[49]

[Vol . 11. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 3, 1902. No. 7.


Geur-leanmhuinn nan Iudhach.

THA riaghladh Roumania, —dùthaich bheag Eòrpach tuath air an Tuirc, —daonnan a geur-leanmhuinn nan Iudhach. Ann an còrdadh a rinneadh eadar na rioghachdan aig crioch a chogaidh a bheadar Ruisia agus an Tuircsa bhliadhna 1878, gheall riaghladh Roumania saorsa agus còirichean nan Iudhach a choimhead; ach cha deach an gealladh sin a chumail riamh. Tha cùisean ann an Roumania an diugh ionanns mar a bha iad ann an Sasuinns an treas linn deug, tha na h-Iudhaich nan daoine saoibhir airgiodach, agus uaislean na dùthcha bochd. Tha na h-uaislean gu tric agabhail airgid an iasad bho na h-Iudhaich, agus air an dòigh sin tha moran dhiu ann an trom fhiachan aca. Chan eil comas no toil aca na fiachan sin a phàigheadh, agusse na h-Iudhaich adhfhàgail na dùthcha gu buileach glan an aon rud a tha dhìth orra. Air an aobhar sin tha iad gan geur-leanmhuinn, ’s a deanamh uiread sàrachaidh orras gur buidhe le moran dhiu dol air imrich do dhùthchannan eile, gu h-àraidh do na Staidean. Chaneil riaghladh nan Staidean deònach gum biodh tuilleadhs a chòir dhiu an taobh a stigh dan criochan, agus air-son an cumail thall tha iad aig an àm so acur impidh air rioghachdan mora na h-Eòrpa éiginn a chur air Roumania gu stad den gheur-leanmhuinn a thaice air an t-sluagh mhi-fhortanach. ’Se sin an aon ni a chuireas stad air, ach tha e doirbh a dhol roimhe ciod a chi na rioghachdan iomchuidh a dheanamh. Tha fios air tighinn á Roumania fhein nach eil riaghladh na dùthcha sin a dol athoirt feairt sam bith air iarrtas nan Staidean. Tha Roumania anns an Roinn-Eòrpasan aon suidheachadhs a tha Bhenesuelas na dùthchannan beaga leibideach eile than ceann a deas America. Tha iadsan air an gabhail fo thearmunn nan Staidean, agus ged nach urrainn an dùthaich sin modh ionnsachadh dhaibh, cha leig i le dùthaich Eòrpach an dochann air-son am -mhoidh. Tha Roumania air an dòigh cheudna comasach air a toil fhin a dheanamh a chionn gu bheil na rioghachdan mora cho naimhdeil ri cach a cheiles nan tòisicheadh aon dhiu air ise chronachadh gun gabhadh aon no dha eile a pàirt, ’s an sin bhiodh an aimhreit air a bonn. Cumaidh eagal na h-aimhreit sin na rioghachdan nan tosd aig an àm so, agus mar sin chaneil mòrain dochais gun deanar cobhair air na h-Iudhaich mur tachair gun teid na Staidean air adhart leis achùis air dhòighs nach gabh an iarrtas diùltadh.


SEONAID NIC-LACHAINN. —Tha abhan-òranaich ainmeil so aig an àm acur cuairt air Roinnean Iochdrach Chanada. Bha i ann an Sidni da oidhche toiseach na seachduin so. Oichche Di-luain bha an talla mors an robh eseinn làn, agus ged bha oidhche Di-màirt fliuch, fuar, cha robh an àireamh moran ni bu lugha. Bu mhath a bfhiach i dhol gah-éisdeachd; tha guth binn, ceòlmhor aice, agus seinnidh i cho beothails cho faireachails gun giùlain i an sluagh air falbh leceòl. Bha na h-òrain Ghàilig gu h-àraidh taitneach; rinneadh barrachd caithreim nan deigh na rinneadh as deigh aon de na h-òrain Bheurla. Tha Seònaid, an deigh na Roinnean Iochdrach fhàgail, adol air chuairt troimh Ontario, ’s an deigh sin theid i do na Staidean. Tha MAC-TALLA guidhe turus math agus soirbheachadh leatha.


Leabhraichean.

THA nis mhìle agus naoi ceud bliadhna on thubhairt Righ Solamh, “Air mòran leabhraichean a dheanamh chaneil crìoch; agus tha mòran leughaidhna sgìos don fheòil.” Ma bha so fior ann an làithean Sholaimh, tha e gu mòr nis firinniche anns na lìnntean so. Tha de leabhraichean ùr atighinn a mach na h-uile latha nacheil en comas a h-aon air bith eòlas fhaotainn air a h-aonsa mhìle dhiubh; agus da rireadh is suarach an call, oirs beag as fiach achuid as dhiubh. Ged bhiodh en comas duine am faotainn uile agus an leughadh uile, bu bhochd an caithe-beatha dha a làithean a chur seachadsan t-saothair dhiomhain. Chan e nacheil iomadh leabhar math ateachd a mach, agus is fhada ghabh e uainne tàir a dheanamh orra, no an di-moladh. Bu chòir dhuinn a bhi taingeil airson an tomhais mhòir fhiosrachaidh agus eòlais tha nis ra fhaotainn o leabhraichean, agus an comas tha aig daoine bochda nis cuid diubh a leughadh. Ach ann an leughadh achuid as fearr dhiubh, ’s iomchuidh do dhuine bhina earalas. Tha barailean mearachdach ann am mòran diubh, agus tha e duilich air uairibh am moll fhasgnadh on chruineachdan fhìrinn on chuid tha mearachdach.


MORT AN GLACE BAY. —Aig Mèinn Chaledonia, air an aonamh latha deug de September, bha fear Calum Friseil, Frangach de mhuinntir Chuebec, air a mhort le companach dha, fear Horace Charbouneau. Bhan dithis ag òl cuideachd, agus dheirich aimhreit eatorra nuair a bha iad a dol dhachaidh. Leag am Frisealach Charbouneau, agus an sin loisg am fear sin air ceithir uairean. Chaidh an ceathramh peilear na shùildheis agus stad e naeanchainn. Chaochail e maduinn an treas latha deug. Bha Charbouneau air a thoirt gu cùirt fir-ceartaiss á sin air a chur don phriosain a dhfheitheamh na Cùirte Moire. Bhan dithis dhaoine nan companaich, ’s nan dlùth chàirdean, ag obairs a cadal cuideachd. Thainig iad do Ghlace Bay toiseach an t-samhraidh, agus cha do chuir ni eatorra riamh gus an drinn an t-òl e.

BAS AITHGHEARR. —Thainig bàs gle aithghearr air duinòg, dam bainm Iain Mac Phàrlain, air an Eilean Mhor air an treas latha deug dhen mhios a dhfhalbh. Bha eg obair an latha roimhe sin acur a staigh arbhair, agus thatar am barail gun do dhobraich e tuilleadh is cruaidh; chuir e ceithir lòid dheuga staigh. Tràthsan oidhche ghearain echeann, agus chaidh e laidhe. ’Sa mhaduin cha robh e ni bfhearr, agus bha mhàthair adeanamh deiseil air-son a dhol do Bhaddeck a dhiarraidh dotair nuair a chaochail e. Tha a mhàthair na bantraich, agus tha truas mor rithe air dhi a h-aon mhacs a fear-cuideachaidh a chall air dhòigh cho muladach.

SGIORRADH MI-FHORTANACH. —Tha sinn duilich a chluinntinn gun do thachair droch sgiorradh don Urr. Tearlach C. Mac-an-Tòisich, ministeirReserve Mines,Di-ciaduin sa chaidh. Bha e air a thilgeadh á carbad, ’s e dol gu taigh aon de mhuinntir a pharaiste, agus a bharrachd air goirteachadh eile, chaidh e as aghuala. Bha Mr. Mac-an-Tòisich an dùil falbh an ceann latha no dha don t-seann dùthaich, a ghabhail cùrsa ann an oil-thaighean Dhun-Eidionn is Ghlascho, agus cuiridh an sgiorradh so dàil na fhalbh.


Fios do ar Leughadairean.

BIDH MAC-TALLA air an turus so latha no dha anmoch a ruigheachd an luchd-gabhail. Tha so air aobharachadh le paipear a bha sinn afaotainn a thoirt ro-fhada air an rathad atighinn. Tha sinn duilich air son cho liutha dàils a bhann an cur-a- mach a phaipeir air a bhliadhna so, ach faodaidh an luchd-gabhail a bhi cinnteach nach bi e mar sin an déigh so, ach gun ruig e iad gu riaghailteach uairsan da sheachdain. Tha sinn an comain na feadhnach a chuir air adhart am pàigheadh, agus an dòchas gun cluinn sinn uapa-san nach drinn sin fhathast gun dàil.


CRIOCH AN IASGAICH. —Ged nach do thill mòran de na bàtan fathast dhachaidh feudar a ràdh gum bheil iasgach an sgadain air tighinn gu crìch. Bidh ena thaitneas le ar luchd-leughaidh anns gach ceàrn den t-saoghal a bhi acluinntinn gun robh soirbheachas math aig na h-iasgairean air abhliadhna so. Chaneil toradh aimsir an iasgaich uile far comhair, a chionn gum bi cuid ag iasgach car seachdain fathast. Ach tha e soilleir, a reir nan iomra a tha tighinn ás na puirt siar is deas, gun robh iad uile na bu làine ann an airgiod na bha iad an uiridh. Tha e mar an ceudna air a ràdh gun robh an t-iasg ann an coitcheannas glé mhath ann am brìgh. Tha na fhuaradh thar cheann fada thairis air na fhuaradh an uiridh. Tha co-fhaireachdain againn uile ris na h-iasgairean bochda a tha air aghaidh nan uisgeachan fiadhaich air son am beòshlaint; agus a tha toirt á saibhreas na fairge biadh cneasda cuideachail a thana shlàinte agusna neart do mhìltean. Aig an àm so tha cuid shònruichte de na h-iasgairean Albannach a tha dol deas gus na cladaichean Sasunnach far am bheil dùil againn am bi buaidh is piseach leotha. —Oban Times.

FACAL MU PHEARYMun robh an àireamh mu dheireadh den phaipeir so aig an luchd-leughaidh bha Peary air Sidni a ruigheachd, an deigh ceithir bliadhna chur seachad anns an àirde tuath. An àm falbh bha làn dhòchas aige feins aig a chàirdean gun rachadh aige air achrann a tuath a ruigheachd; ach dhfhairtlich air, agus bha a thurus gun mhoran feuma. Air an t-soitheach cuide ris bha an Dotair Dederick, a dhfhalbh aig an aon àm ris fein, ach a dhealaich ris o chionn da bhliadhnas a bha uaithe sin afuireach còmhla ris na h-Escimos. ’S e baobhar don dotair dealachadh ris gun deach iad bhar a cheile mu ni-eigin air nach eil aon seach aon gu ruige so atoirt iomraidh. Bha àireamh de bheothaichean annasach air bòrd an t-soithich, am measg chàch àireamh chon, Walrus agus Musk-ox.

SIDNI AFAS NIS FHEARR? —Re nan naodh miosan a ruith dhen bhliadhna so, bha sia ceuds ceithir ficheads a h-aon deug air an glacadhs air an cur don phriosan ann an Sidni. Bha amhor chuid dhiu sin air son daoraich is troimhe-cheile bhair aobharachadh leis an òl. An uiridh bha ochd ceuds ceithir ficheads a h-aon air an glacadhsan ùine cheudna. Tha aon de phaipearan abhaile adeanamh uaill á sin, ’s ag radh gu bheil am baile fàs nis fhearr. Tha sinn an dòchas gu bheil, ach cha bu mhisd e dhol na bfhior fhearr na tha e. Agus nam biodh iadsan a than dreuchds an ùghdarras rin dleasdanas mar bu chòir dhaibh, bfhurasda sin a dheanamh. Chan eil eg amharc ro-bhòidheach aon mu choinneamh gach deich no dusan a thanns abhaile bhi dol don phriosan uairsa bhliadhna.



[50]

[Vol . 11. No. 7. p. 2]

Naigheachdan.

ACHEUD LUCHD UBHLANDhfhalbh acheud luchd de dhùbhlan an fhoghair so á Nobha Scotia air an aonamh latha fichead de September. Bha sia ceud gu leth barailles a dha ann; chaidh an cur a null do Lunnuinn.

MIOS DE SHIDE BHRIAGHABha sìde gle bhriagha ann fad mios September. Thainig dha no tri lathaichean mudheireadh a bha fuar agus fliuch, ach achuid bu mhotha dhen ùine bha sìde bhlàth thioram ann. Chan eil sìde Cheap Breatuinn cho donas a bhithear gu tric a cur air.

FEIN MHORT ANN A HALIFACSDi-sathuirne, an fhicheadaibh latha de September, chuir bean dam bainm Caorstidh Chamaran, a bha còmhnuidh am baile Halifacs crioch air a beatha fein leparis greenòl. Chan eil fhios i no ciod an t-àite as an dthainig i. Bha ochd ceud dolair aice ann an aon de na bancaichean.

FEAR A RINN FEUM DE MHAC-TALLA— “Tha mi creidsinn nach eil moran de luchd-gabhail aig MAC-TALLA coltach riumsa. Bha mi gafhaighinn on thainig acheud àireamh dhe mach. Cha burrainn dhomh an uair sin aon fhacal Gàilig a leughadh, agus cha robh agam ach fior bheagan eòlais air achànain. Cha dfhuair mi cuideachadh bho neach sam bith, ach chnuasaich mi mach e leam fhein, agus an diugh leughaidh mi am paipeir gu ciatach, agus tha barrachd Gàilig agams a shaoil leam riamh a bhiodh agam aig aois thri fichead is naodh bliadhna,” —Domhnull Domhnullach, Spokane, Wash.

SINEICH AG IARRAIDH OIRTha cuid de na Sineich a than Ceap Breatunns a bha roimhe so a cosnadh an arain làitheil anigheadaireachd, air tòiseachadh ri sireadh òir. Air an Abhainn Mheadhonaich tha dha dheug dhiu ag obair gu trang gach latha, atogail gainmhich á grunnd na h-aibhne, ganigheadhs acruinneachadh nan gràineanan òir a gheibhear nameasg. Bha daoine geala ris an obair cheudna beagan bhliadhnaichean roimhe so, ach ged fhuair iad òr, cha deanadh iad tuarasdal ceart gathionail, agus leig iad seachad e. Faodaidh e bhith gum faigh na Sineich, aig am bheil barrachd foighidin, ’s a bhios riaraichte le tuarasdail nis lugha, air adhart nis fhearr.

BAS MHURCHAIDH MHIC-LAOMUINBidh càirdean MHIC-TALLA duilich sgeula bàis aGhàidheils an Sgiathanaich chòir so a chluinntinn. Chaochail e aig a dhachaidh, am Bail-an-tobair, Eilean aPhrionnsa, air an t-seachdamh latha deug de September. Bha e tinn ùine mhor, ach cha robh a thinneas cràiteach, agus chriochnaich e a thurussan t-saoghal so mar gum biodh e tuiteam nachadal. Bha e ceithir fichead bliadhna dhaois, agus dhfhàg e bantrach is naodhnar chloinne. Bha e na dhuine air an do bhuilicheadh buadhan inntinn neo-chumanta. An làitheanòige cha dfhuair e ach gle bheagan sgoile, ach bha e na dhuine fiosrach, aig an robh deagh cheann-labhairt, agus a bha na chòmhraidiche fior thaitneach. Bha litir uaithe uair is uair anns a MHAC-TALLA, agus bu mhath a chòrd iad ris na leughadairean, ged nach robh iad idir rin coimeas ri e-fein a chluinntinn acòmhradh. Bha eòlas air fad is farsuing anns an Eilean, agus far an robh eòlas air bha meas air. Bha e na Ghàidheal cho dìleass a baithne dhuinn riamh; bha chridhen dlùth-cheangal ri dhùthaichs ri cainnt a shinnsir. A bhàrr air sin bha e nadhuine air an robh eagal Dhé, agus a dhfhàg an saoghal so an làn dhòchus ri bhin seilbh air saoghal as fhearr.


Na Rionnagan.

Ma dhamhairceas neach air na spéuraibh, air oidhche chiùin, reòta, gheamhraidh, chì e mu mhile rionnag an crochadh mar lòchranaibh drilinneach os a cheann, —chì e iad de gach meud, agus soilleireachd, —cuid diubh beag agus fann, agus cuid eile dhiubh mòr, agus adealrachadh le solus soilleir agus seasmhach! Ach ged nach fhaicear ach mu mhile dhiubh so leis an t-sùil luim, chithear le gloineachaibh ìnnleachdach a fhuaradh a mach, mun cuairt de cheud mìle, uile còmhlath! Agus chaneil an àireamh mhòr so, [ ? ] air feadh farsuingeachd na cruitheachd, ach mar eitean gaineimh air tràigh na fàirge! Tha cuid diubh anabarrach mòr, —fichead, —leth-cheud, —mìle uair nis nan talamh air am bheil sinnagluasad, agus is gann a gheibhear aonnam measg co beag ris! Goirear le teallsanaich rionnagan suidhichte dheth gach solus a chithear anns na nèamhaibh, ach chan abrar so ris aghréin, agus aghealaich againne, no ri aireamh bheag de reultaibh agus de ghealachaibh eile, agus de rionnagaibh-earbullach, a ta cuairteachadh na gréine. Tha na rionnagan suidhichte aig astar uamhasach, agus do-thuigsinn air falbh uainn-ne; agus an uair a smuainicheas sinn air am méud, an àireamh, an nàdur, agus an astarcha chomas dhuinn, an sin, gun smuaineachadh air cumhachd an Ti Uile-ghlòrmhor sina sgeadaich na nèamha le a Spiorad.” Chum beachd a thoirt air astar nan rionnag so air falbh, ghabhadh am peileir as luaitha chaidh riamh a mach á béul gunna, ged a dhfhanadh ena dheannaibh, còrr agus muillean bliàdhna, mun ruigeadh e cuid dhiubh! Nach ceart a dhfheudas daoine acheist a chur, a rinn na nithe mora, maiseach, agus miorbhuileach so? , ach an Dia sin, “a rinn an talamh lechumhachd, —a shocruich an saoghal le ghliocas, —agus le thuisge a sgaoil a mach na nèamha.”


Anameasarrachd.

Ma tha gus nacheil an lagh ris an canarsa BheurlaScott Acta deanamh math, saoilidh mi nach fhaicear toradh cho mors a dhfhaodte nalorgsa bhaile so. Tha càirdean na stuamachd atogail an gutha an dràsdas a rithist acàineadh luchd-reic deoch-laidir. Am bheil an cònnsachadh sin gu buannachd? Nach bfhearr a bhig obair na bhi bruidhinn?

Tha mise deimhine nam biodh fios aig moran de chàirdean na stuamachd air na trioblaidean a tha iomadh athair is màthair bhochd a fulang air sàilleabh an cuid mhac a tha, cho luathsa tha nan comas, ag imeachd air slighean baoth an uilc, gun deanadh iad barrachd mor is bruidhinn am measg a chéile. ’S iomadh pàranta truagh a tha feitheamh gu foighidneach o latha gu lathas o oidhche gu oidhche an dòchas gum faic e a mhac fhathast nadhuine stuama, ’s na dòchasan sin air an siabadh air falbh, a chionn nacheil càirdean na stuamachd ag eiridh suass a cur stad air na daoine a tha ris an obair mhallaichte a tha lagh Dhé is dhaoine adìteadh. Theid aig duine a than da-rireadh air moran a dheanamh; agus ma tha Dia air a thaobh, mar a tha e anns achùis so, chan urrainn ifrinn fhein cur naaghaidh. Nacheil so na aobhar misnich ma ta? Tha paipearan a bhaile so a toirt cunntas air a dhasa tris a ceithir a bhi am prìosan o latha gu latha, ach am bheil iad a cur a choire sin air luchd-reic an stuth-laidir? ’S iad nacheil.

S e tha mhiann orm focal no dha a radh ris amhuinntir a than aghaidh an stuth-laidir, ach nach do dhfhairich riamh a ghath. Dùisgibh asur clò-chadail. Ma tha aon nisa bhaile so a tha faighinn lamh-an-uachdairs e an ni sin an stuth làidir. Agus chaneil innleachd is urrainn mac an duine a dhealbh gus cur naaghaidh gu moran math mureil an Tighearna Dia air a thaobh. O, air sgàth an athairs na mathar bhochd a tha fulang gu sàmhach, deanaibh an obair so; air sgàth Latha naomh an Tighearna tha air a bhristeadh gu h-uamhasach le luchd an òil, deanamhur dichioll; agus gheibh sibh a bhuaidh air a cheann mu dheireadh. Bitheadh foighidin mhath agaibh. Cha bhi ur saothair gun duais. ’S e so mo bheachdan-sa as leth cur as do stuth-laidir. Agus ma chì sibh iomchuidh an cur an clò bith[ ? ]


Turus-fairge do America.

LITIR A CHAIDH A SGRIOBHADH AN 1841.

Bu trom, tiamhaidh smaointean mo chridhe air dhomh a bhi call seallaidh air beanntan mo dhuthcha, ’s cha robh em chomas gun mo bhròn a thaisbeanadh le deuraibh goirtes mi toirt maghaidh air cuan farsuing America. Bha cuimhne nan làithean a dhfhalbh gu goirt acràdh mo chridhes mo chuim, ’s cha do smaoinich mi riamh gu fiosraichinn a leithid do thaiseachadh-cridhes a dhfhiosraich mi san t-suidheachadh san robh mi nis air mo chàramh. Bham bàs an déigh iomadh briseadh a dheanamh ann an àireamh mo luchd-dàimh agus eòlais; chaidh iomadh snaim fhuasgladh a bhagam cheangal ri tir nam beann; ach aidicheam ged bu nàmhaid dhomh gach caraid a dhfhàg mi as mo dhéigh dhùraiginn tilleadh a ris a dhfhaicinn tìr mo dhùchais agus mo ghaoil; ’s ged bha innleachdan gluasaid na luinge sogam ghreasad air falbh á fradharc mo dhùthcha bha aiteas orm a smaoineachadh gu faodainn a bhi air mo thoirt air mais am beagan làithean a dhionnsuidh achòrsa bha mi nis afàgail. Ach theagamh, mo thruaighe! gu faodainn mo dhùthaich a ruigheachd ni bu tùrsaiche na dhfhàg mi i. Chithinn iomadh briseadh agus bearn air an deanamh leis abhàsagus iadsan a dhfhàg mi ann an trein an neirt no ann am maises an snuadh na h-òige ann an tosd muladach abhàis. Bhan long agluasad gu siùbhlach gun bhin eisiomail srutha no soirbheis, oir nam bitheadh i sin dhfhaodadh i bhi ceithir latha fichead ris an astar a rinn i ann an ceithir uaire ficheadnuair a rinn i falach-cuain air gach fearann. Bha im bitheantas ri chiad gu leth milesna ceithir uaire fichead, agus rinn i aon uair dlù air tri chiad mìle.

Air latha na sàbaid shearmonaich ministeir òg a bha dol do Eilean aPhrionnsa, agus bu taitneach tiamhaidh na smaointean a dhùisg an clag agairm an t-sluaigh gu aoradh Dhé air uchd achuain; chruinnich gach aon a bhair bord, mu thuairmeas ceud gu leth, do thigh uachdrach na luinge. Bba na maraichean uile ann ach aon no dha air an robh cùram an t-soithich. Sheinneadh earrann don cvii. Salm,

Luchd-luingeis theid air muirs a bhios
Ri gniomh an uisge buan,
S iad sid don léir mòr oibre Dhé
Sa mhiorbhuile sachuan. &c .

Ben ceann-teagaisgPilibh: carson a bhàsaicheas sibh?” Nochd am ministeir gach meadhon a bhan Tighearn acleachdadh chum an t aingidh a thilleadh; gun robh e gu tric acur drisean an àmhghair roimhe san t-slighe Hos. ii. 6. —ach gum bem focal, ann an laimh an Spioraid an t-aon mheadhon éifeachdach chum na criche so. Gum be claidheamh an Spioraid e, leis an robh Criosd acosnadhs acur a rioghachd am farsuingeachd san anams anns an t-saoghal, ’s nan rachadh neach a thoirt aon uair fo shileadh an t-soisgeil gu faodadh meadhona eile bhi air an naomhachadh don anam agus comh-oibreachadh gus am peacach a thoirt gu aithreachas; agus cha bfhada gus an deachaidh an teagasg so a sparradh gu druighteach orm fhein. Dheirich stoirm ghàbhaidh a thug amchuimhne gach teagasg, gach earail as achmhasan a fhuair mi riamh, ’s bu chulaidh-uamhais dhomh cho beag drùghaidhs a rinn iad orm; bha mi cinnteach gun robh an Tighearn a nis alabhairt rium ann an osna stoirm amheadhon oidhche, mar bu bhitheanta rinn e ann an caol-ghuth ciùin focail na slàinte.

Ann an turus cho goirids a bhagainn air [ ? ]



[51]

[Vol . 11. No. 7. p. 3]

leth eadar Liverpool agus Halifax) cha mhor nithean annasach a thachair. ’Se ni bu mhò ioghnaidh leinn siubhal buadhar na luinge feadhghleannta crom an t-sàilegun umhail aice ciod achearn as an éireadh an soirbheas. Chan eil fhios co dhiubh as sàbhailte na luingeis so na na luingeis sheòl, ach nam bithte cinnteach as an innleachd-ghluasaid, chaneil teagamh nach iadsan as sàbhailte. Greasaidh iad nis luaithe as an stoirm, tha iad làidir diongmholta, le rogha sgioba. Tha iad ann am meud nis na luingeis eile. Giulainidh iad mu thuairmeas mìle gu leth tunna. Tha seachd ciad tunna guail air bòrd aig gach aon diubh afàgail Liverpool. Than luach aisig ard, achs coltach gun islichear en ùine gun bhi fadas gun deanar an turus ann an seachduin. Than luach-aisig dlù air da fhichead punnd Sasunnach, ach chaneil e nis daoire na bha e air luingeis sheòl o cheann da fhichead bliadhna.

S iomadh nithachras san t-saoghal so. Bha e aon uair air a mheasna ni gun tùr, oidhirp a thoirt air cuan America le loingeas smùidea chionn gun robh muinntir am beachd nach giùlaineadh iad uiread ghuails a dhfheumadh iad. Bheirear fhathast oidhirp air dol do Australias do na h-Innsibh an Ear. Thugadh oidhirp o cheann beagan bhliadhnachan air dol do na h-Innsibh rathad Cheap an Dòchais; ghealladh duais don neach a thug an oidhirpach theirig an gual agus bha e ni bfhaide nan tim a luthasaicheadh dha. Bha iomadh aon acur-iomchair air Comunn nam marsantan, (East India Company)nach robh luingeas smuide dol do Innsean na h-airden Ear roimhe so. Dhfhàgadh achùisnan lamhan, ach tha muinntir asmaoineachadh an àitechuis aghartachadh, gur h-ann a chuir iad gach culaidh-bhacaidh san rathad. Tha iad aig an àm so atogail long-smuide iaruinn ann am Bristol, an Sasunn. Giulainidh i mu thuairmeas tri mile gu leth tunna. Tha i teann air a thri uiread ri h-aon a chaidh a thogail fhathast. ’S ann gu bhi dol do America tha i, ach dhfhaodadh i dol do chearnaibh as fhaid as. Chaneil teagamh nach faigh America agus dùthchannan eile togail nach dfhuair iad riamh roimhe ann am malairts ann an sochairean lionmhor eile ri linn do na luingeis so oidhirp a thoirt air achuan.


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. IX.

CHUIR na briathran so dragh mor air an àrd-chomhairleach. Uine roimhe sid thuirt an righ ris gun robh e smaointean gun tugadh e a nighean dha mhac ripòsadh. Uime sin bha eagal air, agus cha bann gun aobhar, gun atharraicheadh an righinntinn, leis cho fior thoilichtes a bha e leis an tiodhlac ro luachmhor a fhuair e. An sin chaidh e far an robh an righ, agus chuir e cogarna chluais, agus thuirt e ris: “Mo thighearna, feumaidh mi aideachadh gum bheil am fear a thug dhuibh an tiodhlac ro luachmhor mar so airidh air bhur nighinn. Ach tha miguidhe air bhur mòrachd gun toir sibh dhomh dàil thri miosan mun toir sibh seachad gealladh sam bith. Tha min dòchas gum bi mo mhac-sa, air am bheil meas cho mor agaibh, comasach air tiodhlac as fhearr na tiodhlac Aladin a thoirt dhuibh. Tha sibh eòlach air mo mhac-sa, ach chaneil ann an Aladin ach tur choigreach do bhur mòrachd.”

Ged a bha lan-fhios aig an righ nach robh e comasach don àrd-chomhairleach tiodhlac bu luachmhoire na sid fhaotainn dha mhac gus a thoirt seachad, dheisd e ris, agus dheònaich e dha am fàbhar a dhiarr e. Thionndaidh e ri màthair Aladin, agus thuirt e rithe: “A dheadh bhean, bi falbh dhachaidh, agus innis do dmhac gum bheil mitoirt maonta don iarrtus a chuir e mu mchoinneamh. Ach cha phòs mo nighean gus am faighear gach deisealachd deante. Agus tàirngidh sin ùine thri miosan. An uair a theid an ùine sin seachad, thig an so a rithist. Thill màthair Aladin dhachaidh agus i moran na baoibhniche na bha ismaointean a bhitheadh i, oir bha in dùil nach biodh e comasach dhi cead fhaighinn air bruidhinn ris an righ; agus a bharrachd air a sin, fhuair i freagairt fhàbharrach an àite diultaidh agus aobhar nàire mar a bha in dùil a gheibheadh i.

An uair a chunnaic Aladin a mhàthair atilleadh, dhaithnich e gun robh naigheachd mhath aice; oir thill i na bu tràithe na bàbhaist dhi, agus bha aoidh air a gnùis.

Seadh, a mhàthair,” arsesan, “am faod mi bhithg àrach dòchais, no am feum mi bàsachadh ann an eu-dòchas?”

An uair a chuir i dhith an sròl, agus a shuidh i ri thaobh air an t-sofa, thuirt i ris: “A mhic, air eagal do chumail fadann an teagamh, faodaidh mi innseadh dhut gur ann a tha aobhar agad a bhith gle thoilichte an àitebhithsmaointean air abhàs.”

An sin dhinnis i dha gun dfhuair i éisdeachd on righ air thoiseach air a h-uile neach eile, agus mar sin gun dfhuair i dhachaidh na bu tràithe. Dhinnis i dha mar an ceudna mar a ghuidh i air an righ nach deanadh e dioghaltas oirre air son iarrtus cho mi-choltach a chur fa chomhair, agus an fhreagairt fhàbharrach a thug an righ dhi; agus, cho fad’ ’s a burrainn ithuigsinn, gun robh buaidh mhor aig an tiodhlac air inntinn an righ. “Ach an uair bu lughashaoil mi,” arsise, “agus an uair a bha edol a thoirt freagairt dhomh, chuir an t-àrd-chomhairleach cogarna chluais, agus bha eagal orm gum faodadh gur ann gus an righ a thionndadhnar n-aghaidh a bha e.”

An uair a chualAladin an naigheachd so, bha esmaointean gum be fhein duine cho sonas a bhair an t-saoghal. Agus thug e mile taing dha mhàthair air son na ghabh i de dhragh, agus air son cho maths a shoirbhich leatha.

Ged a bha na tri miosan gle fhada leis, chuir e roimhe gun cuireadh e seachad iad cho foighidneachs a burrainn e, on a bha ecur làn earbsa ann am facal an righ. Ach cha be mhàin gun robh ecunntas nan làithean agus nan uairean, ach bha e cùnntais nam mionaidean mar an ceudna.

An deigh do dha mhios a dhol seachad, chaidh a mhàthair don bhaile air feasgar àraidh a cheannach olla. Bha greadhnachas mor anns abhaile, agus gach neach astri feuch co bu bhriagha chuireadh na h-uinneagan agus na taighean ann an òrdugh le ditheannans le duilleach nan craobh bu mhaisiche na cheile. Bha na sràidean làn le oifigich amarcachd air eich bhrasa, mheanmnach air an robh srianan is diollaidean anabarrach riomhach, agus moran de luchd-frithealaidh maille riutha. Dhfheòraich i ciod bu chiall don mhor ghreadhnachas a bhanns abhaile.

Co as a thainig tu?” arsam fear a bhareic na h-olla rithe. “Nach cualthu idir gum bheil mac an àrd-chomhairlich adol a phòsadh nighean an righ anochd? Tha i gu tilleadh air ais gun dàil as an taigh-fharagaidh, agus tha na h-oifigich a tha thufaicinn, afeitheamh gus an tig i, agus leanaidh iad i don lùchairt far am bheil am pòsadh gus a bhith air a dheanamh.

An uair a chuala màthair Aladin so, ruith i dhachaidh cho luaths a burrainn i. “A mhic,” arsise, “tha thu caillte! Tha thucur earbsa ann am facal an righ, ach cha bhi dad agad air a shon.”

Bha Aladin ann an staid eagalaich an uair a chuale so. “A mhàthair,” arsesan, “cia mar a tha fhios agaibh gun do bhrist an righ air a ghealladh?”

An nochd fhein, tha mac an àrd-chomhairlich adol a phòsadh nighean an righ.”

An sin dhinnis i dha na chuali, agus thuig e gun robh achùis coltach gun tachradh mar a dhinnis i dha.

Chuir so dragh anabarrach mor air Aladin. Agus chuireadh an naigheachd so duine sam bith eilena bhreislich buileach glan. Ach anns an àm chuimhnich e air achrùisgein, a bha roimhe sid gle fheumail dha. Agus gun aon fhacal a radh le feirg mu dheidhinn mar a rinn an righ, an t-àrd-chomhairleach, agus a mhac air, thuirt e: “Is docha nach bi mac an àrd-chomhairlich cho sonanochds a tha e ann an dùil. Fhads a bhios mise tiotadhnam sheòmar fhin, faighibhse deiseil ar suipear.”

Chaidh idheasachadh na suipearach, agus bha amhrus aice gun robh a mac adeanamh feum dhen chrùisgein a chum, nam bu chomasach e bacadh a chur air aphòsadh.

An uair a chaidh Aladin don t-seòmar, thug e suathadh air achruisgean, agus ann an tiotadh bham fathach air a bheulaobh, agus thuirt e ris: “Ciod a tha dhith ort? Tha mise deas gus ùmhlachd a thoirt dhut mar do sheirbhiseach, agus seirbhiseach nan uile aig am bi an crùisgean nan làmhan; mise agus seirbhisich eilechrùisgein.”

Eisd rium,” arsAladin; “gus a so thug thu ugam am biadh a bha dhith orm; ach a nis tha obair anabarrach cudthromach agad ri dheanamh dhomh. Dhiarr mi nighean an righ air a h-athair ripòsadh; gheall etoirt dhomh an ceann tri miosan; agus an àite cumail righealladh, tha e nochd, ged a tha na tri miosan gun dol seachad fhathast, ’g a toirt do mhac an àrd-chomhairlich ri pòsadh. Tha mi direach air an naigheachd so a chluinntinn, agus tha micreidsinn gum bheil i fior. Cho luaths a theid fear na bainnse agus bean na bainnse a laidhe, bheir thu iad fhein agus an leaba ann an so.”

A mhaighstir,” fhreagair am fathach, bheir mi ùmhlachd do bhur n-àithne. Am bheil àithne sam bith eile agaibh ri thoirt dhomh?

Chan eil an drasta,” arsAladin; agus chaidh am fathach as an t-sealladh.

Chaidh Aladin sios an staidhre, agus ghabh eshuipear còmhladh rimhàthair, agus coltas air a bhith cho stoldana inntinns ab àbhaist dha; agus an deigh na suipearach bha ebruidhinn mu phòsadh nighean an righ mar nach biodh ecur suim sam bith ann. ’Na dheigh sin chaidh e da sheòmar fhein, agus chaidh a mhàthair a laidhe. Ach dhfhan esan air a chois gus an drinn am fathach mar a dhàithneadh dha.

Aig acheart àm bha ullachadh morg a dheanamh ann an lùchairt an righ air son na bainnse; agus gus an robh e meadhain oidhche, bhan ùine air a cur seachad leis gach deas-ghnath agus greadhnachas a bha freagarrach air son a leithid de chòmhdhail.

Aig amheadhain-oidhche, dhfhalbh mac an àrd-chomhairlich gu bog, balbh as achuideachd ghreadhnaich an uair a sméid aon dhe na caillteanaich air, agus thugadh e don t-seòmar cadail aig nighean an righ.

Chaidh e don leabaidh an toiseach, agus ann am beagan ùine thainig abhanrigh agus na



[52]

[Vol . 11. No. 7. p. 4]

mnathan-coimhideachd le bean na bainnse; ach cha bann gun stri. A reir mar a bha cleachdte, dhfheumadh a h-uile bean bainnse leigeadh oirre gun robh i, am muighs am mach, an aghaidh a dhol a laidhe còmhladh ri fear na bainnse. Ach a dholc no dheiginn gun dfhuair na mnathan a bhag a cur a laidhe, thug i dhith a h-aodach, agus chuir iad don leabaidh i. Agus an deigh don bhanrigh a pògadh, agus oidhche mhath fhagail aice, chaidh imach as an t-seòmar, agus ghlasadh an dorus.

Cha bu luaithedhruideadh an dorus na thainig am fathach mar a gheall e do Aladin, agus sguab e leis iad fheins an leaba mar a bha iad, agus ann an tiotadh thug e iad don taigh aig Aladin.

Bha Aladin gle neo-fhoighidneach afeitheamh gus an tigeadh am fathach, agus cha do leig e le mac an ard-chomhairlich a bhith fadanns an leabaidh còmhladh ri nighean an righ.

Thoir leat an duine so a thair ur-phòsadh,” arsAladin ris an fhathach, “agus glas ann an stabull e, agus thig an so am màireach aig soilleireachadh an latha.”

Anns amhionaid thog am fathach leis mac an àrd-chomhairlich as an leabaidh mar a bha e, agus chuir e e far an dòrdaich Aladin dha. Sheid e anail air a chum nach biodh e comasach air gluasad as an aitan robh e.

Ged a bha gaol mor aig Aladin air nigheau an righ, cha drinn e moran bruidhne rithe an uair a dhfhàgadhnan ònar iad; ach thuirt e rithe: “Na biodh eagal sam bith ort, a bhana-phrionnsa ghràdhach; tha thu sàbhailte gu leòr ann an so; oir ged a tha gaol anabarrach mor agamsort, bheir mi dhut gach meas agus urram air am bheil thu dligheach. Ged a bfheudar dhomh deanamh mar a rinn mi, chaneil enam bheachd masladh sam bith a thoirt dhut. Is ethanam bheachd bacadh a chur air fear eile greim fhaotainn ort, on a gheall an righ do thoirt dhomh ri dphòsadh.”

Cha chuala nighean an righ riamh gun do gheall a h-athair a toirt mar mhnaoi do dhAladin, agus mar sin cha do chuir i abheag de shuim anns na labhair e. Ghabh i a leithid a dheagal agus a dhioghnadh o na thachair dhis nach tugadh i freagairt sam bith dha. Ach air a shon sin, chuir e dheth a chuid aodaich, agus chaidh e laidhe, agus chuir e an claidheamh anns an leabaidh ritaobh mar chomharradh gun robh e toilltionnach air a bhas nan cuireadh e dragh sam bith oirre.

Bha Aladin gle thoilichte a chionn gun deachaidh aige air mac an àrd-chomhairlich a mhealladh cho mor, agus chaidil e gu math trom.

Ach cha do chuir nighean an righ seachad oidhche riamhna beatha cho neo-shona rithe sid. Agus ma bheir sinn fa near an suidheachadh anns an dfhàgadh mac an àrd-chomhairlich, faodaidh sinn a thuigsinn gun robh e ann an staid moran na bu mhiosa.

Cha robh aobhar sam bith aig Aladin air an crùisgean a shuathadh gus am fathach a ghairm. Thainig e aig an uair ainmichte, direach an uair a bha Aladin an deigh cur uime, agus thuirt e ris: “Tha mi an so, a mhaighstir; ciod i an àithnetha sibh atoirt dhomh?”

Bi falbh,” arsAladin, “agus thoir mac an àrd-chomhairlich as an aites an do chuir thu e, agus cuir a rithist anns an leabaidh so e, agus thoir an leaba rithist do luchairt an righ, agus fàg i far an dfhuair thu i.”

Ann an tiotadh thainig am fathach air ais le mac an ard-chomhairlich. Thug Aladin an claidheamh as an leabaidh, agus chuireadh fear na bainnsena laidhe ri taobh nighean an righ. Agus ann an tiotadh thug am fathach an leaba gu ruige luchairt an righ, agus dhfhàg e i far an dfhuair e i.

Ach feumaidh sinn a thoirt fa-near nach fhaca nighean an righ no mac an ard-chomhairlich am fathach idir. Chuireadh a chruth oillteil am bàs orra nam faiceadh iad e. Cha mho na sin a chualiad facal dhen chòmhradh a bheadar Aladin agus am fathach. Mhothaich iad gun robh an leaba anns an robh iadnan laidhe agluasad o aon àite gu àiteile; agus faodar a thuigsinn gun do chuir so eagal gu leòr orra.

(Ri leantuinn.)


NA GAIDHEIL AN CEAP BREATUNN.

AM measg nan Gàidheal, anns gach dùthaich sam bheil iad, is tric a chluinnear a bhi gearain air na fasanan Gallda. Tha iad atolladh a stigh a lion beagan is beagan, acur nan seann fhasanan Gàidhealach air chùl, agus chan urrainnear am bacadh. Tha an ni ceudnadol air adhart ann an dùthchannan eile, fasanan is cleachdaidhean nan dùthchannan beaga adol á sealladhs fasanan is cleachdaidhean nan dùthchannan mora agabhail an àite. Is dual don chùis leantuinn mar sin, gus mu dheireadh thall am bi a mhor chuid den t-saoghal mar aon dùthaich agus mar aon sluagh, air-neo gus an gabh muinntir gach dùthcha aithreachass am pill iad gu gnàths an aithrichean fein.

Cha mhor a smaoinicheadh gun deanadh atharrachadh fasain sluagh treun, tir-ghràdhach mar bha na Gàidheil a chur air imrich thar cuain, ach chan eil teagamh nach ben t-atharrachadh cleachdaidh a thainig orra mar shluagh an deigh Bliadhna Thearlaich is coireach gu bheil an eachdraidh ghoirid so ri sgriobhadh an diugh. Gu ruigen t-àm sin bha na Gàidheil air an roinn nam fineachan, anns an robh gach ceann-feadhna mar athair teaghlaich mhoir agus an fhine uile mar chloinn dha. Anns na làithean sin bi toil a chinn-fheadhna ann an tomhas mor toil na fine, agus be math na fine math achinn-fheadhna. An àm togail creiche no toirt a mach tòrachd bha iad mar aon duine: an àm sìthe bha gach duine nathuathanach, agus an àm cogaidh bha gach duine nashaighdeir. Agus chan eil teagamh mur biodh Bliadhna Thearlaich, nach biodh a mhor chuid de na Gaidheil air fuireach an tir na beann, ’s nach biodh an sliochd an sin an diugh ag iasgach, asealgs adol air àiridh mar bu nòs ri linn Dhonnachaidh Bhàin. Ach cha be sin a bhan dàn dhaibh. Bha rompa sgapadh air feadh an t-saoghail, agus bha blàr Chuilfhodair agus na reachdan cruaidhe Sasunnach a thàinig na dhéigh coireach ri obair an sgapaidh a thòiseachadh. Nan robh iad air am fàgail fon t-seann òrdugh, an saorsa nam beann, cha mhor dhiubh a ghluaiseadh gu bràth á dùthaich an sinnsireachd, ach fon òrdugh ùr chuireadh eiginn orra. Bhan t-sìth a chumail o bhliadhna gu bliadhna, gun chothrom falbh is tighinn mar a chleachd iad, ro-chuingeil leotha. Bhristeadh na bannan dàimh is dìlseachd a bha roimhe sin aceangal nam fineachan ris na cinn-fheadhna. Chan fhaodadh an ceann-feadhna a shluagh a ghairm a mach gu cogadh ni bfhaide, agus a lion beagan is beagan thainig e gu bhi call a dhreuchd mar athair a shluaighs gu bhi fàs na uachdaran fearainn, ’s iadsan nan tuath bhigs nan croitearan. Dhfhadaidh so an cridheachan an t-sluaigh spiorad an-fhois, agus mun do ruith moran bhliadhnaichean thòisich buidhnean beaga dhiubh ri dhol air imrich thar cuain. Thòisich na cinn-fheadhna aig an àm cheudna ri barrachd dhen ùine chur seachad air aGhalldachd, agus an sin bha iad acur cùl ri cleachdaidhean na Gàidhealtachd, ’s acall an eòlais air an luchd-cinnidh. Agus mar bha iad acall an eòlais orra bha iad acall am bàigh riuthas mar sin air an ullachadh air-son na rinn iad an ceann tìme. Ann am frithealadh nan cruinneachaidhean greadhnach is fleadhach anns na bailtean-mora, rinn moran dhiubh ana-caitheamh air am maoin. Cha robh an sporanan ro throm, ach ged nach robh, dhfheumadh iad ceum a chumail riuthasan aig an robh saoibhreas. Bha iad mar sin bliadhnan deigh bliadhna adol anns na fiachan, agus air a cheann mu dheireadh bfheudar do iomadh fear dealachadh ris an oighreachd a fhuair e o shinnsir, ’s a bhuineadh air tùs don fhine cho maths a bhuineadh i don cheann fheadhna. Aig an àm a bha so atachairt bha pris mhor air caoraichs air crodh, agus air son an crannchur a leasachadh, thòisich iad ri cumail spreidhes chaorach. Agus nuair bha am fearann a fàs gann, thòisich iad ri fògradh an t-sluaigh air-son tuilleadh àite dheanamh do na h-ainmhidhean. Bann air am fògradh mar so a bha moran dhiubhsan a shuidhich ann an Canada. Gun teagamh thainig moran eile de shaorsan toile fein, air dhaibh a bhi faotainn misnich uapasan a bha bhos rompa; ach faodar a bhith cinnteach mur biodh na ceud bhuidhnean a thainig a nall air an cur ann dhan aindeoin nach biodh ann an Canada an diugh ach àireamh gle bheag de shliochd nan Gàidheal.

Bann mun bhliadhna 1784 a thòisicheadh ri fògradh nan Gàidheal. Thatar acur air Diuc Atholl gum be theann ris an obair an-iochdmhor sin an toiseach, ach cha bfhada bha e rithe nuair a ghabh cinn-fheadhna eileeisimpleir. Chaidh an sluagh fhògradh á Srath-ghlas, á Gleann-garaidh, á Cnòidearts á Lochabar eadar 1784 is 1805. An deigh sin bha moran air an cur air falbh á Cataobh. Agus anns na h-Eileanan: bha eilean Ruim air fhàsachadhsa bhliadhna 1826, agus Eilean nam Muc an 1828. A Uidhist a chinn a tuath bha moran air am fògradhsa bhliadhna 1849, agus á Uidhist a chinn a deass á Barraidh an 1851. Bha so uile air a dheanamh a chum àite dheanamh do chrodhs do chaoraich. Bha Galldachd na h-Alba agus Sasunn freagarrach air-son togail arbhair, ach beanntan àrda na Gàidhealtachd bha iad na bfhearr gu togail cruidh is chaorach; agus smaoinich sealbhadairean an fhearainn gum bu mhath an cothrom air saoibhreas a chur ri cheile nam faigheadh iad an tuath dhùthchasach a chur air falbh agus na beanntan far am bàbhaist crodh nan tuathanach a bhi air àiridhsan t-samhradh a chur fo chrodhs fo chaoraich.

Chan eilear an so adol a thoirt iomraidh air gach fòirneart is ana-ceartas a dhfhuiling an sluagh bochd so a fàgail an dùthcha. Cha mho a bheirear breth orra-san a bha ri obair an-iochdmhor an fhògraidh. Thugadh breth air amhor chuid dhiubh cheana le breitheamh as àirde na breitheamhna na talmhainn. Tha cuid dhiubh air an dubhadh as gu buileach, gun aon den sliochd beò air thalamh, agus cuid eile a dhfhàg sliochd aig nach eil òirleach de dhoighreachd an sinnsir. Faodaidh ana-ceartas is eucoir lamh-an-uachdar fhaotainn air ceart is còir, ach eadhon anns an t-saoghal so cha teid luchd na h-eucoir as o pheanas. Agus an diugh is fior ainneamh an oighreachd Ghàidhealach a than seilbh sliochd nam feadhnach bu choireach ris an fhògradh. Bhiodh e ceart ainmeachadh an so gun robh moran de na cinn-fheadhna nach do chuir eigin sam bith air an t-sluagh an oighreachdan fhàgail. Chuidich iad leothasan a bha deònach falbh, ach



[53]

[Vol . 11. No. 7. p. 5]

dhéilig iad gu caoimhneil, ceart riuthasan a dhfhuirich; agus an diugh tha sliochd nan ceann-fheadhna sins an sluagh a tha air an oighreachdan a faighinn air adhart gu sìtheil, càirdeil, gun aon taobh a faotainn coire dan taobh eile.

Anns an t-seann dùthaich cha robh crannchur ar n-aithrichean ach car bochd a reir ar barail-ne a tha air ar cleachdadh ri pailteas is goireasan an lathan diugh. Bu tuathanach mor esan aig an robh deich no dusan acaire fearainn, deich no dusan mart, is treud beag chaorach. Bha iad acòmhnuidh ann an taighean tubhte anns nach robh bhar dha no tri sheòmraichean, cuid anns am biodh simealairs cuid anns nach bitheadh. Bha iad a dheasbhuidh iomadh ni air am bheil an sliochd anns an dùthaich so ag amharc mar nithean nach gabh deanamh as aonais, ach chan eil sin ag radh nach robh iad ann an tomhas mor sona. Mur robh aca gach goireas is grinneas air an cuir sinne feum, bha aca ni a bfhearr, a bhi toilichte len staid. Mur robh iad beairteach, cha robh eòlas aca air, agus mar sin cha robh iad gaionndrainn. Bham pailteas bidh is aodaich aca, bha slàint is fallaineachd aca, agus bha iad amealtuinn sith is càirdeis am measg a chéile.

Rinn an dòigh so air an robh iad atighinn beò anns an t-seann dùthaich an ullachadh air son am beòlaint a dheanamh anns an dùthaich ùir. Bha iad cleachdte ri siubhal fraoiches ri dìreadh mhonaidhean, ri ruamhars ri buain mòine, agus rinn an cleachdadh sin an cruadhachadh fa chomhair siubhail chnoc is ghleann, bàireadh sneachd, is gearradh coille na dùthcha so. Bha iomadh deuchainn is cruadal rompa air an taobh so dhen chuan mhor, agus chaidh an ullachadh air an son leis an Ti sin nach do chuir riamh uallach air druim nach robh comasach air a giùlain.

Thainig iad a nall nan grunnan beaga o bhliadhna gu bliadhna, luchd luinge am bliadhna, da luchd an ath-bhliadhna, agus luchd no dha eile an treas bliadhna. Cha robh iomradh air soithichean smùides na h-amannan sin, agus cha robh na soithichean-seòlaidh ach mall agus neo-chinnteach. Bha iomadh ànradh ri fhulang a bharrachd air an tinneas-mhara. Bha moran de na sgiobairean nach robh os-ceann an cothrom a ghabhail air na daoine bochda a bhag earbsa am beathas an cuid riuthasan imrich.

Cha bann air Ceap Breatunn a thug na Gàidheil an aghaidh an toiseach. Be an t-àite mu dheireadh don do thòisich iad ri tighinn. Shuidhich moran diubh air Eilean aPhrionnsa cho tràth ri 1769, agus ceithir bliadhnan deigh sin rainig acheud soitheach imrich Pictou. Ach ged bha iad ataomadh a nall don da àite sin gach bliadhnan deigh sin, cha dthainig aon do Cheap Breatunn gu ceann còrr is fichead bliadhna. Bann eadar 1791 is 1795 a thainig àireamh dhiubhsan a bha air fearainn a thogail air tìr-mor thairis air Caol Chanso do Cheap Breatunn, agus a shuidhich iad air a chladach an iar, cuid timchioll Shiudaigs cuid eile mu acarsaid Mhabou. Beagan bhliadhnaichean an deigh sin thòisich soithichean ri tighinn gu taobh an ear an eilein. Rainig a cheud Sidnisa bhliadhna 1802, air an t-siathamh latha deug de cheud mhios an fhoghair. Bha oirre so ceud is ceithir teaghlaicheanmu thri cheud pearsa eadar shean is òg. An deigh sin bha na soithichean atighinn gu math tric, agus bha Ceap Breatunn a lionadh suas cho brassa bha an t-Eilean is tir-mor roimhe sin. An deigh na bliadhna 1828 cha robh na h-uiread dhiubh atighinn, agus anns a bhliadhna 1843 thainig an soitheach mu dheireadh agus sguir imrich nan Gaidheal do Cheap Breatunn.

Is beag fios aig fear an tàimh air ànradh fear na mara.” Tha so fior dar taobh-ne tha beò an Ceap Breatunn an diugh agus nach fhacas nach dfhuiling gach cruaidh-chàs is cruadal is ànradh troimhn deachaidh ar n-aithrichean. Thainig amhor chuid dhiubh a nall gun aca air chùl an làimhe na chumadh beò gu ceann bliadhna iad, agus cha robh aca ach dol a ghleachd ris achoille air-son am beòlainte. Anns acheud dol a mach bha iad atogail bhothan anns an deasaicheadh iad biadhs anns an caidleadh iad gus am biodh nan comas taighean a bfhearr a chur suas. An deigh so mar gheibheadh iad ùines cothrom romh thoiseach agheamhraidh, bha iad, le cuideachadh nan coimhearsnach, ma bha iad ann, cuideachadh nach deacha riamh iarraidh gun fhaotainn, atogail taighe bfhearr, ged a shaoileadh àl an lathan diugh nach robh am fearr ann. Bhiodh an taigh so air a dheanamh air logaichean air an càradh air a chéiles na sgaran eatorra air an calcadh le còinnich, maidean snaidhte no bùird shàbhte mar ùrlar, agus am mullach air a thubhadh le cairt nan craobh. Bhiodh simileirs an darna ceann den bhothan so, acumail blàiths is soluis ris an teaghlach. Bha achoille pailt, agus cha bhiodh dìth connaidh orra. Be cheud bàrr a chuireadh iad mar bu trice buntàta, aguss e sin le annlan éisg is sithne bu bhiadh dhaibh roinn mhor den bhliadhna. An ceann bliadhnna no dha bhiodh iad a cur coirce, crithneachd is eòrna, agus thòisicheadh iad ri cumail beagan spreidhe is chaorach. Bha na h-eòins beothaichean beaga na coille nan naimhdean don bharr agus na fiadh-bheothaichean mora do na h-ainmhidhean; biomadh pairce bheag sìl a chuireadh a dholaidh leis na feòragan; biomadh mart mhath is caora a rinn féisd an garaidh a mhathain. nam bliadhnaichean a bha iad acìsneachadh na coille cha robh iad gun an cuid fein de dheuchainnean an t-saoghail, deuchainnean is cruadalan air nach eil eòlas sam bith againne, agus ris nach bitheamaid deònach seasamh. Ach a dhaindeoin sin, bha toileachas-inntinn nam measg air am bheil sinn mar an ceudna aineolach, agus ràinig àireamh nach bu bheag dhiubh aois mhor mun deach an gairm air falbh, aois nach ruig iadsan a tha tighinn beò ann am pailteas an sòghs ar latha-ne.

Mar a shiubhail na bliadhnaichean shiubhail achoille mhor; dhfhàs na h-àiteachan réitichte na bu mhotha, agus dhlùthaich iad ri cheile. A lion fear is fear chaidh na taighean logaichean fhàsachadh, agus ghabh an sluagh còmhnuidh ann an taighean bu mhotha, bu shoilleire agus a bfhearr. Dhfhàs an spreidhs na caoraich na bu lionmhoire, agus shoirbhich le laimh an dichiollaich. Dhfhosgladh rathaidean air feadh na dùthcha, thogadh taighean sgoile agus eaglaisean. Gun teagamh dhfhaodadh iomadh adhartas tighinn air an dùthaich nach dthainig oirre; ach co an dùthaich mu nach faodar sin a ràdh? Agus chan i h-uile dùthaich mum faodar a radh gun do thionndaidh i o bhi nadùthaich choilltich, fhàsail, gu bhi nadùthaich thoraich, àitichte, anns am bheil moran adeanamh beairteis, agus anns nach eil ach gle bheag de dhfhior bhochdainn, mar a dhfhaodar a radh le fìrinn mu Cheap Breatunn.

Bhiodh iad air barrachd adhartais a dheanamh nan robh iad air leantuinn ris an fhearann na bfhearr na rinn iad. Ach tha iomadh bliadhna on thòisich an òigridh ri fàgail dùthaich an àraich mar a dhfhàg an aithrichean dùthaich an sinnsir. Tha bailtean nan Staidean agus na tuarasdail mhora thatar apàigheadh an caochladh chearnan gan tarruing air falbh on dachaidhean. Is àireamh gle bheag dhiu aig nach eil dùil ri tilleadh an àm falbh, agus tha moran a deanamh sin, achs ann an deigh dhaibh làithean an tréines an spionnaidh a chur seachad ann an tìr chéin, agus tha na fearainn, a bha na h-ùine sin air am fàgail am freasdal sheann daoine, air dol a dholaidh cho mors gun gabh iad iomadh bliadhna de chruaidh chosnadh mun toir iad beòlainte cheart a rithist. Faodaidh e bhith gun atharraich so fhathast, ’s gun gabh iadsan a tha aig an àm so adeanamh tàir air obair fearainn tlachd innte. Ged tha cuid dhe na dhfhalbh air soirbheachadh gu math, tha achuid as motha nach do leasaich an crannchur idir, a tha nan luchd-gearraidh fiodhas tarruinn uisge do choigrich nuair dhfhaodadh iad a bhi nan tighearnan air an cuid fearainn féin, gun dìths gun deireas.

Ach a dhaindeoin an fhalbh so, a tha air a chuideachadh gu mor le spiorad na h-an-fhois a fhuair na Gàidheil òga mar dhìleab bhon aithrichean, chan eil na h-uiread afàgails gu bheil an t-eilean a sgur de bhi Gàidhealach. Ged tha na fearainn ann an iomadh aite air an dearmad, chan eil iad air an creic no atuiteam an lamhan mhuinntir eile. Mar so tha gach àite bha air a thogail le Gàidheil an toiseach, ann an seilbh Ghàidheal fhathast, agus bithidh gus an dealaich riutha an gràdhs an ceangal ri dachaidh na h-òige a bha riamh fuaighte ri nàdar a Ghàidheil.

Thatar ameas gun dthainig air imrich do Cheap Breatunn uile gu leir mu choig mile fichead de na Gaidheil. Tha a thri uiread sin dhen sliochd ann an diugh mur eil an còrr, agus faodar a radh gun a dhol bhar na fìrinn gu bheil da thrian dhiubh sin aig am bheil Gàilig. Tha cearnan dhen eilean anns am bheil an sluagh nan cainnt cho Gàidhealachs a gheibhear ann an cearna sam bith de Ghàidhealtachd na h-Alba. Tha iad air an dòigheannan atharrachadh, oir tha iad acur eòlais air goireasan air nach eil iadsan a dhfhàgadh thall, ach nan cainnts nan còmhradh tha iad fhathast cho Gàidhealach ri fàd mòine. Gheibhear sgìreachdan anns am bheil an sluagh, sean is òg, comasach gu leòr air Beurla labhairt, ach eatorra fein agus ri fear-cuairt aig am bi i, cha chleachd iad am bitheantas ach aGhàilig. Ma tha Ghàilig a dol a dhfhaighinn bàs ann an Ceap Breatunn chan ann air chabhaig. Tha an latha air siubhal anns am biodhte deanamh tàire air an t-seana chainnt so eadhon le a càirdean. Aireamh bhliadhnaichean air ais, nuair bha eòlas gann, agus am fear aig an robh beagan Beurla air a mheas na ard-sgoileir, cha robh iad tearc a theireadh gum bu chòir cur as don Ghàilig. Cha chluinnear daoine labhairt air a mhodh sin an diugh. Tha iad atoirt fa near mar nach robh muinntir an ama sin gu bheil cothrom aig fear da chainnt nach eil aig fear na h-aon chainnt ann an toirt a mach foghluim. A bhàrr air sin gur i cainnt an sinnsir, anns am bheil moran den eachdraidh agus an t-iomlan den litreachas ri fhaotainn, agus gur cainnt i air am bheil àrd fhoghlumaichean acur luach mor, agus mar sin fein gum bu mhor am beud a leigeil bàs gun deagh aobhar.

Gu leigeil fhaicinn cho fior Ghàidhealachs a tha Ceap Breatunn, faodar iomradh a thoirt air àireamh nan àiteachan sam bheil Gàilig air a searmonachadhs air a cleachdadh an co-cheangal ri nithean cràbhach. Buinidh na Gàidheil gu ire bhig uile do dha eaglais, an Eaglais Chléireach, agus an Eaglais Chaitliceach. Aig na Cléirich tha air an eilean naodh deug air fhichead eaglais is àite-searmonachaidh, agus chan eil ach sia dhiu sin anns nach eil Gàilig air a searmonachadh. Aig àm a bhisgriobhadh so tha cóig deug air fhichead ministeir suidhichte aca, agus tha naodh air fhichead dhiu asearmonachadh Gàilig. Aig



[54]

[Vol . 11. No. 7. p. 6]

na Caitlicich tha seachd deug air fhichead paraiste, agus chan eil ach sia dhiu gun Ghàilig. Tha da fhichead is aon sagart aca ann an seirbhis, agus is luchd Gàilig a h-aon deug air fhichead dhiu. Nan rachamaid gu luchd-na-pàrlamaid chitheamaid gur Gàidheil is luchd Gàilig ceathrar den choignear a tha sinn acur do àrd-phàrlamaid Chanada, agus cóignear den ochdnar a thadol do phàrlamaid Nobha Scotia. Agus do thaobh nan comhairleach, dem bheil ann an comhairlean nan ceithir siorrachdan tri fichead is ochd deug— ’s co ghearaineadh air an gainnead? —is Gàidheil a bhruidnneas Gàilig leth cheudsa h-ochd. Agus cha bu chòir a leigeil á cuimhne gur ann an Sidni, ceanna-bhaile an eilein, a than aon phaipeir Gàilig a tha air uachdair an t-saoghailam MAC-TALLA.

Ann an caochladh chearnan den eilean tha na Gàidheil a thainig as na h-aon àiteachan air suidheachadh còmhladh. Ann am Mira, sgìreachd mhor a tha deas air Sidni, chan fhaighear ach Uidhistich; ann an St. Anns, an siorrachd Bhictoria, agus aig na Caoil Bheaga gheibhear muinntir Leodhaiss na h-Earradh; aigGrand River,is àiteachan eile timchioll air, gheibhear muinntir Ghearrloch is Loch Aillstha grunn theaghlaichean á Gearrloch mar an ceudna air Beinn nan Gearrloch; tha àireamh de na Sgiathanaich timchioll Hogamahs air cùl Bhaddeck; tha na Barraich air taobh deas Lochan a Bhras dOir, ’s air an taobh tuath eadar Sidnis na Caoil Mhora; tha Muileich, Collaich, Rumaich, Tirisdich is Mucanaich an ceann a deas siorrachd Inbhirnis; agus Abraich, Mor-thirich, is Cnòideartaich an cois achladaich o Chaolas Chanso gu Margaree. Gheibhear cuid de na h-àiteachan air an ainmeachadh air àiteachan anns an t-seann dùthaich: Beinn Leòdhais, Loch Uidhist, Gleann Bharra, Gleann is Beinn nan Sgiathanach, Beinn nan Gearrloch, an Abhainn Mhuileach, an Tairbeart, Sollas, Baoghasdal, Gleann-comhann, &c . Chan eil na h-ainmean Gàidhealach, co-dhiu, cho lionmhors a shaoileamaid a bhitheadh iad, gu seachd sonraichte on bha cuid de na h-àiteachan gus o chionn ghoirid adol fo ainmean cho mi-fhreagarrach risAn Eiphit,” “Sodom,” “An Tuirc,” isBengal,” ged a bfhearr iad sin féin na na h-ainmean àrd-fhuaimneach gun bhrìgh, gun bhlagh, a thugadh air iomadh àite o chionn beagan bhliadhnaichean.

Chan urrainnear anns an eachdraidh ghoirid so sgriobhadh gu mionaideach mu gach car a chuir na Gàidheil dhiù on dhfhàg iad tir nam beann gus an lathan diugh, ach thugadh ionnsuidh air cùnntas aithghearr agus firinneach a thoirt air an imrichan càradhsan dùthaich thallna nithean a ghluais iad gu falbh aisdena deuchainnean troimhn deachaidh iad adeanamh dhachaidhean dhaibh feinsan dùthaich soagus an soirbheachadh a chuir am freasdal orra féins air an cloinn on shuidhich iad air tùs anns achoille ghruamach.”


PIOBAIREACHD.

EARANN III.

LE IAIN MAC NEILL.

BHA ClannIc Aoidh nam Piobairean aig Tighearnan Ghearloich fad ùine mhor. Bha daoine am barail gur h-e Ruairidh Dall a bu dlùithe thigeadh air Mac-Cruimein na linn, ach chuir e a mhac Iain ris an canar gu coitchionn am Piobaire Dall a dhfhaotuinn ionnsachaidh o Pharaig Og MacCruimein agus dhfhuirich e leis beagan bhliadhnachan. Bha aig an àm soh-aon-deug eile ag ionnsachadh na Piobaireachd aig MacCruimein agus ann an ùine gle bheag thug am Piobaire Dall barr orra uile. Dhùisg so mi-rùn dha am measg nam Piobairean eile, agus thilg iad thar creig e, ceithir troighe fichead air airde, latha bha sin, ach thuit e air a chasans cha deirich beud dha. Tha an t-àite air a chomharachadh a mach, agus theirearLeum an Doillris fhathast. ’N uair nach bitheadh na Piobairean eile a deanamh gu ro mhath babhaist do MhacCruimein a radh riu, “Carson nach cluich sibh coltach ri Iain Dall.” Fhreagair fear dhiubh aon latha, “Dheanainn sin mur biodh mo mheoir as deidh na sgait;” agus a so theireadh air uaireabh mu Phiobaire slaodachgu bheil a mheoir as deidh na sgait.” Nuair a thill MacAoidh do Ghearloch be bu bharail dhaibhsan dom bfhearr a baithne nach robh Piobaire ann coltach ris ach am fear a theagaisg e, Paruig Og MacCruimein. Chaidh innseadh dha aon uair gun do chaochail Paruig Og agus air ball thoisich e agus rinn e cumha dha. Ann an ùine ghoirid fhuair e fios nach robh an sgeul a chual e fior agus thog e air a choimhead Mhic Cruimein agus am measg Phort eile a chluich e an sin bha am Cumha so. Dhharaid McCruimein caitan dionnsaich se e. Fhreagair MacAoidh, “ ’S e sin Cumha rinn mi dhuthsa!” “Seadh! Cumha Pharuig Oig, ’s e fhein beo fathast! feumaidh mi ionnsachadh.” Tha am port so agus moran eile de shaothair an duine so ann ach beag a h-uile leabhar piobaireachd, agus mur a dàn a radh theagamh nach eil port eile nis air mhaireann a nochdas grinneas na Pioba mar inneal-ciuil agus a chuireas deuchain air foghlum a Phiobaire mar a ni Cumha Pharuig Oig Mhic Cruimein.

Bha Iain Dall na Bhàrd cho maths a bha e na Phiobaire, agus gheibhear moran da shaothair ann an Sàr Obair nam Bàrd.

Bha Clann an t-Saoir nam Piobairean aig a Mheinearach ann anRainneach nam bo,” agus fhuair aon dhiubh ionnsachadh o Pharuig Og MacCruimein. Is e fear den teaghlach so a chuir ra cheile an da Phort ainmeil sinFaillte Phrionnsa,” agusThainig mo Righ air Tir am Mùideart.”

Bha teaghlach de Chaimbeulaich ann an Lathurna a bha nam Piobairean ro ainmeil. Is ann den teaghlach so a bha Iain Caimbeul a bu Phiobaire de Ile, agus a ghabh curam de Iain Og Ile nuair bha e na bhalachan, mar tha e ag innseadh anns an leabhar sin mu Channtaireachd na Pioba a chuir e mach.

Tha sog am thoirt gu beagan a radh air an doigh a bhaig na Piobairean air ceol a sgriobhadh o shean. Is ann le seorsa de channtaireachd a bha iad a deanamh so, ach cha bionnan seol a bhaca uile. Ged bha a channtaireachd so gle mhath airson cuimhne a chumail air port an deidh ionnsachaidh cha robh e idir furasda port ùr ionnsachadh á leabhar de an t-seorsa so as eugmhais cuideigin a chluinntinn gachluich. Anns a bhliadhna 1828 chuir Caiptean MacLeoid Ghesto mach leabhar piobaireachd air reir doigh Chloinnic Cruimein, ach chan aithne dhomh gun gabh faotainn dhe nis ach aon aig Iain Og Ile agus aon eile a thug anSeann Sgiathanachdo chomunn Gàidhlig Inbhirnis. Thug Iain Caimbeul a dhainmich mi (agus a chaochail a nis o chionn leth cheud bliadhna) leabhar mor air a sgriobhadh ann an Canntaireachd gu coinneamh Phiobairean ann an Duneidinn, ach cha burrainn na breitheamhna ni air bith a dheanamh dheth, agus tha eagal orm gun deachaidh a chall. Anns a bhliadhna 1781 thoisich comunn Gaidhealach Lunnain air cumail coinneamh bhliadhnail agus bha iad a tairgsinn duais airson sgriobhadh ciùil cho maths airson cluich Pioba. Fhuair an Domhnulach a bha na Phiobaire ann an Duneidinn duais uair no dha on Chomunn airson a bhi sgriobhadh Ceol-piobaireachd, agus mu thoiseach na linn so chuir e mach a cheud leabhar Piobaireachd air a sgriobhadh air reir na doigh anns am bheil Ceol-Inneil do ghnath air a chur sios. Tha meas mor air an Leabhar so agus their cuid gu bheil e nas fhearr na h-aon de na Leabhraichean ùra. Chuir Aonghas MacAoidh, a bu Phiobaire don Ban-Righ, a mach Leabhar Piobaireachd fior mhath mun bhliadhna 1840, agus ged tha e soilleir gu bheil mearachdan beaga ann an cuid de na puirt is i mo bharail gur h-e an Leabhar so Cruinneachadh is fearr de Cheol Mor na Pioba a tha againn. Thainig da leabhar ùr eile mach o chionn bliadhna tha fior mhath, ged is gann gu bheil leth-dusain port annta nach eil ann an Leabhar an Domhnullaich no Mhic Aoidh. Tha eagal orm nach tuig daoine nis Ceol Mor mar a babhaist, agus le sin cha dùth suim a bhi aca dheth. Tha na Piobairean ga leigeil air chul agus a tionndadh ri Ceol-mearsaidhs ri Ceol-dannsaidh. Tha pailteas de leabhraichean làn den da sheorsa Ciuil so againn agus iad a tighinn a mach nas bicheannta. Faodaidh mi ainmeachadh leabhraichean le MacAoidh, Gunn, Maclachluinn, Alasdair Glen, Daibhidh Glen, Mac-a- Phi, agus Uilleam Ros, Piobaire na Ban-Righ. Chuir an dùsgadh a thainig air a Ghaidhlig beatha ùr anns a Phiob agus anns gach deadh chleachduinn Gaidhealach. Tha dochas agam gun lean so agus gun dean sinn uile na dhfhaodas sinn chum ar Ceol, cho math rar Canain, a chumail suas agus aiseag seachad le barrachd beartais don al tha teachd nar deidh. Mar thuirt mi cheana tha Piobairean gle lionmhor a nis agus, cia mar sa bith mu Cheol Mor, is i mo bharail gun cluich iad Ceol mearsaidh agus Ceol dannsaidh cho math ri Piobairean a bhann riamh agus bu ghlé mhath leam fhaicinn gun deanamh gach Comunn Gaidhealach tha san dùthaich cuideachadh leis na Piobairean is aird ainmeile a thagainn chum a bhi a sgriobhadh sios ar Ciùil air an doigh is fhearr agus a cur a mach leabhraichean ciùil math aig prisean saor. Leis mar tha an saoghal air atharachadh chaneil e nis comasach doaon sam bith deich no dusan bliadhna chur seachad ag ionnsachadh Piobaireachd o dhuine eile! agus is ann á leabhraichean a dhfheumas daoine neart dam foghlum a tharruinn. Tha an sean-fhacal ag radhGe math a chobhair an t-sealg, cha mhath an saoghal an t-sealg,” agus dheirich do ealain a Phiobaire mar a dheirich do iomadh ni eile: tha i gle mhath mar bhata gu cuideachadh le duine, agus ùrachadh a thoirt dha fhein agus da luchd éisdeachd aig àm, ach chaneil innte ach an droch lorg ma dhfheumas duine a làn thaic a leigeil orra.

Tha Ghàidhligsa Phiob ag eiridh
Gu mor speis am measg nam Gaidheal,
Urram gach ciuil le deagh reusan
S ann aig a Phiob fein a ta e:
S tormanach, pongail a their i
Gach fonn ceileir a thig a braghad,
S i is binnes airde sheinneas,
Cha chluinnear ceol eile làimh ri.

Is binn an nuallan ud ra eisdeachd
Nuair a chuirear seid na màla,
Sa cheartaicheas fear an gleus i
Ceart ra cheile na duis arda;
S cianail a sheinneas i cumha,
Subhach a sheinneas i failte,
Urlarus siubhal gu siubhalach,
Us crunludh mum fuirich i sàmhach.

Sen da chuid i ceol is caismeachd,
S cridheil air astar san tàmh i,
Us bha i riamh air beul gach caisteil
Ri dian mhacnus le ceann sraide.
Ged leig iad aon uair i á cleachdadh
Gun bhi acach an corr àite,
Tha i nis gu grinn am fasan,
S cinnteach dhi mairsinn gu bràth ann.”

(Achrioch.)



[55]

[Vol . 11. No. 7. p. 7]

Oran.

Rinneadh an t-oran a leanas le Oighrig Nic-Iain, bantrach Dhomhuill Mhic-Suain, nach maireann, aig Loch Ainslie, do Mhaighstir Lachuinn Mac Gille-mhaoil, ministeir og a bha aig an àm aig a sheann dachaidh a coimhead air a chàirdean.

FONN.—
Fàil ille eile óro,
Horo ill eile óro,
Fàil ille eil óro,
Ochoin, ma ni thu falbh oirnn.

Mo ghean air Lachuinn ministear,
Gur boidheach is gur h-inich thu,
S a h-uile h-àitam bitheadh tu
Cha bhithinnsort an dearmad.

Gur mise bhios gu tùrsach
Ma dhfhàgas tu an dùthaich:
Gum bi mo chridhe brùite
Ri ionndrainn do sheanachas.

Gur teachdaire o Dhia thu
A chuir E-féin gar riaghladh,
S nam faighinn mar mo mhiann e,
Chan iarrainnsach bhi falbh leis.

Nuair sheasas tusa chùbaid,
S a sheallamaide dlùth riut,
S a thoisicheadh an ùrnuigh,
S e sin a dhrughadh oirnne.

Gur eibhinn bha don t-sluagh sin
Dom bheil an dàn do bhuannachd,
Comhlri do chuid suairceas
Tha buaidh ort anns an t-searmon.

Gur buidhe do dchéile,
Bheir dhachaidh on a chléir thu,
S ann aice bhios an déideag
G éiridh moch is anmoch.

N am biodh e air mordan,
S mi bhi pailt do storas,
Cha leiginnsa ri mbheo thu
Gu seoladh na fairge.

S tric a bha sinn comhla
N ar suidh air cnocn ar n-onrachd,
Nuair bhiodh do theagasg boidheach
Gam sheoladh air son manama.

Chan e beagan eolais
A bhagam air an oigear,
S ann a bha e comhla rium
Nuair bha e og naleanaban.

S muladach do chàirdean,
Dathair is do bhràithrean,
S an cridhen impis sgàineadh
Nuair ni thun dràsd an tearbadh.

Cha cheil mi air an t-saoghal
Nach dthug mi mo ghaol dhut,
On dhinnseas mi do dhaoine,
S e MacIlle-mhaoil is ainm dhut.


Litir o Chalum Beag.

A CHARAID, —Tha mi an deigh gabhail amcheann aon litir eile sgriobhadh gu dionnsuidh, agus sin a chionn gu bheil mi a smaoineachadh gu bheil e nis usa dhomh tuilleadh naidheachdan a leigeadh a dhionnsuidh mo chàirdean beag agus mor as a so na bha e comasach dhomh a dheanamh far an do rugadhs a dhàraicheadh mi aig bonn Càrnach bheanntan àluinn Cheap Nor.

Chaneil ach mu dha mhios o thàinig mise don bhaile so, agus og agus beags mar tha mi, tha mi toirt fa near iomadh ni ann a thacur moran iongantais orm; ach dhiubh sin gu leir chan fhaca agus cha chuala mi ni is iongantaiche nan t-each iaruinn, a tha ri fhaicinn a dol seachad aig ar dorus gu tric gach latha, a slaodadh charbadan guail is eile gun ceann-uidhe. A nis, on dhfhàg mise iomadh caraide beag amdheigh nach faca riamh sealladh dhen each iongantach so, ’s ann a dhfheumas mi cunntas gearr a thoirt dhaibh ma thimchioll mar is fhearr a dhfhaodas mi. ’Nuair a chluinneas mise a tarruing dlùth chaneil ni ris a motha shamhluicheas mi fuaim analach na clàtar na caillich-fhasgnidh a than sabhal mo sheanamhairnuair chuirear ri obair i. An àite andrivera bhi air druim an eich, no as a dheigh, ’s ann is beag nacheil e as an t-sealladh an taobh a stigh dheth, agus tha duine eile a ghnàth dlùth dha dan obair a bhi biadhadh an eich, chan ann le coirce, ach le gual dubh na mèinne. An àite chasan a bhi fon each uamhasach so, ’s ann a tha e cleachdadh rothan aig am bheil deagh ghreim air na reilichean iaruinn air am bheil e siubhal cho luath. ’Nuair a bhiadhar gu math e, agus a chuireas teas a bhidh sin tuilleadh smùid dhen uisge bhiosna ghoile nas urrainn a sheice a ghiulan, feumar aite beag fhosgladh troimh am faigh cuid dhen smùid a mach, ar neo spraidheadh e as a cheile le cumhachd a bheireadh air falbh beatha aluchd-frithealaidh gun dail. Chunnaic mise amlatha goirid fein eich a bha gle ullamh gus na bhiodh iad a slaodadh a phutadh air aisnuair a rachadh an aomadh gu sin a dheanamh; ach an t-each sotheid en comhair a chùil le luaths cho morsa theid e air adhart. ’S cinnteach mi fhein nam faiceadh mo chàirdean beaga, Ailein Caimbeul, Aonghas Domhnullach, agus cuid eile na theid aig a bheathach iongantach so air a shlaodadh as a dheigh, gum biodh nas comasach do na h-eich aca fein a thoirt leo gle neonach nan sealladh an coimeas ris.

Tha ni eile ri fhaicinn an so nach fhaca mise riamh roimhe, agus ged nach taitneach a bhideanamh luaidh air, their mi beagan ma thimchioll, agus is e sin an suidheachadh truaghs am bheil cuid de dhaoineg an cur fein le bhi ag ol deochan puinnseanta a tha deanamh dhaoine glice nan amadain, daoine siobhalta nam brùidean, agus a fàgail theaghlaichean leth rùisgte agus air bheag doigh anns gach seadh. Chaneil latha dhen t-seachduin air nach faodar cuid den mhuinntir thruagh ud fhaicinn ag oidhirpeachadh air imeachd air sràidean agus rathaidean a tha iad fein a faotuinn tuilleadh is aimhleathain rin cumail, agus air uairean a tuiteam sios nan slaodan gun chomas gluasaid, mur seall muinntir eile riutha.

Feumaidh mi innseadh mu aon ni eile a chunnaic mi, agus a chuir moran iongantais orm aig an àm. Bha mi sgriob air feadh a bhaile maille ri mathair goirid an deigh dhomh tighn ann, agus air dhuinn a bhigabhail seachad air stòr araidh, thug mi fa near dealbh snaidhte air a dheagh sgeadachadh ri ursainn an doruis. Air dhomh a bhi an deigh beagan a chluinntinn agus a leughadh mu thimchioll iodhalan nan Innsean an ear agus Sina, bhuail amcheann ach gum bfheudar gun robh daoine iodhal-aodhrachsa bhaile so féin, agus gum be sid aon de na h-iomhaidhean dan robh a mhuinntir amaideach ud ag aoradh. Cha duirt mi smid ri mathair mu thimchioll na gràinealachd ud, ach cha bu luaithe a rainig mi dhachaidh na theann mi ri chur an ceill do mmhàthair an sealladh iongantach a bha mi an deigh fhaicinn. Ach, a mhic chridhe! an aite eisdeachd rium gu deireadh mo sgeoil, ’s ann a bhrist i mach le lasgan mor gaire, agus dhaithnich mise air ball gur ann a bha mi air mo mhealladh.

On tha mo litir cheana tuilleadh is fada feumaidh mi a toirt gu crìch. Ach tha dochas agam, ma chaomhnar mi, nacheil an t-am fad as anns an cluinn mo chairdean beag agus mor uam a rithist, ’s e sin, ma theid agam le guidhe shìtheil air neach eigin aomadh gu sgriobhadh air mo shon; oir is cinnteach a ni nach ruig an creutair beag a tha mise ann a leas teannadh ri maoidheadh air neach sam bith a chum na crìche sin. CALUM BEAG.

Sidni Tuath, Sept. 19, 1902.


Gaoth fo sheol agus sron coin, da rud cho fuars a thann.

An uair a bhios an sgadan mu thuath, bidh Murchadh ruadh mu dheas.


Iadsan a Phaigh.

Iain C. Mac Coinnich, Melville , E. P. I.
Calum MacMhanainn, Braidalbainn, E. P. I.
D. Mac Neacail, Commercial Cross E. P. I.
Tearlach Mac-GilleainSinclair , Chtown.
E . W. Connolly, Truro, N. S.
Calum Mac-an-Leigh, Duntroon , Ont.
Euphemia C. Rothach, Brookline , Mass.
Seonaid Nic-Gillinnein, Taunton , Mass.
Mairearad Chaimbeul, Boston , Mass.
Sim A. Gillios, Concord , Mass.
Domhnull Domhnullach, Spokane , Wash.
Alasdair Ceamp, Waipu , New Zealand.
Iain Ceamp, Waipu , New Zealand.
Iain Rothach, Waipu , New Zealand.
Iain G. Mac Aoidh, Lunnainn, Sasunn.
A. Mac-Andra, Lunnainn, Sasunn.
E. Hepburn, Lunnainn, Sasunn.
Ian Mac Coinnich, Lunnainn, Sasunn.
Fearchar Mac Rath, Ruesgaravaigh, Alba
Iain A. Mac Isaic, Broad Cove Mines.
Domhnull Mac Gille-mhaoil, Glace Bay
Bean Illeasbuig Dhomhnullaich, Stirling
Domhnull I. Mac Leoid, Framboise
Bean Iain Mhic Dhiarmaid, Sidni
Grace Nic Artair, am Beighen Iar
Donnachadh Mac Coinnich, Milton .
Lachlainn Domhnullach, Milton .
Domhnull I. Mac Aongais, Horne ’s Road
Iain Mac Gillemhaoil, Horne ’s Road
Padruig Mac Gill-fhinnein, Baddeck
Maighstir A. T. Mac Aonghais, Port Hood


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[56]

[Vol . 11. No. 7. p. 8]

Iul an Eileanaich.

LEIS AN OLLAMH URRAMACH IAIN MAC LEOID, NACH MAIREANN.

Tha Eilean Thireadh cho iosal chomhnard, ’s nacheil e furasda thogailsan oidhche leis na mairichean thag iarraidh ag ionnsuidh. Tha ena chleachdadh cumanta, uime sin, le muinntir an eilein, ’n uair a tha càirdean a mach air cuan agus sùil aca riutha, teine a lasadh air àite àraidh air an dean am maraiche a ghabhail. Is iomadh bàta agus sgioba a thearnadh leis achleachdadh chàirdeil, bhàigheil so. ’S em faireachadh so a baobhar don dàn a leanas a bhi air a sgriobhadh.

Bhaghrians i air luidhe
Fo smal is fo ghruaim,
Agus cuantan abeucaich
Le gàirich nan stuadh;
Ach than eithear gu treun
Ris aghaillinn astri,
Ag iarraidh gun luasgan
Gu cala na sith.

Bha dui-nèoil nan doinionn
Asiubhal nan speur,
Is fearann no fasgadh
Don sgioba cha leur,
Ach gun mheatachd, gun imcheist
Air cridhe nan sonn,
Shior-ghleidh iad an gabhail
Air Eilean nan tonn.

Deir am maraiche aosda
A shuidh air an ailm,—
Na striochdaibh mo ghillean
Fo uamhar no stoirm;
Bidh ar n-earbsa gu daingeann
An Ard-Righ nan Dùl,
Oir dheonaich a mhaitheas
Na bheir soillsagus iùl.”

Agus feuch! mar a labhair,
Air carraig nan stuadh
Suas dhéirich le dearrsadh
Ard lochran nam buadh;
An deur sin nach dfhàsgadh
Le gàbhadh o shùil,
Shil an t-athairnuair thuirt e
A leanabh mo rùin.”

S bhaleanabh cho sona,
S bu mhiannach le cridh,
N uair chunnaic in t-eithear
An cala na sith;
S O! baoibhneach achoinneamh
N uair ràinig in tràigh,
S a thuirt i le aiteas,
O, athair mo ghràidh.”


Cumha

a rinneadh do Chatriona Nic Neill, nighean do Dhomhnull Mac Neill ann am paraisda Phon Mhóir, a chaochail ann an Sidni air a choigeamh latha deug de Nobhember, 1900.

Feasgar geamhraidh dhomhs mi leughadh
S mi leam fhéin nam sheomar,
Mar dhorch neul speur no ceo air ghréin
Gun dthàinig sgeul gam chodhail,
Toirt cunntas gheur gun bhuin an t-eug
Ri cailinn ciùin nan iomadh beus,
Gur iomadh sùil bho dhfhuasgail deur
Fhuair re do réis ort eolas.

Ged nach robh mi dlùth an dàimh
No ann an càirdeas mor riut,
Chuir sgeul do chràidh air ghleus mo chàil
Chur rann do bhàs an ordugh;
Mar-ris gach beus a thug càch dhomh
Thaobh do ghiulan is do nàdar,
Fhuair mi seal ort eolas tràth,
Nuair bha thud phàisde gorach.

Tha do pharantansan uair
Is iad fo ghruaim an comhnuidh,
Do bhas cho luath a chraidh iad cruaidh,
S gur tric len gruaidh na deoir ruith;
Co dhiubh their càch le gradh no fuath
Gu bheil aon phairt dhiubh dubh no ruadh
S e tionndadh glas gu grad dhaibhs dual
Le dchuirsan uaigh cho og sid.

Sid a bhliadhna dhfhag iad cianail,
Naoi-ceud-deug ri h-aireamh,
Ben geamhradh goirt a lot gu dian iad,
N darna mios dhe chradh iad,
Nuair a chàireadh anns an lion-bhrat
Uigh am beul don eubht Catriona,
Bhual an t-eug le creuchd bha fior ghoirt,
S nach seas sian dhaibh àite.

Ged a gheallte dhaibh le sgriobhadh
Paileas righs làn choir air,
Air son do chumha chuir bho chuimhn,
S ni sid nach cinn rem beo leo;
A h-uile ait an tamh nom bi iad
Thig do bhas gun dail nan inntinn,
Chan fhois las cha tamh dhaibh oidhche
Gun càirear sintfon fhod iad.

Chaneil aoibhneas ann an tamh dhaibh,
S chaneil slàint na dùsgadh,
Tha h-uile la cho fad ri raithe
Bhon chaireadh anns na bùird thu;
Thug sid smal na h-oidhche trath orr’,
Chaidh an coinnlean tur a smàladh,
Dhfhalbh an loinns than cuimhnair fàgail,
S cha tig gàir le sunnd orr’.

S beag an t-ioghnadh leam do chàirdean
Bhi fo phràmh ga dionndrainn,
On bha thud phàisdcha tug thu naire
Dhaibh le gnàths droch ghiùlan:
Bha thu siobhalta na dnadar
Agus firinn a co-fhàs riut,
Mar a dhinnis luchd-foghlum ard
Thoirt cunntas araid cliu ort.

Dhfhàg thu tathair mar nach iarrainn,
S e gu cianail, deurach,
Chaneil stath an deoch nam biadh dha,
Cha teid sian gu feum dha;
A h-uile sàs a thaing riamh air
Chuir e pàirt le dail air di-chuimhn’,
Ach do bhas bidh ghnath gaphian
Mar shaite sgian fo sgéith ann.

Tha do mhathair mar an ceudna
S i gu dian ga dthùrsa,
Chaneil trath a laidheas grian
Nach sil i deur ga dionndrainn,
Am bàs ga dsgaths gun thu na fianuis,
Chuir sid saighead ghoirt na cliabh
Nach slànaich leighichean a chian
Gun càirear siossan ùir i.

Tha do pheathraichean og, caomh,
Bhag altrum gaol dhut cairdeil,
Gu goirt a caoineadhs tric a smaointean
N t-ionad faoins na thàmh thu:
Chaneil eiridh a nin taobh
Nach sil iad deur ri linn bhi smaointinn
Thu leat fhein fo bhinn nan daol
An ciste chaol a cnamh innt’.

Bho na chriochnaicheadh an aont
Dhen t-saoghal dhut bhan gealltainn,
S gach neach a chaochail do chlann daoine
Sid an taobh na stiùir iad;
Achs aobhar uaill on fhuair do shaothair
Cinnt cho luath mu dbhuannachd fhaotainn,
Chaidh do ghairm a chuirm ro chaomh
A sheilbh na naomh nach dmheall thu.

Bho nach fhaod neach lag no laidir
Crioch a laitheandhiùltadh,
S an uair is miann le cùirt nan gras
Gach solus gum mùchar;
Mar sin le iarratas do Shlànfhear,
Thainig teachdaire bhon bhàs
Ga diarraidhchùirt nan aingeal ard
A ghabh gle thrath dhiot curam.


LATHA TAINGEALACHDAnns an àireamh mu dheireadh thug sinn iomradh gu robh an latha so ri bhi air a chumail ni bu tràithe am bliadhna na bàbhaist; gu robh dùil e bhi ann air an treas latha fichead dhen mhios so. Uaithe sin thainig fios a Ottawa gun robhas air latha bfhior thràithe a shonrachadh air a shonan siathamh latha deug.


An uair a bhios rud a dhìth air Domhnull gheibh e fhéin e.


Is ann againne a gheibh thu na
Gloineachan Sula
as fhearr a fhreagras air do shuilean.

Theid sinn an urras orra a thaobh luach agus prise.

Do shuilean air am feuchainn leis anOPHTHALMOMETERa nasgaidh.

K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 7
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 7. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page