[201]

[Vol . 11. No. 26. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 26, 1903. No. 26.


COLLA CIOTACH MAC GHILLEASBUIG. *

LEIS AN OLLA MAC FHIONGHAIN AN DUNEIDEANN.

CHA mhòr ainmean a bu shiùbhlaiche am beul an t-sluaigh anns na h-Eileana Deasach o chionn dlùth air tri cheud bliadhna na ainm an diùlnaich so, ged nach bann do na h-Eileanan no eadhon do dhAlbainn a bhuineadh e gu dligheach. Agus anns na h-òrain-luadhaidh a chluinnear cho caithreamach ann an cuid de na h-Eileana Tuathach fhathast gheibhear gu tricCom na céille, MacIc Ailein,” “Leathanaich ruadh nan -sgeul,” “Apuinn Mhic Iain Stiubhart,” “Ailean na Sop,” isColla Ciotach mac Ghilleasbuigtaobh ri taobh. Chunnacas Colla ra linn an iomadh àite; agus besan aon den fheadhainn a chluinnteadh far nach fhaicteadh iad. Is éigin nach robhainm neo-chumanta an Lunnainn, air neo cha sgriobhadh Milton mar a rinn e. Chuir am Bard so a mach leabhar dan dthug e mar ainmTetrachordon .Fhuaras coire don tiodal. Bha am facal cruaidh don teangaidh is searbh don chluais. Fhreagair Milton:

.. .Why is it harder, Sirs, than Gordon,
Colkitto, or Macdonnel, or Galasp?
Those rugged names to our like mouths grow sleek
That would have made Quintilian stare and gasp.

Tha an so againn ainm Cholla, ainm athar, a shloinneadh is fhar-ainm ann an aon sreath. Cha burrainn gun robh na h-ainmean annasach ann an Lunnainnnuair a sgrìobh am Bard. Their cuid gun dfhuair Colla am far-ainmciotacha chionn gun robh e cho deas leis an laimh chlì, achiotag no achearrag, ’s a bha e leis an laimh dheis, gun robh e ciotach coingeis, mar theirear; ach is dòcha gun robh am facal air a ghnàthachadh mar tha e a nis, agus gun dfhuair Colla an t-ainm mar gheibh aon dhinn fhein leis an deise achiotag na an deasag. Cha do lean am far-ainm ra chloinn, co-dhiùs aGhaidhlig agus anns na crìochan far am beòlaiche Colla. Cha chluinnear an Colasa ach Alastair Mac Colla, Aonghus Mac Colla. Anns aBheurla chithear ainm Alastair Mhic Cholla Chiotaich fo iomadh cruth: Colkitto , Colonel Kitto, Young Colkitto, MacColl MacKittish;achs e Burton a chuir an dreach as neònaiche gu léir air—Macdonald of Colkitto,mar gum bu leòb fearainn Colla.

Thug Domhnall nan Eileanan, Domhnall Ghaireach, mar their sinn gu bitheanta, stròic mhòr de dhIles de Chinntìre da bhràthair, Iain Mòr, an Tainistear. Phòs Iain Mòr ban-oighre nan Gleann an Eirinn, agus on àm sin theirteadh ri oighre Iain Mhòir, an Eachdraidh na h-Alba, Mac Dhomhnaill Dhun-naomhaigs nan Gleann. ’Nuair a thilgeadh Tighearna nan Eileanan, thainig riaghladh an t-seann teaghlaich ainmeil gu crìch, agus thuit oighreachdan farsuing nan Domhnallach fon chrùn. Fhuair na Cinn-chinnidhs na h-uachdarain, air achuid a bu mhotha, am fearainn air an ais le còir on righ an aite na còrach a bha aca roimhe sin on Domhnallach. Ach cha dfhuair oighre Iain mhòir còir sgrìobhta on Chrùn gu ceann iomadh latha. Lean an teaghlach ris na fearainn, co-dhiù ris amhor-chuid diubh, ach cha robh iad achnan tuathanaich fon chrùn. Coltach ri cinn-chinnidh eile na Gaidhealtachd bha sliochd Iain mhoirn an daoine foghainteach; ach chan urrainnear a ràdh gun robh iad daonnan ro ghlic. Is ainneamh a chithear sealladh as muladaiche an Eachddraidh na chithears na h-Eileana Gaidhealach an déigh riaghladh nan Domhnallach. Leathanaich is Domhnallaich mu dheas; Domhnallach is Mac Leoid, Mac Leoid is Mac Coinnich mu thuath, an sgòrnain a chéile. Bha gun teagamh Caimbeulach air cnoc an so, Gordanach air cnoc an sid, ’g an stuigeadhna chéile gu dian. Ach saoilidh mi gur suarach an dearbhadh air toinnisg Ceann-cinnidh e bhi ro dheas gu freagairt fead ciobair, seòlta gam bi e.

Fhuair ClannIlleathain còir an Ile, ’s cha bu luaithe fhuair na bha iad fhéins na Domhnallaich am mullach am meall. Bha achrìoch eadar an oighreachd aig Port-ascaig an Caol Ile, ach bu leis Port-ascaig? Is gann nach do chuir an da fhine as da chéile air Traigh-ghruinearts abhliadhna 1598, asocrachadh na cùise so, Sir Seumas Domhnallach air ceann an dara feachd, Lachann Mòr Dhubhaird, bràthair a mhàthar, air ceann an fheachd eile. Thuit Lachann Mòr, is leònadh Sir Seumas. Rinneadh casgradh mòr air an da thaobh, gu sonraichte air CloinnIlleathain. Bu duine taitneach Sir Seumas air doigh no dha. Bha modh is ionnsachadh aige nach robh ro chumanta ra linn. Ach bha camadhna chrannchur. Cha robh ach droch cordadh eadar e fein is athair, duine dùr a bha duilich a bhi réidh ris. Bha tuasaid an Cinntìre, ’s chasaideadh air Seumas gun do chuir e teine ri tigh-mòr Ascamuil ged bha fhios aige gun robh athairs amhàthair a stigh. Rinneadh greim airs bha e nis fo ghlais an Duneideann.

Bha Iles Cinntìre gu mòr troimh chéile. Bha na Domhnallaich air an uideal, ’s bha sùil chlaon aig Mac Cailein air fearann nan Domhnallach. Fhuair e cheana leòb nach bu bheag dheth; ach chan fhòghnadh sin. Bha ainm is cliù nan Domhnallach mòr air Tir-mòrs anns na h-Eileanan, ’nuair nach robh na Caimbeulaich achn an uachdarain ri taobh Loch-odha. Fhuair Mac Cailein a nis còir air Cinntìre air son a dhraghas a dhùrachd acur as do Chloinn Ghriogair. Ach beIle ghlas an fheoirseann dachaidh nan Domhnallach. Bha an t-eilean farsuing, torach; ach cha be sin gu léir a luach an sùilean Mhic Cailein. Biodh na Domhnallaich as, agus biodh Caimbeulach ann; ’s an sin bhiodh fiughair ann an ùine ghoirid gum biodh cliù is iomradh an t-seann teaghlaich ghreadhnaich air -chuimhne, ’s nach biodh ainm urramach an Earraghàidheal ach an Righs Mac Cailein.

Bha cairdean Mhic Dhomhnaill an Eirinn ag iarraidh Ile cho maith ris na Caimbeulaich. Ràinig aon diubh so Righ Seumas an Duneideann, ’s chuir e tairgse stigh air son an eilean. Rinneadh moran den Eirionnachs achùirt; rinn an righ ridire de Sheumas mac Shomhairle, ach cha dthug e dha Ile. Beagan bhliadhnachanna dhéigh so, thug Raghnall Mac Shomhairle, bràthair Sheumais, tairgse air oighreachd mac bhràthar athar, agus fhuair esan aonta air Ile. Ach cha do thaitinn riaghladh an Eirionnaich ris na h-Ilich. Chuir iad gearan do Dhuneideann gun robh an t-uachdaran ùrg an sàrachadh le màls le mòd, le càin is cìs, ’s le riaghailtean na h-Eireann, ’nuair a be an còir-san a bhi fo laghanna na h-Alba. Fhuair an gearan éisdeachd.

Is ann an cois Raghnaill Mhic Shomhairle a tha eachdraidh earbsach Cholla Chiotaich anns na h-eileanan atòiseachadh. Bha Colla an dlùth dhaimh do Raghnall Mac Shomhairles do Shir Seumas Domhnallach. Bu thriùir bhràithrean Seumas Dhun-naomhaigs nan Gleann, Colla nan Capull, agus Somhairle Buidhe. Be Sir Seumas Domhnallach oghas oighre Sheumais Dhun-naomhaig; be Colla Ciotach ogha Cholla nan Capull; agus be Raghnall mac Shomhairle Bhuidhe. Tha an t-Urramach Deorsa Hilln a leabhar luachmhor air Clann Domhnaill Antruim ag innseadh dhuinn gun robh mhac aig Colla nan Capull, Gilleasbuig agus Raghnall; gun do chaochail Gilleasbuig goirid an déigh dha pòsadh agus nach dfhag e duine cloinne ach Colla Ciotach; gun dthainig Raghnall Mac Colla do Cholasa mar uachdaran, gun do thogadh Colla Ciotach mac a bhràthar leis anns an eilean; agus gur ann mar sin a fhuair Colla Ciotach còir air Colasa. Faodaidh roinn den fhìrinn a bhis an t-seanachas so. Ach chaneil an roinn mòr. Bha Colasa aig Domhnallach nan Eileanan on chrùn fon aon chòirs a bha na h-Eileanan eile aige. Ach be teaghlach de Chloinn Dhuibh-Shìth, no Clann-a- Phì mar their sinn a nis, a dhoighrich an t-eilean fo na Domhnallaich. Be Mac-a- Phì Cholasa Cléireach Comhairle, no Parlamaid, Ile. Chaneil dearbhadh gun robh sgriobhadh aig Mac-a- Phì air Colasa o na Domhnallaich. ’Nuair a thuit Domhnallach nan Eileanan thainig Colasa, mar a thainig Ile, air ais fon Chrùn, ’s thainig Mac-a- Phì Cholasa mar a thainig Domhnallach Dhun-naomhaig gu bhina thuathanach fon Righ. Thug Ban-righinn Mairi gun teagamh fearann teaghlach Dhun-naomhaig an Cinntires an Ile agus bailtean an Colasa do Sheumas Dhun-naomhaig, agus dhfhaodadh esan, no oighre, am fearann sin a thoirt o Mhac-a- Phì nan togradh e, ’s a thoirt do aon sam bith a thoilicheadh e. Ach chaneil dearbhadh gun dthug, ach an t-atharrach. Fhuair an Domhnallach am fearanns abhliadhna 1545. Ach tha sgriobhadh air gun


* Leughadh am paipeir so do Chomunn na Gàidhlig an Lunnainn air an aona-la-fichead den Chétein, 1903.



[202]

[Vol . 11. No. 26. p. 2]

robh Mac-a- Phì an seilbhs na bliadhnachan 1549, 1609, 1615. Ma bha Raghnall Mac Colla ariaghladh an Colasa, ’s ann leis an laimh laidir, ’s chan ann le còir, cho fhads as léir dhuinn, a bha e ariaghladh.

Bha Colla pòsda, a réir coslais, da uair. Tha Mr Hill ag ràdh, air ùghdarras leabhar-làimh, gum be ainm a mhnatha Nic-a- Chathanaich no Nic-Neill. Tha naigheachd eile aig Mac-Mhuirich, seanachaidh Mhic-ic-Ailein. So a chainnt-san, air a h-atharrachadh gu Gàidhlig an diugh: “Bu duine maith Raghnall Mac Ailein a réir na h-aimsire dan robh e, duine fial, farsuing, cruadalach, carthanach. Bi a cheud bhean nighean Raghnaill Mhic Sheumais, Tainisde an Oirear a deas. Rug i mac maith dha, Aonghus Mor mac Raghnaill. Chuir e uaithe i, agus phòs ina dhéigh sin Colla Mac Ghilleasbuig. Agus is i bu mhàthair do chloinn Cholla, —Gilleasbuig agus Raghnall [Aonghus] agus Alastair, agus clann mhaith nighean a bha pòsda ri daoine uaisle maithe.” Ma be an Raghnall Mac Sheumais so, Raghnall Mac Sheumais Dhun-naomhaigs nan Gleann, biad Collas a bhean oghachan an da bhràthar. Chaneil cunntas gun robh mac aig Colla dam bainm Raghnall, ach bha gun teagamh mac aige air an robh Aonghus. Chaneil fios cinnteach againn cuin a phòs Colla, no mu aois achuid cloinne. Rugadh Colla e féin mun bhliadhna 1570, agus bha Gilleasbuig, am mac bu shine, aig aois duines abhliadhna 1623. Rugadh Alastair an Colasa, ann an Sabhall bàn Chill-Oran. Their na Colasaich gun do leum na claidheamhnan as an truaills gun do loisg na gunnachan leo fhéin an oidhche rugadh Alastair. Bha fiosachd aig a bhan-altruim, tha Mr Kirke adeanamh iomradh oirrena leabhar mu na Sìthichean, agus dhinnis ise gum fàsadh an leanamh gu bhin a ghaisgeach treun iomraiteach, agus gum biodh abhuaidh leis gus an latha a shàthadh e a bhratach ann an Gocam-.

(Ri leantuinn.)


Crioch BliadhnEile.

Tha MAC-TALLA leis an àireamh so acur crioch air an aona bliadhndeug. Tha sinn an so atoirt taing dhaibhsan a nochd iad fein a bhi nan càirdean dha, a chuidich leislen cinn, lem pinn, ’s len sporain.” Tha àireamh mhath de luchd-gabhail aig aphaipeir a fhuair a cheud àireamh dheth, agus a thacur romhpa nach sguir iad dheghabhail gus an teirig aon chuid iadsan no esanagus tha sinn an dòchas gu bheil an latha sin fad as. Ged nach fhaodar àicheadh gu bheil moran de na Gàidheil gun bhi cho dìleas do chainnt an duthchas bu chòir dhaibh a bhith, tha moran eile dhiu anns am bheil tomhas math de spiorad nan seann laoch on dthàinig iad, a tha deònach cliu an duthchas cainnt an sinnsir a chumail suas. Is ann dhiu sin iadsan a rinn e comasach don MHAC-TALLA tighnn troimh na bliadhnachan so, agus a bhi aig an àm so nas fhearr an dreachs am bodhaig na bha e riamh roimhe. Ma rinn sinn dearmad air ar taingealachd a chur an géill dhaibh, creideadh iad nach bann a chionn nach robh an taingealachd sin annainn. Is iomadh ni math a bhios anns a chridhe nach ruig bàrr na teanga, no idir gob a phinn. Tha dòchas againn gum bi àireamh na feadhnach a tha faicinn mar dhleasanas orra bhi cuideachadh MHIC-TALLA asior dhol nas , agus gun tig air gach soirbheachadh a ghuidhBodachan aGhàraidhdha, agus gum faic e, gu fior, “làithean as fhearr na chunnaic e fhathast.”


Chaochail Maighstir Seumas Friseil, sagart parraiste St. Andrew, an siorrachd Antigonish, feasgar Di-haoine sa chaidh. Bha e aon uair ann am parraist Ingonish, an siorrachd Victoria, agus an deigh sin an Glace Bay. Bha e rithist ann an Georgeville, an siorrachd Antigonish, agus cóig bliadhndeug air ais bha e air a chur do pharraist St. Andrew, far an robh e gu àm a bhàis. Be aon de na sagairt bu chomasaiche bhasan t-siorrachd, agus bidh mor ionndrain air am measg a luchd-eòlais. Bu Ghàidheal gu chùl e, agus bha fior mheas aige air cainnts air eachdraidh a shinnsir. Bha e air a thiodhlacadh Di-màirt air an t-seachduin so. Bha àireamh mhor cruinn aig an tòrradh.


Naidheachdan.

Fhuaireadh Eadailteach marbh air an rathad mhor faisg air baile Halifax oidhche Di-sathuirne sa chaidh. Bann le peileir daga chaidh a mharbhadh. Tha cuid a deanamh dheth gum be fhein a chur lamh nabheatha, ach tha amharus aig cuid gun deach a mhurt le Eadailteach eile.

Chaidh tigh-grùdaireachd natheine ann an Glascho, agus bha seachdnar air an losgadh gu bàs le sruth uisge-beatha a bha ruith as. Bha an t-uisge beatha agabhail, agus agiùlain an teine mach air an t-sràid agus do gach àiten robh e ruith. Mur biodh ri chur os leith an uisge-bheatha ann an Glascho ach na seachd bàis so, bu mhath an gnothach e.

Ged nach eilear aglacadh uiread ghiomach am bliadhnas a bàbhaist bliadhnachan roimhe, tha na prìsean nas àirde, agus mar sin tha na h-iasgairean adeanamh nas fhearr. Thatar a nisefaighinn tri dolair gu leth is ceithir dolair ancrateorra. Tha cuid de dhiasgairean a rinn a cheana ceithir cheud dolair air na giomaich. Tha an t-iasgach eile car fad air ais seach mar a bàbhaist.

Oidhcha cheathramh la dhen mhios so bha an tigh aig Ruairidh Mac-Phail, an Gleann Ainslie, faisg air Hogamah, air a losgadh gu làr. Bha muinntir an tighe uile nan cadal, agus cha drinn iad ach dùsgadh an àm gu iad fein a shàbhaladh. Bha innsridh an tighe air a losgadh gu h-iomlan, agus a bharrachd air sin chailleadh da mhile dolair de dhairgiod a bhan gleidheadh aig fear an tighe. Tha an call mar sin anabarrach mor.

Thatar ag obair gu trang air taomadh an uisge á Mèinn an Dominion, agus chan fhadan ùine gus am bi i tioram. Bidh an obair atòiseachadh innte nas luaithe na bhatar an toiseach an dùil. Ann am Mèinn an Reserve, farn do sguireadh de phàirt dhen obair air eagal gum bristeadh an t-uisge bhasa mheinn so a stigh, thatar a nis ag obair na h-uile latha. Cosdaidh an teine agus a chur as iomadh mile dolair do chuideachd aghuail, ach a reir gach coltais cha drinneadh call anns a mhéinn air nach faighear thairis.

Tha na teintean lionmhor anns gach àite air tàille na tiormachd. Cha mhor uisge shil fad aChéitein, agus toiseach a mhios so bha na coilltean cho tioram ri spong. Ann an Cuebec, ann am Maine, ann am New Brunswick agus ann an Nobha Scotia bha moran coille air a losgadh, agus cha robh dòigh air an teine chasg gun uisge shileadh. Ann am baile Digby, air an treas latha dhen mhios so, bha an ceò cho tiughs gum bfheudar na soluis a lasadh, neo chan fhaiceadh daoine leis an dorchadas. Air an latha sin cuideachd, bha baile beag ann an New Brunswick, Musquash, air a thur losgadh, agus da cheud sluaigh air am fàgail gun dachaidh. Bha teintean an taobh so fein, ach cha robh iad gle mhor no ro-chunnartach. Tha aon aobhar-taingealachd ann, nach eil cùnntas gun drinneadh call beatha leis na teintean so an àite sam bith. Ged thainig uisge a chuir as do na teintein tha tiormachd mhor ann fhathast, agus mur sil tuilleadh an ùine ghoirid bidh gach feur is bàrr air am milleadh.

Tha meallan mora deighe timchioll Newfoundland acur maille air an iasgach. Chan eil teagamh nach e na tha dhen deigh mhoir anns a chuan an iar oirnn a tha fàgail an t-samhraidh so cho fionnars a tha e ann an Ceap Breatunn.

Tha sinn an dochas nach dean an luchd-gabhail dearmad air pàidheadh na bliadhna tha nis atoiseachadh a chur air adhart gun dàil. Tha iomadh cosdas ri choinneachadh mun àm so, agus cuiridh iadsan a nin dleasanas an ealamhachd comain mhor oirnn.

Chaidh Iain Blue a mhuinntir Orangedale a mharbhadh ann am mèinn ghuail an Glace Bay oidhche Di-haoine sa chaidh. Gun a bhi na fhaireachadh sheas e fon chrò a bha aig an am a dol sios agus thainig e air gun fhios dha, ’ghrad mharbhadh. Bu duinòg e gun bhi pòsda.

Bha Seanadh na h-Eaglais Mhethodich an Nobha Scotia cruinn ann an Sidni air an t-seachduin sa chaidhs air an t-seachduin so. Bha àireamh mhor mhinisteirean a làthair, agus bha coinneamhan aca na h-uile latha fad corr is seachduin. Di-sathuirne sa chaidh, bha iad air cuireadh on bhaile ag amharc thairis air seana bhaile Louisbourgs air Tùir Mharconi an Glace Bay.

Tha an treas Seamrag aig Sir Tomas Lipton a nis ann an New York. Rinn i a turus thar cuain gun sgiorradh sam bith. Thatar ag innse gu bheil i moran nas luaithe nan da Sheamrag a chuir e nall roimhe. Thatar ag radh cuideachd gu bheil a bhirlinn Gheancach am bliadhna nas luaithe na aon sam bith a thainig roimpe. Mar sin cha chuir sinn geall gun coisinn Sir Tomas Cupan na h-America am bliadhna ged a bfhior thoigh leinn fhaicinn gathoirt air falbh leis.

Bha gruaim mhor air muinntir Chanada ri Andra Carnegie air-son briathran a labhair e, ma bfhior, mun dùthaich so. Ann an Sidni gu h-àraidh bha corruich mhor an cuid againn, agus tha e toirt faothachaidh mor dhuinn a bhi nise leughadh nach dthuirt Andra còir facal mi-iomchuidh mu Chanada no idir mu bhaile-mor Shidni. Tha e os ceann ainme fein ag radh gun deach a mhor chuid den chomhradh a bhatar acur air a dheilbh le fear paipeir-naidheachd. Tha sinn uile toilichte chluinntinn gu bheil Andra neochiontach, achs mor ar duilichinn fein gur fear paipeir-naidheachd a bha cur nam breug air. Tha e dearbhadh an t-seanfhacail, nach eil coill gun a crìonach.

Tha an t-Urr. Coinneach Domhnullach, ministeir Phort Morien, an deigh am parraiste sin fhàgail. Shearmonaich e an uair mu dheireadhsan eaglais sin feasgar na Sàbaid romhn sa chaidh. La na Sàbaid roimhe sin shearmonaich e le mor thaitneas an eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so. Air an t-seachduin sa chaidh dhfhalbh e-feins a theaghlach do Thoronto. Fhadsa bha Mr. Domhnullach ann am Port Morien, shoirbhich cùisean a choithionail gu math. Bha eaglais ur, togalach briagha, air a cur suas, agus chan eil ach suim gle bheag dhe na chosd i gun phàidheadh. Tha Mr. Domhnullach na shearmonaiche tapaidh am Beurlas an Gàilig, agus tha muinntir a choithionail gle dhuilich gum face iomchuidh am fàgail.

Oidhche Di-ciaduin, an seachdamh la deug dhen mhios so, bha gniomh uamhasach air a dheanamh ann an Servia. Bha an righ Alasdair is a bhanrigh Draga, air am murt air a mharbh mheadhon oidhche anns an lùchairt rioghail. Bha ofigich an airm aig bun a ghnothaich, agus bha na murtairean air an deagh dhuaisneachadh. Bham Prionnsa Peadar air a ghairm na righ leis an arm cho luaths a thilg am fear eilen deò. Di-luain chruinnich a phàrlamaid, agus an deigh an aonta chur ri gairm Pheadair dhionnsuidh a chrùin, thug iad taing do ofigich an airm air-son deanamh mar a rinn iad. Tha rioghachdan na h-Eòrpa mar nach biodh fhios aca ciod bu chòir dhaibh a dheanamh sa chùis idir, thainig an gnothuch cho grad orraachs es docha gun seas iad a thaobh mur deanar an còir murt is marbhaidh. Thatar ag iomradh gu bheil an righ ùr ag iarraidh murtairean an righ nach maireann fhògradh as an dùthaich. Chan eil an t-iomradh sin air a dhearbhadh leis na fiosan mu dheireadh a thainig. Tha iadsan aig an robh lamhsa mhurt air àrdachadh dreuchd fhaotainn, agus tha e coltach, an àite bhi air am peanasachadh leis an riaghladh ùr gur ann a bhios iad air an duaisneachadh.



[203]

[Vol . 11. No. 26. p. 3]

INNSEAN NA H-AIRDEN IAR.

AM measg nan daoine treun-inntinneach, foghainteach, iomraiteach a chunnaic an saoghal riamh, tha agus bithidh gu bràth àite àrd, measail aig Columbus, a fhuair a mach America. Bu gheur agus bu treun da rireadh na buaidhean inntinn agus anmabhuineadh dha. Air mhodh sònruichte, air nach robh e ma dhfhaoidte min-eòlach, bhasmuaintean o thùs a làithean air an tarruing a dhionnsuidh na Mor-roinn a bha agus a tha air taobh thall a chuain. Cha robh teagamh air bith aige fein gu robh Mor-roinn anabarrach farsuing agus beartach ann an àirden iar an t-saoghail. Bha e cinnteach mar an ceudna gu faigheadh esan an dùthaich ùr so a mach, nam bitheadh comas aige air seòladh thar achuain gus an dùthaich fharsuing, bhriagh a bha daonnann a inntinn. An déigh dha iomadh oidheirp dhuilich, chruaidh a dheanamh, airson comhnadh fhaotuinn bho dhaoine cumhachdach, saoibhir anns an Roinn-Eorpa, nochd Ferdinand agus a Bhan-righ Iseabal anns an Spain, càirdeas mor agus faoilidh dha. Chuir e longan an òrdugh ann an ùine ghearr airson imeachd thar achuain bheucaich, bhuirb gus an tìr àluinn ùr a bha gach àmn a bheachd.

Cha robh ach longan suarach, dìblidh, bochd anns na longan a ghiùlain Columbus agus a chàirdean thar achuain. Air an dara la deug de October, 1492, chaidh e air tìr air an eilean Salvador, a tha dlùth air tir mor America. Chaidh e gu minic air feadh Innsean na h-àirden iar, agus bhuilich e air moran na h-ainmean a tha iad agiùlan gus an lathan diugh, Ged bha Columbus co àrd-inntinneach, tapaidh, béiginn da moran trioblaid fhuiling bho na Spaintich féin. Chuir iad iomadh ni olc as a leth, ged bha e daonnan neo-fhéineil, glic, measarras geamhnuidh. Is iomadh latha fada on chunnaic an saoghal gur e duine dìreach, comasach, ceart a bha gun teagamh ann an Columbus, agus gu robh a naimhdean nimheil, carach, aingidh, agus an-iochdmhor. Sgriobh Irving gu sgileil, gasda, firinneach eachdraidh beatha Cholumbuis, agus dhearbh e gu pongail gur e luchd breugach, olcus ana-measarrabha ann an naimhdean aghaisgich eudmhor, ealantafhuair a mach America. Aontaichidh sinn uile gu toileach leis na briathran mora, flathail, grinn a sgriobh Irving mu dheibhinn Cholumbuis: Gu bitheadh a Spiorad meamnach, àrdanach air faochadhus sòlasfhaotuinn, am measg deuchainnean a shean aois, agus am feadh a bha e bochd agus a bha daoine uasailus iosail a cumail uaithen càirdeas, am meas agus achliù air an robh e fior-airidh, ’nan robh comas aige air amhairc thar na linntean a bha air thoiseach air, agus air beachd shònruichteghabhail air na cinnich, na slòigh, na teangannanus na cànainean a bha anns na làithean a bha ri teachd a dol a sgaoileadh thar an t-saoghail àluinn, bhòidhich a fhuair e fein a mach, agus adol a lionadh còmhnardanus learganus bailtean iomadh sluaigh le cliùs ainmus treubhantasus àilleachd Cholumbuis, co fadas a ruitheas clachus uisge.

Is ann aig na Spaintich a bha uachdaranachd air tùs thairis air Innsean na h-àirden iar. Is iomadh blàr a ghleachd cabhlach Bhreatuinnus na Frainges na Spain airson ùghdarrasfhaotuinn thar na h-Eileanan ud. Tha iomadh ceatharnach a bha dìleasus duineil ann an stri nan lann, a gabhail suain abhàis ann an Innsean na h-àirden iar. Thainig crioch air cogadh nan cabhlach anns na h-ionadan ud, agus a nis tha suaicheantas Bhreatuinn aséideadh ach beag anns gach soirbheas ann an Innsean na h-àirden iar. Buinidh da eilean fathast do na Frangaich Martiniques Guadaloupe. Is ann am Martiniquethan cnoc loisgeach Pelee, as an dthàinig lava mìlteach, bàsmhor, a mharbh ann am beagan ùine iomadh mile duine. Tha measan luachmhor atogail an cinn gu lurach, àrd anns na h-Eileanan ud. Tha cinneas pailt, reamhar, craobhach ra fhaicinn air gach taobh anns na h-Eileanan a bhuineas do Bhreatunn. Is ann le ùghdarras Bhreatuinn a tha mar so na h-Eileanan air an riaghladh iomadh ginealaich a nis. Tha teangas àbhaistean Bhreatuinn air freumh làidir a ghabhail anns na h-Eileanan. Than sluagh alabhairt le guth ceòlmhor Beurla chruaidh, sgairteil. Chaneil ach ùine ghoirid on thòisich sinn ann an Canada air eòlas pongailfhaotuinn mu na h-Eileanan nacheil fada bhor criochan fein, agus a bhuineas do Bhreatunn. Tha Pickford agus Black, cuideachd a tha ann a Halifacs, airidh air cliù mhor, on is iadsan a thòisich air bàtaichean smùidechur eadar Canadas Innsean na h-àirden iar. Chan urrainn do luchd-àiteachaidh nan Eileanan ud cruinneachd a thogail agus iomadh ni eiletha feumail airson teachd-an-tir an t-sluaigh. Tha sin acinntinn anns an dùthaich bheartach againn fein, ann am pailteas mor, agus theid againn air moran a sheachnadh air am bheil feum daonnan aca anns na h-Innsean. Tha mar an ceudna feum againn air siùcar agus air iomadh measus ni eilethacinntinn anns na h-Innsean, agus a babhaist a bhidol a dhiarraidh agus a dhfhaotainn margaidh anns na Staitean agus an dùthchannan eile. Tha malairt ghasdadol air aghart cheana eadar Canadas na h-Innsean. Thug an Orinoco ochd mìle deug baraille le flùrus buntàtas iasgus nithean eile sios bho cheann beagan ùine gus na h-Innsean, agus thug i nios gu Halifacs da mhìles da cheud tunna de shiùcar donn.

CONA.


EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. VIII.

TAING A CHAIPTEINAM BAL A BHASAN IUBHRAICHGADACHD AGUS TEICHEADH CABHAGACH.

AN uair a thug Eobhain air bòrd a nàmhaid, agus a thug e air na thug e as achuan a chur am mach, agus a thug e gu thùr fhein e, bha e gu nàdarra smaointinn gun tiodhlaiceadh en tuagh gu bràth, agus gun sìneadh e lamh an càirdeas dha. Ach bha e air a mhealladh; oir an uair a chruinnich an Caiptean a smaointeanan, ’s e nis gu sàbhailte nabhàta fhein, is ann a thòisich e ri cur coira h-uile rud a bhann air an t-sealgair.

Chaneil teagamh,” arsEobhain, “nach mi bu choireach, anns an aon t-seadh an robh ghuilbneach coireach ris an t-sùil a chur as an fhorsair cham. An uair a bha i tuiteams e air a marbhadh, chum eshùil oirre gu bràth gus an do bhuail a gob nashùil.”

Cha do leig Adam air gun cuale so. “Bu shuarach orm,” arsesan, “do thoirt suas air-son feuchainn ri mbhàthadh. Theid agam air barrachd is aon duine fhaighinn a mhionnaicheas gum faciad thu.”

Ma tha thu smaointinn gun creidear dfhacal roimh mfhacal-sa, ged nach teid mi bhrìbadh duine sam bith gus mionnachadh air mo shon, rach air dadhart cho luathsa dhfhaodas tu. Ach bi glic, a Chaiptean Adam, agus leig suas na àm; oir tha thu nis a faicinn gur h-e do cheann fhein as brùite, gach uair a dhfheuchas tu ri mbhalla dìblidh a shreup gus mo chur gu dìth. Agus ged nach dfhuair mise breith àrd no àrach mar a fhuair thusa, is aithne dhomh a chrioch a tha eadar math is olc, agus chaneil uam ach leigeil leam air mo shlighe fhìnsan t-saoghal, ’s cha chuir mi dragh air neach sam bith, agus a nis á so suas seachainn thusa mo rathad, agus seachnaidh mise do rathad-sa, oir than saoghal farsuinn gu leor air ar son le chéile. A thaobh na chaidh seachad tha mi toirt làn mhathanas dhut, agus mar chomharra mun dealaich sinn so mo lamh.” Leis an fhacal shìn e làmh don Chaiptean, ach ben fhreagairt a fhuair e gàire magaidh.

Ha! ha! tha sin math gu dearbham baigeir a toirt mathanais don duin’ -uasal! Thoir mathanas dhomh, Eobhain chòir, an uair a dhiarras mi ort e, ’s tha eagal orm gun gabh thu fadachd mun tig an uair sin.”

Le so a ràdh leum e gu tìr, oir leis cho lagsa bha e an déigh a bhogaidh, bfheudar don t-sealgair a chur gu cladach, agus bann air an t-slighebhan seanachas so eatorra.

Thig an latha gun teagamh,” arsan sealgair ris fhein, ’s eg amharc nadhéigh, “agus ma dhfhaoidte nacheil an ùine cho fada air falbhsa tha thu, Adaim òig, an dùil.”

O bhriathran agus gluasad a Chaiptein thuig e gum faodadh e bhi sealltainn air-son stoirm, oir bha e soilleir ri fhaicinn nach robh e idir ga chunntais fhein ciosnaichte fhathast, a dhaindeoin gach ni, agus nach biodh e riaraichte gun stri chruaidh a dheanamh fhathast gus a mhiann a shàsachadh agus inntinn a thoileachadh.

Bha Eobhain ceartsa bheachd so; oir air a shlighe dhachaidh bhòidich agus mhionnaich Adam gun cuireadh e nis gach unnsa dhechuilbheartan an géill air-son greim fhaighinn air Màiri, agus gheall e dha fhein mum biodh e seachduin na bu shine gum biodh so deante, ’s mar sin bhashùil am mach, agus a chluas ri claisneachd daonnan. Bha mar an ceudna a bhàta agus a charbad cho deass gun cuireadh smèideadh gu gluasad iad, los an uair a ghlacadh en t-eun gum biodh a rogha aige gus a giulan, a réir an amas an aite.

Beagan ùine nadhéigh sogus a bhi fior chinnteach, oidhche Dhior-daoin, oir bann air Di-sathuirnebha iadsan eileinbha cuirm chridheil ann an taigh duine chòirsa bhaile, duine ris an cante Murachadh sgiobair. ’S e duiniongantach a bham Murachadh, a chuir earrann dheshaoghal seachad air bharr nan tonn -ghorm, agus a dheirich ceum no dha os cionn a chumantais ann, gus an do chuir grian nan Innsean stad air le buille bheag no dha a thoirt dasan eanachainn, a chuir cuileag luasganach ann. Ach bha beagan airgid aige ma seach, agus tùr gu leor, ’s gun tug e aghaidh air tir an fhraoich, feuch an toireadh grian fhuar a dhùthcha fhéin as a cheann an seillein a chur grian nan Innsean ann. Bha e cuideachd cho glics gun dfhuair e beansan Dùn, agus air-son an t-ainm a chosnadh na bfhearr thog e taigh cho coltach ri luings a ghabhadh deanamh, ri fior oir na mara, agus thug enIùbhrachmar ainm air. Bha e gu math déigheil air cuideachd na h-òigridh, is mar sin bannsan Iùbhraich a bhiodh spiorad an t-subhachais ri fhaotainn daonnan. Ach càitam bheil ceann mo sgeòil? O, achuirm. —Bann ma tasan Iubhraich a bha òigridh an àite cruinn air an oidhche so a dhainmicheadh. Am measg na h-òigridh ghreadhnach so bha Màiri bheag, cho ciùin, speisealtas bu ghnàth, agus Una dhonn cho bòidheachs a bàbhaist, air faireadh. Ach chi sinn air tarruinn dlùth, gu bheil i bàn, tana seach mar a bàbhaist, agus gu bheil buailtean mu na sùilean a bàbhaist a bhi cho soilleir, agus nacheil an gàire air a



[204]

[Vol . 11. No. 26. p. 4]

bilean ach tearc, agus a tighinn a dhaindeoin. Bha Eobhain bàn mac an t-Saighdeir ann, agus cha robh fear fo na cabair a thigeadh suas ris an eireachdas, na dheise bhòidhich bhallaich Ghàidhealaich, agus ged a bha e nadhuine mor trom, cha robh dannsairsa chuideachd a bheireadh bàrr air, no bha cho aotrom ris air an ùrlar. Ged a bi Una nighean bu bhòidhche bha stigh, ann an dòigh chruaidh, fhuar, cha robh i idir a faighinn a bheag a dhannsa air an oidhche so, oir bha gillean an àite air a h-aithneachadh (páirt dhiubh co-dhiu) agus air féin-fhiosrachadh fhaighinn mu cho iomlans cho caochlaideachsa bha i. Mar sin bha i cumail a bhallachuid bu mhotha dhen oidhche, agus chaneil teagamh nach bann air furm an aithreachais, air dhi a bhi faicinn na chaill i, agus a bhi faicinn nigheanan eile air an robh i sealltainn sios aon uair, ’s an gruaidhean laiste le toileachas inntinn, len leannain dhìleas a dolsa rìdhle gu h-uallach. Ged nach bfhiach le Caiptean Adam a bhi air an dannsa bha gille uaithe ann, agus bha e fhein le iarunnsan teallach air an oidhche so, oir nach be so an oidhche bha e dol ga dhuaisneachadh fhéin, agus a bhàrr air a sin a dol a chur saighead guineach an cridhen t-sealgair, a bu lughair nam puinnsein. Bha ma ta, e fhein agus seirbhiseach le carbad a falach dlùth do thaigh an dannsa, agus fear eile ris an cante Seumas breac aig a chuirm agabhail beachd air cùisean da mhaighstir agus air-son àm a chothrom innse dha. Bhan taigh gu math bruthainneach, agus bha mar sin na dannsairean nam buidhnean an dràsdasa rithist a dol am mach a dhiarraidh na fionnarachd. Thug Seumas breac an aire leshùil gheur gun robh cleòca dubh aig Màiri bhig agus cleòca soilleir aig Una, agus air dham faicinn a deanamh deas le chéile gus a dhol greis a ghabhail soirbheas cùbhraidh na mara, am mach a ghabh e far an robhmhaighstir leis a bhrath aoibhneach ris an robh e feitheamh. Bhan oidhche gu math dùbhrach, le sgleò neòil dhorcha a ruagadh a chéile gu h-àrd, air chors gun robh i gu math freagarrach mar chuibhrig gu còmhdach ghniomhan eu-ceartais nach fuiling grian geal Dhé.

A nis,” arsa Seumas breac, ’s an anail an àird a chléibh, “tha iad a tighinn, Màiri bheag is Una. Tha cleòca bàn air Una, agus aithnichidh sibh Màiri air a chleòca dhubh.”

Gun dàil chualiad an dithis, agus on bhan t-àitair a chùnntas diomhair, a còmhradh mar is dual do nigheanan a bhith. Chrùb na sealgairean dubha ris a chreig, air don dithis nighean tarruinn dlùth. Am briobadh na sùlasan dol seachad leum Adam am mach leghille, agus chaitheadh cuibhrige ma cheann a chleòca dhuibh, is togar i dhan charbad a bhaig an fhear eile gafheitheamh, ’s am mach a ghabh iad nan cruaidh leum. Chaidh gach éubhach a bhann an uair a thachair so a bhàthadh le fuaim throm nan tonn. Agus a bhàrr air a sin chaidh Seumas breac fhàgail, le òrdugh cruaidh, maille chumail air Una, air eagals gun toireadh i seachad sgeula nan creach tuilleadh is luath, gus cothrom a thoirt dhàsan astar sàbhailtechur eadar e fhéin is tòrachd on t-sealgair. Mar sin thachair. Bha fuaim a charbaid air a chall fad ùine mun dfhuair a chleòca bhàin leis an naidheachd gu taigh an dannsa. Aig an dorus thachair Eobhain bàn rithe, ’s e dol ga sireadh, a gabhail fadachd nach robh iad a tilleadh.

O, Eobhain,” arsise, ’s a h-anail an àirda cléibh, “thachair thathachair ni uauamhasach! Thugadh Una airair falbh o mthaobh le dithis dhaoine ann an carbad, is dhfhalbh iad nan cruaidh leum. Chuir creutair eileìnnean an sàs annamsa mar chat fiadhaich, agus chum e mi air eagal gun tiginn gainnse, gus am biodh iad air falbh gu math.”

Ach, a Mhàiri, cha robh aon teagamh agam nach bi Una a bhannad fhein. Nach e so an cleòcaice?” ’s e cur a laimhe air.

“ ’S e,” arsa Màiri, ’s i deanamh gàire. “Bhan t-amadan manntach gu math easgaidh gu frithealadh dhuinn, an uair a bha sinn a tighinn am mach, agus le mearachd thug e dhòmhsa cleòcUna, agus thug e mo chleòca-sa do dhUna, ’s air son spòrs agus air-son a toileachadh dhfhàg sinn mar sin iad.”

Ma ta,” arsan sealgair, an déigh dha bhi tiotadh a smaointinn, “bi cinnteach, a Mhàiri, gu bheil làn dhùil aca gur tusa thaca; oir tha mi cinnteach gu bheil an trusdar, Caiptean Adam, aig bun a ghnothuich.”

Ruith e thun an àite, ach cha robh Seumas breac no neach eile rim faicinn, air am builicheadh e pàirt dhe fheirg.

Co aigtha brath,” arsesan ri Màiri, ’s iad a nis a tilleadh thun an doruis, “nach robh mi cearr a thaobh a cho-dhùnaidh thun an tainig mi roimhe. Ma dhfhaoidte gun robh Una fhéinsan diomhaireachd, agus gun robh iad air-son teicheadh le chéile.”

Chaneil fios agam their mi,” arsa Màiri, “oir tha mi smaointinn nach robh reusan sam bith aca deanamh mar sin. Tha fios agam gun robh an t-aon a bhaca ri fhaighneachda màthairlàn dheònach iad a phòsadh, agus a deanamh na burrainn i gus a thoirt mun cuairt.”

A smaointinn mar so gur a dòcha gum bann le a toil fein a dhfhalbh Una leStruidheir aBheallaich,” mar a theirte ris a nis, cha do chuir aon sam bith dragh air fhein air a tàille. ’S ann a bha a màthair gu spreadhadh le pròis an uair a chuali e.

Ah!” arsise, agus leth troidh a bharrachd a tighinn a dhàirdoirre, “cha robh de mhisneach aig a ghille bhochd na thigeadh ga h-iarraidh orm fhìn. A bhàrr air a sin, ’s e sud fhéin an dòigh fhasantam measg nan uaislean. Agus ged a thaur teangannan-se luath gus coirechur air mUna-sa, ’s e gach aon agaibh a bhiodh toilichtam màireach nan sealladh tighearnan taobh am biodhur loireagan nigheanan, gun tighinn air teicheadh leotha.”

(Ri leantuinn.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. XIX.

BHA Aladin anabarrach toilichte an uair a thainig am fathach far an robh e, agus gun duil sam bith aige ris.

Sabhail mo bheatha dhomh, ’fhathaich, an dara uair, aon chuid le innseadh dhomh caite am bheil an luchairt a thog mi, no leis an luchairt a thoirt air ais far an robh i roimhe.”

Chan urrainn mise deanamh mar a tha thug aithneadh dhomh,” arsam fathach; “chaneil enam chumhachd. Chaneil minam sheirbhiseach ach aig an fhainne. Feumaidh tu do ghearain a dheanamh ri seirbhiseach achruisgean.”

Mas ann mar sin a tha,” arsAladin, “tha mig ordachadh dhut, le cumhachd an fhainne, mo thoirt a dhionnsaidh na luchairt, ge be air bith aite anns am bheil i, agus mo leigeadh as fo uinneag an t-seomar anns am bheil nighean an righ afuireach.”

Cha bu luaithe labhair Aladin na briathran so na thug am fathach leis e gu ruigAfrica. Dhfhag e e aig an luchairt, fo bhonn na h-uinneig aig an t-seomar anns an robh nighean an righna laidhe. Bhan luchairt air a suidheachadh air achadh mor, farsuinn, faisge air aon de bhailtean mora na h-Africa.

Ged a bhan oidhche dorcha, dhaithnich Aladin an luchairt, agus an seomar anns an robh nighean an righ afuireach. Ach on a bha greis mhor dhen oidhche air a dhol seachad, agus on a bha samhchair mun luchairt, shuidh e fo bhonn craoibhe a bha faisge air an luchairt gus an tigeadh an latha.

Bha e sona gu leorna inntinn an uair a bha esmaointeachadh air mar a thachair dha fhaotainn don aite mhath ud an deigh achunnairt anns an robh e an uair a rinn an righ greim air, agus a bha e air thuar a bhith air a chur gu bas.

Bha eg a thoileachadh fhein leis na smaointeanan so; ach o nach do rinn e norradh cadail fad coig no sia de laithean, thuit e gu tromna chadal far an robh e.

Air an ath mhadainn, dhuisg e le ceilearadh nan eun a bha air achraoibh fon do chaidil e, agus leis na bha na h-eoin a bha mun cuairt dhen luchairt adeanamh de cheileireadh.

An uair a sheall e air an aitreibh iongantaich ud, bha aoibhneas do-labhairt air an uair a smaoinich e gum biodh i aige dha fhein ann an uine gun a bhith fada, agus gum faigheadh e greim aon uair eile air a mhnaoi don robh gradh cho mor aige. Leis na smaointeanan taitneach sona inntinn, dheirich e, agus thug e greis air coiseachd mu choineamh uinneag an t-seomair anns an robh nighean an righ, agus en duil gun eireadh i, agus gum faiceadh e sealladh dhi.

Am feadhs a bha e mar so acoiseachd, bha e sior smaointean air mar a thainig am mi-fhortanna rathad; agus an uair a bha egreis mhath adol fosmaointean, thuig e gur ann aige fhein a bha choire, a chionn nach do chuir e an cruisgean far nach faigheadh neach sam bith e. Bha e gle dhiumbach dheth fhein a chionn gun robh e cho mi-churamachs gun drinn eleithid de dhearmad air a dhleasdanas. Ach cha burrainn e aig an am a thuigsinn co an neach a fhuair greim air achruisgean. Nan robh fhios aige gur ann an Africa a bha e, bha e anns amhionaid air a thuigsinn gum be an draoidh a rinn an cron air. Ach cha dainmich seirbhiseach an fhainne dha caite an robh e, agus cha mho na sin a dhfheoraich e fhein facal ma dheidhinn.

Dheirich nighean an righ air amhadainn ud na bu traithe na babhaist dhi. An uair a bha icur uimpe, sheall te dhe na mnathan-coimhideachd am mach troimhn uinneig, agus thug i an aire do Aladin, agus anns amhionaid dhinnis i da banamhaighstir e. Cha chreideadh nighean an righ an naigheachd, agus ghrad chaidh i fhein thun na h-uinneig. Agus an uair a chunnaic i Aladin, ghrad dhfhosgail i an uinneag. An uair a chualAladin a bhithfosgladh na h-uinneig, sheall e suas, agus, an uair a chunnaic e nighean an righ aig an uinneig, dhfhailtich e gu cridheil i. Thuirt i ris: “Air eagal dad a dhuine chall, chuir mi neach a dhfhosgladh an doruis dhiomhair dhut. Thig a steach, agus thig a nuas.” An uair a thuirt i so dhuin i an uinneag.

Cha bu luaithe fhuair Aladin a steach na ghabh e direach suas don t-seomar anns an robh nighean an righ. Chuir iad failte gu cridheil, caoimhneil, gradhach air a cheile, agus shil iad deoir an aoibhneis gu frasach. An deigh dhaibh na deoir a thiormachadh air falbh, thuirt Aladin: “Tha miguidhort, a bhana-phrionnsa, ann an ainm Dhe, gun innis thu dhomh, mum bi an tuilleadh comhraidh eadrainn, ciod a thachair don t-seana chruisgean a dhfhag mise an crochadh ris abhalla ann an talla nan ceithir uinneagan



[205]

[Vol . 11. No. 26. p. 5]

fichead mun dfhalbh mi don bheinn sheilg.” “Ochan! mo cheile gaoil,” arsise, “tha eagal orm gur e an cruisgean sin a chuir am mi-fhortan sonar rathad; agus is e thag am chur fo dhoilghios buileach glan gur ann agam fhin a bhachoire.”

Na bicur coire sam bith ort fhein,” arsAladin; “is ann a bhachoire gu leir agamsa. Bu choir dhomh a bhith air a ghleidheadh na bu churamaiche na rinn mi. Ach feuchamaid a nis ri dhol ann an cois ar calla. Innis dhomh mar a thachair achuis, agus co fhuair greim air achruisgean.”

Dhinnis i dha a h-uile car mar a thachair dhi an seana chruisgean a thoirt seachad ann an iomlaid air son cruisgean ur, mar a fhuair i i-fhein air an ath mhadainn ann an Africa le innleachd an draoidh mhealltaich a thug an car aisde mun chruisgean.

A bhana-phrionnsa,” arsAladin, “tha mi nis atuigsinn cothug an car asainn, an uair a tha thug innseadh dhomh gur ann an Africa a tha sinn. Is e duine cho mealltachs a thair an t-saoghal. Ach chan e so an t-am non t-aite anns an coir dhomh lan-chunntas a thoirt dhut mu dheidhinn cho eucorach, aingidhs a tha e. Tha mig iarraidh ort fios a thoirt dhomh ciod a rinn e ris achruisgean, agus caite am bheil eg a ghleidheadh.”

Tha e aige gu curamachna bhrollach a h-uile taobh a theid e,” arsise; “agus tha fios is cinnt agam air a so, oir thug emach as a bhrollach e, agus sheall e dhomh e.”

A bhana-phrionnsa,” arsAladin, “na bi diumbach dhiom a chionn gum bheil mifeorach a leithid do cheisdean dhiot, oir is e gnothach cudthromach a thann a bhuineas araon dhutsa agus dhomhsa. Innis dhomh, tha miguidhort, cia mar a than duine mealltach, eucorach udg a ghluasad fheinnad lathair?”

On a thainig mi an so,” arsise, “tha etighinn uairs an latha gam fhaicinn; agus tha mi cho gruamach agus cho greannach riss nacheil toil aige tighinn nas trice. Tha e sior chomhairleachadh dhomh bristeadh air aghealladh a thug mi dhutsa, agus e fhein a phosadh. Tha efeuchainn ri thoirt orm a chreidsinn gun do chuir mathair gu bas thu. Agus tha eg radh nacheil annadsa ach creutair truaillidh neo-thaingeil, agus gur ann air a shaillibh fhein a fhuair thu am fortan mor a thainignad rathad. Thuirt e moran eile nach ruig mi leas ainmeachadh. Ach o nacheil efaotainn dad as fhearr uamsa na deoir agus coimhicheas, agus caineadh, tha efalbh acheart cho mi-thoilichtes a tha e tighinn. Chaneil teagamh agam nacheil esmaointean gun tig atharrachadh air mo nadar ri uine; ach chaneil eagal sam bith orm a nis on a tha mo cheile gaoil maille rium.”

Tha micreidsinn gun teid agam air araon mi fhin agus tu fhein a shaoradh o ar namhaid; ach feumaidh mi dhol don bhaile mun teid agam air an innleachd a chinnichnam cheann a chur an gniomh. Tillidh mi mu mheadhain latha, agus innsidh mi dhut ciod a thanam bheachd a dheanamh, agus innsidh mi dhut mar an ceudna ciod a dhfheumas tusa dheanamh, a chum gun teid an gnothach leinn mar is math leinn. Ach a chum nach bi ioghnadh ort, tha e iomchuidh dhomh innseadh dut gum feum mi maodach atharrachadh. Agus an uair a thig mi thun an doruis dhiomhair, tha miguidhe gum fosglar dhomh e cho luaths a bhuaileas mi aige.” Gheall abhana-phrionnsa gun deanadh i direach mar a dhiarr e oirre.

An uair a chaidh Aladin am mach as an luchairt, sheall e mun cuairt da agus thug e an aire gun robh duine cumanta adol air aghart don duthaich. Choisich e gu cabhagach gus an drug e air, agus thuirt e ris gum bu choir dhaibh an cuid aodaich iomlaideachadh. Dhaontaich an duine so a dheanamh. Chaidh iad gu cul garadh, agus dhiomlaidich iad an cuid aodaich.

Chaidh an duine cumanta air aghart a dhionnsuidh a ghnothaich fhein, agus chaidh Aladin don bhaile far an do dhfheoraich e air son fudar araidh o dhoctair a bhanns abhaile.

Sheall an doctair air, agus an uair a thug en aire gur e deise duine bhochd a bhair, shaoil e nach robh aige de dhairgiod na cheannaicheadh am fudar. Thuirt e ris gun robh am fudar aige, ach gun robh e gle dhaor. Thuig Aladin gle mhath ciod a bha ann an inntinn an doctair, agus thug emach an sporran as a phocaid, agus leig e fhaicinn dha gun robh aireamh de bhuinn oir aigann. Cheannaich e am fudar, agus phaigh e bonn oir air a shon.

An deigh dha greim beidh a ghabhail anns abhaile, thill e thun na luchairt. Fhuair e steach air an dorus dhiomhair cho luaths a bhuail e aige.

An uair a rainig e an seomar anns an robh a bhean, thuirt e rithe: “Is docha gum bi aghrain a thagad air an draoidh buailteach air a thoirt ort diultadh deanamh mar a tha mise gus iarraidh ort a dheanamh. Ach ceadaich dhomhsa innseadh dhut gum bheil e ro fheumail gun deanadh tu mar a tha miseg iarraidh ort. Ma tha toil agad thu fhean a shaoradh on draoidh, leig ort gum bheil thu air fas measail air, a chum gun toir thu do thoileachadh do dathair gum faic e thu aon uair eile.

Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa,” arsesan, “cuiridh tu umad an trusgan cho maths a thagad. Agus an uair a thig an draoidh, bidh tu nas caoimhneile ris na bha thu riamh. Biodh aoidh ort ris, agus ged a bhiodh coltas broin ort, bi mar gum biodh tu air thuar do bhron a chur gu buileach air chul.

An uair a bhios tucomhradh ris, feuch ri thoirt air a thuigsinn gum bheil thufeuchainn ri do bhron a leigeadh air dichuimhn’. Agus a chum gun toir thu air a chreidsinn gum bheil thu an deis tlachd mor a ghabhail dheth, iarr air a shuipear a ghabhail comhladh riut, agus abair ris gum bu mhath leat blasad air an t-seorsa fiona as fhearr a thanns an duthaich. Theid e gun dail a dhiarraidh an fhiona so dhut. Fhads a bhios e air falbh, cuir rud dhen fhudar so anns achup!; agus abair ris an t-seirbhiseach a bhios afrithealadh dhuibh, an cupathoirt ga dionnsuidh an uair a thig an t-am freagarrach. An uair a dhitheas agus a dholas sibh le cheile na thig ribh, their thu ris gur coir dha fion ol as do chupan fhein mar chomharradh air amheas a thaigort. Thoir an aire gum bi an cupa anns am bheil am fudar laimh riut, agus lionadh tu dha e. Olaidh e gun teagamh e, gus do thoileachadh. Agus cha luaithe dholas e e na thuiteas e an comhair chul a chinn.”


COGAR-ADHAIR A DETROIT.

FHIR DEASACHAIDH: —Chan fhaca mi fhathast litirsa MHAC-TALLA a chaidh a chur ugaibh ann ancogar-adhair; is e sin a chur nam inntinn an so a chur dur n-ionnsuidh air an dòigh nuadh agus iongantach sin. A thaobh nan ainmean a chaidh a thairgse dhuibh an àitecogar-adhairis e mo bharail nacheil aon dhiubh cho freagarach ris an ainm sin fhein. Tha e fonnmhor, freagarrach, fìrinneach is goirid. Is duilich leam cur an aghaidh Bodachan aGhàraidh ann a rud sam bith, ach feumaidh mi a ràdh gu bheil an t-ainm a thairg esan is feadhainn eile ann am feum a cheana: is e sinfios dealain,” Nach e sin a their sinn an dràsda ritelegraman uair is miann leinn a bhith fior Ghàidhealach? Chaneil mi fein adol a thairgse ainm air a shon, mur ceadeich Peigidh Phabach dhomh a bhith an comaidh rithe mun ainm fhonnmhor a thairg ise dhuibh. Is e sin amBraman Sgiathach.” Is iomadh gàire thug an t-ainm sin orm o leugh mi esan litir aice. Tha mi creidsinn nach mi nam aonar air an dthug sin gàire.

Thaghail orm an t-seachduin sa chaidh Gàidheal càirdeil is deadh mharaiche a bheir long gu cala cho math ri fearsan t-sreath, Rob Mac Leoid á Baile-nan-Gall, iar ogha bràthair mo shinn-seanamhair. Fhuair mi moran fiosrachaidh bhuaithe mu dheidhinn Gaeltachd America. Sin agaibh ainm ùr dan Eilean agaibh, ged nach burrainn mi ainm fhaotainn airsonwireless telegraphy.

Tha dolair bliadhnail MHIC-TALLA agam deiseil nam sporan, gidheadh, o nach gabh airgead cur an cogar-adhair, feumaidh mi a chumail an sin an dràsda. Ach sgriobhidh mi litir ugaibh an uine ghearr is bidh an dolair innte gun teagamh. Chan e so a chiad chogar-adhair a chuir mi air falbh ugaibh, ach tha mi dearbhte nach drainig am fear eile sibh. Is e mo bharail gun ghlac na h-innealan aig Marconi e, agus o nach tuig an duine innleachdail sin Gàidhlig, ged is leth Eirionnach e, ma dhfhaodte gu robh e den bharail gur h-e bhann naigheachd a thainig da ionnsuidh ás aghealaich, air neo á feareigin dhe na saoghail eile tha thallad.

Is duilich leam tarruing gu crìch, on is fior thaitneach leam a bhith a seanachas air an dòigh so, ris na Gàidheil a bhios a leughadh MHIC-TALLA. Tha fios is cinnt agaibh gu bheil gach facal a bhitheas an cogar-adhair acost deich sentaichean, agus tha fios agaibh cuideachd nacheil meinn òr aigur caraid

DOMHNULL MAC LEOID.

P. S. —Thainig ath-smuain ugam bhon sgriobh mi na tha roimhe so. Is ann le teine-adhar tha Marconi acur air falbh nam fiosan. Tha an teine sin(electricity)adùsgadh thonnansan adhar(ether)mar dheireas tonnan air loch an uair a thilgeas neach clach ann. Tha na tonnan adhair sin asgaoileadh gus na ceithir ghaothan, ’san dearbh dhoigh anns am bheil na tonnan air an loch a sgaoileadh. Chaneil fios ciod e cho fada air astarsa theid iad. Ma thachras meall iaruinn no uisge fior-ghlan riutha, is eiginn dhaibh dhol timchioll orra, mar ni na tonnan air an lochnuair thachras sgeir riutha. Co am fear de leughadairean MHIC-TALLA a leanas na tonnan siubhlach so, le suil inntinn, bho dhuisgear iadsa Pholdubh no an Glace Bay a mach troimh fharsuinneachd chianail nan speur; seachad air a Ghealach, seachad air Uranus, seachad air Neptune, seachad air Arctùrus, an rionag as maisichesan speur; asiubhal le luathas eagalach, bliadhna nan deigh bliadhna, linn an deigh linn, seadh deich ciad mile bliadhna, agus ma dhfhaodte deich uairean na h-uine sin, gus mu dheireadh gum brist iad air cladach an reul as fhaide mach a chi sinn leis antelescope :agus ás a sin a ghabhas seachad do dhfharsuinneachd do-thuigsinneach? Am fear a chumas sùil na h-inntinn orra gu sin nach fhaod e sluagh fhaicinn air an reul sin a bhitheas a mhile fillt nas eòlaiche air Nadur na tha sinne, agus a thuigeas na tonnan so agus cia as dhaibh nas fhearr na tha sinne tuigsinn an t-soluis a bhitheas deich ciad mìle bliadhna atighinn na thonnan sàmhach air an doigh cheudna bhon reul sin? Dhfhaodadh neach na bu



[206]

[Vol . 11. No. 26. p. 6]

mhiosa dheanamh na ainm a dhealbh dan teachdaireachd ùr so, de na facail tonn is teine, an teine adhair a tha gan dùsgadh. Nach aluinn an t-ainm a bhaig Oisian air te de na reultan, Tonn-theine, air a dhealbh bho na facail cheudna. Co thag ràdh gu bheil a Ghàidhlig blion? Is i nacheil. Tha iad adeanamh fuaim gu leoir air cànainean eile mas suidhich iad air ainm do dhinnleachdan ùra. A rithist slan leibh.

D. M. L.


Ceilidh nan Gaidheal an Glascho.

(Oban Times) .

Chumadh cuirm-chnuic achomuinn so ann an Uplawmoor air Di-sathuirne so chaidh, an 6mh latha den mhios so. Dhfhàg achuideachd shunndach, thogarrach on Ionad Mheadhonach, le carbad na smùide, aig uair agus mhionaid an deigh mheadhon Bàrd dòchas an cléibhgach fear is den cheithir fichead pearsa a bha làthair, agus baithnichte gum be smuain gach neach:

Fàgaidh mi cùirtean dùintagus salach
A dhamharc air gleannaibh nam .”

Cha do chuir criothnachadh acharbaid mùiseag air neach, ’s bha iad cho beothail, aoibheil an uair a rainig iad Monadh-an-druim-mhòirs a bfheaird cuideachd a bhith. Choisich iad an còrr den astar gu h-uallach fo éisdeachd pongan fallain fonnmhor na pìob-moire gu ruig fearann an t-seann t-Sabhail, agus da rireadh

Bàluinn a bheinneans a shrathan,
Béibhinn dath a ghleanntan.”

Bha air thoiseach air a mhor-chuideachd na chuir achuirm air deagh dhòigh. Bhan t-anart sgaoilte air an fheur ghorm ghrinn làn de bhiadhs de dheoch don drinneadh làn cheartas. “s fhiach cuirm gun a còmhradh?” thuirt gach neach ris fhein, ’s mar sin thoisich an conaltradh, ’s bfhurasd a thuigsinn gun robh gach neach den bheachd gur h-ann a bhan so latha-féille. Dhfhàg gach fuachd achuideachd, ’s tharruing iad richéile ann an eud ro-bheò.

Air don chuirm a bhi réidh, thoisich achluichs an coimhliongadh ann an rogha spioraid. Bhan luchd duais mar a leanas:—

MNATHAN-UAISLE.

1. Cur na cloiche, Mairearad Nic Gilleain.
2. Réis100 slat, Mairi Anna Nic Gilleain.
3. Coiseachd, 3 mìle, Mairi Nic-Ciar.

DAOIN’ -UAISLE.

1. Réis100 slat, Donn. Mac Gilleain.
2. Leum-àrd, Gilleasbuig Hàrdaidh.
3. Réis tri-chasach, D. Mac Gilleain agus D. Mac Urchaidh.
4. Cruinn-leum, Gilleasbuig Hàrdaidh.
5. Réis comhair-cùil, D. Mac Gilleain.
6. Réis air leth-chois, D. Mac Urchaidh.
7. Réis am poca, D. Mac Gillleain.

Bha mar an ceudna tarruing-catha air a chur air bonn eadar da bhuidheann de na mnathan uaisle agus cuideachd eadar da bhuidheann de na daoin’ -uaisle. Tharruing iad uile gu dùrachdach, duineil, agus bu mhaith a choisinn iadsan a bhuanaich an duais.

Bhan uine a ruith gu luath. Bha e nis sia uairean, agus fhuaireadh an ath chuirmaran is bainne, a bu chiatach a thigeadh ri càil aGhàidheil.

Thugadh seachad na duaisean ann an doigh a bha taitneach, le Rìgh Chamarailian a sheasamh air stoc craoibh-fheàrna.

Chuireadh seachad an còrr den ùine ri ceòl is dannsa, is conaltradhcuid air dreallaig, ’s cuid air raon, ’s gach aon neach toilichte.

Ghleusadh aphiob gu togarach, ’s mu ochd uairean thug achuideachd an aghaidh an taobh a thàinig iad, aruigheachd Ghlaschu mu leth-uair an deigh naoi.

Cha robh riamh aig aChéilidh cuirm-chnuic a bu shoirbheachaile. Cha burrainn duine latha a bfhearr iarradh. Bhan t-ionad thar tomhais àillidh. Bha gach crann fo bhlath, ’s gach cnoc fo ghorm-bhrat feoir air a bhreacadh le flùrain mhaoth, a dhfhas, direach mar a dhfhas iad anns na glinns an daraicheadh sinn. Be so an dùthaich da-rireadhobair lamhan Dhé fhein, ’s cha be obair duine. Bha solas air gach creutair, ’s bha aoibhneas oirnne mar chuideachd.


BARDACHD NA FEINNE.

EAMHAR ALUINN.

ROIMH-RADH.

AIR do Oisian a bhithna sheann laoch, dall, agus fann, an deigh na Feinne uile, agus comunnòige air dol seachad; bha e gun chuid, gun chàirdean, acaoidh nan treun-laoch a dhimich, agus asmaoineachadh air a threuntais fein, agus am meas a bha air mar mhac righ, agus mar ghaisgeach òirdhearc ann an làithibhòige. ’S an àm sin thug nighean a bha ann an aon taigh ris tàire dha, agus labhair esan na briathran a leanas, ag innseadh gu h-àraidh mun uair a chaidh e a shuiridhe air Eamhar Aluinn, nighean Bhrian, acheud bhean a bhaige, agus mar a dhearbh e e-fhein mar ghaisgeach, agus na laoich a bha maille ris, an uair a thug e an ceann de Chormaig, leannan Eamhair Aluinn, agus an uair a mharbh e na laoich a bha maille ri muinntir Chormaig: tha eg innseadh mar a chaidh e-fhein agus a chuideachd le gàirdeachas a chumathar, agus Eamhar Aluinn aige, agus ceann Chormaigna laimh; ach an t-atharrachadh a thainig air on uair sin, gum faigheadh e tàire o nighinn. Agus tha e mar sheanfhacals aGhàidhealtachd gus an lathan diugh, an uair a bhios neach aosda, gun slàinte, gun stòras, gun chàirdean, gum bheil e mar a bha Oisian an déigh na Feinne.

Is tàireil duine far nach ionmhuinn,
Deireamsa ruitsanighean Aonghais;
Gun robh mi amdheadh laoch air bheirtibh,
Ged tha mi amsheann laochs an so.

An latha don deachaidh leinn,
Eamhar Aluinn an fhuilt ghrinn,
Nighean bu gheal làmhach glaic,
Leannan achoigrich Cormaig.

Ghluais sinn gu saoi Locha-léig,
An da fhear dheug a bfhearr fon ghréin;
Ge be a dhfhidreadh ar rùn,
Romhainn bu theichmheach droch .

Dhfhàiltich an sin Brian mac Luathair,
Don t-sluagh àluinn, àrd, gheal-ghlacach,
Gu nàrach, treòrach, neo-mheata,
Nach fhuilingeadh masladh, no tarcuis.

Dhfharraid e dhinn an glòir bhinn
Ciod an turus mun dthainig sinn.
Caoilte fhreagair air ar ceann:
A dhiarraidh do nighinn ortsa.”

Co dha a tha sibhg a h-iarraidh?”
Do Oisian uasal mac Fhinn,
S i mo nèarrachd a gheibh thu,
A laoich làidir, long-phortaich.”

Labhair Brian, ’s nin dubhairt breug:
Ged bhiodh agam da nighean deug,
Aig feobhas do chliùsan Fheinn,
Bhiodh acheud nighean aig Oisian.”

Dhfhosgladh le Brian an luchairt mhòr,
Air a tughadh le clòimh eoin,
Is lionadh le meanmnadh sinn uile,
Ag amharc Eamhair achas-fhuilt bhuidhe.

An uair a chunnaic Eamhar fhiall,
Oisian mac Fhinn, flath nam Fiann,
Thug an righ-bhean a bàille dreach
Gaol a h-anama don deadh mhac.

Gun dghluais sinn uile gu Druim-da-thorc,
S bha Cormaig romhainnna Long-phort,
G ar feitheamh le sluagh calama, dàna,
Mor chuideachd de laoich Fianntaidh-phàile.

Sluagh Chormaig gun do chasaid
Ruinne air an t-sliabh mar lasair;
Ochdfhear bha aig Cormaig cruinn;
Bionnan an gniomhs bu mhòr an colg:

Mac Cholla is Doirre nan creuchd,
Mac Thosgair threin, agus Taog;
Freasdal buadhach mac an righ;
Daighre nan gniomh bu mhòr àdh;
Daol a bha crodha air an leirg,
Is bratach Chormaig threinna laimh.

Ochdfhear bha aig Oisian treun,
Ionnans achath ghargg a dhion,
Mullach, mac Scein, agus Fiall,
Is Guillich fìor, saoi nam Fiann.

Faolann, agus Carshuil cas,
Dubh mhac Bhaoisge, nior tais colg,
Toscar an tùs triath nan lann,
Chaidh fon chrann air ceann fhear-bolg.

Thachair Toscars thachair Daol,
Taobh ri taobh an lathair an t-sluaigh;
Bha comhrag an churaidh threun
Mar gun dòirteadh gaoth achuain.

Bu chomhrag leoghain sin,
S chan iarradh iad sgian gu fuil;
Ged bu mhath dion sgiath nam fear,
Bha ceò mun rosgaibh dem fuil.

Fhreagradh mac-talla fuaim an sgiath,
S gach eun theich don iarmailt suas;
Bha fuaim an lann mar thorunn Eit-ghleann,
Is chriothnaich na sleibhtean mun cuairt dhaibh.

Chaidh an sleaghan cruaidh a spealtadh,
S bha srann an anail mar ghaoth àrd-bheann;
Bha ar seann-laoich is gach òg-bhean
Glé thùrsachs aghniomh bu ghàbhaidh.

Chuimhnich Toscar air an sgian,
Arm bu mhiann leis an fhear mhath,
Is chuir e naoi guin an taobh Dhaoil,
Sealan beag mun dchlaon an cath.

Bha comhrag air borbadh an t-sluaigh,
Mar fhuaim ùird le dearnaibh lamh,
Ag iarraidh gu Oisian gach uair
S achath bhuadhachthug a lamh.

Do sgoilt Oisian air an t-sliabh,
Caogad sgiath gu Cormaig cruaidh,
Is do bhrist Cormaig mac Airt,
Caogad lann glas air mo dhruim.

Thug min ceann de Chormaig treun
Air an t-sliabh air an do throid;
Is ghluais mi gu flath nam Fiann
Is an ceann amlaimh airfholt.

Thug mi Eamhar gu teach an righ;
Bu shaoibhir am fleadh is ceòl;
Is fhuair i di-bheathagus mùirn
O mathair fein mar bu nòs.

Thoisich Ullinns na bàird ri seirm,
Ag innseadh mo threubhadhs aghleachd;
Ag aithris gun robh mo thartair,
An àm a bhithspealtadh nan sgiath,

Mar shruth Laoire an àm reothairt,
No mar dhealanachs na neulaibh,
No cosmhuil ri spiorad Lòda,
Ateicheadhs an doinnionn eitidh;

No mar mhaoim sleibhe le faonach,
S astoirm atoirt chraobh as am freumhaibh,
Thuirt iad gun robh spionnadh mo laimhe
Mar dharaig aosdann am Morbheinn.

Is cruadhas mo lanns mo lùireach
Mar chreig Loch-léig’ ’s tonn dianga bualadh;
S gun dchriothnaich an tulach fo mchasan,
Is gun do thog mi fonn catha,
Air seann laoich ana-fhann,
S gum bonair don Fheinns do Eamhar
Cruaidh-chath Oisein an aghaidh Chormaig.

Dhéisd mathair ri cliù nam bàrd,
S rinn Eamhar gàirri cliù a treun-laoich;
S gach aon a bha ann an tùr Sheallama,
Thug urram do Oisians da cheud-bhean:

Ach Conan maol mac Morna,
Baill leis an fholachd a dhùsgadh,
S cheangail Iulinn a bhràthair fein e,
Gu daor, docrach, ’s thilg en cùil e.

Is e dhòrdaich mathair uasal
A chuibhreach fhuasgladh de Chonan,
Is fhuair e an t-slige tri uairean,
Is dhòl e di-bheatha do Eamhair.

Ge be dhinnseadh dhomhsa an sin,
An oidhche ud an tùr nam flath,
An t-eas-urram a fhuair mi a nochd,
Gum faigheadh e olc o mlaimh.



[207]

[Vol . 11. No. 26. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. .

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


ORAN.

LE IAIN MAC DHOMHNAILL MHIC ALASDAIR.

Dhéirich mise maduinn chiùin
S gun dthog sinn siùil ri garbh-chroinn,
Chunncas dùbhradh mor is dùdlachd
N dara taobh nuair dhfhalbh sinn.
S gun dsheid i bras le borb-thuinn chas,
S i tighinn a mach gu gailbheach,
S i ruith le sugh air bhàrr gach stùchd,
Ri togail smùidsan fhairge.

Bu mhath bhi nuair sinn coire luachrach
Shuas aig àiridh Uige,
Farm biodh na h-uains na caoraich luaineach
Ruith mun cuairt gu siubhleach;
Mi fhins mo chruinneag ri mo ghualainn
S deamhais chruadhach dùinte aic’;
Gach fear is gille ruith mun cuairt,
S bhiodh Domhnall Ruadh lechù ann.

Sud an gleann as bòidhche sealladh
Ann a maduinn reòta,
Le caoraich gheala, dhubh, is ghlasa,
Cuid dhiu tarr-fhionn, bròcach,
S bidh làir le searrachm bun gach bealaich
Suas ri srath nan lòintean.
S a dhaindeoin gaillionn no fuachd earraich
Chan iarr mart ann cròdhadh.

S iomadh caileag chuimir ghuanach
Thann ri uallach spréidhe,
Le cumans buarach dol don bhuaile
S laoigh mun cuairt digeumnaich.
Ben ceol nach bfhuathach leam an duanag
S iad a luadh air cléithe,
S mi-fhin mun cuairt daibhs piob rim ghualainn,
Cluich nan nuallan éibhinn.

S iomadh caileag bhòidheach, chuimir
Thann, nan suidhaig cuibhle,
Sniomh nan rolag, seinn nan luinneag
Bidh gach iorram bhinn ac’;
An snàths bòidhche falbh bhom meòirean
Cothrom, còmhnard, sìnte;
S am falt na chuaich air chùl an cluais,
S e togte suas, is cìr ann.

S ann leam bu deonach bhithsa chòmhlan
Madainn bhòidheach chéitein,
Ag éisdeachd comhradh nam ban òg
Toirt stòireanan da chéile;
Gach toirt barr air air bhòidhch’,
S iad modhail, eòlach, spéiseil,
Le cleoca gorm’ ’s len coileir dearg’,
Nuair bhiodh iad falbh don Leughadh.

A chials a nàir! bem biadhs am blàths
A bhith nur càirdeas daonnan,
Ri mires mànran cridheach, gàireach;
Be sud gnàths mo dhaoine.
Nan tachradh dhibh bhithsan àth
Air oidhche Mhàrt na h-aonar,
Gun loisgte pàirt oirre den ghràn
Le gille bàn Beinn Mhaoineis.

Nuair bha mi òg, mun drinn mi pòsadh,
Bha mi gòrach, aotrom
Falbh gu sporsailmeasg nan òighean;
Sud an seòl bu chaomh leam.
S an bhiodh còirs a bheireadh pòg dhomh
Shuidhinn stòldri taobh-se;
S on nach fuilingeadh ball na còir dhiom
Gheibhinn dòrn mun aodann.

Nuair thig an geamhradhs àm nam bainnsean
Gheibh sinn dram bhon Toiseachd;
Bidh nollaig chridheil aig cloinn-nighean
S aig na gillean òga;
Bidh mnathan féin ann subhach, éibhinn,
S iad ag gleusadh oran,
S bidh dram aig bodaich anns an fhodar
Sogan orra comhradh.

Gheibhteadh sgialachdan ro bhriagh
Aig bodaich liatha, cheanna-ghlas,
Biad sud na seoid nuair bha iad og
Gu iomairt bhò feadh gharbhlach,
Gum biodh iad tricsan Eaglais-Bhric
Ag iomain chruidh feadh gharbh-chrioch,
S cha rachadh bròg a chur mun spòig
Gu ruigte an ceo on dfhalbh iad.

Iainic Thearlaich far do làmh,
Tha sinne càirdeil daonnan;
Tha thusa fàs is mise cràmh,
S mo cheann cho bàn ri faoileig.
Bu mhor an toileachadh do phàisde
Gheibheadh blath ri taobh thu;
S nuair thig an geamhradh bidh tun sàs
Aig nighinn bhàn Mhic Mhaoilein.

S iomadh oidhche fhliuch is fhuar
A ghabh mi suas an t-àrd-chnoc
A shealltainn air a chaileig ghuanaich
Dan robh na gruaidhean nàrach.
Olc no math le luchd ar tuaileis,
A luaidh, gus mi ga tfhàgail,
Phòs min sin thus thug mi uath thu,
S bha sud cruaidh le Pàdruig.

Fhir a shiubhleas gu mo dhùthaich
S ann a Uig a dhfhalbh mi
Thoir beannachd dùbailte gan ionnsuigh
Chosdas crùintean airgid;
Is can ri seochd a thanns a Chùil,
An co-dhùnadh mo sheanachais,
Gur barail leam gum faic mi ghnùis
Mun teid an ùir air Armchul.

Rugadh Iain Domhnullach, Iain mac Dhòmhnaill mhic Alasdair, ann an Uig san Eilein Sgitheanach, mun bhliadhna 1797. Bha e beagan bhliadhnachansan Reiseamaid Duibh. Cha robhathar deònach e a bhithsan arm, agus cheannaich e as e. An déigh an t-arm fhàgail thainig e air ais do Ghleann Uige. Thug e fichead samhradhs a h-ochd aig iasgach an sgadain. Bhiodh e aig an taighsa gheamhradh. ’S ann aig an iasgach a bha e nuair a rinn en t-òran so. Chaochail esa bhliadhna 1875. Rinneadh iomadh òran leis, achs es dòcha nach gabh iad faighinn an diugh.


CUMHA

Do dh-Eoghan Mac-Lachainn, a chaochailsa bhliadhna 1822.

LEIS AN URR. IAIN MAC-AN-T- SAOIR, LL. D.

S misiubhal fo dhubhar a Mhill
Thasgàileadh na Cill so shuas,
Tha maigneadh trom, osnachail, tìom,
S mo shòlas cha till ri luaths.

Tha mulad, tha mulad gam chràdh
Bhon chàireadhd tun tàmh nan leac,
A chaoimhichbu dealasaich gràdh,
Mhic-Lachainn nan dàn lan beachd.

Mo chreach! ged a bòirdheirc do ghnàths,
Ge biomadach tàireamh bhuadh,
Gum beudar dhuit striochdadh don bhàs,
Is laighen caol-thàmh na h-uaigh’.

Mo leon gun do strìochd thu cho tràth,
Mo bhròn gun do thàmh cho luath!
Dhfhàg so sinn fo airtneals fo phràmh,
S fo smalansan Airde Tuath.

Gun dug thu lom-sgriob oirnn, a Bhàis,
A dhfhàg sinn gu cràiteach, bochd,
Ar n-ùr-choill, an àilleachd a fàis,
A rùsgadh bho bhàrr gu stoc.

Gun dfhàg thu Lochabar fo bhròn,
Cha leighis ar leòin ri luaths;
Gur geur so a chneidh a laigh oirnn
Bhon mheath thu ar dòchas bhuainn.

Gun dspuinn thu bhuainn tuigsear nan teud,
A rianadh an t-séis le dòigh;
Ard-iulair na fileachds gach seud
Bhan ealaidh na Gréigs na Ròimh.

Fear-eòlais gach cainnt am measg sluaigh.
Sàr thuigsear gach buaidh fon ghréin,
Sàr ghliocair gach rùnachdtha shuas
Feadh chian-imeachd cuairt nan speur.

An t-Abrach, Mac-Lachainn nan dàn,
An Gàidheal as àirde cliù;
A bha de gach nàisinneachd làn,
S a dhfhòghlum gach gnàths a bfhiù.

Bu mhilis do chòmhradhs do cheòl,
S gum bfhileanta glòir do bhéil;
Con nischuireas ranntachd air seòl,
Mo nuar! bho nach beò thu-féin?

Tha filidh nan Aimsir gun lùth,
Air breothadhsan ùir bho chian;
Cha dearrs gath na gréinair a shùil,
S tha spiorad a chiùil gun mhiann.



[208]

[Vol . 11. No. 26. p. 8]

Thig earrach, thig samhradh mun cuairt,
S thig foghar nan sguab nan déidh,
Thig geamhradh le ghailbhinnean fuar’ ,—
Ach corannas duan gan seinn?

Ach nochdaidh an t-earrach, nathràth,
Gu bheil e am bàigh don t-seòd,
Oir sgaoilidh eghorm-fhalluinn àigh,
Gu driuchdach, trom, tlàth airfhòid.

S an samhradh le dhìtheanan snuagh
Ni cionthar mu bhruaich do theach;
S na dhéidh thig am foghar fo ghruaim
A sgeadachadh tuaigh le dreach.

S ge colgach, neo-bhàigheil dubh-ghruaim
A gheamhraidh neo-thruacant’, ghnùth,
Gun siubhail eg osnaich mu dthuam,
A sileadh nam fuar fhras dlùth.

Tha mulad, tha mulad gam chràdh
Bhon chàireadh tun tàmh nan leac,
A chaoimhichbu dealasaich gràdh,
Mhic-Lachainn nan dàn lan beachd.


ORAN.

LE TORMAID MAC-NEACAIL.

LUINNEAG.
S gann gun dìrich michaoidh
Dh-ionnsuigh frìthean a mhunadh;
S gann gun dìrich michaoidh.

Fhuair mi litir a Duneideann
G ràdh nach feud mi dhol don mhunadh.

Pàdruig Mor aig Ceann Lochd-Aoinard,
Rinn en fhoills cha drinn e buinnig.

Tha mo ghunna caol air meirgeadh,
S chan fhaod mi a dhearbhadh tuilleadh.

Tha en crochadh air na tàirngean,
S cha do thoill eàite fuirich.

S iomadh latha sgìth a bha mi
M shuidhe leis, ’s e làn, air tulaich;

Gabhail seallaidh air na sléibhtean,
Far am bi na féidh a fuireach.

Far am biodh an làn-damh brùit
Nuair rachainn-sa le mrùn air muilinn.

S tric a mharbh mi fiadh àrd bheann
Air na glìnn a bàille culaidh.

Ach on dhfhàs an lagh cho làidir,
S fearr bhith sàbhailt o gach cunnart.

Nan robh crodh againn air buaile,
Dhfhaodainn luaithechur a gunna.

Ach an nis is feudar strìochdadh;
S fear gun chiall a theid an cunnart.

Fhuair mi rabhadh bho na h-uaislean,
Gun mi ghluasad le mo ghunna.

S iomadh latha bha sinn còmhla,
Is mo làmh gu fòil mu mhuineal.

Bhon a chiad la fhuair mi còir air,
Be mo shòlas is mo chuideachd.

Fàgaidh mi an nis an tir so
Chan fhaigh minntinn sìth innttuilleadh.

Bheir mi ruaig gu còrsnan Innsean
Feuch an dean mi-fhìn am buinnig.

Chan fhaic Pàdruig mi air fàireadh,
S cha ruig stàirneach chruaidh mo ghunne

Phos Domhnall Mor Mac-Neacail an Sgorrabreac Mairearad, nighean Thormaid Dhomhnullaich an Sgalpa, agus bha seachdnar chloinne aige rithe, Calum, Siusaidh, Seonaid, Tormaid, Lecsi, Iain agus Seoras. Bha Calum san arm. Thainig Tormaid, Iain agus Seoras do Mhearamasi an New Brunswick, ach chaidh iad as a sin do dh-Astràlitha. Rugadh Tormaid mun bhliadhna 1798. Bha e measail air bhith a sealgaireachds ag iasgach. Bha e na dhuine làidir, tapaidh, agus na shnàmhaiche comharraichte. Chaidh a bhàthadh an Astràlitha.

Bha brathair mathar Thormaid na fhear-lagha an Duneideann. Chuir e litir gu Tormaid ag innse dha gun robh e ga chur fhéin ann an cunnart le bhith a marbhadh nam fiadh agus a sparradh air sgur den t-sealgaireachd.


ORAN AN RODAIN.

LE NIALL RUADH MOR.

A rodain mhosaich, spiorralaich,
S tu criomadh mo chuid bhrògan,
Nach doir thu sios am muileann ort,
Far minic bha thu còmhnuidh;
A fuireach anns an àite so
Am freasdaltrash ,is càtha ann:
Sud far am biodh tu sabhailte
S nach fàilligeadh do lòn ort.

Chuireadh na mo sheasamh mi
Air eagal feadh na h-oidhche,
Nuair thainig thusa stàireachd
San aiten robh mim shìneadh;
Bha mo chòta bearnach orm,
Beag ioghnadh gun do shàbhaladh
Gun sgaiteadh do chuid chlàragan,
S gun sàbhadh tu leò déile.

Cha robh càil a dhiomall agam
A burrainn dutsa falbh leis:
Bìdeag de bhloigh coinneil,
Amhin a bhasa bhalg agam;
Ach ma ghoid thugheir orm,
Gun do dhfhàg thu gun soilleireachd;
Nam bithinnsort air beireachdainn
Bha coinnean teith ri t-earball.

A rodain mhosaich, mhollaichte,
Grad sheachainn mi gu siorruidh,
S toirmeasg thu na ragaireachd,
S tu rag-mheairleach na Criosdachd;
Tha casag fhada, lachdann ort,
Stiup gu slìobadh chraiceannan
Chaneil cail a thachras riut
Nach cagainn thu fo dfhiacail.

Tha cloitein grànda, lachdann ort,
Tha aodann cairtidh, fearaghaidh,
Tha sròn a choin gu puntaireachd,
S e trusdaireachd is ainm dhut,
Do dha shùil bheaga, sgionnalach,
Tha iad cho math gu furachail,
S fiaclans miosa cumadh
A burrainn dhol an carbad.

S gur math a ni thu eacarsaich
Le paidhir phlatan spàgach,
Tha iongnan fada, cromagad
Gu tolladh gach ni thàrras tu;
Bidh tu falbh is stiùpan ort
Ag ialaidh feadh na cùilean sin,
Ma thionndas mi mo chùlaobh riut
Gun toir thu cùis bhar plàta.

A rìgh! gur seangach, lachdann thu
Gu tàrsail as gun mharbhadh;
Gur h-olc an àm an fhoghair thu
Gu cladhach am measg arbhair:
Chan fhag thu cruach gun tolladh aca,
S ghearradh tu na ballaichean,
Bu mhath gu deanamh loman thu,
S droch coinneamh air do charbad!

Chaneil bean bhochdsan dùthaich
Nach dùraigeadh do mharbhadh,
Chaneil càil a chruinnicheas iad.
A mhin no dhìm air falbhan,
Bidh thusa, ’bhiasd, ga chaitsigeadh,
Chan fhag thu balg gun sracadh,
Sud a cheaird a chleachdadh leat,—
S tu rag-mheairleach an armadh.

Bha Niall Mac-a- Bhiocair, Niall ruadh mór, nachadal ann an àtha, far an biodh iad acruadhachadh gràn, an uair a dhùsgadh e leis an rodan. Tha e air a radh ma dhaoirear na rodain gun teich iad, rud a rinn Niall ruadh. Bann air an oidhche a bha eg obair. Rugadh e ann an Uidhist mu thuath. Thainig e do Cheap Breatunn, agus bha efuireach ann an Catalone, far an do chaochail e o chionn leth-cheud bliadhna air ais.

Fhuair mi an t-òran so o dhuine còir, gasda, a tha fuireach pios am mach a baile Ghlace BayIain Domhnullach, Iain mac Alasdairic Dhomhuillic Thormaid. Thug e dhomh mar an ceudnaOran nam bodach,” agus tha mideanamh dheth gun toir e dhomh feadhainn fhathast de dhorain Nèill ruaidh. Tha cuimhne mhath aige. Ma chòrdas an t-oran so riut fhein cuiridh miOran nam bodachugad an ùine gun bhith fada.

PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.


The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.

Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 2,500,000

ARD OFIS, TORONTO.

AN T-ONORACH DEORSA A. COX, B. E. WALKER,
Ceann-Suidhe. Ard Mhanager.

Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager

Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhen Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor

Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas dem faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhen t-saoghal.

BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhen bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


SYDNEY & LOUISBURG RY.

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhIun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bay aig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bay aig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bay aig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bay aig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 26
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XI No. 26. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page