[Vol . 11. No. 25. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 12, 1903. No. 25.
Litir a Loch Laomainn.
Tha mi ’sgriobhadh so ugad, cha ’n ann o Loch Laomainn an Alba, ach o fhear-ainme, loch bòidheach eile an Ceap Breatunn. Tha beagan a lathair fhathast aig an Loch so de ’n mhuinntir a dh’ fhag an t-seann duthaich trath anns an linn a dh’ fhalbh. Bheir mi iomradh ann an so air aon teaghlach dhiu sin.
Bha duine ann an Rimisgaraidh, an Uidhist a chinn-a- tuath, do’m b’ainm Aonghas Domhnullach, no, mar a theirteadh gu coitcheann ris, an Saor Mór; agus an uair a rachadh a shloinneadh air a mhuinntir o ’n d’ thainig e, ’s e theirteadh ris, Aonghas mac Dhomhnuill ’ic Iain òig. Phòs e Mairearad Dhomhnullach, as an aon bhaile, tha mi ’m beachd, ris fhein. Thainig iad do ’n duthaich so anns a’ bhliadhna 1828. Thog iad fearann an Cobh nan Eirionnach, far an do dh’ fhan iad ceithir bliadhna. As a sin chaidh iad air imrich gu Loch Laomainn, far an do thuinich iad gu àm am bais. Chaochail an Saor Mor aig aois tri fichead is ochd deug, ach rainig Mairearad a bhean ceud bliadhna ’sa h-aon mu ’n do bhasaich i. Bha piuthar aice mar an ceudna a rainig aois ceud bliadhna ’s a h-aon. Bha i posda ri fear Domhnull Domhnullach. Cha’n e sin a mhain, bha mathair nam mnathan so beo gus an robh i ceud ’sa h-aon a dh’ aois.
Nise, tha ochdnar de theaghlach an t-Saoir Mhoir beo fhathast, agus tha mi ’cur sios an so ainm agus aois gach aon diubh. Domhnull, a mac bu shine, a dol na cheithir fichead ’sa h-ochd deug; Cairistine, bantrach Iain Dhomhnullaich, ceithir fichead bliadhna ’sa coig deug; Anna, bantrach ’Illeasbuig Mhoireasdan, ceithir fichead bliadhna ’sa tri deug; Mairearad, bantrach Dhomhnull Munro, ceithir fichead bliadhna ’sa seachd; Iain, ceithir fichead bliadhna ’sa coig; Sìne, bantrach ’Illeasbuig Mhic Cuthais, ceithir fichead bliadhna ’sa h-aon; Ceit, bantrach Alasdair Dhomhnullaich, (Alasdair mac Dhomhnuill ’ic Gillechriosd) tri fichead ’sa coig deug; Aonghas, tri fichead ’sa tri deug.
Ma chuireas sinn ri cheile na h-aoisean sin ni iad sia ceud ceithir fichead ’s a seachd a bhliadhnachan (687). Agus tha e deanamh an aois bhar a cheile ceithir fichead ’sa h-ochd. Cha ’n fhaca ’s cha chuala mise mu theaghlach anns an linn so a theid seachad air a sin. Co theireadh nach ’eil an duthaich so fallain.
Tha Domhnull, am fear is sine de ’n teaghlach, agus a tha nise cho dluth air a cheud, a mealtuinn slainte mar nach olc. Tha e comasach air dol a mach ’sa steach gun dragh do neach eile agus tha a bhuadhan inntinn a seasamh ris gu math. Tha a bhean beo, mar an ceudna, is i fein ceithir fichead bliadhna ’sa dha dheug mur ’eil an còrr; agus tha iad posda tri fichead bliadhna agus a h-aon deug.
Ma tha iomradh air teaghlach eile de ’n leithid so bu ghle thoil leam cluinntinn mu ’n deidhinn. Ma tha leth-bhreac so an Gaidhealtachd Alba o cheann gu ceann tha mi ’n dochas gu ’n toir mo charaid “Iain” cunntas dhuinn orra. Cha ’n ’eil fios nach tuig e co na daoine do ’m buineadh an fheadhainn air an tug mi an t-iomradh aithghearr so.
Le mor dhurachd, Is mi do charaid,
C. C.
P. S. —Dhearmaid mi radh gu bheil sliochd an t-Saoir na ’n daoine ’s na ’m mnathan a tha coir, measail. Tha Domhnull agus Aonghus, am fear a’s sine agus am fear a’s òige, nam foirbhich ’san Eaglais Chleirich. Tha clann oghaichean agus iar-oghaichean ann an lionmhorachd nam measg. Ghabh am fìonan freumh, agus tha i a sgaoileadh am mach a geugan.
Tha daoine breithneachail a tha gabhail beachd air mar tha cùisean a’ gluasad dhe ’n bharail gu’m bi àireamh sluaigh Chanada air a dùblachadh mu ’n ruith deich bliadhn’ eile. Air a bhliadhna so fhein tha dùil ri dlùth air ceud mile de luchd-imrich a thighinn innte. Agus tha e gle choltach gu’m bi barrachd air an àireamh sin na h-uile bliadhna ’n deigh sin, agus nuair theid an sluagh àireamh a rithist, an 1911 nach bi na’s lugha na deich muillion eadar bheag is mhor anns an dùthaich.
Tha sgriobhadar àraidh air tir-mor a’ cur sios air muinntir na siorrachd so air-son cho trom ’s a tha iad a’ fàs air bhi stobadh ’s a’ tilgeadh cach a cheile. Tha gun teagamh tuilleadh ’s a chòir de gach seòrsa mi-riaghailt a’ dol air adhart, ach nuair bheirear fa-near an liuthad seòrsa sluaigh a tha ga ’n cosnadh fein ’san t-siorrachd, tuigear gu bheil e doirbh sin a sheachnadh. Nuair bhios daoine as gach dùthaich is cearn air an cur a dh’ obair ’s a dh’ fhuireach am measg a cheile, is dual gu’m bi aimhreit na ’m measg. Cha’n eil teagamh againn nach eil an t-sìth air a cumail an so a cheart cho math ’s a ghabhadh i cumail ann an siorrachd sam bith eile do’n tigeadh àireamh cheudan no mhìltean de shluagh coimheach. “Ceannsaichidh a h-uile fear an droch-bhean ach am fear aig am bi i.”
Tha iomadh duine anns na Roinnean Iochdrach an diugh a tha gu math na’s bochda na ’chrannchar na bha e tri miosan roimhe so. Bha àireamh mhor a’ cluich airstockso chionn bliadhna no dha air ais, ach mu choinneamh gach aon a bhuannaich tha dha dheug a chaill. O chionn mios no dha tha prìs nan stoc a’ sior thuiteam, agus mar bu mhò a thuiteadh iad ’s ann bu mhò a bha iadsan a bha cluich orra a’ call. Tha e doirbh fhaighinn a mach dé uiread ’s a chailleadh, ach thatar a’ meas gu’n do chailleadh tri cheud mile dolair ( $300 ,000) ann an Sidni a mhàin. Ann am bailtean eile bha ’n call a reir sin, agus tha iomadh aon air a thoirt gu bochdainn. Tha so na leasan garbh,ach cha bhi e gun fheum do’n dùthaich ma theagaisgeas e do dhaoine an seòrsa cluich ud a sheachnadh, agus feuchainn, ma tha iad air son a bhi beairteach, ri fhaighinn air dòigh a’s cinntiche agus a’s onaraiche.
Ma bha cuid an dòchas nach b’ fhior shith a bha ann an Africa mu Dheas, tha iad air am mealladh. Cha’n eil fhathast bliadhna o’n thainig crioch air a chogadh, gidheadh tha an diugh pàrlamaid cruinn anns an Transbhaal—pàrlamaid air a taghadh leis an t-sluagh, agus anns am bheil luchd-ionaid aig na Boerich a cheart cho math ris na Breatunnaich. Am bheil dùthaich eile air uachdar an t-saoghail a bheireadh cothrom riaghlaidh do shluagh an taobh a stigh de bhliadhna ’n deigh dhaibh a bhi cogadh rithe?
Tha Canada a’ cur thairis le “aonaidhean.” Cha’n eil baile ach gann ’san dùthaich anns nach eil “aonadh” aig gach seòrsa luchd-ceairde dhaibh fein. Tha sin ceart agus coltach gu leòr, ach tha aon rud ri radh mu’n deidhinn nach eil ga ’m moladh do mhuinntir na dùthcha so—gu bheil iad air an riaghladh agus a’ gabhail an òrduighean á ceanna-bhaile na Stàidean. Tha teachdairean as an dùthaich sin gu tric ag aobharachadh aimhreit is call do luchd-obrach an Canada le bhi ga ’m brosnachadh gu sgur a dh’ obair ’s seasamh a mach nuair nach eil deagh aobhar air sin a dheanamh. Thachair so ann am Montreal a thaobh luchd-obrachaidh nan càrachan-sràide; sheas iad a mach gun aobhar sam bith, ach gu’n robh iad am barail gu robh na’n comas tuilleadh tuarasdail fhàsgadh as a’ chuideachd. Nuair nach deachaidh sin leotha, chaidh a’ mhor chuid dhiu air ais a dh’ obair, agus thilg iad aonadh nan Stàidean a thaobh ’s chuir iad aonadh air chois dhaibh fein. Chunnacas rud a b’ iongantaiche na ged thachradh a leithid sin am bailtean eile cuideachd.
Tha Riaghladh Cholumbia Bhreatunnaich geàrr-shaoghalach. Tha e daonnan air clachan-turamain, agus ag atharrachadh o thaobh gu taobh cho tric ’s nach urrainn do neach nach eil gu math geur san inntinn a leantuinn. Chaidh car eile chur dheth toiseach a mhios so, nuair bha a phàirtidh a bha fo cheannsal a’ Choirneil Prior air a cur á dreuchd leis an Riaghladair. Ma ’s fior gach sgeul a tha sinn a’ cluinntinn, tha dùthchannan air an t-saoghal aig am bheil luchd-riaghlaidh a’s duineile ’s a’s uaisle ’s a’s neo-fheineile na bha aig Columbia Bhreatunnach o chionn grunn bhliadhnachan. Tha daoine ’g innse gu bheil an àireamh mhor de luchd nampoliticsanns an roinn sin na’s deidheile air am probhaid fein na tha iad air math a dheanamh do’n dùthaich. Cha’n eil ach fear ainneamh ’sa phàrlamaid nach buin do chuideachd mèinne no rathaid-iarainn, agus mur faigh gach aon dhiu sin gach ni is àil leis iarraidh air-son na cuideachd d’ am buin e gu’m bi ’n aimhreit air a bonn. Tha e eu-comasach do riaghladh dùthcha a bhi aon chuid ceart no buan fhad ’s a dh’ fhàgar e an lamhan dhaoine dhe’n t-seòrsa sin. Cha’n eil leigheas air ach an sluagh a thaghadh dhaoin’ earbsach, onarach, a chuireas feum na dùthcha air thoiseach air am buannachd féin. Tha Columbia Bhreat-
[Vol . 11. No. 25. p. 2]
unnach na dùthaich air an do bhuilich nàdar moran saibhreis, agus bu mhor am beud e gu ’m biodh a soirbheachadh air a chumail air ais le droch riaghladh. Cha tig adhartas gu bràth air dùthaich anns am bi luchd-stàite a sior tharruinn gu’n dorsan fein.
Bha maraiche misneachail ann an Sidni da sheachduin air ais a bha ’cur roimhe dhol thar cuain ann am bàta nach robh ach gann da throidh dheug a dh’ fhad. Bha ’m bàta sin ri fhaicinn fad seachduin air-son tasdan an ceann, agus bha ’n sanas a bha tarruinn aire ga ’ionnsaidh ag radh gu’m b’e an t-ioghnadh bu mhò air an t-saoghal. Cha’n eil iadsan a chunnaic am bàta air tir a’ cur an aonta ris a chùnntas sin, ach tha gach aon a chunnaic e air uisge ag radh ma ruigeas e thall gur h-e gun teagamh an t-ioghnadh as mò a chunnacas o linn na h-àirce rinn Noah. Maduinn a’ cheud la dhe’n mhios so, luchdaich an Caiptean Wawn am bàta le biadh ’s le uisge, thog e ’n seòl ’s dh’ fhalbh e. Bha so aig aon uair deug ’sa mhaduinn. Aig ochd uairean feasgar rainig e Sidni Tuath, an deigh ànradh mor fhaotainn air an t-slighe, a ghaoth na aghaidh, am bàt’ air fàs ao-dionach, ’s tuinn bheaga na h-acarsaid a’ cur ris gu h-olc. Cha chuala sinn gu ’n d’ fhàg e am port sin fhathast. Tha maraichean comasach ag radh nach téid am bàta ’s an duine gòrach a tha ga sheòladh fad o bheul na h-acarsaid nuair theid an slugadh suas leis a mhuir, agus nach ruig e cladaichean an t-seann dùthcha gu dìlinn. Dh’ fhàg sgiobair eile Boston deich latha roimhe sin air an turus amaideach cheudna, le bàta coig troidhean deug a dh’ fhad. Feumaidh e bhith gu bheil sgiobairean ri ’n seachnadh aca anns na Staidean.
Naidheachdan.
Chaidh caileag bheag ann an siorrach Kings air chall ’sa choille seachduin no dha air ais, agus ruith coig latha seachad mu’n d’ fhuaireadh i. Bha i fad na h-ùine sin a’ tighinn beò air luibhean a bha i buain ’sa choille agus air uisge.
Tha a bhreac air brisdeadh a mach ann an St. John’s, Newfoundland. Toiseach a mhios bha coig taighean dùinte leatha, agus bha aon duine deug na laidhe tinn ’san tigh-eiridinn. Coltach ris a bhric a bha timchioll nan criochan so fhein, cha’n eil i so gle dhona, agus cha’n eil eagal gu’n aobharaich i moran bhàs. Thatar a’ deanamh gach dichioll air a cumail o sgaoileadh.
Air a mhios a dh’ fhalbh bha coig deug air fhichead de luchd nan tighean-òil air am faotainn ciontach ann an Sidni—an obair-mios a b’ fhearr a rinneadh riamh fo ’nScott Act.Cha’n eil so a’ dearbhadh gu bheil barrachd òil a’ dol air adhart ’s a b’ àbhaist, ach gu bheil iadsan ris am bheil obrachadh an lagha air earbsa a’ fàs na ’s ealanta no na ’s eudmhoire na bha iad roimhe so.
Chaidh bantrach Uilleim Mhic-a- Ghobha, seana bhean a bha ’fuireach leatha fein air a Chladach a Tuath, a losgadh gu bàs air an ochdamh la fichead dhe’n Mhàigh. Bha i beothachadh an teine ’sa mhaduinn nuair a rinn an lasair greim air a h-aodach, agus air dhi a bhi air fàs lapach cha robh na comas i fein a shàbhaladh. Bha i marbh nuair fhuaireadh leis na coimhearsnaich i. Cha deach an tigh a losgadh idir.
O chionn seachduin no dha air ais tha an rionnach anabarrach pailt an caochladh àiteachan air cladach an ear an eilein so. Ann anCarribou Covetha e na’s pailte na ’s cuimhne leis na seann iasgairean fhaicinn riamh roimhe. Bhatar a’ faighinn luchd dha no tri bhàtaichean anns gach lion a bha mach. Daoine aig an robh àireamh lion an cur, bha iad air an cumail na’n cabhag fad dha no tri làithean a’ toirt an éisg asda. Na ’n robh reic mhath air an rionnach dheanadh na h-iasgairean cnapach fortain, ach eadhon mar a tha, ni iad an deagh thuarasdal samhraidh.
Tha muc-mhara bhàn o chionn dha no tri de sheachduinean ag iomairt chleas ann an lochan a Bhras d’Oir. Toiseach na seachduin s’a chaidh, bha i aig abhainn Dhennis far an deach i air grunnd, agus rinn i troimhe-cheile mhor gus an d’ fhuair i gu uisge domhain. Tha gu leòr a’ feuchainn ri marbhadh, ach o nach dearg peileir gunna oirre, ’s o nach eil airm a’s truime na sin ri fhaotainn, is e ’s dòcha gu’m bi air ais gu sàbhailte do’n chuan mhor. Tha daoine creideasach a chunnaic an t-ainmhidh so ag radh gu bheil i faisg air ceithir fichead troigh a dh’ fhad.
Bha da dhuine dheug, sgioba soithich-iasgaich, air am bàthadh faisg air Bay of Islands, Newfoundland, Di-haoine an deicheamh la fichead dhe’n Mhàigh. Bha iad a muigh ann am bataichean a’ frithealadh do na lìn nuair dh’ eirich soirbheas a dh’ fhàg a mhuir cho garbh ’s nach b’ urrainn dhaibh faighinn air ais dh’ ionnsaidh an t-soithich. Bha sia bàtaichean ann, ’s dithis dhaoine anns gach bàta, agus bha iad uile air an cur do ghrunnd a chuain. B’ ann a mhuinntir Lunenburg, N. S., a bha na daoine. Cha robh air fhàgail air an t-soitheach dhe’n robh iad ach an sgiobair agus cnapach gille.
Tha an t-Urr. Tearlach Mac-an-Tòisich, ministeir Meinn an Reserve, a bha o fhoghar s’a chaidh ann an Alba, air tilleadh dhachaidh. Re na h-ùine sin bha e ’gabhail cùrsa an colaisde na h-Eaglais Shaoir Aonaichte ann an Glascho. Chuir e seachad seachduin dhe thìm ann an Colla, eilein dùthchais pàirt de shìnnsir. Bha e mar an ceudna ’san Oban, ach cha d’ fhuair e uiread siubhail a dheanamh ’sa Ghàidhealtachd ’s a bha e ’n dùil air tàille doirbhead na sìde. Chòrd a thuras do’n t-seann dùthaich ris gu math; ach a dh’ aindeoin sin tha e gu mor dhe ’n bharail gur h-i ’n dùthaich so fhein a’s roghnaiche mar àite-comhnaidh.
Bha na saoir anns a bhaile so a’ bagairt sgur a dh’ obair toiseach na seachduin s’a chaidh. Chuir iad sios ga ’n ionnsaidhsan aig an robh obair ri dheanamh gu robh iad ag iarraidh an tuarasdal àrdachadh gu da dholair gu leth ’san latha. Cha’n eil an obair, a reir coltais, cho pailt ’s a bha i bliadhnachan roimhe so, agus air an aobhar sin cha d’ fhuair iad gealladh sam bith gu’m biodh an tuarasdal air àrdachadh. Bhagair iad an sin sgur a dh’ obair air a cheud latha dhe’n mhios, ach tha e coltach gu’n d’ aontaich iad an deigh sin nach b’ e ’n gliocas dhaibh sin a dheanamh. Bha na saoir ann am baile Halifacs a’ bagairt sgur aig an àm cheudna, ach lean iad rompa mar a rinn iadsan an Sidni.
INNSEAN NA H-AIRDE ’N EAR.
THA na Gàidheil glé eòlach air na focail “na h-Innsean.” Is iomadh Gàidheal cruadalach, tapaidh a chaith moran de ’n neart ’us de ’làithean anns na h-Innsean. Is ann da rireadh air mhodh simplidh iongantach a thòisich Breatunn air sealbh a ghabhail air cuibhrionn an deigh cuibhrionn de ’n dùthaich fharsuing, bheartach, “Innsean na h-àirde ’n ear,” ann an ceann mu dheas Asia. Is ann as leth am marsantachd a chaidh Breatunnaich air tùs do ’n tìr thorach, bhrioghmhor ud. Le comhnadh ’us le gaisge Chlibhe ’s Hastings agus iomadh duine glic, seòlta ’s aghartach eile, fhuair Cuideachd Innsean na h-airde ’n ear uachdaranachd mhor anns an dùthaich ud far am bheil iomadh righ ’us banrigh, agus prionnsa ’s bana phrionnsa, ’s sluagh anabarrach lionmhor. Bithidh cuimhne mhaith aig moran Gaidheil air an aramach a rinn luchd àiteachaidh na dùthcha ud an aghaidh Bhreatuinn, bho cheann cuig no se ’s da fhichead bliadhna. Ghleachd na h-Innseanaich gu dùrachdach, fuileachdach, brùideil. Is iomadh ceannard ’us saighdear àluinn a chaill a bheatha ann an ciosnachadh an aramach nimheil, a rinn luchd-aiteachaidh nan Innsean. Fhuair feachd Bhreatuinn, fo stiuradh ceannardan foghainteach, treunmhor, neo-sgathach, lamh an uachdair fa dheoidh air an aramach. Am measg nan laoch meamnach iomraiteach a rinn euchdan treubhach, bha Morair Chluaidh, Tighearna Srath an iarunn, (Strathearn) Havelock,an da bhràthair Lawrence, agus iomadh ceannard dìleas, curanta eile. An uair a bha ughdarras Bhreatuinn a rithist àrd ’us seasmhach, agus a bha suaicheantas Bhreatuinn a’ crathadh anns gach soirbheas, thàinig crioch gu bràth air ainm ’us cumhachd ’us riaghladh Cuideachd Innsean na h-airde ’n ear, agus chaidh a Bhan-righ Bhictoria ainmeachadh agus aideachadh mar ard-uachdaran air fad ’s air leud nan Innsean. Ann am beagan bhliadhnachan an deigh an aramach, chaidh an t-ainm uasal eireachdail, Ban-Iompaire nan Innsean a’ bhuileachadh air a Bhan-righ Bhictoria. Tha righrean ’us prionnsachan, ’us Cinnich lionmhor nan Innsean fìor-dhileas agus umhal do ’n Chrùn Bhreatuinneach. Bho ionadan iochdrach nan Innsean gus na cnoic a’s airde ’tha air an t-saoghal gu leir, tha gach righ ’us sluagh dìleas do Bhreatunn, agus da rireadh is còir doibh meas mor a bhi aca air Breatunn. Rinn na Breatunnaich le ’n sgil ’us le ’n eolas ’us le ’n innleachdan maith mor anns na h-Innsean. Tha rathaidean iaruinn fada diongmhalta thall ’s a bhos air feadh na dùthcha gu léir. Tha sruth chlaisean lionmhor anns an tìr, agus air an dòigh so tha iomadh learg ’us còmhnard tioram air an uisgeachadh agus a’ giùlan toraidh brioghmhoir, tiugh. Tha gort cumanta ann an cearnan àraidh. Leis gach dichioll a tha iad a’ nochdadh, tha na Breatunnaich a’ tabhairt cuideachaidh ann an ùine ghearr do ’n t-sluagh a tha ’fulang an ocrais aig àm air bith. Is e daoine geur-inntinneach a tha ann am moran de ’n sluagh. Tha iad gle-fhiosrach gu bheil sìth ’us soirbheachadh ’us tearuinteachd aca, do bhrigh gu bheil Breatunn a’ rioghachadh thairis orra. Is maith ’s aithne doibh nan tugadh Breatunn a gairdean càirdeil, cumhachdach air falbh uatha, gu tòiseachadh stri ’s upraid ’us naimhdeas ’n am measg fein, agus gu bitheadh righ a’ deanamh cogaidh an aghaidh righ eile, ’bha ’n a choimhearsnach aige, ’s mar so gu faigheadh e leis an laimh laidir greim air achaidhean ’us ionmhas nach buineadh idir dha. On tha Breatunn daonnan eudmhor as leth na corach agus na fìrinteachd, cha leig i le righ air bith eucoir a dheanamh air a choimhearsnach, no sìth ’us seasgaireachd na tire ’bhriseadh. Tha mar so gach righ ’us prionnsa sona ’s tearuinte ’n a chriochan fein.
Tha oil-thighean a nis lionmhor anns na h-Innsean, agus tha iomadh duine òg gleusda ’faotuinn ionnsachaidh maith, agus air an dòigh so ’g a uidheamachadh fein airson gniomharan mora ’dheanamh, agus inbhe ard a lionadh ann an cùisean ’us ann an gnothuichean na dùthcha. Nochd righrean nan Innsean uair no dha gu bheil iad fior-dhileas do Bhreatunn, agus gu bheil iad deas aig àm air bith air a’ chlaidheamh a tharruing airson coirean ’us ceartas Bhreatunn a dhion agus a chumail suas. An uair a bha ’n Cogadh mu dheireadh aig na Ruisianaich leis na Turcaich, agus an uair a fhuair na Ruisianaich lamh an uachdair, agus a bha iad glé dhlùth air baile mor nan Turcach, chuir Breatunn le deifir anabarrach a cabhlach suas gu Constantinople, airson saorsa ’n t-Sultain a thearnadh, agus Ruisia ’bhacadh ’n a rùin feineil, breugach, mosach. Is e ’n t-Iudhach tapaidh, duineil agus glic, Disraeli, ’bha air ceann luchd-riaghlaidh Bhreatunn aig an àm so. Thug e moran shaighdearan bho Bhombae gu Malta: saighdearan foghainteach, calma, easgaidh, a rugadh agus a thogadh anns na h-Innsean. Chruinnich ann am Berlin daoine mora cumhachdach bho rioghachd no dha, airson cùisean nan Ruisianach agus nan Turcach a réiteachadh. Am feadh a bha ’n stri ’bagairt dol an aghaidh
[Vol . 11. No. 25. p. 3]
Dhisraeli, thubhairt e ann am morachd anama agus làn de bheartas ’us de ghaisge Bhreatunn, gu robh airgiod gu leoir aig a dhùthaich fein, agus gu robh saighdearan lionmhor aice aig an tigh agus anns na h-Innsean airson cogadh a dheanamh an aghaidh Ruisia ’s Rioghachd air bith eile ’dh-aontaicheadh leatha. Shoirbhich leis an Iudhach ghaisgeil, agus choisinn e cliu mhor bho na h-uaislean ’us bho na h-islean ann am Breatunn. Tha Ruisia làn cuilbheartan. Cha ’n fhiach focal a their i ’chreidsinn. Aig an àm so fein tha rioghachdan an t-saoghail a faicinn nach ’eil Ruisia airidh air meas air bith no air muinghin air bith a chur ann an gealladh no ann an cùmhnant a ni i. Tha i daonnan a’ deanamh oidheirp air olc a chuir an gniomh anns na h-Innsean an aghaidh Bhreatuinn. Cha chinn gu bràth le Ruisia borb, an-iochdmhor, aig nach ’eil comas no rùn no iarrtus air tearuinteachd a thabhairt do mhoran de na daoine truagha ’tha ’tuineachadh ’n a criochan. Bu laghach ’us b’ fhaoilidh ’us b’ easgaidh ’bha righrean nan Innsean ann an cuideachadh a thairgseadh do Bhreatunn le ’n saighdearan ’s le ’n ionmhas ann an cogadh taobh mu dheas Africa.
B’ e Delhi baile mor urramach nan Innsean anns na linntean a bha ’s a dh’ aom. Aig toiseach na bliadhna so, bha cruinneachadh riomhach, dealrach, àillidh ann an Delhi, airson urram ’us umhlachd a dheanamh do ’n Iompaire ùr, Righ Bhreatunn, a tha ’nis a rìoghachadh gu glic, cùramach, comasach, thairis air mor-roinnean ’us eileanan Breatuinn gu h-iomlan. Gus an Durbar a bha air a ghleidheadh aig Delhi, thainig ann an àireamh mhor righrean ’us ban-righrean, prionnsachan ’us bana-phrionnsachan nan Innsean. Bha iad dealrach le clachan luachmhor boillsgeil. Bha ’n sgeadachadh eireachdail, àillidh, lurach. Bha neamhnuidean grinn, loinnreach a’ cur sgeimh iongantach air eideadh nan Innseanach rioghail aig Delhi. Ma dh’ fhaoidte nach robh riamh roimhe cruinneachadh co morail, eireachdail ’s a bha aig Delhi, airson onair a chur air an Iompaire Imhear, agus airson dearbhadh a thabhairt seachad gu bheil na Innsean fìor-dhileas do chrùn Bhreatuinn, agus gur e ’n uaill a’s modha ’tha aca ’bhi ’g amhairc orra fein mar chuibhrionn mor, farsuing, beartach ’us aghartach de Bhreatunn.
CONA.
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. VII.
AN T-OSDAIR IS UILLEAM GLACTE NA ’N RIBE FHEIN—EILEIN NAN SGARBH.
BHA ’n t-Osdair dubh a’ gabhail fadachd nach robh a chompanach uilc a tilleadh o’n turus aognaidh air an do chuir e e. Mu dheireadh bha fhoighidinn a fàs goirid, agus a smaointinn gu ’m b’ ann is dòcha ga ’fheitheamh shuas a bha Uilleam, thog e leis poca mor cainbe is cuibhle bhall agus ghabh e suas. Bha ’n lobhta cho sàmhach ris a bhàs an uair a ràinig e suas—gathan faoin a chrùisgein a’ danns’ an cearcall mu ’n cuairt, a deanamh an dìchioll gus an dorchadas tiugh iomallach fhuadach o chriochan fhéin, ach gun mhoran buaidh. Fhuair e ’n dorus sraointe fosgailte, agus a’ gabhail a stigh agus fhiaclan a snagadh, sheall e gu h-eagallach mu ’n cuairt air. Chunnaic e, air leis, an sealgair ’san leabaidh gun chlì, agus na plangaidean air an tolladh is air an gearradh mu choinneamh a chridhe, ann an dòigh gu math duineil (thuirt e ris fhein), ach c’àit’ an robh Uilleam.
“Uilleim! Uilleim!” ghlaodh e, “c’ àit’ am bheil thu? Fhaic thu so!” agus e ’toirt cnapach botuil as a phòcaid. Ach cha do fhreagair Uilleam, agus cha do rinn a bhriathran ach bualadh air ais mu mhalaidh fhéin. “Uilleam, a chladhaire!” ghlaodh e rithist, “c’àit’ am bheil thu ga d’ fhalach fhéin? Greas ort!” agus e leigeil a ghuth an àirde, “greas ort, mu ’n tòisich i air soilleireachadh mu ’m faigh sinn so seachad.” Cha do fhreagair guth. “Am fear mór ga m’ thogail! ”—
Cha d’ fhuair e na b’ fhaide. A réir coltais fhuair e iarrtas; oir aig na briathran thàinig cròg mhór lùthmhor á mullach an taighe a thog—uamhas nan uamhas—suas beò e. Le stri, ach gun ghuth, fhuair an sealgair e air mullach na leapa, agus ga ’chur air a beul fodha cheangal e gu teann cruaidh e mar a rinn e air an fhear eile. Thionndaidh e an uair sin e, agus fhuair an t-òsdair sealladh air a bhith eagallach a bha os a chionn, agus a réir choltais a bha ga ’dheisealachadh gu triall air slighe ’n dorchadais. Leig e ràn uamhasach as an uair a thug e aon sùil air a chruth, agus a deanamh ràn thruagh eile, ghlaodh e air an Dia sin, air an do rinn e iomadh tàir, a theasraiginn.
“A Dhia sàbhail mi!” ars’ an creutair truagh; “tha anail ga m’ losgadh!” Agus an sin a fosgladh a shùilean a rithist chunnaic e Uilleam ri ’thaobh. “Am bheil thu aige, Uilleam! O, m’ anam! m’ anam truagh!”
“Is iomadh uair a ghlaodh sibh air m’ ainm,” ars’ an sealgair ann an guth eagallach, agus a nis an uair a thàinig mi tha e coltach nach ’eil sibh ro thoilichte m’ fhaicinn. Ach cha ’n ann air a thàille sin dad a’s fhearr a bhios ur diol.”
Ged a bha ’n t-òsdair a’ cumail am mach ri Uilleam is ris gach aon nach robh e gisreagach, nochd uair na deuchainn nach robh ann ach an gealtair, agus mur an robh e na bu mhiosa, nach robh e dad na b’ fhearr na iomadh bodach de na bha ’san tìr ri ’linn. Ach an ùine ghearr chuir a chluipeireachd i fhein an géill, agus smaointich e gu ’n rachadh aige air bargan a dheanamh ris a mhac-mollachd fhéin. Le rionnag fhaoin dhòchasach na ’shùilean, thionndaidh e iad air an t-sealgair, agus le guth dùrachdach thubhairt e: “O, dheamhain mhath, choibhneil, fàg mise greis fhathast, agus thoir leat Uilleam. Ged a tha e doirbh dhòmhsa tigh’nn as aonais, bheir mi dhut e gu toilichte. Dean so agus cha bhi aithreachas ort gu bràth.”
Is gann a b’ urrainn an sealgair cumail air a ghàire air dha so a chluinntinn, agus gu h-àraidh an uair a chual’ e freagairt Uilleim.
“O fàg, fàg mise, agus gun mi sean fhathast! Is esan cus a’s miosa! Is esan cus a’s miosa! Thoir thusa leat e, agus bidh mise ceart gu leor gu bràth tuilleadh.”
Tha facal ag radh, an uair a theid na meairlich a throd gheibh an t-ionracan a chuid, agus b’ ann mar sin a dh’ éirich a nis. Chaidh an dithis a throd gu garbh, gach fear ga ’shaoradh fhein air beulaobh a bhreitheimh, agus bha gach fear a réir fhéin gun smal, na aingeal taghte. Fhuair an sealgair am mach gach ni m’a chunnart fhein, agus mu ’n t-sàbhaladh a chaidh air a bheatha, agus thuig e gu ’m feumadh e á so suas a bhi gu math faicilleach. Air-son crioch a chur air an conspaid, thuirt e ris na fìr: “Dh’ éisd mi rìbh uige so, agus chuala mi sibh, agus o na tha sibh cho fior mhath b’ e an call ur dealachadh, agus mar sin bheir mi leam sibh le chéile, air-son gu ’n iompaichear sibh, gu àite thuigeas sibh fhein.”
Le so a radh thog e iad thun an urlair, agus chuir e iad ’sa phoca mhór a bh’ ac’ air a shon fhein, agus ga ’n ceangal ann gu teann cruaidh leis na buill, ’sa deanamh seòrsa de dh’ iris, thog e leis iad am mach as an taigh agus ghabh e air falbh leotha do dh’ Uamh-an-aoig, is dh’ fhàg e iad ’san oisinn a b’ iomallaiche ’sa b’ aognaidhe a bh’ ann. Thill e agus chaidil e greis air tri seann chathraichean. Ach gu math moch bha e air a chois, is e air éigheach a chluinntinn, agus air dha sealltainn gu farraideach mu ’n cuairt, fhuair e Ealasaid odhar am prìosan, agus a bristeadh an doruis leig e am mach i, agus fhuair iad le chéile am biadh.
Bha ar curaidh gun teagamh fo chomain mhor aig a chaillich, agus cha do rinn e dearmad air mìle taing a thoirt dhi. Cha robh ainm Ealasaid moran na b’ fhearr na ainm a maighstir. Ach tha e tachairt do mhoran air slighe na beatha, gu bheil na cumhachdan a tha ga ’n cuairteachadh ga ’n deanamh no ga ’m milleadh, air chor agus gu bheil iomadh cridhe bha aon uair ’san àite cheart, air an tionndadh o dhaonnachd, agus gach boinne coibhneis a bh’ annta air fhàsgadh asda cho tioram ri clach-chreatha á ball’ àth-aoil. B’ ann diu so Ealasaid odhar. Bha dùil aig daoine gu ’n robh na tobraichean so tioram o chionn fada, direach a chionn nach robh iad a’ cur rud nach robh aca—coibhneas no gaol—na ’n cuinneagan fhein an àm a bhith ga ’shireadh air neach eile. B’ ann a thaobh gu ’n do nochd Eobhain so gach uair a thachradh iad, agus gu ’n robh e modhail, iomchuidh rithe, mar a bhiodh e ris gach aon, a ghabh i meas air, agus a chuir i an dragh oirre fhein rabhadh a thoirt dha a shàbhail a bheatha air an turus so—ni a tha leigeil fhaicinn dhuinn nach caill sinn gu bràth air a bhith modhail, coibhneil ri ar co-chreutairean, biodh iad àrd no iosal, ionnsaichte no aineolach, agus gu ’m bi e buailteach tuiteam m’ ar cinn fhin na fhrasan cùbhraidh, an uair is lugha shaoileas sinn, agus an uair is fheumaiche bhios sinn air agus is mò ar tart.
Dh’ innis Eobhain bàn do dh’ Ealasaid far am faigheadh i na fìr, agus nach ruigeadh i leas cabhag sam bith a dheanamh gus an saorsa ’thoirt dhaibh. Dh’ fhalbh e an uair sin air a thurus, far nach ruig sinn a leas a leantuinn, ach thig sinn na ’rathad air dha tilleadh, agus chì sinn gu ’n robh e fada o bhi cuibhteas cuilbheirtean a nàmhaid ghuineach fhathast. Am mach uaithe so bha e gun teagamh na ’fhaireachadh na b’ fhearr; ach air a shon sin cha b’ urrainn e ged a bhiodh toil aige sin a dheanamh, e fhein a dhùnadh a stigh còmhla ri ’mhàthair, oir bha ’bheo-shlainte aige ri chosnadh le stri, agus a lìn aige ri ’n cur air iomadh sruth, gus riatanas na beatha ’chumail ris fhéin agus ris na bha na earbsa.
Air feasgar àraidh ghluais e le ’bhàta beag bòidheach a dh’ iasgach am mach gu eilein a bha mu mhìle o thir, ris an cante Eilein nan Sgarbh. Cha deach an t-iasgach leis cho math ’sa bha e ’n dùil, agus o’n a bha mhosgaid earbsach aige ’sa bhàta, smaointich e dol air tìr ’san eilein, o’n a bha e na thaghadh àite seilg, far am biodh eunlaith dhe gach seòrsa aig amannan a cruinneachadh. Ruith e am bàta stigh do bhagh beag ciùin, bòidheach, agus air dha sealltainn mu ’n cuairt ghabh e beagan ioghnaidh air dha bàt’ eile fhaicinn air tìr, gun duine ri fhaicinn na faireadh. Cha do chuir e moran diù ’sa chùis, o’n bhiodh sealgairean ga ’thathaich, agus ghabh e air aghart gu taobh eile ’n eilein, a’ fàgail a bhàta ri taobh an fhir eile. Chaidh an t-sealg leis gu math na b’ fhearr na ’n t-iasgach, ’s an ceann uair no dha thill e thun a bhàta gun duine beò fhaicinn no chluinntinn. Rainig e an sgeir, ach an creideadh e shùilean, cha robh bàta ri fhaicinn. Chual’ e fuaim ràmh, ’s a dol mu ’n cuairt na creige chunnaic e bàta tarruinn am mach o thìr, air a h-iom-
[Vol . 11. No. 25. p. 4]
radh le aon duine, agus a bhàta beag bòidheach ceangailte le taod garbh na dhéigh agus ga ’fhàgail gu luath. Dh’ aithnich e gu grad gu ’m b’ e ’nàmhaid, Caiptean Adam, a bh’ aige, agus o’n a fhuair e barrachd agus aon chomharra roimhe so dhe rùin dha, thuig e gun mhóran stri inntinn dé bha na rùin a nis. Bha ’n oidhche tighinn, agus mile mara, agus pàirt dheth na shruth làidir eadar e is tìr, agus o’n a bhiodh an t-eilein iosal aig na h-amannan so, gle thric a’ dol fodha aig àm lionaidh, ciod bu nàdarra na gu ’n rachadh an sealgair fodha maille ris an eilein, agus ciod a b’ fhasa na ’m bàta beag aig an t-sealgair a chur do ’n ghrunnd aig àite sàbhailt’ sònruichte a b’ aithne dha. B’ e so gun teagamh rùin agus dòchasan Adam. Ach theid iomadh ribe eagnaidh clì, air maighstirean a b’ ealanta inntinn na ’n caiptean còir, agus is math iomadh uair gun téid. Thug sinn iomradh an àit’ eile gu ’n robh ar curaidh na chuspair cho math ’sa bh’ anns an dùthaich. Agus a nis ged a ghabhas e ùine bheag ga aithris, thachair gach ni ann an iomlaid mionaid no dha, dhe na chuir e roimhe dheanamh, agus na rinn e gus a bhàta fhaighinn air ais. Bha fios aige nach deanadh glaodhaich feum dha; oir, air da nàmhaid fhaicinn, thoisich e air magadh air is air gàireachdaich shubhach, agus e aig a cheart àm a stad a dh’ iomradh, gus tàmailt a chur air ’san dealachadh.
“Oidhche mhath leat! agus cadal sona dhut ’san aigeann! agus feuch gu ’n can thu facal math air mo shon-sa ris na maighdeanan-mara; oir tha fios agad fhein gu bheil mi déidheil air cuideachd nam maighdean. Ha! ha! nach mi bhios air mo dhòigh comhla ri Màiri bhig, is ri d’ sheann leannan Una dhonn. Co dhe ’n dithis aig am bheil thu fàgail na dìleab? Ha! ha! nach sinn a bhios air ar dòigh! Is fheudar dhomh dusan neapaigin a cheannach air mo rathad, gus mo dheoir a ghlacadh an uair a gheibh mi sgeul a bhròin am màireach.”
Le so a ràdh laidh e air na ràimh, agus thug e chùl ri Eobhain. Aig a mhionaid sin chaidh an sealgair air a ghlùin chlì, agus a’ cur mosgaid earbsach ri ’shùil loisg e—cha b’ ann air a nàmhaid, ged nach biodh ann ach a thoillteanas—ach an uair a thog ceò an fhùdair bha bhàta fhein air tuiteam air deireadh, agus an sgroig a bh’ air a toiseach, ris an robh an taod ceangailte, air a caitheamh dheth, agus na sughaidhean ga tarruinn na bu dlùithe dha gach ceum. Thuit Caiptean Adam an grunnd a bhàta leis an eagal, agus gun teagamh aige nach b’ ann na dhruim a chaidh am peileir, ach a tuigsinn gu ’n robh e sàbhailte, shuidh e suas agus thionndaidh e aire air an t-sealgair. Chunnaic e Eobhain a leum am mach air an t-snàmh a dh’ iarraidh a bhàta, agus a tarruinn beagan na bu dlùithe, leig e leis gus an robh e gu bhith aice, agus an sin chuir an t-òganach a ghunna ri shùil, agus loisg e air an fhear a bha gun chomas air e fhein a gheard ’san uisge, a smaointinn gu ’n robh e cinnteach aige ’nis, agus gu h-àraidh o nach robh aige ach an aon urchair rinn e am barrachd dìchioll air so a thoirt mu ’n cuairt. Ach bha Eobhain bàn a cumail seallaidh air fad na h-ùine le deireadh a shùil, agus ga ’fhaicinn a’ gabhail cuimse, chaidh e fodha ’sa mhionaid, agus mar so bha Adam coirbte air a bheatadh a rithist. Bha e nis air a ghonadh, oir chuir an car mu dheireadh an caothach buileach glan air, agus a faicinn an t-sealgair gu tearainte, sàbhailte na ’bhàta, tharruinn e suas ris, oir gu teòma bha na ràimh uile na ’bhàta fhein, agus dh’ éirich e na ’sheasamh. Le cop m’a bheul, chas e ’fhiaclan ris, ’sa breith air bharaille air a ghunna, thug e mu ’n cuairt a chinn e le uile neart, agus chaith e air an t-sealgair e, an rùin an t-eanachainn a chur as. Leis mar a chuir e h-uile unnsa dhe ’neart anns an oidhirp, an uair a dh’ fhàg an gunn’ a làmhan chaidh e mach an comhair a chinn na ’dhéigh, air do ’n bhàta tarruinn air ais fo ’chasan, agus chaidh e fodha mar chlaich, oir cha robh buille shnàmh aige. Mar so, cleas luchd nam breug, cha robh buille no ionnsuidh a thug e uige so air cliù no air beatha ’n t-sealgair nach robh bualadh air ais air a cheann fhéin le neart tri-fillte. Bha Eobhain gu sàbhailte o’n ionnsuidh mu dheireadh, oir bha ’n gunna gu math na b’ fhaisge dha ann an lamhan a mhaighstir na bha e far an do bhuail e air uchd nan tonn. A deanamh a rithist a mhath an aghaidh an uilc, oir cha robh e air-son fhaicinn, dona gu ’n robh e, a dol a dhìth mu choinneamh a shùilean gun strì a dheanamh gus a shàbhaladh, spìon e an t-àite-suidhe as a bhàta, agus thilg e e mu thuairmse an àit’ an deach an caiptean fodha, ach air dha lamh a thoirt air a bhàta ghluasad, fhuair e am mach nach robh uiread na fearsaid aige leis an deanadh e sin, agus ged a leumadh e am mach air an t-snàmh bhiodh iad buailteach a bhi dhìth le chéile. Thainig Adam an uachdar agus rinn e greim bàis air a bhòrd, agus a faicinn an t-sealgair a feuchainn ris a’ bhàta tharruinn uige, le bhith na ’sheasamh ’sa leigeil a chudthrom o chois gu cois, agus uair ga ’sgoladh le ’lamhan, thuirt e ris: “Cha ruig thu leas. B’ fhearr leam gu mor bàthadh na bhi na d’ chomain-sa air-son mo bheath’ a rithist. Rachainn gu m’ bhàs gu toilichte, na ’n saoilinn gu ’n glacte thusa air son mo mhurt.”
“O, ceart gu leor, ma ta,” ars’ Eobhainn, agus e a nis air na ràimh fhaighinn á bàt’ Adam, “fàgaidh mise mar sin oidhche mhath agad,” agus e ma b’ fhior a falbh.
Ach chuimhnich Adam air a’ bhàs fhuar an grunnd an aigein, agus cho aognaidh ’sa bhiodh e tighinn aghaidh ri aghaidh ris an doimhne ghlais. Aig a cheart àm shaoil leis gu ’n robh e air a chuairteachadh agus gu ’n robh an cuan beò leis gach iasg is biasd bu choirbte ’san doimhne. Bha iad gu bhi aige. Le sgriach uamhasach leig e as a ghreim, agus a’ guidhe air an t-sealgair a shàbhaladh, chaidh e fodha.
(Ri leantuinn.)
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XVIII.
BHA cuimhne gle mhath aig an righ gu ’n dubhairt an t-ard-chomhairleach ris nach robh ann an luchairt Aladin ach obair draoidheachd, agus las e le corraich a bha anabarrach mor. “C’ait am bheil am mealltair aingidh ud,” ars’ esan, “a chum gu ’n toir mi an ceann dheth anns a’ mhionaid?”
“Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, “ghabh e a chead dhibh o chionn beagan laithean an uair a bha e ’dol do ’n bheinn sheilg. Bu choir fios a chur air a chum gu ’m faighteadh fios ciod a thachair do ’n luchairt, o ’n a tha fhios aige mar a tha cuisean.”
“Tha e tuilleadh is mor am fabhar sin a thoirt dha,” ars’ an righ. “Bi falbh agus ordaich do dheich air fhichead de ’n mharc-shluagh a dhol air a thoir, agus a thoirt an so ceangailte ann an slabhruidhean.”
Chaidh an t-ard-chomhairleach anns a’ mhionaid far an robh aon de cheannardan an airm, agus dh’ ordaich e dha falbh gun dail air thoir Aladin le deich air fhichead marcaiche. Agus dh’ iarr e air an aire thabhairt nach teicheadh Aladin.
Rinn an t-oifigeach so mar a dh’ aithn an t-ard-chomhairleach dha. Thachair Aladin ris aireamh mhath mhiltean o ’n bhaile, agus e ’tilleadh dhachaidh as a’ bheinn sheilg. Chaidh e direach far an robh e, agus thuirt e ris gu ’n robh an righ a’ gabhail a leithid de dh’ fhadachd nach robh e tilleadh ’s gu ’n do chuir e a’ chuideachd ’na choinneamh gus fhaicinn dhachaidh gu sabhailte. Cha robh fios sam bith aig Aladin air an aobhar air son an do chuir an righ na saighdearan ’na choinneamh, agus lean e air sealgaireachd fad an rathaid dhachaidh. An uair a bha e faisg’ air a’ bhaile, chuartaich na saighdearan e, agus labhair an t-oifigeach ris mar so: “A phrionns’ Aladin, tha mi fo mhor-dhoilghios gu ’n d’ ordaich an righ do chur an sas, agus do thoirt ’na lathair ceangailte mar chiontach. Tha mi ’guidh’ ort gu ’n toir thu mathanas dhuinn, agus nach bi thu diumbach dhinn a chionn gu ’m bheil sinn a’ cur ar dleasdanais ann an gniomh.”
Bha fhios aig Aladin nach robh cionta sam bith ri chur as a leith, agus bha ioghnadh gu leor air an uair a chual’ e na briathran a labhair an t-oifigeach. Dh’ fheoraich e dheth an robh fhios aige ciod a chionta ’bha ’n righ a cur as a leth? Agus thuirt an t-oifigeach ris nach robh.
An uair a chunnaic Aladin nach robh an aireamh a bha comhladh ris ach beag an coimeas ris na bha de shaighdearan ’g a chuartachadh, thainig e air lar, agus thuirt e ris an oifigeach: “Cuir an gniomh an t-ordugh a fhuair thu. Tha fhios agam nach d’ rinn mi dad cearr an aghaidh an righ no ’n aghaidh na rioghachd.”
Chuireadh slabhruidh mhor m’ a amhaich anns a’ mhionaid, agus cheangladh timchioll air i air dhoigh ’s nach b’ urrainn da a lamhan a ghluasad. An sin ghabh an t-oifigeach air aghart agus na saighdearan ’na dheidh. Bha greim aig fear dhiubh air an t-slabhruidh leis an robh Aladin ceangailte, agus thugadh mar so a steach do ’n bhail’ e.
An uair a rainig na saighdearan iomall a’ bhaile, agus a chunnaic an sluagh gu ’n robh Aladin ceangailte mar fhear droch-bheirt, cha robh teagamh aca nach robh a cheann gu bhith air a ghearradh dheth. Agus o ’n a bha meas mor aig an t-sluagh air, thug cuid dhiubh lamh air na claidhean agus air airm eile; agus an fheadhainn aig nach robh airm, chruinnich iad clachan, agus lean iad na saighdearan. B’ fheudar do ’n choignear a bh’ air deireadh dhiubh tionndadh gus an sluagh a chumail air falbh. Ach chruinnich aireamh cho mor dhiubh ’s gu ’n do smaoinich na saighdearan gur ann mar bu luaithe gheibheadh iad do ’n luchairt a b’ fhearr dhaibh, air eagal gu ’n tugteadh Aladin as an lamhan. A dh’ olc no dh’ eiginn gu ’n d’ fhuair iad, rainig iad an luchairt gu sabhailte leis. Cha bu luaithe chaidh iad a steach air a’ gheata na dhruideadh gu teann e.
Thugadh Aladin air beulaobh an righ. Cha bu luaithe chunnaic an righ e na dh’ ordaich e an ceann a chur dheth gun uiread is an cothrom bu lugha ’thoirt dha air e fhein a shaoradh o aon chionta a bha air a chur as a leith.
Thug am fear a bha ’dol ’g a chur gu bas dheth an t-slabhraidh leis an robh e air a cheangal, agus an uair a sgaoil e an craicionn air an robh fuil iomadh duine a chur e gu bas air an lar, thug e air Aladin a ghluinean a lubadh, agus cheangail e aodach m’ a shuilean. An sin thug e an claidheamh as an truaill, agus an uair a sheas e astar cuimseach air falbh, agus a chur e an claidheamh tri uair mu ’n cuairt os cionn a chinn, bha e ’feitheamh gus an tugadh an righ dha ordugh a’ bhuille bhualadh.
Anns a’ cheart am thug an t-ard-chomhairleach an aire gu ’n robh an sluagh an deigh an teich-
[Vol . 11. No. 25. p. 5]
eadh a chur air na saighdearan, agus gu ’n robh iad a’ bruchdadh a steach do ’n chuirt a bha mu ’n cuairt air an luchairt, agus a’ leagadh nam ballachan, agus thuirt e ris an righ: “Tha mi ’guidhe air bhur morachd an aire thabhairt ciod a tha sibh a’ dol a dheanamh, o ’n a tha ’n luchairt ann an cunnart o na tha de shluagh an lathair. Agus co aige tha fhios nach fhaod cron agus call mor tachairt?”
“Mo luchairt-sa ann an cunnart,” ars’ an righ: “co aige tha de dhanadas mo luchairt-sa ’chur ann an cunnart?”
“Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, “seallaibh air a’ chuirt, agus air ballachan na luchairt, agus tuigidh sibh gu ’m bheil mise ’g innseadh na firinn.”
Ghabh an righ eagal mor an uair a chunnaic e an aireamh mhor shluaigh a bha ’brùchdadh a steach do ’n chuirt, agus iad lan corruich. Anns a’ mhionaid thug e ordugh do ’n fhear a bha ’dol a chur Aladin gu bas an claidheamh a chur air ais do ’n truaill, agus Aladin fhuasgladh. Aig a’ cheart am dh’ innseadh do ’n t-sluagh gu ’n d’ thug an righ mathanas do Aladin, agus gu ’m faodadh iad tilleadh air falbh.
An sin thill iad air falbh agus iad gle thoilichte gu’n do shabhail iad beatha duine air an robh meas mor aca. An uair a chual’ an sluagh gu leir mar a thachair, thill iad dhachaidh gu siobhalta.
An uair a fhuair Aladin e fhein fuasgailte, thionndaidh e an rathad a bha ’n righ, agus thog e ’ghuth, agus thuirt e ann am briathran druighteach: “Tha mi ’guidhe air bhur morachd aon fhabhar eile ’chur ris na nochd sibh dhomh mar tha, agus is e sin, gu ’n innis sibh dhomh ciod e a’ chionta tha sibh a’ cur as mo leith?”
“Do chionta!” fhreagair an righ. “A mhealltair thruaillidh! Nach ’eil fhios agad air? Thig an so agus leigidh mise fhaicinn dhut e.”
Chaidh Aladin suas far an robh an righ. Thug an righ leis e gun fhacal a radh ris do ’n chlosaid. An uair a rainig iad dorus na closaid, thuirt an righ ris, “Gabh a steach; bu choir dhut fios a bhith agad c’aite an robh an luchairt. Seall mu ’n cuairt, agus innis dhomhsa ciod a dh’ eirich dhi.”
Sheall Aladin mu ’n cuairt; ach cha robh an luchairt ri ’faicinn. Agus o nach b’ urrainn e innseadh cia mar a chaidh i as an t-sealladh, ghabh e leithid de dh’ uamhas ’s nach robh e comasach air aon fhacal a radh.
Dh’ fhas an righ cho mi-fhoighidneach ’s gu ’n duirt e ris a rithist: “C’ait’ am bheil do luchairt? Agus ciod a dh’ eirich do mo nighinn-sa?”
An sin thuirt Aladin: “Mo thighearna, tha mi ’faicinn gu soilleir nach ’eil an luchairt far an do thog mi i, ach gu ’n deachaidh i as an t-sealladh. Agus cha mho na sin is urrainn mi innseadh do bhur morachd c’aite am bheil i. Ach faodaidh mi le firinn a radh nach ann agamsa ’bha ’choire gu ’n d’ thugadh air falbh i.”
“Tha mi suarach mu dheidhian do luchairt-sa,” ars an righ; “is i mo nighean fhin a’s luachmhoire leamsa na deich mile luchairt. Agus feumaidh tusa ’faotainn dhomh air neo bheir mi dhiot an ceann gun taing do na tha beo.”
“Tha mi ’guidhe air bhur morachd,” ars’ Aladin, “gu ’n toir sibh dhomh da fhichead latha de dh’ uine gus forofhais a dheanamh m’ a deidhinn, agus mur faigh mi fios m’ a deidhinn anns an uine sin, thig mi far am bheil sibh, agus leigidh mi leibh gu toileach mo bheatha ’thoirt air falbh.”
“Tha mi ’toirt dhut an da fhichead latha ’tha thu ’g iarraidh,” ars an righ; “ach na smaoinich mi-fheum a dheanamh dhe ’n fhabhar a tha mi ’toirt dhut. Gheibh mi greim ort ge b’ e air bith aite dhe ’n t-saoghal anns am bi thu.
Chaidh Aladin am mach a lathair an righ ann an suidheachadh anabarrach iriosal agus truagh. Choisich e troimh chuirt na luchairt agus a cheann crom. Bha ’inntinn cho mor troimh a cheile ’s nach b’ urrainn e a shuilean a thogail bhar an lair.
Bha na h-oifigich a bh’ anns a’ chuirt, agus a bha roimhe sid a’ cumail am mach gu ’n robh meas mor ac’ air, cho coma dheth ’s nach robh iad a’ leigeadh orra gu ’n robh iad ’g a fhaicinn. Thionndaidh iad air falbh air eagal gu ’n aithnicheadh e iad. Ged a bhiodh iad air bruidhinn ris a chum comhfhurtachd agus misneach a thoirt dha, is gann gu ’n aithnicheadh iad e. Cha robh e ’g a aithneachadh fhein. Bha e soilleir gu ’n robh e air a dhol car as a rian, oir bha e ’feorach dhe gach neach a thachradh ris, agus aig a h-uile taigh, am fac’ iad an luchairt aige, no, am b’ urrainn daibh fios sam bith a thoirt dha m’ a deidhinn.
Thug so air gach neach a chreidsinn gu ’n robh e air a dhol buileach glan as a chiall. Bha cuid a’ gaireachdaich ris, ach bha cuid eile aig an robh truas ris, gu h-araidh na daaine aig an robh eolas math air.
Fad thri latha bha e ’dol mu ’n cuairt air feadh a’ bhaile air an doigh so, agus gun fhios aige ciod a theireadh no dheanadh e. Cha d’ ith e greim fad na h-uine so ach na thug daoine aig an robh truas ris air a ghabhail.
Mu dheireadh, an uair nach b’ urrainn e fuireach na b’ fhaide anns a’ bhaile, far an robh e roimhe sid cho measail agus cho ainmeil, dh’ fhalbh e, agus thug e aghaidh air an duthaich. An deigh dha a dhol astar math air aghart troimh ’n duthaich rainig e bruaich aimhne feasgar anamoch. Bha e cho lan de dh’ eu-dochas ’s gu ’n dubhairt e ris fhein: “C’aite am faigh mi mo luchairt? Co ’n t-aite dhe ’n t-saoghal anns am faigh mi mo bhana-phrionnsa ghaoil, mar a tha ’n righ ag iarraidh orm? Cha ’n fhaigh mi gu brath i. Is fhearr dhomh crioch a chur air na tha de thrioblaid, de sgios, agus de dhoilghios a’ feitheamh orm.”
Bha e ’dol a leum do ’n amhain; ach mar dhuine a bha ’g aideachadh na diadhachd, smaoinich e gu ’m bu choir dha urnuigh a dheanamh an toiseach. Ach mu ’n deanadh e urnuigh, bha aige ri ’aodann agus a lamhan a nigheadh an toiseach. Chaidh e sios le bruaich na h-aimhne gus e fhein a nigheadh; ach bha ’bhruaich cho cas ’s gu ’n do shleamhnaich e sios, agus bha e air tuiteam anns an amhain mur b’ e gu ’n d’ rinn e greim air cloich a bha na stob am mach a bruaich na h-aimhne.
Gu fortanach bha am fainne a thug an draoidh dha air a mheoir. Anns an dol sios dha, shuath am fainne so cho teann ris a’ chloich ’s gu’n d’ thainig am fathach a thug as an taigh fo thalamh e far an robh e, agus thuirt e ris: “Ciod is aill leat mise dheanamh dhut? Tha mi deas gus umhlachd a thoirt dhutsa mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach nan uile aig am bheil am fainne sin air am meoir, araon mise agus seirbhisich eile ’n fhainne.”
(Ri leantuinn.)
Bha àite-suidhe an comhairle a bhaile air fhàgail falamh o chionn mios le fear dhiùsan áWard 5,Tearlach Richardson, a dh’ fhalbh as an t-siorrachd. Bha taghadh ann air an dara latha dhe’n mhios so; bha dithis a ruith, Calum H. Moireasdan is Domhnull Mac Cuithein. Fhuair am Moireasdanach a stigh le 139 bhòt a bharrachd air an fhear eile.
NA TUATHANAICH, MATH IS DONA.
Thug mi, an la roimhe, sgriob a mach air feadh na dùthcha; agus bho nach diùlt am peann dad a theid a chur m’ a choinneamh a sgriobhadh, smaointich mi gu ’n tugainn gearr iomradh air mo chuairt anns a MHAC-TALLA.
Ged nach eil barail na moch-eirigh aig m’athair orm, bha mi, co dhiu, an aon la ud, air mo chois ro ’n ghrein. A bharrachd air a bhuannachd a th’ anns an éirigh thrath dhaibhsan uile aig am beil toil an latha ’bhuileachadh ri obair fheumail air choireigin, tha e na shòlas mor do chridhe is do inntinn mhic an duine a bhi ’faicinn na gréin mhaidne ag eirigh gu soillseach, glòrmhoir, ag òradh nam beann ’s nan sliabh, ’s a’ tilgeadh a gathain dealrach, bòidheach, uidh ar n-uidh, thar gach coill’ is srath, ’s a cur fonn gu gluasad air gach creutair, ’s a beathachadh gach preas is bileag air an tilg i ’sùil. Tha ceilearadh nan eun anns an òg-mhaduinn na cheòl ro bhinn do ’n chluais; tha iomhaighean obair Nàduir, am bun as an cionn ’san uisge, ro thaitneach leis an t-sùil, agus có a bhiodh cho bheag faireachduinn ris nach còrdadh dreach is cùbhraidheachd nam flùr a tha, a nise, ’togail an cinn air gach taobh! Ach tha mi gus a bhi far mo chùrsa.
Is ann mu ’n fhicheadamh latha de ’n t-samhradh a thog mi orm gu ceann deas na sgireachd. Bha maduinn ghrianach, bhòidheach ann. Cha robh an t-side, uige so, cho blàth ’s bu mhath le daoine; ach bha i an bichiontas tioram, agus mar so bha h-uile cothrom aig na tuathanaich air an talamh a réiteachadh ’s a chur an deagh òrdugh air-son curachd. Choisich mi mu dhusan mile, agus ’s i deagh dhùthaich air-son tuathanaich a th’ anns an astar tromh ’n deachaidh mi. Theirinn gu’n robh fear as an fhichead diubh, an uair ud, gus a bhi deas de’n churachd; fear as an deich, mu leitheach ullamh; agus an còrr, gun phloc a thionndadh fhathasd, no, an car a b’ fhearr, an deigh beagan làithean a thoirt a’ tuainealaich air feadh am bailtean, tacan air gach obair, ’s gun aon obair sam bith deas. B’e sin an sgeig air an obair chliùitich tuathanaich a chantuinn ris an t-seòrsa mu dheireadh a dh’ ainmich mi. Agus, turas na dunach! ’s ann aig pàirt diubh so bha na bailtean a b’ fhearr talamh, ’s a b’ fhasa oibreachadh; ’s ann aca bha na fensachan bu mhiosa, cha’n ’eil mi ’n duil gu’n cumadh iad tilleadh air maigheach; ’s ann aca a chunnaic mi na saibhlean bu truaighe, agus gun teagamh, an crodh bu ghràinnde; agus airson mhucan fad-ghnosach, tha mi ’n duil gu ’n robh iad a cur strith ach co aig a bhiodh an àireamh bu mhotha dhiubh.
Is ann aig a chiad agus aig roinn mhath de ’n darna seòrs a dh’ ainmich mi a bha na h-achaidhean a b’ uaine, na fensachan a b’ fhearr, na geatachan bu shnasaile, na tighean bu ghile, agus na saibhlean bu dòigheile. Tha iad so, mar is trice, a’ deanamh an treabhaidh toiseach a’ gheamhraidh, daonnan faiceallach mu’n gnothuch fhein, ’s a’ deanamh gach obair na h-àm. Tha iad, mar so, a’ mealtuinn, an tomhas mor, saors’ is sonas air taille an iasguidheachd, an dichill, ’s an gliocais fhein.
Ma chi thu droighneach de gheata agus car an aghaidh cuir ann, aig taobh an rathaid mhoir, faodaidh tu thuigsinn bhuaithe sin de an seòrsa tuathanaich tha ’g obrachadh a bhaile. Gu de, an ainm an àigh, am math a bhi cur sìl ’san talamh mur bi na pàircean air an dion le deagh fhensachan. Is aithne dhomh feadhainn tha deanamh curachd coltach a h-uile bliadhna, ach le cion fensa ’s fhearr na eucorach de chu, a bhithear a stùigeadh am beathaichean dusan uair san latha,
[Vol . 11. No. 25. p. 6]
cha toir iad as an achadh uiread ’s a chuir iad ann!
Rud eile nach do chòrd rium mar tha na pàircean ionaltraidh air tighinn fo choill’ òig, ’an caochladh àiteachan. ’S e rud mi-chiatach a th’ ann, far an robh pàircean cruinneachd is coirce bho chionn leth-cheud bliadhna, an diugh fo choille dhluith, agus i sior thighinn na’s faisge air an cuid thaighean. Mar toir luchd nam bailtean so iad fhein fa-near, theid iad an ainbheach trom gun fhios daibh, agus caillidh iad an dachaidhean. Tha mi ’tuigsinn gu’m bi spreidh nam feadhnach so glé fhad air tálamh an fheòir toiseach is deireadh na bliadhna; gu’m bi iad roinn mhor de ’n t-samhradh gu goirteach a’ criomadh mu thaobh an rathaid-mhóir; agus glé thric a’ bristeadh a’ stigh am pàircean nan coimhearsnach, ’s air uairibh a’ deanamh aimhreit am measg dhaoine nach rachadh gu bràth far a cheile airson reusan sam bith eile.
Bu chòir do na tuathanaich a bhi ’dol cuideachd na ’s trice na tha iad a’ deanamh, ’s a bhi ’rannsachadh ’s a cnuasachadh mu gach dòigh a’s fhearr air iad fhein ’s an dùthaich a thoirt air adhart. Gabhadh iad, co dhiu, uiread thlachd ann a bhith seanachas mu thuanachas ’s a tha iad a’gabhail ann an innleachdan riaghlaidh(politics) ;ma ni iad sin, theid mis’ an urras nach bi dith no deireas orra, agus bithidh gach cùis mar a’s miann leis a’ CHUAIRTEAR.
Taobh na h-Aibhne 27, 5, 1903.
LITIR A LAG AN T-SLOCAIN.
A CHARAID GHASDA, —Mar is math tha fios agad is iomadh deagh bhàrd a thainig a nall as an t-seann dùthaich do dh’ America. Chunnaic mi òran no dha anns a’ MHAC-TALLA mu dheireadh a thainig am mach le bàird a bha fuireach ann an Ceap Breatunn. Is ciatach na h-òrain a tha sibh a’ cur na ’r paipear eireachdail gach uair a tha e tighinn am mach. Leis cho measail ’sa tha MAC-TALLA air na seann òrain tha mi cinnteach nach bi dad aige na m’ aghaidh-sa ma bheir mi iomradh goirid air Seumas Mac Iosaig, bàrd a thàinig am mach á Uidhist o chionn iomadh bliadhna air ais. Am measg gach òran a rinn Mac Iosaig cha robh aon aca cho measail aig gach neach a bhiodh ga ’n cluinntinn ri òran a rinn e a moladh na reiseimeide duibhe. Cha ’n ’eil fhios agam c’ar son nach ’eil cuideigin ga ’chur gu MAC-TALLA.
An uair a rinn Mac Iosaig an t-òran a dh’ ainmich mi, ’s iomadh fear is té a thoisich ri chàineadh air-son a shaoithreach. Cha robh iad a’ faicinn gu ’n robh feum sam bith anns na h-òrain, gu h-àraidh dha ’n òigridh, a bhiodh ga ’n gabhail aig luadh. Mu dheireadh thall is e thàinig as a chùis, gu ’n deachaidh dithis mhnathan far an robh an Dotair Mac Leòid, am ministeir glic, tuigseach a bh’ ann am Paraiste Mhira, agus thuirt iad ris gu ’m feumadh e stad a chur air a leithid a dh’ obair, agus gu ’m feumadh e a ghuth a thogail na aghaidh. Tha e air innseadh gu’n do chuir an Dotair Mac Leòid fios gu Seumas Mac Iosaig tighinn far an robh e, agus ’s ann mar a leanas a fhreagair e e an uair a chual’ e an t-òran: “Mhol thu na Gàidheil, a Sheumais, agus mhol thu gu math iad, agus thoill iad am moladh. Feumaidh sinn an t-òran a chlò-bhualadh.” Cha dàinig na mnathan far an robh an Dotair leis a’ ghearan cheudna tuilleadh. Is e òran math a bha ann. Co aig a b’ fhearr fios na an Dotair fhein?
Rinn Seumas Mac Iosaig dòrlach de dh’ òrain. Tha feadhainn dhiubh air chuimhne fhathast. Cuireadh cuideigin gun dàil gu MAC-TALLA iad agus nithear toileachadh gu leor riutha.
Mharbh an clamhan coileach bòidheach a bh’ aig Seumas, agus rinn e òran ga ’chaoidh. So agad ceathramh dheth:—
“An coileach beag ruadh ’bu bhuaidhche caismeachd,
A dh’ fhalbh ’sa mhaduinn an dé,
Bu tu mo chruit-chiùil ga m’ dhùsgadh ’sa mhaduinn
Le sùrd gu teannadh ri feum.
Cha smaointich sinn tràth air éiridh tuilleadh
Bho chaill a ribheid a gleus:—
B’ fhearr thu nawatcha chosgadh gini;
’S tu ’bhuaileadh a mhionaid le d’ sgéith.”
Togaidh aon rud da rud. O’n a thòisich mi ri sgrìobhadh na litir so smaointich mi air sgeul beag no dha a chuala mi mu ’n duine iomraiteach sin an Dotair Bàn, a bha anns an t-seann dùthaich.
O chionn iomadh bliadhna air ais, an uair nach robh na dotairean cho pailt ’sa tha iad an diugh, chruinnich sluagh mór aig bail’ àraidh far an robh féill air a cumail, mar a’s minic a bha, agus a tha fhathast, aig amannan sonraichte dhe ’n bhliadhna. Co dhiubh chaidh dithis dhaoine bhar a chéile, agus bha an t-sabaid air a bonn. Cha do lasaich iad gus an do chuir fear dhiubh an t-sùil as an fhear eile. Gu fortanach thachair do ’n Dotair Bhàn a bhi mu ’n cuairt. Bha treud chruidh air an fhéill, agus na ’m measg bha tarbh mor, briagha. Dh’ iarr an dotair air grunn de ghillean tapaidh breith air an tarbh. Chaidh e fhein còmhla riutha, agus an uair a rug iad air, thug an Dotair Bàn an t-sùil as gu h-ealamh, agus chuir e i an àite na sùil a thugadh as an duine, leis am faiceadh e cho math ’sa b’ abhaist dha.
Chaidh e uair eile a choimhead air duine aig an robh eucail na ’stamaig. Is e bh’ ann thug e an stamag as, agus chuir e stamag caorach ann. Ann an uine ghoirid bha an duine cho math ’sa bha e riamh. Ach gu dé thachair an ceann beagan tìde ach gu ’n robh uan aige! Am bheil dotair againn an diugh a dheanamh a leithid?
Ged a tha na dotairean an diugh cho pailt ris na seangain, is ann a dh’ innis urra gle chinnteach dhomhsa gur ann a’s miosa ’tha iad a’ dol a h-uile bliadhna. Tha iad cearta coma ma gheibh iad do chuid airgiod. Mar a thuirt a bhana-bhàird roimhe:—
“Ged dheanadh iad ar marbhadh
Le cungaidh nach do dhearbhadh,
Ma gheibh iad ar cuid airgid
Gu ’m falbh iad le sòlas.”
Is mi do bhana-charaid
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.
Bhuail da shoitheach-smùide na cheile faisg air an Fhraing Di-dòmhnaich s’a chaidh. Chaidh té dhiu a bhristeadh cho dona ’s gu’n deach i fodha ’n ceann cairteal na h-uarach. Thatar a’ deanamh mach gu robh mu cheud duine dhe na bha air bòrd a chall.
Bha stoirm sgriosail ann an Gansville, an Stàid Georgia air a cheud la dhe’n mhios so. Bha mu dha cheud tigh air a leagail, am measg chàch muileann-chotain anns an robh coig ceud ag obair. Bha còrr is ceud pearsa air am marbhadh. Bha aig an àm cheudna tuiltean mora ann am Missouri, ’s an Kansas, leis an deachaidh suas ri da cheud duine a bhàthadh, agus call mor a dheanamh le taighean is togalaichean a bhi air an sguabadh air falbh.
Chaidh Murchadh Mac Citheagain, á Hogamah, a mharbhadh ann am mèinn-chloiche Beinn a Mharmoir, Di-sathuirne, an treas la fichead dhe’n Mhàigh. Bha e air a leònadh le tuiteam cloiche cho dona ’s nach robh e beò ach ùine ghoirid an deigh do’n sgiorradh tachairt. Dh’ fhàg e bantrach is teaghlach lag. Bha e na dhuine dichiollach, onarach, air an robh mor mheas aig gach aon a chuir eòlas air. Tha co-fhaireachdain againn riuthasan a dh’ fhàg e na dheigh ’s a bhios iomadh latha a’ caoidh céile agus àthair gràdhach.
Earb a Dia ’s gu h-Ionraic Gluais.
Trom fo neul ged bhiodh do chridhe,
Cum, mo bhràth’r, do mhisneach suas;
Stiùraidh reul-an-iùil thu ’d shlighe—
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
Ged robh ’n rathad fada, cianail,
Is a chrìoch am falach uait,
Coisich e gu sunndach, ciallach;
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
Sios gach eucoir ’s obair fhealltach;
Sios na bheir do ’n t-solus fuath!
Co dhiubh ’s buidhinn duit no call duit,
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
Na cuir d’ earbs’ an ceannard pobuill,
Aidmheil creud, no comunn sluaigh,
Ach an smuain, an gniomh, ’s am facal,
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
Na cuir earbsa ann ad mhiannaibh,
Ri ’n guth binn na aom do chluais,
No droch nòs, ged chleachdteadh riamh e—
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
Riaghailt shoilleir, stiùireadh cinnteach,
Suaimhneas-inntinn, neart ’s gach uair;
Reul o ’n àird air slighe ’n t-simplidh—
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
Cuid bheir gaol duit, cuid bheir fuath dhuit,
’S cuid ni tionndadh uait gu fuar;
Tog do shùil gu buileach uapa—
Earb á Dia ’s gu h-ionraic gluais.
“ ’Us no Is, Co Aca a’s Fhearr?”
Anns an àireamh mu dheireadh de MHAC-TALLA bha litir a sgriobh Iain air chor-eiginn anns am bheil e ’deanamh oidhirp air a cheist ’fhuasgladh co dhiu ’s ’us no is a’s fhearr airson agus a ghiorrachadh. Tha e soilleir gu leoir nach ’eil moran maith ann an inbhe ard no iosal, mur bheil eolas pongail, ceart aig neach air a’ Ghramair Ghaelig. Faodaidh Iain còir a thoil fein a leantuinn gu crioch a chuairt an trath a bhitheas e ’sgriobhadh ’us no is. Anns an fhocal agus tha e co soilleir ri solus an latha nach ’eil an litir i idir a làthair. Am feadh, mata, ’tha agus air a ghiorrachadh a reir laghannan no abhaistean na Gaelig, gu ’us ’us ’s, carson ’tha ’n litir i ’tighinn a stigh, do bhrigh nach buin i do ’n fhocal agus idir? Tha, bha, ’s bithidh ’us ’us ’s ceart am feadh a tha agus air a ghiorrachadh, agus cha ’n ’eil gnothuch air bith aig an litir i ’bhi ’g a nochdadh fein. Is e Gniomhar noverbtha daonnan ann an is, ’us is ann air an doigh so a tha feum ri bhi air a dheanamh gach àm le sgoilearan Gaelig de ’n fhocal is. CONA.
Thatar a’ glacadh barrachd ghiomach air cladaichean Cheap Breatunn air an t-samhradh so ’s a bhatar a glacadh o chionn àireamh bhliadhnachan. Ma mhaireas an t-sìde ciùin ni na h-iasgairean na ’s fhearr na rinn iad o chionn fada.
Bha a’ Chùirt Mhor na ’suidhe ’sa bhaile air an t-seachduin s’a chaidh agus air an t seachduin so. Bha tri fichead is deich càs ri fheuchainn, an àireamh bu mhò a bha riamh fa chomhair na cùirte aig aon àm ’san t-siorrachd so. Bha àireamh nach bu bheag dhiu sin air an réiteach gun a dhol gu cùirt idir.
Tha baile Shidni a’ fás mor ann an cosdus mar ann am meud. An uiridh b’e $51 ,600 an t-suim a chosdadh a’ cumail air adhart nan oibrichean; am bliadhna, gabhaidh e corr is $81 ,100. A reir an àireamh sluaigh a th’ ann tha am baile toirt a mach moran fearainn, agus mar sin tha na sràidean, an obair-uisge ’s nithean eile anabarrach cosdail, moran na’s cosdaile na tha iad ann am bailtean eile ’sam bheil a cheart uiread sluaigh. Bidh na cìsean am bliadhna beagan na’s àirde na bha iad an uiridh.
[Vol . 11. No. 25. p. 7]
Cumha do Shir Eachunn Domhnullach.
LE NIALL MAC GILLEAIN, BARD CEILIDH NAN GAIDHEAL.
Tha mi fo mhulad ’san àm,
Mu Mhac Dhomhnuill nan lann,
Dh’ fhag sud mi gun sannt sùgraidh,
Bàs Sir Eachainn ’san Fhraing,
An curaidh gun mheang,
’Bhi air uilinn gun chainnt ’s nach dùisg e;
Sud an sgeul a bha cruaidh
’Thainig oirnn thar a’ chuain,
Mar ghaillinn gaoth tuath ’rùisg sinn,
Gu robh ceannard nam feachd
’S e na shìneadh gun phlosg;
’S iomadh cridhe bha goirt, brùite.
Chaill Albainn an triath
’Bha gun eagal, gun fhiamh
Roimh pheileirean dian siubhleach,
’S iomadh cath agus blàr
’San d’ thug e buaidh air an nàmh,
’S thog sin e gu àirde chliùteach;
Cha do rugadh am bàrd
A chuireadh an dàn
A ghaisge is ’àrd-euchdan,
Anns an t-Soudan le ’neart
Thug e an t-Arab fo smachd,
’S fhuair e saors’ agus ceart do ’n Eiphit.
Gaidheal smachdail nam buadh,
Gaidheal sgairteil gun uaill,
’Choisinn urram ’bhios buan da dhùthaich,
’S ann a bhuineadh an treun
Do Chloinn Domhnuill nam beum,
’S o Ghleann-a- garaidh bha gheug ùrail;
B’ e do shuaicheantas dearbht’,
Long is leoghan ’s làmh-dhearg,
’S mairg a thigeadh le feirg dluth ort,
Bhiodh bradan tarr-gheal is craobh,
’S badan curaidh de ’n fhraoch
Ann am bratach an laoich chuirteil.
’S e thu bhi sìnte fo ’n phloc
Dh’ fhag gun éibhneas mi ’nochd,
’S iomadh aon tha fo sprochd na d’ dhuthaich;
’S e thusa ’bhi balbh
Ann an cunntas nam marbh
’Dh’ fhag iomadh fear calma tursach;
Tha na mìltean de ’n t-sluagh
’Dol a choimhead air d’ uaigh,
’S a sgapadh m’a bruaich fluran.
’S ged a thogamaid càrn
Aig do cheann a bhiodh ard,
Cha leigheas sud ach gu brath ar diubhail.
B’ e so an t-earrach gun bhuaidh
A leig ugainn am fuachd
’S a dh’ fhag sinn gu truagh ciùrrte,
Thuit an darag a b’ aird
Agus sgapadh a blath,
’S co ’sheasas ait an diulnaich.
Fhad ’sa dh’ éireas a’ ghrian,
’S gus an tiormaich ’n cuan siar,
’S gus an dean gach reult anns an iarmailt tùirlinn,
Fhad ’s bhios duilleag air crann,
No sruth ann an allt,
Bidh caoidh ort aig clann do dhuthcha.
FHIR-DEASACHAIDH UASAIL, —Nam biodh e freagarrach dhuibh an cumha brònach so a chur anns a MHAC-TALLA, ma bhios cothrom agaibh air anns a cheud àireamh, chuireadh sibh comain air moran dhe na Gaidheil ’sa h-uile cearn anns a bheil ’ur deagh phaipear a’ dol, agus cha ’n e sin am beag, agus comain gu sonraichte air ’ur deagh sheana charaid a tha ga ’chur do ’r n-ionnsuidh. Ged a bha mi o chionn uine mhor gun sibh a chluinntinn uam, cha b’ e an diochuimhn a bha tighinn orm idir, ach is iomadh ni a bhios a’ tighinn anns a rathad anns a chrannchar. “Tha ’smudan fein a ceann gach fòid.”
Is mi mar bu nòs ’ur caraid dìleas, an là a chi ’s nach fhaic.
SEUMAS A. MAC GILLEMHAOIL.
Eileinean Coille, E.P. I.
Tha e ’cur iaruinn na theallach fhéin.
ORAN A’ MHATHAIN.
LE AILEIN DOMHNULLACH, S. W. MARGAREE.
FONN.
O, gur fann tha mo cheum,
Leis cho gann ’s tha ’n spréidh;
Ma ni mi gluasad na ’n còir,
Bidh an tòir as mo dhéigh.
Fhuair mi sanas ’san uair,
Gu ’n robh ’n Dughlach mu ’n cuairt,
Leis a ghunna ghuineach, ùr,
’Togail smùid feadh nam bruach.
’S ged a thà mi gle aosd’,
’S mi air bànadh mu ’n ghnùis,
Na ’m faighinn caora fo ’m spòig,
Dh’ fhagainn brònach an rùt’.
Gu bheil an Dughlach lan foill,
Bidh e daonnan ’sa choill;
Thuit mo bhrathair fo laimh,—
’S ùr a bhas ann am chuimhn’.
Saoil ma theid mi an drasd’
Feadh nan clìraidhean ard’,
Am faigh mi caora no uan?—
O! gur truagh tha mo chàs.
Tha mi fo churam ’san am,
’S mi air chulaobh nam beann,
Gu ’n tig namhaid mu ’n cuairt
’Chuireas luaidhe na m’ cheann.
Is ma theid mi gu srath
Ni na béisdean mo bhrath,
Bidh gach sealgair na ’m dhéigh,
’S bheir iad eirig a mach.
Far am b’ abhaist domh triall
Feadh nam paircean so shios,
’S fheudar fuireach as an drasd’
Neo tha ’m bas ann am bhial.
Cha ’n ’e innleachdan bais
Air an cuimhnicheadh namh,
Nach do chleachdadh ’san tìr
Gus mi fhìn chuir an sàs.
Chuireadh easgannan ròst’,
Agus caoban de dh’ fheòil
Ann an ribeachan ard’,
Gus mo thaladh na ’n còir.
Ann an toiseach mo chuimhn’,
Mu ’n do dh’ fhag sinn na tuill,
Bhiodh mo mhathair ag inns’
Mu na nithean ud dhuinn.
Ged tha ’n riaghladh le bòsd,
A’ cur duais air mo spòig,
Gheibh sinn cinntinn gun taing
Feadh gach glinn agus fròig.
BAS.
Gu h-obann, aig a Ghut-a’ -Tuath, St. Ann’s, Cairistìne Nic Leoid, bean ghràdhach Aonghais Mhic Amhlaidh, aig aois tri fichead bliadhna ’sa tri deug. Bu nighean i do Thormad Mac Leoid nach maireann aig Allt-nam-Peters. Bha i fo dheagh chliù aig coimhearsnaich ’s aig luchd-eolais fad is farsainn. Bha ’dachaidh a ghnàth fosgailte do ’n choigreach agus a làmh do ’n fheumach. Ghluais i gu h-ionraic uile làithean a beatha, agus chriochnach i a turus ga ’h-earbsa féin ri trocair Dhé ann an Iosa Crìosd. Dh’ fhàg i gu bronach na ’déigh companach aosda, dithis mhac agus cóignear nighean.
Tha ’chridhe mireadh ris.
Tha fear eile ’s a’ chogar sin.
Tha feum aig a shròin air fuarachadh.
Tha fhios aig a chlamhan car son a ni e fead.
Tha fios aig a h-uile fear c’àit am bheil a bhròg fhèin ’ga chiùrradh.
Tha gu leòr do dhuine dona a dhìchioll.
Tha h-uile fear na cheard aig a cheaird fhéin.
Tha iasg cho math anns an fhairge ’s a thàinig riamh aisde.
Tha ’n gunna cosmhail ris an urchair.
Tha modh an rathaid mhòir aig gach duine.
Tha ’n ciall a muigh ’n uair tha ’n deoch a staigh.
Tha slat ’s a’ choill’ cho dìreach ’s a thàinig aiste.
Tha uair aig an achmhasan is àm aig à’ chéilidh.
Théid feòil ri fine.
Is beag orm fear-fuadain ’s e luath a’ labhairt.
Ami Mhoraidh.
Tha a bhan-òranaiche so a choisinn Duais air-son seinn aig a’ Mhòd Ghàidhealach ri cuairt a chur air na Roinnean Iochdrach am miosan Màigh is Iun. Tha i toileach còrdadh a dheanamh air-sonconcertsa chumail an caochladh àiteachan, agus gheibhear gach fiosrachadh a thaobh nan amannan ’s nan cumhachan le sgriobhadh uice mar a leanas:—
MISS AMY MURRAY,
20 West 28th Street,
New York, N. Y.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
Oifis—An togalach Mhac-Talla, far an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh—AirUnion St. ,san tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364. SIDNI, C.B.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 10mh latha de Nobhember, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.25 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
[Vol . 11. No. 25. p. 8]
Bas an t-Seanalair Dhomhnullaich
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Fhuair sinn sgeula deurach, trom,
’Mhùch gach cre ’s cha ’n éirich fonn:
Ghlac an t-eug barr-dheis nan sonn,
A dhùisgeadh fonn is caithream dhuinn.
Na ’m biodh do bhàs an àr nan rang,
’N àit bhi ’n seòmar àrd ’san Fhraing,
B’ e sud àit an t-sàir neo-fhann
A ghleidh gach àm ’san arabhaig.
Curaidh treun nan ceudan buaidh,
Eachunn Domhnullach o ’n tuath!
’S tric a leugh sinn le mor uaill
Mar fhuair e suas gu h-ealanta.
Bha na Gaidheil ort an déigh,
’S nach robh coimpeir dhut fo ’n ghréin;
Chaill an crùn na d’ bhàs-sa leug
A bha gu ceutach, lainnireach.
’Mach o ’n bhothan bheag ’san fhraoch,
’Suas measg thighearnan is dhiùc!
Dhùisg sud farmad agus gnù
Am measg nan daoi nach d’ aithnich thu.
Thog iad tuaileas ort is sgleò,
Is tu na d’ airc le slàinte bhreòit’,
Bhrist sud spiorad treun an t-seòid,—
’S cha mhùchadh pòr nan canan e.
Cha las a shùil a chaoidh là bhràth,
’Nuair a shéideas tromb nam blàr;
’S cha ’n ’eil aon a lionas àit’
Ri uchd na nàmh is aithne dhuinn.
Thig an là, a ghaisgich threin,
A dh’ fhuadaichear na neoil o d’ ghrein;
’S ann mar bha le cinnt do réis
A ni na ceudan aithris ort.
AN TUIL.
LEIS AN URR. DONNACHADH MAC-GILLEAIN.
Tha ghrian anns na h-àrdaibh ag éirigh gun ghruaim,
’S an saoghal bu shàmhach a’ dùsgadh a ’shuain;
Tha ceòlraidh na coille a’ gleus’ an cruit-chiùil,
’Cur fàilt’ air a’ mhadainn le aighear ’s le sunnd.
Tha maise a’ chéitein air réidhlean nam beann,
Air coille nam badan, ’s air lagan nan gleann;
Sgaoil samhradh na maise a bhrat air gach taobh,
’S air aghaidh a’ chruinne tha gean agus aoidh.
Tha choille a’ lùbadh fo dhrùchd a’ mhios Mhàigh,
Barr-guc air gach fiùran, ’s gur cùbhraidh am fàil’;
’S am barra nan ògan tha còisridh nam fonn,
Le ’n ribheidean ceòlmhor ’s le ’n òrain nach trom.
Tha canach air mointich, tha neoinean air blàr,
Tha fiùrain is ògain gu nòsar a’ fàs;
Tha fochann air comhnard ’tha lòdail gun dìth,
Le ’phailteas ’cur solais is dochais ’s a’ chrìdh’.
Tha ’n ceannaich’ r’ a cheannachd, tha ’n treabhaich’ ri stà,
Tha ùpraid is iomairt gun tilleadh ’s gach àit’;
Tha ’m buachaill’ gu h-aotrom ri aodann nan càrn,
Ag iomain nan caorach, ’chruidh-laoigh, is an àil.
A mach feadh nam bruachag is cluaintean an fheoir,
A’ mireadh ’s a’ ruagadh, gun ghruaman na ’n coir,
Tha ’n comunn is beadraich’, clann bheaga mo ghaoil,
Gun chùram ’s gun eagal, ri cleasachd neo-chlaoin.
Tha clanna an aighir an talla a’ cheoil,
Gun chùram, gun eagal, ri beadradh mu ’n bhord;
Tha ’chuirm air a sgaoileadh, is aoibh air gach gnuis,
’S chaidh curam an t-saoghail a thaobh is air chul.
Tha ’phìob is an fhidheal gu fileant’ ri ceol,
Tha ’n t-organ ’s a’ chlàrsach gu làbhar na ’n coir,
Tha ’n t-oran ’s an dàn ann tha abhachd is mùirn,
Tha ’n cupa fo stràc ann, feala-dhà agus sunnd.
Tha ’n t-oganach rìomhach, ’s an rìbhinn deas, ùr,
Le ’n càirdean ’s le ’n dìlsean gu dìleas r’ an cùl,
A’ nasgadh am posaidh le deoin an luchd-gaoil;
Tha aighear is sògh ann, tha sòlas is aoidh.
Ach dhorchaich an latha, tha ’n t-athar fo ghruaim,
Tha cuantan a’ beucaich, ’s gur déist’neach am fuaim;
Tha ’n talamh a’ clisgeadh, ’s a’ briosgadh gu ’bhonn,
Bhrùchd an cuan thar a’ chladaich le sadraich a thonn.
Chaidh sgaoileadh gu h-obunn ’s a’ chomunn bha baoth;
O’s ìosal an cridhe ’bha mireag ri ’n taobh!
Ri mionaid na h-uaire ghlac uamhunn is fiamh
An saoghal, mo thruaigh! a dh’ fhas suarach mu Dhia.
Tha ’n t-uisge a braonadh ’s a taomadh gun tamh,
Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, le gaoir air gach laimh,
Tha caoidh’rean ’tha craiteach ’s gach ait a dol suas,
Tha ’n saoghal ga ’bhathadh, tha ’m Bàs a toirt buaidh’.
Tha ’n dìle a’ sgaoileadh, a’ sgaoileadh gu bras,
Thar broilleach gach aonaich is faoin-bheanna cas;
Thar fireach gach monaidh is slinnean nam beann,
Tha ’m bùrlam a’ dòrtadh, a’ dòrtadh na dheann.
Tha h-eoin bheaga bhòidheach, bu cheòlmhor ’sa choill,
Gun iomradh air oran, fo dhòltrum is oillt;
Tha ’n spionnadh ga ’m fagail, cha dàn daibh bhith buan,
Tha ’n nid bheag ’s an àlach a’ snamh air a’ chuan.
Tha ’n leoghann ’bu laomsgaire ’s faol-chu nan càrn,
Tha sionnach an t-saobhaidh, is maoisleach a chàth’r,
Tha damh a’ chinn chabraich is earbag nan tom,
An comunn a chéile ’dol eug feadh nan tonn.
Tha ’n treun a bha gaisgeil, tha ’n lag a bha caoin,
Tha ’n t-òg a bha sgairteil, an glacaibh an aoig;
Tha ’mhathair ’s am macan a’ greasad gu teann,
A’ streapadh ’s a’ dìreadh gu cìrein nam beann.
B’i iomairt a’ chruadail gun bhuaidh leatha bh’ ann;
Tha ’n uisge a’ bualadh ri cruachan nam beann;
Tha ’n tuil air iom-sgaoileadh air raon agus blàr,
Thar airde gach monaidh tha ’tonnan ’toirt bàrr.
Tha ’n cath air dol seachad, an cath ud bu chruaidh,
Is shìolaidh an éubhach bu déist’neach car uair;
An tuil bhuail a basan le aiteas is fonn,
Ag éubhach buaidh-chaithrim, ’s an talamh fo ’bonn.
Faic toradh a’ pheacaidh, ’s a bhreitheanais chruaidh;
Faic caoibhneas is càirdeas an Ard-Rìgh d’ a shluagh;
An ciontach tha bàite ’rinn tàir air a’ chòir
Am fìrean tha sàbhailt ’thug gràdh dhi le deòin.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH’
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 25 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 25. %p |
parent text | Volume 11 |