[185]

[Vol . 11. No. 24. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 29, 1903. No. 24.


Mu Theachd a Stigh an t-Samhraidh.

Than geamhradh seachad, than t-uisge thairis, dhimich e roimhe. Chithear na blàthan air an talamh, tha àm seinn nan eun air teachd. Than crann-fìge acur a machfhìge glasa, agus tha dearcan maothachroinn-fhìonatoirt fàile cùbhraidh uatha. —Dan Sholaimh, ii. 11-13.

An diugh than Samhradh atòiseachadh! ’S iomadh aobhar toileachais-inntinn a tha etoirt duinn agus dearbhadh air caoimhneas agus càirdeas neo-chrìochnach an Uile-chumhachdaich. ’S e so an ràidhe sona sin, anns am bheil Dia ataomadh a mach saoibhreis a mhaitheis anns an tomhas as pailte air gach ni agus neach. Is sunndach càil gach beò-chreutair. Tha réite agus ciùineachd air dùilibh an domhain. Tha blàths agus aoibhneas a mach air feadh an t-saoghail, agus chaneil obair eile aig an t-Samhradh, ach ag uidheamachadh air son gach nitha feumail agus taitneach do mhac an duine, agus freagarrach gu àrd thaingealachd a dhùsgadhna chridhe. Tham pòr a chuireadh ateachd a nis a machna fhochann bòidheach; tre chumhachdaibh dìomhair nàduir, le feart na gréine, tha meas de gach seòrsafàs anns na liosaibh. Fo mhìle suaicheantas rìomhach chithear lusan na machrach a fàs gu dosrach ùrar; cha robh Rìgh Solamh riamh airéideadh cho àillidh riu. Nach lionmhor an àireamh, agus nach maiseach an snuadh! Nach dealaichte o chéilenan gnèsnan coslas gach feòirnein agus lus, gach preas agus crann a thanis afosgladh a mach an duillich, on chòinnich ìosail uaine gu ruig an darach làidir, rìgh nan craobh! Siubhlamaid far an àill leinn, gu mullach an fhirich as àirde, gu uaigneas aghlinne as ìsle, tachraidh oirnn anns gach àite àilleachd ùr. Ma shuidheas sinn air bruaich na h-aibhne, nach binn torman ciùin an t-sruthasiubhal seachad oirnn gu réidh, sàmhach don chuan mhòr. Nach bòidheach na blàthan maotha thafàs mu bhruachan nan allt, —an t-sòbhrach, abharra-gheall, ’s an neòinein, abhiolair uaine, ròs nam bad bòidheach, ’us mìle lus nach fhaodar àireamhs an àite so. Amhairc os do cheann, nach glòrmhor dreach nan speur, —amhairc air an làr agus faic an trusgan uaine leis am bheil na cluainean air an còmhdachadh. Eisd ris acheòl a tha mad thimchioll: thachòisridh cheòlmhor a mach air gach preas, gach doiragus gleann aco-fhreagradh dam fàilte. Cluinnear fad as fuaim nam feadan uisge, turaraich chianail nan eas, agus onfhadh trom achuain. Chithear caoraich len uain bheaga, gheala a muigh air an raon. Tha buailechruidh ghuaill-fhinn air an todhar, tha na laoigh ghuanach amireag air an àilein. Chuir fiadh nan stùc suas a shuaicheantas samhraidh, is àrd a langansan fhrìth! Ann an aon fhocal, tha mìle ni ra fhaicinn agus ra chluinntinn ann an òg-mhios an t-samhraidh a bu chòir ar taingealachd a dhùsgadh don Ti àrd agus ghlòrmhor, a chàirich gach ni den t-seòrsa so mu choinneamh ar sùl, a thug tuigse dhuinn gu eòlas a ghabhail orra, agus riarachas inntinn a tharruing uatha. Ach àillidh mar tha tùs an t-samhraidh, cha mhair e fada; latha no dha seachad agus fàilnichidh a dhreach. Agadsa, mar an ceudna, a dhuinòig, tha do shamhradh féin: ’s taitneach e, ach O! chaneil e ach gearr! Ann an ùine ghoirid, caillidh an saoghal dhutsa mòran da àilleachd, fàilnichidh na nithean sin a thug dhutsa sonas adòige. Ma shìnear do làithean, lionaidh cùram an t-saoghail so do chridhe, agus canaidh tu mun aimsir a thadol seachad, “Chaneil tlachd aig manam innte.” Do dionnsuidh-sa, O mo Dhia! thogainn suas mo chridhe; gabh thusa, manam, tlachd ann an Dia, agus bheir e dhuit gach maithna thràth. Dha-san gun robh samhradh mo làithean air a choisrigeadh. Gun deònaicheadh e dhòmhsabhi beò air an t-samhradh so mar nach faicinn a h-aon eile.

Is iomadh caraid agus bana-charaid a bha ann an òg-mhios achéitein a dhfhalbh, adeanamh gàirdeachais maille riumsa ann an àilleachd an t-saoghail, nacheil nas fhaide ram faotainn; thàinig samhradh eile mun cuairt lebhlàths agus leshòlas, achs ann gu dealradh air an fhòid ghorm a tha thairis orra. Co dha a thachras so air an ath-bhliadhna, agadsa Dhé a mhàin tha fios. Cuidich leamsa, uime sin, gu thusa ghlòrachadh leis na h-uiread dhùrachds ged bhithinn cinnteach gum bu mhisan t-aon; a chumnuair a theid an saoghal caochlaideach so seachad, gum bi manam-sa, trid ìobairt-réitich mo Shlànuighir, air a ghabhail a steach don t-saoghal àghmhor sin far am bi gun oidhche, agus samhradh gun gheamhradh; far an siabar gach deur on t-sùil, ’s nach sgarar caraid o charaid a chaoidh. —Caraid nan Gaidheal.


An Righ an Alba.

Thàinig an Righ tuath an uiridh agus rinn e e-féin càirdeil, caoimhneilna thurus gu còrsan nan Gàidheal; agus a nis air an t-seachdain so tha ega fhoillseachadh féin ann an seann àrd bhaile ar rioghachd mar Rìgh na h-Alba. Tha ena ioghnadh le mòran gum bheil a shlàinte, a bha cho briste an uiridh, aceadachadh dha a bhi dol troimh na h-uile dhleasnais throm, dheuchainneach troimh an deachaidh e o cheann ghoirid. Bhiodh mòran de fheadhainn luath, làidir a bhiodh glé sgìthnan gluasad am measg dleasnais troimhn t-seòrsa ud. Fhuair e fàilte chridheil an Dunéideann, agus mar an ceudna an Glaschu, far am bheil iomadh de Ghàidheil a chi annsan Righ aig am bheil fuil àrd sliochd aGhàidheil aruithna chuislean. Car beagan làithean mar so bha aChùirt Rioghail air a gleidheadh an Dunéideann, agus bha moran de dhaoin’ -uaisle agus de mhnathan-uaisle a fhuair cuireadh a bhi làthair. Bha lionmhoreachd mhòr de shluagh acuairteachadh gach sràid is rathad a dhfhaicinn am mòrachdan, an righs a bhanrigh.: —Oban Times, May 16.


Tha litrichean is paipeirean a thainig á Ceylon o chionn ghoirid acur an geill nach eil dearbhadh sam bith ri fhaotainn gu robh Sir Eachann Domhnullach ciontach de na bhatar acur as a leth. Tha aon de na paipeirean ag radh gu bheil sluagh na dùthcha sin alàn chreidsinn gu robh e neochiontach, agus nach robh anns na casaidean a bhatar adeanamh na aghaidh ach obair gamhlais is mi-ruin. Ma theid a dhearbhadh gu robh Sir Eachann saor o chionta, bheir e toileachadh mor do na Gàidheils do na Breatunnaich uile, a tha mar shluagh nas measaile air neach a choisneas àrd-inbhe le thapadhs ledhichioll fein na tha iad airsan a gheibh àrdachadh a chionn gur spealg de theaghlach uasal e. Is bochd an gnothuch e ma tha daoine ann an dreuchdan àrdasan arm agus fon Riaghladh Bhreatunnach a tha cho gann de spiorad a cheartaiss gun rachadh iad a thoirt a chliù bhar duine neochiontach, gun aobhar sam bith ach nach dfhuair e bhreith is àrach a réir an càile-san. Ach ma tha iad ann is còir an cartadh as, agus chan eil fhios nach bi bàs muladach an Domhnullaich urramaich na mheadhon air sin a dheanamh.


Bheir iadsan a tha gabhail MHIC-TALLA ann am Breatuinn fa-near gum faigh iad am paipeir an deigh so air an aon phrìss a tha luchd-gabhail ann an Canada ga fhaighinndolair (no 4s. 2d.) ’sa bhliadhna. Rinneadh riaghailt o chionn ghoirid a tha ceadachadh paipeirean-naidheachd á Canada a chur do Bhreatuinn gun postachd a phàidheadh. Tha so atoirt 26c. bhar prìs MHIC-TALLA do Ghàidheil na seann dùthcha. Bu chòir gum biodh àireamh a luchd-gabhail a meudachadh gu mor an Tìr nam Beann.


Tha sinn air ar mealladh mur eil anGille Beag,” aig am bheil litirsan àireamh so, nas naainm. Chan àbhaist do ghillean beaga bhi ann an trioblaid inntinn mu dheidhinn pòsaidh is roinn fearainn. Ach coma co-dhiù is beag no mor e, tha tomhas math dhen fhìrinn anns na bheil eg radh. Tha e dleasanach do na daoinòga bhi gu math dham pàrantan, agus fhaicinn nach bi dìth no deireas orra nan sean aois. Agus tha e cheart cho dleasanach do na seann daoine ceartas a thoirt do na daoinòga. Chan eil e ro-thaitneach do dhuine bhi saoithreachadh gu goirt air fearann gach latha dheireas e, mur bi dòchas aige rithuarasdal fhaighinn gus an deanathair tiomnadh. Tha sinn dearbh chinnteach nach eGille Beagleis fhein a tha gearain air a shuidheachadhsan dòigh so. Cha bhiodh e iomchuidh breith a thoirt air cùis cho cudthromach rithe so gun tuilleadh rannsachaidh, agus air an aobhar sin bheir sinn cuireadh do dhaoinògeile am barailean a chur an geill mar a rinn am fear so. Faigheamaid mar an ceudna am barailean fein bho na seann daoine, agus faodaidh e bhith gun dean an iomlaid bharailean sin feum taobh air thaobh. Mur dean e feum is cinnteach an ni nach dean e cron.



[186]

[Vol . 11. No. 24. p. 2]

A thaobh càirdean is luchd-eòlais a bhi mùgach is luath-bheulach mu nithean, a reir barail an duinòig, nach buin daibh, cha chuis sin anns an dean barail no comhairle mar as trice mor fheum. Is iomadh deagh phòsadh agus droch phòsadh a chaidh a dheanamh le toil agus an aghaidh toil chàirdean. Is ann dha fein a than duinòg ag iarraidh mnatha, agus chan ann dha chàirdean, mar sin deanadh e-fein a taghadh; ach air a shon sin na biodh e os ceann comhairle ghabhail o neach anns am faod e deagh earbsa chur, oir tha fear a tha trom ann an gaol ro-fhurasda mhealladh. “Ma tha gach nighean nadeagh nighinn, co as a tha na droch mhnathan a tighinn?”


Naidheachdan.

Chaidh fear Frank Mills, a mhuinntirGreen Bay, Newfoundland,a mharbhadh aig aMhèinn a Tuath air an t-seachduin sa chaidh. Dhfheuch e ri leum air bòrd trein a bha air ghluasad, agus thuit e fo na cuibhleachan.

Thatar an dùil gum bi an rathad iaruinn eadar Hawkesbury is St. Peters air fhosgladh mu mheadhan an t-samhraidh. Chan eil fhios cuin a bhios e fosgailte cho fadan ear ri Louisbourg; chan eil cinnt fhathast gum bi e air fhosgladh gu ruige sin idir.

Tha Nobha Scotia dol a chall dithis dheluchd-pàrlamaid ann an Ottawa. Thatar ag radh gun toirear aon dhiu sin bho Phictou, aig am bheil an dràsda dithis, agus an t-aon eile bho Cheap Breatunn. ’S en seòl air an deanar sin siorrachd Victoria a chur a stigh ri siorrachd Cheap Breatunn. Ma nithear sin cha ruigear a leas beantainn do chriochan nan siorrachd eile.

Tha cabhlach-iasgaich Newfoundland ann an tomhas mor na tàmh air an t-samhradh so le cion dhaoine. Tha moran de na soithichean nach gluais bhar na h-acaire am bliadhna, Tha àireamh mhor dhen t-sluagh atighinn do Cheap Breatunn a chosnadh; re nan tri miosan a chaidh seachad cha bu lugha na seachd mile dhiu a thainig a nall. Tha sin gam fàgail gann aig an iasgach, agus ged than t-iasg gu math pailt timchioll Labrador, cha bhi uiread dhe air a ghlacadh am bliadhnas a bàbhaist.

Tha Ard-sheanadh na h-Eaglaise Chléireach ri coinneachadh am bliadhna ann am baile Vancouver, B. C. Tha iadsan a thadol ga fhrithealadh afalbh deireadh na seachduin so. De Chleir Shidni tha dithis adol ann, Mr. Clarence Mac-Fhionghain, á Sidni, agus Mr. Iain A. Mac-Glaisein, á Bridgeport. Thainig Mr. Forbes, Ministir St. Andrews, an Sidni, dhachaidh oidhche Diciadain sa chaidh, an deigh còrr is da mhios a chur seachad air chuairt anns na Stàidean. Tha sinn toilichte fhaicinn a tilleadh le ùrachadh neart agus slàinte.

Than sgeul mu dheireadh a fhuaireadh á Dominion No. 1 ag innse gu bheil an teine air a chur as gu buileach, agus gu bheilear air tòiseachadh ris an uisge thaomadh. Cha toir an obair sin ùine ro mhor agus mu thoiseach an fhoghair bidh a mhèinn air a h-obrachadh a rithist. Toiseach na seachduin sa chaidh thòisich an t-uisge bhatar a leigeil don mhèinn so ri brùchdadh a stigh do Mhèinn an Reserve, agus bfheudar stad a chur air an obair ann am pàirt dhi. Cha drinneadh call sam bith leis an uisge, agus tòisichidh an obair a rithist cho luaths a thaomar a mach roinn mhath dhe na thasa mhèinn eile.

Tha muinntir Shidni Tuath air fhaotainn riatanach suim mhor airgid a ghabhail an iasad airson am baile a chur air a bhonn airm bu chòir dha bhi. Aig coinneamh a bhaca oidhche Di-luain air an t-seachduin sa chaidh, dhaontaich an sluagh ceithir fichead is sia mile dolair ( $86 ,000) a chosd e meudachadh na h-obair-uisge, a leasachadh nan sràidean, a togail thighean sgoile, agus caochladh nithean eile. Tha am baile fàs gu bras. Tha an rathad iaruinn sràide eadar e agus baile na Mèinne faisg air bhi ullamh. Ni sin agus an aon obair-uisge bhi aca eatorra an da bhaile tharruinn nas dlùithe dha cheile na bha iad roimhe so, agus chan eil teagamh nach bi iad an ceann beagan bhliadhnachan nan aon bhaile.

Seachduin gus an Di-luain sa chaidh bha baile beag anNewfoundland , Tilt Cove,air a thur losgadh. Bha tri fichead tigh air a chur nasmàl, agus bha mu choig ceud pearsa air fhàgail gun dachaidh. Chaill a mhor chuid dhiu an cuid aodaich is àirneis.

Thainig Latha Bhictoria am bliadhna air Di-dòmhnaich, ach bha e air a chumail Di-luain anns an dòigh àbhaistich. Ann an so bha na tighean-gnothuich gu ire bhig dùinte, bha an t-sìde tioram ged bha i gle fhuar, agus chuir gach aon an latha seachad adeanamh an ni sin a bha ceart na shùilean fein.

Chaidh duinòg a tha nafhoghlumaiche ann an Oil-thigh na Ban-righ, an Kingston, Ont., a chur don phriosan air-son ionnsuidh a thug e air uaigh a spùinneadh. Cha robh aige ri bhisa phriosan ach da mhios, ach ged nach robh, chaidh iarrtus fa chomhair an Ard-riaghlaidh air-son mathanas a thoirt dha, iarrtus co-dhiù nach dfhuair éisdeachd.

Tha sgoil mhèinneadaireachd gacumail ann an Sidni an dràsda, anns am bheil teagasg air a thoirt seachad a thaobh meatailtean agus obrachadh mhèinnean. Tha an sgoil air a cur air chois le oil-thigh Dhalhousie. Dhfhosgail i air a cheathramh latha dhen mhios so, agus cha sgaoil i gus an dara latha deug dhen ath mhios. Tha àireamh mhath gafrithealadh.

Ged than àireamh as de bhuill na h àrd-phàrlamaid dhen bheachd, bu chòir bacadh iomlan a chur air deanamh is creic nancigarettesan Canada, chan eil am beachd sin ri bhi air a chur an cruth lagha. Chaidhbilla thugadh fa chomhair na pàrlamaid air-son sin a dheanamh a chur a thaobh, agus than riaghladh a deasachadhbilleile leis am bi e air a dheanamh na chionta an creic ri neach sam bith a tha fo shia bliadhndeug a dhaois.

Tha am fear a mhurt Kelly ann an Sidni Tuath gun ghlacadh fhathast; thatar a deanamh mach gu bheil e air teicheadh. Dhfhàg dithis Eadailteach a Mhèinn la no dha an deigh don mhurt a bhi air a dheanamh, agus chan eil teagamh nach besan aon dhiu. Tha fear dhen triùir a chaidh a ghlacadh air a chumail gu bhi air fheuchainn aig aChùirt Mhóir, ach ged bha lamh aig an fhear sin san aimhreit, chan eil e coltach gum be bu choireach ri bàs an fhir a tha marbh.

Tha e nis air a dheanamh cinnteach gun robh an sgiorradh bàsmhor a thachair faisg airWindsor Junctionair aobharachadh leis an òl. Bha amharus gum bann mar sin a bha chùis bhon toiseach, ach aig cùirt a shuidhich ceannardan an rathaid-iaruinn, chaidh a dhearbhadh. Air tàille na cùirte sin tha triùir dhiusan a bha coireach air an cur bhar an rathaid iaruinn agus tha iad ri bhi air am feuchainn mar chiontaich eile fo lagh na dùthcha. Tha e coltach gu robh a mhor chuid de sgioba na treine chaidh bhar an òrduigh air mhisg aig an àm, agus gu robh Copeland, fear na h-inneil, na chadal nuair bhuail an da threin na cheile.

Chaidh fear Iain Domhnallach, Iain mac Iain Shaoir, a mhuinntir Mabou Bheag, a bhàthadh an Acarsaid Mhabou, Di-haoine an coigeamh latha deug dhen mhios. Bha e air a thurus dhachaidh am bàta-siùil nuair thainig oiteag gaoithe a chuir am bàta thairiss a thilg esan don uisge. Ghreimich e ris na ràimh agus chaidh aige mar sin air e-fein a chumail an uachdar fad uair de thìm, ach mun dràinig cuideachadh thug e suas agus chaidh e fodha. Bha e tri fichead bliadhna dhaois agus dhfhag e bantrach is teaghlach. Bha e nadhuine measail agus bidh mor ionndrain air anns an sgireachdsan robh e fuireach.

Bha teine mór ann anSt . Hyacinthe,faisg air Montreal, air an fhicheadamh latha dhen mhios so. Bha da cheud gu leth tigh air a losgadh, agus tha ceudan theaghlaichean air am fàgail gun dachaidh. Tha mu thri cheud gu leth duine air am fàgail gun chosnadh le losgadh namfactoriesanns an robh iad ag obair. Tha an call air a mheas aig leth muillion dolair. Chan eil fhios ciamar a thòisich an teine. Tha teintean lionmhor anns na coilltean an Cuebec acur moran fiodha a dholaidh agus alosgadh àireamh nach beag de thighean thuathanach. Ann an sgìreachd Labelle bha mu cheud tigh air an callsan dòigh so. Tha tiormachd mhor anns a chearn sin on thainig an samhradh, ’s tha e gle dhoirbh na teintean a chasg.


LITIR.

US,” NOIS,” CO ACA AS FHEARR?

FHIR MO CHRIDHE, —Anns an dùthaich so tha ena chleachdadh a bhithcur an fhraoichna theine air na monaidhean anns an earrach. Chaneil sibhse ann an America eòlach air achleachdadh so; oir, a réir mar a chuala mise, chaneil fraoch afàs agaibh idir. A réir nam briathran a leugh mi an diugh anns an litir ghasda a sgriobh mo charaid Mr. Aonghas Mac Eanruig á Aird-na-murchan, gad ionnsuidh, tha e coltach gum bheil fraoch feirge nan Gàidheal air an taobh so dhen chuan air a churna theine le rud glé neònach, agus tha Mr. Mac Eanruig afàgail ormsa gun robh làmh agam anns aghnothach gun fheum so. Tha eg ràdh: “Tha sinn acur am mach air a chéile gu h-olc a bhos an so an dràsta mu thimchioll an giorrachadh ceart agus dligheach air sonagus, ’” agus mar sin sios.

Tha mi far an cuala mi acheud iomradh air aghnothach. Chaneil mifaicinn nam paipearan-naigheachd a tha air an clò-bhualadh ann an Earraghaidheal ach glé ainneamh, agus air an aobhar sin, tha mi ann an tomhas mòr aineolach air na gnothuichean a thadol air aghart am measg an t-sluaigh anns an earrann ud den Ghàidhealtachd. Chaneil mideanamh tàire sam bith air na paipearan-naigheachd a dhainmich mi, ach ged a bhithinng an ceannach, chan fhaigh mi ùine gus an leughadh. Agus mar a than seanfhacal ag radh: “Ciod e am math a thair pìob mur a seinnear i.”

Is minic a rinn duine cron dha fhein agus do dhaoineile gun fhios dha fhein, agus cha bann fa rùn cron a dheanamh do Ghàidheal sam bith, no dimeas a dheanamh air an cuid Gàilig, a tha mise o chionn iomadh bliadhna agnàthachadhis,” an uair, a réir mo bharail, a fhreagras e nas fhearr naagusmar bhann-ceangail eadar cuid de na facail a bhios misgriobhadh.

Shaoileadh neach air na briathran a sgriobh Mr. Mac Eanruig, gun robh mise ann an co-bhainn ri Mr. Donnachadh Mac Iosaig, ’s an Oban, ris an Lighiche Mac Gill-Iosa ann an Lunnain, agus ri Windisch anns aGhearmailt. Chan fhiosrach mi gun do leugh mi aon fhacal dhe na sgriobh agus a labhair an triuir dhaoine so riamh. Chuala mi gu tric mun deidhinn, ach cha dfhoghlum mi fiach suip o na chuala mi mun deidhinn. Agus cha bhiodh e ceart dhomh breith a thoirt air an cuid sgriobhaidhean o nach do leugh mi iad. Tha micreidsinn gum bheil gach fear dhiubh adeanamh a dhleasdanais cho maths is aithne dha, agus air an aobhar sin, is mise fear nach tilg clach no ploc air fear seach fear dhiubh.

Be an t-Urramach Alasdair Camaran, LL. D., nach maireann, a bhann am Brodhaig, an Arrain, a boide-foghlum dhomhsa a thaobh cuid de ghnothaichean a bhuineas do Ghràmar Gàilig. Bann air Gràmar Gàilig an Dr. Stiubhard a bha esan abonntachadh a bheachdan ann an tomhas mòr; agus ge be a sheallas ann an Gràmar Gàilig an Stiubhardaich chi e gum bheilagusagusisann, ach chan fhaic eusann idir.

A nis, gun cheann-sios no mi-mheas sam bith a dheanamh air fear seach fear dhen triuir Ghàidheal dhìleas, ghasda a dhainmich Mr. Mac Eanruig mar chinn-iuil do luchd-sgrìobhaidh na Gàilig, their mise gur e beachdan an Stiubhardaich agus aChamaranaich as fhearr leam gu mòr a leantuinn. Chuala mo chluas an t-Olla D. Mac Fhionghain, an Duneidionn, ag radh, nach robh fear eile anns an t-saoghal a thigeadh suas ris aChamaranach ann an eòlas air Gràmar



[187]

[Vol . 11. No. 24. p. 3]

Gàilig; agus bu chòir dhomhsa agus do mo leithid an teisteanas mòr, math so a thoirt fa near.

Than Dr. A. Mac Beathain, ann an Inbhirnis, ag radh gur eisam facal ceart, agus gum bheil daoinesgriobhadhasagususgu tricna àite.

A nis, ma tha mise cearr, chaneil mi gun chompanaich. Ach car son a rachadh càirdean aimhreit air son rud cho suarach riua chur an àit’ “i,” noia chur an àit’ “u”? Nan do chuir Mr. Mac Eanruig litir gam ionnsuidh acheud uair a chunnaic e gun do chuir miisan àit’ “us,” agus a ràdh rium gun mi dheanamh a leithid tuilleadh, ghabhainn a chomhairle anns amhionaid. Thoir thusa, a charaid, do cheart aire nach brist thu air an àithne leis an do chriochnaich e an litir, ar neo ma bhristeas, cha bhi teud réidhs achlàrsaich. Mar a than seanfhacal ag radh: “Is olc aghaoth nach séid an seòl fir-eiginn.” Chuir an obair a rinn mise sgriobhaiche mathna drathad, agus tha mi glé chinnteach gun taitinn a chuid litrichean glé mhath araon riut fhein agus ri do luchd-leughaidh.

Ach feumaidh mi tilleadh riagusagusisfhathast. Thaagusri bhith air a ghnàthachadh ann an dhòigh, an toiseach ann an rathad a bhithceangal fhacal ri chéile, agus a rithist, an uair a bhios e feumail cudthrom a chur air na facail, noemphasis ,mar a theirear anns aBheurla. Thaisri bhith air a ghnàthachadh ann an ceangal fhacal ri chéile, mar a tha, “beag is mor, sean is òg,” no, “math is olc,” agus mar sin sios.

Cha smaoinichinn idir air leith a dheanamh airagus,” agus an leith deiridh dheth a chur an sàs ann an àiteis.” On a than fhacal anns aGhàilig chan aithne dhomh car son nach deanamaidfheum fhein de gach fear dhiubh. Is ann mar sin a bha misedeanamh o chionn iomadh bliadhna, agus leanaidh mi romham mar a bàbhaist dhomh.

Chuala mi an t-Urramach Tormad Mac Leòid, D.D. , an Inbhirnis, ag radh, gur eagusam facal as cudthromaiche a thanns aGhàilig; agus cha bu toigh leam leith a dheanamh air idir, agus an leith-deiridh dheth, “us,” ar neo an t-earbull aige, “ ’s, ” a chur an sàs an àitan fhacail gu léir.

Ach ciod e am feum a bhithg radh achorra ma dheidhinn. Mar a than seanfhacal ag radh: “Is deacairthoirt on laimh na chleachdas.” “An car a bhioss an t-seana mhaide, is deacair a thoirt as.” Tha mise air fàs sean a nis, agus ged a bhithinn ciontach de dholc bu mhò naisa chur an àiteus,” is dòcha nach biodh e furasda dhomh dealachadh ris.

Ma pheacaicheas do brathair adaghaidh, imich agus innis a lochd dha eadar thu fhein agus esan a mhain: ma dhéisdeas e riut, choisinn thu do bhrathair. Ach mur éisd e riut, thoir leat aon no dithis eile, a chum gum bi gach ni air a dheanamh seasmhach am beul dithis no triuir de fhianuisibh.”

Is mi do charaid, IAIN.
Sniodhasart, Latha Buidhe Bealltainn.


Clarsach an Doire

FHIR-DEASACHAIDH GHASDA, —Tha iomadh la is bliadhna o nach drug mise air peann gu msmaointean a sgriobhadh anns aGhàilig. Ged nach bu mhath mo lamh riamh air an obair so, is cinnteach nach deachaidh mi moran am feobhas ri linn sgur gu buileach a sgriobhadh. Ach coma leat. Mar thuirt thuirt an seanfhacal: “Mur dean sinn Eige dheth, ni sinn Arisaig.” Agus ma dhiultas MAC-TALLA cuid a thoirt don litir so, gheibh thu co dhiu frògag air choireigin anns abhascaid bhig.

Fhuair miClàrsach an Doiregu sàbhailte, agus be sud aChlàrsach bhinn, eireachdail, le teudan lionmhor, ceòlmhor, air an deagh ghleusadh, leis an fhear dam baithne sin a dheanamh gu ro mhath, Niall Mac Leoid. Tha smaointean Mhic Leòid cho àrd-inntinneach, cho dùrachdach, ’sa bhriathran cho snasail, agus, ged tha tha mi fada uaithe air taobh bhos an uisge, saoilidh mi, an uair a bhios mi leughadh a chuid òrain, gum bheil mi sealbhachadh gach aoibhneas is toil-inntinn a bhaige an uair a bha e òg airEilein gorm acheò.” Gu firinneachs mor an sòlas do dhuinebhi comasach air smaointean diomhhair a chridhedheilbhsan dòigh cheòlmhor so. Chaneil mac Gàidheil an diugh a bhos no thall nach bu chòir fear de na leabhraichean fiachail so fhaighinn gun dàil. Na biodh aon sam bith an dùil gum faigh iad iasad den leabhar agamsa; agus ni Niall an ni ceudna. Mar sin chaneil fior Ghàidheal an taobh so aig nach bi leabhar Mhic Leoid a dhaithghearr. Gu ma fada beò aGhàilig, agus Niall Mac Leoid gus a cliù a sheinn gun mheang anns

AChlàrsaich bhinn, ghasda,
Gur ro mhor mo thlachd dhi!
Bu mhiann leam gum faicinn i
N glacan gach òigeir.

AM BOCAN OIDHCHE.


EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. VI.

AN T-OSDAIR DUBH AN CAOCHLADH CRUTHMAR A FHUAIR AN SEALGAIR RABHADHSEALLADH AIR BITH EAGALLACH.

BHAn t-Osdair dubh gun teagamh air son urram a chur air an aoidh an nochd, lechuideachd fhéin a chumail ris. Agus air-son na ceud uair riamh chuir e Ealasaid don ionad naomh sinsan robh mac-na-braiche fo ghlais aige a dhiarraidh searrag ùr, air-son am barrachd urram a chur air an t-sealgair.

Thoir an nuas,” arsesan, “am botul a tha air leith leis fhéin air ceann a bharaille dheirg— ’s es sines as fhior fhearr fo na cabair— ’s gu dearbh tha mi duilich nacheil ann ach an t-aon.”

Co dhiù bha gus nach robh an stuth a bhanns a bhotul thaghte so cho mathsa mhol an t-òsdair e, thug Ealasaid odhar an aire nach e thug i air lom. Agus air-son a maighstir a mhealladh thug i dheth an comharrachuir e air is chuir i e air fear eilea dhearbh bhràthaira chàirich i gu neo-chiontach an deas laimh an òsdair.

A charaid òig, chaoimh,” arsesan, an uair a thug e an t-àrc as a bhotul, “feumaidh tu mo leisgeul a ghabhail an nochd agus òl air ar slàinte lechéile; oir tha droch at orm, ’s tha fios agam nacheil math dhomh boinnòl de stuth làidirco dhiù stuth cho fior thaghta ris an fhear so.”

Na dhéigh so chaidh am bòrd a chuibhrigeadh, agus ged nach robh na bhair uachdar cho taghta ris an dram, thug Eobhain aotromachadh math dha, mar is dual do shealgair amhonaidh a dheanamh. An uair a bhan t-suipeir thairis thòisich an t-òsdair ri gabhail sgeulachd gus an oidhche chur seachad, rud nach cualas e riamh a deanamh, agus rud a chuir a leithid de dhioghnadh air a bhean-taighes gun do theab an da shùil seasamh naceann. Bheireadh e sùil gheur am mach á doire dhosach mhalaidhean air an t-sealgair gun fhios, an dràsdasa rithist, mar gum biodh dùil aige rudeigin a thachairt dha, ach bha Eobhain nashuidhe cho daingeann ri creig air a chathair, gus an robh e suas mu dheich uairean, àm a chunnaic e iomchuidh gabhail mu thàmh air-son na moch-eiridh.

Bann an seòmar dubh iomallach gu h-àrd air an lobhta a rinn an t-òsdair deiseil àite cadail air a shon, ’s dhéirich e nis am mach leis a chrùisgein gathreorach uige. An uair a bha iad a dol am mach air dorus an t-seòmair thachair Ealasaid odhar riuthadol a steach, agus a suathadh an laimh Eobhain, dhin i bileag phaipeir innte, gun fhios damaighstir, ged a bhashùil air a ghualainn fad na h-ùine. An uair a rainig iad shuas dhiarr an sealgair air an crùisgein fhàgail tiota gus am faigheadh e air dòighsan leabaidh.

Ni mi sin gu toilichte,” arsan t-òsdair; “oir rinn mi diochuimhnmhor!” Is ghabh e mach.

Dhùin Eobhain an dorus, ’sa cromadh thun a chrùisgein sgaoil e bhileag phaipeir a thug Ealasaid dha, agus leugh e na briathran a leanas:— “ ’Illòig, than oidhche ciùin, sìtheil am muigh, ach tha neòil dhubha, agus mureil mi air mo mhealladh, stoirm ghàbhaidh ag éiridhs a maoidheadh bristeadh fo na cabair so, nach bi na dfhàbhar-sa. Mar sin bi glic, òganaich, ’s bi na dfhaicill air an oidhchen nochd. Agus nas fhearr na sin, mas urrainn dut, crath duslach Ghlinn Duibhre dheth dchasan mun tig an latha.” Loisg an sealgair a bhileag, ’s a dol air a ghlùinean chuir e e-fhéin air cùram an Ti sin a tha riaghladh gach ni, ’s aig am bi sùil air a chreutairean daonnan, ’s an sin chaidh e don leabaidh.

Thill an nis an t-òsdair dubh agus glainaige loma-lan de stuth ris an duirt e fhéinrogha fala nan dearcan Frangach,” agus thairg e i gu coibhneil don òganach, glaine, nam biodh i air a tràghadh, a chuireadh a chadal e gus an dùisgeadh an trombaid dheirionnach e. Cha robh Eobhain idir cho gòrachs gun do chuir e rabhadh na caillich am faoineis. Bha e nafhaireachadh. Ach thug e taing don bhéisd, is ghabh e uaitheghlaine mar gum biodh e dol gah-òl. Bhan solus mùgach, mar a dhfhaodas sinn gu math a thuigsinn, ’s mar sin cha robh e doirbh dha an deoch a chur á sealladh an àite nach deanadh i cron dha fhéin no do neach eile, gun fhios do shùil an òsdair. An uair a ghabh an cealgaira ghlainair ais, bha solus aoibhneach a dearrsadh nashùilean, mar á sùilean cait-fhiadhaichsan dorchadas, ’sa fàgail oidhche mhath aig ar curaid, ghreas e sios gus Uilleam teith fhaighinn agus a chur air ghleus air-son na h-obrach a bhaige ridheanamh mun rachadh an oidhche seachad. Be cheud ghniomh a rinn e an uair a ràinig e shios Ealasaid odhar a ghlasadh naclòsaid, ’sa faighinn an fhir dheirg chaidh e leis don t-seòmar dhuaichnidhsan do chuir iad seachad an còrr dhen oidhche, agus a suidhe aig a bhòrd dhfhosgail e chomhairle aognaidh. Bha stòp aig uilinn an òsdair, cho lànsa chumadh e den stuth bu toigh leotha le chéile, gus Uilleam a bhuaireadh, agus gus inntinn a chumail ag iathadh air a chuspair a laimh. An uair a bha iad greis a còmhradh, ’sa bhan gnothuch gu h-eagnaidh air a dheilbh, thuirt Uilleam agus sùil theinnteach, shanntach aige air a bhrandaidh: “A bheil thu smaointinn nach drinn an deoch an gnothuch idir an uair a tha thug iarraidh orm a dhol suas leis a chuirc? Nach fhac thu na dhòl e roimh shuipeir den stuth a bha air a chur air dòigh a cheart cho math ris an deoch chadail, ’s cha do rinn e fiùsa shùil a bhriobadh air a thàille; ’s mar sin bidh thusa cinnteach! Ach càitan cuir sinn e? Chaneil mi idir cho cinnteach as a luba dhuibhs bu mhath leam air-son mo cheann a shàbhaladh.”

Tut, Uilleam, a chladhaire! nach aithne dhut fhéins dhomh fhìn Uamh-an-aoig, far am faod e



[188]

[Vol . 11. No. 24. p. 4]

bhith gu deireadh an t-saoghail, ma bhios deireadh aige, gun fhios do neach beò!”

Dhfhàs aogas Uilleim na bu deirge, an àite fàs bàn, leis an oillt, agus chuir emhuilichinn suas a shuathadh fhalluis, gniomh a bha na fhasan aige, ’s an sin thuirt e le guth critheach, is moran den gheal na shùilean rifhaicinn:— “Ach a Dhugha Dhughaill, tha Uamh-an-aoig chocho làn de na sìthicheans de bhòcain eiles nach rachainn a stigh innte air an oidhche air na chunnaic mi riamh.”

Ceart gu leòr! Ma tha thu na dghealtair, is eagal agad roimh fhaileasan, chaneil feum agamsort. Is e tha bhuam duine. Ach cùm cuimhne air na briathran so: Cha dig thu stigh air mo dhorus-sa gu bràth, is cha mho fhliuchas tu do shlugan tioram fo na cabair so gu dìlinn.”

Le so a ràdh thog an t-òsdair dubh an stòp agus thòisich e air a shocair air a dhòrtadh ann an cupan eadar Uilleamsan solus. Bha e ag amharc, le uile chridhe nashùilean, air an t-sruthan theinnteach, bhuairte a bham buaireadar dubh a cumail mu choinneamh a shùilean. Bhabhilean a geòbadh, ’s a theanga ag iathadh mun cuairt daibh. Bhamhuineal na teine le miannachadh na bhasan stòpan lion leis an robhn seann sionnach, an t-òsdair, gatharruinn gu cinnteach gu tìr. Cha burrainn esheasamh na bfhaide. Le mionnan uamhasach leum e air a chois. “Ged a bhiodh gach deamhain an iutharn an Uamh-an-aoig,” arsesan, “theid mi ann còmhla riut!”

Sin an nis an uair tha coltas duinort,” arsa chompanach dubh. “Tilg so sios an dràsd, agus ma ni thu do chuid dhen ghnothuch gu sgiobalta, balbh, leanaidh iomadh mhilis eili, oir tha gu leor far an dfhuaireadh i sin.”

Gun fhacal a ràdh rug Uilleam air a chupa is thràigh e le aon sùghadh e, ’s a cur a laimhe ri chliathaich feuch an robhchorc dhubh nah-àite fhéin. Thog e leis an crùisgein is ghabh e suas am fàradh critheanach thun na lobhta.

Bheir sinn an nis sùil air an t-sealgair agus chì sinnn do chaidil e on dhfhàg sinn e, gu dhol cuideachd nam biastan eile. Bha e ma ta a dol tacan fo smaointinn, an déigh don òsdair fhàgail, feuch dheanadh e nachàs. Rinn e suas na inntinn gum fanadh e far an robh e, agus gun cuireadh e an t-eagal bu mhotha chuireadh air daoine riamh air na fir aingidh, oir bha fios aige gum biodh iad daonnan a sealg an caiginn. Bhan oidhche cho dubh ris an tearr, air chors nach burrainn e feum a dheanamh leshùilean, ach bha da laimh ealantaige, ’s gun dàil chaidh e gu obair gus coinneamh gharbh a thoirt dhaibh. Thuig e na bfhearr bha nan ùigh, air dha ialaidh gu toll an fhàraidh, far an cuale pàirt dheth na chaidh innse eatorra. Cha robh arm sam bith aige, oir dhfhàg en gunna shios, agus ged a rachadh aige air an ratreut a chur orra nan dithis lelamhan loma, smaointich e air dòigh eile fheuchainn riutha. Be dhe na leapaichean mora dùinte fhuair e gu cadal, ’s a dol air ais don rùm chruinnich e treallaich air fheadh a chuir e fon aodach na àite fhéin innte, is chuir e air dòigh e cho mathsa dhfhaodadh e, air chumadh duine nachadal. Dhìrich e an uair sin gu mullach na leapas a mhàileid aige, ’s nam biodh i soilleir chiteadh fiamh gàire air aodann air dha a fosgladh. Am measg ghnothuichean beaga bha etoirt gu teaghlach a charaidesa bhaile, bha aodanan aognaidh a rinn e fhéin don aona ghille bhann. Bhan t-aodanan da rireadh eagalach, le bilean mora tiugha air beul o chluais gu cluais, is le sròn chrom, mar shròn comhachaig, air. Ach be chuid àrd den aodanns na sùilean agus da adharc bheag dhubh air mullach a chinn a bha gafhàgail eagallach buileach glan. Cheangail ar curaidh gach ni naàite, is chaidh e an sin nashìneadh gu co-fhurtail air mullach na leapa gafheitheamh.

Cha robh e fad ann an uair a chuale ceum fàillidh atighinn thun an doruis, ’san ath mhionaid chaidhfhosgladh, is tharruinn am fear dearg mar thìgear gu beulaobh na leapa. Ged a bhan sealgair treun, chuir a choltas aingidhsan àm gaoir troimh phòraibh. Chunnaic e an ath mhionaid bha feitheamh air, nam biodh e air cadal gun rabhadh na caillich fhaighinn. A faicinn an fhir a bhasan leabaidh cho trom nashuain, ’sa mhisneach air a togail àrd leis a bhrandaidh a dhòl e, thug Uilleam am mach a chorc dhubh, ’s a ruith òrdaig air a faobhar ghlac e gu teann cruaidh i, is thug e an sàthadh guineach ud a rithist agus a rithist an com an fhir a bha fon aodach. Tharruinn e air ais an uair sin, ’sa cur a chrùisgein air cathair sheas e, is fhallus gu làr, ag amharc obrach. Am priobadh na sùil, thàinig cròg mhor bhar mullach na leapa, ’s a breith air mhullach cinn air tharruinn i gu garbh suas e. An uair a thàinig a thùr uige bha e air a cheangal gu teann cruaidh, ’s an deamhain fhéin bha e smaointinn lechruth eagealach os a chionn.

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. XVII.

CHA robh an tuilleadh a dhith air an draoidh. Sguir e de chomhradh ri fear an taigh-osda, agus an uair a thill e da sheomar fhein, thuirt e ris fhein: “Cha choir dhomh air chor sam bith an cothrom so a leigeadh seachad. Feuchaidh mi ris an fheum as fhearr is urram domh a dheanamh dheth.”

Gun dail sam bith chaidh e far an robh fear a bhiodh areic chruisgeanan, agus dhiarr e air dusan cruisgean copair a thoirt dha. Thuirt fear na buthadh ris nach robh dusan cruisgean aige, ach nan deanadh e foighidinn gus an ath latha, gum faigheadh e dha an dusan cruisgean. Thuirt an draoidh ris gum feumadh e an deanamh cho snasails a burrainn e, agus gun tugadh e dha deadh phaigheadh air an son.

Air an ath latha, aig an uair a dhainmich e, thainig an draoidh a dhiarraidh nan cruisgeanan, agus an uair a phaigh e lan-phris air an son, chuir e ann am bascaid iad, agus dhfhalbh e, agus abhascaid air a ghairdean a dhionnsuidh na luchairt aig Aladin.

An uair a rainig e faisgoirre, thoisich e ri glaodhaich, “Co dhiomlaidicheas seana chruisgeanan air son cruisgeanan ura?”

Mar a bha edol air aghart, thoisich moran de chloinn ri cruinneachadh timchioll air, agus ri magadh air. Bha iad an duil, mar a bha na h-uile neach a thachair a bhithdol seachad, nach robh ann ach dearg amadan, no duine air achaoch, an uair a bha etairgse cruisgeanan ura thoirt seachad an aite seana chruisgeanan.

Ach cha robh an draoidh acur suim sam bith anns na bhachlann adeanamh de mhagadh air, agus de ghlaodhaichna dheigh. Lean e roimhe, agus esior ghlaodhaich, “Co dhiomlaidicheas seana chruisgeanan air son cruisgeanan ura?”

Lean e air aghlaodhaich so fad uine mhath agus ecoiseachd air aiss air aghart mu choinneamh na luchairt.

Thachair gun robh nighean an righ ann an talla nan ceithir uinneagan fichead aig an am, agus an uair a chuali aghlaodhaich a bha muigh, agus gun ituigsinn ciod a bhan duine ag radh, chuir i te dhe na searbhantan sios gus fios fhaotainn ciod a bha eg radh.

Cha robh an t-searbhanta fadair falbh an uair a thill i agus isior ghaireachdaich.

Ghabh nighean an righ ioghnadh, agus thuirt i ritheA chreutair gun suidheachadh, ciod a thatoirt ort a bhith gaireachdaich air an doigh sin?

Fhreagair an t-searbhanta, chaneil fhios co a burrainn cumail o ghaireachdaich an uair a chitheadh e amadan afalbh le bascaid air a ghairdean lan de chruisgeanan ura, briagha, agus eg radh gun tugadh e seachad iad an aite seana chruisgeanan? Tha moran air cruinneachadh ma thimchioll, agus iad asior ghlaodhaichs a magadh air.”

An uair a chuala te eile dhe na searbhantan na briathran so, thuirt i: “A nis, on a tha sihh abruidhinn air cruisgeanan, chaneil fhios agam an dthug abhana-phrionnsa an aire dha, ach tha seana chruisgean an crochadh ris abhalla, agus ge be air bith co leis e, cha mhisde leis cruisgean ur fhaotainnna aite. Mas e toil na bana-phrionnsa, faodaidh i dearbhadh a chur air an amadan so feuch am bheil e cho gorachs gun toir e cruisgean ur seachad air son seana chruisgean gun dad eadar dha iomlaid.”

Be an cruisgean so mun do labhair an t-searbhanta, an cruisgean iongantach aig Aladin. Agus air eagal gun cailleadh e e, chroch e gu h-ard ann an oisinn an talle gus an tilleadh e as abheinn sheilg. Rinn e so iomadh uair roimhe, ach cha tug neach sam bith an aire dha gus asid. Cha robh edealachadh ris achruisgean aig am sam bith ach an uair a bhiodh esealgaireachd. Agus dhfhaodadh ebhith air a chur fo ghlais mun dfalbh e don bheinn sheilg; ach bha daoine riamh adeanamh dearmaid air iomadh rud cudthromach, agus bithidh gu latha deireannach an t-saoghail.

Cha robh fhios aig nighean an righ gun robh feum no buaidh sam bith anns achruisgean, agus gun robh e ro fheumail dhi fhein agus do Aladin a ghleidheadh gu tearuinte; agus, gus spors dhi fhein agus do chach, dhiarr i air fear dhe na caillteanaich a thoirt leis agus iomlaideachadh air son cruisgean ur. Rinn an caillteanach mar a dhiarr i air. Cha bu luaithe chaidh e mach air geata na luchairt agus a chunnaic e an draoidh na ghairm e air. Agus an uair a sheall e dha an seana chruisgean, thuirt e ris: “An toir thu dhomh cruisgean ur air son achruisgean so?”

Cha robh teagamh aig an draoidh nach be so an cruisgean a bha dhith air. Cha burrainn a leithid eilebhith anns an luchairt far nach robh dad ach or is airgiod. Rug e air gu toileach a laimh achaillteanaich, agus chuir ena bhrollach e. Agus thuirt e ris achaillteanach an cruisgean a bfhearr leis a thoirt as abhascaid. Thagh an caillteanach am fear bu bhriaghachunnaic e, agus thug e leis e a dhionnsuidh na bana-phrionnsa. Ach cha bu luaitherinneadh an iomlaid na leig achlann agus na daoineilebha lathair an aona ghlaodh ard asda amagadh air an draoidh. Bhan draoidh coma ged a bhiodh iad amagadh air cho mors a thogradh iad. Cha do stad e na bfhaide aig luchairt Aladin. Dhfhalbh e gun fhacal tuilleadh a radh. Fhuair e an rud a bha dhith air, agus on a sguir e de ghlaodhaich, fhuair e ann an uine ghoirid cuibhteass achlann.

Thug e aghaidh air na sraidean a biomallaiche a bhanns abhaile; agus o nach robh feum aig tuilleadh air abhascaids air na cruisgeanan a bhinnte, dhfhag e uaithi ann an aite anns nach robh duines a fhaicinn.



[189]

[Vol . 11. No. 24. p. 5]

Ghabh e roimhe gus an drainig e aon de gheatachan abhaile; agus an uair a chaidh e astar math air aghart am measg nan taighean a bhan taobh am muigh dhen bhaile, agus a cheannaich e beagan beidh, ghabh e air aghart gus an drainig e aite aonaranach, fado thaighean. Cha do chuir e de dhragh air fhein na thug leis an t-each a dhfhag e anns an taigh-osda. Bha e toilichte gu leor an uair a fhuair e greim air achruisgean.

Anns an aite so chuir e seachad na bha roimhe dhen latha. An uair a thainig an oidhche thug e an cruisgean as a bhrollach, agus an uair a shuath e e, thainig am fathach, agus thuirt e ris: “Ciod is aill leat mise dheanamh dhut? Tha mi deas gus umhlachd a thoirt dhut mar do sheirbhiseach nan uile aig am bi an cruisgean sinnan laimh; araon mise, agus seirbhisich eilechruisgein.”

Tha mig ordachadh dhut,” ars an draoidh, “araon mi-fhin agus an luchairt a thog thu fhein agus seirbhisich eilechruisgein anns abhaile so, agus a h-uile neach a thinnte, a thoirt gun dail gu ruige aleithid so de dhaite ann an Africa.” Cha dthug am fathach freagairt sam bith dha, ach le cuideachadh nam fathach eile, seirbhisich achruisgein, thug iad leotha an draoidh, agus an luchairt mar a bha i, don aitedhordaich e ann an Africa, far am fag sinn an draoidh, an luchairt, agus nighean an righ, fhads a bhios sinn alabhairt mun uamhas a ghabh an righ.

Cha bu luaithedheirich an righ air an ath mhadainn na chaidh e mar bu ghnath leis gu uinneag na closaid gus sealladh taitneach a ghabhail den luchairt aig Aladin. Ach acheud shealladh a thug e an rathad a bhan luchairt, agus a chunnaic e gun robh an t-aite anns an robh i cho falamhs a bha e mun do thogadh i, shaoil leis nach robh efaicinn gu ceart, agus thug e suathadh air a shuilean.

Sheall e rithist, ach chan fhace dad nas mo na chunnaic e roimhe, ged a bhan t-side briagha, agus an iarmailt glan, agus an latha air soilleireachadh cho maths gum faicteadh rud sam bith. Sheall e mach air an da uinneig, ach cha robh an luchairt rifaicinn. Ghabh e leithid de dhuamhass nach burrainn e car uine a shuilean a thogail bhar an aite anns an robh an luchairt. Cha burrainn ethuigsinn cia mar a ghabhadh luchairt cho mor ri luchairt Aladin toirt air falbh ann an uine cho goirid gun dad fhagail air an larach. “Cinnteach gu leor,” arsesan ris fhein, “chaneil mi air mo mhealladh. Bhan luchairt ann an sid. Nan do thuit i, bhiodh na rudan dhen do thogadh i rim faicinn air an talamh. Agus nan do shluig an talamh i le crith-thalmhainn, bhiodh comharradh rifhaicinn.”

Ged a bhan righ cinnteach nach robh an luchairt rifaicinn, gidheadh cha burrainn e gun stad car uine far an robh e feuch an robh e air a mhealladh.

Mu dheireadh chaidh e dha sheomar fhein, agus chuir e fios cabhagach air an ard-chomhairleach; agus aig acheart am shuidh e, agus bhainntinn cho mor troimh a cheiles nach robh fhios aige ciod a dheanadh e.

Ann an uine ghoirid thainig an t-ard-chomhairleach. Ach cha dthug e an aire gun robh luchairt Aladin air a toirt air falbh; agus cha mho na sin a dhionndrainn na daoine a bhiodh afosgladh na geatachan i.

An uair a thainig an t-ard-chomhairleach an lathair an righ, thuirt e ris: “Mo thighearna, thachabhag leis an do chuir bhur morachd fios orm atoirt orm a chreidsinn gun do thachair gnothach neo-chumanta, on a tha fhios agaibh gur e so latha na comhairle, agus nach deanainn dearmad air frithealadh ann an deadh am.”

Thachair gnothach neo-chumanta mar a tha thug radh gun teagamh,” arsan righ, “agus aidichidh tu gum bheil e gle neo-chumanta. Innis dhomh ciod a thachair do luchairt Aladin?”

Luchairt Aladin!” arsan t-ard-chomhairleach; “an uair a thainig mi, shaoil mi gun robh i far am babhaist dhi. Cha bhiodh e furasda togail cho mor rithe a thoirt air falbh ann an uine ghoirid.”

Rach a steach do mchlosaid-sa, agus innis dhomh an urrainn dut a faicinn,” arsan righ.

Chaidh an t-ard-chomhairleach a steach don chlosaid, agus an uair sheall e agus nach fhace an luchairt, bhacheart uiread a dhuamhas airs a bhair an righ fhein. An sin thionndaidh e ris an righ, agus thuirt an righ: “Seadh, am facthu luchairt Aladin?”

Mo thighearna,” arsan t-ard-chomhairleach, “faodaidh cuimhne bhith aig bhur morachd gun dinnis mi dhuibh nach robh anns an luchairt mhoir ud, a bhatoirt a leithid de thoileachadh dhuibh, agus na bha de dhionmhas gun choimeas innte, ach obair draoidh agus draoidheachd; ach cha chuireadh bhur morachd suim sam bith anns na thubhairt mi.”

(Ri leantuinn.)


Litir o Chalum Beag.

Tha mu mhios bho fhuair mi neach gu toiseachadh air sgriobhadh dhomh gu Mac-Talla, agus o nach dfhuair mi a criochnachadh aig an àm sin cha fhreagair i idir an dràsta. Chaidh ìnnseadh dhomh gu bheil cuid dhe mchairdean a gabhail fadachd nacheil iad a cluinntinn bhuam, ach tuigidh iad a nis nacheil mo thoil fein agam a thaobh sin, oir fhad sa tha mise gun teachd gu ìre Gàidhlig a sgrìobhadh mi fhein, agus mi cho beag, faodidh iad a bhi cinnteach gum bithear a gabhail brath orm.

Tha Iain MacIlleasbuig a feòrach am mi Calum na Gàidhlig a bham Priceville. ’S fheudar dhomh aideachadh nach mi, oir cha robh mise riamh a mach á Ceap Breatunn; agus ged thainig mi don bhaile so as a ghleann bhoidheachs an drugadhs a dh àraicheadh mi, tha mi cho miosail air a Ghàidhligs a bha mi riamh. Chaneil litir a thig bho Mhac- ’Illeasbuig no Gàidheil dhileas eile, nach fheum mi a chluinntinn air a leughadh, ’s nach leòr an dearbhadh sin. ’S fheudar dhomh innseadh do mchàirdean beaga air an robh eòlas agam, gun dfhuair mi tomhas de shàruchadh o chionn ghoirid leis a ghalair leibideach ris an can iad namumps ,ach tha mi nis air faotuinn thairis air, agus a dol don sgoil gach la. Tha seachd no ochd de luchd teagaisg againn, ’s tha na sgoilearan air an roinn agus air an teagasg ann an rùmaibh air leth, air reirs mar tha iad a tighinn air adhart. Mar tha tachairt anns gach sgoil tha cuid dheth na sgoilearan sìtheal, dòigheal, agus cuid eile anns a bheil roinn den choas, ach a dhinnseadh na firinn, chaneil iad sin a cur mòran dragh sam bith ormsa. Is fheudar dhomh nis cunntas goirid a thoirt mu thimchioll an stor mhòr aig na Vooght Bros., a bha air fhosgladh o chionn ghoirid, agus a tha gu bhi air a lionadh le iomadh seorsa bathair. Tha e iomadh storaidh air airde, agus a comhdach mòran talmhuinn. Tha e briagh ri fhaicinn araon a mach agus a stigh, agus ge be cearna dheths an ceannaichear ni sam bith, ’s gum bith airgiod ri bhristeadh, tha cleireachga chur ann am bocsa beag a tha rùith mar luch air antelegraph ,gus an ruig e aite a bhristidh, agus an ùine ghoirid chithear e tighinn air ais an deigh a ghnothuch a dheanamh cho doigheils ged bhiodh duinen a chois. A bharrachd air staidhrichean eireachdail a bhi ann, thaelevatorair siubhal daonnan a bheir daoine suas gu storaidh sam bith dheth, no sios don t-seileir, far am bheil mòran bathair air a storadh suas. Chan urrainn mise innseadh air dhoighs gun tuigear mi, cho ordails a tha gach nin a àite fein, ’s cha mho na sin is urrainn mi thuigsinn ciamar air an t-saoghal tha daoine a faighinn a leithid a dhinnleachdan ùra a mach, achs cinnteach nach ann gun dichioll.

Tham fear a tha sgriobhadh dhomh ag radh gu bheil e fein a dol a chur litir gu MAC-TALLA gu h-aithghearr, ach tha mise am barail ma bhios i cho fad air an rathads a bha i so, gum bi i greis gun nochdadh. CALUM BEAG.

Sidni a Tuath.


Litir a Loch an Fhuamhair.

Smaointich mi gun glacainn mo pheann meirgeach am laimh agus gum feuchainn ri beagan fhacail a chur ann an òrdugh cho maths is aithne dhomh, agus cha bhi sin ro mhath.

Tha ecur ioghnaidh orm dhfhairich an sgriobhadair mu dheireadh a thug dhuinn litir glé mhath. Mas math mo bheachds eAn Tuathanach Ruadha thug e mar ainm air fhéin. A nis bu ghlé thoigh leam fhein nan toireadh e dhuinn tuilleadh eachdraidh air an dol air adhart a bhaig an t-sluagh a thàinig don àite so an toiseach. A réirs mar tha mise tuigsinn, bha iad ann an suim mhor gu math cridheil. Bha a h-uile gillògs eg obair air àite dha fhéin. Chan ann mar sin tha cùisean an diugh idir. Feumaidh gillean òg an n diugh togail air falbh gu duthchannan céin, agus than dùthaich so a dol air a h-ais. Chan fhaicear triùir a theid cuideachd de na seann daoine nach ann a tha iad abruidhinn air cho gòrachsa tha gillean òg an latha soiad a bhi fàgail na dùthcha, mar tha iad a nis. Chaneil ecur ioghnadh ormsa iad a bhi fàgail na tìre anns an drugadh iad, a chionn chaneil gillòg sam bith a dol a chur seachad a bheatha ann an àite gun fhios age gu tha gus a bhi aigair a shon. Chaneil bodach dhiù sin a dhùraigeas fòid dan cuid fearann a thoirt dan cuid mhac gus na mionaidean deireannach, agus ma dhfhaoidtenuair a thig sin nach bi guth air cùisean a chur ceart.

Chaneil math do ghillòg dol a choimhead air nighinn, ar neo bidh an t-seann fheadhainn agus mùig orra; mureil icòrdadh riutha fhein chan fhiach an gnothach. Fasan eile a tha gu mor air a chleachdadh: Ma chìthear gillis nighean a bruidhinn ri càch a chéile tha en ceann eile na dùthcha gu bheil iad sud a dol a phòsadh.

A nis, tha micur so mu choinneamh do leughadairean, agus acur mar fhiachaibh orra mo chronachadh ma tha mi cearr.

Nan ionnsaicheadh na seann daoine a bhi aoidheil rin cuid theaghlaichean, agus feuchainn ri cuideachadh leotha gus iad fhein a stéidheachadh anns an t-saoghal so, bhiodh moran a bharrachd meas aig an òigridh air fuireach anns an dùthaich. Chaneil rud ann a ruigeas duinòg nas motha na bhi gruamach ris an uair a thig e dhachaidh o bhi air chéilidh ann an taigh a choimhearsnaich, no ma dhfhaoidte acoimhead air an aon as fhearr leis a chunnaic e riamh. Tha e glé thric a tachairt gun tionndaidh an gràdh a tha aca so dha chéile gu fuath, air tàille na dol am mach a bhios aig feadhainn anns na dòigheannan a dhainmich mi.

A nis, mas airidh mo litir a cur ann an oisinn den MHAC-TALLA, bu mhath leam afaicinn.

Is mi do charaid, GILLE BEAG.
Loch an Fhuamhair, N. S.


Mar dean mi spàin, millidh mi adharc.



[190]

[Vol . 11. No. 24. p. 6]

Bha na paipeirean o chionn mios no dha air ais gle dheònach fios fhaotainn co bha gu bhi air a chur a nall á Breatunn mar Ard-Riaghladair do Chanada. Bha iad fein ag ainmeachadh caochladh uaislean, ach tha e nise air innse nach eil am Morair Minto ri bhi air a charachadh am bliadhna, gu bheil e gu mairsinnsan dreuchd gu ceann bliadhneile.

Fhuaireadh duine marbh ann an toll soithich a thainig a stigh do Halifacs air a cheathramh la deug dhen mhios. Bha an soitheach air tighinn á Bermuda. Beagan làithean an deigh dhi tòiseachadh air a turus, chaidh an duine so, fear de na seòladairean, as a rian, agus dhfhalaich e e-feinsan toll far nach leigeadh e do dhuine tighinn faisg air. Chan fhacas le duine bha air bòrd e fad shia latha fichead, agus bann nuair thòisicheadh ri cur a mach an luchd a fhuaireadh a chorp, agus coltas air gun do chuir e làmh na bheatha fein.


Litir a Priomh-bhaile Chanada.

A MHIC-TALLA CHAOIMHTha e air aithris man bhodach a bhan Lathuirne an uair nach baithne dha bruidhinn dhfhanadh e sàmhach, agus chan eil fios nach e sin bu chòir dhòmhsa dheanamh an àite bhi cur dragh mi iomchuidh aig an àm so oirbh.

Mar tha dearbh fhios agaibh cheana, ged a bhithinn a sgriobhadh litrichean ugaibh bho Luain gu Sathurna cha togadh iad deidh no suim an luchd leughaidh, oir chan eil en am chomas briathran taitneach, no beachdan òirdheirc a thoirt dhuibh. Air an aobhar sin mata cha bhi mi deanamh tarcuis air am faireachduinnean no mealladh an deagh ghnè.

Leugh mi le mor-thoileachasaobharan air son a bhi seachnadh an òil,” o cheann ghoirid an àireamh dhen MHAC-TALLA. Is fada bhon a chuala mi sean-fhacal, “nach deanadh an t-òl ach am fear a dhfhaodadh,” ach gidheadh sins tric leis a mhuinntir sin a bhi air mhisgs air uisge.” Bha uairs mur bitheadhstuth na pòite duibheaig gach cuirm Ghaidhealach cha robh e air a mheas achmar mharagan gun gheir. Tha an cleachdadh a nis air a dhol á fasans chan eil teagamh nach bi gach cuirms gach banais cho beannaichte as eugmhais. Tha Solamh ag radhgun tig am misgeir agus an geòcaire gu bochdainn,” agus is minic a chaidh na briathran a dhearbhadh fo shealladh gach aon againn.

Le bhi cur an clò achmhasanan séimh dhen t-seòrsa so tha sibh adearbhadh nach eiln diugh cinneach as airde cliù na sibh fein a measg nan Gaidheal ag àiteachadh an domhain. Thoill sibh mar ur sinnsear an luaidh òirdhearc so am buillsgean gach cruadail, mar na laoicho na ghineadh sibh nuair chuir iad na Ròimhich o shean, le taic nam beann, ’s le misneachd nan dàn, air ais don tir chéin ged cheannsaich iad earrann mhor dhen domhain. Anns na blàraibh cein-iomraiteach a thugadh air feadh na Roinn-Eòrpa, nuair a bhagair aintighearna na Frainge gu ladarna aon tigh-daorsa a dheanamh dhen t-saoghal gu leir, sheas iadsan mar bu dual ri guailibh a cheile, gu calma, ealanta, cunnabhallach, ’s bha iad brassa chath le meamnachd ghaisgeach agus fhuair iad moladh ann an dànaibh gach dùthaich nach leigear gu bràth air di-chuimhne.

Tha mor thlachd agam a bhi leubhadh litrichean Bhodachain aghàraidh, is Peigidh Phabach, á Lag an t-Slòcain. ’S ann annta a tha na briathran càirdeal, caomh. Chan ann mar chàirdeas na circe a tha iadsan asgriobadhsa sgròbadh a cheile. Faodaidh mi radh geds i Ghàilig mo cheud chànain gu bheil mi fhathast ga h-ionnsachadh le bhi leughadh gach litir is òran a thasa Mhac-Talla. Is ann le bhi deanamh dichioll, le foighidinn, agus le cridhe blàth an fhior Ghàidheil a theid againn air a chainnt àrach agus ionnsachadh gu litireil, le tim a bhuileachadh ann an leughadh leabharaichean Gàidhligs gu h-araid ur paipeir grinn. Chan eil Gaidheal sam bith nach bu choir urram a thoirt do fhear-deasachaidh a MHAC-TALLA, a thaobhs gur e an t-aon phaipeir Gàidhlig a tha an diugh air an t-saoghal.

Cha chaill mi mo Ghàidhlig
Cha bfhearr na sid leam,
A chainnt mhilis bhlàth
Chuir mo mhàthair namcheann,
O sibhsaig bheil Gàidhlig
O teannibh an nall,
Is buailibh am bòrd
Leis na seòid thogas fonn.”

A h-uile latha sona dhuibhs gun aon latha dona dhuibh. Is mi ur caraid dileas,

Maigh 23, 1903. CALUM DUBH.


BARDACHD NA FEINNE.

DAN AIR CROM-GHLEANN.

ROIMH-RADH.

MHARBH Fionn agus a laoich mòran de shluagh righ Lochlann, agus gu h-àraidh achuid bu mhò de mhic an righ, ann am blàrs an dthug Fionn buaidh air na Lochlannaich, aig àite dom bainm Cliabhan. An déigh do na Lochlannaich dol air ais don dùthaich fein, bha iad làn corruich agus àrdain, fo sgannail agus masladh aig am mnaibh, agus gu h-àraidh aig an luchd-dùthchadh, do bhrigh gun dthug na Gaidheil threuna buaidh orra. Air so chuir iad teachdaire le foill gu Fionn, atairgse dha nighean righ Lochlann mar mhnaoi. Ach bha Fionn agus a mhuinntir eòlach air ceilig nan Lochlannach, agus thug iad leotha sgionan an àite falaich; agus an uair a thòisich na Lochlannaich ri caitheamh foill orra, thuirt Fionn rann mu na sgionan a thuig a chuid Gaisgeach; agus ged a chuir na Lochlannaich am muinntir feinnan suidhe, agus fear de chuideachd Fhinn eadar gach dithis (ma bfhior iad le càirdeas) mharbh na Gàidheil òirdheirc gach fears aBheirbhe (an Ceanna-bhaile) ach an righ a mhain, agus thug iad leotha nighean an righ don Mhor-bheinn, mar a dhearbhas an dàn so.

Innsidh mise dhuibhse
An t-ursgeul fiors gum be sin e,
Air gràdh milis nam feara,
Air aghaol sibh da fheòraich.
Latha dhuinn an Crom-ghleann nan clach,
Thainig athach le sgeul oirnn os iosal.
Labhair Fionn ris le glòir bhinn:
“ ’S e do bheatha gu cuid na h-oidhche:
Da thaigh dheug a bhiomaid ann
Nuair rachamaid gu seilg an Crom-ghleann,
Da theine dheug bhiodh anns gach taigh,
S fear agus ceud mu gach teine;
S am fear bu tàire dhiubh sin
Gun gleachdadh e ceudna aonar.”
Nuair a chunnaic Conan maol
Coslas an athaich ateachd rithaobh,
Tharruinn e a dhorn dùinte
Do athach cam na h-aon sùla.
Labhair Fionn ris le guth mòr:
Sguir, a Chonain, caisg do dhorn,
S mor an t-aobharrachadh oirnn
Gum buaileadh tu teachdaire righ Lochlann.
Ach fhir as buirbe sùil gun tlachd,
Do shloinneadh, athaich, dhuinn is diomradh,
Fhir as olc do thoisg ceum boile,
Innis dhuinn sgeul, athaich oillteil.”
Thainig mi o Lochlann leathain,
On chuideachd bhorb neo-dhoilleir,
Is thug mi ceum gun bhi mall,
Ge cian, o chriochaibh Lochlann.
Tha nighean righ Lochlann fein
Air gabhail gaoil ort, Fhinn, ’s cha cheilg e;
Is thug i bòid nach rachadh i steach,
Gus an rachadh Fionnga h-iarraidh;
Is thainig mi do diarraidhic Cumhail,
S do chuideachd a dhol a chum fleadha.”
Tairngeamaid ar còtaichean sròil
Mu ar corpaibh calama, seanga,
S na lùirichean as fearr maise,
Is clogaid mhòratha glé dhreachmhor,
Sgiath bhilòir is lann is lùireach,
Air gach gaisgeach gu h-àrd-ghlùineach;
Fraoch siubhail air gach fear,
S inneal comhraig air gach treun-laoch.

Nam bu ghobha mise,
S math a dheanainn sgionan;
Chuirinn cruaidhnan soighean,
S chuirinn sìomnan roinnean,
S chuirinn casan fraoiche
Len cinne bhuidhe
Ann an cùil thiugha
Nam faobhar tana.”

Ghabh sinn am mach druim chaoil achuain,
An dream bu duilich an diongmhail,
S chaidh sinn air tìr gu fearail fòil,
Le teachdaireachd athach righ Lochlann;
Is bha sinns aBheirbhe ag òl
Ann an teaghlach Dhùn an Olla,
Acaitheamh nam fleadh is iomairt mu seach.
An sin do labhair righ Lochlainn;
Fhinn, an dthug thu leat mo mhac,
Gormunn gorm-shuileach nan cath?”
Is misemharbh Gormunn do mhac,”
Arsa Raoine nan geal-ghlac;
Cha teid mi dhaicheadh an fhir,
S gur ann leam a thuit esan iorghuill.”
An dthug thu leat Ronan mo mhac,
An curaidh a bàille dreach;
Nom Buadhach buidhneach mo mhac eile,
Non Lamh-threun a phropadh iorghuill?”
Is mise mharbh Ronan do mhac,”
Thubhairt Diarmad òg o Duibhne,
Air tràigh Cliabhain mu thuath,
Far an do thuit do mhor-shluagh.”
Is mise mharbh an Lamh-threun,”
Thuirt Oscar nach drinn riamh breug;
Gun taing do dhuinagaibh da chionn,
A dhfhas riamh an rioghachd Lochlainn.”
Sgar misa cheann den Bhuadhach bhuidhneach,”
Fhreagair Caoilte, ’s cha bu tiom e;
“ ’S bu luath mo chasan anns an arfhaich
Aliodairts amarbhadh do mhuinntreach.”
Labhair fear air an taobh thall,
“ ’S meirg a thogadh an fholachdsan àm;
Fagaidh an Fheinn sibh marbhnur teach,
S theid iad don Mhor-bheinn am màireach.”
Fhinn! tha thusa nis an laimh,
Is luchd do bhriathran dalama cinn;
A dhaindeoin do shluaigh uile;
Na luaidh air Alba gu bràth.”
Fhreagair da sud pobull Fhinn,
Leis aghlòir nach robh ro thiom;
Chan fhaodar leinn a bhith an laimh;
S ann leinn a mharbhar an ceud fhear.”
Tharruinn Oscar an còrn
A bhana laimh ag òl na deoch,
S mharbh e leis tri caogad fear treun
Seal mun do thòisich an Fheinns aghreis.
Dhéirich Goll nan cruaidh-bheum àigh,
S thug brosnachadh làidir gu cath;
Sibhsa shliochd treun nam Mor-bheann,
Dearbhaibhs an àm cruadhs bhur smior.”
Tharruinn sinn ar deich ceud sgian;
Bu mhoid ar gaisges bfheairrd ar gniomh,
S mharbh sinn dithis de gach fear
De theaghlach an righs aBheirbhe.
Chaidh sinn am mach mar dhream inntinneach, uallach,
Is mharbhadh leinn an dorsair
S gach neach a bham fagusg don tùr ud;
S bha Fionn tamull an uaigneas
Le nighean Mhanuis na ceilge dùbailt’,
Is thug e leis i a nall thar sàile,
Gu Mor-bheinn an àrd-daraich aosda;
S bha fleagh nan sligan Seallama,
S gach neachsan teach gu subhach, aobhach;
Bha pailteas de shithinn fhiadh ann,
Aig clannaibh Mornas clannaibh Baoisge;
S ged tha mi nis gu fann atriall,
Bu mhòr mo bhlaodh an teach nan laoch ud.
Bha ceannas aig mathair uasal
Air Manus nan creachs nan long-phort.
Is tùirseach mi acaoidh nan treun-laoch,
Aig iomradh nam fleagh an Crom-ghleann.



[191]

[Vol . 11. No. 24. p. 7]

THA MO RUN AIR A GHILLE.

LE CEIT MHUNN.

LUINNEAG.
Tha mo rùn air a ghille,
S e mo dhùrachd gun dig thu;
S mi gun siubhladh leat am fireach
Fo shileadh nam fuar-bheann.

Oidhche shamhraidh dhomhs mim onar,
Nam burrainn dhomh dheanainn oran;
S truagh a righ nach robh mi posd
Air oigeir a chùil dualaich.

O, gur h-e mo cheist an t-oigeir,
Fearchùil duinns an leadain bhoidhich;
S mi gun siubhleadh leat thar meolais
Ged than cota ruadh ort.

S mór a thug mighaol don fhiùran
Tham mach a teaghlach Chill-Iùnndainn;
Sealgair fhiadh tum beinn a bhùiridh,
S eilid lùth nan luath chas.

Ged a tha do phocaid aotrom,
Cha do lùghdich sud mo ghaol ort;
S mi gun siubhleadh leat an saoghal
Nam faodainn do bhuannachd.

Nàiles e mo ghaol an t-oigear,
Aig a bheil a phearsa bhoidheach;
Fhir chùil dualaich, chuachaich, or-bhuidh,
S fiamh an rois ad ghruaidhean.

Phosainn thudh-aindeoin mo chàirdean,
Gun toil mathar no mo mhàthar;
Iain Saor a tha mig àireamh,
Gur h-echnàmh a ghruag dhiom.

Than Nollaig a tighnn as ùr oirnn;
Ged a tha gur beag mo shùrd rith’,
S am fear nach fàgadhsa chùil mi
Air chùl nan tonn uaine.

S beag a shaoilinn fhìn an uiridh
Gun tréigeadh tu mi cho buileach;
Mar gun tilgeadh craobh a duilleach
Dhfhàs thu umam suarach.


ORAN

Do dh-Aonghus Camaran, mar gum bann le nighinn òig air an robh e a suiridhe,

LE AILEIN AN RIDGE.

LUINNEAG.
Och, mar tha mi is mi nam ònar;
Gur h-e a chràidh mi nach robh sinn còmhla.
Mo cheist an t-Ileach mo leannan dìleas;
Mo chreachs mo dhiobhail bhith dhìth do chòmhraidh.

Nàile, ’s e mo ghaol an t-uasal
A dhfhalbh an cuan; ’s ann Di-luain a sheòl e.
Do ghràdh tham bhuaireadh a dhfhag cho truagh mi;
S e fàth mo ghruamain nach dfhuair mi còir ort.

Mo cheist am fiùran a dhfhàg an dùthaich
Le luing mhaith ùir fo cuid shiùil a seòladh;
Nach gabhadh cùram a dhol gastiùradh,
S a dheanadh iùls tu mu chùrsaibh eòlach.

Nan éireadh stoirm ort no séideadh gailbheach
Bu treun, neo-chearbach, air falbh nam bòrd thu.
Bu ro mhath tìnnleachd gu tarruinn dìreach,
Fear maras tìr thu, ’s bu dìleas dòmh-sthu.

Làmh bu chìnntichethàirneadh sgrìobhadh,
Le ite pìnn gum bu ghrinn do mheòirean.
Bu sgoilear Beurlthu bu ro mhathleughadh,
Le barrachd céille, ’s tu beusach, bòidheach.

Gach dealbhbu bhriaghas bu taitneach ìomhaigh,
Bu mhath do mhiaraibh gun cur an òrdagh;
Gun tarruinn ceutach, gu dreachmhor, éibhinn;
Thug mise spéis dhuit nach tréig ri mbheò mi.

Nam cluich a chiuil gum bu mhodhail, ionnsaichtthu;
Dannsair sùnndach air ùrlar bhòrd thu;
Do cheum troimhn rìdhles e thogadh mìnntinn;
Gur h-iomad nìonag air do phòige.

Fear inich calmabu ghrinne dealbh thu,
S tu cuimir, garbh, ged nach duine mòr thu.
Nan togteadh suas thu gu trod no tuasaid,
Bu smearail cruaidh thu gu bualadh dhòrnaibh.

Gur misthan éigin mun fhear a thréig mi,
S a dhfhalbh an air loch réidh Bhras dOr bhuainn;
Ach Aonghuis òig, gus an dig thun taobh so
Cha tog mi sùil ri fear eile phòsadh.

Is ann a mhuinntir Ile a bha Aonghus Camaran. Is e maighstir-sgoila bha ann.

Rugadh Ailein Domhnallach aig Allt an t-Srathain an Lochabar an 1794. Thàinig e do Cheap Breatunn an 1816. Bha e a fuireach air an Ridge, no am Màm, am Màbu. Theirteadh mar sin am bitheantas Ailein an Ridge ris. Dhfhàg e an Ridge is thàinig e dhfhuireach don Abhainn-a- Deas, an siorramachd Antigonish, an 1847. Chaochail e an 1868. Bha e nasheanachaidh math is nadhuine taitneach.


Iadsan a Phaigh.

Iain C. Domhnullach, Ardness , N. S.
Iain Domhnullach, Antigonish , N. S.
A A Mac-Gillebhràth, Dun-glas, N. S>
Alasdair Beuton, Beaton ’s Mills, E.P. I.
An t-Urr. Seumas Phelan, Montague , E.P. I.
Mor Nic-Aonghais, Martinvale , E.P. I.
A. N. Mac Amhlaidh, Steornabhagh, Que.
Niall D. Mac Iomhair, McLeod ’s Crossing, Que.
R. W. Leonard, Montreal , Que.
Cailean Mac-Gilleain, McLennan P O, Ont.
Niall A Mac Neill, Boston , Mass.
Bean D. Mhic Fhionghain, Mooreton , N.D.
Alasdair Mitchell, Beausmont , N.D.
Alasdair Torrey, Beausmont , N.D.
Seoras Mac Coinnich, Milton , N.D.
Iain A. Mac Leoid, San Francisco, Cala.
Niall Mac Leoid, Waipu , New Zealand
I. B. Mac Aoidh, Waipu , New Zealand
Uilleam Mac Amhlaidh, Sashader, Alba
An t-Olla Masson, Duneideann, Alba
Iain Hosack, Duneideann, Alba
Bean Mhurchaidh Mhic Leoid, Sharabost
E. C. Ouiggin, Cambridge , Sasunn
Iain Mac Amhlaidh, Eildeir, Port Morien
Domhnull Ros, Port Morien
An t-Urr. D. Mac Gillemhaoil, Sidni Mines
Aonghas Camaran, Princeville
Iain F. Siosal, Long Point
Ruairidh Mac Coinnich, Whitney Pier
A S Dughallach, Margaree
Colla Caimbeal, Ceann Bagh Hogamah
Gilleasbuig Mac Phail, Orangedale
Gilleasbuig Feargasdan, M . B. Road
Aonghas Mac Cormaic, Louisburg
Iain R. Caimbeal, Jamesville
Aonghas Domhnullach, Abhainn a Tuath
D. I. Domhnullach, Stewartdale
Padruig Moireasdan, Shipyard ,Sidni
Gilleasbuig Gillios, Bridgeport
Iain A Mac Cuthais, Whitney Pier


Bha an duthaich gle fheumach air na frasan uisge a thainig oirre deireadh na seachduin sa chaidh. Ann an Ceap Breatunn bha sinn cho gearaineach air fuachd na sìdes nach robh moran dhinn acur suimsan tiormachd, ged bha sinn ùine mhor gun uisge. Bha an tiormachd gle mhor ann an Cuebec, an Ontario, agus anns na Stàidean. Bann seachduin gus an a shìl a cheud fhras uisge ann am Montreal a chunnaic iad o chionn da fhichead latha. Ach bannsna Stàidean bu mho rinneadh de chall, a chionn gum bann an sin bu mhò an teas.


Gum meal thu e, ’s gun caith thu e, ’s gum faigh thu bean ra linn.

Ghabh en càl mun drinn en t-altach.

Gheibh an t each éasgaidh a luchd.

Gheibh an t-uaibhreach leagadh an uair as àirde e.

Gheibh a shroin fuarachadh.

Gheibh bleoghan is gheibh domhain daoine.

Gheibh gach neach an nithan dàn.

Glac ciall, gabh biadh, iarr Dia, ’s chan eagal duit,

Gun dean e maith an rathad a chaidh e.


Ami Mhoraidh.

Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig aMhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-sonconcertsa chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannans nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:—

MISS AMY MURRAY,
20 West 28th Street,
New York, N. Y.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisAn togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidhAirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364. SIDNI, C.B.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[192]

[Vol . 11. No. 24. p. 8]

ORAN DO DH-AMERICA.

LE IAIN DOMHNALLACH, AN SEALGAIR.

Mo shoraidh bhuam an diugh air chuairt
Thar chuan do bhràigh nan gleann,
Gu tìr nam buadh, ge fada bhuam i,
Tìr nam fuar bheann àrd.
S e tighnn a thàmh don àit sas ùr
A dhfhàg mo shùilean dall.
Nuair sheol min iar, a triall bho mthìr,
A rìgh gur mi bhan call.

Dhfhàg mi dùthaich, dhfhàg mi dùthchas;
Dhfhan mo shùgradh thall.
Dhfhàg min t-àite bàigheil, caomh,
S mo chàirdean gaolach ann.
Dhfhàg min tlachds an t-àitam faicte,
Tìr nam bacs nan carn.
S e fàth mo smaointinn bho nach dfhaod mi
Fuireach daonnan ann.

Dhfhàg mi cuideachda nam breacan
Bàluinn dreach is tuar;
Armuinn ghrinne, laidir, inich,
Gillean bu ghlan snuadh;
Fir chalma, reachdmhor, gharbh, ’s iad tlachdmhor,
Bu dearg daite an gruaidh,
Luchd an fhéilen àm an fheuma
Leis an éireadh buaidh.

Bhiodh Dòmhnallaich nan éideadh gasd’,
Cha cheum air ais bhiodh ann;
Luchd fhéile ghartan, chòtan tartain,
S osain bhreac nam ball,
S nam boineid ùra, dùbh-ghorm, dathte
Air tùs am mach nan rang.
Biad féin na seoid nach géills iad beo,
Bu treunsa chòmhrag lann.

S tric a dhìrich mi ri màm
S mo ghunnam làimh air ghleus,
Mo mhiannsan àm bhith siubhal bheann
S mo chuilein seang air éill,
Dìreadh ghlacagansa gharbhlach,
Sealg air mac an fhéidh;
S tric a leag mi e le mluaidhe,
Ged bu luath a cheum.

Air maduinn chiuin bu mhiannach leam
Bhith falbhs mo chù ri mshàil
Le mghunna dùbailte nach diùlt
Nuair chuirinn sùil ri h-earr
Luaidhes fùdarchur nan smùid,
S i chéaird dhan dug mi gràdh,
Feadh lùbaibh cam air àird nam beann
S am bi damh seang a fàs.

Be sud maighear-sas mo shòlas
Crònanaich nam fiadh,
Mu Fhéill-an-ròid bhith tighnn a chòir
An fhir bu bhòidhche fiamh,
Bhith falbh nam bac gan sealgsna glacaibh,
Nuair bu daite am bian.
S tric a tholl mi mac na h-éilde
Seal mun éireadh grian.

An niss ann thréig gach cùis a bhann
Min sos mim fang fo chìs
An tìr an t-sneachdas nam feur seachte.—
Cha be a chleachd mi-fhìn
A bhith faicinn dhaoine cairtidh,
Crannda, glas, gun bhrìgh,
Le triùsair farsuinn, sgiùrsair casaig,
S cha bem fasan grìnn.

Chi thu còmhlan acag òl
S an stòr ma théid thu ann,
Iad ri bòilich is ri bòsd,
S iad gòrach leis an dram;
An àite rapach, poll fon casan,
Stòpan glas ri ceann,
Rùsgadh dheacaid dius gan stracadh,
S iad mar phaca cheàrd.

S truagh, a righ, gun dchuir mi cùl
Ri mdhùthaich le mthoil féin,
Le bhith an dùilsan àit as ùr
Nach faicinn tùrn gam dhìth.
Ach còir air fearann, òr, is earras
Bhith aig gach fear a bhìnnt’,
Bha chùis gu baileach orm am falach,
S mheall mo bharail mi.

Thug mise cion nuair bha mi òg
Do bhith an còir nam beann,
Is saoilidh càch gun robh mi gòrach,
S gun iad eòlach ann.
An spéis a thug midhamh na cròic
Cha déid ri mbheo a mchom,
Bhon dhfhàg mi tìr na seilgs nan sàr,
Tha maigneadh cràiteach trom.

Cha chluinn mi dùrdan madainn dhrùchd
Am barraibh dlùth nan sliabh,
Cha loisg mi fùdar gorm an stùc
S cha chuir mi ri fiadh.
Bhon chuir gach cùis a bhann rium cùl,
Dhan dug mi rùn gu dian,
S tìm dhomh bhith nas tricair mùirnigh,
S leanachd dlùth ri Dia.
1834.

Rugadh Iain DomhnallachIain Mac Dhomhnaill mhic Iainan Lochabarsa bhliadhna 1795. Bha e na shealgair fhiadhsan t-seann dùthaich. Thainig e do dh-America an 1834. Bha e a fuireach am Màbu an Ceap Breatann. Chaochail e an 1853. Bha e na dhuine measail.


THA TAIGHEAN BEAG AGAM.

LE SEUMAS MUNRO.

Tha taighean beag agam
Is lios agus pàirc,
A chumas rium càl
Is aran nas leoir;
Is feumaidh mi caileag
A thaghadh gun dàil,
A chumas mi blàth,
S an fhàrdach air seol.
S i gruagach gun uabhar
Bu luaidh leam a thaghadh;
Cruinn-chuachag bheag shuairce,
Gun bhruaidhlein, mo roghainn;
A bheireadh a gràdh dhomh
Gach oidhches gach ,
S a chumadh air àird
Gach ni mar bu chòir.

Bu mhath leam i suilbhear,
Neo-chuilbheartach, òg,
Le tuigsagus fòghlum
Freagrach do mchàs;
chumadh mo léintean
Is méideadh air dòigh,
S a dheanadh dhomh ceòl
Nam bithinn fo phràmh;
I tàbhachdach, làmhach,
Neo-bhà feadh an taighe;
A dhéireadh gu tràthail,
S an dàmhair a laigheadh;
A chumadh na pàisdean,
Nam bitheadh iad ann,
Cho glan, cas gu ceann,
Ri meann fir na cràichd.

Bi sud a bhean loinneil,
A thoilleadh mo ghaol,
S am fulasgadh caoin,
S an caomhalas còrr;
S gur misa bhiodh toigheach
A cumail air saod,
S gun deanainn na dhfhaodainn
Rithe ri mbheo.
Bheirinn gùn di is rùn,
Agus cliù dleasdanach;
Bi mo luaidh i gach uair;
Ghabhainn cuairt, feasgar, leath
Feadh nam bruach dìtheineach,
Mìsleineach, àigh;
S bhiodh ban-dia a ghràidh
Ga fàiteachnar còir.

Fulasgadh, rocking .Toigheach, attentive , watchful, loving.Fàiteach, smiling .

Rugadh Seumas Munro aig Gearasdan Ionar-Lochaidh mun bhliadhna 1794. Bha e re ùine mhoir na mhaighstir-sgoile aig Blàr Odhar. Bha e lan de sgoil, de cheol, ’s de bhàrdachd. Chaochail esa bhliadhna 1870. Cha robh e pòsda riamh. Tha an Gràmar Gaidhlig a chuir e am mach na leabhar ro-luachmhor. Air son riaghailtean gu Gaidhlig a sgriobhadh gu ceart is e gràmar as fearr a tha ann. A. M. S.


Ma tha mo chuid airgid anns achapull, thig e dhachaidh uaireigin.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 24
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XI No. 24. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page