[Vol . 11. No. 5. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 5, 1902. No. 5.
PIOBAIREACHD.
LE IAIN MAC NEILL.
AM measg gach seòrsa dhaoine bha riamh air aghaidh an t-saoghail air am bheil eachdraidh againn tha sinn a’ faotainn gu ’n robh ceòl ’g a chleachdadh nam measg uile, agus anns an linn so tha daoine cho déidheil agus cho eòlach air ceòl ’s a bha iad ri linn air bith de an àm a chaidh seachad. Is e seinn le a ghuth a cheud doigh air an dean duine Ceòl, ach gle thrathail ann an eachdraidh an t-saoghail thoisich daoine air innealaibh ciùil a dhealbh, do bhrigh gu bheil iad na ’s freagaraiche airson iomadh àm agus feum sonruichte chum a bheil ceol air a chleachdadh na ’s urrainn guth a bhith. Tha mi creidsinn gur h-e gleus connlaich a cheud inneal ciuil a chaidh dhealbh, agus an sin leis a ghleus a dheanamh na b’ fhaide agus tuill a ghearradh air airson nam meur chaidh a cheud fheadan (no siùnnsair) a dhealbh. A toiseachadh mar so rachadh a rithist am feadan a dheanamh de chuilc agus an sin de fhiodh—an stugh is feàrr fuaim is aithne dhuinn. An déidh so chaidh dos no dhà agus balg, no màla chur ris an fheadan agus bha seòrsa de Phiob air a dealbh. Gun ag air bith thainig i nuas o linntibh fada fad air ais, agus tré iomadh seorsa sluaigh a bha deanamh leasachadh beag an sid ’s an so mar chitheadh iad iomchuidh, mar tha air a dhearbhadh le seann obair-shnaidhte agus le dealbhan air seann chùineadhan. Bha i air a cleachda am measg nan Romanach, a fhuair i mar is dòcha o na Greugaich, agus bha an t-Impireadh Nero air am bheil deagh chliu mar fhear ciùil, ach droch chliù anns gach nì eile, ’na Phiobaire. Tha Piob fathast ’ga chleachduinn anns an Eadailt agus anns an Fhrainge, ach is gann gu bheil coltas air bith aig an inneal so ri Piob-mhor nan Gaidheal. Cha’n eil fios c’uin a chaidh a Phiob ’thoirt an toiseach do Bhreatann, ged tha e dearbhta gu an robh Piob de sheòrsa air choir-eiginn anns gach cearna dheth aon uair. (Is ann á Albainn a fhuair na h-Eirionaich a Phiob). Ge b’ e c’uin no c’àite an d’ fhuair na Gaidheil a’ Phiob thug iad atharrachadh orra air iomadh doigh gus a bheil i làn iomlan mar a chi sinn i aig an latha ’n diugh, agus a nis cha’n ’eil aig sluagh fo ’n ghrein inneal-ciùil a bhuineas dhaibh fhein a mhain mar a bhuineas a’ Phiob do na Gaidheil. Ann an ceàrnaibh eile de ’n Eilean agus ann an Eirinn thug daoine iomadh atharrachadh air a’ Phiob gus an robh ceithir no còig de sheorsachan ann le dealachadh farsuinn eadar iad uile agus a Phiob-mhor. Tha gach seorsa dhiu so nis a’ dol a dhith, ach tha mi toilichte ’radh ged thainig iomadh caochladh air staid agus cor nam Piobairean agus na Pioba gu bheil iad le cheile fhathast theagamh cho lionmhor ’s a bha iad riamh. Thainig iomadh muthadh air a Ghaidhealtachd o àm Chùil-fhodair agus mu an Phiobaire nis—
“Cha chluinnear do cheol ’san dùn mu fheasgar,
No mac-talla na mùr le mùirn ’ga fhreagairt.”
Ach cha ’n ’eil cearnadh de an t-shaoghal chum an do ghluais, no an do sgapar, na Gaidheil nach do ghiulain iad leo Piob mhor an dùthcha, agus aig an latha ’n diugh cha ’n ’eil goinne dearbhaidh againn gu ’n robh firinn a ruigeadh na b’ fhaide na theagamh bha e fein a smuainteachadh anns na briathran a labhair Donnacha Bàn o chionn còrr is coig fichead bliadhna—
“ ’S i piob nam feadan siubhlach
A’ bhuidhneadh cliù ’s a champ,
Air thoiseach nan laoch ùra
’S meoir lùghmhor dlu na ’n deann,
A chaismeachd ghasda, shunndach,
Bu dùthchas d’ i bhi ann,
’S pailt a nis as ùr i
Ged bha i aon uair gann.”
Bho nach Piobairean no luchd ciùil uile tha ’s an eisdeachd cha bhiodh e freagrach dhòmhsa innseadh gu mion mar tha na tuill ann am feadan na Pioba air an roinn, ach feudaidh mi radh gu h-athghear gu bheil fuaim an fheadain leis na meoir uile dùinte a freagairt do an fhuaim Fà air reir na doigh channtaireachd ur ris an abrar Sol-Fa. Fà, agus mar sin an aird meur an deidh meoir gus a bheil an òrdag a freagairt do an dara Soh. Is e so gleus D. A rithist le soh a ghleuis so a ghabhail airson Do ùr gheabhar gleus A, agus cha mhor nach eil fuaim gach meur ceart, ach an lùdag dhùinte a tha tuilleadh ’s a choir maol. Tha atharrachadh beag an t-seol nàdurra ann an cuid de na tuill gu sonraichte anns an treasamh agus anns an t-seathamh toll chum gu an cord iad uile ra cheile agus ri fuaim nan dos, agus mar so gabhaidh puirt ann an gleus D agus A, maille ri iomadh aon ann an gleus G agus C cluich air a Phiob. Cha mhotha ’s fhearr dhomh toiseachadh air mineachadh dhuibh mu nithibh sonruichte a bhuineas de chluich na Pioba mar tha Siubhal. Siubhal dubailte, Siubhal Sleamhuinn, Taorludh, Taorludh mach, Crùnludh, Crùnludh breabach, Crunludh fosgailte, barludh, agus buiblean sonruichte eile tha anns a phiobaireachd a thuigeas a mheud agaibhse a tha ’nar piobairean, ach a tha eagal orm nach b’ urrainn mi ’dheanamh ro shoilleir dhuibhse nach eil anns a bheagan uine tha romhainn. Aon ni dh’ iarruinn oirbh a dheanamh: chi sibh ann an iomadh leabhar ciuil Beurla mineachadh air Piobaireachd ag innseadh gu bheil an t ùrlar an toiseach a ciallachadh dol an òrdugh cath—siubhal imeachd an comhdhail an Nàmhaid—taorludh toiseach bhuillean, crùnludh teas na tuasaid, an t-urlar an deidh sin bàs a cheannaird, agus mar sin a sios: na creidimh dà fhacal dheth so. Ciamar sam bith a thainig na siubhlaichean a dh-ainmich mi gu bhi air an dealbh tha iad ’g an cur ach beag air na h-uile piobaireachd—Cruinneachadh, Failte, no Cumha—agus cho fada ’s a ni mise mach cha ghabh aobhar, na seadh, nan siùbhlaichean a dhearbhadh le cinnt, ach cha’n fhaod mi leanailt na ’s fhaide air an earrann so de ’m chuspair air eagal gu ’m fas sibh sgith dhiom.
Is e b’ fhearr leam beagan innseadh dhuibh mu Phiobairean ainmeil, agus mu ’n saothair. O shean bha aig gach Ceann Cinnidh Gaidhleach Bard a bha am bitheantas na chlàrsair. B’e cuid de dhleasanas a Bhàird eachdraidh a dhaoine a chumail air chuimhne ann an dàin, agus an aithris ri am feuma chum an sluagh a bhrosnachadh gu treubhantas. Gun ag tha sibh uile eòlach air an Duan ainmeil sin “Brosnachadh Catha le Lachunn Mor Mac Mhuirich Albannach, do Dhomhnull a Ille Righ Innse-Gall agus Iarla Rois latha Machraich chath-gairiach” (Battle of Harlaw)a chaidh a chur anns a bhliadhna 1411. Nochdaidh am Brosnachadh so lan bheartais ar cànain cho fad ’s is beo duine a labhras i no a thuigeas na leabhraichean anns am bheil i air a tasgadh, ach is e tha toirt orm iomradh dheanamh air so gu ’m b’e sin ach beag am blar mu dheireadh anns an do bhrosnaich am Bard am feachd, agus gu an deachaidh am Piobaire a chur na àite gu bhi a togail inntinn an t-sluaigh ri uchd cruadail. Tha fhios gu an robh a Phiob ’g a gnathachadh am measg nan Gaidheal fada roimh ’n am so oir tha a’ Phiobaireachd a’s sinne theagamh tha nis air mhairean air a h-ainmeachadh air “Cath Bealach na Broige” a chaidh chur mu chrich na treasamh linn deug, agus tha aobhar gu chreidsinn nach b’e so toiseach deilbh an t-seorsa ciuil so. Thainig a’ Phiob gu meas mor am measg nan Gaidheil agus bha barail ro àrd aig na Piobairean orra fhein agus air an dreuchd. Bha gille aig na Phiobaire chum na Piob a ghiùlan agus cha bhiodh e’ deanamh obair air bith. Bha Piobaire d’ am b’ ainm Iain Mac Griogair ann an teaghlach Ghlinn-a- garadh fad iomadh ginealach agus thuirt a Bhantighearna ris lath àraidh, gu an robh ioghnadh oirre nach robh e deanamh beagan oibre ’n uair bha e air a shocair— “Gu dearbh le ’r cead,” arsa Iain, “is bochd an oighreachd nach gleidh an t-uachdaran agus am Piobaire gun a bhi ’g obair.” Bha Oilthigh aig iomadh dream de Phiobairean agus gillean oga teachd ’g an ionnsuidh chum eòlas fhaotainn air Ceòl agus air a’ Phiob. Cha cheadaicheadh na seana Phiobairean seorsa ciuil air bith ach Ceòl Mor, agus cha ’n ’eil idir moran ùine o ’n a thainig Ceol-dannsaidh gu bhi air a chluich air a’ Phiob. Tha Sir Walter Scott ag innseadh sgeul beag abhachdach a tha toirt dearbhadh air so. Aig tigh-òsda sònruichte ’sa Ghalltachd dh’ fhan aon oidhche cearthar fhear agus aig am imeachd dhaibh ’s a mhaduinn dh’ fharaid am fear a bu shinne dhiu, a bha do réir coltais ro mhor as fein, do bhean an taighe, an robh riamh roimhe de urraim aice an leithid sin de chuideachd a chur seachad oidhche ’na fàrdaich—agus an sin dh’ innis e gu ’m b’e fein Ministeir sgireachd shònruichte agus gu’m b’ iad a chompanaich a thriùir mhac a bha gach fear dhiu ’na Mhinisteir sgireachd mar an ceudna. Fhreagair a bhean chòir agus i nis a tuigsinn co bh’ aice agus a’ cuimhneachadh nach robh meas ro ard air a h-aon diubh mar shearmonaiche, gu dearbh nach robh a leithid de chuideachd riamh roimhe na tigh ach aon oidhche ann am bliadhna Theàrlaich ’nuair a dh’ fhan aice seann Phiobaire Gaidhealach le a thriuir mhac, piobairean mar an ceudna, agus an deamhan car dannsaidh a b’ urrainn a h-aon diu thoirt seachad.
(Ri leantuinn.)
PAIGH AIR-SON BLIADHN’ EILE— ’S ann mu ’n àm so de ’n bhliadhna is àbhaist do ’n mhor-chuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA a bhi ga phàigheadh air-son bliadhn’ eile. Bidh sinn gu mor an comain gach aon a chuireas ugainn, gun dàil, na tha aige ri phàigheadh.
[Vol . 11. No. 5. p. 2]
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. VII.
BHA ’n t-seana bhean choir fo dhragh-inntinn gle mhor an uair a chunnaic i gu ’n robh Aladin suidhichte gu ’n deanadh e an rud a bha e ’cur roimhe. “A mhic,” ars ise, ris a rithist, “is mìse do mhathair a chuir thun an t-saoghail thu, agus tha mi toileach rud sam bith a tha reusanta ’dheanamh air do shon. Nam biodh agam ri dhol a dh’ iarraidh mna dhut air aon dhe na coimhearsnaich a th’ anns an aon inbhe riut fhein, rachainn ann le m’ uile chridhe; agus an sin bhiodh maoin no ceird agad leis an cumadh tu thu-fhein agus do bhean suas. An uair a tha toil aig daoine bochda mar a tha sinne ’posadh, is e a’ cheud rud air an coir dhaibh smaoineachadh, cia mar a tha iad gu bhith ’g an cumail fhein suas. Ach gun ghuth a thoirt air an t-suidheachadh iosal anns an d’ rugadh tu, agus air do shuidheachadh bochd agus do neo-airidheachd, tha thu ’g iarraidh a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh a’s airde anns am b’ urrainn am fortan do chur. Cha ’n ’eil thu toileach aon a’s isle staid na nighean an righ ’iarraidh ri ’posadh ged a tha fhios agad gu ’m faod an righ le aon fhacal do ghearradh as. Cha ’n ’eil mi ’g radh mu d’ dheidhinn fhein ach gu ’m bu choir dhut smaoineachadh, nam biodh smaointean annad, air ciod a tha thu ’cur romhad a dheanamh.
“Tha mi nis a’ dol a labhairt riut mu dheidhinn nan gnothaichean a bhuineas dhomh fhin. Cia mar a b’ urrainn smaointean cho neo-chumanta eirigh ’na d’ cheann ’s gu ’n iarraidh tu ormsa dhol far am bheil an righ a dh’iarraidh a nighinn dhut ri ’posadh? Abair gu ’n robh mi cho dana agus cho dalma ’s gu’n deachaidh mi far am bheil an righ a dh’ iarraidh a leithid a dh’ iarrtus gun tur, co air a dh’ iarrainn mo thoirt an lathair an righ? Nach ’eil thu fhein a’ tuigsinn gu ’n gabhadh a’ cheud neach ris am bruidhninn barail gu ’n robh mi air a’ chaoch agus gu ’n deanteadh peanas orm a reir mar a thoill mi? Abair a rithisd gu ’n d’ fhuair mi cead a dhol an lathair an righ, mar a tha fhios agam a gheibh a h-uile neach a theid a dh’ iarraidh ceartais air, agus a tha e gun chlaon-bhaigh a’ toirt do gach aon fa leith dhe ’n t-sluagh a tha fo ’riaghladh; tha fhios agam mar an ceudna gur ann do ’n mhuinntir a tha airidh air fabhar a nochdas e fabhar, agus gu ’n dean e so le toil ’s le tlachd. Ach an e so do shuidheachadh-sa? Am bheil thu ’smaointean gu ’m bheil thu airidh air an fhabhar a tha thu ’g iarraidh ormsa ’dhol a dh’ iarraidh dhut? Am bheil thu airidh air? Ciod a rinn thu a chum a leithid a dh’ fhabhar a chosnadh? Ciod a rinn thu air son an righ agus na rioghachd? Mur d’ rinn thu dad sam bith a chum am fabhar mor so a chosnadh, no mur ’eil thu air dhoigh eile airidh air, cia mar a bhios a dh’ aghaidh agamsa na theid ’g a iarraidh? Cia mar is urrainn mise mo bheul fhosgladh m’ a dheidhinn an lathair an righ? An uair a chithinn an righ agus an luchairt mhaiseach anns am bheil e ’na chomhnaidh, cha b’ urrainn mi mo bheul fhosgladh. Bhithinn air chrith ann an lathair d’ athar nach maireann an uair a rachainn a dh’ iarraidh fabhair air.
“So agad aobhar eile, ’mhic, air nach do smaoinich thu, agus is e sin, nach ’eil neach sam bith a’ dol a dh’ iarraidh fabhair air an righ gun tiodhlac luachmhor a thoirt g’ a ionnsuidh; oir le tiodhlac a thoirt g’ a ionnsuidh tha dh’ aon toileachadh aca gu’m faigh iad eisdeachd gu foighidneach uaithe, co dhiubh ’gheibh no nach fhaigh iad am fabhar a tha iad ag iarraidh. Ach ciod an tiodhlac a’s urrainn dhutsa ’thoirt dha? Agus ged a bhiodh tiodhlac agad a bhiodh freagarrach gus a thairgse do ’n righ, nach bu shuarach e ann an coimeas ris an fhabhar a tha thu ’g iarraidh air? Air an aobhar sin, smaoinich gu curamach air na tha thu ’cur romhad a dheanamh, agus thoir fa near gu ’m bheil thu ’g iarraidh ni fhaotainn nach ’eil e ’n comas dhut fhaotainn gu brath.”
Dh’ eisd Aladin gu socair, samhach ris na thuirt a mhathair fhad ’s a bha i feuchainn ris na beachdan amaideach a chur as a’ cheann aige Agus an deigh dha smaoineachadh gu dluth air a h-uile puing a thug i fa chomhair fhreagair e mar so: “Tha mi ’g aideachadh, a mhathair, gu ’m bheil e ’na ghnothach gle dhana dhomh a bhith ’feuchainn ri dhol cho fada so air aghart anns a’ chuis, agus bha e gle neo-smaoineachail dhomh iarraidh oirbhse le leithid de dhealas agus de bhraise a dhol a dh’ iarraidh nighean an righ dhomh ri ’posadh, gun a thoirt fa near an toiseach gu ’n robh e iomchuidh dhomh ulluchadh a dheanamh a chum gu ’n gabhteadh ribh gu fabharrach, agus air an aobhar sin, tha mi ’g iarraidh mathanais oirbh. Ach na cuireadh e ioghnadh oirbh ged a thug meud a’ ghaoil a th’ agam air nighean an righ orm dichuimhn a dheanamh air nithean a bha feumail dhomh a dheanamh, a chum gu ’m faighinn an sonas air am bheil mi cho mor ann an geall. Cha ’n urrainn duibh meud a’ ghaoil a th’ agam air nighean an righ a ghabhail a steach. Tha leithid de dhian-ghradh agam dhi ’s gu ’m bheil mi ’cur romham am muigh ’s am mach gu ’m pos mi i. Tha mi ’n ’ur comain-sa air son na smaointean a chuir sibh ’man cheann, agus tha mi ’g amharc air na thuirt sibh rium mar a’ cheud cheum a’s coir dhomh a ghabhail a chum an sonas sin fhaotainn a tha mi ’gealltainn dhomh fhin.
“Tha sibhse ’g radh nach ’eil e na chleachdadh a bhith dol far am bheil an righ gun tiodhlac, agus nach ’eil dad agamsa a b’ fhiach do ’n righ a ghabhail uam. A thaobh na thuirt sibh mu dheidhinn an tiodhlaic, tha mi ’g aontachadh leibh, agus tha mi ’g aideachadh nach do smaoinich mi riamh air. Ach ged a tha sibhse ’g radh nach ’eil dad agamsa ’tha freagarrach air son a thairgse mar thiodhlac do ’n righ, nach ’eil cuimhn’ agaibh air an rud a thug mi dhachaidh an lath’ a fhuair mi mo bheatha leam a lamhan an draoidh? Bidh e ’na thiodhlac freagarrach gu leor gus a thairgse do ’n righ, ged a bha mise agus sibhse an toiseach an duil nach robh ann ach glaine air an robh caochladh dhathan. Ach a nis tha fhios agam gur e th’ ann seudan a tha anabarrach luachmhor, agus a tha freagarrach mar thiodhlac air righ sam bith.
“Dh’ aithnich mise gu ’m bheil iad luachmhor o na bha mi faicinn anns gach buth sheudan do ’n robh mi dol gu tric; agus faodaidh sibh mo chreidsinn an uair a dh’ innseas mi dhuibh nach ’eil an leithidean eile ri fhaotainn anns a’ bhaile a thaobh meudachd, maise, agus luach. A dh’ aon fhacal, cha ’n ’eil fhios agaibhse no agamsa air cho fior luachmhor ’s a tha iad. Ach biodh sin mar a thogras e, tha fhios agamsa gu ’m bheil na seudan freagarrach gu leor air son an toirt mar thiodhlac do ’n righ, agus tha mi ’creidsinn gu ’n gabh e gu toileach iad. Tha mias mhor Shina agaibh gus an cur ann; thugaibh ugam i feuch am faic sinn cia mar a sheallas iad innte, an uair a chuireas sinn ann an ordugh iad a reir an dathan.”
Thug a mhathair a mhias Shina g’ a ionnsuidh, agus an uair a thug e na seudan as na sporrain anns an robh iad an gleidheadh aige, chuir e anns a mheis iad.
Bha leithid de shoills’ agus de lainnir asda ri solus an latha, agus a leithid de sheorsachan dath orra ’s gu ’m bu ghann a b’ urrainn Aladin agus a mhathair amharc orra; agus bha ioghnadh thar tomhais orra le cheile. Gus a sid cha do sheall iad orra ach ri solus a’ chruisgein. Oir ged a chunnaic Aladin iad a crochadh air na craobhan mar gu ’m biodh measan, agus iad maiseach ri ’m faicinn, gidheadh cha robh e ach ’na bhalach og aig an am, agus cha robh e ’tuigsinn gu ’n robh iad luachmhor.
An deigh dhaibh a bhith greis ag amharc air na ceudan le tlachd thuirt Aladin ri ’mhathair “Cha ’n ’eil leithsgeul sam bith agaibh a nis gun dol far am bheil an righ, oir tha tiodhlac agaibh ris an gabh e, agus eisdidh e ribh gu toileach.”
Ged a bha na seudan ro mhaiseach, cha do chreid a mhathair gu’n robh iad a leith cho luachmhor ’s a bha Aladin ag radh. Ach air a shon sin, smaoinich i gu ’n cordadh iad ris an righ, agus mar sin cha robh i comasach air Aladin a dhiultadh; ach bha i ’n comhnuidh a’ smaointean air an iarrtus a bh’ aice ri chur mu choinneamh an righ.
“A mhic,” ars’ ise, “cha ’n urrainn mi ’ghabhail a steach gu ’n dean do thiodhlac feum sam bith, agus gu’n amhairc an righ orm le fabhar. Agus tha mi cinnteach, ma dh’ fheuchas mi ri ceann mo thuruis a leigeadh ris dha, nach bi mi comasach air mo bheul fhosgladh. Agus air an aobhar sin, cha ’n e mhain gu ’n caill mi mo shaothair, ach caillidh mi an tiodhlac mar an ceudna; agus tha thusa ’g radh gu ’m bheil e anabarrach luachmhor. Tillidh mi dhachaidh agus naire gu leoir orm, a dh’ innseadh dhutsa nach fhaigh thu an rud ris am bheil dochas agad. Dh’ innis mi dhut mar a thachras, agus bu choir dhut mo chreidsinn. Ach ni mi na’s urrainn mi gus do thoileachadh; agus b’ fhearr leam gu ’m b’ urrainn mi d’ iarrtus a chur cho ordail fa chomhair an righ ’s bu mhiann leat. Ach cinnteach gu leoir ni e gaire ’fanaid orm, ar neo cuiridh e air falbh mi mar chreutair gun chiall, no is docha gu’n gabh e corruich, agus gu ’n dean e dioghaltas oirnn le cheile.”
Labhair i moran a thuilleadh air a’ so ris, an duil gu’n tugadh i air inntinn atharrachach. Ach ghabh e leithid de ghaol air nighean an righ ’s nach cumadh rud sam bith air ais e o’n a runaich e ’dheanamh.
Bha Aladin a’ sior iarraidh air a mhathair a dhol far an robh an righ, agus mu dheireadh, air eagal gu ’m faodadh e gnothach bu mhi-iomchuidhe dheanamh, dh’ aontaich i gu ’n gabhadh i a chomhairle.
O ’n a bha ’n t-amamoch air tighinn, agus a bha ’n t-àm dhe ’n latha anns an robh e ceadaichte do dhaoine a dhol far an robh an righ air a dhol seachad, chuir iad dail anns a’ ghnothach gus an ath latha. Bha Aladin agus a mhathair a’ comhradh mu dheidhinn caochladh nithean fad an fheasgair.
Rinn Aladin na b’ urrainn e a chum misneach a thoirt dh’ a mhathair mu ’n ghnothach a bh’ aice ri dheanamh ris an righ. Ach a dh’ aindeoin na thug e de mhisnich dhi, cha b’ urrainn dhi a thoirt oirre fhein a chreidsinn gu ’n rachadh an gnothach leatha. Agus feumar aideachadh gu ’n robh aobhar gu leor aice air son teagamh a chur ann.
“A mhic,” ars’ ise, “ma ghabhas, an righ riumsa cho fabharrach ’s is miann leam air do sgath-sa, agus gu ’n eisd e rium gu foighidneach an uair a dh’ iarras mi am fabhar, agus na dheigh sin ma dh’ fheoraicheas e mu do shuidheachadh (oir is e sin a’s doch’ e fheoraich na mu dheidhinn
[Vol . 11. No. 5. p. 3]
do phearsa) —ma chuireas e, tha mi ’g radh, a’ cheisd so orm, ciod an fhreagairt bu mhiann leat mi thoirt air?”
“Na biomaid a cur dragh sam bith oirnn fhin, a mhathair, mu dheidhinn rud, ma dh’ fhaoidteadh nach tachar gu brath. An toiseach, faiceamaid cia mar a ghabhas an righ ribh, agus ciod an fhreagairt a gheibh sibh uaithe. Ma thachras gu’n cuir e a’ cheist sin a dh’ ainmich sibh oirbh, tha freagairt agamsa do ’n cheisd, agus tha mi lan-chinnteach gu ’n dean an cruisgean a bha cho feumail dhuinn o chionn uine mhath feum gu leor dhuinn ’na dheigh so.”
(Ri leantuinn.)
NATHAIR MHOR NA H-ASIA.
LE LACHUINN MAC GILLEAIN, LACHUINN NA GAILIG.
IS math mo chuimhne ’nuair bha mi ’m bhalach beag nach robh ann ni bu mhò bheireadh de thoilinntinn domh na naigheachdan a chluinntinn mu dhùthchaibh céin. ’S lionmhor latha ’shuidh mi le Domhull-saighdear air sgàth cnoic, air chùl gaoithe ’s air aodann gréine ag éisdeachd ri eachdraidh Blar-na-h- Eiphit; ris gach cruadal agus cunnart troimh ’n d’ thainig e féin—mu na dùthchanna troimh ’n do shiubhail e—mar chuir e ’n t-sròn bhàrr bean Lot le èarr a ghunna—mu ’n ghàrradh-chàil a bha ’n crannaig na luinge, ’san leithide sin; agus bho na chunnaic mi féin uaithe sin beagan do’n t-saoghal, cuiream ugaibh sgeula mu ni a thachair ann an Eilean Ceylon, no mar their na nàstin’ ris, Cingala, ann an Asia. Cha ’n eil air uachdar an t-saoghail aite eile anns a’ bheil nathraichean cho mor ri nathraichean an Eilein so—tha cuid dlù do chiad troidh air fad agus cho dòmhail ri duine calma! Se’n seorsa ’s mò dhiu gu léir, agus is milltiche, an seòrsa ris an abair iad Anaconda, ainm a tha tighinn o’n Ghailig Anacumanta. Cha ’n ’eil iad ach ainneamh, agus is math do ’n dùthaich nach ’eil.
Bha nis bho cheann còrr a’s fichead bliadhna ann am baile Cholumbo ’san eilean so, fear Maighstir Seward, Sasunnach a rinn mòran beairteis. ’Nuair chunnaic e gu ’n robh gu leòir aige, agus r’a sheachnadh, cheannaich e staid air an dùthaich dlù do’n t-sàile agus air an staid so thog e tigh-samhraidh beag bòidheach far am bu ghna leis dol ’na aonar, a leughadh, ’sa sgriobhadh. Bha ’n tigh-samhraidh so mar leth mhile d’a thigh còmhnuidh, air mullach aonaich, far am faiceadh e gu beag ni an t-eilean gu léir mu ’n cuairt agus an cuan mór le ’luingeas air gach taobh. A thuilleadh air so bha’n tigh-samhraidh air a chuartachadh le craobhan pailm ag éiridh gu h-ùrar, dosrach uaine cho direach ri slat gunna, g’a dhion o theas anacuibheasach na dùcha sin. Thachair do Mhr Seward a bhi air an dùthaich ’nuair a chaidh sean charaid dha fein Mr Iomhar, g’a amharc. Bha Mr Iomhar a coiseachd fad na h-òi’che chum teas an là sheachnadh, agus ràinig e’n tigh còmhnuidh dìreach ann am fàireadh na maidne. Choinnich gille dileas Mhr Seward, Zadi, fear do naistinnean an eilein, e aig an dorus, agus thubhairt e gu fac’ e mhaighstir, Seward, a’ direadh ris an uchdaich, mar gum biodh e ’dol d’ a thigh-samhraidh a dh’ fhaicinn na greine ag éiridh. Nuair chunnaic bean an taighe Iomhar rinn i ’bheatha, agus a mach a ghabh i féin agus esan gu Seward fhaotainn anns an tigh-shamhraidh agus ioghnadh a chur air. Bha ’n gille, Zadi, leò a’ giùlan bascaid de dhearcan, ’s de nitheana eile a ghabhadh iad san tigh-shamhraidh. Nuair a tharruing iad dlù mhothuich Iomhar gu’n robh cairbh a thaobh-aiginn air aon de na craobhan a b’ àbhaist a bhi cho mìn agus cho réidh, agus dh’ feóraich e de Zadi ciod bu chiall da. Cha luaithe dh’ amhairc Zadi na thuit a’ bhascaid as a’ làimh: dh’ fhàs e co bàn ris an anart, agus cha b’ urrainn e ràdh ach “Anaconda! Anaconda! Tha sinn caillte!” Cha do thuig Iomhar, no Baintighearna Seward ciod bu chiall da so, agus ghabh iad air an aghaidh. Thainig Zadi nis uige féin—ruith e romhpa—thuit e air a ghlùinean agus ghlaodh e, “Pillibh! Pillibh! Ma theid sibh aon cheum ni ’s faide ’s bàs duibh e! seall mar tha ’bhéist ’ga lùbadh, ’s ga tionndadh féin a’ measg nan craobh. O! mo mhaighstir! mo mhaighstir! tha thu caillte! cha ’n ’eil air an t-saoghal na theasairgeas e!”
’Nuair chual a’ Bhaintighearna so thuit i ann an nial far an robh i: an ceann beagain thainig i uice fein, agus ghlaodh i, “O! sàbhalaibh m’ fhear! Na tréigibh e! ar neo theid mise agus fuilingidh mi ’m bàs leis!”
“Tha e beo! tha e beò fathast! taing do na Dùilean!” arsa Zadi a mhothuich ’s an àm so braoisg a’ tighin air dorus an tigh-shamhraidh far an robh Seward ’s a’ bheisd a’ deanamh faire air an taobh am muigh. Chuir Iomhar agus Zadi romhpa nis gu mentricheadh iad am beatha gu Seward a shàbhaladh—dh’ ialaidh iad air am màgan feadh nam preas gus an d’ thainig iad gu math dlù. ’S ann a nis a fhuair iad an sealladh uamharra, agus mòralach air a’ bhéist! chuireadh i aon uair car d’a h-earr mu’n ghéig a b’ àirde de’n chraoibh, ’s a’ chuid eile a null ’s a nall mar dhreallaig a’ ruigheachd, gu beagan, an làir: uair eile shuaineadh si i féin mu’n chraoibh ’na ciadan cuibhle a’ sineadh o ’bun gu bàrr, agus an treas uair shuidheadh i air cuibheal d’ a h-earr ’s a’ chuid eile suas mar chraoibh ’s bogha oirre a’ farclais aig dorus an tighe-shamhraidh far an robh Seward air e fein a ghlasadh a stigh. A thiota thug a’ bheist a nis dui-leum, ’s rinn i cearcall dhi féin mu’n cuairt de’n bhothan gus cur as do’n fhear a bha stigh le h-anail bhreun mhìlltich. Chuir Iomhar a nis a ghunna r’ a shùil, ’s loisg e oirre. Bhuail am peileir i anns a’ cheann mhallaichte ach cha d’ rinn e sgath air—bha sligean a cinn ’s a droma cho cruaidh ’s cho dionach ri lùirich stàilinn. Leum i suas a rideis a’ measg nan craobh mar nach tachradh ni.
Chunnaic sinn a nis braoisg a’ tighinn air an dorus a ris, agus a mach leum cù Mhr. Seward, agus litir an crochadh r’ a amhaich. Ruith a miol-chu breagha, foghainteach sios am bruthach cho luath ri fiadh, mar gum biodh mothuchadh aige air a chunnart, ach bu shuarach a’ luathas an coimeas ri luathas na béiste! As a dhéigh thug i ’na cuibhlean agus ann an da mhionaid bha na cìlean mallaichte mu’n cuairt air.
Thainig a nis an oidhche, agus smaoinich Iomhar agus Zadi gun cruinnicheadh iad buidheann mhòr agus gu’n rachadh iad le leusan teine feuch an teicheadh a’ bhéist; rinn iad mar rùnaich iad—ràinig iad, agus thog iad le aon ghuth iolach àrd, san àm cheudna a’ cur nan leusa teine mu’n cuairt air an cinn.
Thug a’ bheisthissuamhasach; chiteadh a’ sùilean mar lasraichean teine troimh dhuibhre na h-oidhche. Chaill gach aon a mhisneach ’s a chlì, ’s bu bhuidhe leò an casan a thoirt as.
Air an la-iar-na-mhàireach, mu chamhanaich an latha, ruith Zadi do sheòmar Iomhair a’ glaodhaich, “Tha e beò! tha e beò! chunnaic mi e ’cur a mach crioman pàipeir air an dorus. Theid mi ’s chi mi ciod a sgriobh mo mhaighstir caomh air a’ phàipeir ud arneo bàsaichidh mi anns an oidheirp.” Dh’ fhalbh Zadi dileas ’s rinn e suas còmhdach de gheugan uaine nan craobh fo ’n làn duilleach, cho ealanta ’s nach aithnicheadh duine e seach preas eile. “Bha mi suas ris an obair so o m’ òige,” ars’ esan. Dh’ ialaidh e leis an eallaich choille so, ’s a sgian-dubh dhìleas air a leis—an ceann uair an uaireadair chunnacas e aig dorus an tigh shamhraidh ’s a’ bhéist a’ cur nam both dhi a’ measg nan craobh dlù dha—fhuair e ’m pàipeir—thoisich an preas beò ri téarnadh, agus bha e dlù do bhun a’ bhruthaich nuair chunnacas an nathair cho luath ri dealan na h-oidhche as a dhéigh! A thiota bha i na cuartan mu thimchioll, na geugan agus gu leir!
Dh’ aithnich Zadi bochd mar bha, ach cha do chaill e ’mhisneach; tharruinn e ’n sgian-dubh agus lot e ’bheist eadar na sligean, anns an amhaich: leis a so rinn i cuibheal d’ a h-éarr mu’n cuairt da, agus thilg i e féin ’s na bha uime an àird’ an adhair, agus thug i oirre na craobhan, a réir a’ choltais, cho slàn ’s a bha i riamh.
Chaidh Iomhar agus càch a mach ’s fhuair iad Zadi leth-mharbh; cha robh aisne ’na thaobh nach robh briste. An ceann tacain fhuair e cainnt—shìn e mach a làmh anns an robh an litir— “So dhuibh i,” ars’ esan “chum mi greim oirre eadhon an glaic na béiste. Innsibh dhomh ciod tha mo mhaighstir ag rádh mun tilg mi’n deó.” Leugh Iomhar an litir, a ruith mar so, “Tha mi ’gar tuigsinn a chàirdean, tha mi faicinn gu bheil sibh a’ deanamh na ’s urrainn duibh: ach cha ’n eil dòchas ann: tha anail na béiste air mo mharbhadh. Beannachd Dhia leibh! Beannachd le gréin ’s le gealaich! beannachd leis an t-saoghal uile! Ach oh! mo bhean! mo bhean chaomh!”
Lion an litir so iad uile le mire-chatha. Thuirt gach fear ’s a làmh air a chlaidheamh, “Fuasglaidh sinn Seward no fuilingidh sinn leis!” Thuirt Zadi, le guth briste, ’s e ’na shineadh air leabaidh, nuair chual e so, “Tha innleachd eile ann.” “Innleachd,” arsa chuile fear, “ciod i?” “Am buar, am buar,” arsa Zadi. “Am buar! ciod e mu’n bhuar?” ars’ iadsan. “Am buar,” arsa Zadi, a chuile h-aon de’n bhuar; ach mo chreach cò ghabhas os làimh!” Dh’ innis e dhoibh a nis nan cuireadh iad aon de ’n bhuar an rathad na béiste ’nuair a shluigeadh i an t-ainmhidh gu feudadh leanabh beag a marbhadh, ’nuair a bhiodh a stamag làn nach b’ urrainn di gluasad. Dh’ fhalbh iad a nis gu coimhearsnach, ’s thug iad dha mòran airgid arson seachd no ochd de mhairt a shaodachadh rathad an tigh-shàmhraidh. ’Nuair dhlùthaich iad air a’ bhothan sgar an tarbh o chàch, mar gum biodh e dol g’a thachas féin ris na craobhan mòra, no chum an reubadh le ’adhaircibh. Chunnaic iad a nis a’ bhéist a’ dol as an t-sealladh am bàrr nan craobh, ach mun abradh tu ’h-aon bha i na cùibhlean mu’n cuairt an tairbh, agus na fiaclan crosta a’ sàs na dhubhliath!
’S ann a’ sin a bha’n ùpraid; an t-ainmhidh làidir calma a’ raoicil, ’s a’ spàirn, ’s a’ cur cobhair as a bheul, a’ tarruing na nathrach sios am bruthach: mhair an strì uamhraidh so fad ceithreamh na h-uaire: bha’n talamh air a thionndadh mar gum biodh e air a ruamhar ’s ghlac gairisinn gach neach a chunnaic an sealladh. Mu dheireadh fhuair a’ bhéist dlù do chraoibh mhòir—chuir i car d’ a h-earr mu’n cuairt de’n chraoibh agus theannaich si i féin cho teann mu’n cuairt de’n tarbh ’s gu’n cuala na daoine leth-mhile air falbh bruanaich nan cnàmh. “Cia mar a dh’ icheas i e ’nis?” arsa cuid. Cha robh so fada ’na ceist. Thug a’ bheist a’ chlosach a nis gu bun na craoibhe—shuain si i fein ’na ceithir chuibhlean mu’n cuairt de’n chraoibh agus de’n chlosaich, a’ teannachadh ’s a’ teannachadh gus mu dheireadh an robh gach cnàimh anns a’ chlosaich cho min ri flùr. Thoisich i ’n sin agus lion si e le ronnan bho
(Air a leantuinn air taobh 38.)
[Vol . 11. No. 5. p. 4]
Mac-Talla.
Air a chur a mach uair ’san da Sheachdain.
A PHRIS.
Bliadhna $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30
Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.
Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
DI-HAOINE, SEPTEMBER 5, 1902.
Na h-Innsean an Iar.
BUINIDH àireamh mhath de dh’ eileanan nan Innsean an Iar do Bhreatuinn. Tha àireamh mhath de dhaoine geala a còmhnuidh annta, agus àireamh moran a’s motha de dhaoine dubha. Is i ’n aon obair leis am bheil iad uile deanamh an beòlainte deanamh an t-siùcair. B’ àbhaist margadh math a bhi aca do’n cuid siùcair ann am Breatuinn, agus anns na làithean sin, bha iad sona, soirbheachail. Ach o chionn beagan bhliadhnaichean air ais, tha an Fhraing ’s a’ Ghearmailt a’ deanamh moran siùcair, agus ga chur air margaidhean Bhreatuinn cho saor ’s nach urrainn muinntir nan Innsean an Iar an cuid siùcair a chreic le probhaid sam bith. Tha so ag aobharachadh moran mi-thoileachaidh anns na h-eileanan; bha iad o àm gu àm ag iarraidh air an Riaghladh Bhreatunnach cuideachadh a dheanamh leotha, ach gu ruige so cha d’ fhuair iad cuideachadh a dh’ fhoghainn. Tha so a’ toirt orra bhi bruidhinn air falbh bho chrùn Bhreatuinn agus aonadh ris na Staidean. Ach an sin tha iad air an roinn an aghaidh a cheile, dubh is geal. Tha na daoine geala, a reir an t-seanachais, deònach gu leòr dol a staigh ris na Staidean. Tha iad a’ faicinn an t-soirbheachaidh ’s an fhàis a thainig air Puerto Rico ri linn dha bhi air a thoirt fo ’n bhrataich reultaich, agus tha iad am barail gu ’n tigeadh an soirbheachadh ’s am fàs ceudna air an eileanan fein na ’n rachadh iad a staigh. Tha iad cuideachd a call an dòchais gu’n dean Breatunn leasachadh sam bith air an staid; oir ged is iomadh deagh bhuaidh a tha air an dùthaich mhàthaireil, bha i riamh ainmeil air son cho mall ’s a ghluaiseadh i ann an cùis dhe ’n t-seòrsa so, agus tha na h-Innsean an Iar na duthaich cho òg ’s nach d’ ionnsaich an luchd-àiteachaidh fhathast an leasan a tha air a theagasg ’san t-seanfhacal: “Gu ’m faigh foighidinn furtachd.” Is e so suidheachadh inntinn nan daoine geala. Tha na daoine dubha, air an laimh eile gle choma dhe na Staidean. Tha iad a’ cluinntinn mar thatar a buntainn ris na daoine dubha anns na Staidean a deas, ga ’n crochadh ’s ga ’n losgadh gun chùirt, gun lagh, agus tha eagal orra nach biodh am beatha ’s an coirichean fein cho tearuinte fo ’n bhrataich reultaich ’s a bhiodh iad fo ’n bhrataich chroiseagaich. Bhiodh iadsan air an aobhar sin gu h-aontachail an aghaidh dol fo riaghladh nan Staidean. Tha buidheann eile anns na h-eileanan a tha gabhail a stigh moran de ’n da bhuidhinn a dh’ainmicheadh, ’sa tha dhe’n bharail gum b’e ’n seòl a b’fhearr dhaibh dol a stigh ri Canada. Le margadh Chanada, a bhiodh mar sin air fhosgladh dhaibh, thigeadh fàs is soirbheachadh orra nach biodh fad air deireadh air na b’urrainn na Staidean a bhuileachadh orra, agus ghleidheadh iad aig a’ cheart àm gach reachd a fhuair iad o Bhreatuinn leis am biodh beatha ’s cuid an duine dhuibh air a dhion ’s air a choimhead a cheart cho cùramach agus cho cinnteach ri beatha ’s cuid an duine ghil.
Na“Cigarettes”
THA naigheachd air tighinn as na Staidean air balach òg, aois aona bliadhna deug, a chaidh as a rian agus a fhuair bàs troimh bhi ’smocadhcigarettes .Tha smocadh nan rudan so air fàs gle chumanta o chionn beagan bhliadhnaichean, agus tha e na ’cleachdadh a tha fior chronail dhaibhsan a tha ris. Tha e na ’s furasd’ ionnsachadh na smocadh tombaca air dhòigh eile, agus mar sin tha moran bhalach a’ gabhail ga ’ionnsuidh nach meintricheadh ris a phiob. Ach aon uair ’s gu ’m faigh an cleachdadh so greim air duine no air balach, tha e anabarrach duilich a leigeil seachad, agus is neach fior ainneamh do nach dean e cron—a’ lagachadh na h-inntinn, ’s ga ’fhàgail gun mhoran feuma air son obair sam bith. Nuair bha na Staidean a’ togail airm gu dhol a chogadh ris an Spàinn bha cùnntas mhiltean de dh’ òganaich a bha deònach dol do’n t-saighdearachd air an diùltadh a chionn gu’n robh buadhan an cuirp ’s an inntinn air am meatachadh ’s air an crionadh le smocadh nancigarettes .Ann an Washington, ceanna-bhaile na dùthcha sin, cha ghabhar anns an tigh ’sam bheil cùisean an riaghlaidh air an cur air adhart—far am bheil na ceudan ag obair—cléireach no fear frithealaidh a tha ris a’ chleachdadh; agus ann am moran de na taighean-ceannachd a’s motha, cha’n fhaigh fear a bhios ris nacigarettesàite na ’s mò na gheibh fear a bhios ris an òl. Mar is luaithe theid an cleachdadh cronail so á fasan, mata, ’s ann a’s fhearr, agus ni gach neach aig am bheil math a dhùthcha ’s math muinntir a dhùthcha na bheachd ’uile dhichioll le ’chomhairle ’s le ’eisimpleir air a chur as. Tha dhith oirnn anns an dùthaich so daoine foghainteach, duineil, a bhios slàn na ’n corp ’s na ’n inntinn agus is mithich dhuinn gach cleachdadh a tha ’g obair an aghaidh sin a chur uainn cho luath ’s a ghabhas deanamh.
Crunadh an Righ Eideard agus na Banrigh Alexandra.
Ordugh na seirbhis Ghàilig fo riaghladh an Ard Chléireach Urr. S. Curdie Russell, D. D., Ceann-suidhe Eaglais na h-Alba, air a chuideachadh leis an Urr. Alastair Connell, M. A., B. D., Ministeir na h-Eaglais Chléireach Shasunnach, an Regent Square, anns an Eaglais Albannach, Crown Court, Covent Garden, Lunnuinn.
Bha an 100mh Salm air a seinn:—
O molaibh Dia le aoibhneas mòr,
Gach sluagh tha chòmhnuidh feadh an t-saogh’il;
Thigibh le seirbhis ait ’na chòir,
An làth’ir a ghlòir a’ seirm a ghaoil.
An Tighearn is e Dia gu fìor;
’Se ’n Tì a chruthaich sinn ’na ghràdh;
Tha sinn ’nar n-oighreachd dha gu sìor,
A chaoraich ni e dhìon gach tràth.
Rachaibh a steach ’na dhorsa grinn
Le buidheachas a’ seinn a chliù;
A steach ’na chùirt le òran binn
Ainm molar leinn le ceòl nach mùth.
Ar Tighearn Dia! Tha math ’na dhàil;
Tha thròcair sìor ’na sgàil nach claoidh;
Tha fhìrinn seasmhach do gach àl;
Is buadhach anns gach àit a chaoidh.
Rinn an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe ùrnuigh.
Leugh an t-Urr. Mr. Connell:—
I Righ iii. ear. 4-15.
Agus chaidh an rìgh do Ghibeon a dh’ ìobradh an sin, oir b’e sin am mor àit àrd: mìle ìobairt-loisgte thug Solamh suas air an altair sin.
Ann an Gibeon thaisbein an Tighearn e féin do Sholamh ann an aisling na h-oidhche; agus thubhairt Dia, Iarr ciod a’s àill leat mi ’thabhairt duit.
Agus thubhairt Solamh, Nochd thu do d’ òglach Daibhidh m’athair caoimhneas mòr, a réir mar a dh’ imich e a’d’ fhianuis ann am fìrinn, agus ann an ionracas, agus ann an treibhdhireas cridhe maille riut; agus ghléidh thu dha an caoimhneas mòr so, gu’n d’thug thu dha mac a shuidhe air a rìgh-chaithir, mar a tha e ’n diugh.
Agus a nis a Thighearna mo Dhia, rinn thu d’òglach ’na rìgh an àite Dhaibhidh m’athar; agus mise a’m’ leanabh beag, do nach aithne dol a mach no teachd a steach.
Agus tha d’ òglach am meadhon do shluaigh a thagh thu, sluagh lìonmhor, nach ’eil e ’n comas àireamh no mheas aig an lionmhoireachd.
Thoir uime sin do d’òglach cridhe tuigseach a thoirt breth air do shluagh, gu dealachadh ’chur eadar am maith agus an t-olc; oir cò a’s urrainn breth a thabhairt air do shluagh so a tha co mhòr?
Agus bha e ’n a ni taitneach leis an Tighearn, gu’n d’iarr Solamh an ni so.
Agus thubhairt Dia ris, A chionn gu’n d’iarr thu an ni so, agus nach d’iarr thu dhuit féin saoghal fada, agus nach d’iarr thu dhuit féin saoibhreas, agus nach d’iarr thu anam do naimhdean, ach gu’n d’iarr thu dhuit féin tuigse a dheanamh breitheanais:
Feuch, rinn mise a réir do bhriathar: feuch, thug mi dhuit cridhe glic agus tuigseach, air chor as nach robh neach air bith romhad cosmhuil riut, agus nach mò a dh’ éireas a’d’ dhéigh neach air bith cosmhuil riut.
Agus mar an ceudna thug mi dhuit an ni nach d’ iarr thu, araon saoibhreas agus cliù, air chor as nach bi duine cosmhuil riut am measg nan rìgh ré do làithean uile.
Agus ma dh’imicheas tu ann mo shlighibh-sa, a ghleidheadh mo reachdan, agus m’àitheantan, mar a dh’ imich Daibhidh d’athair, an sin ni mi do làithean fada.
Agus mhosgail Solamh, agus, feuch, b’aisling a bh’ ann: agus thàinig e gu h-Ierusalem, agus sheas e ’am fianuis àirc coimhcheangail an Tighearna, agus thug e suas ìobairtean-loisgte, agus dh’ìobair e ìobairtean-sìth, agus rinn e cuirm d’a sheirbhisich uile.
Bha an 85mh Salm air a seinn:—
Bha thusa gràsmhor fabharach,
a Dhé, do dh’ dhùthaich féin;
Bruid Iacoib thug thu air a h-ais
a ris le d’ ghairdean treun.
Cionta do phobuill mhaith thu féin;
dh’ fholuich thu ’n uile lochd.
Choisg thu do chorruich uile ’s phill
o’n lasan a bha ort.
Pill sinn a rìs, a Dhia ar slaint’,
is tog do lasan dhinn.
Am bi do chorruich ruinn gu brath?
’s an sinear d’ fhearg gach linn?
Leugh an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe:—
I Pheadair ii. ear. 9-17.
Ach is ginealach taghta sibhse, sagartachd rioghail, cinneach naomh, sluagh sonraichte; chum gu ’n cuireadh sibh ’an céill feartan an ti a ghairm a dorchadas sibh chum a sholuis iongantaich féin:
Nach robh uair-éigin ’n ’ur sluagh, ach a nis is sibh sluagh Dhé: dream nach d’ fhuair trocair, ach a nis a tha air faotainn trocair.
A mhuinntir mo ghraidh, guidheam oirbh, mar choigrich agus luchd-cuairt, sibh a sheachnadh ana-miannan feolmhor, a tha ’cogadh an aghaidh an anama;
Air dhuibh deadh chaithe-beatha ’bhi agaibh am measg nan Cinneach; chum ’an ait olc a labhairt umaibh mar luchd mi-ghniomh, gu’n dean iad o bhur deadh oibribh a chi iad, Dia a ghlorachadh ann an la an fhiosrachaidh.
Uime sin bithibh-se umhal do gach uile riaghailt dhaoine air son an Tighearna: ma ’s ann do ’n righ, mar an ti a’s airde inbhe;
[Vol . 11. No. 5. p. 5]
No do uachdranaibh, mar do’n mhuinntir a chuireadh uaith chum dioghaltais air luchd-deanamh an uilc, ach chum cliù dhoibh-san a ni maith.
Oir is i toil Dhé gu’n cuireadh sibhse le deadh dheanadas tosd air aineolas dhaoine amaideach:
Mar dhaoine saor, agus gun bhur saorsa a ghnathachadh mar bhrat-folaich do’n olc, ach mar sheirbhisich Dhé.
Thugaibh urram do na h-uile dhaoine. Gràdhaichibh na braithrean. Bitheadh eagal Dhé oirbh. Thugaibh urram do’n righ.
Bha an 72mh Salm air a seinn:—
Ear. 1-4.
Dhia, thoir do bhreitheanas do’n righ,
is d’fhireantachd d’a mhac.
Bheir esan ceart bhreth air do shluagh,
’s do d’bhochdaibh còir ’nan airc.
Na sléibhtean arda bheir a mach
siochaint do’n t-sluagh gu pailt;
Is bheir na tullaich bheaga sith
le fireantachd gun airc.
Air daoinibh bochd a’ phobuill fòs,
bheir esan breth gu ceart;
Is clann nan ainnis saoraidh e,
min-bhrisidh luchd ainneart.
Rinn an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe searmoin o’n earann:—
Mata xxviii. 18.
Agus thainig Iosa, agus labhair e riu, ag radh, Thugadh dhomh-sa gach uile chumhachd air neamh agus air talamh.
Rinn an t-Urr. Mr. Connell ùrnuigh.
Bha an 145mh Salm air a seinn:—
Ear. 8-11.
Tha ’n Tighearna ro ghrasmhor caoin
is lan do thruacantachd;
A ta e mall chum feirg’, is fòs
pailt ann an trocaireachd.
Is maith IEHOBHAH do gach dùil;
tha throcair caomh gu beachd
Os ceann gach obair agus gniomh
a rinneadh leis le neart.
Dhia, molaidh t’oibre thu air fad;
le d’ naomhaibh molar thu:
Air gloir do rioghachd labhraidh iad,
innsidh do neart le cliù.
Labhair an t-Ard Chléireach Urr. an Ceann-Suidhe a’ bheannachd.
Sheinn an Coithional an sin:—
DHIA GLEIDH AN RIGH.
Dhia, gléidh an Rìgh le d’ ghràs,
An rìgheachd as gach càs:
Dhia, gléidh an Rìgh!
Biodh e a ghnàth fo d’ làimh
Le buaidh os ceann gach nàimh,
’N ad ghràdhsa faotainn sàimh,
Dhia, gléidh an Rìgh!
Air-san ’nad mhaitheas mòr
Taom pailteas as gach stòr
Fo shròl na sìth;
Dìonadh ar laghan dhuinn;
’S togar leinn iolach binn,
Le crì is guth a’ seinn,
Dhia, gléidh an Rìgh!
SGIORRADH BASMHOR EILE—Bha fear Seumas Wilson air a ghrad mharbhadh aig cala an rathaid iaruinn ’sa bhaile so oidhche Di-màirt. Bha e ’g obair còmhla ri triùir no ceithrir eile a’ gluasad chàraichean an deigh dorchadh na h-oidhche. Bha esan a’ cupladh nan càraichean ’s ga ’m fuasgladh o cheile a reir mar bha ri dheanamh, agus turus dhe na tursan, thuislich e, agus chaidh an inneal agus aon chàr thairis air, ga ghearradh na dha leth agus ga ghrad-mharbhadh. Cha robh fìos aig càch gu’n do thachair sgiorradh sam bith gus an dug iad fa-near nach robh esan a’ frithealadh d’ a obair, agus air dhaibh dol ga ’iarraidh fhuair iad a chorp reubte air an rathad. Bha e air an rathad mar bhrakesman o chionn da bhliadhna. Bha a dhachaidh ann an St. John, N. B. Cha robh ann ach duin’ òg, coig bliadhna fichead a dh’ aois.
FIR NA SEILG—Tha iad so lìonmhor feadh na h-Alba an diugh; agus tha marbhadh mòr air a dheanamh air eòin, féidh is éisg. ’S ann gu làmh an duine mhòir agus an fhir bheairtich a thig a’ chuid is fhearr diubh so uile. Shaoileadh neach gu’n do dhìch’nich an Cruitheir am bochd ’nar tìr ’nuair a chithear eunlaidh shaor nan speur, spréidh na machrach, is éisg na mara air an toirmeasg dha le laghan mi-dhiadhaidh a tha glasadh toraidhean sònruichte nàduir o làmh a’ mhòr shluaigh a tha gu tric fuar is acrach a chionn gu ’m bheil iad ás eugmhais biadh anns am bheil brìgh is neart. Rinneadh na laghan so leis na fir chumhachdach a tha ’s a’ Phàrlamaid ’nam fàbhar féin. Ach ’s ann aig na daoine féin a tha a’ choire. C’arson a tha iad a’ cur do’n Phàrlamaid fir a bhios a snìomh a mach laghan cho ain-diadhaidh? Thig an là anns an tig briseadh air a’ chuing so; ach theagamh gu ’m bheil an là so fad ás ma bhuanaicheas an sluagh iad féin anns a’ chadal ’s anns a mhi-chùram a sgaoil an sgiathan mar dhroch ainglean thairis air coguisean dhaoine. Tha an t-àm aca a bhi dùsgadh; agus a bhi cuimhneachadh nach ’eil sluagh ’sam bith saor a cheadaicheas do luchd-aineart agus do choigrich a bhi deanamh laghan dhoibh. Bidh Gàidheil a’ seinn nach fhaigh a’ Ghàilig bàs; ach gu dé is fhiach a’ Ghàilig ma tha an seann spiorad air bàsachadh cheana ann an anman nan daoine a tha beò an diugh. —Oban Times.
BUANAICHEAN DO ’N IAR THUATH—Tha àireamh mhor dhaoine air a dhol a mach do’n Iar Thuath air an fhoghar so a dh’ ionnsaidh na buana. Agus tha sinn air ar mealladh mur bi moran dhiù cho mi-thoilichte le ’n turus ’s a bha moran dhiùsan a chaidh ann bliadhnaichean roimhe. Tha e ceart gu leòr do chuideachd an rathaid-iaruinn ’s do thuathanaich an Iar Thuath a bhi toigheach air pailteas luchd-cuideachaidh fhaotainn air-son na buana, ach tha eagal oirnn gu bheil iad a’ cleachdadh innleachdan air-son am faotainn nach eil buileach cho dìreach ’s bu chòir dhaibh a bhi cleachdadh. Anns a’ cheud àite bidh o àm gu àm re an t-samhraidh fiosan air an cur do na roinnean an ear ag innse cho anabarrach trom ’s a tha ’m bàrr gu bhith, agus cho doirbh ’s a tha e gu bhi do na tuathanaich a bhuain. An deigh sin thig iomradh air tuarasdail mhora tha gu bhi air am pàigheadh do bhuanaichean, agus tairgidh cuideachd an rathaid-iaruinn faraidhean saora dhaibhsan a tha deònach a dhol a mach. Ach an deigh so uile, nuair a bhios a mhor chuid dhiubhsan a tha dol a mach a cheana air an t-slighe, thig sgeul eile, gu’n do dh’ aontaich na tuathanaich eatorra fein nach pàigheadh iad thar da fhichead dolair ’sa mhios. Faodaidh e bhith gu bheil so gle phrobhaideach do mhuinntir an Iar Thuath, ach cha’n eil e uile gu leir a reir nan àithntean.
A’ BHREAC A RITHIST—Chaochail fear Dominick Destremel ann am Port Hawkesbury o chionn ghoirid leis a’ bhric. Bha e air a chur air tir an sin bhar bòrd soithich a thaghail an caochladh àiteachan mu chladaichean Cheap Breatuinn is Nobha Scotia. Tha fear Gilleasbuig Domhnullach, a mhuinntir Phictou, air an t-seachduin so na laidhe tinn leis a’ bhric ann an Sidni. Chaidh fhaotainn a mach an deagh àm ’s gabhail aige, agus mar sin cha’n eil cunnart sam bith gu’n sgaoil an euslaint. Tha gach aon a bha ’san taigh-òsda ’san robh e ’fuireach air an cumail air leth gus am bithear cinnteach nach eil a bhreac aca. Tha e coltach gu ’m b’ ann am Port Hawkesbury a fhuair an Domhnullach i.
BATHADH ANN AN LOUISBOURG—Bha Iain Townsend air a bhàthadh aig beul acarsaid Louisbourg air an aonamh latha fichead de dh’ Ogust. Bha e na philot, agus bha e fein is triùir eile ’dol an coinneamh soitheach smùide bha tighinn a stigh. Chaidh am bàta anns an robh iad ro fhaisg air toiseach an t-soithich, agus bhuail i ann, ga ’bhrisdeadh ’s a’ tilgeadh gach aon a bh’ ann do ’n uisge. Chaidh càch uile a’ shàbhaladh, ach chaidh Townsend fodha ’s bha e air a bhàthadh. Dh’ fhàg e bantrach is teaghlach óg.
GHLEIDH DIA AN RIGH. —Ma tha brìgh ann am mòran do’n chreideadh, do’n aideachadh, is do’n diadhachd mu ’n robh iomradh ré na seachdainean a dh’ fhalbh a thaobh an Righ tha e sollier gu ’n d’ fhuair ùrnuigh na rìgheachd éisdeachd. Tha cuid a fheadhainn cho fuasach fo bhuaidh laghan nàduir agus nach aidich iad gu’m bheil Cruitheir idir ann agus nach ’eil leigheas no slàinte air na loit chianail a chithear air corp a’ chinne-dhaonna. Cha bhuin iadsan do shliochd a’ chreididh a rinn na h-eileanan so ’nan cumhachd a tha ag aghartas ùmhlachd o mhòran rìgheachdan air thalamh. Ghléidh Dia na Righ gus an robh e air a chrùnadh air an t-Sathurna a dh’ fhalbh, agus bha co-fhaireachdain mhòr aig na h-uile aig an tigh agus thairis ris na smuaintean a bha aig a Mhòrachd ’nuair a fhuair e a mhiann air a shàsuchadh a thaobh a’ chrùnaidh. A réir coslais bha e ’na thlachd do mhòran feadh na h-Eorpa gu’n d’ fhuair e neart a ghiùlain e troimh na seirbhisean sòluimte air là a chrùnaidh. Tha sgeul an latha so a nis craobh-sgaoilte feadh an t-saoghail; agus cha ’n ’eil na Gàidheil air dheireadh ’nan dùrachd ’s ’nan ùrnuigh gu’n Gleidheadh Dia an Rìgh. —Oban Times.
TEAGASG GAIDHLIG—Chithear ann an oisinn eile de’n phaipear so gu bheil duaisean air an tairgseadh air son a bhi teagasg Gàidhlig anns na sgoilean feadh na Gàidhealtachd. Tha sinn an dochus gu toir maighstirean-sgoile cothrom do ’n oigridh na duaisean a choisneadh. Chithear gu bheil duaisean air son na cloinne a tha fior òg cho math ri duaisean dhaibhsan a tha na ’s sine na sin. A suas leis a’ Ghàidhlig ma ta. Ann an co-cheangal ris a so chithear gu bheil Grammar Gàidhlig Reid a’ tighinn a mach as ùr air a mheudachadh agus air ath-leasachadh. —Highland News.
BATHADH AIG SIDNI TUATH—Chaidh fear August Allopur a bhàthadh aig Sidni Tuath maduinn Di-dòmhnaich s’a chaidh. Chaidh e-fein is triùir chompanach do’n bhaile sin oidhche Di-sathuirne. Bha iad ag òl, ’s mu àm dol mu thàmh, dh’ fhairtlich orra àit fhaotainn anns an cuireadh iad seachad an oidhche; agus gu math anmoch chaidh iad na ’n sìneadh air aon de na laimhrigean. Mu dha uair ’sa mhaduinn chual’ a chompanaich esan a’ tuiteam dh’ an uisge, agus ghlaoidh iad air-son cuideachaidh. Ach ged chaidh ròp a thilgeadh g’ a ionnsuidh, cha d’ rinn e greim air, agus bha e ’m beagan mhionaidean air a bhàthadh. Bu Spàinteach e, agus bha e ’g obair ann am mèinn Chaledonia. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois. Bha da fhichead dolair de dh’ airgiod agus da uaireadair air fhaotainn na phòcaid an deigh a bhàthaidh.
BRISDEADH-GEALLAIDH DAOR—Bha fear Domhnull F. Camaran, duine thatar ag radh a bhuineas do ’n eilean so, ann an dragh mor am Boston o chionn ghoirid a thaobh gealladh-pòsaidh. Bha e air gealladh a thoirt do dhithis, agus air dha té dhiu a phòsadh, chuir an té eile, bana-Mhoireasdanach, an greim e, ag agairt mar luach a’ gheallaidh bhrisde deich mile dolair. Chaidh a chuir do’n phriosan, agus an deigh dha bhi anns an ionad sin ùine ghoirid, thainig e gu còrdadh rithe, ’s air dha tri mile dolair a phàigheadh, chaidh a leigeil mu sgaoil.
SGIORRADH MARBHTEACH—Ann an Thorburn, N. S., air an treas latha fichead de dh’Ogust, bha dithis ghillean òga air am marbhadh le spraidheadh fùdair. Bha iad a’ giùlain fùdair de ’n mhèinn, nuair chuir gille eile le tuiteamas sradag ris. Bha aon de na gillean, Fionnladh Domhnullach, seachd bliadhn’ deug a dh’ aois, agus an t-aon eile, Tearlach Mc Nulty, coig bliadhn’ deug. Bhuineadh Mc Nulty do Bhaile-Shearlot, E. P. I.
CRUGAR AS A DHREUCHD—A reir sgeoil a thainig o chionn ghoirid, tha Pòl Crugar an deigh a dhreuchd mar cheannard nam Boerach a leigeil dheth. Tha an Seanalair Botha air a chur na ’àite, agus o’n tha ’m fear sin air mionnan-ùmhlachd a thoirt do Bhreatuinn, faodar a ghabhail mar fhìrinn nach eil na Boerich dol a chur an aghaidh uachdaranachd na dùthcha sin tuilleadh.
[Vol . 11. No. 5. p. 6]
(Air a leantuinn o thaobh 35.)
earball gu ’cheann, agus a nis shluig i a dh’ aon slugadh an tarbh àluinn, eadar cheann is chasan!
Dh’ innseadh do Zadi bochd ’s e ri beul bàis mar bha ’chùis: “Thugaibh innte!” ars’ esan, “marbhaidh leanabh beag a nis i.”
Mach a ghabh Iomhar, ’s a bhuidheann nach obadh: leum iad oirre le claidhean ’s le biodagan. Dh’ fheuch a’ bheist ri blàr a thoirt doibh, ach cha b’ urrainn di gluasad—laidh i air a fad air an talamh. Cha d’ fhuirich Iomhar ri ’faicinn marbh—ruith e chum an tigh-shamhraidh far an robh a charaid. “A charaid, Seward,” ars’ esan, “fosgail; fhuair thu fuasgladh mu dheireadh.” Ach cha robh freagradh ann. Rug Iomhar an sin air tuaidh mhòir, agus le buille no dha bhris e ’chomhla. Fhuair e Seward ’sa shùilean dùinte ’sa ghruaidhean air dhath a’ bhàis ’na shuidhe air cathair. Ghlac Iomhar e ’na ghàirdeanan, ’s phòg se e. “A charaid, Seward,” ars’ esan, “a’ bheil thu beò?” Dh’ fhosgail e ’shùilean ’s dh’ fheuch e ri làmh a shìneadh ach thuit i thiota marbh ri ’thaobh. “Tha thu saor, a charaid,” arsa Iomhar. “Thà,” ars’ esan“ ’s cha ’n ann gun chunnart do m’ chairdean; ach Oh! mo bhean! mo bhean!” “Tha i beò agus a feitheamh riut aig a’ bhaile,” arsa Iomhar. O! giulainibh, giulainibh mi d’a h-ionnsuidh,” ars’ esan, “mun tilg mi ’n anail.”
Ghiùlain iad e air leabaidh dhachaidh—phòg e féin ’s a Bhain-tighearn’ a cheile—ghabh e gloine fiona bho ’laimh, ach mo chreach! be’n gloine deirionnach e! Ann an ceann leth-uair thilg e ’n anail!
Theagamh, nach creid cuid d’ ur luchd-leughaidh, nach faca riamh de ’n t-seòrsa so ach dearc-luachrach, gu bheil so fior: ach creididh sibhse, agus gach neach aig a’ bheil eolas air an t-saoghal, agus air eachdraidh an t-saoghail e. —Cuairtear nan Gleann.
A BHEAN-TAIGHE ’S NA SITHICHEAN.
SEANN SGEULACHD.
AON uair o cheanna nan cian bha bean fear fearainn no tuathanach beartach ’san oidhche, mar a b’ àbhaist do mhnathan cùramach ’san àm, an déigh do dh’ fhear an taighe ’s do ’n teaghlach gabhail mu thàmh, a’ deanamh clò air an son. Air dhith a bhi sgìth agus ro chlaoidhte leis an obair thuirt i: “O, nach digeadh o thalamh no o chuan, o chian no o làimh, aon neach a chuidicheadh mise ’dheanamh a’ chlò so.”
Cha luaithe bhruidhinn i na chual’ i bualadh ’s an dorus is guth ag éibheach ann an cainnt choimhich a thuig i ’bha ciallachadh: “Ionnaraidh mhor mhath bhean-an-taighe, fosgail an dorus dhomh, is cho fad ’sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.”
Dh’ éirich i, ’s nuair dh’ fhosgail i ’n dorus thàinig bean choimheach ann an deise ciar-uaine ’stigh seachad oirre, is shuidh i aig a’ chuibheal-shniomh. Cha bu luaithe rinn i sin na thàinig buille na bu chruaidhe do ’n dorus, is éibheach ’s na ceart fhacail: “Ionnaraidh mhor mhath bhean-an-taighe, fosgail an dorus, is cho fad ’sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.”
Nuair a fhreagair bean-an-taighe thàinig té neo-shaoghalta eile ’stigh, is ghabh i thun na cuigeil. Sin thàinig buille mòran na bu chruaidhe is guth na b’ àirde ag iarraidh a stigh ’s a’ tairgsinn cuideachaidh. Nuair dh’ fhosgladh an dorus thàinig ban-choigreach eile ’stigh, is shuidh i ’chàrdadh. Nuair thòisich ise air obair, thàinig bualadh na bu doirbhe do ’n dorus is guth a glaodhaich: “Ionnaraidh mhor mhath bhean-an-taighe, fosgail an dorus gu luath, is cho fad ’sa mhaireas dhomhsa gheibh thusa.”
Nuair chaidh an dorus fhosgladh shnàmh té iongantach eile, na ’deise ’s na ’coltas mar bha càch, a stigh, ’s nuair a fhuair i àite-suidhe thòisich i air cìreadh clòimhe. Sin thàinig an ath té le barrachd stairirich, ’s nuair fhuair i ’stigh thòisich i air tlàmadh. Bha iad a nis a’ tighinn na bu chaise ’s na bu luaithe, aon as déigh aoin, le farum is gleadhraich na bu mhotha ’s na b’ àirde, gus an robh an taigh loma-làn dhiubh ’s iad uile an greim. Thòisich an sin an obair da rìreadh, cìreadh, càrdadh, tarruing, tlàmadh, cuigealadh, snìomh bheairt-fhighe gu luath, luath, ’s am bùrn luaidh mu ’n teine, ’s chluinnte srannail na cuibhle, spreagail nan càrd, dìosgail na cuigealach ’s sùrd na beairt-fhighe cian air astar. Dh’ fheuch bean-an-taighe mhaith, mar b’ fhearr a b’ urrainn di, ri tàmh a chur air an ùpraid, is pailteas bidh ’chumail riutha, gus am faicte ’s an cluinnte am fallus a’ tuiteam bho ’h-aodann le slad air an ùrlar. Ach cha chumadh an domhan biadh riutha—mar b’ fhaide ’s an oidhche thàinig e ’s ann bu mhotha dh’ iarradh iad, ’s cha bu mhotha an obair na na dh’ fheumadh iad. Aig a’ mheadhon-oidhche bha ’bhean-taighe chòir gu tuiteam le saothair obair.
Dh’ fheuch i sin ri fear-an-taighe dhùsgadh ach cha b’ urrainn dhith. Bha e cho math feuchainn ri clach-mhuilinn a charachadh; cha ghluaiseadh ’s cha bhruidhneadh e, ged a chàireadh ’s a ghlaodhadh i fhathast ris. Nuair a dh’ fhairlich e oirre ’s nach robh fhios aice dé dheanadh i, smaointich i dol air son comhairle gu sean duine glic air a’ bhaile. Dh’ fhàg i ’chuideachd neo-thlachdmhor aig a’ chuid mu dheireadh de ’n deasachadh rinn i dhaibh, ’s ràinig i an duine glic is dh’ innis i dha an dragh a bh’ oirre ’s mar nach dùisgeadh fear-an-taighe. Thug esan achmhasan dhith air son a cion-mothachaidh ann a bhi ’g iarraidh cuideachaidh neo-shaoghalta, ’s thuirt e rithe: “Cho fad ’s is beò thu na cuir romhad, na iarr ’s na guidh air son ni mi-dhealbhach no mi-cheutach, eagal ’s gum faigh thu t-òrdugh ’s gu ’n toir thu sgiorram ort fhéin. Thàinig na daoine ’s cha chuir saothair bruidhne air falbh iad. Tha fear-an-taighe fo gheasaibh, ’s mu ’n dùisg e feumaidh a’ mhuinntir neo-cheadaichte, a ghuidh thu fhéin air an son, an taigh fhàgail, is beagan de ’n bhùrn luaidh a chaitheamh air.”
Dh’ fharraid i an sin dé ’n dòigh air am faigheadh i na daoine fhuadach air falbh, is thuirt an sean duine rithe tilleadh dhachaidh, is seasamh air an dùn aig dorus an taighe is glaodhach aird a cinn tri uairean gun robh Dùn Bhurg na ’theine. Thigeadh a’ chuideachd an sin a mach le réis a dh’ fhaicinn an t-seallaidh iad fhéin, ’s nuair gheibheadh i taobh a mach an taighe iad ’s an dorus druidte orra, bha i ri car tuathail tarsuinn no car muiltein a chur ’s na h-uile ni bha iad ag obair leis. Thill i leis an fhiosrachaidh a fhuair i, ’s nuair ràinig i ’n cnoc mu choinneamh an doruis ghlaodh i cho searbh ’s cho cruaidh ’s gu ’n cluinneadh feadhainn a b’ fhaid’ air astar na na bha na beachd i: “Tha teine an Dùn Bhurg! Dùn Bhurg ri ’theine! Dùn Bhurg na ’lasair dheirg!”
Mu ’n do chrìochnaich i an glaodh corranach bha ’chuideachd shìth mach as an tigh na ’n sradaichean, a mùchadh ’s a’ saltairt air a chéile feuch co aca bhiodh air thoiseach anns an “holovohorohe” bha aca ’ruigheachd an doruis ’s iad ag éibheach—
Mo bhean ’s mo phaisdean, mo chaise ’s mo ghogan ime,
Mo mhic ’s mo nigheanan, ’s mo chisteachan mora mine,
Mo chir ’s mo chardan, an snath ’s a’ chuigeal,
Mo bho ’s a’ bhuarach, ’s na cuachan bainne,
Eich ’s na h-iallan, cliabhan ’s cinnean,
’S an talamh ’cur roimhe, m’ uird ’s m’ innean.
Dùn Bhurg ri theine! ’S ma loisgear Dùn Bhurg
Loisgear mo mhùirn ’s mo mhireadh.
A h-uile h-aon riamh dhiubh a’ caoidh rud a b’ fhearr ’sa b’ fhiù leò ’chaidh fhàgail ’san Dùn.
Nuair fhuair a’ bhean taighe gu ’n robh iad taobh a muigh an doruis chaidh i stigh air an cùlthaobh cho luath ’sa b’ urrainn dhith, ’s dhùin ’s chrann i ’n dorus orra, ’s mar a dh’ earbadh rithe chur i air aimhreidh a h-uile sion air an robh na daoine ’s na mnathan còire ag obair. Thug i ’bhann bhàrr na cuibhle, chur i car ’s a’ chuigeil, na càrdan còmhla ’n àite bhi cas mu seach, caramuiltein de ’n bheart-fhighe, am bùrn luaidh bhàrr an teine, ’s mar sin a sìos. ’S gann a bha i ullamh dheth so, ’s i air tòiseachadh air deasachadh do mhuinntir an taighe, na thill na Daoine Còire air ais ag iarraidh a stigh ’s ag éibheach: “Ionnaraidh mhòr mhath bhean-an-taighe, leig a stigh sinn.”
“Cha ’n urrainn mi,” ars’ ise, “ ’s mo làmhan ’s an taois.”
Sin ghlaodh iad ris a chuibhle: “A chuibheal mhath, eirich ’s fosgail an dorus dhuinn.”
“Ciamar dh’ fhaodas mi,” ars’ a’ chuibheal, “ ’s mi gun bhann.”
Rinn iad an sin diùrais ris a’ chuigeal: “A chuigeil ullamh, ealamh, fosgail an dorus dhuinn.”
“ ’S mise gu ’n deanadh,” ars’ a chuigeal, “mur biodh car annam.”
Thuirt iad a nis ris na càrdan an dorus fhosgladh.
“Dheanamaidne sin gle thoilichte na ’m biodh comas nan cas againn.”
Thug iad an sin an aire do ’n bheairt-fhighe ’s nach diùltadh i iad. Thuirt a’ bheairt-fhighe gu’n deanadh mur biodh i car-a- muiltein. Bhrìodail iad a nis air a’ bhùrn-luaidh an leigeil a stigh, ag ràdh ris: “ ’Bhùrn luaidh, nach fhosgail thu ’n dorus.”
“Cha ’n urrainn mi ’s mi bhàrr an teine,” ars’ am bùrn luaidh.
Bha iad thun toirt thairis ’s a’ fàs neo-fhoighidneach, ’s air a cheann mu dheireadh thug iad an aghaidh, ’s rinn iad an gearan ris a bhonnach bheag a bha ga ’bhruich air leac an teintein, ’s thuirt iad ris:
“A bhonnaich bhig an àigh, fosgail an dorus gu grad ’s cabhag oirnn.”
Dh’ éirich am bonnach beag ’s thug e an dorus air cho luath ’sa b’ urrainn da, ach bha ’bhean-taighe na ’h-earalas. Air a dhéigh ghabh i ’s rug i air ’s thug i gomag as, ’s an àite ruigheachd gu “snec” an doruis ’s ann thuit e na ’spleog air an ùrlar. Bho nach robh dòigh no dealbh tuilleadh aca air faighinn a stigh, ghabh iad le dùrachd an sàs am fear-an-taighe, ’s b’ e cheann an aon bhall coise caol ’s iomain dhaibh, gus an àite bhi trom an d’ fhàs e cho aotrom ri iteag.
Nuair nach gabhadh an horó fulang na b’ fhaide, chuimhnich a’ bhean-taighe mar dh’ iarradh oirre deanamh leis a’ bhùrn luaidh, is thog i làn cuaiche ’s thilg i thairis air fear-an-taighe e. Dhùisg esan gun dàil. Bha an t-àm aige. Dh’ éirich e is dh’ fhosgail e ’n dorus, is sguir an ùpraid.
BATHADH ANN AN SOURIS—Air Di-sathuirne, an treas latha fichead de dh’ Ogust, bha òganach d’ am b’ ainm Steaphain Mac-Aonghais air a bhàthadh aig Souris, E. P. I. Bha e-fein is fear eile, Hensley Domhnullach, a mach air an acarsaid a’ seoladh, agus chuir oiteag ghaoithe am bàta anns an robh iad thairis. Fhuaireadh an corp an ùine ghoirid an deigh a bhàthaidh. Cha robh Mac-Aonghais ach ochd bliadhn’ deug a dh’ aois.
[Vol . 11. No. 5. p. 7]
Oran d’a Nighinn.
LE DOMHNULL MAC-RUAIRAIDH,
Air a’ cheathramh latha deug de ’n Mhairt, 1871.
Gur e mise tha fo mhì-ghean
’S mi leam fhéin air a chnoc,
Cha ’n ’eil m’ aigne rium sìobhalt’—
Gu ’m bheil m’ inntinn fo sprochd,
Gun mo chuideachadh làmh rium,
Sgeula ’chràidh mi gu goirt;
Ach ma rinn thu nis m’ fhàgail,
’S mòr an gràdh ’bh’agam ort.
Bha mi ’n raoir aig an teine
Na mo chaithris ’n déigh chàich
Gus an robh mi a’ smaointean
Gu’n ’ghabh daoine mu thàmh,
An dùil gu’n cluinnin do bhruidhinn,
A’ tighinn mar b’ àill;
’S nuair a ghabh mi ’n sin fadachd,
Chaidh mi ’n leabaidh fo pràmh.
O cha d’ fhuair mi ’n raoir cadal,
Cha robh ’m aigne na ’tàmh,
S mi ri ionndrainn na gruagaich
Dh’fhalbh Diluain gu math tràth;
Gu ’m bi snidh air mo chluasaig
Iomadh uair air do sgàth;
’S bòchd an naigheachd gu ’n ghluais thu
Do ’n Cheann Uachdrach a thàmh.
’S iomadh crois ’th’ anns an t-saoghal
’S mise a dh’ fhaodadh a ràdh,
Fhuair mi buillean bha ciùrrta,
’S tric mo sgiùrsadh le bàs;
’N uair a thug thu do chùl rium
Shil mo shùilean gu làr,
Cha ’n ’eil stàth dhomh bhi ’g innseadh
Gu ’m bheil m’ inntinn fo phràmh.
O cha sheinn mi ’chaoidh òran,
Thuit mo shòlas gu làr,
Dh’ fhalbh mo shùgradh ’s mo dhòchas,
’S thàinig bròn nis na ’n àit;
Tha mo chridhe gu sgaoileadh,
Tha mi ’smaointean, le cràdh;
’S tha mo chadal ro luaineach,
Ort a’ smuaintean gach tràth.
’S ann ort fhéin tha’n cùl dualach
Mar bu dual dhuit a’ fàs;
’S goirt an naigheachd r’a luaidh leam
Gur e ghluais thu am bàs;
Dh’ fhàg sid snìdhe air mo ghruaidhibh
Na h-uil’ uair gheibh mi fàth;
’S mur a caochail mo smuaintean
Gur i ’n uaigh mo lag-tàimh.
O’n a dh’ fhàgadh thu d’ aonar
Thug mi gaol dhuit thar chàich,
Och a righ! ’s beag a shaoil mi
Gu’n tigeadh caochladh cho trath;
Ach mo bheannachd gu buan leat
A dh-ionnsuidh uarach do bhàis;
Agus Ard-Righ nam buadhan
A bhi mu ’n cuairt ort mar gheàrd.
Ged tha d’ athair car dripeil
Mar a bhrist air le bàs,
Cha ’n e idir a ghluais thu,
Och, mo thruaighe! cho tràth,
Ach do mhuime bhi ’n gruaim riut,
Mar a chualas aig càch;
Gu ’m bheil sìd riutha fuaighte
Nuas o dhualchas a’ fàs.
Bha do mhuime ro ghòrach
’Dol ga d’ fhògairt cho tràth,
Le cuid smuaintibh ro neònach,
Mar tha ’n stoiri ag ràdh,
Tha do pheathraichean òg leam
Gus mo chòmhnadh na thràth;
So an t-Earrach a ghual mi;
Och, mo thruaighe mar tha!
So an t-earrach a chiùrr mi
Dh’ fhàg mi tùirseach a ghnàth,
’N uair a thug thu do chùl rium
Thuig mi ’ruin, mar a bha,
O cha’n fhaic mi ’n Fhéill Pheadair
’S an t-seadh so gu bràth;
Bi nis Ard-Righ nan dùlan
’Ga mo stiùradh le d’ ghràs.
Tha mo chlais’neachd air tréigsinn,
’S gu’n mo léirsinn ach mall,
Tha sud a’ teagasg le reusan,
Gu bheil mo réis aig a ceann;
A Thì a dh’ fhuiling ’n am àite
’S a bha dhomh gràsmhor ’s gach àm,
Biodh do Spiorad ’g am stiùireadh
Ré mo chùrsa troimh ’n ghleann.
’Nuair a pheacaich ar sinnsear
Dh’fhàg iad dìleab aig càch,
Ged bha ’fhreumhaichean ìosal,
Rinn iad direadh an àird;
’S tric a mheall iad na fìrean’
Bu dìlse na càch;
Tha na boirionnaich cinnteach,
Iomadh fillte ro cheàrr,
Ged a dh’ ìnnsinn-sa ’n tiodal
Mar a misde cha ’n fheàird;
Tha air aithris ’s an “fhìrinn”
Le cinnte mar tha;
’S iomadh earrann ’s a’ Bhìobull
A ni ’n dìteadh gu bràth;
’S anns na litrichibh priseil
Chaidh a sgrìobhadh le Pàl.
Ann an Gnath-fhocail Sholaimh
Fhuair mi coimeas no dhà;
Gu ’m bheil teine ’nam broilleach,
Bhios ’n a dholaidh do chàch,
O cha ruig mi leas fianuis
A bhi ’g a h-iarraidh ’s a chàs;
An neach bu ghlice ’s an t-saoghal
Chuir e aont’ ris mar tha.
O Thighearna phrìseil
Do ’n léir gach nì a bhios ceàrr,
Dean do lagh nis a sgrìobhadh
Air a h-inntinn gun dàil,
Thoir dhi gliocas na “firinn”
Nach dìobair gu bràth
’S dcan a treòrachadh dìreac
Dh’ ionnsuidh rìoghachd nan gràs.
Ach a nis ’s a’ cho dhùnadh
’S e mo dhùrachd gu bràth
Gu ’m biodh Ard-Righ nan dùlan
’G ad stiùiradh ’s gach àit,
O, bi tric ris ag ùrnuigh,
’S cum do shùil air a ghnàth
’S bheir e dhachaidh a null thu
Dh’ ionnsuidh dùthaich Chanàin.
Laoidh.
’Ierusaleim, mo dhachaidh aigh,
Ad ionnsaidh cuin thig mi?
O cuin a chrìochnaichear mo bhròn,
Is d’ aoibhneas cuin a chì?
O thìr ’tha taitneach, sòlasach,
O chala ait nan saoi,
Chan fhaighear bròn am feasd a[ ? ] chòir,
No cùram, saoth’r, no caoidh.
Chan ’eil innt’ sannt no ana-miann,
No farmad fòs, no strìth;
Chan ’eil innt’ acras, tart, no teas,
Ach taitneasan gu dìth.
Do bhallachan is clachan taght’,
Do dhaingneach daoimean gearrt’,
Do gheatachan is neamhnaidean—
Mo mhiann bhith ’n sud gu h-ard!
’S ro ghrinn a tùir ’s a binnein ard’
Le dearrsadh mhóran léug;
Le iasper, crisolit, ’s gach clach
Is taitniche na chéil’.
Le fuaim ro chaoin tha ’n abhainn bheò
A’ sruthadh feadh gach sraid,
’S mu ’bruachan glasa air gach taobh,
Tha craobh na beatha fas.
A craobhan toradh bheir gach mìos,
Is fasaidh iad gach ré;
’S bheir uile shloigh an domhain mhóir
Dhuit fhéin an glòir gu léir.
’Ierusaleim, mo dhachaidh aigh,
Mo mhiann bhith annad shuas!
O b’ fhearr gun crìochnaicheadh mo bhròn,
’S gum faicinn d’ aoibhneas buan!
Mol an latha math air a dheireadh.
FACLAIR GAILIG MHIC-EACHUINN.
Tha àireamh de ar leughadairean a dh’ orduich an leabhar gasda so a’ call am foighidin nach eil iad ga ’fhaotainn. ’S e ’s aobhar do ’n dàil, gu ’n d’ rinn an leabhar-reiceadair dh’ ionnsuidh ’n do chuir sinn ga ’n iarraidh dearmad air an cur ugainn, agus gu ’m b’ fheudar dhuinn cur gu fear eile. Bidh iad againn, tha sinn an dòchas, an ùine ghoirid, agus an sin riaraichear gach aon a chuir ugainn air an son gun dàil.
CUISEAN FOGHLUIM—Tha luchd-riaghlaidh Oil-thigh Dhalhousie a’ cur rompa sgoil-mhèinneadaireachd fhosgladh air an fhoghar so, anns am bi cothrom air a thoirt do dhaoin’ òga air sgil fhaotainn anns gach seòrsa mèinneadaireachd a tha dol air adhart anns na Roinnean Iochdrach. Tha iad ag iarraidh ceud mile dolair a chur cruinn air son an aobhair so, agus tha a’ chuis gu ruige so a’ dol leotha gu math. Bha coinneamhan aca ann an Ceap Breatunn air an t-seachduin s’a chaidh, agus fhuair iad deagh mhisneach. Tha cruinneachadh aig luchd-teagasg nan sgoilean an Cheap Breatuinn ann an Sidni air an t-seachduin so. Tha àireamh mhor dhiu cruinn, agus tha coltas air na coinneamhan a bhi gle fheumail. Tha an t-Ollamh Mac Aoidh, á Halifacs air an ceann.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duin’ ainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
DR . CUNNINGHAM,
LEIGH-FHIACAL.
Mu choinneamh storProwse Bros. & Crowell.
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
Sydney & Louisburg Railway
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.
A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.
A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.
A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.
A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.
A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
WM . COYNE, Traffic Manager.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
[Vol . 11. No. 5. p. 8]
Bas Mhairi.
Caileag a bha anabarrach gaolach ’s a chaochail ’n a leanabachd.
LE EÒBHAN MAC-COLLA.
Chaochail i—mar neulta ruiteach
’Bhios ’san Ear mu bhriste fàire,
B’ fharmad leis a Ghréin a’ bòi’chead,
Dh’ éirìch i ’na glòir chur sgàil orr’.
Chaochail i—mar phlatha gréine,
’S am faileas ’na réis an tòir air;
Chaochail i—mar Bhogh’ nan speura,
Shil an fhras a’s thréig a ghlòir e.
Chaochail i—mar shneachd a luidheas
Air an tràigh ri cois na fairge;
Dh’aom an làn gun iochd air aghaidh—
’Ghile O cha b’ fhada shealbhaich!
Chaochail i—mar ghuth na Clàrsaich
’N uair a’s drùitiche ’s is mìls’ e;
Chaochail i—mar sgeulachd àluinn,
Mu’n gann thòisichear r’ a h-ìnnseadh.
Chaochail i—mar bhoillsge gealaich,
’S am maraiche fo gheilt ’s an dorcha;
Chaochail i—mar bhruadar milis,
’S an cad’laiche duilich gu ’n d’ fhalbh e.
Chaochail e— ’an tùs a h-àille,
Cha seachnadh iad á Pàrras féin i;
Chaochail i—O! chaochail Màiri
Mar gu’m bàthte ghrian ag éiridh!
Teann, Teann, Teann a’ Bhodaich
Teann, teann, teann a’ bhodaich
Teann, fuirich thall a’ bhodaich,
Teann, teann, teann a’ bhodaich,
’S na bi tighinn a chogadh oirnn.
’Bhodaich na bi tigh’n ’g am iarraidh
’S cinnteach mi nach pòs mi ’m bliadhn’ thu,
’S ann a tha do cheann air liathadh,
Bu chùis phianaidh dhomh do phòg.
AM BODACH.
Ged a tha mo cheann air liathadh,
Cha ’n ’eil mi ach leith-cheud bliadhna,
Gheibh mi caileag òg, ma dh’ iarras,
A bhios riaraichte gu leòir.
ISE.
Ged a rachadh tu a dh’ ionnsaidh
Na tha caileagan ’s an dùthaich,
Cha ’n ’eil té dhiu a ni sùrd riut;
’S ann tha ’n sùil ’s na gillean òg’.
ESAN.
Tha na gillean òga sgaomach,
’N uair a thachras iad ’s an fhraoch ruibh
’S a labhras iad ruibh gu faoilidh
Saoilidh sibh gu ’m bi sibh pòsd’.
ISE.
Biodh iad suidhichte no sgaomach,
Tha iad laghach, tha iad aoidheil;
’S olc an té nach tugadh gaol dhaibh
’Us iad daonnan air a tòir.
ESAN.
Ged a bhiodh gille òg a’d’ dhéigh-sa
’Se ’toirt gheallaidhnean air féin dhuit,
’S ealamh ’dheanadh e do thréigsinn
Airson euchdaige bu bhòidhch’.
ISE.
’Se chuir mise ’n diugh fo éislean
Nach ’eil Aonghas Ruadh, no Seumas,
No Iain donn ag ràdh rium, “Eudail”;
’S mòr an t-eibhneas an gill’ òg.
ESAN.
A ghaoil, nach dean thu leam lubadh
’S pailteas eòrna ’s coire air m’ ùrlar:
Cha bhi d’ aran ort mar chùram
’S cha bhi thu gun leann a’ d’ stòp.
ISE.
’S bochd an ni dhomh ’bhi mar tha mi,
’S tha mo mhathair rium a raitinn
Pos e ’s cha tig dad ri d’ la riut—
So, a ghraidh, mo lamh ’s mo phòg.
Thig, thig, thig, a bhodaich,
Thig, thig a nall, a bhodaich
Thig, thig, thig, a bhodaich,
’Se ’chùis shogain a bhi d’chòir.
Cumha Mhic-Leoid.
LE BAINTIGHEARNA D’OYLY.
Tha dùthaich MhicLeoid fo bhron ’s fo mhulad,
Bho Chuilinn gu Stròm cha chluinnt’ ach tuireadh,
Sliochd Ruari Mhòir nam bratach ’s nan sròl,
Mo chreach ’s mo leòn nach till iad tuillidh.
Cha till, cha till, cha till iad tuillidh,
Cha till, cha till, cha till iad tuillidh,
Cha till, cha till, cha till Mac Leòid,
Mo chreach ’s mo leòn nach till iad tuillidh.
Tha cumha ’s caoidh air tìr ’s air linne,
Cha chluinnear ceòl no spòrs nan gillean,
O, b’ fhèarr bhi ’s an Dùn an dùthaich do rùin,
Na d’ chùl ris ’n Dùn gun dùil ri tilleadh.
Cha till, etc.
O, Thormaid Mhìc Leòid tha ’m bròn ga m’ mhilleadh,
Cha tog mi chaoidh fonn air rann no iorram,
Tha do bhuaile gun bhò gun do spréidh air an lòn,
Gun bhradan na d’ chrò no do sheòl air linne.
Tha do chaisteal gun cheò, gun cheòl, gun uidheam,
Gun sunnd air bòrd, no òl na dibhe,
Gun sòlas tha ’n Dùn gun bhratach tha ’n Tùr,
’S bean òg do rùn ’s a sùil ri sileadh.
Clann altruim mo ghràidh, luchd a’ ghàire ’s a’ mhire,
Do ’m b’ eutrom leum ’ur ceum air glinne,
Leam a b’àluinn an cinn, ’s an casan beag, grinn,
’S am billibh bha binn nach cluinn mi tuillidh.
Tha do mhàthair fo éislein, deurach, duilich,
Do chinneadh gu léir fo éigin buileach,
’S piuthair do luaidh gun chadal gun suain,
’S an fhuaim ’n a cluais nach till thu tuillidh.
Thug iad “Tormaid gun dad” ort, ’n uair bhaist iad ’s an Dùn thu.
Gun leanadh an t-ainm riut, O, ’s beag bha mi’n dùil ris,
B’e sin manadh na truaighe chuir seachad gach buaidh ort.
’S a ghreas ort an uair nach till thu tuillidh.
Mo thruaighe air sìol Leòid! tha ’m bròn orr’ uile,
Cha chluinnt’ “seid suas,” air bruaich no tullaich,
Sìol Thorcuill na gréine, ’s an ceannard ga ’n tréigsinn,
Sìol Thormaid an déigh sin, ’s nach till iad tuillidh.
AN AN TOGALACH UR. —Tha F. Falconer
&
Son a nise deanamh gnothuich anns an togalach ùr a chuir iad suas air an t-seann làraich. Tha an stòr aca na àite-reic Charbadan is Acuinn cho briagha ’sa tha ’n taobh an ear Chanada. Tha 36 bliadhna o ’n thòisich Falconer ri deanamh gnothuich an Sidni.
Is stuama duine laimh ri ’chuid.
Is suarach an càirdeas a dh’fhéumas a shìor cheannach.
Is suarach uisge teth a shireadh fo chloich fhuair.
Is tearc teanga mhìn gun ghath air a cùl.
Is toigh le bó mhaol bó mhaol eile.
Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
a’s fhearr a fhreagras air do shuilean.
Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.
Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
Leabhraichean Gailig.
Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beatha ’s Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50
How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25
Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.
A Chuideachd Ghriasachd a’s Motha tha ’s na Roinnean Iseal.
Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.
Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, a’ cur cuairt os ar leth air Ceap Breatunn ’s taobh an ear Nobha Scotia, uair ’san raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn a’ cumail aig 153Granville Street.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
title | Issue 5 |
internal date | 1902.0 |
display date | 1902 |
publication date | 1902 |
level | |
reference template | Mac-Talla XI No. 5. %p |
parent text | Volume 11 |