgeul air na nithean so a nis as ùr; ach tha dòchais math aig cuid gu’n dean am Morair Balfour Bhurleigh agus Mr Mac-Leòid an dìchioll a dheanamh air còmhnadh an t-sluaigh agus cuideachadh fhaotainn dhaibh. Bha iad ann an Steòrnabhaigh agus choinnich iad ri àireamh shònruichte do dh’ uailsean a’ bhaile a tha breithneachail mu chùisean do’n t-seòrsa, agus ásda so thaghadh còmhlan a bhios a’ cur nan oidhirpean a tha feumail air dòigh. Chaidh iad mu’n cuairt leis a’ bhàta gu Nis agus air an turus fhuair iad féin-fhiosrachadh air a bhi ann an stoirm agus ann an onfhadh fairge. An déigh dhaibh tighinn air an ais do Steòrnabhagh sheòl iad gu Lochaills, agus air Di-haoine chaidh am Morair Balfour troimh Ionar-nis ’na dhol deas. —Oban Times.
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. IV.
IS ANN A REIR MAR A CHUIREAS A BHUAINEAS SINN—AM MATH AN AGHAIDH AN UILC.
AN uair a chuidich an t-Osdair Adam do ’n diollaid mu choinneamh an doruis fhosgailte, sheall e le sùil fharraideach air Uilleam teith, a fhreagair e le ’cheann a ghnogadh, ’s e aig a cheart àm a toirt sgrìob le cùl a dhùirn tarsuinn a bheòil ’s a deanamh casad tioram no dha, a tharruinn e á grunnd a chléibh, gus a chur an cuimhn’ a mhaighstir gu ’n robh pathadh mor air. Mu ’n do thàrr an Caiptein socrachadh na ’dhiollaid, chaidh an t-each gu leum ’s gearradh shùrdagan iongantach, a thug air a’ mhaighstir sealltuinn le sùil amhrusach air an Osdair dhubh.
“Bha fios aig Uilleam,” ars’ esan ’s e freagairt na ceist a bha ’n sùil a’ Chaiptein, “gur toigh le ’ur mòrachd each meanmnach, ’s mar sin thug e dha, tha e ’g innse dhomh, cuman mor de ’n choirce a’s fhearr, gus e bhi comasach air an t-astar garbh a tha roimhe a dheanamh an tiota.”
Bha ’n t-each gun teagamh a nochdadh gu soilleir gu ’n deach spiorad a chur ann o’n a ghabh Uilleam a chùram; oir mu ’n d’ fhuair a mhaighstir an t-òsdair a fhreagairt, chaidh e á sealladh mar an dealanach ann am fras phuill is mholag, air an rathad gharbh suas an gleann, ’s am prioba na sùla shluig an dorchadas e, ’s dh’ fhàgadh an t-Osdair dubh agus Uilleam ri gàireachdaich aognaidh an aodainn a chéile le subhachas. Aig a cheart àm thàinig oiteag chuairteach nimheil a nuas an gleann a theab a chàraid thlachdar so a sguabadh o’n dorus, is thòisich an iarmailt dhubh ri cur a nuas pàirt dhe na bha ga ’tachdadh, air dhòigh cho bras, cho tiugh, ’s cho uamhasach, ’s nach bu chuimhneach leis an duine bu shine ’san dùthaich a leithid fhaicinn riamh roimhe, ’s cha robh dùil ac’ fhaicinn na ’dhéigh. Thionndaidh an t-Osdair dubh ’s thug e ’n dorus air ’s Uilleam ri ’shàil, is bha ’n sàth aca an dorus a dhùnadh na ’n dithis.
Cha robh ’n seann mhuileann dubh riamh ag amharc cho clùthmhor, le solus nan caoirean ’s a chrùisgein dhubh, ’s a bha e air an oidhche so, an sùilean a mhaighstir. Bha spiorad sgriosail a mhillidh m’a sgaoil: ach mar bu chruaidhe ’shian ’s a’ dhiosgan, ’s ann bu toilichte bha ’n t-òsdair a fàs; oir nach b’e so an oidhche, bha e smaointinn, a chuireadh, le ’chuideachadh fhéin agus Uilleim, crìoch air beath’ a nàmhaid, Caiptein Adam. Shuidh iad aig a bhòrd, an déigh do ’n òsdair searragan dubh a chur air eatorra air an robh fallus na h-aoise, gus am beagan coinnseas a bhàthadh leis agus an spioraid a thogail gu réis a chumail ris an stoirm a bha séideadh a muigh. Le sianail na gaoithe os a chionn, agus diosganaich nan seann taobhan dubha a cumail tìm ris, thog an t-Osdair dubh a ghuth aognaidh, mar fhitheach am broinn barailte, a ghabhail òran, agus le iomadh ceathramh grìsionn, chuir e le ’charaid ionmhuinn seachad a chuid bu mhotha dhe ’n oidhche iùnnraiseach ud, gus mu dheireadh nach seasadh an carcaisean teinnteach an còrr, is thuit an clod-chinn air a bhòrd, ’s an ùine ghearr thuit slaoid air gach taobh fodha, is bha iad gun chlì cùl ri cùl ’s na rodain a cluich ’s a leum thairis orra. Thug solus a chrùisgein duibh aon spàirn as, ’s an sin le nàire dhùin e ’shùil, ’s dh’ fhàgadh iad ’san dorchadas fhreagarrach, ’s bha srann na càraid a stigh ’s an t-sianail a muigh a deanamh oirfeid eagarra a bha freagarrach air cuairteachadh muileann dubh Ghlinn Duibhre.
[Vol . 11. No. 22. p. 3]
Tillidh sinn a nis agus leanaidh sinn Caiptein Adam, ged a tha ’n t-slighe garbh ’s an oidhche duaichnidh. Mar a chunnaic sinn chaidh e á sealladh mar an dealanach air an each mheanmnach, ’s dh’ aithnich e ’n ùine ghearr gu ’n robh ni-eiginn cearr air, oir, leis a mhirionnach eadar ’fhiaclan, lean e roimhe air a chaothach, ’s cha b’ urrainn a mhaighstir ach a chead a leigeil leis agus greimeachadh gu cruaidh air a ghath-muinge ’s e na leth shìneadh thairis air an diollaid. Cha robh Iain Gilpin no fear eile riamh na leithid de staid, agus faodar a thuigsinn nach b’ ann a beannachadh an òsdair a bha e. Cha do mhair an réis ro fhada; oir a cheart cho ealamh ’sa dh’ fhalbh e ’n tùs na réise, bhual e ’cheithir chasan roimhe, ’s e air chrith na chop falluis, is chaidh a mhaighstir mar am peileir seachad air a chluasan. Bha e àireamh mhionaidean na ’shìneadh far ’n do bhuail e, ’s gun e ro chinnteach co dhiu bha e beò no marbh, ach an ùine ghearr dh’ fhairich e saighead o laimh thun a chridhe, ’s air dha éirigh gu h-éiginneach na ’shuidhe fhuair e ’làmh dheas briste fo ’n ghualainn. Dh’ éirich e na ’sheasamh ’s sheall e mu ’n cuairt, ach cha bu léir dha ni. Chaidh e na bhreislich leis an fhuaim aognaidh a bha ga ’chuairteachadh, mar onfhadh nan tonn le stoirm á moran uaimhean, no mar eas Niagara air a mheadhain oidhche, bha ’n aon fhuaim iùnnraiseach na ’chluasan, ’s gach ball dhe ’chraicionn a bha ris ga fheannadh le neart na stoirm thiugh shneachda, a thug air gluasad mu ’m fannaicheadh e.. Bha Caiptein Adam an droch ghàbhadh gun teagamh air tàille a chuilbheirtean fhéin, ach bu shuarach a staid chorporra seach a staid inntinn ’san àm. Ghuidh e gun teagamh air Dia gus a theasraiginn—mar a ni sheòrsa ’n àm a ghàbhaidh, ged a ni iad tàir air ’Ainm naomh an uair a bhios iad gu clùthmhor na ’n seòmraichean tearainte—ach cha b’ ann le cridhe ceart, oir aig a cheart àm bha e deilbh na ’inntinn an diol a dheanadh e air an òsdair dhubh na ’m faigheadh e as a so gu bràth. Ghluais e air falbh, ach thuit e mu mheall a thachair ris, ’s a cur am mach a laimhe dh’ aithnich e gu ’m b’ e each fhéin a bh’ ann rag-mharbh. Bha ’n sneachd’ a nis air fàs cho domhain ’s gu ’n robh stràic air gach dìg is fròg, ’s bha gach loch agus sruth air an tachdadh leis. Chum an Caiptein a dol, oir bha e ’n tréin a neirt ’s bha ’bheatha milis, agus is mór a dh’ fhuiligeas duine air-son a sàbhaladh. Mu dheireadh an uair a bha e dol mar so iomadh uair, ged nach do rinn e moran astair, shuidh e air creig a leigeil analach, agus o’n a bha luchd trom na ’shùilean, smaointich e gu ’n leigeadh e leotha dùnadh tacan gus a chur seachad. An ceann dheich mionaidean bha ’chreag lom falamh, agus maighstir na bha mu ’n cuairt na ’shìneadh aig a bonn na ’shuain, ’s an stoirm a séideadh ’s ga ’thàladh, ’s an sneachd’ a tuiteam ’s ga ’chuibhrigeadh, ’s an dorchadas tiugh a cur a chleòca dhùbhraidh mu gach ni.
Dh’ éirich a ghrian gu h-òirdhearc an ath mhaduinn, ’s ma bha Nàdar na ’suidhe ’cruinneachadh neart mu ’n do thòisich an stoirm, bha i nis na ’cadal gu sèimh, ciùin, cho neo-chiontach ri pàisde bhiodh sgìth a mireag ’sa ghréin, ged is iomadh beatha duine agus ainmhidh a chaidh a dhìth ré na h-oidhche chaidh seachad. Bha sealladh iongantach ri fhaicinn air a mhaduinn so. Cho fad ’s bu léir do ’n t-sùil, stuadh os cionn stuaidh de shneachda, agus gach òganach bu treise na ’chéile le cuaille fada na laimh a deanamh an rathaid gu fàillidh feadh nam beann ’s nan gleann ag iarraidh chaorach; cuid eile ri ’m faicinn a leantuinn tiùrra na mara, no ruith thun a h-uile cnap a chitheadh iad, feuch dé chuireadh am fortan orra ri linn na stoirme.
Bha Eóbhain bàn am mach gu math moch air feadh na beinne ag iarraidh da othaisg a bha ga dhìth, ’s a shàbhaladh cuid duine sam bith eile a thachradh ris. Air dha tighinn mu ’n cuairt guala dheas beinn Aoidh, os cionn Ghlinn Duibhre, an déigh cuairtean sgìtheil a chur gun bhuaidh, shuidh e ’s e sgìth air creig ri aghaidh na gréine, ’s thug e làmh air aran is càise a chur Màiri bheag na ’phòcaid an àm falbh. Air dha ’chasan fada ’shìneadh bhuaithe gus pàirt dhe ’n sgìos a leigeil asda, dh’ fhairich e meall bog fo bhàrr a bhròige fo ’n t-sneachda a thug air cromadh sios ag ràdh, “Caora bhochd le cuideigin.” Ach cha bu chaora fhuair e idir an uair a ghlan e ’n sneachd air falbh, ach a dhearg nàmhaid, Caiptein Adam, fuar gun chlì. An ùine ghearr bha e aig an t-sealgair air an lic bhlàth fo shùil na gréine ga ’shuathadh ’s ga chrathadh, ’s an ùine gun a bhi fada chuir e fuil a nàmhaid gu gluasad gu mall na ’chuislibh fuar. Shad e dheth a’ bhreacan, ’s a pasgadh Adam ann, thug e aghaidh, ’s cha b’e sin an sùgradh troimh ’n t-sneachda dhomhain, air a bhaile; oir le òl agus stròdhalachd cha robh ’n Caiptean na ultach aotrom idir. An àm gluasad o’n chreig chual’ Eóbhain bàn donnal air a chùlaobh, ’s a tionndadh chunnaic e ’n cù luirg aig an òsdair dhubh a tarruinn dlùth, is ceann cràsgach a mhaighstir a nochdadh mu ’n cuairt guala na beinne, ach cho luath ’sa chunnaic e ’n sealgair chaidh e á sealladh mar am fùdar. Bha rud an dàn do ’n Chaiptein gu dearbh, leis gach sàbhaladh caol a chaidh air an iomlaid nan ceithir-uaire-fichead a chaidh seachad. Lethach rathaid dhachaidh dh’ fhosgail e ’shùilean, ’s an uair a chunnaic e co bha ga ’ghiulan, thuirt e le feirg, ’s a bhilean air chrith, ris an fhear a shàbhail a bheatha dha, ’s a bha nis gu fannachadh ga ’ghiùlan: “Leig as mi ’sa mhionaid. B’ fhearr leam am bàs fhulang seachd uairean na bhi na d’ chomain-s’ air a son.” Cha do leig an sealgair air gu ’n cual’ e e, ach le braon falluis ga ’chòmhdach ghreas e cheum na b’fhearr. Ach an ùine ghearr chaidh fear a’ Bheallaich gu aimstil, gu sgròbadh ’s gu breabadh ag iarraidh a shaorsa; oir cha robh teagamh aige— ’s e leughadh rùin inntinn dhaoin’ eile troimh ’lòchran toitidh, mùgach fhéin—nach robh Eóbhain a dol ga ’chur ris a cheud bhearradh creige a thachradh ris. B’ fheudar do ’n t-sealgair a leigeil as mu dheireadh, agus ghabh e pios air adhart mar gu’m biodh e dol ga ’fhàgail. Ach mu ’n deach e fada chual’ e ’n Caiptein a grìosadh ris tilleadh ’s a thoirt dhachaidh, ’s gu ’n e bhith cho beag iochd is duine leth-mharbh fhàgail a bàsachadh ’s a mhòintich choimhich. So nàdar cuid de dhaoine. Thill Eóbhain bàn, ’s gun ghuth a ràdh thog e leis e, ’s cha do dhealaich e ris gus ’n do dh’ fhàg e e an tigh a Bheallaich na leabaidh sheasgair fhéin. An uair a bha Eóbhain a tionndadh thun an doruis, dh’ iarr an Caiptein air stad tiota, ’s a tionndadh ris an dotair thuirt e ris:
“Gheibh thu sporan am pòc’ achlais mo chòta— ’s e sin ma tha e far ’n do chuir mis’ e. Bu chòir tri buinn òir a bhi ann, agus bi cho math ’s gu ’n toir thu iad do ’n duin’ òg so, mar dhuais air-son na rinn e air mo shon, gus a chomain a dhìoladh.”
“Cum d’ òr agus do sporan na d’ phòcaid,” ars’ Eóbhain le aodann teith; “ma chuir thu innt’ e, tha e ann fhathast. Cha ’n ’eil mise ’g iarraidh duais; cha do smaointich mi riamh na m’ chridhe air a leithid, no gu ’n robh mi ga d’ chuir fo chomain; oir cha do rinn mi air do shon no riut ach rud a dheanainn ris a mhadadh a’s suaraiche ’sa bhaile, ach e thachairt rium ’san aon staid éiginn!” Le so a ràdh thionndaidh an sealgair air a shàil, ’s chuir e aghaidh air a dhachaidh dhìblidh fhéin.
(Ri leantuinn.)
ORAID AIR DONNACHADH BAN.
CHAIDH an oraid a leanas a labhairt aig coinneamh a bh’ aca san Oban an 21 là dhe ’n Mhàrt, a chumail air chuimhne latha breith Dhonnachaidh Bhàin. Bha a’ choinneamh fo sgiath a Chomuinn Ghàidhealaich—meur an Obain—agus bha am Fear-riaghlaidh, Iain Mac-a- Mhaighstir Caimbeul, anns a’ chathair. Labhair an lighiche Coinneach Caimbeul mar a leanas:—
Mur robh mi ’n dé ’am Beinn Dòrain, bha mi Di-Sathuirne ’an Gleannurchaidh, agus choisich mi-fhéin agus caraid gu Clach-chuimhneachan Dhonnachadh Bhàin. ’S e h-ann aitreabh ghrinn a’s fhiach a faicinn. Tha i air a togail de chlach chruaidh Abareadhain. Tha mu fhichead troigh de dh’ àirde innte. Cha’n ’eil i idir mi-choltach ’n a cruth ri aitreibh-chuimhneachan Burns ann an Dun-éideann. Tha i suidhichte air cnoc cruinn gorm ri taobh rathad-mòr an righ, eadar Gleann-urchaidh agus Inbhir-Aora. Is maiseach an sealladh a tha ri fhaicinn uaipe de bheanntan, de ghleanntan, de mhonaidhean, de shléibhtean, de aibhnichean ’s de choireachan; arsa am Bàrd fhéin,
“O, ’s mìorbhuilteach na beannan iad,
Le biolair uaine ’s fìor-uisge,
Deoch uasal riomhach cheanalta,
Na blàran a tha prìseil.
’S fàsaichean ’tha lìonmhor;
O, ’s ait a leig mi dhiom iad,
Gu bràth mo mhìle beannachd leò!”
’S e “Creagan nan caorach” a’s ainm do ’n chnoc far am bheil an aitreabh air a togail. Na ’n tigeadh Donnachadh Bàn beò a ris, cha mhath a chòrdadh an t-ainm ris. Ma bha gràin aige air ni sam beò a chaidh a chruthachadh, ’s ann air na caoirich cheann riabhach—na caoirich mhaol. Ann an “Oran nam balgairean” tha e ’g ràdh,
“Mo bheannachd aig na balgairean,
A chionn a bhi sealg nan caorach.
An iad na caoirich cheann-riabhach
’Rinn aimhreit feadh an t-saoghal?
Am fearann a chuir fàs oirnn.
Is am màl a chuir ’an daoiread?
Dh’ fhalbh na gobhair phrìseil,
Bu rìgh a dh’ ordaich saor iad.”
Tha ochd fichead bliadhna ’s a naoi-deug, an nochd, bho’n a rugadh Donnachadh Bàn Mac-an-t- Saoir ann an Druimliaghart ’an Gleannurchaidh. Cho fada ’s tha fhios agam ’s i so a’ cheud uair a chruinnich àireamh de luchd-dùthcha a thoirt urraim dha ’sa bhi smaointeachadh air, a bhi bruidhinn air agus a bhi seinn a chuid òran. Tha e mar chleachdadh aig na Goill a bhi cumail Oidhche Bhurns agus is fhiach e sin. Cha’n ’eil Gàidheal an so an nochd nach aontaich leam ’nuair a their mi nach robh gaoth mìos dheireannach a’ gheamhraidh a shéid air Rob Burns an oidhche a rugadh e idir cho làidir no idir cho fallain ri fonn na gaoithe ’bha seinn a nuas Gleannurchaidh an oidhche a rugadh Donnachadh Bàn.
“ ’S am faileadh
’Th’ air mullach nam beann arda
Chuidich e gu fàs mi,
’S e rinn domh slàint is fallaineachd.”
Tha mi ’n dochas an ath-bhliadhna gu ’m bi cha ’n e ’mhain a h-uile Ghàidheal san Oban a’s fhiach an t-ainm, ach na Gaidheil gu léir aig an tigh agus air fògaradh, a’ leantuinn an eisimpleir a tha sinn a’ toirt dhaibh an nochd, agus nach di-chuimhnich iad an t-urram agus an cliu a bhuannaich Donnachadh Bàn d’ ar dùthaich le bàrdachd cho binn, cho glan, agus cho fìrinneach ’s gu feudadh sluagh air thalamh a bhi pròiseil dheth.
Mar a thubhairt mi cheana, rugadh Donnach-
[Vol . 11. No. 22. p. 4]
adh Bàn anns a’ bhliadhna 1724, agus shiubhail e ’sa bhliadhna 1812, ann an Dunéideann. Ràinig e mar sin ceithir fichead bliadhna ’s a h-ochd. Cha deachaidh eachdraidh sam bith a sgriobhadh air ’an Gàidhlig fhathast, agus glé bheag ’am Beurla. Na ’m b’e Gall a bh’ ann bhitheadh leabhraichean mòra reamhra air an sgrìobhadh m’a dhéighinn. Bhiodh e air innseadh dhuinn c’uin a chaidh a bhaisteadh, agus ciamar a chòrd an t-uisge ris; bhiodh fhios againn c’uin a chaidh e bhar na cìche, agus c’uin a thòisich na fiaclan air cur dragh air; bhiodh cinnteas againn c’uin a chuir e a cheud bhrigis air (ged nach do chuir am bàrd againn moran dragh air brigisean riamh), agus ’dé dh’ fhairich e ’nuair a ghabh e a cheud tarruing de ’n phìob-thombaca. Ach cha ’n e Gall a bh’ ann, agus is math nach e; ’s e bh’ ann mac dhuine bhochd—cha bu mhisd e sin—agus cha robh e riamh air taobh-stigh doruis tigh-sgoile. Mar sin cha d’ ionnsaich e leughadh, agus cha b’ fheàird e sin. Abraidh daoine nach robh fòghlum aige; bha fòghlum aige, agus an seòrsa ’tha na ’s duiliche ionnsachadh na am foghlum a tha anns na leabhraichean. B’ iad a mhaighstirean-sgoil na beanntan, na creagan, na h-uillt, na coireachan, ’s gach ni beò a chruthaich Dia a thoirt tlachd is toilinntinn do dhaoine; b’ iad sin a mhaighstirean, agus is math a dh’ éisd e riu.
Smuaintichibh tiot air a’ ghille òg a’ siubhal nam beanntan leis fhéin, a shùilean cho fosgailte air dhòigh ’s nach robh nithe falaichte bhuaith, a chridhe agus ’aigne air an lionadh agus a’ lasadh le mìorbhailteachd obair a’ Chruitheir; gach ni beò a’ lionadh ’inntinn le iongantas agus le aoibhneas, gus mu ’dheireadh nach b’ urrainn e cumail air féin na b’ fhaide, ach, mar smeoraich air craoibh, thòisicheadh e air seinn cliù gach ni a bha e faicinn.
Cha ’n ’eil forfhais againn air a’ bhàrd a rìs gus a’ bhliadhna 1745, ’nuair a dh’ fhàg e ’dhachaidh ’sna beanntan air an robh e cho eòlach, ’s cho gaolach, agus a thug e airm an Rìgh air; ’s ann mar so ’thainig e mu ’n cuairt: —Bha duine uasal ann an Gleannurchaidh do ’m b’ ainn Mac-an-Fhleisdeir. ’Nuair a fhuair e gairm bho ’n Rìgh a dh’ iarraidh air a bhi togail air gu grad agus a dh’ fhalbh còmhla ris na saighdeirean dearga ’an aghaidh Phrionnsa Tearlach, cha robh blàthas-inntinn aige air an obair idir: tha mi cinnteach gu ’m b’ fheàrr leis a bhi air taobh a’ Phrionnsa. Cha ’n fhac’ e na b’ fheàrr na ’dhol gu Donnachadh Bàn agus iarraidh air falbh ’n a àite, fo ghealltanas gu ’n toireadh e dha mar dhuais, trì cheud marg. Dh’ fhalbh Donnachadh Bàn, agus claidheamh cheannard Chlann-an-Fhleisdeir air a leis: “Claidheamh sinnsireachd a sheanair.” Bha Donnachadh aig Blàr na h-Eaglais-Brice, agus chaidh an ruaig a chur air na saighdearan dearga agus Donnachadh Bàn ’n am measg. ’N a chabhaig thilg e bhuaithe an claidheamh, agus a réir coltas cha b’ fhiach a ghiùlan fada:—
“Mòran iaruinn air bheag faobhair,
Gu ’m b’e sud aogas a’ chlaidheimh
’S e gu lùbach leumnach bearnach,
’S bha car càm ann anns an amhaich;
Dh’ fhàg e mo chruachainnse brùite
Bhi g’ a ghiùlan feadh an rathaid,
’S e cho trom ri cabar feàrna,
’S mairg a dh’ fharraideadh an robh rath air.”
“An claidheamh dubh nach d’ fhuair a sgùradh,
’S neul an t-sùigh air a leth-taobh.”
Tha sinn duilich gu ’n robh am bàrd air an taobh cheàrr an latha sin. Bha e-fhéin duilich cuideachd:
“Nuair a chruinnich iad an ceudan
’N là sin air Sliabh na h-eaglais,
Bha ratreud air luchd na-Beurla.”
Cha ’n ’eil teagamh nach robh e duilich a bhi ’m measg luchd-na-Beurla an latha sin:
“Cha d’ fhuair sinn facal commannd
A dh’ iarraidh ar naimhdean a sgathadh,
Ach comas sgaoileadh feadh an t-saoghal
’S cuid againn gun fhaotainn fhathast.”
Aig an àm so cha robh am bàrd ach glé òg, mu bhliadhna thar fhichead. Bho ’n àm so gus a’ bhliadhna 1793, chuir e seachad a’ chuid mhor d’ a bheatha, gus an robh e tri fichead ’s a naodh, ’n a shealgair ’san dùthaich mu chuairt Beinn Dòrain, Coire-cheathaich, agus Buachaill Eite.
Cha ’n ’eil fhios agam c’uin a thachair e an thoiseach air Màiri bhàn òg. Rugadh i ’n taobh Màm-charraigh ’an Gleannurchaidh. ’S e baran a bha ’na h-athair; bha i mar sin na b’ fheàrr-dheth ’s an t-saoghal na ’bha Donnachadh Bàn. Fhuair e a cheud sealladh dhi aig bòrd Tigh-osda Dhail-Mhic-Dhiarmaid, faisg air an àite ’sam b’ àbhaist féill na dùthcha ’bhi air a cumail. Ghabh e gaol mòr oirre. Ann am fear dhe na h-òrain a rinn e dhi tha e ’g ràdh:—
“Sin ’nuair chuir Cupid an t-ultach ’am bhroilleach
De shaighdean corranach caol’
A dhrùidh air mo chnislean, chuir luchd air mo choluinn
Leis an do thuit mi ge b’ oil leam, ’s gu’n d’ aom,
Dh’ innis mi sgeul do’n té ’rinn m’ acain
Nach léigh a chaisgeadh mo ghaoid;
’S e ’léighis gach creuchd, i-féin le ’feartan
Theachd réidh ’am ghlacaibh mar shaoil.”
Faighibh uile an leabhar agus leughaibh an t-òran dhuibh féin: ’s math a’s fhiach e sin; cha ’n ’eil òran-gaoil ’n ar cànain cho briagh ris. Cò an nighean a b’ urrainn cùl a chur ri leithid sin de shuiridhe, gu h-àraidh ann am pearsa duine cho tapaidh, fearail is eireachdail ri Donnachadh Bàn nan òran? Phòs iad, agus bha aon nighean aca, “Iseabal òg an òr-fhuilt bhuidhe.” ’Nuair a bha Cupid a’ cur nan saighdean caola ’n a chridhe, thubhairt am bàrd mu thimchioll a mhnatha,
“Na ’m faighinn an dràst do chàradh daingean
’An àite falaich o’n eug;
Ged thigeadh e ’d dhàil, is m’ fhàgail falamh,
Cha b’ àill leam bean eil’ ad dhéigh.”
Bha i na b’ fheàrr mar a bha i; chaidh iad troimh ’n t-saoghal còmhla is dh’ fhàs iad sean le chéile.
Anns a’ bhliadhna 1768 chaidh a chuid òran a chlò-bhualadh air son na ceud uaire, agus thug e turas troimh ’n Ghàidhealtachd a reic a leabhair. Thàinig an dara chlò-bhualadh a mach ’s a’ bhliadhna 1790, agus an treas fear ’s a’ bhliadhna 1804. Bha e mar chleachdadh aige turus a thoirt troimh ’n Ghàidhealtachd mu ’n tigeadh an leabhar a mach, agus a bhi reic an leabhair roimh làimh. Aig deireadh an treas chlò-bhualaidh tha ainmean nan daoine a cheannaich an leabhar ’s a’ bhliadhna 1804; bha mu dheich thar fhichead dhiubh ’s an Oban.
Anns a’ bhliadhna 1793, chaidh Réisimeid Bhràghaid-Albainn a thogail. Bha Donnachadh Bàn a nis a fàs sean; bha e aig aois, co-dhiu, anns am bi daoine a’ smaointeachadh air fois is sìth: cha b’e sin dhasan e. Thog e air, agus cha deanadh ni an gnothach ach gu’n toireadh e oidhirp eile air saighdearachd, agus rinn iad ceannard air dusan saighdear dheth. Tha so a dearbhadh dhuinn gu’n robh e eòlach air dreuchd is obair an t-saighdeir, agus nach b’i a’ ghealtaireachd a thug air claidheamh Mhic-an-Fhleisdeir a thilgeadh bhuaith là Blàr na h-Eaglaise-Brice. Anns a’ bhliadhna 1799, chaidh an reisimeid a sgaoileadh, agus bha Donnachadh mu choig-bliadhna-deug agus trì fichead a dh’ aois. An d’ thug e Gleann-urchaidh air? ’S e nach d’ thug. ’S e an ath ni a chluinneas sinn m’ a thimchioll, gu bheil e ’n a shaighdeir ann am Freiceadan Dhuinéideann. Bha e latha a bha sud aig dinneir ’an Dunéideann agus bha mòran a làthair nach tuigeadh a’ Ghàidhlig. Dh’ iarradh air Donnachadh Bàn an t-altachadh a ràdh. ’Nuair a chrom na bodaich Ghallda an cinn, ’s e so a thubhairt e le mòr dhrùdhadh:—
“Nach truagh nach robh mise air Buachaill’ -Eite
Is àird mo shléisnean de shneachd air,
’S h-uile Gall ’an Dunéideann ’am dhéigh
’S iad casruisgte. Amen.”
Anns a’ bhliadhna 1802, thug e aon turus eile dhachaidh. Air an naoitheamh latha deug de mhios meadhonach an Fhoghair, sheas e air-son an uair mu dheireadh air Beinn Dòrain. Bha ’shealladh a’ fàillneachadh, ’s a cheum a’ fàs fann, ach bha ’aigne ’s ’inntinn cho soilleir ’s a bha iad riamh. Is briagh ged is cianail an sealladh sud, an seann Bhard toirt a chead deireannach do na beanntan am measg an do chaith e chuid mhòr dhe ’bheatha. An ath latha chuir e mach fuil a chridhe (ma dh’ fhaodas mi a ràdh) anns an dàn mhiorbhailteach sin, “Cead deireannach nam beann.” An ath latha dh’ fhalbh e do Dhunéideann, far an do shiubhail e ’s a’ bhliadhna 1812.
Cha ’n ’eil mi dol a radh a’ bheag tuille; chum mi fada gu leòir sibh. Tha sgoileirean Gàidhlig aontaichte nach d’ rugadh bàrd ’s a’ Ghàidhealtachd a rachadh os ceann Dhonnachadh Bhàin; ma bha duine a rachadh faisg air, b’e sin Mac Mhaighstir Alasdair. Fhad ’s a sheasas Beinn Dòrain bithidh iomradh air Donnachadh Bàn agus air na h-òrain a rinn e air a’ bheinn sin agus air Coire-cheathaich. Faighibh an leabhar agus leughaibh a chuid òran, agus mar tha mise, bithidh sibhse toilichte gu ’n do thòisich sibh, agus cha bhi e furasda dhuibh stad.”
Chaidh an oidhche chur seachad gu cridheil a seinn òrain a’ bhàird agus ag aithris sgeulachdan Gàidhealach.
Litir a Priomh-bhaile Chanada.
FHIR-DEASACHAIDH IONMHUINN, —Tha fuachd a gheamhraidh a nis air dhol seachad, ’s ged tha ’n seanfhacal ag radh “nach tig fuachd gu’n tig earrach,” cha robh an t-earrach so aon chud buileach fuar no fada. Thuit moran sneachda ’sa gheamhradh, ’s leis a bheagan reothadh a bha ’san talamh, cha robh an aiteamh ’s blàths na gréine fada ga ’leaghadh. Bha e na ’ni fàbharach nach do dh’ falbh e le tuil mar a thachair uair is uair roimhe so, nuar bhitheadh a mhuinntir tha ’gabhail còmhnuidh an taic na h-aibhne ann am mor-chunnart.
Cluinidh sinn rithist glagarsaich ’s gleadhraich nan cuidhlichean air na sràidibh bho mhadainn gu feasgar, ’s am fear a tha déidheil air a chadal maidne bidh e air a dhùsgadh tràth leis na cairtearan bainne nan teann-ruith air a chabhsair. Tha e duilich so a leasachadh, ’s cha ’n eil teagamh nach bi chùis mar so “cho fada ’sa bhitheas bainne aig boin dhubh.” Cha chuir tuasaid dhe’n t-seorsa so dragh air tuathanaich no iasgarean na sgire ged ’s cinnteach gu bheil “a smudan fhein á ceann gach fòid” ’s aobhar no dha aca air-son moch-eirigh. Nach àluinn an samhla tha am bàrd a toirt dhuinn air a mhadainn anns an rann so:
“Gur pailt gach flùr a’ fàs gu dlùth
Air madainn chùbhraidh Mhàigh ann
Gach doire beò le ceòl nan ian
Nuair dh’ eireas grian le fàilt ann.”
Tha am MAC-TALLA tighinn thugam aon uair san da sheachduin ’s gu dearbh ’s math an airidh e air fàilte chridheil. Cha’n eil e coltach ris na paipeirean mora anns a faigh sinn tomhas math bhreug. “Is fhearr duine bochd ’s e firinneach na duine saoibhir ’s e breugach.” ’Sann mar sin a dh’ eirich do ’n MHAC-TALLA, ged tha e beag tha e fìrinneach.
Tha mor speis agam dha na seann òrain bhlasda, binn, tha sibh a cur an clò, ’s dha na litrich-
[Vol . 11. No. 22. p. 5]
ean pongail tha an dràsda ’sa rithist ann, gu sònraichte litrichean Iain Rothaich, a tha ’toirt cunntais air an t-seann mhuinntir a dh’ fhàg St Anns, beagan bhliadhnadhan mu’n d’ rugadh mi, ach air an cuala mi iomadh iomradh cliùiteach agus treidhireach. Cha ’n eil mi deanamh mi-bhuil de na sean-fhocail a tha mi leubhadh ann bho àm gu àm, ’s tha cruinneachadh math agam dhiu, ged tha chuid nach deach fhathast an clò na’s brioghmhora na tha iad dreachmhor.
Tha mi toilichte bhi ’faicinn gu bheil e na’r comas a bhi toirt seachad duaisean air son litrichean Gàidhlig ged tha mi dhe ’n bheachd gur th’ ann bu chòir dha na h-uile fear anns a bheil smior na Gàidhlig ’bhi toirt dhuibhse duais air son na tha sibh a deanadh chum an cànain aosda bhlasda thainig a nuas troimh linntibh thar chunntas a chumal suas. Gun teagamh na ’m bitheadh an luchd-leughaidh dìleas agus duineil bhitheadh an comas sin agaibh. Cha’n eil agamsa air ach mar a thubhairt a chailleach a bha air mhisg, “Is math ma mhaireas.”
Cha ’n eil na Gàidheil lionmhor ’sa bhaile so ach am beagan a th’ ann tha iad gle mheasail air a chànain a dh’ fhàg an sinnsir aca mar dhìlib, ’s tha iad uile ’guidhe gu ’n soirbhich gu math le ur paipeir grinn.
Cha ’n eil aobhar a bhi ’g innse dhuibh gu bheil an Ard-Phàrlamaid na suidhe aig an àm so ’sa bhaile. Tha na h-Oraidean Cìse ’s Achd an Ath-roinn fhathast rompa, ach le inntinean seòlta cha bhi na nithe so doirbh dhaibh a chur air doigh, gu sonraichte nuair tha an Ard-chomhairliche cho slàn ’s cho froganta ’sa bha e riamh.
Is e an t-iongantas a ’s mo chi fear-siubhail ’sa bhaile so na h-easan th’ aig gach ceann dheth, tha ’g uidheamachadh muillnean dheth gach seòrsa, gu inbhe bhig, neo-chosgail dha na sealbhadairean. A bhàrr air so, tha iomadh togalach grinn ann, ’s cha bu chòir dhomh di-chuimhne dheanamh air a bhothan-coille anns na ghabh am Prionnsa, Diùc York, a dhinneia nuar bha e air chuasrt ’san dùthaich.
Bidh mi nis a toirt mo litir mi-dhòigheil gu crioch. Cha ’n eil i airidh air duais na deagh chliù, bho ’n tha fios agam gur “iomadh boineid ghorm a th’ air an fhéill,” ach coma co dhùibh, bidh mi “sa chuideachd, mar bha cù luideach a cheaird.”
Le mor dhùrachd agus beannachdan, Is mi do charaid,
CALUM DUBH.
Ottabha, 4mh latha deug de ’n Ghiblean.
Aobharan Air-son a bhi Seachnadh an Oil.
LE P. MAC GRIOGAIR.
“Cha ’n uisge-beath’ ach uisge bàis,
An t-uisg’ a’ chràdh mo chridh’ am chom;
An t-uisge dh’ fhag mo cheann-sa liath;
An t-uisge dh’ fhag na ciadan lom.”
—Seann Rann.
THA an t-òl a toirt iomad olc ’n a lorg; agus tha iomad aobhar aig daoine airson a sheachnadh gu tur.
1. Tha e cronail do ’n t-slainte agus do ’n inntinn. Cha chaisg deoch laidir patha, agus cha’n ’eil brigh innte mar bhiadh. An aite sin ’s ann a tha i a losgadh a ghoile, agus a cur buaireas ’s an eanachainn. Ma ’s math leat a thuigsinn ciamar a loisgeas deoch laidir an goile, laidh air do dhruim, agus leig le aon bhoinne uisge-bheatha sileadh a’ d’ shùil, agus an sin tuigidh tu. Tha an deoch cho cronail do ’n ghoile ’s a tha i do ’n t-suil. Chuir an Cruithear am fear faire aig an dorus, agus cha’n ann am meadhon an taighe, far nach deanadh e feum. Tha blas sgaiteach, loisgeach alcohol a feuchainn gu soilleir nach biadh no deoch e: ach nuair a ruigeas e ’n goile, tha e staigh, ’s cha ghabh e toirt-amach: agus uime sin tha an goile gun fhaireachduinn.
Bho cheann corr is leth-cheud bliadhna, chaidh gill’ òg, d’ am b’ ainm Alecsis Saint Martin, a lot’ ’s a bhroilleach, le urchair sgiorrail, aig Macina, am Michigan. Leighis an lot; ach dh’ fhuirich fosgladh mu choinneamh a ghoile, air dhoigh ’s gu’n gabhadh a thaobh a’s taigh faicinn. Uair air ’n uair, thug Saint Martin car air an òl; agus ’s e thainig a sin gun robh a ghoile air fheargnach a’s air iongarach. Ach cha robh mothachadh aigesan nach robh gach ni mar bu chòir.
An aite pathadh a chasgadh, ’s ann a thogas alcohol tart: agus a thaobh beathachadh, cha dean e aon chuid feòil na cnaimh. Bheir e neart a mhain mar a bheir buaireas caothaich neart do dhuine gòrach, no mar a bheir a chuip ’s an spor spionnadh do ’n each. Nuair a dh’ fhalbhas am buaireas, tha e a fagail duine fann, mar a ni buaireas teasaich; agus ma tha duine ’g a ghnàthachadh, tha e a togail galaran no éucailean air bith do ’m bheil duine buailteach. Tha e a sgalldadh, agus uime sin ag anfhannachadh, gach ball do ’m bean e, am feadh ’s a tha an fhuil ’g a’ sgaoileadh air feadh a chuirp gu leir. Tha fiosrachadh shaighdeirean agus sheoladairean, anns gach tìr, a feuchainn gum bheil iad ni ’s cruadalaiche agus ni ’s treise, far nach ’eil iad a faighinn boinne dibhe, na far am bheil i air a dàladh amach ’s an t-seann doigh; agus tha mothachadh a chinne-daoine air fad a dearbhadh gum bheil iadsa nach eil ’g a blas gu mòr ni ’s fad-shaoghalaich na iadsa a tha ’g òl, mar a theirear, an cuimse.
Tha daoine aineolach ag òl ri fuachd g’ am blàthachadh, agus ri teas g’ am fionnarachadh, mar gun seideabh i teth a’s fuar. Agus gu dearbh tha i an toiseach a teasachadh, agus a rìs a fuarachadh; ach ’s e ’n truaighe gum bheil am beum teth a marbhadh ri teas, agus am beum fuar ri fuachd. Nuair a sgaoileas alcohol air feadh na fala, tha e a cur teas mi-nadurra air feadh a chuirp; agus ma thig teas sgaiteach bho ’n taobh amach, aig a cheart àm cuiridh iad as do ’n duine. Bha mise am baile-mor New York air ciad mhios an fhaoghair, ’sa bhliadhna 1853. Air latha Sàbaid, mu mheadhon a mhios, dh’ eug ceud pearsa ’s a tri le beum greine. Fhuaras amach gun robh gach aon diu sin ag òl, an deighe an tuarasdail fhaotuinn Di-sathuirne. Bha an latha roimhe sin ni bu teotha na ’n t-Sabaid; ach cha do bhasaich moran an sin leis an teas, on nach robh moran òil air uidh.
Air an laimh eile, tha teasach alcohol a fagail duine fann, air dhoigh ’s gum bheil e deas air meileachadh le fuachd; agus tha so tric a tachairt an America mu Thuath, far am bheil geamhradh fuar a leantuinn samhradh teth. Bha Iain, mac do ’n Chuimeineach Mhòr, a dol suas an duthaich, á Kingston, an Canada, latha ro fhuar geamhraidh mar ri Frangach, gach fear ’n a shlaod fhein. Bha am Frangach a gabhail gloine no dha de bhranndi aig gach tigh-osda air an rathad. Thug an Cuimeineach rabhadh dha gun robh sin cunnartach; ach cha do ghabh e feart. Nuair a rainig iad ceann an uidhe, cha do ghluais am Frangach: bha e fuar marbh.
Tha an t òl a milleadh fradharc nan sùl agus claisneachd nan cluas, cho math ri lùs nan lamh. Tha am poiteir prab-shuileach a’s maol-chluasach; agus tha a lamh fuar, bog, mar mhìr de mhairt-fheoil amh. Ach ’s e mar a dhrùidheas e air an eanachainn, caithir na beatha, buaidh a ’s miosa air alcohol. Tha duin’ air mhisg as a chiall, agus cha’n ’eil a thùr nadurra a pilltinn gus am falbh an deoch. Agus ma bha e trom oirre, math a dh’ fhaoidte nach pill sin ri latha. Tha iomad neach ’s na taighibh caothaich leis an òl. Tha so a milleadh na meamhaire, agus a toirt air falbh toinisg duine, air dhoigh ’s gum bheil e a fás leanabail, no mar neach an am breisleach na h-aois.
Uime sin a leughadair, ma’s math leatsa t’ fhuil a bhi fallain, do shuil a’s do chluas geur, do lamh diongalta, agus do thuigse gun fhàillinn, seachainn an t-òl. Thoir aire, cuideachd, gum bheil an deoch a claonadh a chridhe. Tha i a deanamh duine brùideil, fuar-chridheach. Ma gheobh am pòiteir pailteas dibhe, ’s coma leis ciamar theid leis an t-saoghal gu leir. Chi sinn e gu tric a caitheadh a thuarasdail airson dibhe, agus e gun sgoinn d’ a chloinn lom, acrach. Chunnaic mise, uair a’s uair, an Dun-eideann, sreathan de bhrògaibh cloinne, a chuir am maithrichean an geall airson uisge-beatha.
2. Tha an neach nach oil boinne tearuinnte bho ’n mhisg. Cha’n ’eil neach air bith titheach’ air dibhe gus an cleachd e i: agus mur òil duine boinne, is cinnte nach tig e a chaoidh gu bhi ’n a mhisgeir, no trom air òl. Ach tha moran an duil gum fan iadsan air cuimse, agus nach ’eil cunnart gum bi iadsan air an daoirich fad am beatha. Gidheadh tha gach aon diu sin an cunnart nach beag. Bha gach poiteir air thalamh, ’s a cheart bharail; agus ’s e sin a thug sios e. Nam bitheadh e mi-earbsach, sheachnadh e an deoch; ach on a bha e cinnteach, dh’ òil e; agus uime sin thuit e. Tha fein-speis iomad fear a cagradh ’n a chluais, “Bheir mise deagh aire nach tig mise a chaoidh gu bhi ’m mhisgeir.” Ach co no ciod thusa, thair na milltibh gun aireamh a thug beagan air bheagan gu dubh phoiteireachd? Mur seachainn thu ’n t-òl, math a dh’ fhaoidte gum bi thusa air fear de na mheallar leis an dibhe, bho laithibh Sholamh gus an diugh. Ciod air bith a tha e a creidsinn no a saoilsinn, cha ’n ’eil cinnteachd air bith aig an fhear a dh’ òlas nach tig esan gu bhi ’n a phoiteir, mar a thainig cunntas gun aireamh roimhe. Agus uime sin, a reir an t-seanfhacail, “ ’S fhearr a bhi cinnteach na bhi caillte.”
Osbarr ’s e an t-òl a sheachnadh gu h-iomlan is fhasa, mar is e an doigh is sàbhailte. Mur òil duine boinn’ idir, cha’n ’eil sireadh aige air dibhe, na togradh rithe: ach ma dh’ òileas e beagan, tha sin ro dheas air iotadh a thogail airson tuille. Tha a chiad ghloine mar sin a fosgladh an doruis airson pòit; agus ma sheachnar i sin, cha’n eil cunnart ’s an dara gloine. “Ma gheobh mise aon ghloine,” thuirt duin’ uasal riumsa, bho chean ghoirid, “tha mi ’n sin titheach air te eile.” “Tha thusa, ’s a chuis sin,” fhreagair mise, “coltach ris a chuid mhòr de dhaoine.” Agus chi thusa, a leughadair, gur e sin an fhirinn. Uime sin bi thusa ro fhaicilleach an aghaidh na ciad ghloine.
3. Tha an neach nach oil a toirt deagh eisimpleir do chach. Is treise eisimpleir na earail; agus uime sin is beag brigh do dhuine a bhi comhairleachadh d’a chloinn ’s d’a choimhearsnaich an t-òl a sheachnadh, fhad ’s a tha e fhein ag òl. Bidh a ghniomh ni ’s druidhtiche airson na dibhe na bhios fhacail ’n a h-aghaidh. Osbarr ’s e eisimpleir an duine nach òl ach beagan is fhaide theid na doighean a mhisgeir, a tha na bhall-magaidh aig moran. Agus gu dearbh ’s iad na daoine a dh’ òileas am measarrachd a tha cumail suas na pòit. Tha na misgeirean a triall do ’n t-siorruidheachd le ceumaibh luath; agus cha b’ fhad an uine gus am bitheadh am fear mu dheire dhiu marbh, mur bitheadh an aireamh air a cumail suas bho fheachd nan daoine speisealta nach oil thair tomhas— ’s a chiad dol amach. Tha moran diu sin a tighinn gu bhi ’n am poiteiribh iad fhein, agus tha an droch eisimpleir a deanamh misgeirean de mhoran eile, eadhon nuair nach ’eil iad
[Vol . 11. No. 22. p. 6]
fhein a ruigsinn na crìche sgrathail sin. Agus nach eagallach an smuain gum faod fear dhiu sin a radh, air latha mòr a bhreitheanais, “Rinn t’ eisimpleirse misgear dhiomsa; agus mar sin thug thu mi gu sgrios siorruidh.
4. Tha an t-ol ’n a aobhar air ciont gun aireamh. Tha deoch laidir a cur buaireas fo anamianna dhaoine, am feadh ’sa tha i a toirt an tuigse uapadh: agus uime sin tha iad ro dheas air geilleadh do dhroch run air bith a dh’ eireas ’s a chridhe, nuair a tha ’n deoch ’s a cheann. Tha iad an sin buailteach do chainnt fheargach a thoirt do cheile; agus bho so tha iomad caonag agus sabaid fhuilteach a sruthadh. Cha’n ann ainmig a chluinnear mu dhaoine a mhort am mnathan, an clann, no ’m pàrantan—nuair a bha iad fo chumhachd dibhe, daoine air an cuireadh ni mar sin uamhann, mur bitheadh an deoch.
Tha clann mhisgeirean gu tric a dol air seachran bho ’n òige. An aite deagh oilein, tha iad a faighinn droch eisimpleir: agus on nach ’eil am misgear aon chuid déanadach na grunndail, tha iadsan gu tric am bochduinn. Mar so tha iad a tighinn gu braid, agus bho sin gu spuinneadh, a’s corr uair gu mort.
5. Tha an t-ol ’n a aobhar air call moran beatha agus maoin. ’S iomad long a chailleadh, cheann gun robh cuid de ’n luchd dreuchd air an daoirich no ’m breisleach dibhe, an am a chunnairt; agus ’s iomad sgiorradh sgrathail a thachair air na rathaidibh iaruinn, bho ’n cheart aobhar.
Tha tuill’ eòrna air a mhilleadh am Breiteann, a deanamh leanna no uisge-beatha na dh’ fhoghnadh airson na tha de shluagh bochd air fad na tìre. Tha moran dhaoine aig nach ’eil ceaird air bith ach a deanamh no a reichdeadh dibhe; agus tha iomad neach a call moran airgid leis na h-euslainntibh a tha ’n t-òl a togail dha. Tha na daoine do ’n d’ rinn an deoch crochairean a cost moran do ’n rioghachd, eadar an glacadh ’s am peanasach, a bharr air na tha iad a goid, a creach agus a milleadh.
Tha an call sin an taobh amach de na tha daoine a costadh an ceannach dibhe; agus cha’n e sin am beag. Is aithne dhomhsa fear-ceaird a tha cur mu dha fhichead punnd Sasunnach ’s a bhliadhna ’s an òl. Cha’n ’eil e call latha bho obair, agus is ainmig a chithear air an daoirich e: ach tha a bhean ’s a chlann ’n an eiginn air uairibh. Tha cunntasan luchd na cìse feuchainn gum bheil muinntir Bhreiteann a cosd’ corr a’s ceud muillein punnd Sasunnach ’s a bhliadhna air dibhe, suim nach pàidheadh fearann na Gaidhealtachd air fad. Thoir aire gum bheil sin uile ’g a sgapadh an deanamh croin: agus nuair a sheallas sinn air cor an t-saoghail, chi sinn gum bheil an t-anacaitheadh ro choireach. Tha moran acrach, lomnochd; agus tha ro-mhoran an duibhre aineolais mu ’n t-soisgeil a’s slighe na firinn. Agus nach truagh an ni nach ’eil a Chriostachd gu leir a pàidheadh, chum iad sin a shoillseachadh, leth na suim a tha iad a cur ’s an òl. Bi faicilleach, a leughadair, nach ’eil thusa coireach ’s a chuis so. —An Gaidheal.
LITIR A LAG AN T-SLOCAIN.
A CHARAID GHASDA, —Is ann mu ’n àm so dhe ’n bhliadhna a bhios na mnathan, mar a’s trice, gu math trang o mhoch gu dubh a’ glanadh an cuid thaighean o bhun gu barr. Agus gus an cuir iad crioch air an obair sin cha ’n fhaic iad nì fo ’n ghréin ri ’dheanamh ach sin fhéin, a cosnadh iomadach uair diomb nam fear, leis mar a bhios gach nì a tha stigh air a chur troimhe-chèile air tàille an cuid glanaidh. Ach ged a bhios mi-fhìn gu math trang air uaireannan, dh’ fhaodainn a bhith air sgrìob a chur gu MAC-TALLA roimhe so.
Thug thu fhéin cuireadh fialaidh seachad ann an àireamh no dha air ais dhe d’ phàipeir gasda, neach sam bith—na mnathan, tha mi cinnteach, cho math ris na fir—a chuireadh an litir a b’ fhearr gu MAC-TALLA eadar sin is deireadh an Ogmhios gu’m faigheadh e an leabhar eireachdail sin, “Caraid nan Gàidheal,” a nasgaidh. B’ e an duais e! Ach bha aon rud ’san tairgse nach do chòrd math sam bith rium fhìn—nach robh na litrichean ri ’bhi na b’ fhaide na ochd ceud facal. Feumaidh nach d’ thug sibh na mnathan fa-near an uair a bha sibh ga ’sgriobhadh sios. Ged nach ’eil mi fhìn ’sa chéird ach air mhàgaran, tha mi gle chinnteach gu ’n aidich na mnathan anns gach cearna gu ’m biodh litir ochd ceud facal tuilleadh is goirid. Ma bhios an litir so, ma ta, na ’s fhaide na sin, tuigidh sibh brìgh an t-seanfhacail: “An toil fhéin do gach duine, ’s an toil uile do na mnathan.”
Ged a bhithinn air bliadhna dhe ’n MHAC-TALLA fhaotainn a nasgaidh cha bhiodh barrachd moit orm ’s a bh’ orm an oidhche a leugh mi an litir mu dheireadh a chur “Bodachan a’ ghàraidh” ga d’ ionnsuidh. Gu ma fada slàn, fallain e air cùl a phinn! Agus ma bhios e gu bràth cho beartach—agus tha mi ’guidhe gu ’m bi— ’s gu ’n teid aige air tighinn air chuairt do America, tha mi ’n dòchas gu ’n cuir e oidhche seachad ann an Lag an t-Slocain.
O chionn leth-cheud bliadhna is còrr, an uair a bha Mr Boyd air stiùirCasket Antigonish,thàinig òran éibhinn am mach anns a’ phaipeir sin ris an canteadh “Oran a mhathain.” Bha am mathan còir, mar is minic a bha, a’ cur as do mhoran dhe ’n spréidh. ’S e fhéin, ma b’ fhior, a thòisich air an òran so. Fhuair mise an rann no dha a leanas o dhuine còir a dh’ ionnsaich e na ’òige as a’ Chasket. Bha barrachd is so aige dhe ’n òran, ach cha robh ceathramh slàn aige ach na dha a leanas:—
“Bha sinn ann ceathrar bhràithrean,
Ged tha pàirt diubh nach ’eil maireann,
B’ ann diubh Clàraidh agus Fearachar—
Fhuaireadh marbh iad fo na maidean—
Cha’n ’eil sgeul agam air Fionnladh,
Mur an deach e ’ghrunnd na mairse;
Mise ga ’n rànaich ’s ga’n caoineadh,
Bràithean mo ghaol cha tig dhachaidh.
FONN.
Mor Chalum, horo Chalum;
Laidh thusa le Mor Chalum.
Horo Chalum.
Oidhche dhomh ’s mi shios air chuairt,
Mharbh mi ’n gamhainn ruadh air Ailein,
Chuir mi ’n damh breac aig Iòseph
Ann an linne mhòr ’sa mhairse,
Ghoid mi ’m piatan a bh’ aig Mìcheil,
’S e fhéin na ’shìneadh na ’chadal,
’S dh’ ith mi pàirt dhith air mo dhìnneir
’S an t-seann chlìradh a bh’ aig Calum.
Ma tha’n t-oran so slàn aig aon dhe d’ leughadairean cha b’ urrainn dha na b’fhearr a dheanamh na ’chur ga d’ ionnsuidh.
Tha àireamh dhe na paipeirean-naigheachd an drasda ’s a rithist a’ connsachadh am measg a chéile mu ’n ainm a’s freagarraiche airwireless telegraphy—innleachd an àigh! a chuireas, ma chreidear gach sgeul a tha ri ’innseadh m’a deidhinn, fios a null gu Sasunn mu ’n abradh tu seachd. Chuala mi fear ag ràdh an là roimhe gu ’n do bhristeadh roinn mhor dha na h-uinneagan anns na togalaichean mòra cloiche ann am baile New York, le fios a chuireadh a nall ag innseadh mu ’n stoirm a bh’ aca ann am Breatunn o chionn mios no dha air ais. Ma tha gus nach ’eil so fior ’s ann aig an t-sealbh tha brath. Tha MAC-TALLA air ainm ùr a shniomh as a cheann fhéin air a shon— “cogar-adhair” —ach ma tha an sgeul a chuala mi mu uinneagan New York fìor, cha bu “chogar” ach a leithid! Chuala mi seana bhean chòir ag ràdh le uamhas, ’s i an deighbicyclefhaicinn a ruith seachad cho luath ris a ghaoith, an uair a bha ’n t-inneal siubhlach sin cho annasach ’san duthaich so: “A Mhoire Mhìcheil! seall am braman-sgiathach!” Cha chuala mi riamh ciod an seòrsa beothach a bh’ anns a bhraman-sgiathach. Cia mar a fhreagradh an t-ainm so air an innleachd a dhealbh am Feadailteach?
Tha iomadh fear is té san Lag, agus tha mi cinnteach ann an iomadh àite a bharrachd air, a gearain le droch cnatan. ’S iomadh tinneas ùr a tha am measg sluaigh na dùthcha nach robh ann ri m’ cheud chuimhne-sa. Bha duine còir ag ràdh rium fhìn an là roimhe gur ann a bhios leom air daoin’ oga an la ’n diugh ma bhios cnead orra, leis na h-ainmean fasanta a bhios aca air an tinneas; agus cha ’n ’eil fhios agam an robh e fada cearr.
Ach tha ’n t-àm agam stad. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Is i a chearc is lugha ubh is mò gogail.” Leis a h-uile deagh dhùrachd,
Is mi do bhana-charaid
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slocain.
Naidheachd Da-rireadh.
Bha ’m bòdach dearg ag innse naidheachan, a mhor chuid dhiu mu dheidhinn fein. “Ghabh mi an t-eagal bu mhò a ghabh mi riamh coig bliadhna gheamhraidh so ’s mi air chuairt ann an Ruisia. Aon oidhche bha mi muigh le eich is sleighe mu dheich mile o m’ cheann-uidhe, nuair a chunnaic mi ni a chuir crith air m’ fheòil, treud mhadaidh-allaidh ga m’ ruith. Chùnntais mi iad, ’s bha tri deug ann dhiu. Loisg mi gun uiread ’s an gunna chur ri mo shùil ’s gu fortanach mharbh mi fear dhiu. Cha bu luaithe thuit esan na bha càch air a mhuin ga ’ithe. Thug sin cothrom dhomh air na h-eich a ghreasad, ’s nuair thainig na madaidh-allaidh suas rium a rithist, mharbh mi fear eile dhiu. Rinn càch an cleas ceudn’ airsan, agus lean mise air an tanachadh mar sin gach turas a thigeadh iad suas rinn. Mu dheireadh cha robh air fhàgail ach aon fhear dhiu, ach thug e as mo dheigh ’s a shùilean a’ lasadh mar gu’m biodh e deanamh toileachaidh ris an fhéisd a bha feitheamh air.”
Aig a so thòisich an duine bha taobh thall an teine ri gàireachdaich. “A dhuine chridhe,” ars’ esan, “nach b’e ’m madadh-allaidh sin fhein am beathach foghainteach. A reir do sgeoil-sa bha na dha dheug eile na bhroinn.”
“Ma ta,” ars am bodach dearg, “o’n thug thu fhein iomradh air, tha cuimhn’ agam gu robh e coimhead gu math tomadach.”
An t-Earrach.
Bidh feartan nàduir a nis a’ dùsgadh gu beatha agus a’ cur a mach an gnè ann am fàis dhìomhair lìonmhor na talmhainn. Aig an àm so do’n bhliadhna bidh atharrachadh a’ tighinn air an duine féin; bidh iadsan a tha a’ crìonadh a’ call a’ bheagain neirt a tha aca; ach bidh iadsan aig am bheil tuil na beatha a’ ruith gu làidir ’nan cuislean a’ faotainn ùrachaidh is spionnaidh. Ann an ùine gheàrr bidh aghaidh nàduir air a sgeudachadh le àillidheach nach urrainn a bhi air a cur an céill le peann no le teanga. Chìthear còmhdach sgéimh is maise air gleann ’s air beinn, le dathan bòidheach dìomhair a’ deanamh mire ri càch a chéile air faiche ’s air doire. Chì sùil a’ bhàird a steach gu gnè nan nithean so; agus gu tric cluinnear sgeul ’na òran air na chunnaic agus air na thuig e ’san t-sealladh. Bha cuid do na bàird Ghàidhealach a sheinn gu grinn gleusda mu thoraidhean maiseach iongantach na talmhainn mar a chìthear ann an òrain Mac Mhaighstir Alastair, Dhonnachaidh Bhàin, agus ann an laoidhean Dhùghaill Buchanain. Tha a’ bhàrdachd a’ faotainn co-chòrdadh dlùth eadar buadhan an anma a steach agus feartan nàduir o ’n taobh a mach. Ged a tha am mios so fuar is stoirmeil, air an làimh eile tha blàths a’ sgaoileadh neart a ghathan troimh chom torach na talmhainn.
[Vol . 11. No. 22. p. 7]
MUILE NAM MOR-BHEANN.
LE DONNACHADH MAC-A- LEITH.
LUINNEAG.
Bhon tha mi gun sunnd, ’s is dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil ri sùgradh tuilleadh,
Cha déid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
’S mo rùn am Muile nam mòr-bheann.
Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhanail
Da ’n dug mi mo ghaol ’s mi faoin am bharail;
’S ma chaidh e fo sgaoil ’s nach faod mi ’faighinn,
Gun taobh mi caileagan Chòmhail.
Tha mais’ agus uaisle, suairceas, ’s ceanal
A dìreadh a suas an gruaidh mo leannain.
Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh,
Ni uaigh is anart mo chòmhdach.
Do shlios mar an fhaoileann taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann sgaoilt’ air meangain;
Sùil ghorm a’s glan aoidh fo chaoin-rosg tana.—
’S tu ’n òigh a mhealladh gach òigear.
Do chùl mar an lion na ’mhìle camag
Nach greannaich fo chìr is siod ga cheangal,
Do dheud mar na dìsnean, dionach, daingeann,
Beul binn a ghabhail nan òran.
Tha maise no dha ri ’n àireamh fhathast
Air bean a chuil bhàin ’s nam blàth-shùl meallach.
Ma bheir thu do làmh, gum fàs mi fallain,
’S bu shlàinte mhaireann do phòg dhomh.
Gur math thig an gùn o ’n bhùth do ’n ainnir,
’S an fhasan a’s ùire ’n cùirt nan Gallaibh;
Troigh ghlan am bròig ùir ’s i dùint le barr-iall,
Nach lùb air faiche bàrr feòirnein.
Tha smaointinn no dhà an tràth s’ air m’ aire;
Cha ’n innis mi ’chàch ceann-fàth mo ghalair;
Ged laigheas mi tràth cha tàmh dhomh cadal,
’S do ghràdh gam sgaradh an còmhnuidh.
’S e bhagair mo chiall ro mhiad do cheanail,
’S o’n chaidh thu do ’n t-sliabh nach b’ fhiach leat m’ fharaid;
’S e t’ aogas is t’ fhiamh ’chuir pian am charaibh,
’S cha mhiann a bh’ agam air stòras.
CUMHA CHRUACHAIN.
LE PADRUIG MAC-AN-T- SAOIR.
Tha ’n Cruachan gu dubhach,
A cumhadh nan uaislean;
’S tiamhaidh torman a shruthan;
A choilltean th’ air dubhadh,
Agus ’eunlaidh fo phuthar
An dubhar a bhruachan!
Ann am Prìoraid Aird-chatain
Tha ’mhaca na ’n suainich,
Fo stéigh nan mùr liatha,
D’ an éideadh an iath-shlat,
Is cuiseagan cianail
’Sileadh dhiar air an uaighean.
Có ’dhìreas á Làirig
De na b’ àbhaist a chuartach?
Tha Gleann-nodha gun àiteach,
’S an Leitir na ’fàsach,
’S am fàrdaichean blàtha
Na ’n càrnaichibh fuara.
Cha ’n fheil pìop air na Casain,
No bratach a gluasad;
Agus Caol-churn nan glas-stuadh
Ag aomadh ’s a brachadh,
’S a dhaoin’ anns a chlachan
Fo ghlais nan clach fuara.
O ’n ghiorraich air m’ anail,
’S a dh’ fhannaich mo ghluasad,
’S nach dìrich mi ’n Coire,
Thoirt féidh as a’ mhonadh,
Mo shoraidh, ceud soraidh,
O, soraidh le Cruachan!
Rugadh Padruig Mac-an-t- Saoir faisg air Loch Liobhann ’sa bhliadhna 1785. Bha e na ofaigeach air luing chogaidh. Chaochail e sa bhliadhna 1855.
AISLING NA SUAINE.
LEIS AN URR. DONNACHADH MAC-CALUIM.
Is faoin aisling shiubhlach na suain’,
Is faoin neo-bhuan gach uile ni.
Tuitidh an gaisgeach treun na threis,
Is àillteachd gach crutha gu ’n crìon.
Mar a shruthas blàth mhaoth na coill’,
Mar thig neul doilleir air a ghréin,
Is amhuil sin beatha nam beò.—
Cha choigil ’s cha chaomhain sinn seud.
Rugadh an t-Urr. Donnachadh Mac-Caluim an Còmhall ’sa bhliadhna 1784. Phòs e Catriona Nic-Fhearghuis, nighean nach robh ach sia bliadhna deug de dh-aois, an 1808. Bha e na ’mhaighstir-sgoile an Glasraidh ré beagan bhliadhnachan. Rinneadh ministear dheth is shuidhicheadh an Arasaig e an 1818. Chuir e am mach co-chruinneachadh de dh-orain an 1821, agus Eachdraidh na h-Eaglaise an Gaidhlig an 1845. Chaochail e an Arasaig air an naoidheamh latha fichead de cheud miosa na bliadhna an 1863. Dh’ fhàg e teaghlach mor. Is e a b’ ùghdar do Chollath, dàn a chuir e-fein am mach na ’cho-chruinneachadh agus a chuireadh a rithisd am mach an Sar-Obair nam Bàrd.
SOLUS A’ DEALRADH MACH A DORCHADAS.
An doighibh diomhair gluaisidh Dia,
Thoirt ’iongantais mu ’n cuairt;
Mar charbad dha tha ’n doinionn dhian,
’S tha lorg a’ chois’ ’s a’ chuan.
An doimhneachdan do ghliocas sìor
Tha ’rùintean taisgte suas;
Is cuirear leis a thoil an gnìomh,
Mar ’s miann leis féin gach uair.
Ur-mhisneach glacaibh, naoimh gun treoir,
Na neoil a’s duirch’ tha làn
Do throcair chaoimh, is doirtear leo
Oirbh maitheas mor gun dàil.
Na measaibh Dia tre shealladh mhàin,
’N a ghràs cuiribh ’ur dùil;
Air cùl an fhreasdail dhuirch tha gràdh
A’ lasadh ghnàth ’n a ghnùis.
A rùintean abaichidh gu luath,
’S iad fosgladh suas gun tàmh;
’S ged robh a’ ghucag searbh ’s an uair,
Bidh mills’ is buaidh ’s a’ bhlath.
As-creidimh dall théid clì ’s gach ceum,
Gnìomh Dhé a chaoidh cha sgrùd;
’S e Dia ’s fear-mìneachaidh dha feìn,
’S ni soilleir réidh gach cùis.
CLARSACH AN DOIRE—Is còir dhaibh-san a tha air-son an leabhar luachmhor so a chosnadh dol a dh’ obair. Cha mhair an tairgse thug sinn seachad ach fhad ’sa mhaireas na th’ againn de na leabhraichean air làimh. A’ “Chlàrsach” a nasgaidh do neach sam bith a gheibh triùir luchd-gabhail ùra.
Chaidh e eadar thu ’s do chraicionn.
Chaidh na mucan troimh an tigh-comhairle.
Cha ’n eil ann ach gaoil an fhithich air a chnàmh.
Chì do shùil e ’s cha bhlais do bheul e.
Ami Mhoraidh.
Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-sonconcertsa chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:—
MISS AMY MURRAY,
20 West 28th Street,
New York, N. Y.
Di-haoine s’a chaidh bha spraidheadh ann am méinn an Reserve leis an deachaidh ceathrar dhaoine mharbhadh, ’s fear eile leonadh cho dona ’s gu’n do chaochail e meadhon na seachduin so. Bhuineadh ceathrar dhe’n choignear sin do Newfoundland, agus am fear eile, Michael S. Mac-Néill, do’n Phon Mhor air an eilein so. Dh’ fhàg esan bean is ceathrar chloinne. Bha fear de chàch posda cuideachd, agus dh’ fhàg e teaghlach ann an Newfoundland. Bha an spraidheadh air aobharachadh legasa bhi anns a chuid sin de’n mhèinn, agus bha anjurya’ coireachadh ofigich na mèinne air-son daoine leigeadh a dh’ obair ann gun angasa ghlanadh air falbh.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St., san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 22. p. 8]
AN GAIDHEAL
An tìr chéin air oidhche Challuinn.
LEIS AN URR. TORMAID MAC-LEOID, D. D.
Is tiamhaidh, trom, mo chridhe ’n nochd,
Is mi am aon’ran bochd leam féin;
Cha’n iarr mi tàmh, cha’n fhaigh mi lochd,
Is mi fo sprochd an dùthaich chéin.
Is iomadh cuimhne thùrsach, throm,
Dhomh dùsgadh fonn a bhròin gu goirt;
’S e thog an osna so am chom,
Nach h-fheil mi ’n tir nam beann an nochd.
Tha tir nam beann mar bha i riamh—
Gach gleann, is sliabh, is creag nam faobh,
An creachann àrd ’s am bi am fiadh,
’S an leacann liath tha sios o ’thaobh.
Tha fòs gach allt a’ leum le toirm,
Bho chreig gu creig a sios gu tràigh;
Tha bàrr an fhraoich le ’bhadain ghorm’
Gu trom ’s gu dosrach mar a bha.
Ach c’ait’ a bheil na cairdean graidh,
D’ an dug mi baigh an laithean m’ òig’?
’S e fath mo mhulaid is mo chraidh
A mheud ’s a tha dhiubh nochd fo ’n fhòid.
An t-athair thog mi suas ri ’thaobh
’S mo mhathair chaomh cha’n fheil iad ann;
Is dh’ fhalbh mo cho-aoisean gu léir
Mar cheo roimh ’n ghréin air uchd nam beann.
O slàn le comunn caomh mo ghaoil,
A chuireadh faoilt am chridhe bochd!
Mo chreach cha’n fheil iad air an t-saogh’l
A dheanadh aobhach mis’ an nochd.
Ach tha iad beo an dùthaich chéin,
Tir ard na gréin’, gun oidhch’ a chaoidh,
Is coinnichidh sinn ri ùin’ a chéil’,
Gun sùil fo dheur, gun chridh a caoidh.
Tha àl a falbh is àl a teachd,
Mar shlachdraich mhear nan tonn air tràigh;
Ar bliadhnaichean, tha iad gu léir
Mar bhruadar faoin, no sgeul gun sta.
Ach gloir do Shlan’ghear caomh nam buadh,
A thug a nuas o thìr an aigh
Deagh sgeul an aoibhnis mhoir do ’n t-sluagh,
Air beatha bhuan nach mìll am bas.
Choisinn e bheatha so gu daor,
An uair a thaom gu lar as ’fhuil;
Ach O! cia grasmhor, fialaidh saor,
Do ’n chinne-dhaonn’ a h-agh ’s a buil!
C’ar son a bhithinn brònach, bochd,
A’ caoidh fo sprochd an so leam féin?
Do shùil, a Dhé, tha orms’ an nochd,
Fo dheòrachd bhochd an dùthaich chéin.
Cha bhi mi ’caoidh, cha doir mi géill;
Fo thaic do sgéith gun iarr mi tàmh;
Do thoil-sa deanar leam, a Dhé,
Ga m’ striochdadh féin a chaoidh fo d’ làimh.
Jan., 1830.
Rugadh an t-Urramach Tormaid MacLeoid—Tormaid a Chuairteir— ’sa Mhorairne an 1793. Chaochail e an Glaschu an 1862.
AN TE BHEAG.
LE DONNACHADH NAM BLAR.
LUINNEAG.
Cha ghabh mi ’n té shrideagach, shradagach ruadh,
A chumas an conas ’s am mallachd a suas;
Cha bhitheadh i agam, ’s ann chumainn i bhuam;
B’e ’n turus gun bhuaidh a pòsadh.
Ma phòsas mi cha ghabh mi té mhór,
Cha phòs, cha taobh, ’s cha ghabh mi té mhór,
Ma phòsas mi idir cha ghabh mi té mhór;
’S ro bheag an té dh’ fhóghnas dhomhsa.
Cha ghabh mi té mhór ’s cha ghabh mi té àrd,
B’ fhearr leam té bheag a bhiodh faisg air an làr,
Cha ruiginn a leas a dhol fad air a sgàth,
Cur uisge na sàil am bhrògan.
Mo cheist air an ainnir is meallaiche sùil,
Do shlios mar an eala, gur math thig dhuit gùn
Gruaidh dhearg is rosg thana, ’s glan sealladh do shùl
Gum mealladh tu diùc le d’ bhòidhchid.
Do ghruaidh mar na ròsan cho bòidheach ’s cho mìn,
Do chuailein cho clannach ga ’charadh le cìr,
Cha’n fhàg mi thu idir air son bhith gun ni,
Gum faigh sinn a chaoidh na dh’ fhoghnas.
Dh’ fhalbh mi le cabhaig gu banais do ’n chùirt,
Ri oidhche gun ghealach, ’s bu mhath dhomh mo thùr.
Cha bhithinn ri gearan ged chosdainn na crùin,
Nan tachradh mo rùn ’sa chòdhail.
Bha càch anns an t-sabhull ri ceangal nam bann,
Bha mis’ aig an teine gun duin’ ach a chlann;
’N àm pàigheadh a bhuideil cha robh mi air chall,
Ged dh’ òl iad an dram gun m’ fheòrich.
Bu mhac Donnachadh Mac-a- Léith do Dhòmhnall Mac-a- Léith agus do dh-Oighrig Chaimbeul, bean Dhòmhnaill. Rugadh e an Locha-Buidhe am Muile ’sa bhliadhna 1785. Bha e a fuireach an da no tri de dh-àiteachan ris an abairteadh am Blàr. Thugadh mar sin Donnachadh nam Blàr mar ainm air. Bha e pòsda, agus bha siathnar chloinne aige; Iain, Daibhidh, Sìne, Catriona, Mairi agus Mairearad. Chaochail e an 1863.
BLAR CHUIL-FHODAIR.
LEIS AN URR. TORMAID MAC-LEOID, D. D.
Tha ’m blar air a chur leo air monadh an fhraoich,
Tha ’n sgiath air a spionadh a ghuaillibh nan laoch;
Chaidh ’n claidheabh a bhrisdeadh an lamhaibh nan saoi,
’S tha fuil nam fear geala fo bhonnaibh nan daoi.
Tha ’m breacan ’s an t-éileadh leis an d’ éiteadh na sàir
Le marcaichibh Shasuinn air an saltairt ri làr;
Tha ’n suaicheantas uasal a chòmhdaich na suinn,
Ri fhaicinn ’san àraich, gun àilleachd, gun loinn.
Ann an dùthaich nam mor bheann tha uamhas is caoidh;
Luchd nam boineid ’s nam breacan cha ’n fhaicear a chaoidh,
Na fiùrain bu tréine nach géilleadh ’s iad beò
Tha sìnt’ air Cuil-fhodair gun phlosg is gun deò.
Nis slàn leat, a Thearlaich, chaidh ’n iomairt le càch,
Chaidh oighreachd do shìnnsre a dhìth ort gu bràth.
Thug thu ’n oidheirp, ’s bu treun i, le gaisgich mo ghràidh,
’S bidh iomradh do chruadail air a luaidh gu la bhràth.
February, 1830.
Ciod air bith is miann leat a leantuinn anns an t-saoghal, cha teid a’ chùis leat ach a mhàin le dìchioll cruaidh. Buainich gu foighidneach gus am bi an inntinn ’na làn uidheam, agus gus am bi an cridhe air a cho-dhaingneachadh ann an creideamh agus gràdh.
Na biodh uaill na d’ chridhe gu ’n d’ rinn thu ni sam bith a ta gu sònraichte glic, oir faodaidh cùisean a nochdadh an déigh so gu ’m bi an ni sin gu sònraichte amaideach. Na deanadh duine sam bith uaill as a dheanadas féin.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. o.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton
title | Issue 22 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 22. %p |
parent text | Volume 11 |