[41]

[Vol . 11. No. 6. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 19, 1902. No. 6.


MURCHADH MAC BRIAN.

BHA triùir dhaoine ann an dùthaich Chinn aChoire ann an Eirinn: be sin Murchadh mac Brian, agus Donnachadh mac Brian, agus Brian Bòrr an athair. Fhuair iad cuireadh a dhol gu dinneir gu h-àite ris an abradh iad Magh ODòrna. Thug iad leotha tri fichead sgian, agus tri fichead srian, agus tri fichead each cluas-dearg, geal. Shuidh iad aig achuirm, ’s cha luaithe shuidh iad aig achuirm na chunnaic iad gruagach Chnoc Seanain an Eirinn adol seachad. Sid a mach gabhaidh Murchadh, sid a mach gabhaidh Donnachadh, agus sid a mach gabhaidh Brian Bòrr, an athair, ’nan déigh. Cha bfhada bha iad air falbh nuair a chunnaic iad òlach mòr atighinnnan coinneamh. Bheannaich Brian Bòrr e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas. Fhreagair esan ann am briathran a bfhearr, ’s mur a biad a bfhearr cha biad a bu mhiosa. “n duine thusa?” arsa Brian Bòrr. “Is gille math mi ag iarraidh maighstir.” “Uile chumhachdan an t-saoghail á daghaidh a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fada mu dshuilean; ’s fhada bhithinn fhéin mum fasdainn thu aig do mheud.” “Is coma leam aca; dhfhaoidte gum fasdadh Murchadh mi.” Ràinig e Murchadh, ’s bheannaich Murchadh e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas. Fhreagair an t-òlach e ann am briathran a bfhearr, ’s mur a biad a bfhearr cha biad a bu mhiosa. “n duine thusa?” arsa Murchadh. “ ’S gille math mig iarraidh maighstir,” arsesan. “n tuarasdal a bhios tug iarraidh?” “Da thrian de dchomhairle gus an tig sinn o ruith na gruagaich, ’s gun a bhi agad féin ach an t-aon.” “Ma gheibh thusa sin,” arsa Murchadh, “cha dfhuair fear romhad e, ’s chan fhaigh fear a ddheigh e; achs cinnteach mur am bairidh thu air nach iarradh tu e.”

Nuair a chòrd iad thug e roid an déigh na gruagaich, ’s cha bfhadabha e air falbh nuair a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a daghaidh,” arsa Brian Bòrr; “am math leat do chrochadh is sian fala mu dshùilean? Dhaithnich mi gun robh e gun ghille toiseach an latha, am fear a dhfhasdaidh thu, ’snan gabhadh e mo chomhairle-sa cha dfhasdaidh e thu.” “Cha dean mi tùrn math an diugh gus an dthig na géineagan bhar achòta mhòir.” Fhuair iad an sid tàillear, ’s cha robh de dhinnleachd aig an tàillearna bheireadh na géineagan bhar achòta mhòir. Thug en sin siosar a mach á bile na h-ata bige, ’s thug e na géineagan bhar a chòta mhòir ann am mionaid. Thug e roid an sin an déigh na gruagaich a rithist, ’s cha bfhada bha e air falbh nuair a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a daghaidh,” arsa Brian Bòrr; “am math leat do chrochadh is sian fala mu dshùilean? Dhaithnich mi gun robh e gun ghille toiseach an latha, am fear a dhfhasdaidh thu, ’snan gabhadh e mo chomhairle-sa cha dfhasdaidh e thu.” “Cha dean mi tùrn math an diugh gus an teid na géineagan air a chòta mhòr a rithist; no ma chi mnathan abhaile mi bidh a h-uile dhiubh as mo dhéigh.” Fhuair iad tàillear, ’s cha ghearradh a shiosar greim, ’s chan fhuaigheadh a shnàthad beum. Thug e fhein an sin siosar is snàthad á bile na h-ata bige, ’s chuir e na géineagan air achòta mhòr a rithist. Thug e roid bheag eile an déigh na gruagaich, ’s cha bfhada bha e air falbh nuair a thill e. “Uile chumhachdan an t-saoghail a daghaidh,” arsa Brian Bòrr; “dhaithnich mi gun robh e gun ghille toiseach an latha am fear a dhfhasdaidh thu, ’s nan gabhadh e mo chomhairle-sa cha dfhasdaidh e thu.” “Cha dean mi tùrn math an diugh gus an dthig am bior a thann am chois aisde.” Fhuair iad an sin léigh, ’s cha robh de dhinnleachd aig an léigh na bheireadh am bior as a chois. Thug e féin iarunn beag a bhaige am bile na h-ata bige a mach, ’s thug em bior as a chois, ’s bham bior troidh na bfhaide nan lurga. “Ubh! ubh!” arsa Brian Bòrr, “ ’s iongantach an gnothach sin, am bior a bhi na bfhaide nan lurga!” “ ’S iomadh rud,” arsesan, “is iongantaiche na sin; tha sìneadh math an ceann nan alts nan cnàmh.” Thug e roid bheag air falbh an sin, ’s cha bfhada bha e air falbhnuair a thill e, ’s lach aige air a ròsdadh air an teine, ’s gun bhall loisgte no amh innte, ’s bha sàith a h-uile duine stigh innte. “ ’S e so tùrn as fhearr a rinn thu fhathasd,” arsa Brian Bòrr.

Cha dean mi tùrn math an diugh gus am faigh mi lochdan beag cadail.” Dhfhalbh iad air chùl Chnoc Seanain an Eirinn, air chùl gaoithes air aghaidh gréine, far am faiceadh iad gach duines nach fhaiceadh duine iad. Chaidil en sin, ’s nuair a dhùisg e bha ach gruagach Chnoc Seanain air mullach achnoic. Dhéirich e, ’s bhuail e buille da bhois oirresa chluais, ’s chuir en ceann cùl air bheulthaobh. “Uile chumhachdan an t-saoghail a daghaidh,” arsa Brian Bòrr; “am math leat do chrochadh is sian fala mu dshùilean? Cuir an ceann gu ceart air aghruagaich.” “Ma dhiarras mo mnaighstir sin orm ni mi e, ’s mur an iarr cha dean min diugh air do shonse.” “Sin agad i,” arsa Murchadh, “ ’s dean do roghainn rithe.” Bhuail en sin a dhòrn oirre, ’s chuir en t-eanchainn aisde.

Cha bfhada bha iad an sin nuair a chunnaic iad fiadh, agus gadharga ruith. Mach as a dhéigh gabhaidh iad; ’s na spreadan a bhan gadhar acur as a ladharan, bha iad a bualadh gille Mhurchaidh an clàr an aodainn; na spreadan a bha gille Mhurchaidh acur as a ladharan, bha iad abualadh Mhurchaidh an clàr an aodainn; ’s na spreadan a bha Murchadh acur as a ladharan, bha iad a bualadh Dhonnachaidh an clàr an aodainn; ’s na spreadan a bha Donnachadh acur as a ladharan, bha iad a bualadh Bhrian Bòrr an clàr an aodainn. An àm an anmoich chaill Murchadh a chuid dhaoine. Cha robhathar, no bhràthair, noghille, nom fiadh, non gadhar ra fhaicinn, ’s cha robh fios aige n taobh a rachadh e gan iarraidh. Thainig ceò orra. Smaointich e gun rachadh e stigh don choillechruinneachadh chnothan gus am falbhadh an ceò. Chual e buille tuaigh anns achoille, is smaointich e gum be fear na h-ata biges na bonaide mòire bhann. Ghabh e sios, ’s is e fear an ata bhig a bhann. Bheannaich Murchadh e ann am briathran fisniche, foisniche, fìle, mìle, ciùin an seanachas; ’s fhreagair an t-òlach e ann am briathran a bfhearr, ’s mur a biad a bfhearr cha biad a bu mhiosa. “Tha dùil agam fhéin,” arsan t-òlach sin, “gur h-ann do chuideachd Mhurchaidh mhic Brian thu.” “ ’S ann,” arsesan. “Mata bheirinnsa cuid na h-oidhche dhuit airson an duine sin, ged a bhiodh ceann duine air do chrios.” Bha eagal air Murchadh gun iarradh e air an tuagh a ghiùlan dachaidh aig a meud. “Ghille mhath,” arsesan, “tha mi cinnteach gum bheil thu féin gle sgìth an deigh dallabain is dànraidh. Tha e mòr leam iarraidh ort achual a thogail air mo mhuin, ’s tha e ro mhòr leam iarraidh ort an tuagh a thoirt dachaidh.”

Dhfhalbh es thog e chual chonnaidh air a mhuin fein, thug e leis an tuaghna làimh, is dhfhalbh iadnan dithis gu taigh an duine sin, ’s be sin an taigh ciatach. Thug, an sin, bean an duine sin a nìos cathair òir, ’s thug i da fear féin i, ’s thug i nìos cathair airgid, ’s thug i do Mhurchadh i. Thug i nìos stòpan fìons thug i do Mhurchadh e, ’s thug e deoch as. Shìn e don fhear eile e, ’s an déigh dhàsan na bhann òl bhrist e ris a bhalle.

Bha iad aseanachas còmhla, ’s bha Murchadh daonnan ag amharc air bean-an-taighe. “Tha dùil agam fhéin,” arsa fear-an-taighe, “gur tu Murchadh mac Brian fein.” “Matas mi.” “Rinn mise da mhi-mhodh ortsa on a thàinig thu thun an taighe, ’s rinn thusa h-aon ormsa. Shuidh mi féin anns achathair òir, ’s chuir mi thusa anns a chathair airgid. Bhrist min còrn dibhe; bha de dheasbhuidh orm gun deoch òl á soitheach leith fhalamh. Rinn thusa mi-mhodh eile ormsa; tha thug amharc air amhnaoi sin agam on a thàinig thu thun an taighe, ’s nam biodh fhios agad na fhuair midhragh rithe, cha bhiodh iongantas ort ged nach bu mhath leam duine eilebhig amharc oirre.” “,” arsa Murchadh, “an dragh a fhuair thusa rithe, nach dfhuair fear romhad, ’s nach fhaigh fear eile addhéigh?” “Caidil a nochds innsidh mi sin duit am màireach.” “Cha téid neul cadail air mo shùil a nochd, gus an innis thu dhomh n dragh a fhuair thu rithe.”

Bha min so seachd bliadhna gun duine leam ach mi féin. Thàinig an seanaghal latha an rathad, ’s thuirt e rium nan rachainn gus an ruig an sibearta geal gum faighinn fiosrachadh ann. Dhfhalbh min sin latha bòidheach samhraidh, ’s co bhann ach gruagach an eileans gruagach a ghadhair acur blàir. Thuirt gruagach an eilean rium nan rachainn a stigh air a h-aghaidh a chuideachadh leatha gun dthugadh i dhomh a nighean ra pòsadhnuair a rachamaid dhachaidh. Chaidh mi stigh air a beulthaobh. Bhuail mi dòrn air gruagach a ghadhairs chuir min t-eanchainn aisde. Chaidh mi féin agus gruagach an eilean dhachaidh, ’s rinneadh banais agus pòsadh eadar mi féin agus a nighean an oidhche sin fein; ach le sgìos aghaisgich, ’s athar na pòit, cha dfhuair mise dol a laidhe an oidhche sin. Mas moch a thàinig an latha an la- ’r-na-mhàireach, bu mhoiche na sin a dh



[42]

[Vol . 11. No. 6. p. 2]

eirich mathair céile, a ghlaodhach rium a dhol don bheinn sheilg a dhol a shealg bhroc, uilc, agus shionnach. An àm togail na sithinn agus a leagalach, smaointich mi gun dfhàg mi mo bhean féin gun fear faire no coimhead oirre. Chaidh mi dhachaidh mar churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéilecaoineadh, ’s thuirt mi rithe, “ thort?” “ ’S mòr a thorm; an triùir mhanach an deigh abhean ud a phòs thu féin a thoirt air falbh.”

Ghabh mi olcsa mhath sid orm féin, ’s ghabh mi lorg na lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm, ’s bha i air a tarruinn a seachd fad fhein air fearann tioram, tràighte, far nach dubhadh gaoth agus nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baile mhoir magadh no fochaid oirre. Chuir mi mo dhrìom rithes bha i ro throm, ach smaointich mi gum bu bhàs romham agus nam dhéigh e mur am faighinn mo bhean, ’s chuir mi mo spionnadh rithe, ’s chuir mi mach i. Thug mitoiseach do mhuirs adeireadh do thìr, stiùirna deireadh, siùilna toiseach, ’s beairtna buill, aghaidh gach buill ceangailt agus fuasgailt’, adeanamh cala agus acarsaid de dheilean marabha sin.

Dhacraich mi mo long, is ghabh mi suas, ’s bhasin ach an triùir mhanach acur crann feuch co leis aca bhitheadh i. Sgrìob mi na tri cinn diù; thug mi leam mo bhean, ’s chuir mi ann an deireadh na luing i. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulangach, fiùghaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, ’s béiceardaich fhaoileann; abhéisd a bu mhothag itheadh na béisd a bu lugha, ’s abhéisd a bu lugha deanamh mar a dhfhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bhan grunnd an aigean, bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean coirce romh a toiseach le feobhas an stiùraidh. Cha bu stads cha bfhois dhomh, ’s miga caitheamh, gus an dràinig mi baile-mòr mo mhàthair chéile agus mathair céile. Thogadh an ceòl, ’s leagadh am bròn. Bha deochanna mine, misgeach, ’s deochanna garbhagan gabhail: ceòl ann an teudan fiodhlach, asior leigheas gach galair, a chuireadh fir ghointe agus mnathan siùbhlanan cadal air a mhòr-bhaile an oidhche sin. Le athar na pòit, ’s le sgios aghaisgich, cha do laigh mise an oidhche sin.

Mas moch a thàinig an latha an la- ’r-na-mhàireach, bu mhoiche na sin a dhéirich mathair céile a ghlaodhach rium fein a dhol don bheinn sheilg, a dhol a shealg bhroc, is uilc, is shionnach. An àm togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi féin gun dfhàg mi mo bhean gun fear faire no fear coimhead oirre. Ghabh mi dhachaidh amchuraidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéilecaoineadh. “ thort a nochd?” “Is mòr a thorm: Macan na Falluinne fliuiche an déigh abhean ud a phòs thu féin a thoirt air falbh.”

Ghabh mi a mhath is olc sid orm féin. Ghabh mi lorg an lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ro throm leam. Chuir mi mo dhriom rithe a rithist, ’s chuir mi mach i. Thug mitoiseach do mhuir, ’s a deireadh do thìr. Dheanainn stiùirna deireadh, siùilna toiseach, ’s beartna buill, aghaidh gach buill a bhinnte ceangailtagus fuasgailt’, adeanadh rogha cala agus acarsaid do Bhaile mòr Macan na Falluinne fliuiche. Tharruinn mi mo long a seachd fad féin air fearann tioram, tràighte, far nach dubhadh gaoths nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baile mhòir culaidh mhagaidh no fochaid di. Dhfhàg mi mo luirgs mo shleaghan fo thaobh na luinge. Chaidh mi suas, ’s thachair buachaille orm. “ do naigheachd an diugh, a bhuachaille?” thuirt mi ris. “Uile chumhachdan an t-saoghail á daghaidh, a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fala mu dshùilean. Is mòrs is math mo naigheachd: banais agus pòsadh eadar Macan na Falluinne fliuiches nighean gruagach an eilean, ’s nacheil mùirne no mairdsan rioghachd nacheil cuireadh aca thun na bainnse.” “Nan tugadh tu dhomh an lùireach sin ort, bheirinn duit an còta math sothorm fein, is pàigheadh math a thuilleadh air sin.” “Uile chumhachdan an t-saoghail á daghaidh, a bhiasd; am math leat do chrochadh is sian fala mu dshùilean; chan e sin aighear agus ioghnadh a thagam féin ra ghabhail aisde mun eirich grian air athar am màireach.” Bhuail mi buille de mdhorn air an clàr an aodainns chuir min t-eanchainnna chùibeanan teine trìd chùl a chinn.

Chuir mi orm an lùireach, ’s ghabh mi suas, ’s bha na daoine an deigh cruinneachadh thun na bainnse. Smaointich mi gun robh e fortanach dhomh am faotainn cruinn. Ghabh mi nam measg mar sheobhaig romh ealt, no mar ghobhair ri creig, no mar chù mor ann an latha fuar Earraich adol romh threud chaorach. Sin mar a dheanainn buidhnichean beaga de bhuidhnichean mòracaisteil chròdha chluinntan ceithir àirdean an athairslachdarsaich lann agearradh nan sgiath sonnalachgus nach dfhàg mi fear innsidh sgeoil no chumadh tuairisgeul, mar am biodh fear air leith-choiss fear air leith-laimh, ’s ged a bhiodh deich teangannannan ceanns ann ag innseadh an uilc fein is uilc chàich a bhitheadh iad. Thug mi leam mo bhean féin, ’s chuir mi ann an deireadh na luing i. Thug mitoiseach do mhuirs a deireadh do thìr. Dheanainn siùilna toiseach, stiùirna deireadh. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulannach, fiughaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easgann, ’s béiceardaich fhaoileann; a bhéisd a bu mhothag itheadh na béisd a bu lugha, ’s abhéisd a bu lughadeanadh mar a dhfhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bhan grunnd an aigean bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean caol coirce le feobhas an stiùraidh. Thill sinn gu baile mòr mathair céile. Thogadh an ceòls leagadh am bròn. Bha deochanna mine, misgeach, is deochanna garbhag an gabhail; ceòl air teudan, asior leigheas gach seorsa galair, a chuireadh fir ghointe agus mnathan siubhlanan cadal air amhòr-bhaile an oidhche sin. Le sgios a ghaisgich, agus le athar na pòit, cha do laidh mise an oidhche sin.

Mas moch a thàinig an latha an la- ’r-na-mhàireach, bu mhoiche na sin a dheirich mathair céile a ghlaodhach rium a dhol don bheinn sheilg, a dhol a shealg bhroc, is uilc, is shionnach. An àm togail na sithinn is a leagalach, smaointich mi gun dfhàg mi mo bhean féin gun fhear faire no fhear coimhead oirre. Dhfhalbh mi dhachaidh mar churaidh ro chalma, ’s fhuair mi mo mhàthair chéilecaoineadh. “ thort?” “ ’S mòr sin: Macan mòr mac rìgh na Sorcha an déigh abhean ud a phòs thu féin a thoirt air falbh.” Is e bu mhiosa leam aca. Ghabhtar a mhath is olc sid orm féin. Ghabh mi lorg an lach air an naoidheamh tràth. Thachair mo long orm. Chuir mi mo dhrìom rithe, ’s bha i ro throm leam. Chuir mi mo dhriom rithe a rithist, ’s chuir mi mach i. Thug mitoiseach do mhuirs a deireadh do thìr. Dheanainn stiùirna deireadh, siùilna toiseach, ’s beairt na buill, aghaidh gach buill a bhinnte fuasgailtagus ceangailte, adeanamh rogha cala agus acarsaid do bhaile-mòr Macan mòr rìgh na Sorcha. Tharruinn mi mo long a seachd fad féin o thràigh air fearann tioram, far nach dubhadh gaoth, ’s nach loisgeadh grian, ’s nach deanadh sgoilearan baile-mhòir culaidh-bhùird no mhagaidh no fhochaid di.

Ghabh mi suas is thachair bleidire orm. “ do naigheachd an diugh, a bhleidire?” “Cumhachdan an t-saoghail á daghaidh; am math leat do chrochadh is sian fala mu dshùilean? Is mòr agus is math mo naigheachd: banais agus pòsadh eadar Macan mòr rìgh na Sorcha agus nighean gruagach an eilean, ’s nacheil mùirne na mairdesan tìr nacheil air an cuireadh thun na bainnse.” “Nan tugadh tu féin dhomh do lùireach, bheirinn dhuit paigheadh math, agus an còta math so thorm air a son?” “Cumhachdan an t-saoghail á daghaidh, a bhiasd; am math leat do chrochadh agus sian fala mu dshùilean? chan e sin aighear agus ioghnadh a thagam féin ra ghabhail aisde mun eirich grian air athar am màireach.” Bhuail mi buille de mdhòrn air an clàr an aodainn, ’s chuir min t-eanchainnna chùibeanan teine trìd chùl a chinn. Bha fhios aig bean na bainnse air alteigin gum bithinn ann, ’s dhiarr i na bleidirean a riarachadh an toiseach. Shuidh mi féin am meadhon nam bleidirean, ’s a h-uile fear a theannadh ri mìr a thoirt uam bheirinn bruthadh dha eadar mo làmhs mo thaobh, ’s dhfhàgainn an sid e, ’s cheapainn am biadh leis an darna làmhs an deoch leis an làimh eile. Thuirt cuideigin nach robh am bleidire mòr a leigeil mìr an ceann nam bleidirean eile. Thuirt bean na bainnse iadsan a bhi math do na bleidirean, ’s gum biodh iad féin réidh air acheann mu dheireadh. Nuair a fhuair na bleidirean air fad an leòir dhfhalbh iad, ach laidh mi féin far an robh mi. Thuirt cuideigin gun robh am bleidire mor an deigh laidhe air an daoraich, ’s thuirt fear na bainnse abhiasd a thilgeil a mach air cùl cnoic non sgàth gàraidh gus an traoghadh e na bhana bhroinn. Thàinig cóig deug de na daoinenuas, ’s thug iad làmh air mi féin a thogail. Air do dha làimh, a Mhurchaidh, gum bfhasa dhaibh Càrn a Choilnnich an Eirinn a chur á bhonn na misethogail on talamh. Thàinig a h-aon de na daoine bu ghlice na chéile nuas, (bha ball seirc orm, ’s cha robh duine chunnaic riamh mi nach aithnichidh a rithist mi) ’s thog en currachd, ’s dhaithnich e cobhann. “Gun cuidicheadh am fortan leibh an so a nochd! Than so Dìreach Ghleann féite Macallain, am feamanach gun iochd, gun tròcair, gun eagal Ni Math, no duine, mur an deanadh e do Mhurchadh Mac Brian e.”

Nuair a chuala mi féin sid dhéirich mi dhol ann am threallaichean cath agus còmhraig. Chuir mi orm mo léine sheuntaidh, sheumh, den t-sròls den t-sìoda shleamhainn, bhuidhe sìnte ri mchraicionnmo chòta caomh cotain air uachdar a chaomh bhroitinnmo sgiath bhucaideach, bhacaideach, bharra-chaol air mo thaobh climo shlachdanta cruaidh curaidh ann am laimh dheismiuchair sginnichdinn chaol air mo chriosmo chlogada cruadhach mu mcheann a dhìon mo mhaise mhullaich, a dhol an toiseach na h-iorghuills an iorghuill adolna deireadh. Chuir mi orm mo lùireach thorantach, shìth thorantach, chorra-ghleusda, gun fhòtas, no gun os, ghormghlas, ghormghlan, leudar, leòthar, Lochlannach, fhada, aotrom, inntinneach; ’s cha dfhàg mi fear innsidh sgeoil no chumadh tuairisgeul, mar am biodh fear air leith-chos ann, ’s fear air leith-laimh, ’s ged a bhiodh deich teangannannan ceann, ’s ann ag innseadh an uilc féin is uilc chàich a bhitheadh iad.

Thug mi leam mo bheans chuir misan luing i. Thog mi na tri siùil bhreaca, bhaidealach an aodann nan crann fada, fulangach, fiùghaidh. ’S e bu cheòl dhomh plubarsaich easganns béiceardaich fhaoileann; a bhéisd a bu mhotha ag itheadh na béisd a bu lugha, ’s a bhéisd a bu



[43]

[Vol . 11. No. 6. p. 3]

lughadeanadh mar a dhfhaodadh i. An fhaochag chrom, chiar a bhan grunnd an aigean bheireadh i haig air a beul mòr. Ghearradh i cuinnlean caol coirce romh a toiseach le feobhas an stiùraidh. Cha bu stads cha bfhois dhomh, ’s miga caitheamh, gus an dràinig mi baile-mòr mathair céile. Sin agad achiad oidhche a fhuair mise cadal le mbhean, a Mhurchaidh, ’s am biongantach ged nach bu mhath leam duine sam bith a bhithg amharc oirre.” “Gu dearbh cha biongantach,” arsa Murchadh. Chaidh Murchadh an oidhche sin a laidhe, ’s fhuair e e-féin an la- ’r-na-mhàireach ann an tùr Chinn aChoire ann an Eirinn, far an robh athair agus a sheanair; ’s am fiadh, ’s an gadhar, is athair, ’s abhràthair a stigh air thoiseach air. —Sgeulachd.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. VIII.

CHA burrainn a mhathair dad a chur an aghaidh na dhiarr a mac oirre dheanamh. Ach bha ismaointean gum faodadh gun deanadh an cruisgean nithean moran na biongantaiche dhaibh na bhithcumail beidh riutha. Thug na smaointean so riarachadh don inntinn aice, agus aig acheart am thug iad air falbh na duiligheadasan a dhfhaodadh bacadh a chur oirre o ghabhail os laimh a dhol a dhiarraidh nighean an righ dha mac.

Thug Aladin an aire gun robh na smaointean so ag eirigh suas ann an inntinn a mhathar, agus thuirt e rithe: “Os cionn nan uile nithean, a mhathair, bithibh cinnteach gun cum sibh an cleith mu dheidhinn a chrùisgein, oir is ann air a so a tha soirbheachadh aghnothaich a thagainn ri dheanamh an crochadh.”

Na dheigh so chaidh Aladin agus a mhathair a laidhe. Ach eadar mar a bha Aladin air a lionadh leis aghaol a bhaige air nighean an righ, agus am fortan gun choimeas ris an robh duil aige, atighinn fosmaointean gun fhois fad na h-oidhche, cha dfhuair e fois cho maths bu mhath leis.

Dheirich e ann an glasadh an latha, agus chaidh e anns amhionaid a dhusgadh a mhathar. Dhiarr e oirre i-fhein fhaotainn deiseil gun dail gus a dhol do luchairt an righ, a chum gum faigheadh i steach an toiseach, an uair a bhiodh an t-ard-chomhairleach, na comhairlich eile, agus oifigich eile na cuirtedol a ghabhail an aite suidhe, agus an righ mar an ceudnag an leantuinn.

Rinn mathair Aladin mar a dhiarr a mac oirre. Cheangail i amhias anns an robh na seudan ann an da neapaiginnfear dhiubh na bu ghrinne nam fear eileceangailte air an ceithir oisinnean, a chum gum biodh amhias na bfhusa rigiulan, agus dhfhalbh i gu ruige luchairt an righ; agus bha Aladin gle thoilichte.

An uair a rainig i na geatachan, bhan t-ard-chomhairleach agus uile mhaithean eile na cuirte air a dhol a steach. Agus a dhaindeoin an t-sluaigh lionmhoir a bha lathair, fhuair i steach do thalla na comhairle. Sheas i direach mu choinneamh an righ agus nan comhairleach, agus nan ard-mhaithean a bha air lamh dheas agus chli an righ.

Thugadh caochladh chuisean air beulaobh na comhairle a reir an orduigh anns an robh iad air an cuir sios. Thugadh breith air aon an deigh aon dhiubh gus an dthainig an t-am don chomhairle sgaoileadh. An sin dheirich an righna sheasamh, agus an uair a chuir e achomhairle mar sgaoil, thill e da sheomar fhein, agus an t-ard-chomhairleachg a leantuinn.

Thill na comhairlich eile, agus na h-oifigich, agus na h-uile aig an robh cuisean rin tagradh, am mach as an talla. Bha cuid riaraichte leis abhreith a thugadh am mach, agus bha cuid nach robh.

An uair a chunnaic mathair Aladin an righ adol da sheomar fhein, agus an sluagh gu leir afalbh, thuig i anns amhionaid nach tilleadh e air ais an latha sin tuilleadh, agus shuidhich i gun tilleadh i dhachaidh.

An uair a chunnaic Aladin a mhathair atilleadh, agus an tiodhlac a bha i gus a thairgse don righ aicena laimh, cha robh fhios aige an toiseach ciod a smaoinicheadh e mu dheidhinn na cuise. Agus leis an eagal a bhair gun robh droch naigheachd aice, cha robh de mhisnich aige na chuireadh ceisd sam bith oirre gus an do labhair i ris.

O nach robh i riamh roimhe ann an luchairt an righ, cha robh fhios aice ciod a bhatachairt a h-uile latha. Thog i eallach trom bhar na h-inntinn aige an uair a thuirt i ris gu simplidh, socharach: “A mhic, chunnaic mi an righ, agus tha mi lan-chinnteach gum facesan mise mar an ceudna; oir sheas mi direach ma choinneamh, agus cha robh dad ann a chumadh e gun mise fhaicinn. Ach bhaaire cho mor air a togail leis na bhan fheadhainn a bhair gach taobh dheth ag radhs gum bheil truas agam ris, agus ghabh mi ioghnadh gun eisdeadh e riutha cho foighidneach. Mu dheireadh dhfhas e sgith, agus ghrad dheirich ena sheasamh, agus chan eisdeadh e ri aon fhacal dhe na bha aig moran dhe na bha lathair ri radh ris, ach dhfhalbh e. Bha mi gle thoilichte, oir bha mfhoighidinn aruith am mach gu mor, agus bha mi seachd sgithnam sheasamh fad na h-uine. Ach chaneil cron sam bith deante; theid mi ann am maireach a rithist. Is docha nach bi an righ cho trang.”

Ged a bha Aladin ann an droch staid leis na bha de ghaol aigair nighean an righ, bfheudar dha gabhail ris an leithsgeul a thug a mhathair dha, agus a mhisneach a chumail suas mar a bfhearr a burrainn e. Air achuid bu lugha, bha de thoileachadh aige gun dfhuair a mhathair seachad air an duiligheadas bu mho a bha gu tachairt rithe, an uair a fhuair idhol a steach an lathair an righ; agus bha dochas aige gun ionnsaicheadh i o na chitheadhs na chluinneadh i, cia mar bu choir dhi a gnothach a dheanamh an uair a gheibheadh i cothrom freagarrach air bruidhinn ris an righ.

Air an ath mhadainn chaidh icheart cho trath do luchairt an righs a rinn i roimhe. Ach an uair a rainig i talla na comhairle agus a chunnaic i na geatachan duinte, thuig i nach robh achomhairlena suidhe ach gach dalacha latha, agus mar sin gum feumadh i dhol don luchairt air an ath latha.

Thug i am fios so gu Aladin, agus cha robh aige ach feuchainn ri bhith cho foighidneachs a burrainn e.

N a dheigh sid chaidh i sia latha do thalla na comhairle, agus sheas i direach mu choinneamh an righ, ach cha robh dad aice air son a saoithreach. Is docha gum faodadh i bhith air a dhol ann mile uair gun dad air a shon mur be gun do ghabh an righ fhein beachd sonraichtoirre. Thachuis gle choltach gur e iadsan aig an robh iarrtus sonraichte richur fa chomhair an righ a chaidh a bhruidhiun; agus cha bann diubh so mathair Aladin.

Air an latha mu dheireadh a bha i ann an talla na comhairle, thuirt an righ ris an ard-chomhairleach, an deigh dhaibh a dhol do sheomar an righ: “Thug min aire do bhoirionnach araidh a thatighinn a h-uile latha o chionn uine don chomhairle, agus rudeiginn aice paisgte ann an neapaiginn. Tha in comhnuidhna seasamh fad na h-uine mu mchoinneamh agus i mar gum biodh i toileach gun tugainn an aire dhi. Am boeil fhios agad ciod a tha ig iarraidh?” “Mo thighearna,” fhreagair an t-ard-chomhairleach, agus gun fhios aige ciod a bha ig iarraidh nas mo na bhaig an righ fhein, ged nach robh e toileach so a leigeadh ris don righ; “biodh fhios aig bhur morachd gum bheil mnathan atighinn gle thric a ghearain air son rudan gle shuarach. Is docha gun dthainig abhean so a ghearain ri bhur morachd gun do reic neach eiginn droch mhin rithe, no gum bheil rud beag suarach eile aice ri thoirt ann bhur lathair.”

Cha robh an righ riaraichte leis an fhreagairt so, agus thuirt e: “Ma thig abhean so don chomhairle air an ath latha, na dean dearmad air a toirtnam lathair-sa, a chum gun cluinn mi ciod a thaice ri radh.”

Aig acheart am bha mathair Aladin air fas cho eolach air a dhol don chomhairle, agus seasamh mu choinneamh an righs nach robh ena dhragh sam bith leatha, nan rachadh aice air a dhearbhadh dha mac gun robh ideanamh gach nina comas a chum a thoileachadh. Mar so, chaidh i don chomhairle an ath latha, agus sheas i direach mu choinneamh an righ mar a babhaist dhi.

Mun dinnis an t-ard-chomhairleach an t-ordugh anns an robh obair an latha ri dheanamh, thug an righ an aire dhi, agus on a bha truas aige rithe a chionn a bhithfeitheamh cho fada, thuirt e ris an ard-chomhairleach, “Mun toisich thu ri obair sam bith, cuimhnich air amhnaoi mun do labhair mi riut; abair rithe tighinn dluth dhomh; agus cluinneamaid ciod a thaice ri radh, agus cuireamaid a gnothach an darna taobh an toiseach.”

Anns amhionaid ghairm an t-ard-chomhairleach air an ard-oifigeach, a bhana sheasamh deas gus umhlachd a thoirt da aithne: agus an uair a chomharraich ebhean am mach dha, thuirt e ris iarraidh oirre tighinn an lathair an righ.

Chaidh an t-ard-oifigeach far an robh mathair Aladin agus dhiarr e oirre a leantuinn gu bonn na righ-chathrach far an dthug e i, agus thill e don aites an robh e roimhe.

Thug mathair Aladin umhlachd don righ mar a chunnaic i moran eiledeanamh. Chuir i a ceann air an lar-bhrat aig bonn na righ-chathrach, agus cha do thog i e gus an diarr an righ oirre. An uair a dheirich ina seasamh, thuirt an righ rithe: “A bhean mhath, thug min aire gun robh thu iomadh lathan ad sheasamh an so fhads a bhachomhairlena suidhe; ciod e an gnothach a thag ad thoirt an so?”

An uair a chuala mathair Aladin na briathran so, leig i i-fheinna sineadh an dara uair air beulaobh an righ; agus an uair a dheirich ina seasamh, thuirt i: “A righ nan righrean, mun innis mi do bhur morachd an gnothach neo-chumanta, agus, cha mhor nach abair mi, do-chreidsinn, a thug gu bonn na righ-chathrach mi, tha miguidhe oirbh gun toir sibh mathanas dhomh air son iarrtus cho dana agus cho mi-iomchuidh a churnur lathair. Tha e cho neo-chumantas gum bheil crith agus nairorm ann a bhithg a chur an lathair mo righ.”

A chum am barrachd saorsathoirt dhi gus a h-inntinn a leigeadh ris gu soilleir, dhordaich an righ do na h-uilebhanns achomhairle a dhol am mach ach an t-ard-chomhairleach; agus an

(Air a leantuinn air taobh 46.)



[44]

[Vol . 11. No. 6. p. 4]

Mac-Talla.
Air a chur a mach uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Sia Miosan, .50
Tri Miosan, .30

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.


DI-HAOINE, SEPTEMBER 19, 1902.

An Righ anns aGhaidhealtachd.

AN deigh a chrùnaidh, air an naodhamh latha de dhOgust, dhfhalbh Rìgh Iomhar air bòrd birlinn, a ghabhail cuairt air son a shlàinte. Ben taobh air an dthug e aghaidh Eileanan na Gàidhealtachd. Cha robh e anns achearna sin den ìmpireachd riamh roimhe, agus cha mhò a bha Bhictoria, a mhàthair, ged bu mheasail air a Ghàidhealtachd agus air na Gàidheil i. Cha deach an righ air tir am moran àiteachan a bharrachd air Colosa is Steòrnabhagh, ach dhacraich abhirlinn an caochladh phortann am Muile, aig Baile-chaolais, aig Dun-Uilleim, agus ann an Loch Uigesan Eilean Sgiathanach. Bha fàilte chridheil air a chur air anns gach àitesan dfhuair an sluagh cothrom, agus bha e ri fhaicinn gu robh cridheachan nan Gàidheal ablàthachadh ris mar nach drinn iad riamh roimhe, agus mar nach deanadh iad mur robh e air an turus so a thobhairt dan eileanan féin. Ma tha sluaghsna tri rioghachdan air am bu chòir don teaghlach rioghail eòlas a chur, is iad sin Gàidheil nan Eileanan. Anns an àm a dhfhalbh, agus eadhon gu ruige an t-àm a tha làthair, dhfhuiling iad iomadh ana-ceartas is di-meas aig lamhan nan uachdaran agus an riaghlaidh, ach a dhaindeoin sin dhfhan iad dìleas don chrùn, agus cha robh saighdearan fo bhrataich Bhreatuinn a bfhearrs bu ghaisgeile ghiùlaineadh iad féin acogadh as a leth. Tha e air aithris gun do chòrd a chuairt ris an righ gu math, agus gu bheil e ro-choltach nach i so a chuairt mu dheireadh do na h-Eileanan. Tha an cunntas gearr a leanas air a thaghal an Colosa air a thoirt á aon de phaipearan an Obain:

“ ’Nuair a chuala muinntir Cholasa, a sheachduin gus an Di-ciaduin so chaidh, gun robh fiughair ris an Righ don eilean an la- ’r-na-mhàireach, bha othail nach bu bheagn am measg. Cha robh iongantas ann. Thaghail aon no dhà den teaghlach rìoghail air Tighearna Cholasa, Sir Iain C. Mac Neill, V. C., uair is uair, o chionn beagan bhliadhnachan. ’S an àm a dhfhalbh sheòl cuid dar rìghrean, Raibeart Brus, Seumas IV., Seumas V., is Uilleam IV., seachad air na cladaichean uaigneach so. Ach chaneil eachdraidh ag innseadh gun robh aon diubh riamh air tìr. Chan fhacamhor-chuid de na Colasaich righ no bàn-righ riamh, agus cha bioghnadh ged a bhiodh moit orra gun robh an Rìgh a nis atighinn air thurus don eilean iomallach, ni nach do thachair riamh roimhe. Rinn gach aon na burrainn da air son fàilte chubhaidh chur air amhòrachd. Chiteadh bratach air gach tigh is tulach an Sgalasaig, agus bha bogha de bhrataichean a dhiomadh dath is dealbh sìnte tarsuinn air ceann ceatha eireachdail an eilein. Cha robh fios cinnteach cuin a bhiodh fiughair ris an luingsan acarsaid, ach chruinnich an sluagh moch Diordaoin, ged a bha dortadh uisge ann, a h-uile fear is nan aodach caol, ’s an sùil air beul Chaol Ile. Mu sheachd uairean thainig abhirlinn rioghails an luingeas chogaidh a bhana cuideachd. Bha am feasgar sèimh ach fliuch, ’s cha robh e coltach gun tigeadh an Rìgh air tir. ’Nuair thainig an dorcha bha an luingeassan acarsaids gach uinneag air tir làn soluis. Cha robh deò á adhar, agus bha an sealladh air muirs air tìr ro thaitneach. Moch Di-haoine thainig fios gum biodh an Rìgh air tir mu aon-uair-deug. Bha an latha a bàille ann. Cha robh neuls an speur. Bha grian nan Iucharna làn neart, le aiteal fionnar on iar-thuath ameathachadh an teas. Choinnich seachd no ochd de na h-eileinich achuideachd rioghail air ceann acheatha. Thug Tighearna Cholasa fear mu seach dhiubh so an làthair an Righs na Bàn-righ. Chuir am mòrachd fàilte orra, abreith air laimh air gach aon diubh. Thug e toileachadh mor don t-sluagh a bhi faicinn cho foghainteachs a bha an Rìgh ag amharc, an déigh na thàinig e roimhe, ’s cho làidir, lùthmhorsa bha cheum, acoiseachd suas an ceatha gus na carbadan a bha afeitheamh orra. Thog achuideachd rioghail orra gu Tigh-mor Chill-Orain, aitreabh an uachdarain, cuid an carbadans cuid air cycles, am measg iolach is gàìr an t-sluaigh. Chluinnteadh an Gàidhligs am Beurla o bheul gach aoin— “Fàilte don Righ,” “Slàinte don Righs don Bhàn-righ,” “Gu ma buan an Righ.” Chruinnich an sluagh air a àilean, air beulaobh an Tigh-òsda, ’s dhòl iadSlàinte an Righ, na Bàn-righ, ’s ant eaghlaich rioghaille caithream, aguidhe gum biodh turus am mòrachd don eileanna thoilinntinn dhaibh, agus a chum feum do shlàinte an Righ. Mu dha uair bha achuideachd rioghail air an ais, agus chiteadh air gnùis gach aoin diubh gun do chaith iad an latha gu toilichtes gun do chòrd gach ni a chunnaics a chuala iad riu gu ro mhaith. Chruinnich an sluagh a ris air acheatha, ’s chuir iad, le iolachs le gàir, soraidh chridheil an deigh an Righ, na Bàn-righ, na bana-phrionnsa Victoria, ’s nan uaislean a bhan an cuideachd. Mun do sgaoil iad nochd iad an spéis do Thighearna an eilein, a tha cho measails achùirts gun do chuir an Rìgh a dhurram air gun dthainig e ga fhaicinnna dhachaidh saGhàidhealtachd. Bidh an Di-haoine mu dheireadh de dhOgust, 1902, ’na latha dha féin am feasd an eachdraidh Cholasa. Cha leig aon a bha làthair, sean no òg, as a chuimhne e, fhads is beò e.”


Iarrtusan nam Boerach.

BHA coinneamh aig Chamberlain o chionn ghoirid ris na Seanalairean Boerach. Bha iadsan ag iarraidh leasachadh a dheanamh air na cumhachan-sìthe a rinneadh riutha aig crioch achogaidh, agus dhaontaich esan éisdeachd a thoirt dhaibh. Rinn e sin, agus cha bu ghann an iarrtusan. Nam bi Breatunn bu choireach ris achogadh air tùs, agus nam bi a chailleadhsa bhiodh aguidhe air son sìthe, cha burrainn dhi barrachd a thairgsinn do na Boerich air na bha iadsan ag iarraidh. Cha dfhuair iad gealladh sam bith gum biodh atharrachadh air a dheanamh anns na cumhachan sìthe. Thugadh a cheana dhaibh cumhachan a bfhàbharraiche na fhuair sluagh cìsnichte riamh roimhe, agus feumaidh iad a bhi riaraichte leis. Faodaidh e bhith gu bheil Breatunn fialaidh, agus gun déilig i nas fhearr na ni rioghachd sam bith eile ricuid naimhdean, ach chaneil iadsan glic a dhfheuchas ri brath a ghabhail oirre.


MONT PELEE A RITHISTTha Mont Pelee, an eilean Mhartinique, air bristeadh mach a rithist; o mheadhon Ogust tha ibrùchdadhs a spùtadh suas teines làbha. Air an deicheamh latha fichead de dhOgust, agus a rithist air an treas latha dhen mhios so, bha spraidheadh uamhasach innte, agus bha na ceudan sluaigh air an cur gu bàs. ’S en ni bu mhuladaiche mun chùis so uile nach robh an sluagh ach air tilleadh gun dachaidhean seachduin no dha mun dthàinig an sgrios ùr a chuir crioch orra. Tha daoine a nise dhen bharail gu bheil an dàn don eilean a bhi air a mhilleadh gu h-iomlan, agus gum feumar fhàsachadh gu buileach.

TUILLEADH MUN BHRICThàinig soitheach a stigh do Bhaile-Shearlot, E.P. I., toiseach na seachduin so, agus dithis dhe na bha air bòrd tinn leis abhric. Bha an soitheach air tighinn á Portugal. —Tha am fear a bha tinn leis an euslaint so ann an Sidni adol am feobhas. ThaAlasdairacur sios oirnne air-son sinn a ràdh gum bann am Port Hawkesbury a fhuair am fear so abhreac. Chan eil againn ri ràdh ri sin ach nach robh sinn ag innse na naigheachd ach mar thugadh dhuinn is mar bha i anns na paipearan eile. Chan eil toil sam bith againn a bhig innse naigheachdan nach eil fior, ach mas es gun tachair dhuinn a dheanamhs ann gun fhios duinn. “An ni nach cluinn MAC-TALLA an diugh, chan aithris e am màireach.”

BAS AONGHAIS CHAMARAINFeasgar Dior-daoin, air an t-seachduin sa chaidh, bha Aonghas Camaran air a mharbhadh leis an trein far am bheil an rathad-iaruinn a dol tarsuinn air Rathad an Righ aig àite Sheumais Mhic-Coinnich. Bha Mr Camaran a coiseachd, air a thurus gudhachaidh, a tha mu thri mìle on bhaile, beagan an deigh don oidhche dorchadh. Rinn sgioba na trein gach faiceall is àbhaist a chleachdadh a tighinn dhionnsuidh an rathaid, ach chan fhaca fear na h-inneil gun robh duine roimhe gus an robh e tuilleadh is anmoch. Bha Mr Camaran air aon sùil, agus car bodhar, agus tha e ro choltach nach fhacas nach cuale an trein a tighinn gusn do bhuaileadh e. Bha aon dechasan air a brisdeadh, agus a làmhs a cheann air an gearradh, ach ben goirteachadh a fhuair nachom a dhaobharaich a bhàs. Bha e beò mu uair an deigh don sgiorradh tachairt dha, ach cha robh aithne no cainnt aige. Bha e air a thiodhlacadh ann an Sidni la na Sàbaid, agus ben tòrradh aon cho mòrs a chunnacas riamhsa bhaile. Bha e nadhuine air an robh meas agus cliù aig na h-uile. Bha e da fhichead is da bhliadhna dhaois, agus gun phòsadh. Dhfhàg e dithis pheathraichean is aon bhràthair, Domhnull Camaran, am fear-lagha. Bha an t-àitesan deach a mharbhadh na àite anabarrach cunnartach; agus bha luchd-riaghlaidh an rathaid-iaruinn o chionn àireamh mhios agealltainn geatachan is fear-faire chur ann, ach cha deach a dheanamh.



[45]

[Vol . 11. No. 6. p. 5]

(Air a leantuinn o thaobh 46).

eagal orm, ach cha do lean moran da chuid daoine e. A fagail Dhunbheagain shéid Domhnull Bàn a suas aChumha fein.”

Cha till, cha till, cha till MacCruimein,
An cogadh no sith cha till e tuillidh,
Le airgiod no ni cha till MacCruimein,
Ged thilleas MacLeoid cha bheo MacCruimein.

Piobaireachd cho binn agus cho ainmeils a tha nis air mhaireann. A leigeil fhaicinn a mheas a bhair a Phiobaire so tha e air innseadh nuair a choisinn taobh Thearlaich air Cloinnic Leoid ann an Siorramachd Obaraidhean agus a ghlac iad MacCruimein gun do dhiult piobairean Thearlaich cluich air an ath mhaduinn mar bu ghnath gus an rachadh MacCruimein a chur fa sgaoil. Goirid an deidh so thuit am Piobaire ainmeil so le urchair thubaisteach ann an ruaig Mhaigh (Moy) nuair chuir coig no sea le tapachd agus seoltachd an teicheadh air na ciadan. Chaochail am Piobaire mu dheireadh den dream so a bha anns an Eilean Sgiathanachs a bhliadhna 1822, nuair bha e 91 a dhaois.

Is iad an ath dhream a bu mhath leam ainmeachadh Clann Artair, bu Phiobairean do Dhomhnullaich nan Eileanan. ’Se am fear is ainmeile dhiubh Tearlach, a bha re aona bliadhna deug ag ionnsachadh aig Paruig òg Mac Cruimein. Nuair thug esan MacArtair air ais gu Mugstadt thachair gu an robh Iain Dall MacAoidh, Piobaire Ghearloch, an sin, agus smaointich Sir Alasdair Domhnullach gum bu mhath an cothrom so air ionnsachadh Mhic Artair a dhearbhadh. Dhinnis e do Mhac Aoidh gun robh gille og aige an so air ùr thilleadh o bhi ag ionnsachadh na Piobaireachd agus gum bu mhath leis a bharailsan fhaotuinn air. Dhfharaid Mac Aoidh co aigebha eg ionnsachadh, agus thuirt e gun robh aig Paruig Og MacCruimein. “Cha burrainn na bfhearr,” thuirt MacAoidh. An deidh do Mhac Artair cluich thug e moran cliù air, agus an sin thuirt Sir Alasdair ris gun robh Piobaire eile aige an so agus gum bu math leis a bharail fhaotuinn airsan mar an ceudna, dhfheuch co fear a bfhearr dha thaghadh. Thuirt Mac Aoidh gum feumadh e bhi fior mhath nan tugadh e bàrr air a cheud fhear. An deidh don dara Piobaire cluich thuirt Mac Aoidh, “Gu dearbh cha ruigeadh sibh leas mfheuchainn air an doigh so: ge dchaill mi fradharc mo shùl cha do chaill mi mo thuigse; ge dbhitheadh gach Piobaire ann an Albainn cruinn dheanainn am fear so mach nam measg uile.” “Tha thucur ioghnaidh orm. Co e?” “Co eile ach Pàruig Og Mac-Cruimein e fein;” agus a tionndadh ris-san— “dhaithnichean do mheur am measg mìle.” Chuir iad seachad oidhche chridheil comhladh, agus thuirt Sir Alasdair gun robh na tri Piobairean a bfhearr am Breatunn aige na thaigh. Thainig am fear mu dheireadh den dream so do Dhuneideann, agus mun do chaochail e bha e na Phiobaire aig Comunn na h-Alba. Bha cliù ro ard air mar Phiobaire agus bha moran a dol a dhfhaotuinn ionnsachaidh uaithe.

(Ri leantuinn.)


Naigheachdan Gaidhealach.

NA COMUINN GHAIDHEALACH. —Tha na Comuinn so a nis lionmhor anns na bailtean mòra agus tha iad aig an àm so a cur an òrdugh airson obair aGheamhraidh. Tha sinn an dòchus gum buin iad ri ceisdeans ri cùisean a tha co-cheangailte ri cor na Gàidhealtachd, agus soirbheachadh nan Gàidheal. Tha mòran cheisdean co-cheangailte ri eachdraidh na Gàidhealtachd agus nam Fineachan Gàidhealach gu bhi air an rannsachadh agus air an cur air bonn cothromach, agus co ach Clanna nan Gàidheal a tha murach air so a dheanamh gu ceart, pongail. Tha cuid de Chomuinn ann, agus chan aithnicheadh neach gun robh iad co-cheangailte ris aGhàidhealtachd mur a bhi an ainm, agus nan robh thu a làthairnuair a than Comunn cruinn cha shaoileadh to gun robh fear a sin a rinn e féin a gharadh aig teine mòna, no shaltair riamh air fraoch nam beann. Chan ann mar sin a bu chòir cùisean a bhith. Tha sibh a tuigsinn! —Highland News.

AN T-IASGACHTha e tlachdmhor a bhi cluinntinn gum bheil an t-iasgach air an taobh sear glé mhath air abhliadhna so. Aig Wick gu sònraichte rinneadh thairis air cùig mìle deug cran air an t-seachduin a dhfhalbh; agus troimhn t-seusan gus an àm so rinneadh suas ri ceud agus fichead mìle cran. Cha drinn iad riamh barrachd air a so a mach á Wick. Aig Peterhead cuideachd tha an t-iasgach ro shoirbheachail. Mu dheireadh na seachduin a dhfhalbh rinneadh a dhà uidhirs a bhaca aig an aon àm an uiridh. Fhuaireadh ceud agus trì deug de mhìltean cran sgadain. Ann an àitean eile bha soirbheachadh math mar an ceudna. Tha an t-iasgach trioblaideach gu leòir agus làn de chunnart; tha e uime sinna aoibhneas leinn a bhi toirt fainear gum bheil buaidh is toradh aleantuinn an saothair air abhliadhna so. Tuigidh sinn o so gum bheil an sgadan lìonmhor gu leòir air còrsan nan eileanan so, agus gum bheil luach mòran airgid ann am broinn na mara. Bidh ena chomhfhurtachd ann an ioma dachaidhs aGhàidhealtachdnuair a thig na h-iasgairean air an ais le luach math dan saothairnan làimh. Tha dòchas againn nach bi na Gáidheil air dheireadhnan oidhirp air a bhi faotainn seilbh air bàtan agus lìn mhatha. —Oban Times.


Naigheachdan.

PAIGH AIR-SON BLIADHNEILE— ’S ann mun àm so den bhliadhna is àbhaist don mhor-chuid de luchd-gabhail MHIC-TALLA a bhi ga phàigheadh air-son bliadhneile. Bidh sinn gu mor an comain gach aon a chuireas ugainn, gun dàil, na tha aige ri phàigheadh.

RIOGHACHD BHOCHDChan eil ann am Portugal ach rioghachd bhochd, ma tha an sgeul a tha tighinn á Lisbon, an ceanna-bhaile, fior. Tha paipearan-naigheachd abhaile sin ag radh gu robh seudan a chrùin, am measg chàich an t-slàt rioghail, air an toirt seachad an geall airson airgiod iasaid. Is fiach na seudan so na milleinean, agus bidh e na thàmailt mhoir leis na Portugaich ma bfheudar don teaghlach rioghail an toirt seachad do choigrich mar urras air-son airgid.

MO THRUAIGHECHEARC-THOMAINAir a cheud latha dhen ath mhios, tòisichidh casgairt nan cearca-tomain. Tha iad air an dion leis an lagh gu deireadh a mhios so, ach an deigh sin bidh am marbhadh na h-obair a cheart cho neo-chiontach, an sealladh an lagha, ri buain abhuntàta. Tha moran de luchd na seilg an dùil gu robh an aimsir dhùinte aig crìch mu mheadhon a mhios so, ach is mearachd sin a sgaoil nam measg, chan eil fhios ciamar, agus is fheudar dhaibh an cuid ghunnachan a chrochadh, agus feitheamh le foighidin fad choig-la-deug eile. Tha sinn an dòchas, air a bhliadhna so, nach bi uiread sgiorraidhean atachairt do shealgaireans a bhann bliadhnaichean roimhe.

AN CATHSNA MEINNEANThan cath eadar luchd-seilbh is luchd-obrach nam mèinnean ann am Pennsylvania adol air adhart fhathast, ’s gun moran coltais gun tig crioch air an ùine ghearr. Tha ochd seachduinean deuga on thòisich anstrike , ’s than da thaobh an diugh cho fada bho chòrdadhsa bha iad aig ceann na ceud seachduin. Than luchd-seilbh a cur rompa nach toir iad do na daoine na tha iad ag iarraidh, agus tha na daoine air an laimh eile acur rompa nach teid iad a dhobair gus am faigh iad buaidh, no gus an fheudar dhaibh toirt suas leis an acras. Tha an gual, air sàileabh sin a fàs daor; tha e nise aon dolair deug an tunna. Dha no tri bhliadhnaichean air ais bhatar gachreic air na bu lugha na leth na prise sin. Thatar a nis acur guail a nall do Chanada á Wales.

PEARY ATILLEADHDi-luain sa chaidh, fhuaireadh fios bho Pheary, a bhasan àirde tuath o chionn dha no tri bhliadhnaichean, ag innse gu robh e air a thurus dhachaidh. Tha e coltach gun do choinnich e rimhnaoi aig an àite bha air a shònrachadh, oirs ann air an t-soitheach aice-se, an Windward, a bha e nuair chuir e dhachaidh am fios.

BAS CARAIDSAN AON LATHAAnn a Westchester, an siorrachd Chumberland, chaochail seann chàraid, E. J. Purdy agus a bhean, ’san aon latha, an ceathramh latha dhen mhios. Mu cheithir uaireansa mhaduinn chaochail esan, agus ise mu dha uair feasgar. Bha a bhean tinn dha no tri mhiosan, ach cha robh Purdy fhein tinn ach dha no tri sheachduinean.

LATHA TAINGEALACHDThatar a cur impidh air riaghladh Chanada latha taingealachd a thoirt dhuinn am bliadhna nas tràithe na bàbhaist a bhi gachumail. Tha daoine dhen bharail gum bu chòir an latha so a chumail mum fàsadh an t-sìde fuar, fliuch, mar is abhaist dhi bhith toiseach agheamhraidh. Tha duil gum bi e air a chumail am bliadhna air an treas latha fichead de dhOctober.

NAH-EXHIBITIONS” —ChaidhexhibitionSt. John a thoirt gu crìch air an t-seachduin sa chaidh, agus chaidhexhibitionHalifacs fhosgladh. Bha moran sluaigh cruinn ann an St. John, àireamh mhiltean a bharrachd air na bhann riamh roimhe, agus tha choltas air an fhéill gum pàigh i gu math. Ann aHalifacs, than t-sìde nas fhearr na bha i gu tric an àm fhéilltean bhliadhnaichean roimhe, agus bha dòrlach math sluaigh cruinn. Bu mhiann leinn a bhi an dòchas gum pàigheadh an fhéill so cuideacnd, ach tha cuimhne nam bliadhnaichean a dhfhalbh acur eagail oirnn nach eil sin gu tachairt.

INNEALAN ITEALAICHIs iomadh aon a thug ionnsaidh air inneal-itealaich a dhealbh, ach ged chaidh a nochdadh gu soilleir gum faodar dòchas altrum gun gabh a leithid deanamh, tha an inneal a dhitealaicheas gu ceart fhathast gun fhaotainn. ’S em fear mu dheireadh air am bheileas a fàgail a bhi toirt ionnsuidhean air inneal-itealaich a dhealbh am Professor Bell, athair na telefon. Tha na paipearan ag radh gun do chuir e seachad a mhor chuid dhen t-samhradh so ris an obair sin, agus ged tha e-fein a dol os àicheadh, tha iadsan gashior mhathachadh air. Ma tha e fior gu bheil e da-rìreadh afeuchainn ris, tha sinn an dòchas gun soirbhich leis.

DA FHEIN-MHORTDi-haoine, an coigeamh latha dhen mhios, dhfhàg Uilleam Mac-Gille-mhaoil, seann duine, aois còir is ceithir fichead bliadhna, a dhachaidh ann an Lynn, an siorrachd Cholchester. Chaidh daoine mach gaiarraidh, agus anmoch feasgar fhuaireadh a chorp marbh an crochadh ri craoibh. —Thainig fear Ralph McReady ri bheatha fein ann an acarsaid Halifacs oidhche Di-luain, an t-ochdamh latha, le leum bhar a bhàta tha deanamh an aiseig eadar Halifacs is Dartmouth. Bu duinòg esan, fichead bliadhna dhaois; bha eg obair gu anmoch feasgar, agus chan fhiosrach neach sam bith air aobhar a bhi aige air-son cur as da fein.

ACUR DAIL NATHEACHDBha dùil ri Marconi ann an Ceap Breatuinn o chionn fada, ach gu ruige so cha dthainig e; agus a nis, tha fios air tighinn nach urrainn e bhi ann an so gu mios Nobhember. Tha na h-uiread de ghnothuichean aige ri chur ceart mum fàg e thalls nach eil e comasach dha tighinn roimhe sin. Co-dhiu, ann an tòiseachadh air innleachd ùr mar so, is iomadh ni a dhfhaodas maille chur ann, agus chan urrainnear daonnan cabhag a dheanamh. Chan fhiosrach sinn gu bheil fear-ealain sam bith acur teagamh anns an innleachd so, no air am bheil eagal nach oibrich i gu math. —Tha fios eile a thainig on chaidh so a sgriobhadh ag innse gu bheil Marconi gu seòladh as an Eadailt deireadh na seachduin so, no toiseach na sa tighinn, agus gum bi gach ni an uidheam romh dheireadh an ath mhios. Di-dòmhnaich sa chaidh, bha Marconi air aoidheachd aig Victor Emmanuel, righ na h-Eadailte, agus tha riaghladh na dùthcha sin gachur a nall thar a chuain air bord long-chogaidh.



[46]

[Vol . 11. No. 6. p. 6]

(Air a leantuinn o thaobh 43.)

sin thuirt e rithe gum faodadh i labhairt gu saor ris.

Cha robh i riaraichte leis an fhabhar a rinn an righ rithe an uair a dhordaich e do na bhanns achomhairle dhol am mach. Bha toil aice i fhein a dhion o chorruich an righ; oir bha ig a deanamh fhein cinnteach gum biodh corruich air an uair a chluinneadh e na bhaice ri radh. Air an aobhar sin, thuirt i: “Tha miguidhe air bhur morachd gun toir sibh dhomh an toiseach dearbhadh gun toir sibh mathanas dhomh ma shaoileas sibh gum bheil miarrtus anns achuid as lugha cronail no mi-iomchuidh.”

Bheir mi mathanas dhut, biodh diarrtus mar a thogras e,” arsan righ; “agus cha deanar cron sam bith ort: labhair am mach gu tapaidh.”

An uair a chuali so, dhinnis i gu saor, soilleir don righ mar a chunnaic Aladin sealladh dhenighinn, mar a thuit e ann an gaol trom oirre, mar a dhinnis e staidinntinn dhi fhein an uair a chaidh e dhachaidh, mar a rinn i na bha na comas chum toirt air a bheachdan amaideach a leigeadh as acheann, mar a thuirt i ris gun robh a bheachdancronail dha fhein, do bhur morachd, mar righ, agus do bhur nighinn.” “Ach an aite mo chomhairleghabhail, agus smaoineachadh air cho ann-danas a bha e dha a bhithg arach a leithid de bheachd, bha mo mhac cho rags gun do chuir e roimhe deanamh mar a bhana bheachd. Agus mhaoidh e gun deanadh e droch dhiol orm nan diultainn tighinn far am bheil sibhse a dhiarraidh bhur nighinn dha riposadh. Agus cha do dheonaich mi tighinn gus an dfheuch e rium gle dhoirbh, agus mar sin bfheudar dhomh tighinn gus a thoileachadh. Tha mi rithist aguidhe air bhur morachd gun toir sibh mathanas, chan ann a mhain dhomhsa, ach do dhAladin mar an ceudna, air son a bhith cho ann-danas gun iarraidh e bhur nighean riposadh.”

Dheisd an righ ris na thubhairt i le mor chaoimhneas, agus cha robh coltas feirge sam bith air. Ach mun dthug e freagairt dhi, dhfheoraich e dhi, ciod a bhaice anns an neapaiginn.

Thog imhias as an aite anns an do chuir i i, mun do leig i i-fheinna sineadh air beulaobh na cathrach; dhfhuasgail i as an neapaiginn i, agus thairg i don righ i.

Chan urrainear cainnt a chur air an ioghnadh a ghabh an righ an uair a chunnaic e an aireamh mhor de sheudan ro luachmhor a bhanns amheis. Bha e car uine ag amharc orras gun fhacal atighinn as a cheann.

Mu dheireadh an uair a thainig e ga ionnsuidh fhein, ghabh emhias as a laimh; agus le glaodh ard-aoibhneas, thuirt e: “Nach iad a tha luachmhor! Nach iad a tha maiseach!”

An deigh dha aon an deigh aoin dhiubh a laimhseachadh agus iad acordadh anabarrach math ris, thionndaidh e ris an ard-chomhairleach, agus an uair a sheall emhias dha, thuirt e; “Seall air a so, agus aidich nach fhaca tu riamh mu choinneamh do shul seudan cho riomhach, cho luachmhor, agus cho briagha riutha so.

Chord iad anabarrach math ris an ard-chomhairleach.

Seadh, ma ta,” arsan righ, “ciod a thagad ri radh mun tiodhlac so? Nacheil e airidh air mo nighinn? Agus nach coir dhomh a toirt don fhear a thacur a leithid so de luach oirre?”

(Ri leantuinn.)


Am fear a théid a dhiarraidh an iasaid théid e dhiarraidh abhròin.

Am fear as fhaide saoghals es a chì.


PIOBAIREACHD.

EARANN II.

LE IAIN MAC NEILL.

ANNS na laithean a thréig cha robh coinneamhmas i deireadh bhuana, oidhche Shamhna, banais no Nollaiganns nach robh feum air a phiob; ach bann a ghnàth air a bhlàr-a- mach a bhatarg a cluich, agus bha fidhlearan aca gu cluich a stigh. Is cuimhne leam fein Piob a chluinntinn air achadh-buana o chionn a nis suas ri deich bliadhna-fichead. Tha duil agam gun robh fuaim na Pioba aon uair moran na bu laidire agus na bairde na tha i nis ri cluinntinn, oir tha sinn a leughadh gum faodteadh a cluinntinn aig astar coig no sia mhiltean, agus ri sìd fior fhàbharach, eadhoin deich mile. Tha i nis gle mhath gu bhi air a cluich ann an seomraichean mora ard, farsuinn mar tha iomadh talla anns a bhaile so, ach chan fhasan Gaidhealach idir a bhi ga cluich anns an tigh. A chum a ceol a thuigsinn feumar aPhiob a chluinntinn am measg bheanntan gorm tir a dùthchais, a laidhe sios air an fhraoch (am fagus air an t-seann Tùr) ri taobh an lochain fheathail ag eisdeachd ra ponganan àluinn, air am maothachadh gu milseachd leis an astar, nuair a dheireas iad on t-seann Tùr air oiteag fhann an fheasgair, agus iad a co-sheirm ri toirm nan eas thataomadh man cuairt— ’se so eisdeachd ris a Phiob Mhòir mar bu choir. Is minic a thug a ceol faothadh do chridhe iomadh h-aon a thuillidh air Fionnladh Piobaire, agus bfhior a bharail nuair a thuirt e ri Eoghan Brocair:—

Tha miseg radh riut gum bheil cuairt cheolmhor air feasgar tlàth ri taobh na h-aibhne sin shios do manam-sa mar aiteal an earraich don euslainteach bhochd; mar chiùran uisge no mar dhruchd an anmoich do na lusaibh maoth. Cha luaithe thogas miFailta Phrionnsòig,’ noBaille Dhunéideann,’ na thig taiseachadh air mo chridhe; than oige atighinn air a h-ais le cuimhne nan cairdean caomh a dhfhalbh. Cha mhò orm an saoghal air na h-àmannan sin nan cluaran a tha falbh leis an oiteig. Tha mi air mo thogail mar fhiadhs achreachann; ach chaneil togradh amchridhe ach togradh gu cairdeas agus gniomhara fiughantach. Chan aighear e, agus cha chròn e; ach, mo bheannachd air, is iomadh a sheas e mi.”

Am measg na bha de Phiobairean riamh ann an Albainn cha robh dream air bith dhiubh cho ainmeil ri Cloinn Mhic Cruimein a bha fad iomadh linnnam Piobairean aig Ceann Cinnidh nan Leodach ann an Dunbheagain. Tha iad ag radh gur h-ann á Cremona anns an Eadailt a thainig a cheud fhear den t-seorsa maille ri Mac-Leoid agus gum bu chlàrsair e. Air dha tuineachadh anns an Eilean Sgiathanach ghabh e ainm an aite anns an drugadh e. Bha oil-thigh aig Cloinnic Cruimein aig Boraraig ochd mille mu thuath de Dhun-bheagain agus bha baile math saor de mhàl acabharrachd air iomadh sochair eile. ’Se a bainm don cheud Phiobaire dhiubh so Iain Odhar. Na dheidh thainig a Mhac Domhnull Mor, fear ciuil cho ainmeils a bhasan rioghachd na linn. Nuair a fhuair e gach foghlum a burrainnathair thoirt dha chuir Mac Leoid a dhEirinn e gu Oil-toigh ainmeil far an robh thar fichead Piobaire og ag ionnsachadh aig an àm. Bha a chluas agus a mheomhair cho maths gun gleidheadh e cuimhne air ceol air bith a chluinneadh e aon uair. Bha gach aon de na piobairean a faotainn ionnsachaidh air leth leis fein, agus air do Dhomhnull Mor an seòl a bhacathuigsinn bàbhaist dha e fein fhalach far an cluinneadh e am Maighstir ateagasg chàich, agus mar so cha robh e fada gus an drinn e greim air na bha ri fhaotuinn an sin. Cho fads a ghabhas deanamh machs esan a chuir ra cheileCumha Ruairidh Mhoir, Ceann Cinnidh nan Leodachanns a bhliadhna 1626, am port as binne agus as muladaiche, agus uile gu leir as fearr tha leigeil ris tùr-bhron an duinechuir ra cheile etha againn air mhaireann. Be Ruairidh Mor ceann-feadhna a bairde cliu anns a Ghaidhealtachd airson oirdheirceis, eireachdais agus fialachd a thighe. ’Se thog tùr ard Chaisteil Dhunbheagain agus tha e air innseadh gum be am fear mu dheireadh de inbhe a chleachd a bhisgriobhadh ann an Gaidhlig. Nuair a chaochail e cha burrainn Mac Cruimein fantuinn na bfhaides a chaisteal, dhfhag e an Dùn agus sheid e suas:—

Tog orm mo Phiobs theid mi dhachaidh,
S duilich leam fhein mo leir mar thachair,
Tog orm mo Phiobs mi air mo chradh
Mu Ruairidh Mormu Ruairidh Mor.

Tog orm mo Phiobtha mi sgith
S mur faigh mi i theid mi dhachaidh;
Tog orm mo Phiobtha mi sgith
S mi air mo chradh mu Ruairidh Mor.

Tog orm mo Phiobtha mi sgith
S mur faigh mi i theid mi dhachaidh;
Clarsach no Piob cha tog mo chridh
Cha bheo fear mo ghraidh, Ruairidh Mor.

Na dheidh-san thainig a mhac Para Mor. Chuir e ra cheile barrachd de phuirt phiobaireachd na aon duine eile air am bheil cunntas againn. Anns a bhliadhna 1651 bha Mac-Leoid Dhunbheagain agus Tanaister an Teaghlaich, fear Thalasgair, ann an Sasunn acuideachadh le Righ Tearlach a dha, goirid mun do chuirteadh Blar Worcester, far an drinneadh Ridirean diubh leis an Righ (Sir Tormad an Dùin agus Sir Ruairidh) agus bha Para Mor na Phiobaire leo. Chluich e an lathair an Righ agus bha esan cho toilichtes gun do cheadaich e do Phara Mor a lamh a phogadhagus an sin chuir am Piobaire ra cheile am port briagha sin, “Thug mi pòg do laimh an Righ.” (Faodaidh miradh anns an dol seachad gu bheil am port so ann an leabhar Mhic Aoidh, air am bi facal no dha agam ri radh ma bhitheas uine agam mun criochnaich mi, agus gu bheil mearachd cunntais beag air toiseach gach h-aon de na siubhlaichean mar tha furasd fhaicinn le amharcair an leabhar; ach is coltach nach eil Piobairean a toirt an aire dha oir chuala mi e iomadh uair direach mar tha Mac Aoidh ga chur sios). Chaidh Para Mor latha àraidh don eaglais le ochdnar mhac ra ghualainn, òganaich cho eireachdails a sheas riamh air bonn broige, ach mu an dthainig ceann bliadhna chàirich e seachd dhiu fon fhòid ann an cladh Chille Mhoire. ’S ann air an àm sin a chuir e ra cheilem port tiamhaidh, muladach sin ris an canarCumha na Cloinne.”

Na dheidhsan thainig an t-aon mhac a dhfhagadh beòPàruig òga bha machs a mach cho math ri Piobaire den t-seorsa on dthainig e, agus theagaisg e na Piobairean a bfhearr a bhann ra linn. Bha e da uair pòsda agus rugadh fichead duine cloinne dha, ach cha dthainig ach ceithir no cóig dhiubh gu meudachd. Bithidh beagan agam ri radh mun duine so fhathast. Bha Iain a mhac na Phiobaire aig Iarla Siphort agus is e dhealbh am port boidheach sin, “ ’S leam fein an gleann.” Bha Calum agus Domhnull Bàn, a mhic eile, nam Piobairean aig MacLeoid. Ann am bliadhna Thearlaich dheirich MacLeoid air taobh Dheorsa agus dhfhalbh Domhnull Bàn Mac Cruimein leis, beagan an aghaidh a thoil tha

(Air a leantuinn air taobh 45).



[47]

[Vol . 11. No. 6. p. 7]

Litir a Lag an t-Slocain.

FHIR-DEASACHAIDH, —Ged nach do rinn mise moran sgriobhaidh ann an Gàilig, tha mifaicinn gun tug sibh àite anns aMHAC-TALLA don litir a sgriobh mi ugaibh o chionn mios no dha, mar sin a toirt misneach dhomh gu litir eile a sgriobhadh ugaibh.

Bha mi o chionn ghoirid air chuairt troimhn dùthaich anns an dfhuair mo chàirdean am breiths an àrach, agus smaoinich mi gun taghalainn air caraid dhomh a tha deanamh a chomhnuidh ann. Chaneil an t-àite so ach beagan mhiltean bho Lag an t-Slòcain, agus on a bha sìde bhriagha ann agus mise ann an deagh shlàinte, thaghal mi air Iain Mac Gillemhaoil (Iain mac Callum). Than duine coir so ceithir fichead bliadhnasa dha dheug a dhaois, agus cha robh e ann an leabaidh riamh le tinneas. Rugadh e ann an Uidhist achinn a tuath,

Tir nan curaidh, tir nan cliar,
An tir bhiachar, fhialaidh, mheasail.”

Bha e ag innseadh dhomh gun robh e faisg air da fhichead bliadhna dhaois mun dthàinig e a mach don dùthaich so. Chunnaic e acheud bhàta-smùid a chaidh a stigh do Ghlascho. “Baithne dhomhsa,” arsesan, “fear Mìcheal Domhnullach, duine coir a thafuireach faisg air dachaidh aMHIC-TALLA, (agus faisg air an Lag) a bhag obair air a chead rathad-iaruinn a chaidh riamh a stigh do Ghlascho. Chaneil fhios agam a bheil e beo.” Tha Iain mac Calum ann an deagh shlàinte, ged nacheil a fhradharc ach dona. Ma bhios mi air mo chaomhnadh theid mi a choimhead air a rithist an ùine gun a bhi fada.

Tha na seana Ghàidheil afàs nas gainne a h-uile bliadhna. Tha iad atighinn gu crìch an turuis. ’S iomadh ànradh is allaban a dhfhuiling iad a deanamh dachaidh dhaibh féin an coilltean fàsail America. ’S e daoine anabarrach coir caoimhneil a thannta. Tha iad fhein acumail a mach gur h-e na seana bheachdan a bfhearr na beachdan an lathan diugh. Agus ma dhfhaoidteadh gur iad. Nach gasda an ni gu dearbh, seana Ghaidheal no bana-Ghaidheal fhaicinn aig deireadh an làithean gu sitheil, toilichte, gun dad a cur uallach orraan déigh dhaibh an diol de thrioblaidean na beatha so fhulang.

Fòs tamull beag is ruigidh sinn
An caladh ait fa dheoidh,
S an coinnich sinn na sgaradh uainn,
S cha dealaich sinn nas mo.”

Co thachair rium air mo rathad dhachaidh gu Lag an t-Slòcain ach Donnachadh ciar, fear de leughadairean MHIC-TALLA. ChordSuiridhe amhadaidh-ruaidh,” ris fior mhath. Ged a bha i na sgeula gle ait, cha robh facal innte ach smior na firinn. Is iomadhmadadh-ruadh” ’spioghaida thanceithir chearnaibh an domhain mhoir.” “Is aithne dhomhsa,” arsa Donnachadh, “duine coir, (cha leig mi leasainmeachadh) aig am bheilpioghaidmnatha, as nach tig gabadh ach an aon ràn o mhoch gu dubh a càineadh cuideigin.” (Thug e sùil gheur ormsa nuair a thuirt e so, mar gum bithinnsa an a bha eciallachadh). “ ’S ann agam a than truas ris an fhear aig am bheil i. Tha mig ràdh riut, a Pheigidh,” arsesan, “gum bu cheart cho math leam a chur mu mamhaich is mo cheangal ri dhiubh!”

Dhfhàg mi slàn aig Donnachadh. An uair a ràinig mi an rathad mor, a tha pios bhon taigh aige, ’s mi smaoineachadh air a cho-dhùnadh a thug Donnachadh air an droch bhean, thuirt mi rium fhìn nach robh e fada cearr. Chaneil mi-fhìn posda, agus cha bhi an da latha so, ach tha min dochas nach emadadh-ruadha gheibh mi, ged a dhfhaodainn a bhi toilichte lemadadh-ruadhfhéin na mo shean aois. “Is fhear giomach na bhi gun fhear.”

Cha chreid mi-fhìn gu bheil sibh aclo-bhualadh leith gu leor dhe na seann sgeulachdan, ged, ma dhfhaoidteadh, an rud a chordas ri aon neach nach cord e ri neach eile. Tha na sgeulachdan gle fheumail air son cuideachadh le bhig ionnsachadh na Gàilig; agus a bharrachd air a sin éisdidh a chlann bhig le mor aire ris na seann sgeulachdan, a tha air an toirt seachad ann am briathran cho snasail.

An cuala tu riamh am facal so: “Gach dàn gu dàn an Deirg; gach laoidh gu laoidh an Amadain mhoir; gach eachdraidh gu eachdraidh Chonnail.” Agus faodaidh mise radh ann an so, “Gach sgeul gu sgeul Iain mhor nan ord.” Thàinig crioch oirre o chionn àireamh no dha dhen MHAC-TALLA, agus chord i taghta math rium. Mo mhìle beannachd agad, a Sheumais choir! ’s ann agad fhéin a than deagh Ghàilig. Ma thig thu gu bràth do Lag an t-Slòcain na di-chuimhnich taghal orm.

Than t-àm agam stad. Tha crith air tighinn na mlaimh leis na sgriobh mi. Ma bhios mi beo agus air a chothrom sgriobhaidh mi litir eile ugaibh.

Is mi do bhana-charaid,

PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.


Litir a Dawson.

A CHARAID, —Tha mi smaoineachadh gur tìm dhomhsa an dolar dligheach a chuir do ur n-ionnsuidh aon uair eile, a chum ceartas a thoirt do MHAC-TALLA. Anns an litir so tha mi cur robag de dholair, agus bhon tha mi a fàgail na dùthcha so gu h-aithghearr, bithibh cho math agus am paipear a stiùireadh an deigh so gu Vancouver, B. C.

Tha nàire orm a bhi leughadh anns a MHAC-TALLA a bharail bhochd tha aig mo charaid, Mac Leoid naHighland News,air na Breatunnaich a sheas cor na rioghachd cho tapaidh agus cho smearail. Bha ceartas agus neart air taobh an leoghainn Bhreatunnaich ann an Africa, agus a reir coltais tha na Boerich dhen bheachd so a nis. Tha mi duilich gun deach sibh as an rathad gu oisean a thoirt don litir leibidich air taobh-duilleig 13 den MHAC-TALLA. Na Boerich ghranda! nach iad féin a thoisich air an aimhreit, ’s fhuair iad mar thoill iad, an aitridhean a losgadh, agus na mnathans a chlann a thoirt air falbh, ged nach bann mar phriosanaich, ach chum an aire thoirt orra.

Gu thainig airIaincoir? Am bheil e beo?

Air an rathad don phost oifis choinnich mi dithis chàirdean a thug dhomh dolar am fear airson MHIC-TALLA. So agaibh iad, agus stiùraidh sibh am paipear don ionnsuidh: Seumas Domhnullach agus D. C. Mac Coinnich. Tha an Domhnullach de mhuinntir Hogamah, agus tha e cur bheannachdan gur n-ionnsuidh. Tha mi duilich nach fhaighinn an corr ainmean dhut. Tha àireamh mhor de ghillean Cheap Breatuinn is Nobha Scotia an so, ach chan eil iad cho measail air aGhàiligs bu choir dhaibh a bhith.

S mise bhur caraid as an t-seann dùthaich, CAILEAN SIOSAL.


Mas Breug Uainn e is Breug Ugainn e.”

A MHIC-TALLA CHOIR, —Tha e dona gu leor a bhig innse bhreug mun bhric anns na paipearan Beurla, ach nuair a thuirt thusa Ghàiligsan àireamh mu dheireadh gun do ghlac Gilleasbuig Domhnullach abhreac ann a Hawkesbury, tha e moran, moran nas miosa.

Cha robh abhreacsa bhaile so nosan t-siorrachd dam buin am baile bho cheann deich bliadhna fichead no corr. Tha bladaireachd bhreug mar so gasgaoileadh air feadh na dùthcha cunnartach air cron a dheanamh air a bhaile so agus air MAC-TALLA fhein.

Ma tha gus nach eil abhreac air an Domhnullach, cha bannsa bhaile so a fhuair e i. ALASDAIR.

Hawkesbury , Sept.10, 1902.


Iadsan a Phaigh.

Tormad A. Mac Leoid, Sgir Dhubh
Iain M. Munro, Canoe Lake
Alasdair D Domhnullach, Whitney Pier
Murchadh Domhnullach, Abhainn a Tuath
A. Domhnullach, S . W. Ridge, Mabou
Iain Mac Fhearghais, New Canada
Bean Alasdair Mhic Rath, Sidni
Eoseph I. Mac Neill, Sidni
Iain Mac Rath, an Abhainn Mheadhonach
R. A. Mac Cormaic, Middle Cape
Caitriona Nic Phàrlain, Baddeck
Calum H. Gillios, Braigh Mhargaree
D. D. Mac Phàrlain, S . W. Margaree
Eoseph A. Donullach, Cùl Bhaoghasdail
Iain D. Dùghlach, Grand Mira
Domhnull I. Mac Leoid, Framboise
Leslie A. MacCorrison, Nyanza
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone
Iain A. Mac Isaic, Glace Bay
I R Mac Gillfhaolain, Indian River, E P I
Cyrus D. Dùghallach, DeSable , E P I>
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , N S
Donnachadh Siosal, Glassburn , N S
Ailean Domhnullach, Antigonish , N S
Domhnull Mac Rath, Vancouver , B. C.
Cailean Siosal, Vancouver , B. C.
Seumas A. Rothach, Moose Jaw, N. W. T.
Seumas F. Domhnullach, Dawson , Y. T.
D. C. Mac Coinnich, Dawson , Y. T.
Alasdair Mac Ealair, Sault Ste Marie, Ont
Eoghan Mac Colla, Strathroy , Ont.
Sìne Bhellairs, Springbank , Ont.
An t-Ollamh J. D. Prince , New York
A. R. Domhnullach, Albany , N Y
Calum Mac Fhearghais, San Francisco
Eoghan A. Smith, Silver Cliff, Colo
Mrs Dhomhnullach, Portsmouth ,Sasunn
Iain Domhnullach, Cnoc-nan-Torran, Alba
Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba


Am fear a gheallass e dhiocas.

Air a làimh fhéin, mar a bhan ceards achaonnaig.

Aig bainnseans aig torraidhean aithnichear càirdean is eolaich.

Aithnichear am balachs amhaduinnbristidh e barrall a bhroige.

Air mheuds a their na sloigh, cha ghloir a dhearbhas ach gniomh.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.



[48]

[Vol . 11. No. 6. p. 8]

Muile nam Mor-bheann.

Am Muile nan craobh thamhaighdean bhanail,
Dan dthug mi mo ghaols mi faoin am bharail;
S ma chaoidh e fo sgaoils nach faod mifaighinn,
Gun taobh mi caileagan Chòmhail.

SEISD.

Bhon tha mi gun sunnd, ’s is dùth dhomh mulad,
Cha tog mi mo shùil ri sùgradh tuille;
Cha teid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
S mo rùn am Muile nam mor-bheann.

Tha maise as uaisle, suairceas as ceanal,
Adireadh a suas an gruaidh mo leannain;
Ma bheir thu dhomh fuath, ’s nach buan do ghealladh,
Ni uaigh as anart mo chomhdach.

Tha maise no dhà ri àireamh fhathast
Air bean achùil bhàin nam blàth-shùl meallach;
Ma bheir thu do làmh, gum fàs mi fallain,
S bu shlàinte mhaireann do phog dhomh.

Do shlios mar an fhaoileann, taobh na mara,
Do ghruaidh mar an caorann, sgaoiltair mheangan,
Sùil ghorm is glan aoidh, fo chaoin-rosg thana
S tun oigh a mhealladh gach oigear.

Tha smuaine no dha an tràth-sair maire;
Chan innis michàch ceann-fàth mo ghalair;
Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal,
S do ghràdh ga msgaradh an comhnuidh.

Gur maththig an gùn on bhùth don ainnir,
S an fhasan is ùiren cùirt nan Gallaibh;
Troidh ghloin am broig ùir— ’s i dùintle barrall
Nach lùb air faiche am feoirnein.

Do chùl mar an lionna mhile camag,
Nach greannach fo chir, as siod gacheangal;
Do dheud mar na dìsnean, dìonach, daingean;
Beul binn a ghabhail nan oran.

S esgar mi o mchiall ro mhiad do cheanail,
S on chaidh thu don t-sliabh, nach bfhiach leat mfharaid;
S e daogas as dfhiamhchuir pian am charaibh,
S cha mhiann a bhagam air storas.


Fuaim an t-Saimh.

LE MAIRI NIGHEAN ALASDAIR RUAIDH.

Ri fuaim an t-saimh
S uaigneach mo ghean,
Bha misuair nach be sud màbhaist.
Bha misuair, &c .

Ach piob nuallanach mhor,
Bheireadh buaidh air gach ceol,
Nuair ghluaisti le meoir Phàdruig. *
Nuair ghluaisti, &c .

Gur mairg a bheir géill
Don t-saoghal gu léir,
S tric a chaochail e cheum gàbhaidh.

Gur lionmhoire chùrs
Nan dealt air an driùchd,
Ann am madainn an tùs Màighe.

Chan fhacas ri m,
Aon duine fon ghréin,
Nach tug e ghreis féin dhà sin.

Beir an t-soraidh so bhuam,
Gu talla nan cuach,
Farm biodh tathaich nan truadh dàimeil.

Thun an taighe nach gann,
Fon leathad ud thall,
Farbheil aighear is ceann mo mhànran.

Sir Tormad mo rùin,
Ollaghaireach thu,
Foirmeil o thùs tàbhaist.

A thasgaidh, ’s achiall,
S e bu chleachdadh dhut riamh,
Teach farsuinns e fial, fàilteach.

Bhiodh tional nan cliar,
Re tamull, as cian,
Dhfhios a bhailem biodh triall chàirdean.

Nàile, chunna mi uair,
S glan an lasadh bhad ghruaidh,
Fo ghruaig chleachdaich nan dual àrbhuidh.

Fear direach, deas, treun,
Bu ro fhirinneach beus,
S e gun mhi-ghean, gun cheum tràilleil.

Den linne a bfhearr buaidh,
Thas na criochaibh mun cuairt,
Clann fhirinneach Ruairi làin-mhoir.

Chaneil cleachdadh mhic righ,
No gaisge, no gniomh,
Nacheil pearsa mo ghaoil làn deth.

Ann an tréines an lùgh,
Ann an céutaidhs an cliù,
Ann am féil’ ’s an gnùis nàire.

Ann an gaisges an gniomh,
S ann am pailte neo-chrion,
Ann am maises am miagh àilteachd.

Ann an cruadals an toil,
Ann am buaidh thoirt air sgoil,
Ann an uaisle gun chron càileachd.

Tuigs-fhear nan teud,
Purpas gach sgéil,
Susbaint gach céill nàduir.

Gum bu chubhaidh dhut sid,
Mar a thubhairt iad ris,
Bu tun t-ubhal thar meas aird chraoibh.

Leodaich mo rùin,
Seorsa fhuair cliù,
Cha bu thoiseachadh ùr dhaibh Sir.

Bha fios co sibh
Ann an iomartas righ,
Nuair bu mhulaidich stri Thearlaich. *

Slan Ghaidheil no Ghoill,
Cha dfhuaras oirbh foill,
Dhaon bhuaireadh gun drinn ur nàmhaid.

Lochlunnaich threun
Toiseach ur sgeil,
Sliochd solta bho fhreumh Mhànuis.

Thug Dia dhut mar ghibht,
Bhi gu moralach, glic,
Chriosd deonaich dha dshliochd bhi àghmhor.

Fhuair thu fortan o Dhia,
Bean bu shocraiche ciall,
S i gu foisteineach, fial, nàrach.

Am beil cannach is cliù,
S i gun mhilleadh na cùis,
S i gu h-iriosal, ciùin, càirdeil.

I gun dolaidh fon ghréin,
Gu toileachadh treud,
S a h-òlachd a réir bàn-righ.

S tric a riaraich thu cuilm,
Gun fhiabhras, gun tuilg,
Nighean Oighre Dhun-Tuilm, slàn dut.

* Padruig Mor Mac Criomain.
* Righ Tearlach II.


Aicheadh na caillich air an sgillinnnach e sgillinn idir a bhann ach bhonn-a- sia.


Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
as fhearr a fhreagras air do shuilean.

Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.

K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.

titleIssue 6
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 6. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page