[Vol . 11. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 8, 1902. No. 3.
An Oraid Ghailig
A bha air a labhairt aig coinneamh bhliadhnail Chomunn Ghàilig Inbhirnis, leis a Choirneal Iain Mac-Ghriogair, M. D.
CHUIR Comunn Ghaidhlig Inbhirnis comain mhor ormsa, nuair a chuir iad cuireadh ugam tighinn air an oidhche chridheil, cheòlmhor so, air son facal no dha a labhairt ann an cainnt mhaiseach ar sinnsear. Tha comunnan de ’n t-seòrsa so iomchuidh agus feumail, airson cumail cuimhn’ air an t-sluagh agus an tìr da ’m buin sinn. Tha iad, mar an ceudna, cho feumail aig a’ bhaile ’s a tha iad bho na bhaile, cho feumail ann an Inbhirnis agus a tha iad ann an Lunnuin, cho feumail ann am Peairt agus a tha iad an Duneidin, cho feumail anns an Oban agus a tha iad ann an Canada, Australia no New Zealand; do bhrìgh ma chailleas sinn cainnt ar sinnsear aig an dachaidh, nach bi i againn, airson a cumail no call, an uair a theid sinn a null do thìrean céine. Bidh sinn ri cluinntinn gu minig a’ cheisd air a cur: “Am faigh a’ Ghàidhlig bàs?” Ach na ’m biodh sinn cho dichiollach airson a cumail beò ’sa tha sinn deònach air a bhi seinn a tuireadh, cha ’n fhaigheadh a’ Ghàidhlig bàs cho luath ’sa tha cuid ri smaoineachadh. Tha cuid ri cuir as leith na Gàidhlig nach ’eil i freagarrach no feumail air son cur an geill gnothuichean gnàthaicht’ ar caithe-beatha, o là gu là; ged tha i gle mhath airson ùrnuigh no amhran (òran), no eadhon suiridh a dheanamh innte, gidheadh nach ’eil i freagarrach airson reic is ceannachd agus gnothuichean saoghalta de ’n t-seòrsa sin. Tha so fior ann an tomhas, ach cha ’n e coire na Gàidhlig a th’ ann, ach coire nan Gàidheal. Ni cleachdadh coimhlionta. Agus na ’m biodh sinne ri cleachdadh na Gàidhlig ni ’s mo na tha sinn, bhiodh a’ chainnt ri fàs farsuinn mar tha ’Bheurla, an àite bhi searg as. Cha ’n ’eil cainnt sam bith, an uair a bhios eòlas ri meudachadh, anns nach faighear focail nach buineadh dhi o thùs. ’S iomadh innleachd agus eòlas a fhuaireadh a mach o bha Adhamh le féileadh beag de dhuilleach nan craobh ri deanamh gaol agus brìodal binn Gàidhlig ri Eubha ann an Gàradh Eden. Agus tha ’Ghàidhlig a cheart cho comasach air greim agus air feum a dheanamh air focail ùra ri cànan eile. Ach cha ruig sinn a leas airson sin a bhi measgadh na Gàidhlig le cànanan coigreach, mar bhios moran a’ deanamh, an uair a bhios focail anns a’ Ghàidhlig féin a cheart cho freagarrach, agus ni ’s freagarraiche, airson a’ chùis a chuir an ceill. An saoil sibh gu ’n tuigeadh na sean Shasunnaich gach focal Beurla ’tha na Sasunnaich ri cleachdadh aig an àm so? Cha tuigeadh; oir mar tha eòlas ri craobh-sgaoileadh, tha Bheurla ri fàs ni ’s farsuinne agus, ma dh’ fhaodas mi ’radh, ni ’s fasanta, o linn gu linn. Tha mi duilich a chreidsinn gu ’n robh na Sasunnaich anns an doigh so ni bu dilse do chainnt an sinnsear na bha na Gàidheil do ’n Ghàidhlig; oir na ’m biodh na Gàidheil cho toigheach ’s cho déidheil air a’ Ghàidhlig ’s a bha na Goill air a’ Bheurla, cha bhiodh a’ Ghàidhlig cho dìblidh ’s a tha i aig an àm so. ’S e faoinealachd agus féinealachd nan Gàidheil a mhill a’ Ghàidhlig. Thòisich uaislean ri dol suas do Shasuinn, agus ri smaoineachadh nach biodh iad uasal gu leor ann an sealladh an t-sluaigh, an uair a thilleadh iad dachaidh, na ’m biodh iad ri bruidhinn Gàidhlig, ged nach robh na Goill a riamh cho uasal fuil ris na Gàidheil fhéin. An uair a rinn na daoine mora mar so, thòisich muinntir eile ri leantuinn an lorg an ceuma. Cha bhi càil nàir’ air diùc no air tighearna Sasunnach bruidhinn Beurla, ged chluinneadh iad an tràill a’s suaraiche ri bruidhinn anns a’ chainnt sin. Ach tha moran de na Gàidheil, agus ma thachras doibh dol do Ghlaschu no Lunnuin, airson bliadhna no dha, ’s ann a bhios iad ri cumail a mach, an uair a thig iad dachaidh, gur e daoine mora bhios annta féin, ma leigeas iad orra gu ’n do chaill iad a’ Ghàidhlig, ged nach biodh a’ Bheurl’ ac’ ach gle mhabach. Bidh an leithid so ri foighneachd dé ’s fhiach a’ Ghàidhlig agus dé ’n fheum a th’ innte, airson cosnadh ar n-aran làitheil. Ach dé ’n fheum a tha ’san ite ’th’ ann an stiùir a’ choilich? Gidheadh cha bhiodh an coileach iomlan as eugmhais na h-ite; ni mo bhios Gàidheal iomlan as eugmhais na Gàidhlig. Nach cuimhne leibh, mar an ceudna, nach ann le aran a mhàin a bheathaichear duine, ach leis gach focal a thig a mach—á beul na Gàidhlig! Cha ’n ’eill buill a’ Chomuinn so, cha ’n ’eil sinne leis am b’ àill seasamh coir na Gàidhlig, ri cumail a mach gu ’n dean na Gàidheil a’ chuis as eugmhais Beurla. Am fear a chumadh sin a mach, cha bhiodh e dìleas aon chuid do ’n Ghàidhlig no do na Gàidheil. Ach an aghaidh sin faodaidh sinn freagradh nach e mhàin gu ’m bu choir dàimh a bhi againn ri cainnt mhaiseach ar sinnsear, ach mar an ceudna gu ’m bi buadhan ar n-inntinn ri fàs farsuinn, le eòlas a bhi againn air cainnt no dha eile a bharrachd air a’ Bheurla. ’S e fior cheann circe nach urrainn giulan da no tri chànanan, gun uallach sam bith a chuir air ’eanchuinn. Is eutrom an t-eallach an t-eòlas. Mar is mo ar foghlum ’s ann is comasaiche bhios sinn airson ionnsachadh tuilleadh. Thuirt Festus ri Pol gu ’n robh mor fhoghlum ga ’chuir air bhoile. Na dh’ aidich Pol bochd ri so. Cha d’ aidich. Ged bha Pol na ’dhuine beag anmhuinn na phearsa, bha e anabarrach duineil agus dìleas na ’nadur. Agus na ’m b’ e ’n fhìrinn a bhiodh aig Festus, dh’ aidicheadh Pol ris an fhirinn, ged nach aidicheadh e ris a’ bhreig airson Festus no neach sam bith. Cha ’n ’eil mi-fhein ag àicheadh nach ’eil foghlum an drasda ’s a rithist ri cuir cinn air bhoile. Ach airson gach aon a tha ri call a chiall le mor fhoghlum, tha fichead ri call an ciall do bhrigh nach ’eil cinn ac’ airson foghlum no ciall a chumail. ’S cuimhne leis a mhuinntir sin agaibh a tha eòlach air na Sgriobtuirean gu bheil tri nithean a bhuineas do ’n Chrìosduidh—Creidimh, Dòchas, agus Gràdh—ach ’s e ’n Gràdh a’s mo dhiubh so. Ma dh’ fhaodas mi, ma ta, car tamull, coimeas nithean talmhaidh ri nithean neamhuidh, gun oilbheum sam bith a thoirt do ’n fhìrinn, faodaidh mi ’ràdh gu bheil tri nithean, mar an ceudna, a bhuineas gu h-àraid do ’n Ghàidheal—am feileadh beag, a’ phiob mhor, agus a’ Ghàidhlig—ach ’s e ’Ghàidhlig a’s mo dhiubh so! Ceart mar is e Gràdh a’s mo na Creidimh no Dòchas, ann an aidmheil a’ Chriosduidh, mar Chriosduidh, ’s e ’Ghàidhlig a’s mo na piob no feileadh, ann an aidmheil a’ Ghàidheil, mar Ghàidheal. Tha ghnath-fhocal am measg nan Gall: “Gur duilich a’ bhriogais a thoirt deth ’n Ghàidheal.” C’arson? Airson nach b’ àbhaist briogais a bhi air, ’s nach b’ urrainnear toirt deth an còmhdach nach robh e ’giùlan. Ach, mo thruaighe, thriall an àm sin ’s tha eagal orm nach till e tuilleadh; oir ’san linn sam bheil sinne beò, ’s ann a tha e duilich toirt an fhéilidh deth ’n Ghàidheal, ’s cha ’n e bhriogais, agus airson an aon reuson ceudna—nach bi féileadh air. Ach ged bhiodh na Gàidheil cho déidheil air an fhéileadh ’sa bha iad riamh, cha b’ urrainn e bhi orr’ an còmhnuidh. Cha bhi iad an còmhnuidh ri codal anns an fhéileadh, am bi? Agus an uair a bheir iad dhiubh am féileadh, bidh iad dìreach mar bha Samson ’nuair a ghearradh ’fhalt—cosmhuil ann an cruth ri daoin’ eile. Mar sin, a dh’ aindeoin ’s cho déidheil ’sa bhios cuid againn air sgal na pioba, cha ’n urrainn i bhi ’n còmhnuidh fo ar n-achlais, no feadan aice bhi ’n còmhnuidh na ’r pluic. Ach bu chòir do ’n Ghàidhlig a bhi aig an fhior Ghàidheal cho fad ’s a bhios teanga na ’cheann. Bha ’Ghàidhlig aig a’ Ghàidheal ma ’s robh aon chuid piob no féileadh aige, an uair a bha e ri ruith ’s ri leum, luath, lomnochd, air feadh beanntan agus gleanntan na Gàidhealtachd. Nach ’eil sibh a nis, a’ chàirdean, ri tuigsinn c’arson bu chòir duinn cumail suas na Gàidhlig cho math ’s is urrainn sinn. ’S an àite mu dheireadh, do bhrìgh gur e eisimpleir a’s fearr na comhairle, innsidh mi dhuibh mar a dh’ éirich dhomh fhéin, agus ciamar a chum mi ’Ghaidhlig na ’m chuimhne. Bha mi aon turus corr agus ceithir bliadhna deug gun chluinntinn smid Gàidhlig o neach eile. Gidheadh an uair a thàinig mi air m’ ais do ’n Ghàidhealtachd, bha ’Ghàidhlig agam ni b’ fhearr na ’n uair a dh’ fhalbh mi. Leughainn ni b’ fhearr agus sgriobhainn ni b’ fhearr i na ’n uair a dh’ fhalbh mi. ’S ann mar so a thachair: An uair a dh’ fhairich mi mi-fhein ri call na Gàidhlig, thòisich mi ri leughadh agus ri sgriobhadh na Gàidhlig, ach gu h-àraid—ri seinn na Gàidhlig; eadhon gus an àm so cha mhor gu ’n teid là seachad gun mi leughadh beagan Gàidhlig. An dràsda ’sa rithist, mar an ceudna, thòisichinn ri sgriobhadh amhran ùr Gàidhlig leam fhein, air seann fhonn a b’ aithne dhomh roimhe, no air fonn ùr a bhith-
[Vol . 11. No. 3. p. 2]
inn fhein a feuchainn a chuir ri chéile. Mar bha ’n t-àm ri ruith, bha na h-amhrain ri fàs lionmhor, gus na sgriobh mi mu dheireadh timchioll tri fichead ac’, a chlo-bhuail mi ann an leabhar do ’n d’ thug mi ’n t-ainm neònach “Luinneagan Luaineach,” oir bu luaineach mo chos agus mo chridhe fhein, an sud ’s an so, an dràsda ’s a’ rithist, ri figheadh nan amhran. Cha mhor, mar an ceudna, gu bheil aon amhran anns an leabhar nach b’ urrainn mi-fhein a sheinn, agus nach do sheinn mi iomadh uair ann an iomadh àit’ iomallach de ’n t-saoghal nach cuala ’Ghàidhlig a riamh roimhe agus, is maithid, nach cluinn i gu bràth tuilleadh. ’S iomadh uair, cuideachd, air feadh nam bliadhnachan ud, agus bliadhnachan na ’n déigh, a bha e gle choltach, air muir ’s air tìr, nach faicinn fraoch na Gàidhealtachd a chaoidh. Ach faiceadh no nach faiceadh, b’ e mo dhùrachd a bhi beò agus bàsachadh mar Ghàidheal nach treigeadh cainnt mhaiseach Tìr nam Beann, nan Gleann ’s nan Gaisgeach. Cha b’ ann airson airgiod no airson òr, cha b’ ann airson urram no glòir a rinn mi so. Cha ’n ann, ach
Air sgàth na làithean fad o chian,
Na làithean sin a thriall uainn.
Tha mi toilichte bhi comasach air innseadh so dhuibh air an oidhche nochd, mar fhocal na firinn; cha ’n ann mar ghill’ òg ri fàgail a dhùthcha, gu dhichuimhneachadh ann am bliadhna no dha, gach rùn diomhair a rinn e, ach mar fhògrach air tionndadh dhachaidh leis ’m bu mhiann a riamh a bhi dileas do ’n Ghàidhlig agus do ’n Ghàidhealtachd. Tha mi, mar a thubhairt mi, ga ’innseadh dhuibh airson eisimpleir mar an ceudna; agus ma ni sibhse mar a rinn mise, ’s mar tha Comunn Ghàidhlig Inbhirnis a’ deanamh, cha ’n fhaigh a Ghàidhlig bàs.
O, togaibh, togaibh fonn, togaibh fonn air a’ Ghàilig,
A chànan ro uasal ’thug buaidh air gach cànan,
Biobh dileas d’ ur sinnsear ’s do’n dileab a dh’ fhàg iad,
’S an subhachas no ’n eigin na treigibh gu bràth iad.
Iain Mor nan Ord.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. X.
ANNS A BHEIL CLADHACH, LEUM AGUS CAITHEAMH.
BHEOTHAICH dòchas gu làidir an com dìleas Màili, air dhi guth Eachuinn aithneachadh. Bha ’h-inntinn ’san àm fo throm neul, a bha air thuar a tuigse ’mhùchadh buileach glan, na ’m biodh i moran na b’ fhaide ’san t-seòmar aognaidh, dhorcha ’san robh i, an seann chaisteal an Tuilm Uaine. B’ ann air son so a thachairt a chaidh a cur ann; oir a thaobh Uamha nan Tonn a bhi ri bùirich thùrsaich, uamhalta, gun abhsadh fo ’n t-seòmar, bha Eanruic dubh a smaointean gu ’m milleadh e reusan an duine bu treise càil, a bhith ceithir-uairean-fichead ’san dorchadas aonaranach ’san àit’ ùdlaidh so. A bharr air a sin, mar a dh’ ainmicheadh an àite eile, cha b’ ann air cumhachdan nàdair a bha so air fhàgail idir, agus thug a chailleach, Muime na h-Airidh, an deagh aire air gach ùrsgeul a b’ uamhasaiche na chéile aithris agus a dheilbh, mu na moirt ’s na marbhaidh, a thachair agus a bha gu tachairt ’san t-seòmar—mu na taibhsean, na tamhaisgean, agus gach facal eile tha ’m faclair dhùthaich nan spiorad, an eisdeachd Màili, air son sin a thoirt mu ’n cuairt na bu luaithe. Bha Muime na h-àiridh agus a maighstir ùr a deanamh an dichill gun teagamh gus an òigh Ghàidhealach—a chuir gu ’n dùlan iad, agus nach striochdadh dha ’n iarratas ’s an anail innte—a chur as a céill; agus ged a bha inntinn làidir aice, ’s i eòlach air a bhith iomadh uair na ’h-aonar an uaigneas nam beann o ’h-òige, bha i air thuar a misneach a chall, agus b’ ann mar sin na àm a ràinig guth Eachuinn i, a toirt misneach agus beath’ ùr dhi. Bha fios aig Eachunn gu ’m bu chreag chruaidh a bha ga ’chuartachadh an uair a bha e tighinn troimh ’n uamha, agus thuit a dhòchas, air dha smaointean nach robh innleachd air Màili a shàbhaladh o’n taobh ud co dhiubh, agus gu’m biodh e gu math doirbh a faighinn as air doigh sam bith eile. Thug Eachunn sgriob os a chionn le ’laimh, agus dh’ ùraich a dhòchas an uair a thainig meall de ’n chreig leis air an ionnsuidh. Thuig e ’n uair sin gu ’m bu chlach phronn ghainneamh a bha os a chionn, agus eadar e ’s Màili, agus mar sin gu ’m biodh e furasda gu leor le inneal gheur cladhach ga ’h-ionnsuidh, oir bha fios aige gu ’n robh ’n t-urlar air a dheanamh air leacan ’s na seòmraichean iosal dorcha so. Ach cha robh ùine aige air ni dheth so a dheanamh a nis, oir thainig guth Iain Mhóir uige ga ’ghreasad a mach ’san lionadh a tighinn, ’s iad an cunnart an glacadh leis na tuinn. Mar sin le facal na dha misnich do Mhàili ’s a gealltainn tilleadh an ath oidhche ga ’sàbhaladh dh’ fhàg iad an t-áite, agus b’ ann na àm, oir mu ’n d’ fhuair iad a mach bha na tuinn ag eiridh cho bras ’s gu ’n robh an cinn, ’s iad na ’n crùban ’sa bhàta, a bualadh am mullach na h-uamha. Air an ath oidhche bha na fir aig beul na h-uamha, ’s Gilleasbuig beag na ’n cuideachd, a feitheamh ri tilleadh an làin, agus cho luath ’sa fhuair iad a stigh chaidh Eachunn gu obair le uile dhichioll, le pios do sheann chlaidheamh a chuir làmh ghléusd Iain Mhóir air dòigh dha. Bha mar an ceudna coinneal aige gu solus air a deanamh air pàirt de ’n gheir a bh’ aig Gilleasbuig ma seach. Cha robh Iain Mór riamh cho diombach dhe ’mheudachd ’sa bha e ’n oidhch’ ud, o nach leigeadh i leis a dhol a chuideachadh a charaid; ach chinn Gilleasbuig gu math feumail a tarruinn a mach na bha Eachunn a leagail. B’ ann an ath latha bha na cluichean Sasunnach gu bhith aig Caiptean Eanruic an onair a charaide mor, Seanalair Fits-Eòin, agus mar sin bha toil aig na fir an obair a chriochnachadh an oidhch’ ud na ’m b’ urrainn iad idir. Bha e cur ioghnadh gu leor orra c’arson a bha Eanruic a dol a chumail chluichean, no a chuireadh dhaoine thun an t-seann chaisteal fhalachaidh so, an uair a bha caisteal Strath Ghlinn fhein fo ’riaghladh ’s moran na bu fhreagarraiche; ach faodar a ràdh nach b’ ann le ’thoil a bha so mar so. B’ ann is tuilleadh ’sa chòir do dhriuchd nam beann na ’cheann an cuideachd an t-seanalair a dh’ innis e dha mu chaisteal an Tuilm Uaine, agus chòrd e cho math ris an duine mhor sin ’s gun tug e air gealltainn fhàilteachadh ann leis gach greadhnachas, an uair a rachadh e dh’ amharc air, an àite caisteal Strath Ghlinn, far na gheall e sin a dheanamh. —Dh’ obraich Eachunn cho math ’s gu ’n do ràinig e leacan ùrlair a’ phrìosain aig Màili mu ’n do thill na tuinn luasganach, ach an uair a bha e dol a dh’ fheuchainn ris na leacan a thogail air son Màili fhaighinn leis, thàinig guth Iain Mhóir ga ’ghreasad a mach, ’s ged bu chruaidh leis b’ fheudar dha a fàgail gus an ath oidhche. Gu math moch ’sa mhadainn thoisich gach seòrsa bàta air cruinneachadh aig gob Rudha na h-osnaich, gus mu dheireadh an robh àireamh mhor ann, air a h-uile dath is cumadh a chunnaic sùil riamh an Alba. Ann an ùine ghearr chaidh iad an òrdugh, na ’n da shreath, mu fhichead shlat o chéile. Mun do thàrr iad a bhith mar sin nochd a bhìrlinn riomhach a bha giulain an t-seanalair mhoir, a bha na ’sheasamh gu móralach fo ’n bhrataich. Dh’ fhàiltich na saighdearan e gu fuaimneach, na ’n seasamh air gach taobh ’s na bàtaichean, air dha seòladh suas eatorra thun a’ chidhe bhig a chaidh a dheanamh air a shon, far an robh Caiptean Eanruic fhein ga ’fheitheamh le ’chuid oifigich. An deigh gach ioghnadh a bha mu ’n cuairt fhaicinn, agus iad fhéin a shàsachadh aig cuirm ’san fhìor dhòigh Shasunnaich, thòisich na cluichean, agus bha iad nan teas suas mu leith-fheasgar. Bu phròiseil, spaideil Caiptean Eanruic, ’s dùil aig’ air an fheasgar ud sluagh an t-saoghail gu leir a bheatadh air a chruith-leum. Bha fios aig na h-oifigich a bha fodha ’s aig na saighdearan air na bha na uigh, agus air na dòchasan àrd a bha e ag altrum, ’s mar sin bha fios aca ged a rachadh ac’ air, no aig cuid dhiubh co dhiu, gu ’m pàigheadh e gu mor na b’ fhearr dhaibh leigeil leis a chaiptean am beatadh gu léir. Mar sin an uair a thàinig àm na deuchainn ’sa thàinig an caiptean thun na h-ionaid an robh dùil aige urram a chosnadh dha fhéin ’s dha dhùthaich, bhual iad uile am basan, ga ’chur suas do ’n treas neamh an glòir. Cha robh de dh’ aodach uime air son a bhith aotrom na bheireadh a phoit bheag bhar an teine. Thòisich an leum. Sheas an caiptean mar fhuamhaire losguinn, is ghearr e cheud leum, agus a thaobh e bhith aotrom ’s a ghaoth na ’chùl an uair a dh’ éirich e cha do stad e gus an deach e sia troidhean. Chaidh iolach àrd a thogail air dhaibh so a thomhas, agus an uair a fhuair an caiptean a mach gun deach e suas ri troidh seachad air na bha dùil aige, is gann a chumadh e ’n spiorad a dhùisg gun a cholunn chrion a spreadhadh as a chéile le pròis. Dh’ fheuch na h-oifigich ’s na saighdearan na dheigh sin, ach bha iad gu léir troidh air dheireadh air a chaiptean, a bha na sheasamh le ’lamhan an ceannamh a leas, is fiamh gàire air a ghnùis ga ’n amharc. B’ ann ’san àm so a thainig Iain Mór agus Eachunn; ’s air do ’n fhear mu dheireadh dhe na Sasunnaich an leum a ghearradh, chaidh Eachunn air adhart na ’àite agus sheas e air an làraich. “Tha thu air tighinn, ’òganaich!” ars’ an caiptean; “is math an t-àm. Feuch an teid agad air tighinn suas ris a sin!” ’s e tomhadh a chorraig ri làrach a dha shàil fhein. Theannaich Eachunn a shàiltean ri chéile, ’s fo dheise thruim Ghàidhealaich ’s le bhreacan dlùth ballach chruinnich e e-fhein is dh’ éirich e o thalamh, ’s cha do bhual e rithist e gus an deach e sia troidhean seachad air leum a chaiptein, a cur ioghnadh an uamhais air na bha làthair. “An fhoill! an fhoill!” ghlaodh an caiptean, “ ’s e ghaoth a thog e! Nach fhaic sibh na sgiathan a th’ air! Ghearradh duine marbh leum ach na h-uiread ud de dh’ aodach sgaoilte bhi mu ’n cuairt air!” Cha dubhairt Eachunn guth, ach thionndaidh e is sheas e far ’n do bhuail a dha shàil, agus leum e air ais agus leth troidh na b’ fhaide an aghaidh na gaoithe. Cha robh ’n corr aig a chaiptean ri ràdh; dh’ fhàs aghaidh dearg, is thug e sùil ghuineach air a Ghàidheal òg a chuir am fear sin na b’ fhearr air fhaicill. Thòisich a nis caitheamh an ùird mhóir, ach b’ e na rionnagan faoine dh’ fheuch an toiseach air son an t-eadar-dhealachadh a nochdadh na bu shoilleire, an uair a chaitheadh a ghrian dhearrsach fhéin, an seanalair mór, e. Mu dheireadh sheas e na ’àite cho geal ri aingeal, ’s ma bha bualadh bhas ann an uair a bha ’n caiptean air a stòl, theab iad an cnàmh a nis. B’ e té de chluichean na dùthcha a bha so, is bha cóig no sia de dh’ ùird mhora ann, trom is aotrom, mar a fhreagradh air na coimpirean. B’ e òrd cumanta ’bha càch a caitheamh, ach thog an seanalair fear
[Vol . 11. No. 3. p. 3]
a dha uiread ris, car a thug iolach ait eile mach, agus ga ’chaitheamh le uile neart chuir e e cho faisg air a bhalla ri sia troidhean, agus deich troidhean seachad air caitheamhan muinntir an ùird bhig. O nach do thuit an iarmailt leis an iolach a thog na saighdearan cha tuit i le fuaim beòil gu bràth. “Cha ’n fhacas a leithid de dh’ euchd riamh fo ’n ghréin!” arsa fear thall ’sa bhos. “A bheil aon agaibh ’sa Ghàidhealtachd,” ars’ Eanruic, ’s e tionndadh sùil fhuar air Eachunn, “a chaitheas òrd mór mar sid? Mar a bheil mi meallta bha thu ’g ràdh gu ’n robh do charaid suas ri chaitheamh. Nach fhearr dha ionnsuidh a thoirt a nis?”
“O,” ars’ Iain Mór, ’s e freagairt, “cha do chaith mise òrd mar sid riamh, ach air a shon sin ged tha ùine mhath o nach do dh’ fheuch mi ni mi mo dhichioll, ’s cha ’n urrainn duine dheanamh ach sin!” Bha ’n seanalair na shuidhe na ghlòir, an cathair riomhaich a thainig a mach air a shon, aig bòrd beag air an robh iomadh seòrsa dibh fhionnar, ’s e casg iotaidh gu stòlda. Thainig fiamh gàire air an uair a chunnaic e Iain a tighinn a nall a thaghadh an ùird. “Is cinnteach,” ars’ esan, ’s e leigeil as na glaine air a bhòrd ’sa cur a chasan bac thar bhac ’sa dhruim ri tacsa, “gu ’m bheil am fear so ro bheag air do shon!” ’s e tomhadh a chorraig ris an òrd mhór a chaith e-fhein, ’s a caogadh aig a cheart àm ri Caiptean Eanruic. “Tha e car aotrom, gun teagamh,” ars’ Iain air a shocair, ’s e aig a cheart àm a cromadh ’sa togail fuamhaire ùird air nach robh duine ag amharc, gun tighinn air a thogail no chaitheamh. Dh’ eirich an Sasunnach mor na sheasamh le ioghnadh an uair a chunnaic e ’n Gàidheal a togail leis an ùird uamhasaich so air son a chaitheamh. Sheas Iain Mòr air an làraich leis an òrd mhór, agus ged a bha moran dhaoine eadar e ’s am balla mór mu ’n cuairt air an àite ’san do thuit òrd an t-seanalair, cha do theich duin’ aca, a smaointean nach tigeadh òrd mór Iain a chur dragh orra, ’s cha mhò dh’ iarr Iain fhein orra gluasad. Gun mhaoidheadh, gun chleasan sam bith a null no nall, mar a bha ’n seanalair mór, chaith an Gàidheal an t-òrd, a dh’ fhalbh le fead mar pheilear gunna mhóir, is chuir gach Sasunnach a bha ga ’n cunntais fhéin cho sàbhailte, rud a bha iad, an da laimh mu ’n ceann, air dhaibh fhaicinn a dol seachad le srann os an cionn, an dùil gu ’n robh iad caillte, ach bha Iain cinnteach as a laimh, ’s cha do bhual an t-òrd mór talamh gus an deach e seachad air a bhalla. Cha do lean bualadh bhas no iolach aoibhneis euchd Iain Mhóir, ach thuit sàmhchair throm air a chuideachd, is sheall iad air a chéile, is amhrus air beothachadh ’s na h-inntinnean aca, ’s gach fear mar so ag amharc an sùil a nàbaidh feuch am faiceadh e faileas amhruis fhein mar gu ’m b’ eadh innte. Cha deach am fàgail fada an teagamh, oir thainig teachdaire gu Eanruic aig an àm le brath mu ’n sgrios a rinn Iain Mór ’s a chompanach air na saighdearan dearga am Bealach nam bó. An uair a bha ’n teachdaire réidh dhe naigheachd, thug e sùil mu ’n cuairt, ach cha deach e na b’ fhaide na Iain. Le crònan iongantach na ’mhuineil mhóir, is le aghaidh bhàn, shuath an Sasunnach a shùilean mar nach biodh e ga ’n creidsinn, agus leig e mach na briathran le car de sgriach— “Iain Mór nan Ord! Iain Mór nan Ord!” — ’s e aig a cheart àm a comharrachadh a mach Iain ’s a tarruinn na b’ fhaide bho ’n chunnart. Bha so car doirbh a chreidsinn—Iain Mór nan Ord, an dearg nàmhaid, am broilleach na cuideachd. Ach bha ’n amhruis a nis air an dearbhadh, is dh’ eirich monabur na ’m measg, tùs na stoirme a bha gu leantuinn, ’s gach sùil air an dithis chompanach Ghàidhealach, a bha nan seasamh na ’m measg cho cruaidh, daingeann ri creagan glasa am beanntan dùthchasach.
(Ri leantuinn).
Sgeulachdan Arabianach.
ALADIN.
CAIB. V.
AN uair a chunnaic mathair Aladin am fathach eagalach so, thuit i ann an neul. Ach chunnaic Aladin a leithid roimhe, agus cha do ghabh e eagal sam bith. Ghrad thug e an cruisgean a laimh a mhathar, agus thuirt e ris an fhathach: “Tha ’n t-acras orm; thoir do ’m ionnsuidh ni eiginn a dh’ itheas mi.” Mach a ghabh am fathach, agus ann am mionaid thainig e air ais agus mios mhor airgid air a cheann. Anns a’ mheis so bha da thrinnsear dheug airgid luma-lan de na h-uile seorsa bidh a b’ fhearr na cheile. Ann an da thrinnsear eile bha sia arain gheala, agus da bhotul fhiona, agus bha da chupan airgid aige, fear anns gach laimh. An uair a chuir e na nithean so air a’ bhord, chaidh e as an t-sealladh. Thachair so uile fhad ’s a bha mathair Aladin anns an neul.
Ghrad thug Aladin lamh air uisge, agus thilg e boiseag dheth air aodann a mhathar, a chum a toirt as an neul. Ann an uine ghoirid dhuisg i as an neul, co dhiubh ’s e faileadh a’ bhidh no ’n t-uisge a dhuisg i as an neul, cha ’n ’eil fhios againn. “A mhathair,” ars’ Aladin, “na cuireadh ni sam bith curam oirbh. Eiribh agus gabhaibh rud de ’n bhiadh. Cumaidh e bhur cridhe ribh. Tha mi fhin gle fheumach air ’s mi gus mo tholladh leis an acras. Na leigibh le biadh math a dhol o fheum. Grad bhithibh na bhad.”
Bha ioghnadh anabarrach oirre an uair a chunnaic i a’ mhios mhor airgid, an da thrinnsear dheug, na sia arain, an da bhotul fhiona agus an da chupan, agus a dh’ fhairich i faileadh cubhraidh a’ bhidh bhar nan trinnsearan.
“A mhic,” ars’ ise, “co dha tha sinn fo fhiachan air son a’ mhor-phailteis so? An cuala an righ gu robh sinn ann an eis cho mor, agus an do chuir e an cuideachadh ugainn?”
“Coma leibh co a thug dhuinn e, a mhathair,” ars’ Aladin, “suidheamaid aig a’ bhiadh, agus gabhamaid ar sath dheth. Tha sibh fhein cho feumach air deadh bhiadh riumsa. An deigh dhuinn ar biadh a ghabhail innsidh mi dhuibh mar a fhuair sinn e.”
Shuidh iad le cheile aig a’ bhord, agus o ’n a bha am pailteas aca air am beulaobh ghabh iad an sath dheth. Ach cha b’ urrainn mathair Aladin a suil a thogail bhar na meise agus nan trinnsearan. Ged nach b’ urrainn i radh co dhiubh a b’ airgiod iad gus nach b’ eadh, bha e ’na ioghnadh leatha an leithidean do shoithichean maiseach a bhith air bord air a beulaobh.
Cha robh cabhag sam bith air a h-aon aca gu eirigh o ’n bhord, agus o ’n a bha a chuirm agus an comhradh cho taitneach dhaibh le cheile bha am na dinnearach ann mu ’n do smaoinich iad air caruchadh o ’n bhord. Bhuail e ’s a cheann aca gu ’m bu cho math dhaibh an dinnear a ghabhail mu ’n eireadh iad o ’n bhord. Rinn iad so. Ged a dh ’ith iad pailteas, dh’ fhag iad gu leor air son na suipearach, agus na dheanadh a’ chuis dhaibh an la-iar-na-mhaireach.
An uair a thog mathair Aladin na soithichean, agus na dh’ fhag iad de ’n bhiadh bhar a bhuird, shuidh i ri ’thaobh air a bheingidh. “Aladin,” ars’ ise, “innis dhomh a nis ciod an comhradh a bh’ eadar thu fhein agus am fathach an uair a bha mise anns an neul.” Dh’ innis e dhith facal air an fhacal.
Chuir na dh’ innis e dhith a’ cheart uiread a dh’ uamhas oirre ’s a chuir an sealladh a chunnaic i de ’n fhathach; agus thuirt i, “A mhic, ciod ar gnothach-ne ris na fathaich? Cha chuala mi iomradh riamh gu robh comhradh no comunn aig duine o ’n d’ thainig sinn ri h-aon dhiubh. C’ar son a labhair am fathach oillteil ud riumsa? C’ar son nach do labhair e riut fhein o ’n a chunnaic e roimhe anns an uaimhe thu?”
“A mhathair,” ars’ Aladin, “cha b’ e sud am fathach a chunnaic mise ’s an uaimhe idir. Tha e coltach ris gun teagamh; ach cha b’ ionnan earradh dhaibh. A bharrachd air sin, cha ’n ann fo ’n aon mhaighstir a tha iad. Tha cuimhne agaibh gu ’m b’ e seirbhiseach an fhainne a gharm am fathach a bh’ anns an uaimhe dheth fhein. Ach thuirt am fathach a labhair ruibhse gu ’m b’ e fhein seirbhiseach a’ chruisgein a bha agaibh ’n ’ur laimh. Tha mi ’creidsinn nach cuala sibh ciod a thubhairt e, oir thuit sibh ann an neul mu ’n gann a labhair e.
“Ciod e tha thu ’g radh!” ars’ a mhathair. “An ann a chionn gu robh an cruisgean ’nam laimh a labhair e riumsa? A mhic, cuir an cruisgean as mo shealladh, agus na faiceam e gu brath tuilleadh. B’ fhearr leam gu mor ’ga reic na dhol an cunnart mo bheatha chall leis an eagal ma bheanas mi tuilleadh dha. Agus ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, cuiridh tu am fainne uat mar an ceudna, agus cha bhi cuid no gnothach agad ris na fathaich. Mar a dh’ innis ar faidh dhuinn, cha ’n ’eil annta ach na droch spioraid.”
“Le bhur cead, a mhathair,” fhreagair Aladin, “bheir mise an aire nach reic mi an cruisgean air chall, mar a bha mi air thuar a dheanamh. Faodaidh e feum math a dheanamh dhomh fhein ’s dhiubh fhein fathast. Nach fhaca sibh fhein am feum a rinn e dhuinn cheana? Cha bhi eis sam bith oirnn fhad ’s a bhios e againn. Nach math a dh’ fhaodas mise agus sibhse a thuigsinn mur b’ e gu bheil an cruisgean anabarrach luachmhor, nach gabhadh an duine aingidh a bha cur an ire dhuinn gu ’m b’ e-fhein brathair m’ athar, uiread de dhragh ’s de shaoithair air son greim fhaotainn air ’s a ghabh e. Ged a bha fios aige gu robh ni gun choimeas a dh’ or ’s a dh’ airgiod, agus de sheudan luachmhor anns na seomraichean troimh an deachaidh mise, cha robh annta gu leir ach neoni ’na shuilean an coimeas ris a’ chruisgean. Is math a bha fios aige gu bheil e anabarrach luachmhor. A nis o ’n a fhuair sin a mach gu bheil a leithid de bhuaidh ann, deanamaid am feum a’s fhearr a dh’ fhaodas sinn dheth, agus cumamaid a’ chuis cho balbh ’s is urrainn dhuinn, air eagal gu ’n gabh na coimhearsnaich eud is farmad ruinn. Ach o ’n a tha eagal agaibhse roimh an fhathach, cuiridh mise an cruisgean far nach cuir e dragh sam bith oirbh, agus far am bi e deiseil ri mo laimh fhein ge b’ e uair a bhios feum agam air. A thaobh an fhainne, cha chuir mi uam e air chor sam bith. Mur b’ e am fainne cha robh mise beo gus a so; agus nam biodh e ’gam dhith, cha ’n ’eil fhios am bithinn beo tiotadh. Air an aobhar sin, tha mi an dochas nach bi síbh an aghaidh dhomh e bhith air mo mheoir an comhnuidh. Cha ’n ’eil fhios agaibhse no agamsa ciod an cunnart no an gabhadh anns am faod sinn a bhith ’na dheigh so, agus mar sin faodaidh gu ’m bi feum againn fhathast air an fhainne.
Thug a mhathair a lan aonta do na beachdan a bh’ aig Aladin, oir thuig i gu robh gach ni a thubhairt e ceart gu leor. Thuirt i ris e dheanamh mar a thogradh e fhein, agus nach biodh cuid no gnothach aicese gu brath ri aon de na fathaich.
Air an ath oidhche chuir iad crioch air na bha de bhiadh a staigh aca. An la-iar-na-mhaireach thug Aladin leis fear de na trinnsearan airgid ’na
(Air a leantuinn air taobh 22.)
[Vol . 11. No. 3. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna $1 .00
Sia Miosan .50
Tri Miosan .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, OGUST 8, 1902.
Rabhadh do Bhalfour.
CHA ’n eil rioghachd no dùthaich air am bheil na paipearan-naigheachd a’ toirt eòlais dhuinn anns am feum a’ phàrlamaid a bhi cho umhail do thoil an t-sluaigh’s a dh’ fheumas pàrlamaid Bhreatuinn. Tha sluagh na dùthcha sin na ’s eòlaiche air an dleasdanas agus ga ’choilionadh na ’s fhearr na tha sluagh rioghachd sam bith eile. Tha iad furachail, geur-chùiseach mu chùisean riaghlaidh, agus cha thric leotha mathanas a thoirt do fhear-stàite a theid air seacharan gus an dean e deagh aithreachas. Cha ’n eil iad cho ceangailte ri pàirtidhean ’s a tha sinn eadhon ann an Canada, agus cha teid blàr an taghaidh daonnan leis an taobh a’s treasa. Bha so air a nochdadh as ùr le taghadh a bh’ ann an Leeds, an Sasuinn, air an darna latha dhe ’n mhios so. Mar a tha fios aig ar leughadairean, bha pàrlamaid air a taghadh ann am Breatunn ’sa bhliadhna 1900, leis an robh stiùir na stàite air a h-ath chur an laimh Shalisbury agus a phàirtidh, naConservatives .Bha cogadh nam Boerach an uair sin faisg air bliadhna dh’ aois. B’ iad naConservativesa bha riaghladh nuair a thòisich e. B’ e ’n dòigh-san air a chumail air adhart a b’ fhearr leis an t-sluagh na dòigh nanLiberals ,agus b’ i am breith gu ’m bu chòir cothrom a thoirt dhaibh air a thoirt gu crìch. Rinn iad sin, agus le cliù is onair do ’n dùthaich. Ach air a’ bhliadhna so rinn an riaghladh mearachd no dha nach robh fior thaitneach leis an t-sluagh. Anns a’ cheud àite chuir iad cìs chusbuinn air gràn—cìs gle bheag, ach bu chìs i—agus dhaor i aran an duine bhochd, ’s ghabh an sluagh eagal gu ’m b’ e bha ’m beachd an riaghlaidh cùl a chur ri aidmheil na Saor Mhalairt. Anns an dara àite, thug an riaghladh a stigh “bill” air-son lagh ùr sgoile dheanamh do Shasuinn, lagh leis am biodh na sgoilean ann an tomhas mor air an riaghladh le cléir na h-Eaglais Shasunnaich. Chuir so diomb mhor air muinntir nan eaglaisean eile, agus air àireamh nach bu bheag ’san Eaglais Shasunnaich fhein a tha dhe ’n bharail gu ’m bu chòir guth a bhi aig an t-sluagh, agus aig an t-sluagh uile, ann an riaghladh nan sgoilean, o’n is e ’n cuid airgid a tha ga ’n cumail suas. Bha ’n da ni so, cìs a ghràin agus lagh ùr nan sgoilean, aig an t-sluagh an aghaidh an riaghlaidh nuair a thainig Balfour gu bhi na ’phriomhair. Aig an àm sin rinneadh morair de dh’ aon de bhuill Thigh nan Cunnantach, agus gus àite ’n fhir sin a lionadh, bha taghadh ann. B’ ann an Leeds a bha ’n t-àite-suidhe falamh, àite bha air a mheas cinnteach, anns an d’ fhuair anConservativea stigh ’sa bhliadhna 1900 le 2137 bhòt a bharrachd air anLiberal .Ach air an darna latha dhe ’n mhios so, an deigh do ’n chath a bhi air a chur a thaobh cìs a’ ghràin is lagh nan sgoilean, bhaLiberalair a thaghadh le 758 bhòt a bharrachd air a’ Chonservative. Tha so an deigh iomguin mhor a chur air Balfour ’s air a phàirtidh, agus thatar a’ deanamh a mach nach dean e uiread atharrachaidh anns a chomhairle ’s a bha e cur roimhe, air eagal nuair a theid iad a shireadh ath-thaghadh gu ’n tachair dhaibh mar a thachair ann an Leeds. Tha ’n Times a toirt rabhaidh dha e ghrad thoirt oidhirp air reachdan a dheanamh a bhios feumail do ’n dùthaich, agus e nithean a tha gu soilleir an aghaidh toil an t-sluaigh a sheachnadh. ’S ann air an dòigh so is àbhaist do na Breatunnaich an seirbhisich ’sa phàrlamaid a smachdachadh nuair a theid iad bhar slighe ’n dleasdanais. Tha leasan luachmhor ann do mhuinntir Chanada na ’n gabhadh iad e. Bidh sinn gu tric a’ toirt cliù oirnn fein mar shluagh a tha ann an iomadh dòigh astar math air thoiseach air muinntir nan Eileanan Breatunnach—ach ann an cùisean-riaghlaidh tha sinn fhathast fad air dheireadh orra.
A’ Leantuinn ri Cliu ar Sinnsre.
IS math agus is cliùiteach an ni do shluagh a bhi measail air na daoine bho ’n d’ thàinig iad, agus a bhi gabhail an eisimpleir anns gach ni math agus euchd air son an robh iad ainmeil. Esan nach eil a cur luach dhligheach air cleachdaidhean is gniomharan a shinnsre, cha ’n fhaigh e moran urraim bho dhaoine, agus cha ’n airidh e air. ’S iad na cleachdaidhean ’s na gniomharan mu ’m bheilear a labhairt iad sin a dh’ fhaodar a mholadh an deigh amharc orra ann an solus an latha ’n diugh. Mur seas iad ris an deuchainn sin, ’s fhearr an leigeadh á cuimhne. Is ann aig a’ phuinc so a tha moran de na Gàidheil gu tric a deanamh mearachd. Cha’n eil sluagh air uachdar an t-saoghail, mur eil na Sineich leotha fein, a’s measaile air cliù ’s air gnàths an sinnsre na na Gàidheil. Tha na Sineich cho measail agus cho cuimhneach air an aithrichean ’s gu ’m bheil iad a’ deanamh aoraidh ’s a’ losgadh tùise dhaibh. Cha robh na Gàidheil riamh a’ dol cho fada sin ’sa chùis, ach bha agus tha cuid dhiubh a’ dol fada gu leòr. Nach minic le Gàidheil a bhi ’g aithris na comhairle ’thug Fionn air Oscar: “Lean gu dlùth ri cliù do shinnsre,” mar gu ’m b’ e bh’ ann, “Lean gu dlùth ri cliù is mi-chliu do shinnsre.” Ann am briathran eile, tha iad ga ’n giùlain fein mar gu ’m biodh e mar dhleasdanas orra gach cleachdadh is gnàths, math is dona, bha measg nan Gàidheal o shean a chumail suas. Co nach cuala Gàidheil a’ gabhail an leisgeil fein air son òil is misgeireachd le radh gu ’m b’ e sud nòs an aithrichean, gu robh iad cho eòlach air an uisge-bheatha ’s a bha iad air bùrn an fhuarain, nach biodh iad as eugmhais aig àm Nollaig no Bliadhn’ Uire, aig banais no aig tòrradh; agus c’arson nach leanadh iadsan na ’n ceumannan? Agus co a bha riamh an cuideachd luchd-òil nach cuala bhi ’cur sios air fear nach gabhadh drama mar dhuine nach robh airidh air a shinnsre. Tha sinn a’ creidsinn gu bheil na Gàidheil a bhiodh ciontach dhe leithid sin de mhi-mhodh a’ sior dhol an gainnead, agus ’s math gu bheil; ach gus an teid iad gu h-iomlan bàs, ’s còir a bhi ga ’n cronachadh, air eagal gu ’n toir iad a chreidsinn air barrachd ’s iad fein gu bheil iad ceart, agus gu ’m bu mhodh do na Gàidheal o shean am mi-mhodh a tha iad fein a cleachdadh an diugh. Tha e iomchuidh gu leòr a bhi deanamh uaill á deagh shinnsireachd, ach is suarach an gnothuch a bhi cur ana-measarachd is mi-bheusan an latha ’n diugh os leth dhaoine bha ann ceudan bliadhna roimhe so. Cha’n eil dearbhadh sam bith againn gu ’m bu luchd-daoraich is misge na seann Ghàidheil. Tha cuid de na bàird a bh’ ann ’san ochdamh agus ’san naodhamh linn deug a’ seinn cliù mhic-na-braiche, ach cha ’n eil e ri ghabhail uaithe sin gu robh an sluagh ’sna làithean sin misgeach, ana-measarra, ni ’s mo na tha e ri ghabhail o “Dhi-moladh Moraig” is beagan de dh’ òrain shalach a sgriobh Mac-Mhaighstir Alasdair is bàird eile, gu ’m bu shluagh drabasda, mi-bheusach iad. Is ann bho na sean-fhacail a gheibhear an tuigse ’s fhearr air cleachdaidhean is beusan nan seann Ghàidheal. Bha na sean-fhacail am beul gach duine, agus air an cumail air chuimhne a chionn gu robh iad a’ cur an céill fhìrinnean is theagasgan ris an robh an sluagh gu h-iomlan a’ cur an aonta. A thaobh bàrdachd, air an laimh eile, bha moran eadhon de dh’ òrain nam bàrd a b’ fhearr air an seinn air sgàth nam fonn ris an robh iad air an cur, no a chionn gu robh briathran àbhachdach éibhinn annta a chuireadh cridhealas air cuideachd, co-dhiù bha fìrinn annta no nach robh. ’N uair a rannsaichear na sean-fhacail, ’s fior ainneamh a gheibh neach facal a bheir misneach do fhear an òil no a thaitneas ri fear a tha air a thoirt seachad do mhi-bheus. Gheibh e iomadh facal na ’m measg a’ cur sios air an da chuid, ach fior chorra fhacal, ma gheibh aon idir, a cur suas orra. ’S e ’s aobhar dha sin, gu robh a mhor chuid de Ghàidheil nan linn a dh’ fhalbh glan na ’n inntinn, agus beusach, stuama na ’n caithe-beatha, agus nach fuilingeadh iad a chaochladh a bhi air a theagasg dhaibh. Bha cuid na’ m measg, mar a tha am measg nan Gàidheal an diugh fhéin, nach robh saor o mhisg ’s o mhi-bheus, ach bha iad ainneamh, agus ma bha an sluagh ag amharc riutha, cha b’ ann air-son eisimpleir, ach air-son rabhaidh. Tha sinn a’ creidsinn nach robh moran chinneach air an t-saoghal a b’ uaisle nàdar ’s bu bheusaiche giùlain na na Gàidheil, ach coltach ri cinnich eile, bha nithean ri ’m faotainn na ’m measg a b’ fhearr a bhi as. Cha ’n eil aon an diugh beò a’s toighiche air gach ni a bha math agus ceart am measg ar sinnsre a chumail suas na am fear a tha sgriobhadh so. Ach theireadh e gu ’m bu daor an ceannach iad, na ’m biodh againn ri cleachdaidhean cronail agus saobh-chràbhadh a bha na ’m measg, no a tha air an cur as an leth, a ghabhail mar riaghailtean-stiùiridh ar beatha. Deanadh na Gàidheil uaill as an sinnsre, oir is math a dh’ fhaodas iad—cumadh iad suas cainnt, bàrdachd is ceòl an dùthcha, cuide ris gach teagasg agus cleachdadh a tha nochdadh cruadail, tréine, duinealais is deagh bheusan nan daoine bho ’n d’ thainig iad—ach ma bha teagasg mearachdach no cleachdadh cronail, gun fheum ri fhaotainn aca, dealaicheadh iad riutha sin. Agus gu bràth na leigeadh iad le daoine bhi cur mi-chliù air ainm uasal nan Gàidheal le bhi ’g ràdh, mur eil iadsan a cìsneachadh nan ana-miannan, gu ’m b’ e bhi ga ’n sàsachadh teagasg is cleachdadh an sinnsre.
[Vol . 11. No. 3. p. 5]
Naigheachdan.
BAS MULADACH—Thachair sgiorradh muladach ann am mèinn Chaledonia Maduinn Dior-daoin air an t-seachduin s’a chaidh. Bha duin’ òg d’ am b’ ainm Iain Domhnullach air a mharbhadh le tuiteam guail. Bha e de mhuinntir Bhaddeck, agus b’ aona mhac bantraich e, aig nach robh de chuideachadh ach e-fein ris an amhairceadh i air son a cumail suas.
BAS AITHGHEARR—Maduinn a cheathramh latha fichead de Iulaidh, fhuaireadh fear Eanruic Vanderstine marbh na ’leabaidh an Glace Bay. Bhuineadh e do Eilean a’ Phrionnsa, agus cha d’ rinn e Glace Bay a ruigheachd gus an latha roimhe sin. Bha e cho slàn ’s a b’ àbhaist nuair ghabh e mu thàmh. B’ e tinneas a’ chridhe a dh’ aobharaich a bhàs.
LONG SMUIDE BRISTE—Chaidh soitheach á Norway d’ am b’ ainm Blaamanden air sgeir faisg air Canso maduinn Di-haoine s’a chaidh, agus tha e coltach gu ’m bi i air a call gu h-iomlan. Bha i air a turus á Hamburg gu New York le luchd luachmhor de bhathar Gearmailteach. Gheibhear pàirt dhe ’n luchd a shàbhaladh. Tha na sgeirean a tha timchioll Chanso anabarrach cunnartach. Chaidh àireamh mhor shoithichean a chall orra roimhe so, cuid dhiubh a chaidh fodha, mar a rinn an Tiber an uiridh, leis gach duine bha air bòrd.
CRUNADH AN RIGH—Am màireach, mur tachair ni a chuireas tilleadh anns a’ chùis, bidh Righ Iomhar air a chrùnadh. Bidh greadhnachas agus mòralachd gu leòr mu thimchioll na seirbhis, ged nach faodar an coimeas ris na bha gu bhi ann na ’n robh e air a dheanamh air an latha chaidh a shònrachadh an toiseach. Os cionn gach faireachduin cridhealais is gàirdeachais a bhios am measg am t-sluaigh, bidh spiorad taingealachd airson an righ a bhi air aiseag gu slàinte an deigh dha dhol cho faisg air dorsan a bhàis.
SGIORRADH BASMHOR—Feasgar Dior-daoin, air an t-seachduin s’a chaidh bha fear Isaac Ein air a mharbhadh air an rathad-iaruinn far am bheil e ’dol tarsuinn air Sràid a’ Phrionnsa. Bha e aig a chala comhla ri ’bhràthair a bha dol do Ghlace Bay, agus air a thilleadh bha aige ri dhol tarsuinn air an rathad air an robh ’n trein a’ dol a mach. Thug fear-cumail a’ gheata rabhadh dha, ach bha Ein air rothair agus shaoil leis gu’n deanadh e ’n gnothuch. Anns an ionnsuidh rug an trein air, thuit e foidhpe, agus bha e air a mhilleadh cho dona ’s gu’n do chaochail e am feadh ’s a bhatar ga ’ghiulain do ’n tigh-eiridinn. B’ Iùdhach e, agus bha e-fein ’s a bhràthair ri ceannachd an Glace Bay ’s aig Whitney Pier.
OBAIR THOGAIL SHOITHICHEAN—Tha àireamh de bhailtean anns na Roinnean Iochdrach aig am bheil suil ri obair thogail shoithichean. Cha’n eil moran a’ cur an teagamh nach bi obair mhor dhe ’n t-seòrsa so a’ tòiseachadh ann an cearn air choireigin dhe na Roinnean Iochdrach mu’n ruith moran bhliadhnaichean, agus ’s i cheist gu dé ’n t-àite. Tha bailtean St. John is Halifacs ga ’shireadh ’s a’ gealltainn cuideachaidh, agus a nise tha Sidni a’ deanamh an ni cheudna. Bha coinneamh aig muinntir a’ bhaile oidhche Di-màirt s’a chaidh, aig ’n do dh’ aontaich iad da cheud gu leth mile dolair a thoirt do chuideachd sam bith a thòisicheas ri togail shoithichean anns a’ bhaile.
A’ BACADH POSAIDH—Tha e na ’riaghailt aig àireamh de na bancaichean a tha ’deanamh gnothaich an Canada, nach faod duine bhios ag obair annta pòsadh gus am bi a theachd-a- stigh cho ard ri mile dolair ’sa bhliadhna. ’S e ’s aobhar dha sin gu bheil iad an dùil nach biodh duine singilte cho buailteach air airgiod a ghoid ri fear a bhiodh a togail teaghlaich air tuarasdal beag. Tha Banca Mhontreal, o chionn ghoirid, an deigh an riaghailt sin atharrachadh, a’ cur an teachd-a- stigh a dh’ fheumas a bhi aig an cuid sheirbhisich cho àrd ri coig ceud deug dolair. Tha moran dhe ’n bharail nach eil e glic a bhi ’cur a’ phòsaidh á comas dhaoine le riaghailtean dhe ’n t-seórsa so, agus a thaobh Banca Mhontreal, tha a’ chùis ri bhi air a cur air beulaobh Mhorair Strathcona, ceannard a’ bhanca. Ma ’s fior an sgeula, phòs an duin’ -uasal sin nuair nach robh e ’cosnadh ach ochd dolair ’san t-seachduin, agus bu choltach nach biodh e ’faicinn iomchuidh daoin’ òg’ an latha ’n diugh a chumail singilte gus am biodh an tuarasdail còrr ’s a thri uiread sin.
Na Maighstirean Sgoile.
Tha na fir a tha deanamh ceaird de chumail sgoile a’ sior fhàs gann anns gach cearna de Chanada. Is e ’s aobhar dha sin gu bheil na tuarasdail air an deanamh na ’s lugha bho bhliadhna gu bliadhna, co-dhiù nach eil iad a cumail suas ris na tuarasdail a thatar a’ pàigheadh air-son obair eile. Tha so na ’ghnothuch bochd. Cha ’n eil ni air ’m bu chòir do ’n dùthaich a bhi ni bu toighiche na air sgoil is foghlum a thoirt do ’n òigridh, ach tha e ro-choltach gu bheilear ann an iomadh cearna a’ fàs suarach uime. Air an eilean so fhein cha’n eil bliadhna dol seachad nach bi àireamh de sgìreachdan gun sgoil idir, agus tha an ni ceudna fior ann an cearnan eile. Eadhon an Ontario, a’ chuid a’s beairtiche ’s a’s adhartaiche de Chanada, tha tuarasdail luchd-teagaisg nan sgoilean ri ’n gabhail air a cheile, an diugh ni ’s lugha na bha iad deich no fichead bliadhna roimhe so. Agus thatar a’ gearain gu mor air cho gann ’s a tha na fir am measg an luchd-teagaisg. Cha’n eilear idir a’ deanamh tàir air na ban-sgoilearan; tha iad ri obair mhath, agus ann an cuid de sgoilean, tha iad na ’s soirbheachaile na na fir. Tha sgoilean eile ann, co-dhiu, anns nach dean iad an aon uiread fheuma ’s a ni na fir. Ach cha ’n eil na fir a’ dol a dh’ fhuireach aig cumail sgoile nuair a ni iad moran na’s fhearr aig obair a’s aotruime agus a’s fhearr a chòrdas riutha. Ma tha foghlum ri bhi aig an òigridh a tha ’g eiridh suas ’san dùthaich feumaidh an sluagh a bhi deònach an luchd-teagaisg a phàigheadh na’s fhearr na tha iad a’ deanamh aig an àm so, —cho math ’s gu’m bi an luchd-teagaisg a’s fhearr deònach fuireach ris an sgoil mar obair am beatha, an àite bhi deanamh lighichean is luchd-lagha dhiubh fein, da sheòrsa dhe ’m bheil gu leòr ’s ri sheachnadh anns an dùthaich cheana.
MINISTEIR UR ST. ANDREW’S— Bha Maighstir Clarence Mac-Fhionghain, a bha roimhe so ann a Halifacs, air a phòsadh ri eaglais St. Andrew’s oidhche Di-ciaduin. Bha coithional mor cruinn, an eaglais faisg air a bhi cho làn ’s a chumadh i. Rinn an t-Ollamh Gordon, á Halifacs, an searmon; rinn Maighstir Mac-Glaisein am pòsadh; dh’ earalaich Maighstir Jack am ministeir, agus Maighstir Mac Gillemhaoil an sluagh. A bharrachd air Cléir Shidni bha an làthair àireamh mhor de mhinisteirean á àiteachan eile, am measg chàch na h-Urramaich Domhnull Mac-Odrum á Moncton, N. B.; A. K. Mac Gillfhinnein á Boston, agus an Dotair Mac-Thamhais á Toronto. Tha Maighstir Mac-Fhionghain ag inntreachadh air obair ann an Sidni fo dheagh mhisnich air gach taobh. Bha an gairm a thug ann e làidir agus gu ìre gle bheag, aontachail. Mur eil sinn am mearachd, b’ e a cheud mhinisteir a fhuair gairm an Ceap Bhreatunn do choithional nach d’ fhuair cothrom air a chluinntinn a’ searmonachadh. Tha sinn an dòchas gu ’n lean soirbheachadh mor a shaothair ann an coithional St. Andrew’s.
Naigheachdan Gaidhealach.
EAGLAIS UR CHALUM CHILLE AN GLASCHU.
Bha clach-stéidh na h-Eaglais so air a leagail o chionn ùine ghoirid leis an Ollamh Urramach Tormad Mac Leòid, mac-bràthar “Charaid nan Gaidheal,” a bha cho fada na mhinisteir anns an eaglais so. Chaidh clach-stéidh na seann eaglais ann an Sràid-an-Dòchuis a leagail a bhliadhna a chaidh a Bhan-rìgh a chrùnadh agus tha h-uile dòchus gu’m bi an Righ air a chrùnadh am bliadhna fhathast agus mar sin bidh leagail clach-stéidh na h-eaglais ùir agus crùnadh an rìgh air an aona bhliadhna. Tha coltas air an eaglais ùr a bhi na h-aitribh mhaisich agus anns gach dòigh airidh air ainm agus eachdraidh na h-eaglais a tha air a sloinneadh air Calum Cille, agus air am bheil Gàidheil anns gach cearna eòlach. —Highland News.
ARD CHEANN NA PARLAMAID.
Bidh e ’na thlachd do mhòran do na Gàidheil gur h-e an t-uasal onorach A. J. Balfour a tha a’ gabhail àite bràthair a mhàthar am Morair Salisbury. Tha esan a nis ’na àrd cheann air riaghladh na rìgheachd so; agus tha muinntir na h-Alba làn do phròis, ma tha am facal sin ceart, gu ’m bheil Albannach ann an suidheachadh cho onorach. Tha so ’na thlachd leinn ged nach ’eil e a’ ciallachadh gu’m bheil sinn air a thaobh-san ann an gnothuichean coitcheann ar rìgheachd. Bidh e ceart a ghnàth a bhi ag aideachadh buaidh fòghluim, uailseachd, is caoimhneis ann an pearsa a tha gnètheil agus ciallach ann an cùisean na beatha so. Tha fuil a’ Ghàidheil gun teagamh anns an duine onorach so, agus tha sinn toilichte a bhi ’ga fhaicinn ann an àite agus ann an inbhe cho àrd. Tha a bhràthair pòsda ri piuthar Diùc Earaghaidheal. Tha ar luchd-leughaidh uile eòlach air Lady Frances Balfour. —Oban Times.
TAING AR DUTHCHA.
Tha faireachdain thaingeil air a dùsgadh feadh na dùthcha gu léir air son na sìth a tha air a h-òrduchadh eadar sinn féin agus na Dùitsich ’an Africa mu Dheas. Tha so mar bu chòir dha bhi. Cha bhi sinn a ghnàth cinnteach ás cò dhiù a bu chòir dhuinn dol a chogadh; ach ás a so tha sinn làn dhearbhte gu’m faighear beannachd shònruichte an cois na sìth. Bha guth taingealachd uime sin r’a chluinntinn ann an eaglaisean ar tìr air dùthaich ’s ’am baile. Cho fhad ’s a tha sinn a’ cluinntinn ’s a’ tuigsinn tha an taingealachd cheudna a’ rìgheachadh ann an cridheachan nan Dùitseach a tha sgìth do chòmhstri a bhiodh gun toradh éifeachdach fa-dheòidh. Rinn iadsan obair thapaidh agus iongantach ann an aobhar an saorsa fein. Bha so gun teagamh ionmholta gu leòir. Ach a nis gheibh iad gach saorsa bhios feumail fo shròl Bhreatuinn a tha cho craobh-sgaoilte feadh an t saoghail gu léir. Am measg nan Gàidheal bidh spiorad na taing; ach mar an ceudna spiorad a’ bhròin an déigh na chailleadh. —Oban Times.
STUAMACHD.
Tha na h-Eaglaisean uidh air n-uidh a faicinn ma tha iad ri buaidh a choisneadh air gach gnè uilc gu’m feum iad fhéin agus iadsan a tha ’gan leantainn a bhi air an sgeadachadh ann an éideadh na stuamachd, agus claidheamh na measarrachd na ’n laimh. Gun teagamh tha Comuinn Stuamachd ’an co-cheangal ri mòran cho-thionalan agus tha mar is trice am ministear air ceann gach Comunn de’n t-seorsa so, ach tha daoine ’faicinn gu ’m feum gach neach a bhuineas do na h-Eaglaisean e féin a chur ann an uidheam agus cathachadh an aghaidh na deoch-làidir a tha deanamh a leithid de sgrios am measg an t-sluaigh ma tha bhuaidh ri bhi aig an Eaglais. Cha ’n e mhàin gu bheil an t-ol cosdail ach tha e a truailleadh gach neach a thig fo a bhuaidh. Their daoine gu tric— “C’ar son a chuirinn cuing orm féin, is urrainn dhòmhsa deoch-làidir a ghabhail is fhàgail aig àm air bith?” Tha mòran anns a’ bheachd so ach ’se bhochdainn gur ainmig leòsan a bhios ri bòsd de’n t-seorsa so gloinne “fhàgail.” Cha’n ’eil drongair ’s an duthaich an diugh nach robh aon uair de’n cheart bheachd so, ’se sin gu’n rachadh aig air “fhàgail” ’nuair a thogradh e féin. Ach mo thruaigh, dh’fhalbh sin, agus a nis rachadh e mar leud roinein de ’bheatha airson gloinne uisge-bheatha. Cha d’ fhàs duine riamh ’na dhrongair ann an aon latha, seadh na ann an aona bhliadhna. Mo chàirdean is fearr a bhi cinnteach na bhi caillteach. Cha do rinn Stuamachd coire do mhac màthar riamh. An gabh so ràdh mu ’n òl? —Highland News.
[Vol . 11. No. 3. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 19.)
bhrollach, agus chaidh e feuch am faigheadh e reic dha. Thachair Iudhach ris air an t-sraid, agus thug e a leith-thaobh e feuch an ceannaicheadh e an trinnsear uaithe. Bha an t-Iudhach cho gleusta, agus ghrad ghabh e amhrus nach robh Aladin suas ri reic no ri ceannachd. Rug e air an trinnsear as a laimh, agus sheall e gu geur air. An uair a dh’ aithnich e gur e fior airgiod a bh’ ann, dh’ fheoraich e de Aladin ciod a bhiodh e ag iarraidh air a shon. Thuirt Aladin ris gu ’n tugadh e dha air a thairgse e, o ’n a bha e ’smaointean gu ’m bu duine ceart, onorach e. Chuir so ioghnadh mor air an Iudhach. Dh’ aithnich e nach robh Aladin a’ tuigsinn cho luachmhor ’s a bha ’n trinnsear, agus thug e bonn oir as a phocaid agus thairg e do Aladin e. Ghabh Aladin am bonn gu toileach, agus e an duil gu ’n d’ fhuair e lan phris air an trinnsear. Ach b’ fhiach an trinnsear tri fichead bonn air. Cho luath ’s a fhuair Aladin am bonn oir ruith e air falbh cho luath ’s a b’ urrainn dha. Ghabh an t-Iudhach aithreachas a chionn am bonn oir a thoirt air son an trinnsear, agus bha e air son falbh as deigh Aladin; ach cha robh sgeul aige air Aladin.
Mu ’n d’ rainig Aladin dhachaidh, dh’ iomlaidich e am bonn oir, agus cheannaich e aran a thug e dhachaidh gu ’mhathair. Thug e dhith an corr de ’n airgiod, agus cheannaich i tuilleadh bidh leis, a chum suas iad car uine.
Cha robh eis sam bith orra fhad ’s a mhair ’na trinnsearan; oir reic Aladin fear an deigh fir dhiubh ris an Iudhach air a’ cheart phris a fhuair e air a’ cheud fhear. Cha leigeadh an t-eagal leis an Iudhach, gleusta ’s mar a bha e, na bu lugha na aon bhonn oir a thairgse do Aladin. Cha robh aca mu dheireadh ach a’ mhios a reic. Bha i cho trom ri deich dhe na trinnsearan. O ’n a bha i cho trom ri giulan ’s ann a thug Aladin air an Iudhach tighinn a dh’ aon ghnothach g’ a ceannach. Thug e deich buinn oir do Aladin air a son.
Chum na deich buinn so suas iad uine mhath; oir bha iad a’ tighinn beo gle mheasarra. Sguir Aladin a bhith cluich maille ri balaich bheaga uine roimhe sid, agus thoisich e ri bhith ’deanamh roghainn de chuideachd nan daoine bu ghlice agus bu tuigsiche na e fhein. Mar bu trice bhiodh e caitheamh cuid mhor de ’n uine far am biodh marsantan mora ’bhaile, agus daoine fiosrach, foghluimte a’ cleachdadh a bhith coinneachadh a cheile. Bhiodh e ag eisdeachd le mor aire ris gach ni a bhiodh iad ag radh, agus air an doigh so fhuair e fiosrachadh agus foghlum nach bu bheag.
An uair a theirig na bha ’s taigh a dh’airgiod thug Aladin lamh air a’ chruisgein, agus mu ’n gann a thug e suathadh no dha air, bha am fathach ’na sheasamh air a bheulaobh, agus thuirt e: “Ciod a tha dhith ort? Tha mise deas gu umhlachd a thoirt dhut mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach gach neach aig am bi an cruisgean na laimh—mise agus seirbhisich eile a’ chruisgein. “Tha ’n t-acras orm,” ars’ Aladin; “thoir dhomh rud eiginn a dh’ itheas mi.” Chaidh am fathach as an t-sealladh, agus ann an uine ghoirid thainig e air ais agus a’ cheart aireamh de shoithichean airgid aige ’s a bha aige an turus roimhe sid, agus chuir e air a’ bhord iad, agus chaidh e as an t-sealladh.
Thuig mathair Aladin gu robh am fathach gu tighinn, agus air eagal tachairt ris chaidh i air cheann gnothaich dhith fhein, agus an uair a thill i, bha am bord luma-lan de gach seorsa bidh. Chuir a’ chuis ioghnadh gu leor oirre, ged a chunnaic i a leithid roimhe. Shuidh i fhein ’s Aladin mu ’n bhord, agus an uair a ghabh iad na thainig riutha de ’n bhiadh, dh’ fhag iad na dh’ fhoghainn dhaibh fad da latha.
Cho luath ’s a theirig am biadh dhaibh, dh’ fhalbh Aladin le fear de na trinnsearan gus a reic ris an Iudhach. Ach an uair a bha e ’dol seachad air buth or-cheard a bh’ anns a’ bhaile, mhothaich an t-or-cheard dha, agus ghlaodh e ris, agus thuirt e: “A laochain, chunnaic mi gu math tric thu a’ dol seachad agus rud agad fo d’ achlais, agus an deigh dhut a bhith ’comhradh ris an Iudhach, thug mi an aire gu robh thu tilleadh gun dad agad. Mur do mheall mo bharail mi tha thu ’giulan ni-eiginn d’ a ionnsuidh agus a reic ris. Ach is docha nach ’eil fhios agad nach ’eil ann ach an slaoightire a’s mo a tha ann am measg nan Iudhach gu leir. Cha dean neach sam bith a gheibh eolas air malairt sam bith ris. Tha mi ’g innseadh so dhut air son do mhath. Ma dh’ fheuchas tu dhomhsa ciod a tha agad na do bhrollach, bheir mi dhut lan-phris air a shon ma tha thu air son a reic; ar neo innsidh mi dhut far am faigh thu ceannaiche eile nach toir an car asad.”
(Ri leantuinn.)
Domhnull Ruadh Sgalag.
LE “FIONN.”
THA an sean fhacal ag ràdh— “Am fear a dh’ itheas feòil a sheanmhar, faodaidh e ’h-eanraich òl,” ach tha e coltach gu’n robh teagamh aig Dòmhnull Ruadh sgalag mu’n chùis. Bha Dòmhnull ’n a sgalag aig Seumas Gallda fad iomadh bliadhna ’s cha chualas duine riamh e ’gearan gu’n robh Seumas cruaidh air, no gu’n robh bean-an-tighe, Seònaid Lachainn, mosach mu ’n bhiadh. Mar sin bha iongantas air daoine ’n uair a chunnaic iad Dòmhnull Ruadh aig faidhir an t-Sàilein, agus sop ’n a bheul mar chomharradh gu’n robh toil aige dol air fasdadh le cuideigin. Có bh’ aig an fhaidhir ach Aonghas Og, agus chuir e fàilte air Dòmhnull Ruadh, a’ feòraich dheth ciod a chuir esan an tòir air àite, gu’n do shaoil leis nach fàgadh e Seumas Gallda r’a bheò. “Bha mi fhéin,” arsa Dòmhnull, “de ’n cheart bharail aig aon àm, ach dh’ fhag mi e mu dheireadh.” “Carson a dh’ fhàg thu e?” arsa Aonghas, “tha mi cinnteach gu ’n robh e ’na dheagh mhaighstir.” “Cha d’ rinn mi riamh talach air,” arsa Dòmhnull, “ach chuir an fheòil shaillte eadar-sinn.” “An é nach toigh leat feòil shaillte?” dh’ fheòraich Aonghas.
“Cha ’n e idir,” fhreagair Dòmhnull, “tha mi toigheach gu leòir air feòil ghoirt.”
“An robh thu ’ga fhaotainn ro thric?” arsa Aonghas, “an robh thu air do storradh leatha?”
“Cha b’e sin idir a b’ aobhar,” fhreagair Dòmhnull, “so mar a bha chùis. Fhuair mart a bh’ aig Seumas Gallda bàs agus chaidh a sailleadh, agus fhad ’s a mhair i cha d’ fhuair sinn de dh’ annlan ach i. Tha mi toigheach gu leòir air mart-fheòil ghoirt, ach mar a bha ’m mi-fhortan an dàn, ’nuair a bha crioch a’ tighinn air a’ bharaille fheòla, nach d’ fhalbh dà chaora mhaol Shasunnach leis a’ ‘bhracsi,’ agus chaidh an sailleadh. Fhad ’s a mhair iad cha robh ach ‘bracsi’ air gach tràth. Nis so am fear nach cuireadh cùl ris a’ ‘bhracsi,’ ach ’n uair a bha ’n speir mu dheireadh de’n ‘bhracsi’ anns a’ phoit nach do bhàsaich muc Sheumais Ghallda—bha iad fhéin a’ cumail a mach gu ’n do thachd i i-fhéin le buntàta—ach is sgeul eile sin. Chaidh a mhuc a shailleadh, ’s fhad ’s a mhair i, cha robh dol ach i. Nis tha muc-fheòil math gu leòir na h-àite fhéin, ach fòghnaidh na dh’ fhòghnas dhi; ach cha d’ rinn mi fhéin talach. Mu dheireadh thall, ’n uair a bha mhuc-fheòil ’brath bhi réidh, nach do chaochail seanmhair Sheumais, a bha còrr ’s ceithir fichead. An latha ’n déigh a bàis thàinig Seumas an taobh a bha mi fhéin ’s mi deanamh deas a dhol an cheàrdaich a chur taruing ann an crubh an eich dhuinn, agus thubhairt e—‘ ’S fheàrr dhuit clach shalluinn a thoirt dhachaidh leat, ma tha thu dol do ’n chlachan.’ ‘Chì sinn,’ thuirt mi fhéin, ’s dh’ fhalbh e. ’N uair a fhuair mise a chùlaobh rium thuirt mise rium fhéin, ‘A mhic an fhir nach abair mi, ma tha thu ’m beachd gu bheil mise dol a dh’ itheadh do sheanmhar righinn, odhair, tha thu fada ceàrr—cho ceàrr ris a’ chaillich a bha ’n Cnòideart’— ’s gun tuilleadh dàlach thog mi orm ’s dh’ fhàg mi e-fhéin ’s closach a sheanmhar an sud. Sin agad a nis, gu’n fhacal bréige, an t-aobhar a chuir mise air an fhaidhir so an diugh, ’s ma tha sgalag ’gad dhith théid mise leat.” —Leabhar na Ceilidh.
Am Maighistir agus an Gille.
Bha uair-eigin roimhe so droch thiomannan ann agus bha moran de sheirbhisich ag iarraidh aiteachan, agus cha robh moran de aiteachan ann daibh. Bha tuathanach an sin, agus cha ghabhadh e gille sam bith ach gille a dh’ fhuireadh leis gu ceann seachd bliadhna, agus nach iarradh de thuarasdal ach na ghlacadh e ’n a bheul de ’n t-siol, ’n uair bhiodh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal.
Cha robh gin a’ gabhail aige. Mu dheireadh thubhairt e, gu ’n leigeadh e leo an siol a chur anns an ire a b’ fhearr a bhiodh aige, agus gu’m faigheadh iad na h-eich, ’s an crann aige fein a dheanamh an treabhaidh agus na h-eich aige fein thun a’ chliathaidh.
Bha gille og an sin, agus thubhairt e, “Gabhaidh mise agad,” ’s chuir an tuathanach muinntireas air. ’S e am bargan a rinn iad gu ’m b’e an tuarasdal a bha gu bhi aig a’ ghille, na ghlacadh e de ghraineanan sil ’n a bheul, tra bhitheadh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Agus bha e gus faotuinn an siol sin a chur anns an ire b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach, agus bha e gus na chinneadh air an t-siol sin a ghleidheadh, agus ciod air bith an siol a ghlacadh e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, a chur comhla ris, agus sin a chur anns an ire a b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach an ath bhliadhna. Bha e gu eich ’s crann, no goireas air bith eile a bhiodh feumail da airson cur no buain, fhaotuinn o ’mhaighstir; agus mar sin gu ceann nan seachd bliadhna. Gu ’m bitheadh aige, seachd geamhraidhean ’s an t-sabhal a’ bualadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean cinneis de ’n bharr, agus seachd fogharaidhean buana, agus ciod air bith an tighinn am mach a bhiodh ann an siol a’ ghille ’s na seachd bliadhna, b’ e sin an duais a bha gu bhi aige ’n uair dh’ fhalbhadh e.
Chaidh an gille dhachaidh gu ’mhaighistir agus daonnan ’n uair bhiodh e a’ bualadh anns an t-sabhal, bhitheadh a mhaighstir a’ bualadh leis. Agus cha d’ rug e ’n a bheul, ach air tri graineanan gus an d’ thainig an t-earrach, agus chuir e iad anns an ire b’ fhearr a bh’ aig a’ bhodach.
Chinn asda sin tri diasan, agus bha air gach dias, tri-fichead graine math sil.
Ghleidh an gille iad sin gu curamach, agus ciod air bith graine sil air an do rug e, chuir e comhla riu iad.
Chuir e iad sin a rithis air an ath earrach. Agus aig an fhogharadh a rithis bha toradh aige, cho math ’s a bh’ aige a’ bhliadhna roimhe sin. Chuir an gille seachad a shiol gu curamach, agus ciod air bith a ghlac e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh ’s an ath gheamhradh, chuir a maille ris a’ chuid eile e.
Agus mar sin do ’n ghille, o bhliadhna gu bliadhna gus mu dheireadh, a dheanamh sgeul fada goirid, gu ’n do chuir an gille, air a’ bhliadhna mu dheireadh na h-uile ire threabhaidh a bh’ aig a’ bhodach. Agus bha corr sil aige r’a chur is cha mhor nach robh am bodach air a chreachadh. B’ fheudar da mal a phaigheadh do ’n tuathanach a b’ fhaisge dha, air son ire ’s an cuireadh an gille an còrr sil a bh’ aige, agus pairt de ’n spreidh aig a chreic, a chion gruinnd air an ionaltradh iad; agus cha deanadh e bargan air a’ cheart doigh ri gille gu brath tuille.
[Vol . 11. No. 3. p. 7]
Dan Dealachaidh.
Tha an t-Urr. Calum Caimbeul, a bha o chionn àireamh bhliadhnaichean a’ saoithreachadh gu dìleas ann an Strathalba, an Eilean a’ Phrionnsa, an deigh am paraiste sin fhàgail. Beagan ùine mu’n d’ fhalbh e, thaghail àireamh mhor de mhuinntir a’ pharaist’ air, agus an deigh dhaibh am meas air fein ’s air a shaothair na ’m measg a chur an céill, chàirich iad na ’laimh sporan airgid, mar sin a nochdadh dha nach bu chàirdeas beòil an càirdeas dha. Rinn Maighstir Caimbeul, anns am bheil tomhas nach beag de spiorad na bàrdachd, an dàn dealachaidh a leanas:—
AIR FONN:
“Nuair bhios mi leam fhin
Bidh tu tigh’nn fa near dhomh.”
Beannachd aig na suinn
A bha raoir ga m’ fharraid,
Ged thug mi dhuibh cùl
Tha mo dhùrachd mar ribh.
Thàinig sibh, a chàirdean,
A thoirt crathadh làmh dhomh,
O’n nach ’eil e ’n dàn domh
Tuille tàmh na ’r paraisd’.
Thàinig sibh gu deònach.
Pàrantan is òigridh;
’S o’n thug Freasdal stòr dhuibh,
Chuir sibh òr na ’m charaibh.
Ged nach tiodhlac shuarach—
Sporan làn a fhuair mi—
’S e gean-maith an t-sluaigh
A tha ro-luachmhor agam.
Chuir na mnathan gleus oirnn,
’S math an àm an fheum iad,
Dh’ ullaich ìad dhuinn feusda,
Is cha robh éis no gainn’ ann.
Labhair sibh cho caoimhneil
Mu na bha ’s na rinn mi;
’S gann gu ’n d’ thug mi taing dhuibh,
Leis mar chaill mi m’ anail.
Slàn le m’ chàirdean gaolach;
Bha sibh riamh rium faoilidh.
Gu ’n tig ceann mo shaoghail
Bidh mo smaointean mar ribh.
Failte Bhraidalbainn.
Moch ’s a’ mhaduinn ’s mi dùsgadh,
’S trom m’ aigne ’s mi tùrsach gu leoir,
A’ sior chuimhneach na dùthcha
Far ’n do chleachd mi bhi ’m bhuachaille bho:
Gheibhte sithionn is iasg ann,
Agus ealachan lionmhor air snàmh,
Coileach-dubh agus liath-chearc,
’S ciod tuilleadh a dh’ iarradh tu ann?
O! fàilt air Braidalbann!
Gheibhte fèidh ann, is earban, is minn,
’S iad na ’n luidhe gu cuanmhor
Ann am feadanaibh luachrach is cib’;
Na daimh ’sna h-éildean mu’n cuairt doibh,
’S iad na ’n luidhe air guallainn an tuim,
’S iad gu bior-shùileach, cluasach,
’Feitheamh ciod thig mu ’n cuairt anns an oidhch’.
Tha iad earbsach a ’n casan,
A chuir seachad na falaisg ’san fhraoich,
Le ’n gasganan geala,
’S iad a’ dìreadh ri barraibh nam maol;
An earbag le ’minnein,
’S i gle phriseil ga ’fholach measg fhraoch,
Air eagal an fhorsair,
’Nuair thig e ’sa choin leis air thaod.
Cha ’n ’eil sruthan gun iasg ann,
’S cha ’n ’eil gleannan gun fhiadh ann na choir,
Le minneinibh riabhach,
’S iad na ’n laidhe gu lionar measg feoir;
Damh cabrach ’s sron fhiat aig’,
Gabhail gaoith’ ann an siantaibh nan neoil,
Bu shunndach leam bhi ga ’n iarraidh,
Ann am maduinn chiùin, ghrianach, gun cheo.
Mu thoiseach an t-samhraidh,
’N àm cur cruidh air na gleanntaibh gu feur,
Bhiodh eoin na coille gu rannar
’Gabhail ceileir binn greannar doibh fein:
Bithidh an uiseag ’s an smeorach,
’S iad gu ceolmhor air barraibh nan geug,
Is binn an luinneag ’s an oran
Ann an coille nan cno leotha fein.
Loch-a- tatha nam bradan,
Tha ’tighinn o’n fhairge bu drabasta tonn,
’S iad gu dearg-bhallach, tarra-gheal,
Iteach, meanbh-bhreac, gorm-bhallach, lom;
’S iad a’ leum ris gu colgarr’,
Glacadh chuileag air bharraibh nan tonn,
Tha iad lionar ’s gach linne,
’S iad a’ cladh air a’ ghrinneal ’san fhonn.
’S iomadh nionag dhonn, chanach,
Tha dà thaobh Loch-a- tatha mo rùin,
Ni ’s gile fo ’n anart
Na an eala air bharraibh nan tonn;
Càil bhinn air son ciùil ac’,
Beul is milse na ’n siùcar r’a phog;
’S tha ’n anail cho cùbhraidh
Ris a’ bheatha na ’m flùr ann ad’ dhorn.
Aig Eaglais Chill-fhinn
Bu chiatach an ni leam bhi ann,
’G eisdeachd shearmoinean priseil
Anns am biodh an fhirinn gun mheang,
A’ toirt dhuinn sgeul as a’ Bhiobull,
Is ag innseadh gach ni mar tha ann;
Sgireachd eil’ anns am bi thu
Cha ’n fhaigh thu gach ni mar tha ann.
’S lionar aighear is ceol ann,
Fiodhal theudach ga sgrob’ anns gach ait’,
Piob ga ’sgaladh, ’s b’ e ’n ceol e,
Thogadh inntinn nan oganach ard;
Bhiodh gach nionag dhonn, sheolta,
Fleasgach caoimhneil ’s i aige air laimh,
A’ leum mar earbaig air mointich,
Ann an seomar a’ mhoid ris an danns’.
’Nuair a theid thu gu féill ann,
’S iomadh fleasgach deas treun a bhios ann,
Do ’n tig breacan an fhéilidh,
’S osan gearr air calp’ glé gheal nach cam,
Claidheamh leathan fo ’n sgéith ac’,
Laoich neo-chearbach nach géill ri àm teann,
’S iad nach géill ri àm cruadail,
’S nach bu tais an àm bualadh nan lann.
Ach nan tàrlamaid comhla,
Gach duine bu choir a bhi ann:
Bhiodh ann Neacal an iasgaich,
Is Mac Dhùghail nam fiadh as a’ ghleann,
Agus Iain Mac Dhiarmaid,
Duin’ iùlmhor a lionadh dhuinn dram,
’S cha bhiodh cùis ann mi-chiatach,
’S an triùir sin gu fianuis thoirt ann.
’S nam biodh cùis ann mi-chiatach,
Gheibhte mod agus cùirt ann ni ’s leoir,
Daoine foghainteach, cliùiteach,
A chumadh gach cùis mar bu choir;
Fear Achaladair rùnaich,
Nach faiceadh fear diùid air a leon,
’S fear Ghlinn-Iubhair, gu tùrail,
’Toirt breith air gach cùis aig a’ mhod.
C’àite ’bheil ann an Albainn
Ait’ a’s fearr na Braidalbann mo rùin?
Tir nan gaisgeach ’bha dileas,
A’ sheasadh na firinn ’s a’ chrùin;
Gheibht’ ann cruinneagan boidheach,
A sheinneadh dhuinn orain bha binn.
Tir nam filidh bha àluinn,
’S lionar bàrd a chaidh àrach na d’ ghlinn.
Tha ’n Dil’ air an Athar.
SEISD—Horin o irinn ho gù!
Horin o hi ri u!
Tha ’n dil’ air an athar—
Uisge reamhar, trom, dlùth.
Horin o, &c .
Tha ’ghaoth air an uinneig,
Leam ’s duilich an tùrn.
Tha ’n soirbheas air caochladh
Ann an aodann mo rùin.
Ged a bhiodh i na b’ àirde
Bhiodh mo ghràdh air an stiùir.
’S tu b’ urrainn a teàrnadh
Air sàil’ no air bùrn,
Ged a bhitheadh an linne
Air mhire ’na smùid;
’S ged a bhitheadh mo chinneadh
Ga pilleadh a nùnn.
Fhir bhig nan sùl donna,
Cha choma leam thu.
Aghaidh shoilleir an sgàthan,
’S tu m’ àilleagan sùl.
Dh’ aithnichinn thu tighinn
Air dhithis no thriùir;
Air chóignear no sheisear—
Air dheichnear ’s e ’s mo.
Gun càirinn do leaba
’S gun gleidhinn duit rùm.
Gum fosglainn an dorus,
’S gun caisginn an cù.
Ach fhir nan sùl daithte,
’S tu mo thasgaidh ’s mo rùn.
Is fhurasda duine gun nàire ’bheathachadh.
Is usa car a chur ’san teanga na ’san luing mhoir.
Is usa duine ’chumail a muigh, na ’chur a mach nuair ’thig e stigh.
Is glic nach meallar, ach cha ghlic a mheallar tric.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
L . L. GULLIVAN,
CEANNAICHE FEARAINN.
FEARANN US TAIGHEAN RI ’N CREIC ANNS GACH CEARNA DE SHIDNI.
AIRGEAD GA THOIRT SEACHAD AIR RIABH
Victoria Block, So. Charlotte St.,
J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.
A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
[Vol . 11. No. 3. p. 8]
An Gille Dubh.
SEISD—
An gille dubh cha tréig mi,
’S le fear a’ chruidh cha téid mi;
An gille dubh cha tréig mi,
O’n thug mi féin mo ghealladh dhut.
Tha mo chairdean deonach,
’S iad toileach mise ’phosadh,
Ri fear airson a storais—
Nach gorach leibh ’n am barail iad!
Is e mo ghaol an t-uasal
A dh’ imich thar nan cuantan;
Bu shealgair choileach-ruadh e
Mu ’n gluaiseadh iad ’s a’ chamhanaich.
’N uair dhireadh tu na stùcan
Le d’ ghunna caol nach diùltadh,
Bhiodh coileach dubh na dùrdail
A’ lùbadh bharr gach meangain leat.
’N uair theid thu thun na féille
Do ’n chlachan ri la gréine,
Cha ’n fhaicear measg nan ceudan
Fear eugais a’ ghille dhuibh!
Gur e mo ghaol an t-oigear
Aig ’bheil a’ phearsa bhoidheach—
Troidh chuimir am broig chomhnaird,
Nach toir air feoirnein carachadh.
Gur e mo ghaol an t-oigear
Aig bheil a’ mheall-shuil bhoidheach;
Gu ’n aithnichinn do cheum comhnard
A mach air loin a’ bhaile so.
Gur e mo ghaol an t-àrmunn
A chaidh a nunn thar sàile;
Na ’m faighinn cead mo chàirdean,
Gun dàil gu ’n deanainn banais dhuit.
Cha b’ ioghnadh mi bhi ’n toir ort,
’S do ghruaidhean mar na rosan;
Do chneas mar chanach lointean,
’S mar ite ’n eoin do mhalaidhean.
’S ann an raoir a rinn mi bruadar
Am chadal air a’ chluasaig—
’S a’ mhadainn, ’n uair a ghluais mi,
Gu ’m b’ fhada bhuam an gille dubh.
Gur mise th’ air mo lionadh,
’Bhi cuimhneach air do bhriathran;
Gu ’m b’ fhearr nach fhacas riamh thu,
Ma thug thu ’m bliadhna ’n car asam.
Ma rinn thu mise ’thréigsinn
Le comhairle luchd-bréige,
Cha ’n fhiosrach mi fo ’n ghréin
Ciod am feum a th’ anns an leannanachd.
Ma rinn thu mise ’thréigsinn
Le comhairle luchd-bréige,
Mo mhile beannachd féin leat
O’n ’s e ’s gu ’m b’ fheudar dealachadh.
Cumha
Do Niall Mac Eamuinn, a dh’ fhalbh a gleann beag boidheach an tobh na h-Eipheit, ris an canar Gleann a Phìobair, agus a chaidh a dh’ fhuireach gu Whitney Pier, le Aonghas B. Mac Phàrlain, Bràighe Mhargaree. Bha Niall na shàr phìobaire, na rogha greusaiche, ’s na dheagh choimhearsnach.
FONN.
Hó gur misde, hé gur misde,
Hó gur misde leam mar thà chuis;
’S misde leam gu ’n d’ rinn thu gluasad
Null gu tìr a ghuail a thàmhachd.
’S mor am milleadh air an Eipheit
Na fir ghleusda bhi ga ’fàgail:
Mac Gilleain, Mac Gilléalain,
Is Mac Eamuinn threig an t-àite.
Nuair a rainig mi an clìreadh
Anns an robh thu, Neill, a’ tàmhachd,
Fhuair mi ’n fhàrdaich air a dùnadh—
Shil mo shùilean ’s cha bu nàr domh.
Nuair a chruinnicheadh na h-eolaich
’Stigh ad’ sheomar mar bu ghnàth leo,
Gum biodh cridhealas gu leor ann,
’S gheibhte ceol is orain Ghàidhlig.
Dh’ fhalbh thu uainn a Gleann a Phìobair’,
Chuir sin mì-ghean air mo nàdar;
’S ann ort fhein ’s air do chuid cloinne
Chaidh a shloinneadh, tha iad ag ràitinn.
Seinnidh Iain grinn a phìob dhuit,
Seinnidh Sìn’ i agus Tearlach,
Eachunn, Floraidh agus Seumas,
Mary Jane, is May, is Searlot.
Na ’m biodh fios ac’ anns an tir sin
Air cho grinn ’sa tha do nàdar,
Thogte palais a bhiodh daor ann,
’S bheirte dhut-sa saor o mhàl e.
Bho nach aithne dhomh do bhuaidhean
A chuir suas ort mar a b’ àill leam,
’S ann a sguireas mi de ’n oran
Le bhi ’g ol air do dheoch-slàinte.
Laoidh nan Ceum.
(Salm cxxiv.)
LE IAIN MAC ’ILLE-BHAIN.
Is fior a dh’ fhaodas Israel a ràdh—
Mur cùmteadh suas ar cùis le Dia nam Feart;
Mur biodh ar Dia g’ ar seasamh anns a’ cheart;
Trath rinn luchd-millidh aingidh éirigh suas
Gu feargach, dian, g’ ar sgrios, gun iochd, gun truas;
Gu cinnteach dheanteadh leo ar gearradh as,
’S ar slugadh beo, a reir mar bhreithnich sinn,
Aig meud am feirg, mar ’s ceart a mheasadh leinn;
’S mar thilgear sios gach sion le tuiltean garbh’,
Ar n-anam bhiodh gu h-iosal ’measg nam marbh.
Na sruithean garg’ le ’n stuadhan uaibhreach, mor,
Sgriosadh is bhàthadh sinn, gun iochd, fo ’n tuinn;
Ach cliù do Dhia a dheonaich tearnadh dhuinn,
’S nach d’ fhuiling doibh ar sgrios gu tur ’s gu léir,
Gu fuilteach, borb, le ’m fiaclan guineach, geur.
Mar eun a lion an eunadair, gu beachd,
Ar n-anam sgith rinn teicheadh as gu bras,
Bhristeadh an eangach teann, ’s chaidh sinne as;
An ainm ar Triath ar cobhair tha gu leir,
A rinn le neart an saogh’l is neamh nan speur.
Oran.
Mo Mhàili bhinn, mheall-shuileach,
Gur toigh leam fhin cruinneag a chruidh;
Cailinn ciuin, ceanalta,
’S a Mhàili thug mi speis duit.
Gur tusa ’chruinneag bhoidheach,
A choisinn cliù gach oigear;
Do ghruaidhean mar na rosan,
Neo caoran og nan geugan.
Tha thu shiol nam mor-fhear
Aig am biodh pailteas storais,—
Bhiodh gearrain ac’ air lointean,
Is crodh gu leoir air reidhlean.
Bu mhiann leam ’bhith ’sa chomhlan
’S an seinneadh tu na h-orain;
Mar chuthaig anns an og-mhios
Tha guth de bheoil r’a eisdeachd.
Gur math thig gùn de ’n t-sioda,
’San fhasan ùr bu riomhaich’,
Air pearsa dheas na ribhinn
A thug bho chis na ceudan.
Gur àluinn leam do sheomar,
Le airneis de gach seorsa,
Gach ni ’s an àit’ an coir da,
’S gur seolta ni thu fhein sud.
Cha ’n ’eil gin ’san àite
An diugh a bheireadh bàrr ort
An grinneas no an càirdeas,
An àilleachd no ’n deagh bheusan.
Gur e fath mo thùrsa
Nach robh mi fuireach dlùth dhut,
’S gu ’m faighinn tacan ùine
Do chomhradh ciùin bhi ’g eisdeachd.
AONGHAS BEAG.
Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 3 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 3. %p |
parent text | Volume 11 |