[25]

[Vol . 11. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 22, 1902. No. 4.


Iain Mor nan Ord.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. XI.

ANNS AM BHEIL CUSPAIR AN SGEOIL AIR A REIS A RUITH, ’SA CHOMPANACH AIR DRAGH TLACHDAR A GHABHAIL DHA FHEIN, IS DRAGHANNAN BEAG EILE NASHEALLADH.

AM mealltair! an reubalach meallta! leigibh uige mi, a chladhairean!” ghlaodh Caiptean Eanruic, an uair a mhair an t-sàmhchair so mionaid no dha. “Leigibh uige mi!” arsan caiptean gaisgeil, ’s e aig a cheart àm air chrith le eagals a cumail air chùl nan daoine bu treises bu choltaichesa chuideachd. Ged nach robh briathran a chaiptein ach a deanamh fior an t-sean-fhacail mu ghuth mor á balg fàis, dhùisg agus ghluais e càch thun na h-ùpraid. “Glacaibh iad, ’illean, leith bheò, mas urrainn dhuibh?” arsan Seanalair mór agus an Caiptean á beul a chéile, ’s iad fhein aig a cheart àm a ruith gu diansa chaisteal. Cha bann an cuideachd a chéile a rinn iad so idir, ach gach fear air a shon fhéin, a fàgail àite na h-ùpraid gun fhios, chaidh iàd a stigh air caochladh dhorsan is thachair iad richéile am fear de sheilearan a chaisteil (am fear anns an robh am fìon) le uamhas taobh air thaobh; oir anns an dorchadas ghabh an Caiptean an Seanalair an riochd Iain Mhóir is ghabh an Seanalair an Caipteansan riochd cheudna. Chaidh iad mar sin gu fùchdadh a chéile, agus bann an uair a fhuair an Seanalair an Caiptean an togsaid leanna an comhair a chinnsa fhuair e na luirgnean aige cho caol a dhaithnich e co bhaige, ’s galeigeil as a bhàsadair thaitneach so, bha iad car tacain math gruamach ri cheile. Ach gun dàil thionndaidh iad an aire air an stuth a bhàthas gach trioblaid, ’s an uine ghearr bha iad an gairdeanan a cheiles a pogadh, ’s mar so fagaidh sinn iadsan dorchadas a fhreagras air an seòrsa car tacain, agus theid sinn dan t-solus, agus leanaidh sinn gaisgich as fhearr. Gun dàil bha na h-airm ghuineach gheur an tarruinn, ach a thaobh an t-àite bhi car cumhann, bha cothrom na bfhearr aig an dithis Ghàidheal air sgrios a dheanamh, air an cuartachadh mar a bha iad le naimhdean. Air an làimh eile, dhfheumadh na saighearan dearga bhi nam faiceall an àm tarruinn mum marbhadh iad an càirdean fein. Gualla ri gualla bha Iain Mors a chompanach òg an gàbhadh cruaidh, an sùilean laiste le mire-chatha, ’s an claidhnean acluich mar dhealanaich air gach taobh. Bha iad adol air ais gu socair an comhair an cùil romhn mhaoim bheo, nimheil a bha gan iomain le cudthrom an àireamh. Ach cha robh ceum a bha iad adhol air ais nach robh nàmhaid nashìneadh muchoinneamh air gach taobh, air chors gun robh iad deanamh rathaid dhiubh air an robh càch acoiseachd, ’s iad a nis air ghoil le nimh, gan ionnsaidh. Mu dheireadh fhuair iad an druim ri bad àraidh dhen bhalla, agus ag iomairt an claidhnean gu gaisgeil, ealanta, air-son am beatha, bha iad acumail nan naimhdean beagan shlat air ais, cho guineachs gum feuchadh iad rim mùchadh len àireamh. Mu dheireadh chunnaic na fir dhearga gum biodh achuid bu mhotha dhiubh air an sgrios mur rachadh aca air so a dheanamh, agus smaointich iad air dòigh ùr a chuireadh crioch aithghearr air an àr. Ruith grunn dhiubh a dhiarraidh cnapach de sheann ghunna-mor a bhacasa chaisteal air-son achàraid iongantach so a smùideadh dhan iarmailt, agus atarruinn air ais beagan shlat eile, bhan còrr den bhuidhinn afeitheamh tighinn an companach leis an inneal-bhàis so. Mu dheireadh chual iad iad atighinn le Betty (ainm aghunna), ’s a tionndadh mun cuairt, thog iad iollach àrd, ’s iad a nis cinnteach gum biodh spioradan Iain Mhoir is Eachainn an ath mhionaid atriall do chuideachd spioradan nan reubalach eile, ’s an cuirp le dearrsach aghunna-mhoir nam mìrean air feadh nam beann mun cuairt. An ath mhionaid, thionndaidh iad an sùilean air-son an sealladh mu dheireadh a ghabhail de na Gàidheil, ach an creideadh iad an sùilean? uamhas nan uamhas, ’s miarailt nam miarailt! cha robh sealladh air na Gàidheil. Sheas na saighdearan le beòil fhosgailte a sealltainn suassna speuran feuch am faiceadh iad iad a dol as an sealladh nan guirmes ag amharc air an làr mu chuairt air an àiten robh iad feuch an robh fosgladh no gluasad iongantach sam bith fodha; ach cha deach taisbeanadh sam bith a dheanamh dhaibh. Co-dhiù bu bhithean nàdarra no spioradail aig an robh lamhsa ghnothach, chaidh a dheanamh gu sgiobalta agus gu dìomhair. Cha robh aca mar sin ach Betty a shlaodadh air ais le cinn chromas aghaidhean anns an robh ioghnadh agus uamhas a strìth, thun an àitan dfhuair iad i. Mar tha fios aig an leughadair bann (buaidh air a bhodach a dheilbh e!) tromhn dorus ìnnleachdach aig an aonaran a fhuair iad roimhe sid, mar a chaidh ainmeachadh, le tuiteamas, a chaidh na fir á sealladh nan Sasunnach an tiotadh a bhan cùl riuthas mar sin gan cur gu mor nam breislich. An uair a bha iad ag imeachd le ceum luthmhor gu uamhIlleasbuig air-son beagan dhen sgiòs a leigeil dhiubh mun criochnaicheadh iad an obair, bha Iain Mor mar nach bàbhaist fuathasach sàmhach. Mu dheireadh thuirt e ri Eachanns fiamh gàire anns nach robh moran subhachais air a ghnùis, “Chan eil fios agam ciod is ciall dhomh Eachainn o chionn beagan làithean. Na uairean bidh mo chridhe cho trom ris an luaidhe le dragh nach gabh innse no meòrachadh, agus an ath mhionaid bidh e cho aotrom ri cridhuiseig. A nis tha fios agam gum bi ar làithean dorcha againn uile uair is uair, co-dhiu bhios sinn bochd no beairtach, an uair a shaoileas sinn gum bi gach ni air uachdar an t-saoghail ri strith nar n-aghaidh, ach cha bhin so ach neòil air grian na h-inntinn air-son a glanadhs a fàgail nas soilleire gu beathachadhs gu meòrachadh nan cuspairean ùra thagabhail freumh gach latha ma bheir sinn an aire dhaibh. Ach ged nach eil mise gisreagach Eachainn; tha mifaireachdainn mar gum biodh mo réis dlùth air a crìch, agus nach faic mi Gleann Gorm mo ghaoil, fàs mar a tha e, gu bràth tuilleadh.” “Ach Iain, a charaid ionmhuin, nach fhàg thun t-àite so gun dàils a nis an gàbhadh nar deigh air-son an ama. ’S mise thug an so thu, ’s tha mi nis a guidhort fhàgail, oirs cinnteach”— “AhEachainn ni sin an gnothach; ach tha mo dhleasdanas an so fhathast gun chomhlionadh, ’s mar sin tha min dòchas nach tionndaidh Iain Mor nan Ord naghealtair mun àm son latha, ach a mhàin gu faigh a ghairm e, ge be uair a thig i, dìleas dan ghnothach an laimhsan àm, thun a bhàis, agusEachainns tusan gille nach bu chòir achomhairle ud a thoirt ormsa, oirs tum fear mu dheireadh a ghabhadh i o dhuineile, ’s do dhleasdan as gun chriochnachadh.” Cha dthuirt Eachann guth, ach bha tuaileas ma shùilean car tacain a chruinnich ge boil leis nan da bhoinne mhor a thriall gu luath le ghruaidh chruinn òig, a measgnachadh le driùchd bhlàth an fheasgair air bàrr an fhraoich na cheum. Fhuair an tràghadh iad an oidhchud aon uair eile aig beul uamha nan tonn, an uair mu dheireadh bha iad an dochas, ’s Gilleasbuig nan cuideachd, deiseil gu gniomh. Cha bann gun strith a fhuair iad ann gun fhios don naimhdean furachail a bhan oidhchud a sguabadh na dùthcha mu chuairt gan sireadh. Chaidh Eachann, ’s a chridhe nabheul le eagal gun do dheirich dad do Mhaili o dhfhàg e i, a stigh, air a leantuinn le Gilleasbuig, a fàgail Iain Mhoirsa gheòlaidh bhigs an fharsuingeachd an taobh a stigh de bheul na h-uamha. Bha feum air cabhaigs an lionadh atighinn, oir chaill iad moran ùine acuartachadh mun dfhuair iad ann. n toileachadh a ghabh Eachann an uair a dhaithnich e gu robh Maili sàbhailte agus a chunnaic e làmh làidir gheal, ged a bha i nis tana, fodh iomal na lic a bha edùsgadhsan ùrlar, gachuideachadh. An ùine ghearr bha i ri thaobh gu sàbhailte, agus cha bfhiach e shalann mur fàilticheadh e i, mar a rinn e, àm aign do thionndaidh Gilleasbuig a chùlthaobh riuthas e ma bfhior air gnothach iongantach fhaicinn an àite eile. Fhuair iad na àm a mach anns a bhata á namha-nan-tonn. An uair a bha iad aig a beul chual iad an sgriach a buamhalta chuala cluas riamh atighinn a mach aisde. “Muime na h-áiridh!” arsa Maili, ’s i air chrith. Bi Muime na h-àiridh aingidh a bhann gun teagamh, oir afaighinn a chaisteil fàs nuair a thog càch air falbh a shealg nan Gàidheal, fhuair i greim air abhotul bhrandidh aig a maighstir, ’s afaighinn misneach as, agus air ghaol dorran a chur oirre (oir be nighean bhòidheach sealladh bu lugh air a chaillich a chitheadh i) chaidh i le cabhaig mhoirs i dol ma seach do phriosan Maili; afosgladh nan dorsan làidir a bha gadion, chaidh i stigh le briathran gris-fhionn air a bilibh, ach biad, a reir choltais, na briathran mu dheireadh a labhair i, oir an ath mhionaid thuit i troimhn toll tromhn do theich Maili aleigeil a mach nan sgriach a chual iad. Cha chual iad an còrr; lion na tuinn dhubha, mholach, acrach, an uamha, asmàladh an t-seann lòchrain mhùgaich nach dthug solus ceart riamh; ’s chaidh iad air adhart mar nach tachradh ni rim bùirich thùrsach mar bu ghnàth. Ghluais an bàt air falbh gu fàillidh ach gu luath, ach a tionndadh gob an rudhafhuair iad, mo thruaighe! iad fhein air an cuartachadh le bàtaichean, beag is mor, an nàimhdean a bha mach air an son, agus a thug an aire dhaibh atighinn



[26]

[Vol . 11. No. 4. p. 2]

s iad fhein atogail a mach. Dhfhalaich iad iad fhein mar sin, ’s bha na fògaraich, gun fhios, gun fhaireachadh, a deanamh dìreach air craos acrach an leòmhain. An uair a thainig iad dlùth gu leòrs nach robh rathad teichidh aca chaidh mar a dhainmicheadh, an cuartachadh len naimhdean guineachs caiptean Eanruic air an ceann cho làn misnichs a rachadh aig a bhotul bhrandidh air a thoirt seachad. Chaidh Maili aithneachadh le solus dearrsach na gealaichs chuir so an Sasunnach gu diarras buileach glan. Bha Iain Mors ràmhs gach làimh ag iomradh, ’s Gilleasbuig beag, o bha e eòlach mu gach cladach, aig an stiùir, ’s càch, na leannain, meadhain a bhàta na bu dlùithe air a cheile na ruigeadh iad a leas, cho beags gan robhm bàta. Aon uair eile bha àireamh na naimhdean nam fàbhar a thaobhs nach robh e comasach dhaibh cuimse ghabhail air a bhàta bheag a measg na h-urad, gu h-àraidhs an cuan mollach fodhn druim gan tulagadh. Cha robh e comasach dan gheòla bhig, fodha thun a cuairt beòil, astar mor a dheanamh cho treuns gan robh na gàirdeanan a bha ga h-iomradh, ach air dhaibh fosgladh fhaicinn, thug iad an aghaidh air tir acur don ghrunnd bu mhodha gu mor na iad fhein a ghearr romhpa. Leum iad air tir am bealach cumhann eadar na creagan, ’s bhrùchd an tuil naimhdeil a stigh nan deigh, afàgail nam bàtaichean a toirt an aire dhaibh fhein. Mur biodh ann ach iad fhein bhiodh Iain Mor is Eachann sàbhailte aon uair gun dfhuair iad cas air talamh, ged bhiodh feachd na Ròimhe nan deaghsan ait ud, ach bha Mailis i fann o na chaidh i troimhe, agus Gilleasbuig beag, a cumail maille orra. Ghabh iad a stigh am bealach airson faighinn do dhion nam fròg aig a cheann, ach leitheach rathaid chunnaic iad le uamhas buidheann làidir de na saighdearan a nochdadh nan aghaidh on cheann sin, ’s bha iad mar sin air an glacadh eadar dha theine. Gun tuireadh, gun bhualadh bhas, dòigh nan lag-chùiseach, ach le fiaclan teann chruaidh, leum a cheathrair a stigh fodh sgroth-creige a cur romhpa am beatha reic gu daor mun striochdadh iad. Chum iad o bhuillean cho fad so air son Maili, ach cha ghabhadh iad seachnadh a nis. Chruinnich iad mu chuairt air an dion-àit leibideach so mar fhithich thun na féisd. Lean an sin na buillean gu cruaidh teann gun fhianais ach a ghealach sheimh aig nach robh ioghnadh sam bithsna h-amannan garbha ud de leithid de shealladh. An uair a mhair so beagan mhionaidean fhuair Iain Mors a chàirdean ri chùl eadar na naimhdeans na bàtaichean. Bha dhiol aig Eachann ri dheanamh Maili a chumail o na Sasunnaich a bha toirt ionnsuidhean garbha air-son a glacadh, ’s bha mar so aig Iain Mor rin dion uile. “Ann an ainm Dhé, ’Eachainn,” ars esan, ’s e leis a ghille-ghlas a sgath sios air gach laimh, “gabh an cothroms thoir a mach na bàtaichean le Mailis tàrr as, oir mur dean thu sin, bidh sinn uile dhìth air a cheann mu dheireadh. Theid agamsa, le cuideachadh Dhé, air na madaidh so a chumail á so uige sin.” Chunnaic Eachann gun robh so fior, agus ged bu chruaidh leis a charaid fhàgail, rud nach deanadh es an anail ann na aonar, bha beatha Maili priseil leis, agus bha a sàbhaladh amùchadh gach faireachdainn eile bhag eirigh na inntinnsan am. Thug en aghaidh air na bàtaichean le Maili, galeith ghiulan, a fàgail slàn aig Iain Mor, thubhairt e gus am faigheadh e neach lem fàgadh e Maili no chitheadh sàbhailt i an àite tearaintes gum biodh e air ais gus na buillean cruaidh a phàrtachadh leis an tiotadh. “Beannachd leat, Eachuinn,” ars Iain Mor, ’s etoirt sùil an deigh a charaide òig, “beannachd leibh, agus Dia gar beannachadh le cheile.” Chuir teicheadh Maili an caothach buileach glan air Caiptean Eanruic an uair a fhuair e mach e air chùl na cuideachd. Dheulaidh e dlùth don ghaisgeach Ghàidhealach a bha cumail an fheachd air ais naaonar, agus air dha leith chùl fhaighinn ris, spion e mosgaid á laimh saighdeir, agus loisg en urchair air achuraidh threun gun umhail ged a mharbh e dithis dhe dhaoine fhein air an taobh eile den Ghàidheal. Bha Iain Mor air a lot gu bàs le lamh an tacharain gun chli. Dhaithnich e fhein so; thuit a charaide dìleas an claidheamh mòr as a laimh threin. Thionndaidh e mu chuairts thug e suil air an fheadhain a bha gachuartachadhs chunnaic e aghaidh ghlas chruadh Eanruics fiamh gàir air gafhalach fhein beagan astair air falbh. Chruinnich Iain na bha làthair de neart mor an aon spàirns thug e leum gaionnsuidhs asineadh a mach a laimhe dhùin a chròg mhor iarnaidh mu sgòrnan an t-Sasunnaich, gathoirt leis gu làr air dha tuiteam marbh. Fhuair Eanruic dubh a dhuais; an uair a thug a shaighdearan ionnsuidh air fhaighinn á laimh a ghaisgich mhairbh sheas iad air ais le uamhas air dhaibh aghaidh fhaicinn cho dubh ri poits an fhuil a brùchdadh as a chluasans o bheuls o shùilean, ’s cha robh feum aig air leigh ann. An uair a bha saighdear dearg a dol gu brùideil a thoirt ionnsuidh air ceann Iain a ghearradh leis, leum Cas-an-t- siubhail bochd a mach á sgor creige, aclisgeadh nan Sasunnach, ’s theannaich e e-fhein mu amhach mhor fhuar a charaides a dheòir asruthadh gu frasach, ’s chan fhaigheadh iad na chòirs esan beò. Thaisich cridhen oifigich a bha nis air an ceann le leithid so de dhilseachd fhaicinns gun do dhòrduich en saighdear air falbh ag radh nach cuireadh e meur air curaidh cho treun, ged a gheobhadh e deich mile bonn òir. Mar so thuit Iain Mor nan Ord, curaidh cho treunsa sheas am bròig riamh. Dileas gu bhàs, rinn efhuil a dhòrtadhs a bheatha thoirt seachad gu toilichte airson a charaid. Fhuair Eachann air falbh gu sàbhailte le Maili, ach cha dfhuair en àite tearuinte i cho luaths bu mhath leis. Mar sin an uair a rainig e Bealach Iain Mhoir, ainm a thair thun an lathan diugh, cha robh ròimhe ach sàmhchair aognaidh a leag a chridhe gu mor. Fhuair e mu dheireadh a charaide rag, fuar, ’s Gilleasbuig beag bochd mar a dhfhàg sinn e. O bu ghoirt cridhen òganaich an uair sins cha robh nàir airs a dheòir aruith leghruaidhean gu frasach dian os cionn a charaide bha cho treun, ach a bha nis na bu lugha clì na naoidhean air ùr bhreith. Cha do dhealaich e ris, gus am fac e air amhlacadh esa chnocan uaine an Gleann Gorm a ghaoil. An sin an deigh Maili fhaicinn an tigh a charaide bha i sireadh, dhfhàg e slàn bhlàth aice car greis, ’s chaidh e don Fhraing, far na dheirich e gu posta Caiptin an da bhliadhna. Bha e air eirigh gu math na bàirde nan leanadh e arm na Frainges na h-amannan garbha bha nis afosgladhsan dùthaich sin, ach bha cridhEachainnsa Ghàidhealtachd, agus o bha, lean e ann es e nis gle mhath dheth, ’s phòs e Maili. Thog iad taigh math faisg air a Ghleann Ghorm, aguss iomadh feasgar ciùin a ghabh iad an t astar thun a chnocain ghuirmsam bheil Iain Mor nashuain shiorruidh, aguss iomadh oidhche fhada gheamhraidhsan teaghlach greadhnach mu chuairt orra a chuir iad seachad greis dhen ùine ag innses ag aithris euchdan Iain Mhoir nan Ord.

(Achrioch.)


Marbhaidh droch ainm na coin.

Mhealladh en t-ubh bhon chorra-ghlais, ged bhiodh a shùil aig comhead air.


Sgeulachdan Arabianach.

ALADIN.

CAIB. VI.

ON a bha dochas aig Aladin gum faigheadh e pris na bfhearr air son an trinnsear, thug e as a bhrollach e, agus sheall e don or-cheard e. Thug an t-or-cheard an aire air acheud shealladh a thug e air an trinnsear, gun robh e air a dheanamh dhen airgiod a bfhearr a bha ri fhaotainn, agus dhfheoraich e dheth an do reic e aon dhe leithidean ris an Iudhach. Agus dhinnis Aladin dha gu saor, gun do reic e dha dheug dhiubh ris air son bonn oir am fear.

Nach be an dearg shlaoightire!” arsan t-or-cheard; “ach, a mhic,” arsesanchan urrainnear atharrachadh a thoirt air na chaidh seachad. Than trinnsear so air a dheanamh dhen airgiod as fhearr, agus gus a nochdadh dhut cho luachmhors a tha e, leigidh mi fhaicinn dut cho mors a thug an t-Iudhach an car asad.”

Thomhais an t-or-cheard an trinnsear air amheidh, agus an deigh dha innseadh do dhAladin mu phris an unnsa dhen airgiod, leig e ris dha gum be luach an trinnsear tri fichead bonn oir, agus phaigh e an t-suim so dha anns amhionaid.

Ma tha teagamh agad anns na tha miseg innseadh dhut,” arsan t-or-cheard, “faodaidh tu dhol far am bheil fear sam bith eile dhe mo sheorsa anns abhaile, agus ma bheir e dhut bonn a bharrachd, bheir mise dhut da bhonn ma choinneamh, agus sin rud nach dean Iudhach sam bith.” Thug Aladin taing dha air son a dheadh chomhairle a bha cho buannachdail dha, agus cha deachaidh e riamh tuilleadh a reic nan trinnsearan agus nam miasan far an robh fear sam bith eile, on a bha efaotainn luach air an son a reir an cudthrom.

Ged a bha ionmhas neo-chriochnach aig Aladins aig a mhathair anns achruisgean, agus ged a dhfhaodadh iad rud sam bith a mhiannaicheadh iad fhaotainn a h-uile uair a bhiodh feum acair, gidheadh bha iad cho beag cosgaiss a babhaist dhaibh, ach a mhain gun robh Aladin na bfhearrs na bu ghlaine ann an aodach na babhaist dha. Agus mu dheidhinn a mhathar, cha robh icaitheamh ball aodaich ach na bha i fhein acosnadh le sniomh chotain.

An uair a bheirear fa near an doigh anns an robh iad acaitheamh am beatha, tha e furasda gu leor a thuigsinn gun do mhair na fhuair Aladin air son nan trinnsearan uine mhath dhaibh. Chaidh iad air aghart anns an doigh so fad iomadh bliadhna, agus iad afaotainn na bha feumail dhaibh le cuideachadh achruisgein.

Re na h-uine so bu tric le Aladin a bhithdol do na buithean a bfhearrs bu mho a bhanns abhaile, far an robh aodaichean oir is airgid, aodaichean sioda, aodaichean linn, agus seudan luachmhor air an reic, agus gu math tric bhiodh greis chomhraidh aige ris na marsantan, agus ris amhuinntir a bhiodh aceannach anns na buithean. Air an doigh so fhuair e eolas mor mu dheidhinn gnothaichean an t-saoghail, agus dhfhoghluim e mar bu choir dha e-fhein a ghluasad am measg dhaoine a bairde suidheachadh na e-fhein.

Thuig e on eolas a fhuair e air na marsantan a bhiodh areic sheudan nach be glaine air a dath a bhanns na measan a chruinnich e an uair a bha e anns na seomraichean fo thalamh ag iarraidh acruisgein, ach gur e bhannta seudan a bha anabarrach luachmhor. Oir ged a chunn-



[27]

[Vol . 11. No. 4. p. 3]

aic e a h-uile seorsa de sheudan luachmhor air an reic anns na buithean, cha robh a h-aon dhiubh a leith cho mor, no cho briagha, no cho luachmhor ris na seudan a bhaige fhein a staigh, ged a bha en toiseach asmaointean gur e glaine air a dath a bhannta. Thuig e gun robh ionmhas ro luachmhor aige; agus bha e cho glics nach dinnis e facal mun deidhinn da mhathair no do neach sam bith eile.

Air latharaidh, an uair a bha Aladin acoiseachd troimhn bhaile, chuala bhithg iarraidh air sluagh abhaile, le ordugh an righ, na taigheans na buithean a dhunadh, agus gun duinedhol am mach air na dorsan fhads a bhiodh nighean an righ adol troimhn bhailedhionnsuidh an taigh-fharagaidh, agus atilleadh air ais.

An uair a chualAladin so, dhuisg miann laidirna inntinn sealladh fhaotainn de ghnuis nighean an righ; ach chan fhaigheadh e so gun a dhol do thaigh caraid gus amharc oirre am mach troimhn uinneig. Ach cha do riaraich so e an uair a thug e fa-near, gum biodh srol air aghaidh nighean an righ an uair a bhiodh idol troimhn bhaile. Ach gus a mhiann a shasachadh, smaoinich e gun gabhadh e doigh eile air sealladh fhaotainn dhegnuis; agus soirbhich achuis leis. Ben doigh a ghabh e, e-fhein fhalach air cul dorus an taigh-fharagaidh far an biodh comas aig air a h-aghaidh fhaicinn.

Cha robh Aladin fada feitheamh gus an dthainig nighean an righ, agus fhuair e sealladh math dhe h-aghaidh troimh sgaineadh a bhair an dorus gun fhios do dhuine sam bith. Bha cuideachd mhor maille rithe de mhnathan-uaisle, de shearbhantan, agus de chaillteanaich, agus iad acoiseachd air gach taobh dhi, agusna deigh. An uair a bha i ceum no dha on dorus, thug i dhith an srol, agus fhuair Aladin cothrom air deadh shealladh fhaotainn dhegnuis.

Gus asid, chan fhacAladin sealladh air gnuis boirionnaich riamh ach gnuis a mhathar. Bha i air fas aosda; agus an uair a bha i og, cha bu bhoirionnach briaghi. Bha en duil gun robh a h-uile boirionnach eile coltach rimhathair, agus an uair a chluinneadh e daoinebruidhinn air boirionnaich bhriagha, cha robh na bhiodh iad ag radh acur gluasad sam bith air an inntinn aige; oir ciod sam bith cho soilleirs gum bi na briathran anns an innsear mu dheidhinn maise dhaoine, cha deanar uiread drughaidh air daoine gus am faic iad a mhaise fhein.

Ach cho luaths a chunnaic Aladin nighean an righ, thuit e ann an trom-ghaol oirre. Bha ina boirionnach cho briaghas a bhair an t-saoghal. Bha suilean mora, briagha, beothailna ceann; bhagnuis anabarrach tlachdar, agus banail; bha beul beag, cuimir oirre, agus bilean cho boidheachs cho deargs a chunnacas riamh, agus bha pearsa dhireach, dheas, dhealbhach aice; a dhaon fhacal, bha ina boirionnach cho maiseach, obonn gubathaiss a bha beo. Air an aobhar sin, chaneil e idirna ioghnadh ged a thuit Aladin, fear nach fhaca boirionnach briagha riamh roimhe, ann an trom-ghaol oirre.

An deigh do nighean an righ a dhol seachad air Aladin, agus a dhol don taigh-fharagaidh, sheas e far an robh e, agus e lan ioghnaidh agus breislich, agus esmaointean gu dluth air aghnuis ro mhaiseach a chunnaic e. Ach mu dheireadh an uair a smaoinich e gun deachaidh nighean an righ seachad air, agus an uair a thilleadh i gum biodh a culaobh ris agus srol air a h-aghaidh, chuir e roimhe falbh as an aite anns an robh ena sheasamh, agus a dhol dhachaidh. Ach an uair a rainig e dhachaidh, bha e cho neo-fhoiseils gun dthug a mhathair an aire dha; agus bha ioghnadh mor oirre a chionn mar a bha e cho samhach agus cho muladach coltas seach mar a babhaist dha. Dhfheoraich i dheth ciod a thachair dha, no an robh e tinn.

Cha tug e freagairt sam bith oirre, ach shuidh e air an t-sofa mar gum biodh e gle choma dheth fhein, agus bhainntinn suidhichte gu buileach air nighean an righ.

Bhamhathair adeasachadh na suipearach, agus cha duirt in corr ris aig an am. An uair a bhan t-suipear deiseil, chuir i air abhord air a bheulaobh i; ach an uair a chunnaic i nach do ghabh e suim sam bith dhen bhiadh, dhiarr i air toiseachadh ri itheadh, agus theab nach tugadh i air atharrachadh as an aite anns an robh e na sheasamh. An uair a ghabh ecomhairle, cha dith e idir uireads a babhaist dha, agus bhacheann croms a shuil air abhord, agus gun fhacal atighinn as a cheann. Cha tugadh e an fhreagairt bu lugha do na ceisdean a bha icur air.

An deigh na suipearach, dhfheoraich i dheth car son a bha e cho mor fo lionn-dubh, ach cha tugadh e fiosrachadh sam bith dhi, agus bfhearr leis a dhol don leabaidh na dad sam bith innseadh dhi.

Cha ruigear a leas iomradh a thoirt air mar a chuir Aladin seachad an oidhche an uair a bhainntinn cho lan de smaointeanan mu nighean an righ. Foghnaidh dhuinn a radh gun do labhair e rimhathair an la-iar-na-mhaireach mar a leanas, an uair a bha ena shuidhe ma coinneamh agus i gu trang asniomh chotain: “Tha mi tuigsinn, a mhathair, gun do ghabh sibh dragh mor a chionn misebhith cho samhach an de. Cha robh mi, agus chaneil mi tinn, mar a bha sibhsesaoilsinn. Ach tha mi nis ag innseadh dhuibh gum bheil an rud a bha mifaireachadh an de, agus a tha mifulang an diugh, nas miosa na tinneas. Chan urrainn mi nadur mo thrioblaid innseadh dhuibh, ach chaneil teagamh nach tuig sibhse e o na bheil midol a dhinnseadh dhuibh.

Cha robh fhios anns achearn so dhen bhaile, agus uime sin cha robh fhios agaibhse air, gun robh nighean an righ gus a dhol don taigh-fharagaidh an deigh na dinnearach. Chuala mise so an uair a bha micoiseachd troimhn bhaile. Agus thugadh ordugh seachad, gum feumteadh mar urram dhi, gach buth a dhunadh air na sraidean troimhn robh aice ri dhol, agus gum feumadh na h-uile fuireach a staighnan taighean, a chum na sraidean a bhith reidh aice-fhein, agus aig amhor-chuideachd a bha maille rithe. Agus o nach robh mise aig an am fadon taigh-fharagaidh, bha fior thoil agam sealladh dheh-aghaidh fhaicinn. Agus an uair a smaoinich mi gun togadh i an srol bhar a h-aghaidh an uair a bhiodh i dluth air dorus an taigh-fharagaidh, chuir mi romham gun rachainn gu cul an doruis. Tha fhios agaibh mar a than dorus air a shuidheachadh, agus faodaidh sibh a thuigsinn gun dfhuair mi lan-shealladh dhi. Thog nighean an righ dhith an srol, agus bha de shonas agam na chunnaic sealladh dheh-aghaidh ro mhaiseach. Be so, a mhathair, a baobhar gun robh mi cho samhach, agus cho trom-inntinneach an de. Chan urrainn mi cainnt a chur air meud aghaoil a ghabh mi air nighean an righ; agus on than gaol a ghabh mi oirre asior dhol am meud a h-uile mionaid, chaneil en comas dhomh a bhith beo mur faigh mi greim oirre, agus tha mi suidhichte gun iarr mi i riposadh air a h-athair.”

Dheisd a mhathair le aire ris na thuirt Aladin gus an duirt e gun robh edol a dhiarraidh nighean an righ riposadh. Cha burrainn i gun glag gairedheanamh. Bha Aladin air a dhol air aghart leis an tuilleadh comhraidh, mur be gun do chuir i stad air. “Ochan! amhic,” ars ise, “co air a tha thusmaointean? Feumaidh gum bheil thu as do chaill an uair a tha thubruidhinn air a leithid sin.”

Tha miseg innseadh dhuibh le firinn, a mhathair,” arsAladin, “nacheil mi idir as mo chiall, ach gum bheil mo thurs mo thoinnisg agam. Thuig mi gle mhath roimh laimh gum biodh sibh diumbach gu leor dhiom a chionn a bhithsmaointean air gnothach cho amaideach agus cho mi-choltach ris aso; ach feumaidh mi innseadh dhuibh aon uair eile, gum bheil mi suidhichte gun iarr mi nighean an righ air a h-athair riposadh, agus cha chum bhur comhairlean-sa air ais mi.”

Seadh gu dearbh, a mhic,” fhreagair a mhathair gu foisneach; “feumaidh mi innseadh dhut gum bheil thu air thu fhein a dhichuimhneachadh buileach glan, agus ma ni thu mar a tha thug radh, chan aithne dhomhsa coghabhas os laimh a dhol ga h-iarraidh dhut.”

Theid sibh fhein ga h-iarraidh dhomh,” fhreagair e anns amhionaid.

An e gun teid mise far am bheil an righ!” arsa mhathair, agus i gabhail ioghnaidh agus uamhais. “Bheir min aire mhath nach gabh mi gnothach rileithid a dhobair. Co thusa, ’mhic, gum biodh tusmaointean gun gabhadh nighean an righ thu? Dhichuimhnich thu gum be dathair taillear cho bochds a bhanns abhaile, agus nach dthainig mise o dhaoinebha dad na bfhearr na cuideachd dathar. Nacheil fhios agad nach toir na righrean an nigheanan rim posadh ach do mhic righrean mar a tha iad fhein?”

A mhathair,” arsAladin, “dhinnis mi mar tha dhuibh gun robh fhios agam air ciod a bha sibh gus a radh; agus tha mig innseadh dhuibh a rithist nach dean bhur cainnt agus bhur comhairleachadh atharrachadh sam bith air minntinnsa. Dhinnis mi dhuibh gum feum sibh a dhol a dhiarraidh nighean an righ dhomh. Tha mi, leis an uilurram, ag iarraidh oirbh am fabhar so a dheanamh dhomh; agus tha miguidhe oirbh nach diult sibh dhomh e, mureil toil agaibh mfhaicinn air mo charadh anns an uaigh, agus leis aso beatha nuadh a thoirt dhomh.”

(Ri leantuinn.)


Mar Bha Domhnull Leis aChnatan Mhor.

LE A. MAC AONGHUIS.

GU de an cor a thort anochd a Dhomhuill?

Chaneil, Alasdair, ach cor meadhonach. Dhfhaodainn a bhi na bu mhiosa, achs minig a bha mi moran na bfhearr.”

Chuala mi, a Dhomhuill, gun do ghabh thu an droch chnatan?”

Cnatan, Alasdair, an canadh tu cnatan ris? ’S e a bhann plaigh, trusdair ghalar, aguss ann aig mo chreubhaig tha brath. Bidh neachus neach araite rium gur em flensi mallaichte than sid a bhann; ’s mo dhroch run nachois, faodaidh cuimhne bhi agam air. Cha mhor gun dfhag e ball richeile dhiom.”

Tha mi atuigsinn gur olc da rireadh an trioblaid e, a Dhomhuill.”

Trioblaid ghrannda, chealgach, chunnartach, rapach, sgriosail, ’s e a thann Alasdair, gun teagamh sam bith.”

Tha e ro choltach, a Dhomhuill, nacheil an cnatan mor nachloinn.”

Braidean dubh, Alasdair, bhuail e mi mar gun dthugadh tu sgailc dhomh, an oidhche-roimhe, an am a bhith dol a chadal. Dhfhairich mi fas-

(Air a leantuinn air taobh 30.)



[28]

[Vol . 11. No. 4. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna $1 .00
Sia Miosan .50
Tri Miosan .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn. an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, OGUST 22, 1902.

Sith Da-rireadh.

Tha gach latha tha dol seachad anochdadh gu bheil barrachds an t-ainm anns an t-sìth a rinneadh eadar Breatuinns na Boerich. Chaochail aon de na seanalairean Boerach, Lucas Meyer, o chionn ghoirid, agus air achiste-laidhe anns an robh a chorp air adhlacadh, bha blàth-fhleasg bho Phòl Cruger, agus aon eile bho Eoseph Chamberlain, —an da fhear-stàite a bha mu thòiseachadh a chogaidh mar so le chéile acur urraim air aon de na daoine bu tréine achathaich ann. Tha aig an àm so tri seanalairean Boerach eile ann am Breatuinn ag iarraidh cuideachaidh do theaghlaichean airn do chuir an cogadh call; agus tha na Breatunnaich gam fàilteachadh mar gum bu leotha fein iad. Thaghail iad air Morair Roberts agus air an righ fein; agus rinneadh am beatha gu càirdeil anns an da àite. Tha an sluagh a nochdadh fialaidheachd mhor, agus chan eil e ri chur an teagamh nach pill iad dhachaidh le sporanan troma, ’s le deagh bharail air an t-sluagh ris an robh iad cho fadacogadh. Ma rinn an saoghal Breatunnach gàirdeachas nuair a thainig sgeul na sìthe, faodar an tuilleadh gàirdeachais a dheanamh a nis on tha e cho soilleir nach bu shìth aindeonach a rinn na Boerich, ach sìth a tha iad deònach a dhaingneachadh le càirdeas.


An Righ air a Chrunadh.

AIR Di-sathuirne, an naodhamh latha dhen mhios, bha Righ Iomhar is Banrigh Alexandra air an crùnadh. Bha an t-seirbhis air a giorrachadh, agus moran na bu lugha greadhnachais na bha i gu bhisan òg-mhios, ach bha i da-rìreadh sòluimte, agus bidh lathachrùnaidh na latha air am bi sgeul troimh linntean ri teachd. Bha an Righ ann an deagh shlàinte agus sheas e ri saothair is sgìths an latha gu math. Bha Abaid Iarmhinisteir loma làn sluaigh, as gach cearna dhen t-saoghal, agus bu shealladh greadhnach da-rireadh na bha ri fhaicinn ann. Bha achuid bu troma den t-seirbhis air Ard-easbuig Chanterbury; tha an seann duinurramach sin air fàs car dall agus breòite, ’s bha e gle dhoirbh dha a phàirt a ghabhail gu ceart. An àm a bhi cur achrùin air ceann an Righ, bha leithid de chrith nalaimhs gum bfheudar a stiùireadh le neach eile; agus nuair chaidh e dheanamh ùmhlachd don Righ cha mhor nach deach e ann an laigse. Chuireadh an crùn an ceann na Banrigh le Ard-easbuig York. Tha an Impireachd uile ri gàirdeachas a chionn gun deachaidh an crùnadh a dheanamh gun sgiorradh sam bith. Bha sgeul air a h-aithris, nuair bfheudar an crùnadh a leigeadh seachadsan òg-mhios, gun drinn ban-fhiosaiche anns na h-Innsean fiosachd nuair a bha Iomhar na dhuinòg, gun rìghicheadh e ach nach biodh em feasd air a chrùnadh. Bha na saobh-chràbhaich atoirt creideas dha sin, agus air an aobhar sin, bhiodh e air a mheas mar thrioblaid mhoir nan robh ni sam bith air tachairt a chuireadh an crùnadh air ais a rithist, no eadhon a chuireadh maillesan t-seirbhis. Gu freasdalach, cha do thachair ni dhen t-seòrsa sin, agus feumaidh luchd an t-saobh-chràbhaidh cuspair eilfhaotainn. Agus a nis, on than Righ gu daingeann air a chathair, agus air a chrùnadh le sìth is càirdeas guchuartachadh, faodaidh sinn a radh nach eil sluagh fo a riaghladh as dilse dha, no as dùrachdaiche ghuidheas saoghal fada agus rìgheachadh sona dha na na Gàidheil.

Dhia, gléidh an Righ le dghràs,
An rìgheachd as gach càs,
Dhia, gléidh an Righ!
Biodh e a ghnàth fo dlàimh,
Le buaidh os ceann gach nàimh
Na dghràdh-safaotainn sàimh,
Dhia gléidh an Righ!”


Bardachd Oisein.

ANN am Bardachd Oisean gheibh sinn an dearbhadh is laidire a tha againn air abhuaidh a bha aig cumhachdan an t-saoghail mun cuairt doibh thairis air inntinnean ar sluaigh o shean. Chan aithne dhomh gum faighear ann an rioghachd no ann an linn eile fon ghrein duine a bha air an lionadh le morachd, le maise, agus le greadhnachas na tìre mar a bha priomh Bhard ar duthcha fein. Agus troimh ar Litreachas anns gach meur agus anns gach linn saoilidh mi gum faighear dearbhadh nach aichear gum be faireachduinean Oisean anns achuis so fior fhaireachduinean a shluaigh. Bha a bhuaidheansan àrd os cionn buaidhean a shluaigh. Bha a shuil na bu ghloine; bha inntinn na bfharsainge; bha a chridhe na bu mho agus na bu bhlaithe. Ach chan fhac e, agus cha do bhreithnich e, agus cha dfhairich e, agus cha do sheinn e, ach mar a chunnaic, agus mar a bhreithnich, agus mar a dhfhairich, agus mar a sheinn a luchd-duthcha anns gach linn, a reir nam buaidhean a bhuineadh dhoibh. Chan aithne dhomh ni eile ann an Litreachas ar sluaigh a tha cho chomharraichte agus cho so-dhearbhta, anns gach linn dar n-eachdraidh, ris achumhachd a bha aig oibreNadair thairis air an inntinnean, agus ris an fhior thoilinntinn a bha iad afaotainn ann am maise na tìre anns an robh an comhnuidh. Gheibhear an dearbhadhnar n-ainmean, ’nar focail, ’nar coimeasan, ’nar sean-fhocail, ’nar sgeulachdan, ’nar bardachd, agusnar seanachas anns gach linn. —D. MK.


Rannsaicheamaid Sinn Fein.

Than sgeul a thainig ugainn air gniomh uamhasach abhalaich a mhort a chompanach an deigh crith oillt a chur air gach aon a leugh i. Agus mar is àbhaist, tha cuid de na paipearan agabhail orra féin a radh gu bheil na pàrantan rin coireachadh, ’s nach biodh uiread uilc air a nochdadhsa chloinn nan robh an aithricheans am màthraichean adeanamh an dleasdanais. Ceadaicheadh iad sin dhuinne radh gu bhell barrachds na pàrantan atighinn gearrsan dòigh so. Tha an sluagh gu h-iomlan tuilleadh is suarach mun lagh. Tha àireamh mhor a tha gle choma mu bhristeadh an lagha; cha chuir e iomguin sam bith orra mur faighear a mach iad. Agus chan ainneamh le duine ciontach a bhi air a shaoradh lejurya chionn gur leisg leotha peanaist chruaidh a chur air. Tha so atachairt eadhon aig ar dorsan. “Tha am marbh marbh, ’s cha dean neach eile mharbhadh a thoirt beò.” Cluinnear an leisgeul so gaghabhail. Cluinnear mar an ceudna daoine deanamh dìmeas air lagh dom bu chòir a bhi gachumail suas. Is aithne dhuinn eadhon paipearan a labhras gu tàireil mu laghannan nach eil iad fein afaicinn iomchuidh a choimhead. Nach beag an t-ioghnadh, ma ta, balaich a bhi ris an ni sin a chi iad muinntir a tha air tighinn gu aois adeanamh? Agus co a chuireas coirorra? Ma tha toil againn an òigridh a dhfhuireach fo smachd am pàrantan, ’s còir dhuinn sinn fein a chumail fo smachd an lagha. Mur dean sinn sin, no ma theid gach aon againn air adhart air an t-slighes anns an dòigh a mhiannaicheas e fein, gun smaoin air co-dhiu tha sinn ceart no cearr, na bitheamaid cho ullamh gu bhi cur uallaichean air an òigridh nach giùlain sinn fein. Na cuireadh e ioghnadh sam bith oirnn iad a bhig ionnsachadh nan leasan a tha iad gar faicinn fein ateagasg dhaibh.


Corruich nan Gaidheal Diombuan.

CHAneil, ma dhfhaodte, meur dar Bardachd is usa aleigeadh ar dichuimhne nan Aoir. Feudaidh e bhi gu bheil e fior, mar thuirt am Bard Sasunnach, gu mair an t-olc a ni daoine beon an deigh, agus gu bheil sinn teom air amhaith a ni iad a chur anns an ùir len cnamhan; ach tha mi meas, ’n ar measg-ne co-dhiu, gu bheil ar cuimhne nas fhearr air deagh ghniomhan na tha i air droch ghniomhan dhaoine. Tha mi den bharail gun dearbh ar Bardachd cho fad agus a tha cunntas earbsach againn mu deidhinn gu bheil ar corruich cho maith ri ar gaol teth; ach saoilidh mi gun gabh e dearbhadh mar an ceudna, agus is feart cliuiteach son ar sluagh nach bu choir a dhi-chuimhneachadh, gu bheil ar gaol cho buan agus a tha ar corruich cho diombuan. An aite a bhi sgriobhadh easuntois ar daoine ann an umha agus an deadh-bheusan ann an uisge; is ann a tha e fior mu Ghaidheil na h-Alba gun sgriobh sinn an cliù le peann iaruinn anns achraig, agus am mi-chliu le ar meur anns aghaineamh. Tha am Bard anns an Aoir abuntainn a mhain ri nithean agus cuisean a latha fein. ’S e a rùn a bhi diteadh dhaoine a tha deanamh clì, no bhicaineadh agus afanoid air cleachduinean nach cord ris. Chan amhairc e air ais air eachdraidh ashluaigh ach airson eisempleir no coimeas agus is gann a dhamhairceas e idir air thoiseach air. An uair a siubhlas an t-eucorach no a theid achleachduin á fasan is gann a bhitheas moran miagh air an Aoir a rinn am Bard mun deidhinn. Is leoir dhuit a ghleidheadh air chuimhne mar a dhaoireas Baird do latha fein eucoraich agus cleachduinean mi-cheutach do latha fein. Tha e soilleir mar so, mur teid an Aoir a sgriobhadh, gur e is docha nach gleidhear air chuimhne i. Agus ma tha e fior, mar thuirt mi cheana, gu bheil na Gaidheil ann an doigh ro shonraichte deas gu euceartan dhaoine a leigeadh as an cuimhne, faodar a thuigsinn ged bhiodh Aoirean cumanta gu leoir o shean nach biodh moran diubh air faotainn an diugh. —D. MK.


Cha do mheall e ach na dhearb as.



[29]

[Vol . 11. No. 4. p. 5]

Naigheachdan.

PAIGH AIR-SON BLIADHNEILE— ’S ann mun àm so den bhliadhna is àbhaist don mhor-chuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA a bhi ga phàigheadh air-son bliadhneile. Bidh sinn gu mor an comain gach aon a chuireas ugainn, gun dàil, na tha aige ri phàigheadh.

PIC-NIC AN IONABha pic-nic ann an Iona Di-màirts Di-ciaduin sa chaidh. Bha sluagh mor cruinn an da latha, agus chaidh gach ni air adhart gu h-òrdail. Than t-airgiod a rinneadh ri bhi air a chur a chuideachadh ann an togail eaglais ùr an àite na te a chaidh a losgadhsan earrach. Bidh an eaglais ùr air a deanamh de bhrics de chloich; nuair a bhios i suas, bidh i na togalach cho briagha dhen t-seòrsas a tha air an eilean.

LOSGADH GU BASAnn an Digby, oidhche Di-sathuirne, an naodhamh latha dhen mhios, bha Tomas W. Longstaff air a losgadh gu bàs na leabaidhsan tigh-òsda. Bha e leughadh ri solus lampa an deigh dha dhol mu thàmh. Chaidh an lampa thairis, aspraidheadhs acur an aodaich natheine, agus bha esan air a losgadh cho donas nach robh e beò na dheigh ach gann ceithir uairean fichead. Bha e ceithir fichead is aon bhliadhna dhaois.

CIONTAICH OGAChaidh dithis ghillean òga a ghlacadh o chionn ghoirid an Aspy Bay air-son bristeadh a staigh do stòr Iain Dhomhnullaichsan Acarsaid Mheadhonaich. Bha iad air an toirt gu cùirt am Baddeck, ’s air am faotainn ciontach. Thug am Breitheamh Dodd, a bha gam feuchainn, tri bliadhnan urra dhen taigh-obrach dhaibh. Chan eil am fear as sine de na gillean ach ceithir bliadhndeug a dhaois, agus am fear eile a dha dheug. Tha e naghnothuch muladach a bhi faicinn ghillean òga dol cho fad air adhartsan olc.

IASGACH NAN GIOMACHBhan aimsir anns am faodar giomaich a ghlacadhsan dùthaich so suas air an aonamh latha deug dhen mhios. Ann an Ceap Breatunn, cha robh an t-iasgach cho maths a bàbhaist. Bha an t-sìde cho doirbh roinn mhor dhen ùines nach robh e soirbh an glacadh, agus bha moran thrapaichean air an call. Air cladaichean New Brunswick, rinn luchd-iasgaich nan giomach na bfhearr; cha deach uiread a ghlacadh ann o chionn àireamh bhliadhnaichean. Air na cladaichean sin, chan eil na stoirmeannan cho tric no cho millteachs a tha iad air cladach an ear is deas Cheap Breatuinn, a tha fosgailte ris a chuan mhor, agus nochte ris a ghaoithn ear.

AN T-URR. D. M. GILLIOS. —Bha an t-Urr. Domhnull M. Gillios, a fhuair a bhreith is àrach ann a Hogamah, air chuairt an eilean a dhùthchais air an t-samhradh so. Shearmonaich e le mor thaitneas an eaglais St. Andrews, ’sa bhaile so, tri Sàbaidean am mios Iulaidh, agus bha e uaithe sin am measg a chàirdeansa sheann luchd-eòlais an siorrachd Inbhirnis. An uair a bha e fàgail, thug muinntir Orangedale dha, mar theisteas air am meas air feins air a shearmonachadh, sporan air a dheagh lionadh le airgiod. Tha Maighstir Gillios air an t-seachduin so a falbh do Chalifornia, far am bheil e o chionn àireamh bhliadhnaichean asaoithreachadh. Tha sinne, maille ri chàirdean lionmhor eile, aguidhe saoghal fada dha, agus soirbheachadh mor na obair.

FEILL NAN IUDHACHToiseach na seachduin sa chaidh bha na h-Iudhaich anns gach cearna dhen t-saoghal a cumail na féille a tha iad a cumail gach bliadhna mar chuimhneachan air sgrios Irusaleim. Tha an fhéill so air a cumail air an naodhamh latha den mhios Ab anns achùnntas aca fein. Thòisich i mu uair romh dhol fodha na gréine Di-luain, agus chriochnaich i aig dol fodha na gréine Di-màirt. Re na h-ùine sin, cha robh iad ri biadh no deoch a ghabhail. Air an oidhche, bha eachdraidh sgrios Irusaleim air a leughadh anns an t-sinagog, agus bha ùrnuigh air a cur suas, ag guidhe gun toireadh Dia a shluagh féin air ais do thir an aithrichean. Air an ath latha, bha aig gach aon ri dhol do chladhsan robh an càirdean fein an tiodhlacadh, no do chladh sam bith eile, co-dhiu bIudhaich no cinnich a bha nan cadal ann. Than t-Iudhach ga mheas fein fad air thoiseach air fear cinnich sam bith eile fhads a tha iad le cheile beo, ach do na mairbh tha etoirt an aoin urraim.

BATHADH AIR LA ACHRUNAIDHAnn an St. John, N. B., la a chrùnaidh, bha dithis dhaoinòga air am bàthadh air loch mu dheich mile on bhaile far an robh iad agabhail pàirt ann an réis-bhàtaichean. Chaidh am bàta anns an robh iad a chur thairis le soirbheas làidir a dheirich an ealamhachd, agus mun dfhuaireadh gan ionnsaidh le cuideachadh, bha iad air am bàthadh.

SGIORRADH MULADACHChaidh duinòg dam bainm Robert Sparling a mharbhadh aig Whitney Pier feasgar Di-ciaduin sa chaidh. Bha eg obair air inneal air laimhrig an iaruinn, agus air dha bhi dol air bòrd oirres i gluasad air falbh leis na càraichean, thuislich e, ’s bha e air a thilgeadh dhan uisge astar còrr is da fhichead troigh. Bhuail a cheann air maidean na laimhrig, agus thatar adeanamh a mach gu robh e marbh mun drainig en t-uisge. Cha robh e ach bliadhnair fhichead a dhaois. Thainig an teaghlach den robh e an so á Baddeck o chionn dha no tri bhliadhnaichean.

OGANACH TREUNChaidh gille òg, aois shia bliadhndeug, dam bainm Rob Webster, a bhàthadh ann an Kentville, N. S., Di-haoine sa chaidh air dòigh a bha gle chliùiteach dha feina feuchainn ri dithis ghillean eile a shàbhaladh. Bha iad air pic-nic ri taobh a chladaich, agus chaidh an dithis so a mach gam faragadh féin. Air dhaibh dol a mach ro fhada bha iad an cunnart bàthaidh, agus chaidh esan, gun uireads a chuid aodaich a chur dheth, gan sàbhaladh, Chaidh aig air sin a dheanamh, ach chaill e a bheatha fein; bha e air a chlaoidh cho mors gun deach a tharruinn a mach leis an t-sruth, ’s bha e air a bhàthadh.

TRIOBLAID AIR ANSCOTIA” —Tha anScotia,” am bàt-aiseag a fhuaireadh air-son an rathaid-iaruinn aig caolas Chanso a nis aig obair. Bha i na tàmh ùine mhor afeitheamh gus am biodh ceadhachan freagarrach dhi air an togail air gach taobh. An deigh tòiseachadh ri ruith, bha aig moran den sgioba ri obrachadh tuilleadh is fada, cuid dhiubh cho fada ri sia uairean deuga as acheithir air fhichead. Dhaobharaich sostrike ,agus deireadh na seachduin sa chaidh cha robh am bàta air ghluasad idir. Ach toiseach na seachduin so, rinneadh còrdadh ris na daoine, agus cha bhi acan deigh so ri obrachadh ach da uair dheugsan latha. Tha an Scotia mar sin air chothrom ruith a rithist.

GNIOMH UAMHASACHAir acheud latha dhen mhios so, fhuaireadh ann am pàirc bhaile St. John, N. B., corp gillòig dam bainm Uilleam Doherty. Bha e soilleir gu leór gnm be mhort a rinneadh, ach cha robh fhios aige bha lamh nabhàs gu ceann còrr is seachduin. Air an naodhamh latha bha dithis dhechompanaich air an glacadh aig Vanceboro, ’s iad ateicheadh do na Staidean; agus aig cùirt a chaidh a shuidheachadh, mhionnaich fear dhiubh, Goodspeed, gum facesan am fear eile, Frank Higgins, a mort Dohertyalosgadh ceithir urchraichean airs an sin gabhualadhsa cheann leis an daga gus an robh e marbh. Thug e air-san a chuideachadh afalach achuirp, agus an sin theich iad le chéile. Bha Doherty seachd bliadhna deug, agus Higgins sia bliadhna deug a dhaois. Chan eil Goodspeed, am fear a tha toirt na fianuis, ach a ceithir deug.

AM BREITHEAMHS AM BORD MALAIRTTha achùirt mhor na suidhe ann an Sidni air an t-seachduin so, ’s am Breitheamh Meaghar air abheing. Tha Bòrd Malairt nan Roinnean Iochdrach anns abhaile cuideachd, ’s acumail an coinneimhean an Tigh na Cùrtach. Di-ciaduin, chunnaic uaislean aBhùird iomchuidh an dealbhan a tharruinn, agus shuidhich iad iad-fein air an staidhre tha dìreadh gu dorus Tigh na Cùrtach. Bha h-uile ni deiseil gus an dealbh a tharruinn nuair thainig am breitheamhs a dhfheuch e ri faighinn a mach. Le cuideachadh an t-siorraim fhuair e troimhn chòmhlan a bhann, agus air dha saoilsinn gun dthuirt cuid dhiubh ni-eigin mu dheidhinn nach robh gamholadh, thionndaidh es thuirt e riutha, gum biad gràisg bhlaigeartan bu mhi-mhodhaile chunnaic e riamh. Chuir so corruich mhor air buill a Bhùird, agus air do fhear dhiubh, Mr. DeWolf, tachairt ris abhreitheamh an deigh don chùirt sgaoileadh feasgar, “thug en aghaidh airair-son mar a labhair e. Cha do dheisd an breitheamh ach ri facal no dha nuair a thug e òrdugh don t-siorram DeWolf a chur don phrìosan. Chaidh sin a dheanamh, agus bha an duine mi-fhortanach a stigh uair no dha de thìm gus an dfhuaireadh còrdadh a dheanamh ris a bhreitheamh air-son a leigeil mar sgaoil. Chan eil e na shùgradh corruich a chur air breitheamh.


Naigheachdan Gaidhealach.

AM MOD.

Tha sinn an dochas gu bheil ar càirdean òg feadh na Gàidhealtachd acumail air chuimhne gu bheil am Mòd a tarruing dlùths gur mithich a bhi bogadh nan gad. Tha duaisean lionmhor agus luachmhor air an tairgse air son sgeulachdan, bàrdachd, agus ceòl, agus tha sinn an dòchas gun leigear ris gu bheil aGhaidhlig ag eiridh ann am meas air feadh na tir agus gu bheil barrachd comasach air a sgrìobhadhsa bhann roimhe so. Faodidh daoine bhig éigheach“ ’Suas leis aGhaidhliggus an tùch iad, achse gniomh a dhearbhas co dhiu tha iad ann an -rireadh no nacheil. —Highland News.

COIGRICHSAN TIR.

Aig an àm so den bhliadhna chithear coigrich anns gach ceàrn den Ghàidhealtachd, agus thigeadh do ar luchd-dùthcha a bhi gleusda cùramach mu na ni agus a their iad. Bidh an fheadhainn eile sùileach gu leòir mu staid nithean am measg nan Gàidheal; agus air an aobhar sin tha e iomchuidh gum biodh ar muinntir féin tiomchioll-gheairte an gniomhs an gluasad. Bidh cuid de na coigrich so aig am bheil salachar gu leòir dlùth dan tighean féin agusnan dùthaich féin, ach chaneil iad cho ullamh a bhi faicinn agus acuimhneachadh sos tha iad a bhi labhairt ann an spiorad mi-chaoimhneis mu na gnothuichean a chìs mun cluinn iad anns aGhaidhealtachd. Tha na coigrich so atighinn ás gach ceàrn feadh an t-saoghail. Agusnuair a théid iad dhachaidh dan dùthaichean féin bidh iad adeanamh iomradh air na chual iad agus na chunnaic iad—Oban Times.

CRUNADH AN RIGH.

Bha an Righ air a chrùnadh air an naodhamh latha den mhios. Ged chaidh an crùn a chur air a cheann cha robh idir an othailsan ùpraid ann a bha ri bhi ann nan deachaidh a chrùnadh air an latha a chaidh a shonrachadh an toiseach. Theagamh gu bheil e cho math nach robh anhoro-gheallaidhann ris an robh duil, oir faodaidh sluagh dol thar tomhas ann am fàilteachadh Rìgh ùr. “Cha bhi fhios ciod thasan truall gus a tàrruinnear e.” Ma leanas esan ann an cos-cheuman a mhàthar chaneil curam nach fhaigh e urram anns an dùthaich. Thig e don t-sluagh a bhi guidhe gum faigh e eòlas agus tuigse a ghiùlan air aghaidh gnothaichean na Rioghachd so, agus thig e dhàsan gluasad gu h-umhal, oir fhuair e achmhasan cheana nacheil ann ach duine breòite agus gu bheil a shlàintesa bheatha ann an làmh is àirde na lamhan dhaoine. —Highland News.

COSLAS AN FHOGHARAIDH.

Ged a bha an samhradh so gle fhiadhaich agus glé fhliuch, tha ena thaitneas a bhi toirt fainear gum bheil coslas math air abhàrr feadh ar rìgheachd. Tha aobhar againn a bhi taingeil air a shon so; agus is e ar rùn agus ar n-ùrnuigh gum biodh toradh an fhearainn air a thionail a steach gu soirbheasach. Bidh cuid de cheàrnan gun teagamh nach bi cho gealltanach; ach bidh ena thlachd a bhi creidsinn gun tig beannachd toradh ann an tomhas de phailteas a dhionnsuidh dorsan nan uile. Ann a bhig iomradh air a sonar measg féin chaneil sinn a dìchuimhneachadh staid ar co-ìochdarain anns na h-Innsean Sear agus ann an Australia. Tha beairteas mor anns na ceàrnan ud, ach tha tiormachd, bochdainn is acrasnan crìochan mar an ceudna. Tha mìltean acall am beatha feadh an t-saoghail troimhn ghainne. ’Na uairean tha an staid chianail so ag éiridh o aineolas agus o dhìth oidhirp is smuain. Ach bidh mar an ceudna breith air a thoirt lath-eigin air laghan eucorach agus air gnìomhan nan àrd luchd-riaghlaidh. —Oban Times.



[30]

[Vol . 11. No. 4. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 27.)

fhuaim na mo chluasan, ’s mo cheann cho aotroms cho falamhs ged nach biodh ni ann ach gaoth, agus bha mo chulthaobh cho fuars ged a bhithtecur uisge reoghta mhan air mo dhruim.

“ ‘Ubh, ubh!’ arsa Gaorsail, an uair a luigh mi ritaobh, ‘ ’s e do chraicionn that teth.’

“ ‘Eh! ma tha,’ arsa mise, ‘ ’s ann tha mi fhin gam fhaireachadh cho fuar ris abhas.’

Cha do chaidil mi, Alasdair, ach gu bochd, briste, ’n oidhche sin, ’s tha Gaorsail ag radha gun robh mi car mu seach ag eigheachd ris an lair dhuinns ris abho ruaidh, ’s ris achu dhubh gu latha.

Thainig amhaduinn, ach cha bann na bfhearr a bha mise. Bha mo chnaimhean mar gum biodh iad air am pronnadh leis an t-suisde, ’s mo cheann mar gum biodh am mullach aige dol aleum a mach air druim-ard an tighe.

Thubhairt mi ri Gaorsail nach burradhomh eirigh, ’s gum feumadh i fhein agus Seonaid an dichioll a bfhearr a burradhoibh a dheanamh air coimhead an deigh nam beathaichean.

Thug Gaorsail bochd dhomh diar dhen tegha bheannaichte, ’s cha bu mhisde mo chreubhag i. Ach cha robh mo chor ach truagh gu leor; cha mhor nach robh mi coma ged nach eirinn gu bratha.

Co a thainig an rathad, Alasdair, ach bean Mhurchaidh, agus eadar mi fhins tu fhein, chaneil innte ach glaoic. Arsise ri Gaorsail— ’S em flensi thair Domhull, agus feumaidh e fallus a chur dheth.’ Chuir na boirionnaich an cinn richeile, ’s chaneil fhios nach robh an durachd math gu leor, ach cha robh an doctaireachd ach mun laimh. Chaidh an toiseach a chur de phlangaideans debhrataichean orm fhein na dheanadh gu leor do dhusan. Chuir iad an deigh sin currachd mor air mo cheann, agus pigidh lan uisge teth ri mo chasan. Ann an tiotadh beag thainig Gaorsail le gloine mhor thodidh, ’s thug i orm a h-ol, bun os cionn.

Theann mi beag air bheag ri blaths a ghabhail, agus bha mi afaireachadh na bu shocraiche. Ach ann am beagan uine thainig bean Phadruig a stigh, agus an uair a sheall i orm fhin thubhairt i ri Gaorsail gum feumainn brochan fhaighinn gu teas ceart a chur annam. “Cuiridh tu,” arsise, “meall math ioma anns abhrochan, agus bainne, agus boinnean “treacle , ” ’s siucair-canndaidh, agus glaine mhor uisge-bheatha, ’s theid mise fodha dhuit gum bi cumhachd an cois an leighis. Ghuidh ni fhin orra gun mo phuinnseanachadh le a leithid sid a dheoch, ach an rud a ghabhas na boirionnaich nan cinns tric gun cinn e nan lamhan, agus chaidhm brochan mor a dheasachadhs thug iad air Domhull bochd stiorlach air stiorlach ol dheth, gus an dfhag an leigheas na bu mhiosa nan tinneas mi.

Ach cha robh mi aig ceann mo dhoruinn fhathasd. Bhuail droch ghreim anns an druim mi, ’s an uair chuala na bana-lighichean a bha agam so chuir iad an cinn ri cheile rithisd, ’s arsa bean ghorach Mhurchaidh ri Gaorsail—“ ’S ann a dhfheumas tu plasda musdairt a chur ri Domhull.”

“ ‘Na leigeadh an cruthadair,’ arsa mi fhin, ‘gum biodh a leithid sin air ur beachd; tha mise cho teth ris an teine.’ Ach cha robh maithanas air mo shon. Bha min lamhan mo naimhdean, aguss e striochdadh de na bhraighdeanas a bfheudar. Chaidh am plasdachur ri druim Dhomhuill, ’s bha Domhull bochd air dhroch charadh.

“ ’S e thachair an sin, Alastair, gun deachan greim a bha na mo dhruim air feadh mo chuirp. Chum mi orm fhin cho fads a burradhomh mus cluinneadh na boirionnaich so, ach mu dheireadh dhfhas am pian cho troms nach robh doigh air mo staid a chleith. Cha bu cheart a chualiad mar bha na chaidh iad air obair, ’s cha chreideadh tu, Alasdair, cho tapaidhs cho dichiollachs a bha iad ga mo gheur-leanmhuinn. Car ma seach a cumail chludan a burn goileach, agus cuibhrige na poite moire, air a dheanamh teth ris an teine rium, mar gum biodh ceann caoraca ga dhathadh, cha mhor nach bfhearr leam a bhi marbh na beo fo leithid a ghreidheadh. “Mo mholachd, ’s mo mhile molachd agaibh,” arsa mi fhin, “mas em bas fhein e nach leig sibh leam bas nadurrach fhaighinn.’ Ach gus an drinn na boirionnaich iad fhein gle chinnteach gun dfhuiling mi gu leor cha do sguir an ealaidh. ’S cha bann na bfhearr a bha misefas. ’S docha leam gun do thuit mi ann an trom theasaichs ann am breislichean, ’s gun robh ni abruidhinn air achrodhs air na caoraich, ’s air Gleann-Dorcha-Sgail-a’ -Bhais, gu leir an ceann acheile.

Tha cuimhne mhaith agam-s, ’ Alasdair, an uair a bhiodh duine gle iosal mar a bha mise, gun cuireadh iad bean og focheann, ach cleas iomadh cleachdadh eireachdail eile bhaig an t-seann sluagh, chaidh an cleachdadh boidheach ud air chall. ’S e thubhairt na boirionnaich ghlic agam-s’ , an uair a chunnaic iad mar bha mi, gun cuireadh iad a dhiarraidh amhinisteir, a dheanamh facal urnuigh ri mo thaobh. ’S an uair a rainig sid mo chluasan-sa, tinn, mi-chomasach, mar a bha mi, dheirich mi air mo leth uilinnus thubhairt mi riutha— “Air sgathn Aon-fhir, cha dthoir sibh ministeir no sagart far am bheil mise.’

Chan fhaca mi, Alasdair, neach a deanamh dad a dhfheum riabh an deigh aon de luchd nan casagan dubha thighinn a bhristeadh a chridhe le aodann fhadas le briathran mi-dhochasach. Bfhearr leam fhin sgal den aphiob, no seisde nan eun air preas, na mo chluais aig an am.

Ged, ach gle bheag, a loisg na mnathan-eiridinn agam gu bas mi, cha do chuir sid am pian a bha na mo chorp air falbh, aguss ann a chinn aca gun toireadh iad an olla dhomh. Be sid, Alasdair, na bha bhuam gus mo dheanamh cho tinns a burrado neach sam bith a bhi, agus a thighinn bhuaithe; ’s an uair a thuig mi mar a bha dhfhairich mi gaoth fhuar adol eadar mfheoils mo chraicionn, agus cha mhor nach robh mi coma ged a thigeadh na bha de mhinisdeireans de shagartansan duthaich gu taobh mo leaba. Fhuaradh an olas chaidhthoirt orm fhin— ’s cha bann le mo dheointomhas cuimseach dhi ol. Ma bha mi gu tinn roimhe bha mi sheachd mhile mhiosaid a nise, ’s arsa mi rium fhin— ‘Ma thig mise bho sos iomadh ceann a theidan currachd mun gabh mise olla rithisd.’ Ach coma co-dhiu, an deigh tinneas nach robh a leithid air duine riamh, fhuair mi lasachadh. Tha migabhail rud an drasdas a rithisd air son na casadaich, ’s tha duil agam an uair a thig am blaths agus am bainne orinn gun dirich mim Meallan-ard cho gasgagach riut fhein. Ach O! Alasdair, cum bhon am flensi; ’s ma thuiteas ort gum faigh e am ort, na gabh, na gabh, leigheas bho na h-uile boirionnach a dhfhaodas a bhi mun cuairt duit, mar a rinn mise.”


Na Gilleans na Losgannan.

Chunnaic gillean, a bha cleasachd faisg air loch, àireamh losgannan anns an uisge, agus thòisich iad ri tilgeadh chlach orra. Bha iad air roinn dhiubh a mharbhadh nuair a thog aon losgann a cheann os cionn an uisge, ’s a thuirt e riutha: “Deanaibh stad, ’illean; ma thachluich so na spòrs dhuibhse, tha e na bhàs dhuinne.” —Æsop.


Litir a Sidni Tuath.

Shaoil mi gun rachadh agam air aon litir eilesgriobhadh ugad á Ceap Nor, ach a dhinnseadh na fìrinn, ’s beag nach robh e eucomasach dhomh uineghabhail a chum sin a dheanamh, agus ma tha neach sam bith ri choireachadh air son an dearmaid, càirich a choire mu cheann an Tuathanaich Bhain, oirs i chabhaig a bha airsan ann an deanamh deas gu tighn don bhaile so a dhfhag mise cho fior dhripeil le bhig a chuideachadh air adhart gus an lan diugh.

Faodaidh mi innseadh da chairdean gu bheil edeanamh mar a dhfhaodas e ann a bhi cur suas bùth saoirsneachd agus tigh comhnuidh dha feins a bhaile so, agus tha misesgriobhadh na litreach so amthigh fein, an tigh a thog e fein agus Alasdair Og mun àm son uiridh.

Cha robh fios aige-san nas mo na bha agam fein gun robh na Gaidheil cho lionmhor an taobh so dhen bhaile. ’S ann a tha iad ceithir thimchioll oirnn, agus tha en a thoileachadh a bhi toirt fainear cho ullamhs a tha cuid dhuibh gus a chànan bhlasda, bhinn a labhairt richeile, a dhaindeoin Ghall no eile a dhfhaodas a bhis an eisdeachd. Baithne dhomhsa o chionn fada cuid nach labhradh leth-dusan focal Beurla gu h-ordail, a bhag a mhios na ni maslach do Ghaidheil a bhi comhradh richeilen an cainnt fein an lathair Ghall, agus chaneil teagamh agam nach faighear iomadh duine ciallach a tha ullamh gu radh nach robh an leithid sud a dhaoine aca fein, gun robh ni-eiginn a dhìth orra, agus gun agadh cuiream fein mamen le neach sam bith aig am bheil a bharail sin.

S i bharail chumanta gur ann an taobh soan ear thuatha tham baile so gu bhi a fàs an deigh so, gus am bi e fein agus baile na mèinnen a aon bhaile mòr. Thachuideachd iaruinn agus ghuail a than taobh so a dol air adhart len obair gu foghainteach, agus cha teid mòran ùine thairis gus am bi a chuideachd a tha nis a criochnachadh antramwayeadar Glace Bay agus Sidni, a toiseachadh air a chuid eile dhen rathad sin a thogail eadar a mheinn so, Sidni a Tuath agus Sidni. ’Nuair thòisicheas carbadan air ruith air an rathad so le cumhachd dealanaich bithidh ena dheisealachadh mor do gach aon leis an àil dol o aon bhaile gu baile eile, no air astar goirid no fada an cois an taoibh a tha e gus a bhi air a thogail.

A nis, o nacheil fios agam gu ro mhath ciod tuilleadh a sgrìobhas mi aig an àm so, gabhaidh tu mo leith-sgeul agus bithidh dòchas agam gun dean mi nas fearr leis an ath iunnsuidh. Is mi mar bu ghnàth, do charaide dileas,
M. D.


An Gille aSnamh.

Bha gille, a chaidh a shnàmh ann an abhainn, an cunnart a bhi air a bhàthadh. Ghlaoidh e ri fear a bhagabhail an rathaid airson cuideachaidh. Thainig am fear sin gu bruaich na h-aibhne, agus an àite làmh-chuideachaidh a shìneadh dha, ’s ann a sheas e, gu neo-aireachail, atrod ris aghille air sonamaideachd. “O, dhuine!” arsan t-òganach, “cuidich leam an dràsda, agus troid rium a rithist.”

Tha comhairle, os eugmhais cuideachaidh, gun mhath sam bith. —Æsop.


AM BARRsan IAR-THUATHTha dùil ri bàrr anabarrach trom ann am Manitobas anns an Iar-Thuath air an fhoghar so. An uiridh bhuaileadh tri fichead is tri millein buiseal sil, agus on tha barrachd mor fearainn fo bhàrr am bhliadhna, agus gach ni ag amharc gu math, tha dùil gum buailear mu cheithir fichead millein buiseal.



[31]

[Vol . 11. No. 4. p. 7]

Fios-Freagairt

DO LITIR AONGHAIS IC ILLEOLAIN.

Sa Chamus Fharsuinn, le Ailean Domhnullach, anS , W. Margaree.

Fhuair mi litirs an am
Bho mcharaid a nall,
Ann an cànan na sònns na Feinne;
Cainnt mhilis nam buadh,
Nach leig sinne bhuainn
Gus an cairears an uaigh le cheilsinn.

S i thog orm fonn,
S dheirich maigne le srann
Nuair rinn mi na bhann a leughadh;
Oir bha iomadach sgeul
Air innse dhomh fhein,
Leis an fhiuranbha fiughail, eibhinn.

Dhomhsa baithnthu bho doig
Tha thu cridheil, lan spors,
Bu tun saighdear ochoin! nach treigeadh;
Nam bitheadh tun càs,
No aig nàmhaid an sàs,
Dheanadh spiorad a Ghaidheil riut eirigh.

Tha thu dhfhine na sonn
A bham Morair nam beann,
Bhiodh gaisgeils an am dhaibh eirigh;
Dol a chogadh ri namh
Bhiodh an claidheamh nan laimh,
S iad a sheasadh gun sgàths nach geilleadh.

Bu tu oigear nam buadh
Tha gle shiobhalt’, deas, suairc’,
S ioma ribhinntha truagh mu ddheighinn;
Iad a guidhes gach am
Gum faigh iad thum bann
Le cumhnantan teann na cleire.

Chan e leomag gun tur
Anns an cuireadh tu ùis
Ach maighdean gle chuirteil, beusach,
Chuireadh taigh dhut air doigh,
Agus biadh dhut air bord,
S gach ni ann an ordugh gle-mhath.

S e thu dhfhagail do thir
Abhainn mhaiseach Mhargaree,
Dhfhag mise, da rireamh, deurach;
Far an tric a bha sinn
Gabhail solais leinn fhin,—
Bhiodh an comhradh, le cinnt, gle eibhinn.

Nuair thig am mios Maigh,
Sa thionndas am blaths,
S a bhios flurain afas fon ghrein-ghil;
Theid mise le surd
Don Chamus a null
A shealtuinn an diulnaich threin ud.

Bhon tha misan am
Le tinneas gle fhann,
S mi cadalach trom gun speirid,
S nach cinich leam dan
Is minntinn fo phramh
Guidheam beannachd gu brach nach treig dhuit.


Mo Dhomhnullan Fhein.

LE NIALL MAC LEOID.

AIR FONN—“The Flower of Dunblaine. ”

N uairchruinncheas an òigridh,
Gu mires gu sòlas,
Bidh mise na mònar
S an t-seòmar gun ghleus;
Ag cuimhneachadh còmhraidh
An fhleasgaich a leòn mi,
S an gaol thug mi òg do
Mo Dhòmhnullan fhéin.

Tha mathairs mo mhàthair
Ri gearans ri cànran,
S ag cantainn nach fheàrr mi
Na pàisde gun chéill,
Mo ghaolthoirt a dh-òigfhear
Tha daonnan aseòladh,
S a sgaoileas a stòras
Gun ghò ris gach .

Ged gheibhinn fear chruachan
Le pailteas mun cuairt da,
Gun toirt aig an t-sluagh dheth,
Gun suairceasn a ghnè;
Ciod e ni e dhòmhsa
Na chunntadh edh-òr dhomh,
S mo chridhe le deòin aig
Mo Dhòmhnullan fhéin?

Tha bliadhnagus còrr bho
Na thriall e bhoeòlas,
S thaiomhaigh cho beò dhomh
S ged sheòladh en ;
Cha ghéill mi do dh-òigfhear,
S cha tréig mi na bòidean
A sheulaich mi òg do
Mo Dhòmhnullan fhéin.

Tha dualagan bòidheach
Dhechuailean na mphòca,
S a dhealbh air a chòmhdach
Le òr ann an céis;
Thashuilean cho beò ann,
S a ghruaidh mar na ròsan,
Ag ùrachadh dhomhsa
Mo Dhòmhnullan fhéin,

N uairthachradh an còmhlan
S a chlachan Di-dòmhnaich
N am measg cha robh òigfhear
Cho còmhnardn a cheum;
Cho beusachn a chòmhradh,
Cho fearailn a dhòighean,
Bhiodh sùil aig gach òigh air
Mo Dhòmhnullan fhéin.

Gum bòg bha sinn còmhladh
An doire na smeòirich,
S an dubharg ar comhdach
Fodh spògan nan geug:
Ational nan neòinean,
Gu h-inntinneach ceòlmhor,
Ri briodal gun ghò le
Mo Dhòmhnullan fhéin.

N uairdhéireas na cuantan,
Abeucail le buaireas,
Na neòil air an ruagadh,
Us gruaim air an speur,
Bidh mise namghòraig
Ag éisdeachd an còmhraig,
S mo chridheg a leòn mu
Mo Dhòmhnullan fhéin.

Am Freasdalbhistiùireadh
Nan gaothan le ciùine,
S ag còmhnadh mo ruin anns
Gach dùthaichus ceum;
G a dhionusg a sheòladh
Gum pill e gueòlas
Gur midheanadh sòlas
Ri mDhòmhnullan fhéin.

Ach mur till e gu mionnsaidh,
Gur misebhios tùrsach;
Gun càirear fodhn ùir mi
Cha mhùch mi mo spéis;
Cha taobh mi ri oigfhear
S cha chaochail na boidean,
S an gaolthug mi og do
Mo Dhòmhnullan fhéin.


Iadsan a Phaigh.

Coinneach MacImhear, Steornabhagh, Alba
Domhull E. Mac Fhionghain, Bridgeport .
Oighrig Strachan, St . Esperit.
Ruairidh Mac Phillop, Loch Lomond.
Tormad Mac Leoid, Sidni.
Bean Iain Pheutain, C . R. LeitchesCreek.
Ruairidh Mac Coinnich, Whitney Pier.
Iain Mac Fhearghais, Campbird , Colo.
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
An t-Urr. A. Mac Mhuirich, Sonya , Ont.
D. W. Mac Gillebhràth, Dalkeith , Ont.
Dr. D. H. Domhnullach, Welsford , N. B.
An t-Urr. C. Caimbeul, Strathalba, E. P. I.
Mrs. Caimbeul, Little Bras dOr.
An t-Onarach Uilleam Ros, Halifacs.
A. I. Mac Fhearghais, Caribou Marsh.
Gilleasbuig Mac Phàil, Orangedale .
Gilleasbuig W. Domhnullach, Glace Bay.
Niall Mac Neill, Boston , Mass.
M. Lamont, Quincey , Mass.
Domhull E Mac Illemhaoil, S . Lake Ainslie
Domhnull Mac Gilleghlais, Stellarton , N.S.
An Dotair Mac Thearlaich, Manitou , Man.
Coinneach Mac Gillinein, Middle River.
Uisdean Gillios, Upper Margaree.


Posadh.

Ann an Orangedale, air 6mh latha de Ogust, leis an Urr. Alasdair S. Mac-Neill, Robert D. Davis ri Catriona I. Nic-Neill, Orangedale, nighean Sheumais Mhic-Neill nach maireann.


Bas.

Ann am Bridgeport, air an 10mh latha de Ogust, Gilleasbuig Domhnullach, tri fichead is seachd bliadhndeug a dhaois. Thàinig e air imrich don dùthaich so a Uidhist achinn a tuath nuair a bha e da bhliadhndeug a dhaois, agus shuidhich e comhla ri phàrantan an New Boston, far an dfhuirich e àireamh mhor bhliadhnaichean, fo dheagh chliù agus fior mheasail aig gach aon a chuir eolas air. Bha e nadhuine bha comharraichte air-son a dhiadhachd, agus aig an robh buadhan inntinn thar a chumantais. Bha tomhas math de spiorad na bàrdachd ann, agus an uiridh chaidh leabhran beag deshaothair a chlo-bhualadh ann an oifis MHIC-TALLA. Rinneadh eildear dheth an coithional Mhira ri linn an Dotair Mhic-Leoid. Dhfhàg e bean, ceathrar mhac is dithis nighean, a bharrachd air àireamh mhor de chàirdean leis am bionmhuinn e, agus aig am bi mor ionndrain air.


Ni oigear leisg bodach brisg.

Na dean uaill a cuid duine eile.

Is minig a thainig fìor á fanaid.

Is miosan t-eagal nan cogadh.

Is miosa nan uireasbhuidh tuilles a choir.

Is minig a fhuair fear na h-eadraiginn buille.

Na sìn do chasan nas fhaide na theid daodach.

Na creid an droch sgeul gus an dearbhar i.

Na creid gur h-aithne dhut duine, gus an roinn sibh creach.

Nàdar circe, ’s nàdar muice, ’s nàdar mnathagabhaidh iad an rathad fhéin.

Is minig a thainig gnothach na bain-tighearna gu bothan cailleach nan cearc.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.



[32]

[Vol . 11. No. 4. p. 8]

Oran.

LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN.

Gur moch rinn dùsgadh,
S an ùr mhadainn chéit’,
S a dhìrich mim bruthach
Gun duinach mi féin;
Tha ghrian air a turus
Asiubhal troimhn speur,
Dealt na h-oidhche atuirlinn
Thar ùr dhos nan geug.

Adìreadh an aonaich
Ri aodann achùirn,
S binn torman achaochain
Is aoibheala bùrn;
Leròis air gach taobh dheth
Ag aomadh fon drùchd,
S e ri dearrsadh na gréine
Ag éirighn a smùid.

S binn na h-eòin feadh nam preasan
Gu leadarraseinn,
Than uiseag làn sòlais
Ri ceòl os mo chionn;
Na ba-laoigh anns agheumnaich
Air an réidhlein ud thall,
S mac-talla nan creagan
G am freagairt air ball.

S àluinn trusgan aghlinne
Suas gu binnein nan stùchd,
S cùbhraidh bòltrach nan luibhean
N am chuinnein mar thùis;
Geds bòidheach gach doire,
Anns achoilles abhrùchd,
Ged tham barrach cho ùrail,
Cha dùisg e mo shunnd.

An so air faobhar amhullaich
Gur muladach mi
Ceann-aobhair mo thuiridh
Leam gur duilich ra inns’;
Nach dirich mi tuille
Ri munadhs an tir
Nach dean mi cùis-ghàire
N gleann àillidh mo chridh’.

Chaneil gleannan cho aoibheil
Rifhaotainn mun cuairt,
Le dbheanntainean àrda
Cur sgàth ort on tuath;
Ann an dùdlachd agheamhraidh
Gun ghreann ort, gun fhuachd
Mo sgaradhs mo chràdh-lot
A bhi dfhàgail cho luath!

Ged is iomadh fear finealt
Anns na h-Innsean ud thall,
Chaidh a dh-iarraidh an stòrais,
On than t-òr oirnn cho gann;
Am fear ainneamh den àireamh
A thig sàbhailta nall,
N a bhodach gun spéirid
Odhar, éislelneach, fann,

Air tilleadh don dùthaich,
S edhùisgeas am bròn,
Bhifaicinn ma choinneimh
Luchd-comuinn na h-òig’;
Cho sunndach, geal, loinneil,
Ged thaghoinnen am pòc
Gun uireasbhuidh slàinte
Ged tha iad gun stòr.

S mairg a mholadh na h-Innsean
S gach rioghachd o dheas,
S am bi cholanns an inntinn
G an striochdadh le teas;
Far nach urrainn dhuit gluasad
Gun fhuathas as geilt,
Agus uamh-bheistg a chùbadh
Fo dhùiseal nam preas.

S mighluaiseadh gun smalan
Ann an gleannan an àigh,—
S moch a shiùbhlainn do phreasan
Gun teagamh, gun sgàth;
Anns an òg-mhadainn chùbhraidh,
N uair bhiodh drùchd air gach bàrr
Nàile dhìrinn ri dstùchd-bheinn
Gun chùram roimh nàmh!

Achs tiom dhomh bhig éirigh
S bhi téurnadh on àird,
Cha dean luinneagan feum dhomh,
Cha dean éigheach dhomh stàth,
Feuch am bàta focomhnard
Aig còmhdach na tràigh,
Tha gu m’ ’ghiulan null thairis
A gleannan an àigh.

Bheir mi sùil thar abhealaich
Air na beanntan mun cuairt,
So an sealladh mu dheireadh
Air gach gleannan as bruach;
Afàgail leibh beannachd,
N àm dealachadh uaibh,
Atéurnadh an aonaich
S iad mo smaointeantha truagh.

Achs diomhain mo smaintean,
Nach faoin dhomh bhicaoidh;
Chaneil neach anns an t-saoghal
G a fhaotainn ledhiù;
Ge blàth an fhuil chraobhach
Thataosgadh om chrìdh,
S ro ghearr gus nach plosg i
Fo phlocans a chill.

Thichruthaich an saoghal
S a chuir na daoine so ann,
S a thug dhuinne Fear-saoraidh
A dh-aontachadh leinn;
Tha thug éisdeachd rim òran
Cho brònachg a sheinn,
Bidh mistriochdadh do dòrdugh
Bheir thu dhomhsa mo roinn.


An Gille Dubh Cha Treig Mi.

An gille dubh cha tréig mi,
S le fear achruidh cha téid mi
An gille dubh cha tréig mi,
Bhon thug mi fhéin mo ghealladh dha.

Tha mo chàirdean deònach,
S iad toileach misephosadh,
Ri fear air son a stòrais
Nach gòrach leibhn am barail iad!
An gille dubh, etc.

Is e mo ghaol an t-uasal
A dhimich thar nan cuantan;
Bu shealgair choileach-ruadh e,
Man gluaiseadh iads achamhanaich.

N uair dhireadh tu na stucan
Le dghunna caol nach diùltadh,
Bhiodh coilich-dhubh na durdail
Gan toirt o chùl nan toman leat.

N uair theid thu thun na feille
Don chlachan ri greine,
Chan fhaicear measg nan ceudan
Fear eugais aghille dhuibh!

Gur e mo ghaol an t-oigear
Aigbheil aphearsa bhoidheach
Troidh chuimir am broig chomhnaird
Nach toir air feoirnein carachadh.

Gur e mo ghaol an t-oigear
Aig bheil amheall-shuil bhoidheach:
Gun aithnichinn do cheum còmhnard
A mach air lòin abhaile so.

Gur e mo ghaol an t-àrmunn
A chaidh a nunn thar sàile;
Nam faighinn cead do chàirdean,
Gun dàil gun deanainn banais dhuit.

Cha bioghnadh mi bhin tòir ort
S do ghruaidhean mar na ròsan;
Do chneas mar chanach lòintean,
S mar iten eòin do mhalaidhean.

S ann an raoir a rinn mi bruadar
Am chadal air a chluasaig
S a mhadainn, ’n uair a ghluais mi,
Gum bfhada bhuam an gille dubh.

Gur mise thair mo lionadh,
Bhi cuimhneach air do bhriathran;
Gum bfhearr nach fhacas riabh thu
Ma thug thum bliadhnan car asam.

Ma rinn thu misethréigsinn
Le comhairle luchd-breige,
Chan fhiosrach mi fon ghréin
Ciod am feum a thanns an leannanachd.

Ma rinn thu misethréigsinn
Le comhairle luchd-breige,
Mo mhile beannachd féin leat
Bhons e gum bfheudar dealachadh.


Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
as fhearr a fhreagras air do shuilean.

Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.

K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan. (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 4
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 4. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page