[Vol . 11. No. 23. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 15, 1903. No. 23.
Is iongantach an t-airgiod a thatar gach bliadhna a’ cur anns an òl. Mar eisimpleir faodar iomradh a thoirt air a’ Ghearmailt. Cha’n eil an dùthaich sin na’s miosa thaobh misge na iomadh dùthaich eile. Is dùthaich shaighdearan a’ Ghearmailt. Tha aig gach duine ri àireamh bhliadhnachan a chur seachad anns an arm, agus cluinnear gu tric a bhi gearain air cho cosdail ’s a tha ’n t-arm do’n dùthaich. Ach tha ’n sluagh gach bliadhna a’ cosg a choig uiread anns an òl ’s a tha iad a’ pàidheadh air-son cumail suas an airm.
Tha litir “Bhodachan a’ Ghàraidh” a toirt iomradh air seòrsa Gàidheal a tha anabarrach cumanta. Tha iad ri ’m faotainn thall ’s a bhos—iadsan aig am bheil gràdh mor do’n Ghàilig fhad ’s nach cosd i dad. Is aithne dhuinn aon diù so, a dh’ fhàilticheas sinn ’sa Ghàilig gach uair a thachras e oirnn, a labhras i an àm ’s an-àm, agus a bheireadh air neach bu ghainne eòlas air na sinn fein a chreidsinn gur Gàidheal da-rìreadh e anns nach eil cealg. Ach cha rachamaid an urras air an uasal cheudna gu’n do cheannaich e leth-dusan de leabhraichean Gàilig riamh o rugadh e: tha dearbh fhios againn nach eil e ’gabhail MHIC-TALLA. Is taitneach an ni duine bhi gu follaiseach ag aideachadh ’s a cur an géill a ghràidh do chainnt a dhùthcha. Ach bu ro-thaitniche an gràdh sin na ’n robh cinnt gu robh e dol na b’ fhaide stigh na bàrr na teanga.
Tha gluasad am measg sluaigh na dùthcha so an dràsda a thaobh cumail na Sàbaid. Tha an t-Sàbaid air a bristeadh na’r measg mar nach robh i riamh roimhe, obraichean a dol air adhart o mhoch gu dubh, agus cùisean ag amharc mar gu’m bitheamaid a’ feuchainn ri dhichuimhneachadh gu’n robh latha fois ann idir. Tha an sluagh a nise air tighinn gu bhi mothachadh, mur eil iad air-son cur as do’n t-Sàbaid gu buileach, gur còir feuchainn ri ’dion. Tha e ro-thaitneach fhaicinn gu bheil aonachd mhor am measg an t-sluaigh mu’n chùis. Tha gach eaglais is pears’ -eaglais, an luchd-obrach agus riaghladh na dùthcha ag obair air-son cumail na Sàbaid. Tha iad a’ tuigsinn nach eil a dhol as aig dùthaich a ni dimeas air a latha-fois; cho luath ’s a thòisicheas i ri dearmad a dheanamh air gu’n tòisich i ri dhol leis a’ bhruthaich. Agus o nach eil toil aca Canada fhaicinn a’ dol air an t-slighe sin, tha iad a’ cur an guaillibh ri chéile ’san oidhirp air-son la na Sàbaid a chumail mar latha fois do na h-uile.
Riamh o’n thòisich an obair iaruinn ann an Sidni bha tomhas gun rian de dh’ obair ga deanamh air an t-Sàbaid. Cha b’ aon chuid obair éigin no tròcair da thrian de na bhatar a deanamh, ach chuir a’ chuideachd gach iarrtus is tagradh a chaidh f’ an comhair d’ a thaobh an suarachas. Ged gheall àrd ofigich na cuideachd uair is uair gu’m biodh obair na Sàbaid air a lughdachadh, cha deachaidh na geallaidhean sin a choilionadh, agus air a bhliadhna so, tha barrachd ga ’dheanamh air an t-Sàbaid ’sa bhatar a’ deanamh bliadhnachan roimhe. Cha’n eil iad a cumail a mach idir gu bheil na tha iad a’ deanamh na h-obair a dh’ fheumar a dheanamh. Tha iad ga ’cur air adhart air sgàth probhaid, agus anns an dòigh sin tha iad ag aideachadh gu bheil iad a’ leantuinn a reir riaghailt nan obraichean-iarainn anns na Stàidean.
Cuiridh an dùthaich so feum air òr is airgiod air-son obraichean a chur suas innte agus a saibhreas nàdarra a thoirt gu buil cheart. Agus tha earras ri sheachnadh ann an dùthchannan eile a bhitheamaid gle dheònach fhaicinn ag obrachadh na ’r dùthaich fein. Ach thoireamaid ar ceart aire nach ceannaichear an t-earras sin ro dhaor. Na toireamaid na sochairean ’s na beannachdan a bha sinn roimhe so a mealtuinn seachad an iomlaid airson òir is airgid. Thainig moran de’n airgiod a chuir air chois an obair-iaruinn ann an Sidni as na Stàidean, agus tha ’n àireamh a’s mò dhiùsan aig am bheil ruith na h-obrach na’n lamhan a mhuinntir na dùthcha sin. Tha iad sin cho cleachdte ri obair Sàbaid ’s a tha iad ri obair seachduin, agus tha iad a reir gach coltais a’ cur rompa gu’n toir iad air muinntir na dùthcha so imeachd cho fada bho’n àithne ’s a tha iad fein. Is còir dhuinn a leigeil fhaicinn nach eil na ’r beachd sin a dheanamh. Leanamaid gu dlùth ri deagh chliù ar sinnsir a thaobh na Sàbaid, agus cumamaid luchd nan obraichean mora ris an riaghailt cho math ruinn fein.
Chaill Canada air an earrach so dithis dhaoine fiachail, a bha na ’n deagh sheirbhisich dhi, agus air am bi cuimhne fad iomadh bliadhna ri tighinn. Chaochail Sir Oliver Mowat air a mhios a dh’ fhalbh, na ’sheann aois agus fo fhior chliu aig na h-uile. Bha e na fhear-stàite dluth air leth-cheud bliadhna, agus gle fhaisg air leth na n-uine sin bha e na phriomh mhinisteir air riaghladh Ontario. Bha e na Mhinisteir Ceartais ’san Ard-phàrlamaid beagan a bharrachd air bliadhna, agus bho 1897 bha e na Riaghladair air Ontario, dreuchd agus urram bu mhath a choisinn e. Rinn e obair mhor ann an Ontario a thaobh nan cuirtean, a’ toirt air falbh nan duilgheadasan a bha roimhe sin a’ cuairteachadh cuisean lagha. Bha e na dhuine grunndail, tapaidh, a bha daonnan seasmhach ris a chòir ’s ris a cheartas, agus leis na buaidhean sin choisinn e dha fein àit urramach ann am barail a cho-luchd-duthcha.
B’ e an duin’ eile air am bheil sinn a’ toirt iomraidh an t-Onarach Daibhidh Mills, a chaochail ann an Ottawa oidhche Di-haoine s’a chaidh. Bha e tri fichead is da bhliadhn’ deug a dh’ aois, ach bha e ’n deagh shlàinte gu feasgar an latha sin fein, agus cha robh tinneas sam bith air gu ùine bhig roimh bhàs. Bha an duine so an dlùth cheangal ri cùisean riaghlaidh na dùthcha o chionn còrr is deich bliadhna fichead. Bha e na bhall de Thigh nan Cumantach bho 1867 gu 1896, agus de’n t-Seanadh bho 1896 gus an d’ rinneadh britheamh an àrd-chùirt Chanada dhe. Bha e na fhear-lagha ainmeil o chionn moran bhliadhnachan, agus ann an eòlas air lagh riaghlaidh na dùthcha cha robh a sheise ri fhaotainn. Bha e na dhuine geur-thuigseach, pongail, agus gu tric ghabhte a bharail a roghainn air barail fir sam bith eile ’sa phàrlamaid. Tha iadsan a bha eòlach air ag radh nach d’ rinn e aig àm sam bith dearmad air dleasanas, agus nach do chuireadh as a leth riamh gu robh e ’cosnadh taghaidh no dreuchd dha fein air dòigh mi-iomchuidh. Is mor a dh’ ionndrainear duine dhe’n t-seòrsa sin air an latha ’n diugh. Bitheamaid an dòchas gu’n d’ fhàg e moran dhe leithidean na dheigh, agus gu bheil moran eile dhiu a fàs suas na’r measg.
Co a ghearaineadh air an t-sìde tha againn an Ceap Breatunn air an t-seachduin so? Seachduin gus an diugh bhiodh gach neach a chluinneadh tu bruidhinn mu’n t-side, —agus b’e sin gach neach a thachradh ort, —a talach oirre. An deigh mios de shìde cho caochlaideach ’s cho ao-coltach ri sìd’ earraich ’s a chunnacas o chionn fhada, bha roinn mhor dhe ’n t-sluagh ullamh gus aontachadh leis an ròlaistiche theireadh gu ’m b’ ann an Ceap Breatunn a bha ’n t-sìde bu mhiosa bh’ air an t-saoghal. Ach an diugh an deigh coig no sia làithean de shìde bhriagha, bhlàth, ghrianach, thioram, cha’n fhaigheadh am fear sin éisdeachd; tha sinn uile dhe’n bharail gu bheil Ceap Breatunn fad air thoiseach air cearnan eile dhe’n t-saoghal a thaobh sìde, agus cha chluinnear a’ gearain no a’ talach sinn tuilleadh—gus an tig caochladh eile. Tha samhradh is foghar na dùthcha so na ’n aimsir ciatach, agus cha’n eil de choire orra ach an giorrad. Ach tha an giorrad, ann an dòigh eile, ga ’m fàgail na’s rò-thaitniche. Na ’m maireadh an t-sìde bhriagha fad na bliadhna, cha bhiodh diù sam bith dhi.
Tha ceistean cudthromach fa chomhair nan Stàidean air an latha ’n diugh. Ach tha aon cheist a’ toirt bàrr orr’ uile—ciod a tha ’dol a thachairt a thaobh gach seòrsa sluaigh a tha ’n taobh a stigh de ’criochan? Am bi iad air an aonadh mar aon sluagh, no am mair iad air leth agus an tòisich iad air stri ri càch a cheile? Bha an cogadh siobhalta a bh’ anns an dùthaich sin air aobharachadh le caochladh bharailean a bhi aig na daoine geala thaobh còirichean nan daoine dubha. Tha an ceart ni ag aobharachadh moran aimhreit is ana-ceartais anns na Stàidean a deas riamh uaithe sin, agus tha e doirbh a radh co-dhù ’s ann na’s fhearr no na’s miosa tha cuisean a’ dol. Ach re nam fichead bliadhna mu dheireadh tha atharrachadh mor air tighinn air an duthaich leis na muillionan sluaigh a dhòirt a stigh as gach cearna dhe’n Roinn-Eòrpa, agus leis an àireamh mhor a chaidh a ghabhail a
[Vol . 11. No. 23. p. 2]
stigh le ceannach nan Eileinean Philipeach. Tha ’n duthaich mar sin air a h-ath-dheilbh, air a deanamh suas dhe gach seòrsa sluaigh, geal, dubh buidhe, ruadh is donn—sluagh cho ioma-dhathach ri breacan Màiri Uisdein, agus cho fad o cheile na ’n cainnt ’s na’n cleachdaidhean ’s a tha ’n àird a deas o’n àird a tuath. Agus ’s i cheist am fàs iad sin uile na ’n aon chinneach, agus an gabh iad riaghladh mar aon shluagh. Faodaidh e bhith gu’n tig air Canada a cheist sin a fhreagairt air a son fein an uine ghearr, oir tha iomadh seòrsa sluaigh a’ tighinn air imrich innte, agus uime sin is glic dhuinn a bhi cumail suil gheur air ciod a tha dol air adhart ’san duthaich a tha deas airm.
Thachair sgiorradh uamhasach ann an Frank, baile mèinneadaireachd ’san Iar Thuath, air an latha mu dheireadh de dh’ April. Bha ceithir fichead is tri pearsa air am marbhadh le beum-sleibhe. Tha am baile air a shuidheachadh aig bonn beinne faisg airCrow ’s Nest Pass.Bha am meall talmhainn is creige a thuit o’n bheinn mu dha mhile air fad ’s tri chairteil mile air leud. Bha àireamh thighean air an leagail, agus tha da mhile dhe’n rathad-iaruinn air a thiodhlacadh cho domhain ’s nach gabh e toirt ris a rithist le na’s lugha na obair shia miosan. Bha ’san iomradh an toiseach gu’m bu chrith-thalmhainn a dh’ aobharaich an sgiorradh uamhasach so, ach cha robh crith-thalmhainn ann idir.
Tha cuideachd an iaruinn ag ìsleachadh tuarasdail an luchd-obrach. Chaidh 25c ’san là thoirt bhar tuarasdal nan saor air an t-seachduin s’a chaidh; chaidh a thoirt dhaibh air ais toiseach na seachduin so, ach bha àireamh dhiubh air an cur bhar na h-obrach, oir cha robh obair gu leòr ann dhaibh uile. Aig an àm a chaidh sin a dheanamh, thugadh leth-dolair ’san latha bhar nan clachairean; co-dhiu tha sin gu mairsinn no nach eil, cha’n eil cinnt fhathast. Tha cléirich is luchd-cumail tìme air an gearradh sios na ’n tuarasdal cuideachd, agus tha moran air an cur bhar na h-obrach gu buileach.
Bha fear Iain E. Kelly air a mhort ann an Sidni Tuath oidhche Dì-sathairne, an darra latha dhe’n mhios so. Bha e fhein is fear no dha eile ag aimhreit ri triùir Eadailteach, agus stob fear dhiu sin sgian annsan. Chaidh a leònadh gu dona agus chaochail e maduinn Di-màirt air an ath sheachduin. Chaidh triùir Eadailteach a ghlacadh, ach chaidh dithis dhiu sin a shaoradh cheana, ’s thatar a’ deanamh mach nach deach an duine ciontach a ghlacadh fhathast, ’s gu bheil e air teicheadh as an dùthaich.
Seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh bha soitheach-seòlaidh á Gloucester air a call faisg air Canso, N. S., agus bha coig duine deug air am bàthadh. Cha d’ fhuaireadh a shàbhaladh dhe na bh’ air bòrd ach a triùir, a fhuair leum bho thoiseach an t-soithich air na creagan. Bhuineadh a mhor chuid dhiùsan a chailleadh do chladach a deas Nobha Scotia; bha aon duine dhiu a mhuinntir Arichat, fear a mhuinntir Eilean a’ Phrionnsa, ’s fear eile mhuinntir Newfoundland.
Tha ceithir la deug air ruith o’n sguireadh a leigeadh uisge do’n mhèinn aigDominion No. 1,agus tha iadsan a bha ris an obair am barail gu bheil an teine air a chur buileach as. An ùine ghoirid tòisichear ris an uisge thaomadh aisde, agus an ceann dha no tri mhiosan tha dòchas gu ’m bi a mhèinn ag obair le neart mar bha i roimhe.
Chaidh tri cheud is coig mile deug (315,000) ròn a ghlacadh le iasgairean Newfoundland air an earrach so, da fhichead is aon mhile bharrachd air na chaidh a ghlacadh an uiridh. Tha prìs na’s fhearr air na ròin am bliadhna, agus bheir sin tomhas math de shoirbheachadh gu Newfoundland.
Chaidh fear Frawley, ann an Toronto, fhaotainn ciontach de bhòtadh an ainm fir eile, agus chuireadh ceithir cheud dolair de chàin air, a bharrachd air tri miosan prìosain a thoirt dha. Ma tha gach sgeul ri creidsinn tha a chionta so a’ fàs gle chumanta moran, na’s cumanta na tha a bhi ga ’peanasachadh.
LITIR A ALBA.
FHIR MO CHRIDHE: —Fhuair mi anamoch an dé am MAC-TALLA a thainig am mach a choig latha deug gus an diugh. Tha mi glé thoilichte leis an dòigh shnasail phongail anns am bheil thu ’deanamh do ghnothaich. Lean thusa romhad mar a tha thu ’deanamh, agus mur ’eil mise air mo mhealladh gu mòr, chi thu fhein agus do phaipear grinn, tlachdar, làithean a’s fhearr na chunnaic sibh fhathast.
Tha mi ’cur m’ aonta ris a h-uile facal a tha air a ràdh mu dheidhinn mar bu chòir cuid mhath de dh’ obair a’ Mhòid a bhith air a deanamh. Ma ’s ann air son an tuilleadh beatha agus neirt a thoirt do ’n Ghàilig a tha obair a’ Mhòid air a cumail air aghart o bhliadhna gu bliadhna, nach saoileamaid gu’m biodh a’ Ghàilig a’ faotainn a h-uile cothrom air a neart agus a buadhan a chur an ceill? Cha’n ’eil mi idir a’ faighinn coire ged a bhiodh Ceann-suidhe a’ Mhòid gun chomas air Gàilig a labhairt ma tha’n fhuil Ghàidhealach a’ ruith ’na chuislean, agus ma tha e ’nochdadh gu soilleir gu ’m bheil e toileach a’ Ghàilig a chumail suas. Tha iomadh dòigh ann air an cumar suas a’ Ghàilig a bharrachd air a bhith comasach air a labhairt. Cha ’n ann le labhairt na Beurla a tha ’Bheurla air a cumail suas a mhàin, ach mar an ceudna, agus gu sònraichte, le bhith ’ceannach agus a’ leughadh nan leabhraichean agus nam paipearan-naigheachd a tha air an clo-bhualadh anns a’ Bheurla. Is ann air a’ cheart dòigh so a chumar suas a’ Ghàilig.
A nis, tha dearbh-chinnt agamsa nach ’eil ach àireamh glé bheag dhe’n mhuinntir a tha ’falbh o chearn gu cearn de ’n rioghachd so, o bhliadhna gu bliadhna, gu bhith ’frithealadh aig a’ Mhòd, a’ caitheamh a’ bheag sam bith dhe ’n cuid airgid ann a bhith ’cumail suas na Gàilig. Ged a thachradh iad riut air an t-sràid, no air an rathad-mhor, is gann a thig facal Gàilig as an cinn ged a bhruidhneadh tu riutha. Agus ged a rachadh tu do na taighean aca, is gann gu ’m faigheadh tu aon leabhar Gàilig an taobh a staigh dhe na dorsan aca. Tha iad a’ toirt orra fhein a chreidsinn gu ’m bheil tomhas de mhi-mheas ri bhith orra ma theid aca air Gàilig a labhairt gu math. Ma tha droch Ghàilig aig fear, is e beachd cuid mhòr gur e “leith dhuin-uasal” a th’ ann.
Ach a dh’ aindeoin na tha de mhi-mheas aig sluagh gun cheill air a’ Ghàilig, tha a’ Ghàilig a’ faotainn beag air bheag an uachdar gun taing dhaibh. Tha duine is duine an sid ’s an so a’ toirt fa near gu ’m bheil i na cànain anabarrach aosda, agus gu ’n teid aig neach sam bith aig am bheil tomhas math de dh’ eòlas oirre air a smaointeanan a chur an ceill ann an dòigh neo-chumanta soilleir.
A nis, bheir mi dhut mo bharail air an ainm a’s fhearr air an dòigh a th’ aig Marconi air fios a chur o àite gu àite tarsuinn chaoiltean cumhang, agus chuantan farsuinn. Tha fhios againn gur ann le cumhachd an dealanaich a tha am fios so air a chur air shiubhail. Agus o’n a tha thu fhein ag ràdh gur ann mar is giorra an t-ainm is fhearr e cha ’n aithne dhomhsa ainm a’s freagarraiche air na “fios dealain.” Tha “dealan” agus “dealanach” a’ ciallachadh an aon rud. Tha ’n dà ainm so air an aon rud o chionn iomadh linn; agus is e “dealan” an t-ainm a’s sinne dhe na dhà.
Is dòcha nach biodh e as an rathad dhomh innseadh dhut fhein agus do do luchd-leughaidh nach b’ e Marconi a’ cheud duine a fhuair am mach an t-innleachd ro iongantach so. Fhuair Sasunnach am mach an gnothach o chionn deich no coig bliadhna deug. Thachair, mar is minic a thachair ann an geamhradh fiadhaich, gu’n do bhrist an càbla a bha eadar Muile agus tir-mòr an Lathurn. Agus chaidh aig fear dhe na h-àrd dhaoine a bha timchioll air càradh a’ chàbla so air fios a chur tarsuinn a’ chaoil gun chàbla gun eile. Ach ged a fhuair an duine greim air ceann na ceairle, cha do tharruinn e leis an snàth, agus mar sin chaill e an greim a fhuair e air innleachd a dheanadh ainmeil agus saoibhir e, agus a bhiodh ’na chliù do ’n rioghachd do ’m buineadh e. Cha ’n ’eil fios aig neach sam bith co dhiubh a fhuair Marconi fios mu dheidhinn so, no a thog e an innleachd as a cheann fhein, agus is cinnteach nach bi.
Is iomadh rud iongantach a fhuaradh am mach o’n a thainig cuimhne ugam, agus faodar a bhith glé chinnteach gu ’m faighear iomadh innleachd eile am mach a bhios feumail do ’n chinne-daon mu ’n bi an saoghal mòran na’s sinne na tha e. Tha iomadh ni ann an cruthachadh farsuinn Dhé air nach do smaoinich neach riamh fhathast; ach, beag air bheag, mar a bhios an cinne-daon freagarrach air a shon, thig aon an déigh aoin dhe na nithean a tha air am falach anns a’ chruinne-ché gu follais. Tha eòlas agus innleachdan an t-saoghail air an roinn ann an dòigh a tha gle iongantach ’n ar sùilibh-ne. Ge b’ e cearn dhe ’n t-saoghal do ’n teid sinn tachraidh daoine ruinn a bheir dhuinn iomadh fiosrachadh nach ’eil againn fhin. Tha so fior, cha ’n ann a mhàin a thaobh nan daoine a tha àrd ann am foghlum, ach mar an ceudna a thaobh dhaoine aig nach ’eil a’ bheag a dh’ fhoghlum sam bith. An duine a’s bochda a thachair riamh rium, bha iomadh fiosrachadh aige air nach robh eòlas sam bith agamsa. Air do ’n chùis a bhith mar so, cha ruig a h-aon dhinn a leas a bhith cho fior mhoiteil mu ar n-eolas agus ar fiosaachadh ’s a tha sìnn.
An uine gun bhith fada sgrìobhadh mi ugad.
Is mi do charaid
BODACHAN A’ GHARAIDH.
Taobh an Locha, 18, 4, ’03.
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. V.
AN DUBHAN AIR UR-BHIADHADH—A CHOINNEAMH AIG AN TORR DHUBH—CUNNART AN T-SEALGAIR.
CHUAL’ an t-òsdair dubh an uaigneas Ghlinn Duibhre mu gach ni, ’s mu ’n duais a bha feitheamh air aig a Chaiptein chumhachdach. Mar sin smaointich e air e fhéin a dhion cho math ’s a dh’ fhaodadh e; agus thainig e thun a cho-dhùnaidh gur e ’n aon dòigh air an deanadh e so a bhiodh taitneach leis a Chaiptein, an gniomh a thug e dha ri ’dheanamh a dheanamh gun mhaille, cho luath ’sa chuireadh na dàin an cothrom na ’laimh. Bha nis a cheart uiread de ghràin aige air an t-sealgair ’s a bh’ aige air fear a’ Bheallaich fhein; oir nach e bu choireach a bheatha ’thearnadh o’n ghàbhadh anns an do chuir e fhéin ’san stoirm i. Bha fios aige mar an ceudna nach deach cridhe cruaidh Adam a thaiseachadh no iompachadh gu daonntachd no gaol do ’n fhear a shàbhail e, ’s a chuir fo leithid de chomain e. Cha deachaidh idir. Na aghaidh sin ’s ann a bha ’n Caiptein còir na bu ghuiniche agus na bu diarrasaiche uige na bha e riamh, oir bha e ga ’fhaicinn a nis na ’chnap-tuislidh roimhe na bu mhotha na b’ àbhaist, air an aobhar a leanas.
Cha ’n fhóghnadh leis an òganach na rinn e air Eobhain, le Una dhonn a thoirt bhar an rathaid air an robh i gu toilichte ’triall, an uair a dh’ fhiar e a slighe gu ’lion fhein. Thàinig i leis gun
[Vol . 11. No. 23. p. 3]
stri, ’s cha robh ’thoileachadh idir cho mor ’sa bha e ’n dùil, gu h-àraidh o nach do rinn an sealgair fhein straighlich sam bith mu ’n chùis. Mar sin dh’ fhàs e sgìth de chuideachd Una ghòraich, iomlain, agus chaith e ’shùil ghaisidh an taobh an robh Màiri bheag gus Eobhain a ghonadh na bu mhotha. Gus a mhiann a shàsachadh, agus so a thoirt mu ’n cuairt, thòisich e ri e fhein a chaitheamh an rathad Màiri gach taobh an rachadh i. Ach cha ruigeadh e leas; bha shaothair diomhain; oir cha b’ ann idir ’san aon mholltair a dheilbh nàdar an dithis chaileagan Gàidhealach so. Bha Màiri bheag a sealltainn na b’ fhaide na shitheadh an t-sùil ann an leughadh fear sam bith, ’s gu h-àraidh bha i ga dheanamh so, agus bha e feumail dhi, a thaobh Chaiptein Adam, ’san treubh da ’m buineadh e. Cha b’ urrainn di gluasad am mach taobh sam bith nach tachradh fear a’ Bheallaich rithe, mar gu ’m b’ eadh le tuiteamas. Agus ged a b’ ann gus an sealgair a ghonadh a thòisich e ris a so, ’s e thàinig as a chùis mu dheireadh gu ’n do ghabh e gaol air Màiri— ’s e sin gaol cho mor ’s cho domhain ’sa rachadh aig a nàdar féineil air a thoirt seachad—gràine faoin an coimeas ris na bh’ aige de ghaol air fhéin ’s air an rud air an robh e sealltainn mar thoileachadh na beatha.
Air aon fheasgar, deireadh a gheamhraidh, bha Màiri bheag a tilleadh dhachaidh á taigh na ban-fhighiche, a bh’ air rudha aonaranach ri oir na mara. Gheall Eobhain gu ’n rachadh e na ’coinneamh, ’s mar sin thug i ’h-aghaidh gun eagal gun sgàth air a bhaile, ged a bha i fàs dorcha. Bha i gabhail ioghnaidh nach robh e tachairt rithe, ach mu dheireadh aig tionndadh Creag-an-fhithich, chunnaic i e, mar a bha i ’n dùil, a’ tighinn na ’coinneamh. Ghreas i ’ceum uige ’san dorchadas, ag radh ris aig a cheart àm, “Dé chum cho fad thu? ’S fhad o bha dùil agam a thachradh tu rium. Cia do ghairdean?”
“Le m’ uile chridhe, ’Mhàiri bhòidheach, ’s tusa gheibh sin!” ars’ an guth; “ ’s na ’m biodh fios no fàth agam gu ’n robh thu gabhail fadachd nach robh mi tachairt riut, cha bu ruith ach leum leam ga d’ ionnsuidh.”
Le so a ràdh thionndaidh e ri ’taobh, ’s thilg e ghairdean mu ’n cuairt di, is chunnaic Màiri le eagal agus uamhas gu ’m b’ e ’n struidhear dubh, Caiptein Adam a bh’ aice an àit’ Eobhain bhàin. Thuigeadh Adam beagan Gàilig, ach b’ ann ’sa Bheurla ’fhreagair e i mar so. Cho ealamh ris an fhùdar thug i spionadh oirre fhein as a làmhan ’s am mach a ghabh i. Ach mu ’n deach i fichead slat rug e gu teann cruaidh air ghairdean oirre, ’s thug e oirre gu feargach seasamh.
“Tha mi sgìth dhe d’ ghogaideachd a nis, ’s cha chuir mi suas ris a chòrr dhe na cleasan so,” ars’ esan. “Na biodh nàire no athadh sam bith ort. Tha fios agam gu bheil thu smaointinn gu bheil mi car àrd air do shon. Ach dé dhe sin? Nach ’eil mi le ’m thoil fhìn a tairgse bean-uasal a dheanamh dhiot, agus sin an nochd fhein! Tha bàt’ agus sgioba dìleas agam shios aig a bhàgh, nach bi fada ga ’r toirt gu àite anns an teid an snaim laghach a’ cheangal. ’S mar dhearbhadh dhut gu bheil mi da rireadh,” ars’ an Caiptein le gàire subhach, a bheireadh, bha e smaointinn, misneach dhi, “bheir mi bhuat dusan pòg, agus uiread eile dhut.”
Bha e gu sgiobalta ’dol a dheanamh na suaip thlachdair, chothromaich so; oir bha neart faoin Màiri air a mhùchadh buileach na ghairdeanan làidir, ’s cha b’ urrainn i dheanamh mar sin gus i fhein a gheard ach aon sgriach àird a claiginn. Bha iad na ’n seasamh faisg air tòrr dubh, ’s e sin tòrr feamainn, a bh’ air grodadh fo uisgeachan is siantan a bha freagarrach gus sin a dheanamh. Mu ’n do thàrr an éubh bilean Màiri fhàgail, thàinig mar leoghan Eobhain bàn mu ’n cuairt oisinn an torra, ’s an ath mhionaid, mu ’n do thàrr am fear eile tionndadh, no sealltainn feuch an e beithir a chaidh na ’luib, chaidh breith air gu garbh, ’s fhuair e e-fhéin a seòladh suas troimh ’n dorchadas agus a’ tighinn a nuas an comhair a chinn ann am meadhain an torra dhuibh, far an deach e á sealladh gu bog balbh.
“So!” ars’ Eobhain. “Tha ’n leaba sin tuille is cùbhraidh air-son do leithid, is caidil gu madainn innte, feuch an dealaich pàirt dhe ’n òtrachas riut ann.”
Le so a ràdh dh’ fhàg e ’n t-àite ’s Mairi air chrith air a ghairdean, ’s i nis a faicinn an sàbhaladh caol a chaidh oirre o’n ribe, a bhiodh na bu chruaidhe leatha na ’m bàs. Bha Eobhain e fhein air a ghonadh an uair a thuig e ’n cunnart ’san do theab i tuiteam, ach bha e gu math taingeil gu ’n do ràinig e ’n àm air-son a tearnadh o’n ghàbhadh; oir cha robh teagamh sam bith aige nach robh Adam air a toirt air falbh a dheòin no dh’ aindeoin. Chunnaic iad gu ’m feumadh iad a bhi nam faicill á so suas, agus sùil gheur a chumail am mach mu ’n tuiteadh i ’n lamhan a Chaiptein tuille. Ach a nis ged a tha ’n dorchadas ann, ’s fhearr dhuinn sùil a thoirt air an fhear a tha na éiginn ’san torr dhubh.
Dh’ fheuch fear a’ Bheallaich ri faighinn as an leaba chùbhraidh ’san do chuir a pheasanachd e, cho sàmhach ’sa b’ urrainn e, gus a phearsa fhalach air sùilean an t-saoghail. Ach cha robh ’n torr dubh idir air-son a thoirt suas gun stri; oir bha e tuigsinn gu ’n robh bann agus càirdeas làidir eatorra. Mar sin an uair a bhiodh cas a Chaiptein gu h-àrd, ’s a thòisicheadh e gu fàillidh air goid na té eile, shleamhnaicheadh e gu laghach, réidh gu grunnd a rithist. Mu dheireadh thall b’ fheudar dha a ghuth a leigeil an àirde air-son cuideachaidh. Chuala ’n dithis a dh’ fhàg e ’m falach leis a bhàt’ e, ’s iad a nis a gabhail fadachd nach robh e tighinn, leis an fharadh bhòidheach, m’ an do dh’ innis e dhaibh a bh’ aca ri aiseag. Air an stiùradh le ’ghlaodhaich, ràinig iad e na ’n leum, agus le innleachdan fhuair iad air éiginn a shlaodadh as gun a bheag dhe ’n tòrr dhubh a thoirt leotha. Cha robh Caiptein Adam na shealladh taitneach no cùbhraidh, mar a dh’ fhaodas sinn a thuigsinn, agus an uair a chunnaic fir a’ bhàt’ e, le solus an lainntir, cha b’ urrainn dhaibh ’san anail annta cumail air an gàire, le faicinn staid riomhadh fear na bainnse, ’s na bha nis mu ’n cuairt air de ’n spìosradh neo-chùbhraidh bholtrach so. Chuir an subhachas mi-iomchuidh an caothach buileach glan air a Chaiptein, ’s a togail seann stamh fada dubh thug e ’n roid ud na ’n deigh, ’s cha b’ e taghadh na Beurla bha e caitheamh orra. Ach gu fortanach chaidh an stamh m’a chasan, ’s thuit e ann an lòn, ’s chaidh mar so ’fhearg a bhàthadh ann le uisge salach ’s le eagal, ’s mar an ceudna dh’ fhàg e pàirt dhe ’n torr dhubh ann.
Faodar a thuigsinn gu ’n do dh’ fhad so teine na feirge na bu bhraise na ’chom coirbte an aghaidh Eobhain bhàin; is gus a chur a dhìth, chuir e litir air a seuladh thun an Osdair dhuibh an Gleann Duibhre le seirbhiseach dìleas, anns an robh na briathran torrach a leanas:—
“Oidhche Mhàrt s’a tighinn bidh cuspair ar diùrais, an oidhche mu dheireadh a choinnich sinn, air an rathad do Bhail’ -an-iubhair. Agus chaidh innse dhomh le urra chinnteach gu bheil dùil aige cadal ’sa mhuileann dubh, gus e bhith na ’s dlùithe d’a cheann-uidhe ’sa mhaduinn. Ach thoir thus’ an aire gu ’m bi thu gu math dha, agus na dean dearmad air a chadal fhàgail trom sàmhach, ’san dòigh a dh’ àithn mi dhut. Dean so gu sgiobalta ’s theid moran a mhathadh dhut, ach ma leigeas tu seachad an cothrom leanaidh mi thu cho dlùth ri d’ fhaileas gu iomall na cruinne, gus am faic mi thu ’n àite nach fhaic thu solus latha gu dìlinn. Thoir do cheart aire gu ’n loisg thu so!”
Mar a thubhairt b’ fhior; oir cinnteach gu leòr, air an oidhche Mhàrt a dh’ ainmicheadh ghluais an sealgair o dhachaidh leth-fheasgar, ’s turus aige do Bhail’ -an-iubhair, far an robh mar an ceudna caraid dha ’gabhail còmhnaidh. Le ’ghunna ’s le ’mhàileid air a shiubhal—cha robh ga ’ghiulan ach a chasan lùthmhor fhein— ’s o’n a bha ’chridhe fhein gun ghamhlas do dh’ aon sam bith, cha robh ’n t-amharus bu lugh’ aige gu ’n robh naimhdean fuilteach air a luirg, aig an robh toil a chur a dhìth. Ged a bha Eobhain car trom-inntinneach ’sam àm air tàille reusain m’a bheil fios againn, cha robh e idir air fear de ’n fheadhainn a laidheas sios fo ’m bròn, mar gu ’m biodh réis na beatha seachad dhaibh gu bràth, ’s gach toileachadh air uachdar an domhain. Ràinig e dorus an òsdair dhuibh ’san dorchnachadh, ’s gad ian na ’laimh a leag e air an rathad, a bha e dol a thoirt do ’n bhean-taighe aig an òsdair, Ealasaid odhar, rud a rinn e iomadh uair roimhe sid. Chuir e ioghnadh air nach bu bheag cho fior chridheil ’s a dh’ fhàiltich an t-òsdair dubh e aig a dhorus, ’s cho mìn ’s cho caoimhneil ’s a dh’ fhaighneachd e m’a shlàinte ’s m’a shlàinte gach aon a bhuineadh no b’ aithne dha. Thug e an aire an uair a chaidh e stigh gu ’n robh an seann taigh na b’ ùdlaidh na chunnaic e riamh e, na ’n gabhadh sin a bhith, agus dh’ fhairich e gaoir neònach mu chnaimh a dhroma, ged nach robh sin furasda ’thoirt ann air a thàille. Bha uiread mheas aig Ealasaid odhar air an òganach dhreachar so ’s a bh’ aice air neach beò, ’s mar sin cha robh a maighstir idir air-son ni sam bith a leigeil fhaicinn dhi a bhiodh gu dolaidh Eobhain bhàin, ged a bha i gu mor fo smachd agus fo bhann iongantach air choireigin na ’sheirbhis. Mar sin ged a bha amharus aice nach robh gach ni ceart cha robh fios aice air cunnart an t-sealgair idir, ach a mhàin gu ’n robh an t-òsdair agus Uilleam, làithean roimhe so, gu math tric ri ’m faicinn an diùrais dhiomhair mu ni àraidh—amannan aig am biodh an adharc a dol mu ’n cuairt gu tric le stràic. Cha robh Ealasaid odhar a cur moran diù ’sa chùis, ged a bha i cluinntinn iomadh bloigh facail maoidhteach, oir bha ’daonnachd air a mhaoladh o chionn iomadh latha, no gus am fac’ i Eobhain bàn aig an dorus air an fheasgar ud, cha do chuir i dha agus a dha comhladh, ’s cha do smaointich i gu ’m b’ e cuspair na diùrais aig na seòid. Ach an uair a sheas e an treun a neirt, agus am blàth na h-òige, m’a coinneamh, ’s e sìneadh dhi na seilge, thainig gach facal ’s gach bloigh facail a chual’ i gu grad na ’cuimhne, agus chuir i roimhpe, ged a phàidheadh i gu daor air a shon, a chur na ’fhaireachadh roimh ’n chunnart, ged nach rachadh aice air innse dha dé ’n seòrsa bh’ ann, ach a mhàin an àird o’n tigeadh e. Ach thug i ’n aire nach biodh so soirbh a dheanamh, oir bha sùil dhubh gheur an òsdair oirre fad na h-ùine, ’s e air amharus a ghabhail gu ’n robh toil aice rudeigin a ràdh ris an òganach, agus a réir choltais bha e air a chur roimhe nach fhaigheadh i ’n cothrom; oir bha thuar air gu ’n leanadh e riutha cho dlùth ’s cho dìleas ’sa ni bàirneach ri sgeir-mhara.
(Ri leantuinn.)
Bha Nathaniel March agus Deòrsa Lambert air am marbhadh ’sa mhèinn chloiche air Abhainn Sheòrais air an t-seachduin s’a chaidh. Bha iad le cheile mhuinntir Newfoundland ’s bu daoin’ òga gun phòsadh iad.
[Vol . 11. No. 23. p. 4]
A’ GHAIDHLIG.
THA mi glé thoilichte gu bheil Bodachan a’ Ghàraidh fathast beò ’us lughmhor, agus comasach air Gàidhlig ghlan ghasda ’sgriobhadh. Tha mi da rireadh moran ’n a chomain airson nam briathran caoimhneil a sgriobh e mu Chona. Bu ghle mhaith leam eòlas a bhi agam air, agus cothrom a bhi agam air seanachas a bhi agam leis mu dheibhinn iomadh ni ’bhuineas do na Gàidhlig. Is maith ’s aithne dha Gàidhlig bhrioghmhor, bhoidheach a sgriobhadh. Tha e soilleir gu leoir gur e fior Ghàidheal inntinneach, làidir, dìleas a tha ann. Tha Cona fathast beò agus làidir. Tha e pòsda. Tha e moran ni ’s sine na bha e ann an 1870, ’nuair a sgriobh e mu Oisein, a Linn agus a Bhàrdachd. Tha dòchas làidir agam gu bi Bodachan a’ Ghàraidh fada beò ann an slàinte ’s soirbheachadh, agus gu cuir e iomadh litir mhaith do MHAC-TALLA ann an cainnt agus ann an spiorad nan Gàidheal, mar da rireadh is aithne dha.
Chaidh moran bhliadhnachan seachad o’n thòisich càirdean an Ollaimh Mac Leòid air gach ni ’s paipeir a sgriobh e ’thrusadh agus a’ chur ann an òrdugh airson an clo-bhualadh ann an aon leabhar. Cha robh Gaidheal dileas idir ann nach robh fuasach toilichte ’nuair a thuig iad gu robh cairdean dealasach Mhic Leoid agus na Gàidhlig a’ deasachadh sgriobhaidhean pongail agus eireachdail an Ollaimh a chum gu rachadh an clo-bhualadh taobh ri taobh leo fein. Is e an t-Ollamh Cleireach, cliamhuinn Mhic Leoid, a rinn an obair ghasda ’tha nis ri fhaicinn ann an Caraid nan Gaidheal—an t-ainm iomchuidh grinn a bhuilich e air sgriobhaidhean Thormoid. Tha ’n t-Ollamh Cléireach fior mheasail am measg càirdean dìleas agus foghluimte na Gàidhlig. Is iomadh naigheachd taitneach a sgriobh e fein ann an Gaidhlig, agus is oirdheirc an obair a rinn e ’nuair a dheasuich e ’s a chuir e mach gu pongail, comasach, Oisein agus a Bhàrdachd, ann an sgeadachadh ùr, dreachmhor, foghluimte. Tha e fein ag innsidh gu robh comhnadh maith aige bho ’n Ollamh Mac Ille Bhrath. Thainig earrann de ’n obair ùr so a mach uair ’s a’ mhios. Ma dh’ fhaoidte gur e Tormod Mac Leoid, Ministeir a’ Bharonaidh ann an Glaschu, Albannach a bu mhodha cliù ’s tapadh ’us beusan iomadach ’n a latha fein. Cha ’n i bana-Ghaidheal a bu mhàthair dha. Is i boirionnach gleusda, glic, uasal a bha innte ged nach robh Gaidhlig aice. Bha Tormoid òg gle mheasail air athair agus air a mhàthair. Is e Caraid nan Gaidheal—ainm gle iomchuidh agus firinneach—a thugadh air an leabhar ùr a dh’ uidheamaich an t-Ollamh Cléireach. Sgriobh Tormoid òg eachdraidh ghoirid air beatha athair ’s air gach oidhirp dhuineil a rinn e as leth na Gaidhlig agus nan Gaidheal. Cha ’n ann gun aobhar a thubhairt am fear deasachaidh gu bheil àite àrd, measail aig Caraid nan Gaidheal am measg nan leabhraichean a’s fhearr ’us a’s cùramaiche ’tha air an sgriobhadh anns a’ Ghaidhlig. Faodar a radh gu cinnteach gur ann an Caraid nan Gaidheal a tha ’Ghaidhlig a’s fhearr, a’s pongaile ’s a’s mìlse ’tha idir againn. Thugadh neach air bith a tha iarrtuiseach air Gaidhlig shnasmhor, bhlasda, cheart ionnsachadh agus a labhairt deadh aire do Charaid nan Gaidheal. Bha ’n t-Ollamh Mac Leoid daonnan a’ tabhairt eolais feumail do na Gaidheil, agus a’ nochdadh doibh cia mar bha sean doighean agus àbhaistean a’ dol air chùl, agus innleachdan ’us dòighean ùra ’teachd ’n an àite. Am feadh a bha Tormoid a sgriobhadh co pongail, gasda, bha amannan gle chruaidh anns na h-Eileanan Gaidhealach, agus bha e fuasach duilich do na Gaidheil an teachd an tir a chosnadh. Bha fios ’us cinnte aig Tormoid gu faigheadh iad air taobh thall a’ chuain dachaidh sheasmhach, le fearann beartach, torach, agus le dichioll ’us saothair gu bitheadh iad ann an ùine ghearr ann an inbhe mhaith agus shona. Ann an còmhraidhean bòidheach, ealanta tha Tormoid a’ deanamh iomraidh air beachdan nan Gaidheal agus a’ nochdadh gu robh e min-eolach air an smuaintean. Tha na còmhraidhean a’ dearbhadh gu soilleir gu robh inntinn gheur, làidir aig Mac Leoid, agus nach robh e idir aineolach air faireachduinnean a luchd-dùthcha. Is ann le tlachd mor a leughas na Gaidheil na còmhraidhean a chuir Mac Leoid le dealas grinn an òrdugh.
Tha ’n treas earrann air a thabhairt suas le nithean cràbhach agus le searmoinean drùighteach, freagarrach agus ùr-labhrach. Is iomadh Gaidheal a tharruing moran sonais ’us sòlais bho ’n earrann so de Charaid nan Gaidheal. Tha geallaidhean ’us earailean an t-soisgeil air am foillseachadh gu stòlda, tarbhach, firinneach ann an Searmoinean Mhic Leoid, agus cha chaill iad am meas ’s am muirn ’s an cumhachd co fad’ ’s a bhitheas cràbhadh taitneach leis na Gaidheil.
Tha da bhliadhna ’nis on chaidh comh-chruinneachadh ùr de sgriobhaidhean Thormoid Mhic Leoid a chlo-bhualadh. Ged nach ’eil an leabhar ro-mhor tha e air a chur an òrdugh maith, agus tha moran leughaidh taitneach ann. Is ann an Gaidhlig fhonnmhor ’s ealanta ’tha na naigheachdan a bhuineas dha air an sgriobhadh. Tha cunntas ann air a’ ghaisgeach fhoirmeil, fhoghainteach, Lachunn Mor Dhubhairt. Tha cunntas ann mar an ceudna air Eliah, an duine le Dia, air Lunnuinn, air Ailean nan Sop, air a’ Phrionnsa òg, a tha ’nis ’na righ thairis air Breatunn agus na h-Innsean gu léir. Tha gun teagamh iadsan lionmhor a tha toilichte gu bheil comas aca air tuille de sgriobhaidhean ’us de bheachdan Thormoid a leughadh agus a mheorachadh. Cha theid mar so sgàile na di-chuimhne gu ceann iomadh latha ’s bliadhna ’sgaoileadh air ainm Caraid nan Gàidheal agus air na sgriobhaidhean àluinn agus eugsamhuil a thainig uaithe. Tha mi faicinn le tlachd mor gu faigh gach neach aig am bheil spéis do Charaid nan Gàidheal an da leabhar air an d’ rinn mi iomradh bho MHAC-TALLA fein. Co an Gaidheal dìleas nach bi deònach air Gàidhlig ghrinn an da leabhair so ’bhi aige.
An uair a thàinig an t-àm anns am feumadh Tormoid Mac Leoid tigh athar fhàgail agus dol do sgìreachd dha fein, sgriobh e oran ann an Gaidhlig a bha anabarrach bòidheach agus tairis. Tha ioghnadh orm nach deachaidh an t-òran so ’chur a mach a rithist, oir bhitheadh moran de chàirdean caoimhneil Thormoid fìor-thaingeil nam faiceadh iad an t-òran air am bheil iad fior-eòlach le bhi ’cluinntinn iomradh air. Dh’ eadar-theangaich Ministeir ann an Ceann mu dheas Chinntire an t-òran a dh’ ionnsuidh na Beurla. Ged nach fhaca mi riamh Gàidhlig Mhic Leoid anns an òran, rinn mi oidheirp air an òran a chur ann an éide Gàidhealach bho Bheurla ’mhinisteir air an d’ rinn mi luadh. CONA.
[Gheibhear an t-oran so— “Fionnaire” —air an taobh mu dheireadh dhe ’n àireamh so. ]
Bha malairt Mhontreal air a ceangal gu dona o chionn dha no tri sheachduinean, luchd-laimhseachaidh a bhathair air na ceidheachan a’ diùltadh obrachadh. Chaidh réit a dheanamh toiseach na seachduin so agus chaidh na daoin’ air ais a dh’ obair. A thaobh tuarasdail is eile tha iad air am fàgail car mar bha iad nuair a thòisich an aimhreit.
MAR A LABHAIR AM MART MAOL.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
FO sgàil nan craobh ri taobh alltain fhuaimneach, lùbach, tha ’m bothan sgiobalta geal aig Uilleam breabadair ri fhaicinn. Seas air a chùl air mullach an dùin shligean, shrùban, is bhairneach, ’s tog do shùil ris an eara-dheas is chì thu na beanntan aosmhor mu d’ choinneamh, ’s ceò ag iathadh mu ’n cinn, anns a cheart shuidheachadh ’san robh iad an uair a bha ’n Fheinn, le ’n gaisgich ’s le ’n coin, a’ ruag an fhéidh air am feadh, ’s a bhiodh iad, air-son cur seachad na h-ùine, a’ caitheamh nan creag o mhullach gu mullach, far a bheil cuid dhiù ri ’m faicinn gus an latha ’n diugh. Tionndaidh, agus seas tacan aig an dorus, ’s cuir do shùil an iar, is chì thu ’n cuan luasganach beò, na mhórachd a sìneadh eadar thu ’s leus, ’s a measgachadh le guirme nan speur. Na ’n rachadh agad air do shùil a chuir àrd gu leor, ’s do shealladh a chaitheamh thairis, b’ ann air oirthir chein chraobhach America, air an taobh eile de ’n chaol mhor a laidheadh i. Ach gun an còrr a ràdh mu mhórachd nàdair, cuireamaid ar n-aire car tacain air ar cuairteachadh, ’s gu h-àraid air taigh Uilleim bhreabadair chòir.
’S e taigh a’ bhreabadair an taigh céilidh is ainmeile ’sa bhaile ’san àm, ’s ga ’ionnsuidh mu ’n tàrr a’ ghrian a sùil fhalach bidh na h-òganaich as gach taobh a tighinn, mar leomainn gu dearrs coinnle. Is ni cinnteach nach e ’n crùisgein beag aig Uilleam air a lasadh crochte ri taobhan air chùl na beirte-fighe tha ga ’n tarruinn, agus is cinnteach nach e euchdan na Feinne, ’s nan daoin’ o’n d’ thainig e, agus na sgeulachdan eile bhiodh e gu tric ag aithris, a bha toirt na h-armailt òganach ud mu cheann glas a bhreabadair, air chor ’s nach fhaigheadh e àite-suidhe na ’thaigh fhein ach am broinn na beirte-fighe. Cha b’ e idir. Bha crùisgein Uilleim a cheart cho dearrsach beagan bhliadhnachan air ais, agus bha e fhein a cheart cho math air na sgeulachdan ’s a tha e nis, ’s cha tigeadh a h-aon dhe na spalpairean so na ’chòir. Ach an uair sin bha Flòrag a nighean gun fhàs, gun chumadh, gun samhladh, gun choltas ris a ghath gréine a chì sinn an diugh a cumail taigh a bhreabadair, ’s m’a bheil na gillean so a dathadh an sgiathan, no, gus a bhi ceart, an cridheachan. Cha ’n aidicheadh iad fhein ’san anail annta gu ’n robh àite sam bith aig Flòraig na ’n smaointinnean, no gur ann air a tàille a bha iad a cosg bhròg ’s a bruthadh feòir ag iathadh mu thaigh a bhreabadair. Cha robh; cha robh. Bha iad uile gu léir ach a h-aon air ùigh mhor a chur ’sa bhreabadaireachd, ged a bha iad ag amharc sios air a cheaird fheumail sin beagan ùine air ais. Ach ’s mor a bh’ aig da shùil shoilleir, mheallach Flòraig ri ’dheanamh ris a mheas so, ’s ris gach meas a bh’ aca air gach ni a bha ga ’cuairteachadh. Ma ’s e na creagan fhéin a bha dlùth air taigh Uilleam, bha barrachd meas aig na gillean orra na bh’ aca air creagan sam bith eile; ’s an cuan—a chuid sin a tha tighinn dlùth air a dhorus, ’s anns am biodh Flòrag o chionn ùine cho gearr le ’casan beaga rùisgte ’cluich ’s a grunnachadh—shaoileadh iad gur bàs taitneach a bhiodh ann, a bhi air am bàthadh ann seach àite sam bith eile. Cha robh cùil aig a bhreabadair a stigh nach robh cur thairis le tombaca—gibhtean na suiridhichean—oir ged a bha e trom air a’ phìob, cha rachadh aige air cur as dhe na bha e faighinn no taing.
Tha ’n oidhche air tuiteam, is theid sinn a stigh, o’n tha beagan ùine o’n dhùin an dorus air an fhear mu dheireadh, ’s chì sinn pàirt dhe na tha dol air adhart mu chagailt a bhreabadair.
[Vol . 11. No. 23. p. 5]
Tha Flòrag na ’suidhe aig a chuibhill, ’s gun choltas subhach sam bith oirre, a lionadh iteachain dha ’h-athair. Tha Iain mór o’n ghleann air an darna taobh a cumail nan ceirslean, ’s tha Aonghas beag a ghriasaiche air an taobh eile ’s a’ chas a cur mu ’n cuairt na cuibhle. Tha Alasdair ruadh na beinne mu ’coinneamh, a cumail nan iteachan làn na ’bhonaid; ’s tha Domhull a chùbair na ’sheasamh air a cùlaobh ’s paipear is pensail aige cumail cùnntais. Tha coignear no sianar eile (an fheadhainn nàrach) mu ’n cuairt na beirte-fighe a’ frithealadh dha ’n bhreabadair fhein—fear a togail na spàil, ’s fear a gearradh thombaca, is fear eile glanadh na pìoba, ’s fear a feitheamh ’s bioran giubhais aige ’san teine gus a bhi deas gus a faighinn aig tarruinn; ’s an dràsda ’s a rithist iad so uile toirt sùil ghruamach air a cheathrar a tha eadar iad ’s grian an dòchais. Ach ag amharc air Flòraig, tha e furasd’ fhaicinn nach ’eil a cridhe le aon dhe na tha ga cuairteachadh fo na cabair; oir gach uair a gheibh a sùil bealach ’s a’ bhalla bheò so tha i daonnan a tionndadh air an dorus, mar gu ’m biodh dùil aice ri cuideigin nach ’eil a tighinn. Ged a tha fios aig Flòraig nach tig a chuideigin so a nochd, tha solus dòchasach a dearrsadh na ’sùil gach uair a chluinneas i fuaim mu ’n dorus, oir cha robh fios aice riamh uige so dé cho mor ’sa bha bhearna na cridhe ’bha Alic Nèill a lionadh, ged a bha i o chionn ùine mhath ga ’chumail air chorra-bid, eadar gaol is eagal. Ach an dé chaith i dhith cleòca na gogaideachd, dhàsan co-dhiù, is chunnaic e dòchas, agus a fior rùin dha, na ’briathran, a bhàrr air am faicinn an tobraichean soilleir na h-inntinn. Ach, mo thruaighe! cha robh am breabadair riamh air taobh Alic Nèill; agus an oidhche roimhe so sheall e ’n dorus dha le briathran garbha, feargach, a cheart oidhche bha dùil aig Alic ceist àraid a chur ris, agus ged a bha e ann an teagamh mu ’n fhreagairt, bha ’dhòchas cho làidir ’s gu ’n robh e smaointinn gu ’m faigheadh a theang’ fhileanta fhéin buaidh air a bhodach, ’s gu ’m b’ iad na briathran mu dheireadh a cluinneadh e o bheul a bhreabadair an oidhch’ ud: “Oidhche mhath leat, Alic, a chliamhuinn ghràdhaich!” Ach gu h-olc, cha robh so an dàn an oidhch’ ud. Na aghaidh sin thaosg fearg a bhodaich uime na tonnaibh cho làidir ’s gu ’n do dh’ fhàg e dhorus le beannachadh eile. Agus b’ ann mar so a thachair.
Bha dìleab gamhlais ga ’sìneadh a nuas o linn gu linn eadar teaghlach a bhreabadair agus teaghlach Alic Nèill, agus b’ ann mar a leanas a dhùisg e ’n tùs. Dlùth air àm Noah, chaidh seanamhair sinn-seanair Alic agus seanamhair sinn-seanair Flòraig gu dubh bhar a chéile mu dha ghur-chearc. Ghoid cearc an darna té na h-iseinean air cearc na té eile, ’s cha ’n fhaigheadh i iad o nach mionnaicheadh i air a dearbh iseinean fhéin, rud a bha cunnartach a dheanamh, ’s iad uile dhe ’n aon dath ’s dhe ’n aon mheudachd. Ach air an ath mhaduinn, mu ’n do dh’ éirich a ghrian, (no a bana-charaid) fhuair a chailleach a bha ’n call an dé ’n da chearc còmhladh, ’s leig i dhachaidh cearc na té eile le aon isein crùbach, ’s mar so fhuair i ceann amall a ghamhlais air thoiseach, ’s chum i e, ’s chum gach taobh uaithe sin e air chuimhne cho ùr ’s cho dìleas, ’s bha iad iad uige so ga ’chreidsinn mar a chreud. Bha mar sin “iseinean mo sheanamhair” ga ’n tilgeil air a chéile air-son an aobhair bu shuaraiche, ’s bha ’m breabadair na bu chuimhniche air na h-iseinean na bha gin riamh roimhe.
Cha robh e idir air-son Alic Nèill a bhi ga ’thadhal, ’s gu h-àraid cha robh e air-son do Fhlòraig dad a bhi aice ri ’dheanamh ris, ’s thug e rabhadh dhi iomadh uair dha thaobh.
“Ach,” arsa Flòrag aon latha, ’s e air maoidheadh oirre ’thaobh Alic, “nach ’eil am Biobull fhéin ag iarraidh oirnn gaol a thoirt dha ’r naimhdean ’s dha ’r coimhearsnaich.”
Thachais am breabadair a cheann ’s chlaon e mhalaidhean a smaointinn. “O,” ars’ esan, “is docha nach do ghoideadh iseinean chearc air seanamhair an duine chòir a sgriobh sin riamh.” B’e ’sheanamhair a bh’ aig gach linn air na cailleachan a thog an aimhreit.
Coma co dhiu bha Alic caoin-shuarach mu ’n chùis. Bha e smaointinn gu ’m bu chòir na cearcan a thiodhlachadh còmhla ris a chàraid a dh’ àraich iad, ’s gu h-àraid bha e air-son tòrradh balbh a dheanamh dhaibh a nis, ’s a bhi réidh ri Uilleam air tàille Flòraig; ach bha so doirbh a dheanamh, ’s an darna leith dhiu aig a bhreabadair, ’s gu’n e air-son làmh a chur air sluasaid. Air an oidhche bha so bha ’m figheadair mar bu ghnàth ag aithris mu euchdan nan daoin’ o’n d’ thàinig e, ’s gu h-àraidh bha e pròiseil mu bhàrdachd a sheanair, a bha, bha e smaointinn, fad’ air thoiseach air obair Oisein mhic Fhinn.
“C’àit’ ,” ars’ Uilleam, ’s e leigeil a ghuth an àirde, “an d’ rinn Oisean riamh ceathramh cho snasail ris a cheathramh so, a rinn am fear nach maireann, mo sheanair, do nighinn air an robh e suiridhe? Bha an nighean fior bhòidheach, mar a thuigeas sibh o’n cheathramh gun choimeas so:—
Tha do shùil leam mar ghrìogaig dhubh;
Tha do dheud leam cho geal ri ubh;
’S tha do ghruaidhean mar chìrein coilich,
Is deirge shealladh le latha fliuch!”
An uair a chuir am breabadair crioch air a cheathramh, sheall e le sùil fharraideach air na gillean air-son am beachd a leughadh na ’n gnùisean, ’s thug e ’n aire, gu mi-fhortanach do dh’ Alic a feuchainn le uile dhichioll ri gàire ’thachdadh, oir bha e gu nàdarra àbhachdach, agus dhrùidh na samhlaidhean bòidheach a chuir coimpear Oisein ri ’cheile, gu mor air a chùil an robh bhuaidh sin aige. Las am breabadair, agus las e gu math.
“Am mach air mo dhorus ’s na dubh gu dìlinn e, a spalpaire mhagail!” ars’ esan. “Cha ’n ’eil thus’ ach mar a bha nan daoin’ o’n d’ thainig thu, agus ’s ann a bhiodh e na ioghnadh leamsa thu bhi air a chaochladh, iar-ogha bradaig, a ghoid na h-iseinean air an té nach maireann, mo dheagh sheanamhair chòir.”
Ged nach do chòrd so ri Alic mu choinneamh Flòraig ’s nan gillean braoisgeach eile, cha do rinn e ach gàire, ach aig an dorus thionndaidh e ’s labhair e ris a bhodach a bha na ’sheasamh le ceirsle mhor shnàth aige na ’laimh: “ ’S tu fhéin tha math gu biadhadh nan cearc, Uilleam, an uair tha iseinean do shinn-sinn-sinn-seanamhair agad beò slàn fhathast! Ach tha ceist agam ri chur ribh;” ’s e tighinn ceum air adhart.
“Am mach leatha, ma ta, ’s thoir do chasan leat!” ars’ am bodach.
“An toir sibh dhomh Flòrag?” ars’ an t-òganach dalma.
“Ha, ha!” ars’ am breabadair, “an e sin an taobh tha ghaoth! An cluinn thu so: Cha ’n fhaigh thu còir air Flòraig bhuamsa, gus an iarr a bhó mhaol ud a muigh orm, an deagh Ghàilig, an làthair fhianuisean, a toirt dhut; ’s bi nis a falbh as mo shealladh!” ars’ esan gu crosda, “ ’s gabh sid mar chuimhneachan,” ’s e aig a cheart àm a caitheamh na ceirsle shnàtha le uile neart air Alic.
“Moran taing dhuibh air a son!” ars’ am fear sin, ’s e ga ’glacadh gu sgiobalta; “a cheart rud a bha dhìth air mo mhàthair, ’s inneach air a chlò bhàn aice ’n taigh na ban-fhighiche.” ’S le so ghabh e mach ’sa cheirsle fo achlais.
“Glacaibh e! glacaibh e!” ghlaodh am breabadair, an uair a fhuair e anail. “Snàth a mhaoir! mo nàire! snàth a mhaoir, a bha mi ’dol a chuir an sàs an nochd.”
Am mach a ghabh e fhéin ’s na gillean, a fàgail Flòraig a’ gàireachdaich gu toilichte na ’h-aonar. Faodar a radh nach d’ fhuair iad Alic no ’n snàth. Ach an ath mhaduinn fhuair am breabadair a cheirsle aig a dhorus ’s ròp thombaca mu ’n cuairt di, ’s ged a bha ’phrois ’s a’ shannt greiseag a stri, thug e gu toilichte iad a stigh le chéile gun mhoran dàil.
Thachair do dh’ Alic beagan ùine roimhe so a bhi ’g amharc ioghnaidhean am baile àraidh, ’s chaidh innse dha ann an sin le fear a bha coimhlionta, gu ’n robh cuisle mhath ann de ’n bhuaidh a bh’ aig “Mac-a- chùbair,” ’s le beagan eòlais gu ’m faodadh e bhi na ’dheagh bhrù-chainntear, no mar theirear ’s a’ Bheurla, ventriloquist .Mar sin an ath latha thug e aghaidh air an àite ’s air an duine, ’s fhuair e na bha uaithe de dh’ ionnsachadh ann an seachduin. Air feasgar bòidheach thill e, agus ghabh e fhéin agus dithis chompanach dìreach gu taigh a bhreabadair. An uair a ràinig iad bha ’m breabadair aig an dorus an ceann a mhairt mhaoil, is Flòrag le ’da laimh chuimir ga ’bleoghainn. Dh’ fhàiltich e na gillean eile gu cridheil, is dh’ fhoighneachd e c’àit’ an robh iad a dol cho tràth air an fheasgar, ach cha do leig e air gu ’m fac’ e Alic.
“Tha mise,” ars’ Alic, “air tighinn a dh’ iarraidh Flòraig a rithist, ’s tha dòchas agam gu ’m faigh mi freagairt fhàbharach uaibh.”
Rinn am bodach gàire, ’s e tachas cluasan na bà. “Thuirt mi riut roimhe,” ars’ esan, “nach tachradh sin gus an comhairlicheadh a bhó mhaol so mi an deagh Ghàilig, an làthair fhianuisean, ’s tha eagal orm gu ’n gabh thu fadachd mu ’n tachair sin, oir is duine mise chumas ri m’ fhacal, Alic chòir.”
“Tha sin ceart, Uilleam,” ars’ a bhó mhaol; “agus o’n a chuir thu chùis ugamsa, abraidh mi riut: Thoir do nighean do dh’ Alic, an ainm an àigh, ’s cha bhi aithreachas ort gu bràth.”
Leig am breabadair as cluas na bà mar gu ’m biodh e air a losgadh, air dha so a chluinntinn o ’beul fo achlais, is sheall e mu ’n cuairt le eagal. Nochd an coileach aig oisinn an taighe agus sheall e air Uilleam ’san da shùil, is labhair e: “An cual thu am mart maol, Uilleam?” ars’ esan; “tha mise ag aontachadh leatha.”
“A Dhia bi timchioll oirnn!” ars’ am breabadair, ’s e toirt leum as sìos thun a chladaich. Bhual a chas ann an cloich an àm gluasad, ’s ghearain i le guth truagh: “Chiùrr thu mi, Uilleam, le d’ bhròig mhoir!” Chuir so e gu leum, is chaidh e á sealladh mar earb.
An ùine gun bhith fada phòs a chàraid òg, ’s cha robh aithreachas riamh air a bhreabadair, is cha chualas iomradh riamh tuille air iseinean a sheanamhair. Theireadh Alic fhein gu ’n do mharbhadh iad uile air-son na bainnse. Ach uige so, ged a fhuair am breabadair beagan eòlais air an dòigh an deach aige air a Ghàilig mhi-nàdarra ud a chluinntinn, ’s air buadhan a chliamhuinn, tha e ’g amharc le suil amharusach air a’ mhart mhaol ’s air a’ choileach gach uair a thig iad dlùth dha.
Tha Montreal an deigh tairgse Charnegie, $150 -000 air-son togalach leabhragain, a dhiùltadh as is as. Tha ’m baile sin air a roinn cho mor ’s nach b’ urrainn do’n t-sluagh aontachadh. Dh’ fheuch comhairle baile Halifacs ris a chleas cheudna dheanamh air Carnegie, ach chuireadh bacadh orra leis an lagh agus tha chùis ri bhi air a cur an dàrna taobh le àrd-chuirt Chanada. Mur saor Carnegie a chuid ghibhtean bho chumhachan, faodaidh e bàsachadh na dhuine saibhir an deigh a h-uile rud.
[Vol . 11. No. 23. p. 6]
AM MADADH-ALLAIDH ’S AN T-UAN. —Air latha teth ’s an t-samhradh thainig madadh-allaidh a chasgadh ’iota aig alltan beag a bha ruith sios le taobh bruthaich. Thachair gu robh uan òg na sheasamh air a bhruaich. Bu toigh leis a mhadadh-allaidh an t-uan ithe, ach bha a chogais ga ’bhioradh, agus air son lethsgeul a dheanamh, thòisich e ri chur an ìre gu robh an t-uan ’na ’nàmhaid dha. “Seas a mach o’n bhruaich sin,” ars esan, “oir tha thu le saltairt do chasan a leagadh na h-ùrach do’n allt, ’s cha’n eil mise faotainn ri òl ach uisge salach.” Thuirt an t-uan, le guth ciùin, nach robh e tuigsinn ciamar a dh’ fhaodadh sin a bhith, o’n a bha an t-allt a ruith leis a’ bhruthach, agus am madadh-allaidh fhein air àite b’ airde na bha esan. “Ach car-son,” ars am madaidh-allaidh, “a tha de dhànadas agad-sa tòiseachadh ri òl idir gus an gabh mise mo leòr dhe’n toiseach?” Thuirt an t-uan bochd an sin gu’m b’e bainne ’mhàthair gu ruige so bu bhiadh ’s bu dheoch dha. “Biodh sin mar a dh’ fhaodas e,” ars am mada-allaidh, “cha’n eil annad ach droch bheothach; oir chuala mi gu ’n robh thu mu ’n am so an uiridh a’ labhairt gu h-olc umamsa ’s mu dheidhinn mo chuideachd.” “An uiridh! ars’ an t-uan, “cha deach mise riamh fhathast a rùsgadh, agus mu ’n àm so an uiridh bha mi gun bhi air mo bhreith.” Nuair a thuig am madadh-allaidh nach robh feum sam bith dha a bhi ’g innse bhreug, ghabh e fearg namhasach, agus air dha tighinn ni bu dlùithe do ’n uan, thuirt e, “Tha ’n aon bhathais aig na h-uile h-aon dhibh, agus ciamar a dh’ aithnicheas neach o cheile sibh. Mur bu tusa bha ga m’ chàineadh, b’i do mhàthair a bha ris, ’s tha sin a cheart cho dona: cha leig mi as a so thu.” An sin leum e air an uan bheag bhochd agus dh’ ith e suas e.
Ni leisgeul sam bith an gnothuch do’n duin’ eucorach, no mar a their cuid: “Theid neart thair ceart.” —Aesop.
Bha gill’ òg an Halifacs a’ cur teine ri tighean ’s ri togalaichean eile air-son spòrs dha fein. Bha deigh mhor aige air bhi faicinn sluaigh a’ cruinneachadh dh’ ionnsaidh nan teintean, agus bha e ’toirt a chothroim dhaibh gu math tric. Dh’ aidich e a chionta o chionn ghoirid ’s chaidh a chur do dhachaidh anns nach teid aig air cron dhe’n t-seòrsa sin a dheanamh gu ceann cheithir bliadhna.
Thainig duine dubh a stigh do bhaile ann an Texas an la roimhe, agus dh’ fheòraich e de chuid-eigin a thachair air an robh e fior gu’n d’ fhuair na tràillean an saorsa. Bha e o chionn da fhichead bliadhna ’s a coig ag àiridh am monaidhean Mhecsico, agus cha robh e ’faotainn sgeul sam bith air na bha tachairt ’san t-saoghal mhor m’a thimchioll.
BARDACHD NA FEINNE.
DAN AN DEIRG MHIC DRUIDHINN.
(Air a leantuinn).
Ghluais iad an sin gu Sealama,
Gu righ uasal a’ mhoir theaghlaich,
Mac Druidhinn nan geur lann buadhach,
Is Raoine ’s an Caol crodha fo gheill dha.
Gu ’n d’ éirich an sin triath Shealama,
An righ ro àghmhor, Mac Chumhail,
Is fir mhòr’ dhireach, dheas, dhealbhach;
’S bu lionmhor fear donn bhrait sròil
An taigh mo righ, is fleagh is ceòl.
Labhair righ na Feinne gun tàir:
“Sibhse ’tha ’n làimh aig an treun-fhear,
Ma thogas sibh airm ’na aghaidh,
Na sloinnibh air teaghlach Threinmhoir.”
Suidheadh treun fhir Innis-Phail
A ghabhail sgéil o chlann an righ,
’S e thainig ugainn air a’ mhagh
Am fear foistinneach, fior-mhala.
Dh’ fhàiltich e sinn le fòil
Am fear mòr a b’ fhearr doigh.
Shuidh an Dearg ’s nior thiom,
’S gu ’n d’ fhàiltich e righ na Feinne.
“Brigh do thuruis gu Sealama,
Innis, a laoich a’s àille dealbh.”
“ ’S e beachd mo thuruis-sa dhut,
A mhic Chumhail, de shliochd Threinmhoir,
Greis de ’n rioghachd b’ àill leam uat,
Ar neo cruaidh-chòmhrag m’a timchioll.”
“Geill na rioghachd thoirt thar sàl,
’S mairg a dh’ iarradh e gun treun-fhir.”
“Mur am faigh mi uaitse sin,
Còmhrag ceud de fhearaibh calama,
Thoir dhomh air mhaduinn am màireach.”
Chuir sinn am mach a chum doruinn,
Bratach Fhearguis mo bhràthar,
Is thog sinn am mach bratach Chaoilte,
An Dubh-nimhe aobhach, annrach;
Thogadh suas mo bhratach fein,
’S a solus mar ghréin an duibhre;
Is thog sinn am mach an Liath-luinneach,
Bratach Dhiarmaid òig o Duibhne.
’N sin chaidh iad an dàil a cheile,
Slòigh an Deirg is Suinn na Feinne;
’S bu luaithe na greanna-ghaoth earraich
Sinne ’dol an tùs na t-eug-bhoil.
Na bu luaithe na milte de shruthaibh
A’ ruith an aon slugan o àrdaibh,
A bhiodh a’ beuchdaich gu treun meanmnach
Le toirm gheamhraidh o gach fàsach.
Cha bheuchdadh treun-thonn na tuinne,
’Nuair ’bhuaileadh e ri creagan àrda
Le neart na gaoithe tuath ’san fhaoilteach
Da stuadhadh ri gaoir an ard-chatha.
Ceart choimeas còmhrag nam fear
Cha ’n fhaca mi riamh ri m’ latha.
Ghluais iad ceud de phobull Fhinn,
De threun-laoich le ’n arm-faobh’r grinn;
’S bu lionmhor fear òg air a’ mhagh
Bha ’togairt gu dol ’na chodhail.
Mharbhadh leis ar ceud gun dàil,
’S bha ’n Dearg a’ neartachadh ’na chàil;
’S gu ’n calcadh e a lann ’s a sgiath
’San dian-stri fhuileachdaich, bheumnaich.
Gu ’n d’ thainig ugainn an dara màireach
Fionn mac Chumhail gus an ar-fhaich,
Le naoi mile gaisgeach glan
Gun easbhuidh tograidh gu còmhrag:
Bha lùireach clogad agus sgiath
Air gach fear dhiubh sud a’ triall,
’S bha lann is sleagh an dorn gach laoich,
’S gàir-chath air a glaodhaich le Conan.
Rinn gach aon de ’n naoi mile ’chleas-luith;
’S bu mhor an t-aobhar mi-ruin
Bhith ’g amharc air spionnadh gach neach;
Ach gu ’m b’ fhada o Dhearg an t-eagal.
Gu ’n d’ bheannaich mac Chumhail gun tàir,
’S cho-fhreagair an Dearg dha;
’S gu ’n d’ iarr e cumha gu luath
Air righ na Feinne, ar neo comhrag.
“Ged is math do lamh-sa, fhir,”
’S e labhair Fionn flath na h-Alba,
“Do thoil idir cha toir sinn dhut,
A Dheirg, air eagal comhraig.”
“Ma ’s ann ugamsa ’thriallas sibh,
A laocha, le ’r n-armaibh comhstri,
Comhrag tri cheud de fhearaibh treun’
Bheir thu dhomh is mi leam fein,
’S gu ’n sgar mi an cinn o’n corp,
A mhic Cumhail nan arm nochdt’ .”
An sin do chuir Fionn gun euradh
Tri cheud a ghleachd a’ churaidh;
’S cha b’ fhada dhaibh ri cluich nan sàr-chleas,
’N uair a sgar e ’n cinn o ’m bràghad.
Is tri cheud eile ged bhiodh ann,
Cha seasadh iad roimh ’n Dearg threubhach;
’S bha ’n Dearg air mhireadh ’chum liodairt
Mar mhaoin strutha nan tonnan beucach.
Dh’ eirich Faolan le feirg mhòir,
Is thog e ’ghuth am measg an t-slòigh,
Is thug e brosnachadh chum catha,
Gu cosnadh mic an ard-fhlatha.
Ceò fola ruadh do bhi de ’n sgiathaibh,
’S cith teine a’ dol anns na neulaibh,
’S e bha o lannaibh nam milidh,
Gus ’n do bhristeadh leoth’ an arma,
Air an corpaibh seimhe geala.
“A mhic Morna nach meata gniomh,
A laoich chrodha na calamachd,
Fhir neartmhoir ’bha riamh d’ ar cabhair
A cheann gaisge a’ mhòir shluaigh,
Cuimhnich do spionnadh ’s do thabhachd,
Cuimhnich na laithean ’chaidh thairis,
Cuimhnich air tarcuis na Feinne,
Ar n-òg-mhic leonta ’s ar mnathan deurach.
Gheibheadh tu sud, thuirt an t-àrd-righ,
Cumha nach d’ fhuair neach ri d’ linn,
Ceud lùireach is ceud lann,
Ceud cù le slabhraidh òir,
’S do rogha dhe na seudaibh a’s fhearr,
Tha staigh ann an Seallama an t-soluis;
Do rogha bean òg anns an Fheinn,
Mo nighean fein a laoich iomlain.”
“Bheir mise mo chomhnadh dhut Fhinn.”
Thuirt mac Morna le guth neo-thiom;
“Is leat mi fein ’s mo spionnadh garg,
An latha catha agus cruadail.”
Ghluais mac Morna nan cruaidh-bheum àigh
’Na chulaidh chatha lan feirge;
’S bha crith air an talamh fo chasan,
’N àm tachairt ri Dearg mac Druidhinn.
Thogadar an sin an fholachd
Eadar an dithis ghaisgeach threuna;
’S bha snaigheadh chlogad is cheann
Eadar mac Druidhinn is Iulain.
Thug iad gu garbh anns a’ ghreis.
’S cho-fhreagradh mac-talla nan creag:
Is theich na h-eoin do ’n iarmailt shuas
’N àm eisdeachd torunn an sgiathan.
’S gu ’n do thosd fir nam Fianntaidh uile,
Ag eisdeachd ri buillibh na h-iorguill.
Seachd oidhchean agus seachd lathan,
Bu tùrsach ar fir ’s ar mnathan,
Gus an do thuit le Goll crodha
An Dearg ro-ghlan mac Druidhinn.
La is bliadhna do bhith Goll
A’ leigheas a chneatha trom,
’S bha fleagh is ceòl ann ar teach
Toirt spionnaidh cridh’ do Gholl mac Morna.
Bha mis’ is Feargus is Faolan
An teach aobhach ar n-athar uasail;
Mis’ a’ seinn cliù nan treun-laoch,
Is iads’ a’ foghlum luth-chleas is cruadail:
Theicheadh gach tannasg roimh ar buillean,
’S gach sàr-cheann-feadhna gheibhte buaidh air:
’S ged tha mi ’n diugh gu h-aosda liath,
Bu shàr-laoch treun mi anns an uair ud.
Cuairt nam flath gur ait leam fein,
Gu faonach nan tannasg gun bheum,
Far ’n do chuireadh gach folachd air cùl,
’S am bheil na seòid a dh’ aon rùn:
Tha codhail nan cathan an sìth,
’S iad air sgiathaibh na doinninn gun strì,
Gun bheum sgéithe, gun fharum lainne
An comhnuidh thosdach na caomh-chloinne.
Tha sliochd Lochlann is Fhinn gu h-àrd,
Ag éisdeachd caithreim nan aon bhàrd:
An ùigh cha ’n ’eil tuilleadh ’san strì,
’S gun uireasbhuidh sithinn no frìth.
Tha ’n sùil air na bliadhnaibh a thréig,
Le snotha gun ghean mar mi fein,
’S air raon nan ruadh-bhoc le ioghnadh,
O’n glas-eideadh air mharcachd-sìne.
Mar sgeul nam bliadhna chaidh seach,
Air iteig fhaonaich le ’n ciar-dhreach,
Tha aisling na beatha dhuibhse, a fhlathaibh,
Mar tha dhòmhsa Dearg nan cathaibh.
[Vol . 11. No. 23. p. 7]
ORAN DO CHATAIBH.
LE IAIN MUNRO.
AIR FONN—“The Battle of the Boyne. ”
LUINNEAG.
O théid sinn, théid sinn, le suigeart agus aoidh,
O théid sinn, théid sinn, gu deònach,
O théid sinn, théid sinn, thairis air an t-srùidh,
Gu mùinntir ar dàimh is ar n-eòlais.
Ged bha sinn bliadhntan fada, fada bhuath
Am Baile-Chluaidh’ a chòmhnuidh,
Tamull beag gun tréig sinn ar gairm ’s a nis gun téid sinn
A dh’ fhaotainn an gràidh is an còmhraidh.
Gu ’n doir sinn cuairt ’rithist do ’n taobh tuath,
Is théid sinn ruaig do Dhòrnach,
’S chi sinn Droit-an-àigh, ’s fa comhair air gach taobh,
Caistealan is pàircean is lòintean.
Chi sinn an Caol, air am faca sinn le gaoith,
Bàtaichean aotrom a seòladh,
Chi sinn na beanntan, a ghleidheadh sneachd ’san t-samhradh,
Is chi sinn na h-àbhnaichean bòidheach.
Chi sinn na glinn anns an d’ rugadh sinn,
’M bu ghnàth leinn bhi aotrom, gòrach,
’S chi sinn na coilltean, le aighear is toil-inntinn,
’M bu ghnàth leinn bhi cluinntinn nan smeòrach.
’S chi sinn na cluain air am biodh laoigh is uain
Ri mire gun ghruaim anns an ògmhios,
’S chi sinn na h-aonaich air an ionaltradh na caoraich,
O’n d’ fhuair sinn sàr aodaichean còmhdaich.
Chi sinn na raoin le blàth a bheallaidh chaoin,
’S a chéitein ’bhios aobhach is bòidheach,
Is chi sinn na bruachan fo sgail a bharraich uaine,
Gu tric anns na bhuain sinn an t-sòbhrach.
Chi sinn an lag, ’s an t-eas gu beucach, grad,
’S am bradan a leum suas na ’chòdhail,
Chi sinn am badan, ’s am bitheadh coilich bheadrach,
Ri co-chath ’sa mhadainn chiùin, cheòthair.
Chi sinn gach sliabh, air am bitheadh greigheann fhiadh
Ri mire air riasgan, ’s air lòintean,
Is chi sinn an lagan eadar àrd nan cragan,
’S an caidleadh an earbag air chòintich.
’S chi sinn gach loch o ’n tric an dugadh steach
Bric mheanbh-bhallach, airgiodach, bhòidheach,
’S mu ’m bitheadh an cù-donn, a shiubhladh fo an tonn,
’S eal’ a snàmh os a chionn ann am mòr-chuis.
’S chi sinn gun ghruaim a bhanarach le ’fuaim
’Sa bhuaile, gu duanagach, òranach,
A bleoghann a chruidh-ghuaillinn, is iad a’ sgur de nuallain,
Le taitneas toirt cluais agus deoin di.
’S iomadh, ’s iomadh ni, a chi sinn anns an tir,
Nach saoilteadh thigh’nn ann nuair bu chlann sinn,
Thar aiseag na coit, tha ragha, ragha droit,
’S an àite na croit baile-Bhanna.
’S rathad rioghail, réidh troimh chragan fhraoch is gheug,
Is carbadan màil air an òrdugh,
Gach la sios le srann is gach la suas le deann,
Tre’n t-Sligeach is bhonn phreas-an-òrdain.
’S deagh fhearann ùr a rinneadh le mor shaoth’r
Bho chruaidh bhlaran fraoich agus mòintich,
Is iomadh leathad cruaidh bha riamh gu so gun bhuaidh,
Le òg-ghiubhas uain air a chòmhdach.
Deòlaidh sinn as ùr gaoth is athar cùbhr’,
Bheir slaint agus sùrd dhninn is sòlas,
Ar cairdean bheir iad duinn aran, cais agus ìm,
’S deoch laidir da ’n dram, agus ceòl leis.
Ged tha sinn an céin an nochd o ar tir,
’S o ’r caomh chairdean gaoil is sean eòlaich,
Olaidh sinn le rùin, deagh shlainte dhaibh gach aon,
Is buaidh do dha thaobh Caolas Dhòrnaich.
Rugadh Iain Munro ann an Suardail an sgìre Chrìche an Cataibh ’sa bhliadhna 1791. Chaidh e do Ghlaschu an 1808 gu bhith na chléireach. Chaidh e do Chataibh a shealltainn air a mhathair an 1825. Is ann an uair a bha e a deanamh deas gu dhol air an turas sin a rinn e an t-oran air Cataibh. Chaochail e an Glaschu an 1837. Bha e na dhuine math is na dhuine measail.
Tha sgeul ag innse gu bheil Andra Carnegie a tairgsinn da cheud mile dolair a chosd a’ dearbhadh gu robh Sir Eachann Domhnallach neo-chiontach dhe ’n mhi-bheus a bhatar a’ cur as a leth. Tha moran ann dhe’n bharail gu robh Sir Eachann a’ fulang ana-ceartais bho na h-ofigich eile, ’s gu robh iad daonnan a’ nochdadh gamhlais ris a chionn nach robh e de theaghlach uasal mar tha mhor chuid dhiu fein. Co-dhiu tha sin fior no nach eil, is còir firinn na cùise fhaotainn. Ma bha e neo-chiontach, thatar a deanamh eucoir air cliù agus cuimhne an t-saighdeir bu tapaidhe bha ’san arm Bhreatunnach. Agus ma bha e ciontach, thatar a’ deanamh eucoir orrasan a bha cur chiontan as a leth. Bidh airgiod Charnegie air a chur gu deagh bhuil ma bhios e na mheadhon air an fhirinn a thoirt am follais.
Tha Amy Mhoraidh aig an àm so a’ cur cuairt air na Roinnean Iochdrach, agus, mar is àbhaist, a coinneamhan ciùil a toiat toileachas inntinn do na h-uile tha ’dol ga ’h-eisdeachd. Tha i na ’seinneadair Gàilig fior thaitneach, agus chomhairlicheamaid do na Gàidheil a dhol ga ’cluinntinn ’s gach àite ’m bi i. Bidh i ann am Bridgeport oidhche Di-luain s’a tighinn, Maigh 18; ann am Baddeck oidhche Di-ciaduin; am Port Hood, oidhche Dior-daoin; ’s am Broad Cove oidhche Di-haoine.
Di-dòmhnaich s’a chaidh bha teine mor ann an Ottawa. Bha ceithir ceud tigh air a losgadh agus dh’ fhàgadh mu dha mhile sluaigh gun dachaidh. Bha an teine air fhadadh le fear a bha beagan ùine roimhe sin air a leigeil a mach as an tigh-obrach far an robh e fo bhinn deich bliadhna airson teine fhadadh ’sa bhaile cheudna.
CLARSACH AN DOIRE—Is còir dhaibh-san a tha air-son an leabhar luachmhor so a chosnadh dol a dh’ obair. Cha mhair an tairgse thug sinn seachad ach fhad ’sa mhaireas na th’ againn de na leabhraichean air làimh. A’ “Chlàrsach” a nasgaidh do neach sam bith a gheibh triùir luchd-gabhail ùra.
Tha“bill”fa chomhair na h-àrd phàrlamaid gus an t-ainm aigHudson Bayatharrachadh. Thatar a’ toirt mar reusan air-son sin a dheanamh nach bàgh a th’ anns an uisge sin idir ach muir. ’S e ’n t-ainm a thatar a dol a thoirt air “a’ Mhuir Chanadach.”
Chaidh fheòrach de dh’ Uilleam beag dé ’n aois a bha ’sheanair. “Gu dearbh, cha ’n eil fhios agam,” ars esan, “ach feumaidh gu bheil e uamhasach sean; tha e’fuireach còmhla ruinne riamh o’n is cuimhne leam.”
Tha baile Shidni Tuath a tairgsinn coig ceud dolair mar dhuais do ’n neach a bhrathas mortair Iain Kelly. Tha e gle choltach gu bheil e air teicheadh, agus nach gabh e faotainn mur teid a bhrath le aon de luchd-dùthcha fein.
Tha an t-ard-riaghladh a’ gealltuinn an rathad-iaruinn a leantuinn o Shidni Tuath dh’ ionnsaidh na mèinne agus a Bhras d’Oir Bhig. Bidh rathad-iaruinn na dheisealachadh mor do’n da àite so, ’s tha sinn an dòchas nach cuirear dàil ann an coilionadh a’ gheallaidh.
Ami Mhoraidh.
Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-sonconcertsa chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:—
MISS AMY MURRAY,
20 West 28th Street,
New York, N. Y.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 23. p. 8]
FIONNAIRE.
Tha ’n latha maith, ’us tha ’n soirbheas ciùin,
Tha ’n ùine ruith ’s i ’tarruing dlùth,
Tha ’m bàta ’feitheamh fo a siùil
A bheir mi fad’ o Fhionnaire.
Eirich agus tiugainn o,
Eirich agus tiugainn o,
Eirich agus tiugainn o,
Slàn, slàn, O slàn le Fionnaire.
Tha mile mile ceangal tlàth
An diugh a’ faotainn beannachd gràidh;
Mo chridhe am chom air call a bhlàths
A fàgail fàrdach Fhionnaire.
Eirich, &c .
Le ceumaibh stolda thriall mi fein
Gu tric mu chaisteal righ na Feinne.
’Us dh’ éisd ri ciobairean an t-sléibh
A’ cantuinn sgeulachd Fhionnaire.
Sheas mi gu minic air an raon,
Bho ’n d’ aithris Oisein dàin nan treun,
A’ caoidh gath deireannach na greine,
’S mi triall thar dun na Fionnaire.
Aig allt na Calaich, sruth mo ghaoil,
Le thorman binn ’dol seach an raon,
Bu shona m’ fhaireachduinn ’s bu chaoin
Aig bruachaibh sèimh na Fionnaire.
Slan le beanntaibh fhuair nan sian,
Slan le teach nan earb ’s nam fiadh,
’Us eireadh ceileir eun gun fhiamh
Bho aonaichean na Fionnaire.
Cha ’n e na cnoic no glinn nan craobh
A mhain ’tha dùsgadh bron mo chléibh.
Tha buidheann thùirseach ’nis am dheigh
An dachaidh bhlàth na Fionnaire.
Gleann Turraid cuimhnicheam gu bràth;
O slan le m’ athair laoch nan sàr;
Leibh tuineadh sonas mor ’us àgh
An dachaidh bhlath na Fionnaire.
A mhathair thlusail lan de bhàigh,
Am feum mi falbh bho ’r cùram gràidh,
’Us deuchainn ’thoirt do shaoghal gun tlàths,
Fad’ as uaibh fein ’s bho Fhionnaire.
Slàn le bràthair gaoil nam buadh,
’S air bron aig piuthar na biodh luadh,
Do thuireadh ceil, ’s gach osnaidh chruaidh:
Bithibh sona ’ghnath am Fionnaire.
Gu deanadh Dia ort faire ’s foir,
Ghilleasbuig aillidh, oig, gun treoir,
Ma philleas mi o faiceam fòs
Do ghaire maoth am Fionnaire.
Am feum mi falbh bho theach mo ghràidh—
O faic na siùil g’ an cur an àird;—
’Us soraidh fòs le tir an àigh;
Slan, slan, o slan le Fionnaire.
CONA.
A CHRUINNEAG ILEACH.
Och mar tha mi ’s mi ’nam aonar!
’S cianail dh’ fhàg thu mi ’n déigh do chòmhraidh,
Mo chreach ’s mo dhìbheil nach robh mi’n Ille
’S mo chruinneag dhìleas a’ dol a phòsadh.
’S ann an dé fhuair mi’n sgeul a léir mi,
Mo leannan fhéin ’s i air bheul bhi pòsda,
’S ma thug thu gealladh dh’ fhear eile ’m dhéigh-sa
Gu ’n cuir mi ’n céill pàirt do d’ eucoir dhòmh-sa.
Moch ’sa mhaduinn an àm dhomh dùsgadh
Shil mo shùilean a’s dh’ fhàs mi brònach,
Mu’n sgeul a chualas air feadh an t-saoghail
Thu bhi ga d’ ghlaodhaich, a ghaoil, Di-dòmhnuich.
’S iomadh moch-thrath agus anamoch
A rinn sinn seanachas ’s a bha sinn còmhla;
Sgeul tha dearbhta gu’n d’ fhàs thu searbh dhiom
Ged bha do sheanachas a’ dearbh’ dhomh dòchais.
Chuir mi ùigh agus chuir mi sùil annad
Feuch an dùraichdeadh tu mo phòsadh,
Bho’n ’s e fear ùr leis an d’ rinn thu lùbadh,
’S e cridhe brùite a thug thu dhomh-sa.
Leugh thu m’ inntinn mar leugh Delilah,
Do bheul ’am bhrìodal ’s do chridhe leòn mi;
’S inntinn luaineach mar ghaoth nan cuantan
’S gu ’n dhearbh do ghluasad mi-shuaireas dhòmh-sa.
Cha chuirinn sìos ort air son do mhì-chliù,
Tha Solamh ’g ìnnseadh an nì tha sònruicht’
Bean ’s a’ mhìle cha d’ fhuair e dìleas,
Ach leugh am Bìobul a’s chì thu’n còrr ann.
Bheirinn bradan bhar an t-sàile,
Fiadh bho airde nam fuar-bheann mòra;
Agus eala bho bharr an t-sléibhe
Gu’m rogha céile fo ’m sgéith, ’s i leòinte.
Cha ’n ’eil mi ’n diùmb’ riut ged thug thu cùl rium,
Bho’n ’se fear ùr tha thu ’n dùil ri phòsadh,
Na taobh ri ùmpaidh nach labhair ciùin riut
Bheir cridhe brùite ann an cùil gun treòir dhuit.
Thug thu choill ort ’s cha d’ rinn thu m’ fhoighneachd
’S e fear gun chaoimhneas a rinn thu phòsadh,
Toil do chairdean a thug ’na dhail thu
’S na ’n robh mi lamh riut cha d’ rinn thu ’n còrdadh.
Thug thu ’n àirde bha ’n ear ’s an iar bhuam,
Thug thu ghrian bhuam bhàr na mòintich,
Thug thu ’n cridhe bha stigh am chliabh bhuam,
’S mur d’ thoir thu ’n ciall bhuam cha ’n aobhar bhròin e.
Mo cheisd air ainnir na bilean tana
Do shlios mar eala ’s do mheall-shuil bhòidheach,
Do dhà ghruaidh ’s iad air dhreach nan caoran.
Do mhala chaol ’s i mar it’ an lòn-duibh.
Tha mi so ’s mi air lagan uaigneach,
A’ caoidh na gruagaich a rinn mo leònadh,
A rinn mo bhuaireadh le meud a suairceas
’S gu ’n cunntainn suarach te uasal, òrdail.
BAS.
Ann an Sidni, air a cheud latha dhe ’n mhios so, Eighrig Nic Aonghais, (Eighrig nion Dhomhuill ’ic Alasdair) bean Dhomhuill Mhic-a- Phearsain. Rugadh i ann am Beinn-a- bhaoghla an Uidhist o chionn ceithir fichead bliadhna ’sa coig air ais. Thàinig i am mach do’n dùthaich so maille ri ’companach anns a’ bhliadhna 1841; agus ’s iomadh anacothrom a dh’ fhuilig i ann an làithean a h-òige. Bha i na ’bean fhoighidneach, dhiadhaidh, mheasail, a bhios air a h-ionndrainn leis na mic, nigheanan, is oghaichean a dh’ fhàg i as a déigh. Tha na Gaidheil ’s na bana-Ghaidheil a thainig am mach as an t-seann dùthaich maille rithe agus na ’déigh a fàs glé ainneamh. Ach tha fhathast fear is té an sud ’s an so dhiubh air am fàgail.
Tha fear Domhnull Mac-an-t- Saoir a sgriobhadh á Beinn-a- bhaoghl, Alba, gu caraid ann am Mèinn Chaledonia, faisg air Sidni, ag iarraidh fiosrachadh mu bhrathar-athar, Donnachadh Mac-an-t- Saoir, a dh’ fhag Beinn-a- bhaoghla o chionn iomadh bliadhna air ais agus a chaidh do na Staitean. Ma tha fios aig leughadair sam bith air dad mu dhéidhinn an duine so, no mu dhéidhinn fear no dha eile de Chloinn-an-t- Saoir a thàinig am mach do na Staitean còmhla ris, sgriobhadh e gu
DONALD MACINTYRE,
Muir of Aird, Benbecula,
South Uist, Scotland.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. o.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton
title | Issue 23 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 23. %p |
parent text | Volume 11 |