[57]

[Vol . 11. No. 8. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 17, 1902. No. 8.


Na Seann Eolaich.

THA litrichean aig MAC-TALLA air an turus so bho thriùir dhesheann eòlaich bho nach cuale o chionn fhada— “Mac Uisdean,” “Ceann Liath,” agus Seumas N. Mac-Fhionghain. Bidh na leughadairean anabarrach toilichte fios fhaotainn uapa aon uair eile, agus tha sinn an dòchas nach bi iad cho dearmadach an deigh so. Tha iad féin agealltainn nach bi, agus tha sinn gan creidsinn. A thaobh Sheumais, faodar a radh, ged nach dfhuaireadh litir uaithe, gun robh sinn acluinntinn uaithe air mhodh eile: anns an da sgeulachd ghrinn, “Aonghas donn Ghlinn Fraoich,” agusIain Mór nan Ord.”


Ath-leasachadh ann an Sidni.

MAR a thug sinn fein iomradh o àm gu àm, cha robh cùisean anns a bhaile so, nan tri bliadhna chaidh seachad, cho maths bu choir dhaibh a bhith. An deigh don obair-iaruinn tòiseachadh, dhoirt moran sluaigh a staigh dhe gach seòrs agus gnè. Nan lorg thainig gràisg de dhaoine gun diù a thòisich ri taighean-oil a chumail, agus eadar iad sins na bha ris an obair mi-laghail roimhe, thugadh am baile gu bhi na àite misgeach, mi-bheusach. A cheud da bhliadhna cha robhas adeanamh stri mhor sam bith ris an lagh a chur air obair, ach beagan roimhn àm son uiridh thugadh ionnsuidh a bfhearr air casg a chur air a mhalairt mhilltich, ach ged rinneadh sin, tha stuth làidir fhathast cho furasdfhaotainnsa tha an t-uisge fuar. O chionn seachdain no dha, chuir ceannardan cuideachd an Iaruinn litir gu luchd-riaghlaidh abhaile, agearan air mar bha cùisean, ag radh gu robh pailteas an òil atoirt mi-chliù air a bhaile, a cur call mor orra-san le misg an luchd-obrach, ’s a cumail chuideachan eile bho oibrichean ùra a chur air chois, o chionn gu robh moran den luchd-obrach as nach burrainn dhaibh earbsa fhads a bhiodh stùth làidir air a chreic, cho pailts a bha e. Tha iad ag radhsan litir so, gu robh moran a thainig don bhaile nan daoine stuama air fàs nan luchd-daoraich, agus mar sin gu robh comas na cuideachd air probhaid cheart a dheanamh air an obair a sior dhol ni bu lugha. Bha coinneamh aig muinntir abhaile oidhche Di-haoine, an seachdamh latha deug. Bha eadar seachd is ochd ceud a làthair. Bha an t-Urr. D. M. Mac-Eamuinn anns achathair, agus labhair esan is àireamh de na ministeirean os leth an lagha bhi air a chur air obair gun dàil a chum na taighean-òil a chur as gu buileach. Aig co-dhùnadh na conneimh, sheas iadsan a bha lathair ri sin gu h-aontachail. Ma ghabhas an luchd-riaghlaidh an dòigh cheart, ’s gun seas an sluagh rin cùl, ni a tha sinn a creidsinn a ni iad, faodaidh leasachadh mor a bhi air cùisean romh dheireadh na bliadhna, air chors gum bi e comasach don bhaile pàirt den deagh chliù a chaill e a chosnadh air ais. Cha dean obair aindeonach an gnothuch; feumar a bhi cheart da-rìreadh. Agus cha deanar le aon no da ionnsuidh e, ach le obair dhian agus le deagh fhaire. Tha sinn an dòchas nach sgìthich luchd na comhairle no an sluagh anns an deagh aobhar so, ach gun neartaich iad lamhan a cheiles gun glan iad am baile dhen mhalairt dhòlasaich so, agus dhiubhsan a tha gacur air adhartdaoine tha coma cia mor an call a ni iad dan co-chreutairean fhads a ni iad fein beòlaint shòghmhor gan spùilleadh.


Coire Mhor nan Staidean.

ANNS an dùthaich mhor a tha deas air Canada ris an canar naStaidean Aonaichtetha àireamh mhilleinean de shluagh siobhalta, ceart, deagh-bheusach agabail còmhnuidh. Tha iad gleusda, tapaidh, agus gan cur fein an céill anns gach cearna dhen t-saoghal. Tha iomadh coire ri fhaotainn don dòigh sam bheil iad acumail air adhart cùisean an dùthcha, agus chan eil iad saor o na dubhailcean a tha rim faotainn am measg shluagh dhùthchannan eile. Ach tha aon choire mhor orra air nach eil iad féin fiosrach, no ma tha nach eil iad afeuchainn rileasachadh. Is i choire mhor a tha sin abharail aibheiseach a tha aca orra fein is air an dùthaich. Neach a leughas a bheag no mhor den cuid litreachais, chi e so gu soilleir. Air gach taobh duilleig dhe gach paipeir-naigheachds anns gach leabhar-sgoile is leabhar-sgeòil, gheibh e air a chur an céill gur h-iad na Stàidean an aon dùthaich as motha cumhachd is gloir a bha, a tha, no a bhitheas air ùr-uachdar an t-saoghail. Nach do sgar i i-féin bho Bhreatunn o chionn còrr is sia fichead bliadhna? Nach do liodair i an Spàin ri ar cuimhne féin? Agus nach eil i air fàs cho làidirs cho bragail uaithe sins gu bheil in impis beul-aithris luchd-stàite na h-Eòrpa chur air chùl, agus malairt an t-saoghail air fad a sgioblachadh suas na sgùird féin? Cluinnear na tri nithean so air an aithris gu tric, achs fior ainneamh a chluinnear taobh eile na cùise. Dhfhaodte iomradh a thoirt air an t-sàr chothrom a bhaice naceannairc an aghaidh Bhreatuinn nuair a sgar i uaipe, gu robh an dùthaich mhàthaireil aig an àm air a cuartachadh le naimhdean cumhachdachdara leth na Roinn-Eòrpa acogadh rithe, ’s an leth eile feitheamh a chothroim. Dhfhaodte radh mar an ceudna nach bu mhor achùis uaill do dhùthaich sam bith buaidh fhaotainn air an Spàin, dùthaich a bha lag, breòite, trom ann am fiachan, ’s a cuid shaighdearan mi-riaraichte len suidheachadh. Agus a thaobh glacadh malairt an t-saoghail, chan eil e coltach gu bheil sin a tighnn gu crìch cho luaths a thatar a cur mar fhiachaibh oirnn a chreidsinn. Ma ghabhar seanachas nam paipearan-naigheachd Geancach, tha Breatunn asior chall, ’s na Staidean asior bhuanachd ann am malairt. Ach nuair a dhainmichear gu bheil Breatunn gach bliadhna cur air falbh a cheithir no choig uiread bathairs a tha na Staidean, chithear gun cuirear feum air barrachds an fhìrinn air-son sin a dhearbhadh. Tha na Staidean gun teagamh atoirt ceum air adhart, agus ceum mor, fada, ach chan eil e chum feum sam bith a bhi deanamh uaill á nithean beaga mar nithean mora, ’s adeanamh fàisneachd mu nithean a tha, ma dhfhaodte, ri teachd, mar gum biodh iad air tachairt cheana. Cha bhuinnig ceannaiche air a bhi cur an ìre gur h-e ceannaiches motha thasan dùthaich nuair tha fios aige feins aig muinntir eile nach eil sin fior. Cha mho a bhuinnigeas dùthaich a bhi gabhail oirre fein gu bheil i sheachd uireads a tha i, no gu bheil i gu bhi a sheachd uireads a bhitheas i. Is fada ghabh e o MHAC-TALLA bhi cur sios air na Staidean no air an t-sluagh a tha chòmhnuidh annta. Chan eil mi-rùn no farmad sam bith aige riutha. Ach tha na barailean neònach a dhainmicheadh adeanamh cron dhaibh, agus tha e iomchuidh an comhairleachadh. Agus tham paipeir so air-son a chomhairle fhein a thoirt orra, oir tha nam measg miltean de Ghàidheil, moran dhiu a chi agus a leughas na thatar an so a sgriobhadh.


Latha Taingealachd.

THA iomadh aobhar againn ann an Canada air son ar taingealachd a nochdadh air a bliadhna so. Tha an dùthaich so a sealbhachadh iomadh sochair is beannachd nach robh ar n-athraichean idir a sealbhachadh anns na bliadhnaichean a thriallsochairean a tha chum math an t-sluaigh a tha chomhnuidh anns gach cearna dhen dùthaich mhor, bheairteach anns am bheil sinn. Tha Canada nadùthaich anns am bheil iomadh sluagh is treubh adeanamh an dachaidh. Tha i naduthaich a tha loma-lan de gach ni a tha freagarrach do mhac a duine. Tha mèinnean guail anns a chearna so do Chanada nacheil an leithid ach ainneamh ri fhaotainn ann an cearna sam bith; agus tha iomadh mèinn de dhòrs de chopar is de nithean luachmhor eile a tha air an cleith fon talamh a feitheamh gus am bi iad air an cladhach suass air an cur gu feum. Cha ruig sinn a leas iomradh a thoirt air na machraichean mora farsuing, de gach seorsa bàrr, a thasan dùthaich sothan sluagh eòlach gu leor orra.

Tha eilean Cheap Breatunn gu h-àraidh na àite anns am bheil iomadh seorsa obrach a dol air adhartobraichean a tha nam meadhain air cosnadh a thoirt do mhoran sluaigh, a tha dortadh a stigh as gach cearna dhen t-saoghal. ’S ann againn a than t-aobhar molaidh! Cha ruig duine sam bith a leas, a rugadhsa thogadhsan eilean so, a dhol air falbh gu dùthaich eile air tòir obrach, mar a bha iad a deanamh o chionn bhliadhnachan air ais. Tha obair gu leoir aig gach neach.

Bann mun àm son uiridh a bha earrann mhor dhen bhaile so air a sgrios le teine. An diugh air na seann làraichean tha togalaichean mora, greadheach, a bhiodhnan onair do



[58]

[Vol . 11. No. 8. p. 2]

bhailtean gu math nas motha na Sidni. Agus, ma dhfhaoidteadh, gur ann chum math an àite a thainig an teine sgriosail so. Aidichidh gach neach anns am bheil tùr is toinisg gu bheil na togalaichean ùra moran nas eireachdaile agus nas snasaile agus air a h-uile doigh fada air thoiseach air na taighean fiodha a bhair an losgadh gu làr an uiridh.

Tha Canada naduthaich a tha taitneach ann an iomadh doigh. Air an aobhar sin bu choir dhuinne gun di-chuimhneachadh aig an àm so dhen bhliadhna ar dleasdanas agus air taing Dhàsan om bheil sinn a sealbhachadh gach beannachd.


Naigheachdan.

ABHREAC AIR DUINEILETha duineile na laidhe tinn leis abhric ann an Sidni, fear Dominick Hayes, a tha tri fichead is coig bliadhna deug a dhaois. Ghabh e an tinneas gle dhona, agus tha eagal air na lighichean nach teid e am feobhas. Bha efuireach aigWhitney Pier,agus bha deichnear eilesan aon taigh ris. Tha iad sin air an cur air leth air eagal gu bheil abhreac acas gum bi i air a sgaoileadh. Chan eilear ro-chinnteach ciamar a fhuair Hayes an euslaint.

STOIRM DI-CIADUIN SA CHAIDHBhan stoirm a bhann Di-ciaduin air an t-seachduin sa chaidh anabarrach trom fhads a mhair i. Cha robh a leithid ann air a bhliadhna so. Bha uisges clach-mheallain a tuiteam, agus bha tàirneanaich is dealanaich ann. Bhan stoirm ni bu truime an ceann a tuath siorrachd Inbhirnis na bha i an cearnan eile den eilean. Timchioll Cheticamp bha craobhan is saibhlean air am bualadh leis an dealanach, ach cha chuala sinn gun drinneadh call mor no gu robh beatha neach sam bith air a chur an cunnart.

AIR A DHITEADH GU BASDi-màirt air an t-seachdain sa chaidh thugadh binn bàis a mach air Frank Higgins, am balach òg a mhort a chompanach ann an St. John, N. B. Mur teid abhìnn atharrachadh bidh e air a chrochadh air an ochdamh latha deug de Dhesember. Aig achùirt, chaidh a chur air a mhionnan, agus dhfheuch e ris achionta chur air an fhear eile, a bha cuide ris nuair rinn e an gniomh, ’s a bhatogail fianuis naaghaidh. Tha e muladach òigridh a bhi fàs suas a dhìth oilein is teagaisg mar a bha iad so. Tha seorsa litreachais ga leughadh leis an oigridh an diugh a tha trom air an inntinnean a thionndadh o gach ni ceart. Mar as luaithe theid an litreachas cronail sin a thoirmeasgs ann as fhearr. Tha na sgeulachdan a thatar acreic airDiamond Dick ’s air curaidhean dhen t-seorsa sin nam biadh puinnseanta don inntinn òg, agus gus am bi an clo-bhualadhs an creic air a thur bhacadh le lagh na dùthcha, is coir do phàrantans do mhuinntir eile feuchainn rin cumail o bhi air an ceannach no air an leughadh.

BAS SHIR IAIN BOURINOT. —Oidhche Di-luain sa chaidh, chaochail Sir Iain Bourinot, Cléireach Taigh nan Cumantach, an Ottawa. Rugadh an duin’ -uasal so ann an Sidnisa bhliadhna 1835, agus bha e mar sin tri fichead is seachd bliadhna dhaois. Be mac bu shine bhaig an Onorach Iain Bourinot, a bha fad àireamh bhliadhnaichean na bhall de phàrlamaid Nobha Scotia airson na siorrachd so, agus an deigh sin na Shenator an àrd-phàrlamaid Chanada. Bha Iain Bourinot grunn bhliadhnaichean an oifis paipeir-naigheachd ann a Halifax; an deigh do na roinnean a bhi air an aonadh fhuair e àite ann an leabhar-lann na h-àrd-pharlamaid, agus an ceann bheagan bhliadhnaichean chaidh a thaghadh mar chléireach Taigh nan Cumantach, dreuchd anns an robh e gu àm a bhàis, agus a bha e lionadh le mor-thaitneas do na h-uile. Sgriobh e moran leabhraichean, a mhor chuid dhiubh mu eachdraidh na dùthchas mu riaghailtean pàrlamaid. Am measg oibrichean eile, chuir e mach leabhar luachmnor air eachdraidh nam Frangach an Ceap Breatunn. O chionn beagan bhliadhnaichean rinn Banrigh Victoria ridire dheth. Bha e pòsda tri uairean. Dhfhàg e mac is nighean leis an dara bean, agus dithis mhac òga leis an treas .

Chaidh Domhnull Fox a bhàthadh ann am Port Hastings Dior-daoin, afeuchainn ri dhithis mhac a shabhaladh. Chaidh na gillean a shàbhaladh.

Gheibhear anns an àireamh so sanas bhon Dotair Domhnull N. Moiseasdan, a tha air suidheachadh ann an Sidni. Than oifis aige an togalach MHIC-TALLA, agus a thaigh-còmhnuidh airUnion Street.Tha e tighinn an so le deagh chliù mar lighiche, an deigh dha bhi fad fhichead bliadhna an Oxford, Nobha Scotia.

DA LEABHAR URFhuair sinn air an t-seachduin so bhon Urr. A. MacGilleain Sinclair, leabhar beag dan ainm Dain agus Orain, le Alasdair Mac-Fhionghain. Mar an ceudna bho Ghilleasbuig Mac-na-Ceardadh, an Glascho, an dara clòthadh de Ghramar Gàilig MhicIlle-Ruaidh. Bheirear cùnntas nis mionaidiche air an da leabhar so anns an ath àireamh.

BAS AM PRIOSAN GHLACE BAYDi-màirt sa chaidh chaochail seann duine dom bainm Uilleam Shea anns a phriosan an Glace Bay. Bhuineadh e do Ghuysboro, agus bha e ann an Glace Bay o chionn tri no ceithir de bhliadhnaichean. Bha e nabharbair, agus bhiodh e uair ag obairs uair na thàmh. Maduinn Di-luain fhuaireadh air an daoraich es chaidh a chur don phriosan. Feasgar Di-màirt chuireadh a dhiarraidh dotair air a shon, agus dhòrduich esan a thoirt don ospadal, ach mun dfhuaireadh sin a dheanamh bha e marbh. Bha e mu thri fichead bliadhna dhaois.

STRI NAM MEINNEAN GUAIL SEACHADAn deigh do mheinnean guail Phennsylvania bhi nan tàmh corr is coig miosan, thainig an luchd-obrachs an luchd-seilbh gu gne cordaidh, agus tha duil gun tòisich obair air an t-seachduin sa tighinn. ’S en còrdadh gus an dthainig iad achùis a chur fa chomhair comhairle tha gu bhi air a suidheachadh le Roosevelt, an da thaobh ag aontachadh romh-laimh a bhi leagte ri breth na comhairle sin. Ni na mèinnean so a thòiseachadh a rithist fuasgladh mor air an dùthaich, oir bha roinn mhor de shluagh nan Staidean, agus eadhon de shluagh Chanada nam freasdal air son an cuid guail. Agus nuair nach robh e fàs coltach gum biodh iad ag obair mun tigeadh fuachd agheamhraidh, bha e na aobhar iomguin mhor. Bha an gual afàs gann, agus am beagan a bha ri fhaotainn asior eirigh ann am pris.

SGIORRAIDHEAN BASMHORDior-daoin an naodhamh latha dhen mhios, bha Alasdair Moireasdan, a mhuinntir Phort Morien, air a mharbhadh am mèinn Chaledonia le tuiteam cloiche. Cha robh e beò ach mu uair an deigh an sgiorraidh. —Air an latha cheudna bha Suaineach dam bainm Anderson air a mharbhadh air doigh uamhasaich am Port Morien. Bha e ann an toll soithich a bhatar a luchdachadh, nuair a thainig tòrr den ghuail air a mhuin gun fhios da, ga mhùchadh gu bàs. Bha e beò nuair thugadh as e, ach chaochail e an ceann beagan mhionaidean. —Bha duinog a mhuinntir Newfoundland, Robert Fitzgerald, air a bhàthadh aig Whitney Pier oidhche Di-haoine. Bha eg obair do Chuideachd an Iaruinn, agus ge be doigh airn do thuislich e, thuit e bhar an laimhrig. Cha do dhfhairich duine tuiteam, agus be cheud fhaireachadh a bhacair an sgiorradh a thachairt corp an duine bhi air fhaotainn.

GNIOMH EAGALLACHDiordaoin, an naodhamh latha dhen mhios, chruinnich àireamh de dhaoine dubha gu dannsa a bhann an taigh aig naCoke Ovens.Cha robh an dannsa ach air tòiseachadh nuair a chaidh dithis dhiubh, Seoras Brooks agus G. S. Scott, troimhe chéile mu ni air choireiginn. Mu dheireadh thuirt Brooks ris an fhear eile gum marbhadh e e, agus a toirt daga as a phòcaid loisg e air Scott, am peileir a dol naghualainn. Ruith Scott a stigh do rùm eilesan taigh agus thill esa mhionaid is daga aige fhéin. Loisg e air Brooks, ach cha do bhual e idir e. Theich Brooks agus am fear eile as a dheigh. Loisg Scott air a rithist, agus bha e na bu chuimsiche air an turus so; chaidh an urchair an gualainn Bhrooks. Nuair a rainig Scott an dorus thuit e, agus chaochail e beagan mhionaidean an deigh dha tuiteam. Tha Brooks air a leònadh gu dona, ach thig e bhuaithe. Buinidh na daoine dubha do na Staitean. Thainig iad do Shidni an uiridh far am bheil iad ag obair aig Cuideachd an Iaruinn.


LITIR A FRAMBOISE.

CIAMARtha thu, ’charaide? ’S fhada bho nach fhaca mi thu. Theagamh gun robh thun dùil nach bu mhaireann mi, nuair a bha mi cho ro fhada gun sgròbag a chuir ga dionnsuidh. Mata, bha mi an deagh shlàinte, agus cha be cion cothroim no cion pinn no paipeir, ach ged is bochd an t-aideachadh e, cion toil agus tuilleadhsa chòir den leisge a bu choireach nach robh mi cho dìleass a bu chòir dhomh do MHAC-TALLA. Achruigidh each mall muileann,” is ma bhitheas gach ni gu math feuchaidh mi ri naigheachdan a chuir ugad an drasdasa rithist.

Bha feur is arbhar ni bfhearr againn air an fhoghar so na bha iad o chionn fada. Chaidh an coirce gle mhath, ’s ma chuireas sinn gu buil e faodaidh sinn min gu leoir a bhi againn; ’s tha choltas air a bhuntàta gum bi e gu math pailt. Leis gach seòrsa barra eile a dhfhaodas duine a thogail bhar fearainns coir dhuinn a bhi taingeil. Tha fhios nach urrainn a h-uile neach a bhi naCharnegieno naMhorgan,” ach faodaidh iad a bhi a cheart cho riaraichte agus gu bitheanta gu mor nis riaraichte, len staid iosal na iadsan aig am bheil na mìltean de dhòrs de dhairgiod. Mar a thuirt neach roimhe:

Am fear aig am bheil fortan
Tha crois aige nacheann,
S tha mise taingeil, toilichte,
Ged robh mo sporan gann.”

Cha robh iasgach nan giomach ach gle fhad air ais mu na cladaichean so air an t-samhradh sa chaidh. Bha stoirm air muin stoirme againn, ’s chaidh na trapaicheans na ròpan a bhristeadh cho dona, agus an iomadh àite chaidh an call gu buileach, ’s gum bfheudar do dhiomadh iasgair leigeil leis an iasgach fada roimh àm stad. Ach iadsan a bha uidheamaichte airson iasgach rionnaich is truisg rinn iad gle mhath: cuid a bhàtaichean a ghlac cho àrd ri tri fichead baraillesa deich de rionnach a mhàin, ’s iad a faotainn mu ochd dolair am baraille air a shon, a bharrachd air roinn mhath de throsg a ghlacadh air a chùl sin. Ach cha do ghlacadh dad sam bith de sgadan, ge be àite no taobh a thug an t-iasg còir sin air. Chaneil e tathaich oirnns na h-àmannan so idir.

Ged than t-iasgach na rud a tha gle airgiodach, chaneil e idir gun ànnradh is cunnart. Is iomadh duine tapaidh a fhuair uaigh air grunnd a chuain, agus is iomadh neach a tha sàbhaladh glé chaol. Beagan bhliadhnaichean air ais chaidh duine a mhuinntir Fourchu, faisg air an àite so, tromh chunnart cho mor tha min dùilsa chàidh iasgair riamh. Bha e mach ag iasgach aon latha, ’s nuair a bha e tilleadh gu caladh feasgar, bhuail osag làidir gaoithe na siùil aiges chaidh am bàta fodha. Ghreimich e fhéin is fear eile ri ràmh, ’s chaidh an treas fear fodha air ball. Cha bfhada gus an tug am fear eile bhan crochadh ris an ràmh suas a ghreim, ’s dhfhàgadh esan naaonar, gun ni fon ghréin ris an greimicheadh e ach an ràmh. Ann an stoirm gaoithe bhar an fhearainn, am feasgar foghar a ciaradh, ’s gun bàta gun ni eile ri fhaicinn, chaneil fhios n ùine, chionn chaneil fhios ro mhath aige fhéin, a bha esan staid uamhasaich sin. Chaidh soitheach-seòlaidh seachad air, ach bha i astar ro fhada bhuaithe airson iad gachluinntinn ag éigheach riutha no airson gun tugadh iad an aire dha. Bha a mhisneach a teannadh ri thréigsinn nuair a thug e an aire do shoitheach eile a tighinn am fianuis. Thug so dòchas ùr dha. Bha e cumail a shùil oirre feuch an robh a cùrsa a laidhe far an robh e. Bha i a tighinn dìreach uige, gus an robh i mu thuaiream cairteal a mhìle uaithe, nuair a



[59]

[Vol . 11. No. 8. p. 3]

thainig osag gaoithe ro fhad an ceanns bfheudar dhi cumail leis bhar a cùrsa. Dhfhalbh a dhòchas agus cha mhor nach tug e e-fhéin suas. Ach mar a tha fear an t-saoghail fhada cha bhi baoghal uige, thainig an soirbheas na bfhàbharaiche is tharruing an soitheach suas, is lean i mar sin gus an robh eagal air gur h-ann a ruitheadh i sios e mun tugadh iad an aire dha. Chunnaic iad es ghrad chuir iad an soitheach an ceann. Chuir iad a mach am bàtas thog iad air bòrd e, is chuir iad gu tìr e, an déigh dha a dhithis chompanach fhàgail an grunnd a chuain.

Bha e uair eile, beagan ùine mun do thachair an sgiorradh muladach so dha, a muigh air acair ag iasgach, nuair a thàinig soitheach-seòlaidh a nuas orra. Bhual i am bàta mumeadhains bhrùchd i sios don aigeal i. Thachair a h-uile ni cho aithghearrs nach robh fios aig muinntir an t-soithich air ni gus am fac iad an triùir laoch sin a streap air bòrd air acfhuinn thoiseach an t-soithich, mar gun éireadh iad direach á measg nan iasgan eile. Bfheudar don chaiptean gach cosdas is call a phàigheadh.

CEANN LIATH.
Framboise , C. B., Oct. 2, ’02.


Eolas nan Gaidheal air Blaithean na Machrach.

LE U. A. MACILL-IOSA, M. A.

Foghlumaibh cionnus a ta na lilighean a fàss amhachair; cha saothraich iad, agus cha sniomh iad. Gidheadh a ta mise ag ràdh nach robh Solamh fein na uile ghloir air eudachadh mar aon diubh so.” —Mat. vi. 29.

CHAneil midol a dheanamh searmoin air acheann-teagaisg so, ach bheir mi oidhirp air a leigeadh ris dhuibh gun dthug ar sinnsre aire don àithne. Tha sinn a deanamh uaill as an gaisge, an treubhantais, agus an uailse, ach choisinn iad cliù mar an ceudna airson an eòlas air obair cruitheachadh Dhé. Mun dfhuair iad eòlas slàinteil air troimh an Leabhar naomha, bha iad a leughadh mar a burrainn iad leabhar Nàduir, a sgriobh Esan mar an ceudna. Chunnaic iad a chumhachd an neart nam beann, chual iad a ghuth anns an tàirneanach, agus thuig iad innleachd agus a ghliocas bho mhaise nan luibhs nan craobh.

Tha e na ni furasda labhairt ribhse air, oir bha chuid mhor dhibh mar chlanna ruith le fonn mu gach tom a buain nan ros.” Chan ionnan agus muinntir a bhaile nach cuir dealachadh sam bith eadar copag agus buadhlan buidhe. ’Nur n-òige bha sibh air ur cuairteachadh le obair Nàduir. Fhuair sibh eòlas agus faodaidh mi a radh oilean nach dthoir cabhsair a bhaile mhòir am feasda seachad. Bhaur cluasan fosgailtri ceòl nan eun, agusur sùilean a beachdachadh air na luibhean. Dhrùigh sibh a stigh iomadh beachd mun t-saoghal agus mu Dhia, le bhig amharc air blathan boidheach an t-samhraidh.

Rinnur sinnsre an ni ceudna. Bha na flùrain dhoibh mar bhriathran bho bheul nan aingeal a bha a toirt sòlas dhoibh ann am bron. Tha sgeul air aithris gu robh Malmhine na suidhe na h-aonar fo thùirse a caoidh leanabh a chaochail. Cha robh sòlas ra fhaotainn; ach la de na laithean thainig a luchd frithealaidh da h-ionnsuidh agus thubhairt iad: “A Mhalmhine, tha do naoidhean air tilleadh don t-saoghal mar ùr-bhlath bheag. Tha a bhilean fann dhearg mar fheoil naoidhein agus am bun cho geal ri sneachda. ’N uair a chrathas a ghaoth a cheann air an tullach uaine tha e mar phàiste ri cluich. Thig, a Mhalmhine, agus faic e.” Dheirich Malmhine agusn uair a chunnaic i an neoinein shiab i a deòirus thubhairt i, “Is e so mo ghaolsa air tilleadh, agus mar neòinein bheir e sòlas do gach mathair a chailleas a cìochran.”

Thainig sòlas is fearr na so a steach don t-saoghal bhon latha ud ach is iomadh cridhe tinn trom a ni an neòinein beag aoibhneach fathast. Tha e air aithris nach burrainn do na Ceiltich a thuigsinn ciamar a bha daoine a faotainn gibht na bardachd, agus fa dheireadh thainig iad don chomh-dhunadh, gun robh naoidh craobhan callduinn a fàs os cionn gach fuarain as am bheil abhuinn a sruthadh. Bha cnothan briagha dearga a fas orra, agus a tuiteam anns na fuarain. Bha am bradang an sluigeadh agus bha gach duine a dh-itheadh am bradan sin a faotainn cumhachd na bàrdachd. Theagamh gur e so a tha fagail a bhradain cho measail, agus nam bàrd cho lionmhor am measg nan Gàidheal.

Bha éifeachd shonruichte comh-cheangailte ris na h-ubhlan nan sealladhsan. Bha e air aithris gu robh iad a fas gu pailt ann an Innis nam flath. An uair a bha gaisgeach a dol á Ile do dhEirinn bha e a tilgeadh sia ubhlan deugas a chuan. Bha e sin a leum bho thé gu .

Tha sgeulachan den t-seòrsa so a leigeadh ris dhuinn gun robh mor-mheas aig ar sinnsre air luibheanus craobhan air an sgàth fein. Is e so a tha a toirt a maise do bhàrdachd nan Gaidheal Anns gach linn bha iad ag gabhail tlachd ann abhi toirt samhlachdan bho luibhean na machrach. Bho na bàird aosda gu Niall Mac Leòid tha so ra fhaicinn. Anns an ni so bha buaidh mhor aig a bhàrdachd Ghàilig air aBhéurla. Tha Sasunnaich fhiosrach ag aideachadh gum bann bho na Gàidheil a fhuair iad a chiad sealladh air obair nàduir. Tha fios againn gun robh a bhardachd Ghàilig comharraichte airson so riamh, agus nach robh a bheag dheth anns aBheurla gus bho chionn ceud gu leth bliadhna. Ann an Dàn an Deirg tha Crimine a caoidh a céile anns na briathran so:—

Cuime, Dheirg, an robh ar cridh
Air an sniomh cho dlùn ar com’,
As cuima spionadh thusa uam
S an dfhagadh mise gu truagh trom?
Mar dha lus sinns an driùchd ri gàire,
Taobh na creigem blàths na gréine,
Gun fhreumh air bith ach an aon
Aig an ola lus aobhach aoibhinn.
Sheun oighean Chaothain na luis
Is boidheach leo fein am fas,
Sheun as na h-aighean eutrom,
Ged thug an torc do aon dium bàs.
Is trom, trom, ’s a cheann air aomadh,
N t-aon lus faoin tha fathasd beo,
Mar dhuilleach air seargadhsa ghrein.”

Tha dàin agus òrain Dhonnachaidh Bhàin làn den aon ni. Ann an cumha Coire-Cheathaich tha e a toirt iomradh air fichead luibh. So a cheud earrann:—

Se Coire-Cheathaich na aighean siùbhlach
An coire rùnach is ùrar fonn,
Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sùghar,
Gach lusan flùar bu chubhraidh leam;
Gu mollach, ghorm, torrach, lùisreagach,
Corrach, plùranach, dlù-ghlan, grinn;
Caoin, ballach, ditheanach, canach, misleanach,
Gleann a mhilltichsan lionmhor mang.”

Agus a rithist:—

Na lagain chomhnard am bun nan sronag,
Am bi na sobhraicheans neoinein fann,
Gu bileach, feoirneanach, milis, roineagach,
Mollach, romach, gach seorsa thann;
Tha mala ghruamach den bhiolair uaine
Mun h-uile fuaran a thannsan fhonn.”

Is aithne do gach neach canach an t-sleibh. Chaneil luibh eile nis trice air ainmeachadh. ’N uair a tha bàrd a moladh a leannain, tha e coimeas a gilead ris a chanach, deirgid a gruaidh ris an ròs no an caorunn, agus a suilean ris na dearcan. Gheibh sinn e ann an òran a bhaird cheudna:—

Iseabal oig
An òr-fhuilt bhuidhe,
Do ghruaidh mar an ros
S do phog mar ubhal.
. . . . . .
Se coltas na h-ainnir
An eal air an t-snàmh,
Do chneas mar an canach
Cho ceanalta thà.”

Tha Mac Mhaighstir Alasdair mar an ceudna a tabhairt an aire do dhioma luibh. Tha e ag iomradh air

Sobhrach gheal bhuidh nam bruach,
Bhios na h-éideadhsan earrach
S càch a folach an sùl.”

Anns an oran cheudna— “Oran an t-Samhraidh” —tha eg ràdh:

“ ’S cubhraidh fàile do mhuineil
A chrios Chuchullainn nan càrn.”

Chan aithne dhomh oran idir is mo a tha leigeadh ris mar a bha aigne nan Gaidheil air an dusgadh le luibhean na machrach naCumha a Bhaird Aosda.” Anns an dol a mach tha e ag radh

O caraibh mi ri taobh nan allt,
A shiubhlas mall le ceumaibh ciùin;
Fo sgail a bharraich leag mo cheann,
S bhi thusaghrian ro chàirdeil rium.”

(Ri leantuinn.)


LITIR A MOOSOMIN.

A DHEAGH CHARAID, —Tha ùine mhor o nach fhaca mi litir, port no òran as an tìr thiorail so, ’s mar sin smaointich mi mo pheann meirgeach a fhliuchadh an nochd, ged a tha mi sgìth, agus beagan shreathan a chur ga dionnsuidh, a leigeil fhaicinn gu bheil sinn fhìnsa Ghàilig beò, slàn, agus a gabhail freumh daingeann air machraichean mòra, farsuinn an Iar-Thuath.

Tha grunnan math an taobh so a dhfhaodadh sgriobhadh ugad nan togradh iad, a tha comasach gu leor air Gàilig a sgriobhadh. ’S fhad o bha dùil agam a chithinn litir o mo charaide Callum Dùghalach, deagh sgriobhadair Gàilig, na dphaipear. Mur be nacheil mi ro làidirsan àm, bheirinn fàsgadh math air gus a bhrosnachadh; ach an uair a dhòlas mi botul no dha eile (chan innis mi n stuth), tha mi smaointean nach ruig mi leas a bheag de dheagal a bhith agam roimhe, ’s mar sin ma chluinneas sibh osnaich throm an ùine ghearr tuigidh sibh co bhios gadeanamh.

Tha bàrr fior mhath againn air a bhliadhna so, agus tha e nis gus a bhith uile fo dhionsa chruaich, gun bhoinne uisge bhualadh air o chaidh a ghearradh. Fhuair sinn, a reir iarratas an t-seann duine, “samhradh breac riabhach, ’s foghar geal grianachdon ghrainnsich air a bhliadhna so. Bhan samhradh cho fliuch o thoiseach gu deireadh, agus cho bras fàs, ’s gum feumadh daoine cumail a dol fo sgàileagan gu dian, mun gabhadh iad freumhsan talamh. Tha cuid ag radh gun dthainig òirleach no dha eilem bliadhna airAonghas mór,” anns an robh faisg air seachd troidhean roimhe, agus a sguir a dhfhàs o chionn fada.

Tha eagal orm gu bheil moran de na seann chleachdaidhean neo-chiontach Gàidhealach air thuar a dhol air diochuimhn oirnn an so buileach glan. Cha chluinn sinn deireadh-bhuana, no deireadh-chròdha, no ni, mar as trice, ach an saoghalsan obair air iasgach an dolair ghuirm, leis gach beairt is dubhan is ùires is innleachdaiche nachéile. Ach faodaidh mi ràdh gun



[60]

[Vol . 11. No. 8. p. 4]

teagamh gum bi féisd aig a chuid is motha an so daonnan, ’s nach bi annas aca de bhiadh maths e aca cho tric. Ach air a shon sin dhfhaodadh iad aig amannan mar sid, co dhiù, beagan cridhealais a bhi aca a dhùisgeadh iomadh seann chuimhneachan taitneach mun tìm a thrialls nach till gu bràth.

Thug mi sgrìob bhuam o chionn ghoirid, ’s a seasamh air cnoc mor dhfheuch mi ris na bha chruachan cruithneachd nam shealladh a chùnntais, ach bfheudar sgur gun bhuaidh; an uair a thòisich na cruachan ri ruith a chéile, dhiùlt na sùilean an còrr a dheanamh. Tha iomadh òigear aonaranach air na machraichean mora so, as fhearr namadadh-ruadh,” aig am bi iomadh buiseal òrbhuidh am bliadhna, aig nacheil urad napioghaidfhéin gus a chuideachadh gachosg, an gùn nom bròig, ’s mar sin bu chor do phàirt dhe na caileagan Gàidhealach tha agaibh riChan abair min corr. Tuigidh fear-leughaidh leith-fhacal.

Bha mi o chionn ghoirid air banais Ghàidhealach an taigh Iain Mhic Cormaic, Earlswood, fear do chàirdean MHIC-TALLA. Neo-ar-thaing pìobaireachd is fìdhleireachd is dannsa. Anns a chòmhlan aighearach so bha beagan de na seann laoich Ghàidhealach, a bha nan suinn threun a siubhal bheanntan na Gàidhealtachd, an uair nach robh guth duine no ni gu bristeadh na sàmhchairsan Iar-Thuath, ach geun a chruidh fhiadhaich is donnalaich a mhadaidh-allaidh. Thug mi an aire gun robh na daoine còire so ag amharc le sùil fharmadach air an òigridh a bhaceumadh urlair gu réidh, aotrom, fuasgailteach.” “Nach fhearr dhuibhse,” arsa cuideiginn, “eirigh agus aon ruidhledheanamh?” “ ’S fhad, a ghràidhein, on a dhfhalbh an latha sin,” arsa seann fhear. “Chuir an aoiss a lòinidh buarach eadar mise agus an toileachadh sin, agus tha greis on latha sin.” Ach coma co dhiubh, thòisich na seana phuirt, ’s gach fear a bha dol troimhn fheadan bha fuadach bliadhna no dha a mach air an uinneig, gus mu dheireadh na theich an lòinidh fhéin nan déigh, ’s bha an t-seann fheadhainn air an ùrlar. Thòisich an ceòl, ’s bha iadsan gu fàillidh a cur deuchainn air na casan, feuch am faodadh iad earbsachur asda, ’s gam faighinn daingeann, cruaidh, leigeadh as an t-srian, ’s mur an robh na sparran an cunnart an uair sin! Ach tha eagal orm gun robhn aoiss an lòinidh gu dileas gam feitheamh aig an dorusn uair a bhan oidhche seachad. Cha chuala mibheag a dhòrain. Tha eagal orm gu bheil iad air a dhol air dichuimhne. A bruidhinn mu òrain, bu toigh leam fhaicinn ann am MAC-TALLA beachdan a thaobh nam bàird Ghàidhealach, o bhritheamhan don aithne iad. Tha gu leor dhiubh nach aithne dhomh fhìn. Ach tha mi smaointean, air-son fior bhàrdachd, gu bheil an Dotair Mac Lachlainn air thoiseach air gu leòr a tha nas ainmeile na e.

Thoir beannachd bhuam agus taing guPeigidh Phabach.” Tha min dòchas nach leig i lepeann meirgeadh, mar a thuirt an t-Eirionnach. Ma thachras dhomhsa a dhol cho faisg ri deich mìle do Lag an t-Slòcain theid mi gun teagamh gah-amharc.

S airidh na gillean còiretha cuimhneachadh ort thall aig iomall a tuath an t-saoghail, an Dawson, am moladh. ’S fhad o chaidh a radh gum bu Ghàidheal a gheibheadh ammaide mora tha cumail suas a chinn ud dhen chruinne, agus a thair chall cho fada. Ma thachras e ri fear dhe na gillean còire so an àm dhaibh a bhi sireadh an òirs na h-oiseanan tuathach ud, tha min dòchas gun cuir iad meanglan dheth gu MAC-TALLA.

Tha mituigsinn gu bheilIainagusBodachan aGhàraidha gleusadh nam peanns a lionadh nam balg air choinneamh a gheamhraidh, ’s mar sin bidh sinn le foighidinn a feitheamh ri fuasgladh nan sreang.

Bhur caraid,
SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
Moosomin, Oct. 3, 1902.


OIDHCHE CHALLUINN AGUS OIDHCHE SHAMHNA.

LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN.

RI mo cheud chuimhne-sa, ann an iomadh ceàrn den Ghàidhealtachd bu mhòr an toil-inntinn a dheanadh na h-ingheanan agus na gillean òga ri làithean àraidh na bliadhna, mar a tha Oidhche Nollaig, Latha na Bliadhn’ -ùire, Di-Dòmhnuich Càisg, Oidhche Shamhna, Oidhche Challuinn. Bhiodh de thoileachadh aig an òigridh ris na làithean so agus gur ann a bhiodh iad coltach ri coin-sheilgenuair a gheibheadh iad fuasgailte bhon iallaibh air son a bhi ann an sàs ann an seann chleachdainnean na dùthcha.

Latha Nollaig dhfheumadh gach teaghlach molt-Nollaig a mharbhadh. ’S ann an sin a bhiodh an latha, adeanamh mharag agus adàthadh chinn agus chasan! Latha na Bliadhn’ -ùire bhiodh na gillean òga ceannardan teaghlaich acruinneachadh len cuid chaman ann am pàirce fhreagarrach air son iomain. Bhiodh iad fad an latha an sin acur achatha, agus an uair a bhiodh achaonnag seachad bhiodh iomadh h-aon le cas chiùirte agus aodann leòinte leis na camain. An uair a bhiodh sin seachad, ’s a gheibheadh iad an dìnneir, cha robh ach coinneachadhs an tigh-òsda no ann an tigh coimhearsnaich. Bhiodh iad ann an sin gu madainn an màireach ag òl agus agabhail òran, le nèapaiginn mòr stiallach aca eatorrag a thogail agusg a leagail a réir fuinn an òrain a bhiodh aca. ’S iomadh droch shabaid a chunnaic mi aca mun dealaicheadh iad, aguss iad a dheanadh an t-sabaid fhuilteach; ach cha bfhada gus am bitheadh iad còrdte a rithistnuair a bhàsaicheadh mac-na-bracha orra.

LATHA DI-DOMHNUICH CAISG.

Bhiodh na gillean agoid nan uibhean air am màthair, a h-aon an dràsda agus a rithist, gus am bitheadh nead math aca cruinn air son an latha so. Dhfhalbhadh iadn am buidheannan còmhla gus am faigheadh iad àite freagarrachsa mhonadh. Bha iad atoirt leo poit agus teine, ’s an uair a bhruicheadh iad na h-uibhean a bha iad agiùlann am boineidean, ’s an uair a dhitheadh iad an leòir dhiubh, bhachuid eile dhen lathag a chur seachad ri cleasan dhe gach seòrsa, gus am biodh an t-anmoch ann, ’nuair a rachadh iad dachaidh gu math sgith, ach am brù làn uibhean.

OIDHCHE CHALLUINN.

Achs iad Oidhche Challuinn agus Oidhche Shamhna a bu mhò a bheireadh de thoileachadh do na gillean òga; oir cha robh leithid so de shaor chluich ri fhaotainn ach aon uairs abhliadhna. Cha robh tighs an áite nach robh bean-an-tighe ag ullachadh càrn de bhannagan air son nan gillean òga: ’s e fìor chorra thigh anns nach fhaigheadh iad bannag. An uair a dhorchaidheadh an oidhche gu math, bha h-aon no dithis afalbh còmhla gu tigh, fear agiùlan seice mairt no daimh a bhair a cruadhachadh air na spàrran. ’Nuair a thigeadh iad gu tigh, bha fear abualadh na seice cho maths a burrainn da le bata a bha egiùlan air son an aobhair, agus sheinneadh e mach

Calluinn abhuidhe bhoicionn,
Buail an craicionn!
Dùbail bannag!
Fosgail so!

An uair a ghabhadh edhuan thigeadh cuideigin thun an doruis leis na bannagang an ionnsuidh; bha iad an sin afalbh gu tigh eile air acheart dòigh gus an cuireadh iad cuairt air abhaile. Cha luaithe a bha iad sin air falbh na thigeadh h-aon no dhà eile, fear agus stiall aige a bha air a ghearradh á seice chruaidh daimh, ris an canadh iad an caisean Calluinn, ’s an uair a chuireadh e ceann achaiseins an teine gus am biodh tòchd dheth, chuireadh e ceann achaisein ri sròin an fheadhainn eile, agabhail a dhuains acheart àm:—

Oidhche Choinnle, oidhche shona,
Oidhche air am bi loinn is sonas,
Maighdeanan aroinn nam bonnach,
Coinnlean aboillsgeadh soluis;
Chiream charam feadh an tighe,
So an tighs am beil mo ghnothach,
S chaneil romham dhol nas fhaide!

Nuair a gheibheadh iad am bannagan tha iad afalbh air acheart dòigh gu tigh eile. Leanadh iad mar sin gus an ruitheadh iad air a h-uile tighs abhaile. Bhiodh na pocannan làn de bhannagan air am biodh féisd aca gu ceann iomadach latha an déigh sin, ’s iad aguidhe bheannachdan orra-san a thug dhaibh na bannagan. Ach dhfhalbh sin, is thàinig so!

OIDHCHE SHAMHNA.

Air Oidhche Shamhna chruinnicheadh an òigridh còmhla ann an tigh àraids abhaile. Bhiodh iadan impis iad féin a bhàthadh acur an cinn fodha ann an tubaichean mòra làn uisge, aruith nan ùbhlan, afeuchainn rin glacadhn am beul. An uair a bhiodh iad sgìth aruith nan ùbhlan, thòisicheadh iad air losgadh chnothan, acur chnòs an teine còmhla ann an ainm gille agus nighein òg air am biodh iad eolach, agus nan lasadh an chnò còmhla bhiodh an dithis cinnteach ri pòsadh. Mun cuireadh iad na h-ingheanan agus na gillean ògas abhaile còmhla le cnothan loisgte, bhiodh an teine air dol as, ’s am poca chnò falamh. Chruinnicheadh na balaich òga còmhla, agus an sin dhfhalbhadh iadn am buidheannan gu iodhlainn nan coimhearsnach a ghoid achàil, agus is dòcha nach biodh stocan cail airfhàgail anns an iodhlainnnuair a thigeadh amhadainn. Rachadh iad leis na stocannan gu faicilleach suas ùrlaran nan tighean a bha iad fein a roghnachadh, agus an uair a thigeadh iadam fradharc an teine, bha iad atilgeil na stocannan air an teine len uile neart. Sgapadh iad a h-uile éibhleag a bha air achagailt feadh an tighe. Cha chluinneadh tu ach sgread thalls a bhos aig muinntir an tighe. Cho luaths a bha na balaich atilgeil na stocannan càil bha iad atàirsinn as cho luaths a bheireadh an casan iad. Bha iad cas-ruisgte, agus cho luath ris na feòragan, ’s cha robh math a dholn an déigh, ’s mar sin cha robh fios co rinn an cron.

Buidheann eile rachadh thun achladaich, agus leigeadh iad a mach air amhuir, gun ràmh, gun duine, na sgothan a bhair an tarruing gu math suas air tìr. Air an -mhàireach cha robh aig na daoine leis am bu leis iad ach dol a shiubhal nan cladaichean ashealltuinn air son an cuid sgothan. Cuid, gheibheadh iad gun bhristeadh, cuid eile gheibheadh iad iad leis na cliathaichean air an cur a stigh leis na creagan, a réirs mar a bhiodh an ainmsir. Bhiodh feadhainn eile toirt nan cuibhlichean bhar nan cairtean, ’sg an ruidhligeadh leis na bruthaichean, aleum thar chùirn agus chnocan, agus nach stadadh gus an ruigeadh an cladach. Cuid aleigeil achruidh agus nan



[61]

[Vol . 11. No. 8. p. 5]

each mach as na bathaichean agus na stàblaichean, agus an fheadhainn leis am bu leis iads dòcha fad an ath-latha asealltuinn air an son feadh amhonaidh.

Bhiodh iad mar sin na h-oidhche. Bha mòran de olc air a churan gnìomh leo aig an àm so; cha robh fios ciod a dheanadh iad riu féin. Nam biodh a leithid sud de chrong a dheanamh air an latha an diugh, gheibheadh iad am prìosan air a shon; ach cha robh cronsam bith annta achuid eile den bhliadhna mur biodh iad agleachd no asabaidn am measg féin; oir bha iadan còmhnuidh ri sin, gu h-àraidh nam bitheadh gille làidir tapaidhn am measg, is dòcha gum feumadh e a dhol a shabaid còig no sia uaireans an aon latha. Cleachdadh eile a bhiodh aig na h-ingheanan òga air an oidhche so: bha aig a h-uile teaghlachs an àite sòrn air son cruadhachadh an t-sìl. Rachadh na h-ingheanan le ceirsle de shnàth stocain gus an àth. Ghleidheadh iad greim air ceann an t-snàith agus thilgeadh iad acheirsle ann an sùil na h-àtha, agusnuair a ghlaodhadh iad, “Co tha sin air ceann mo shnàthainn?” “Tha mise!” arsam fear ògs eg éirigh leis acheirsle shnàithn a láimh; be so am fear a bha i ri pòsadh. Bhiodh na gilleang an cur féin am falachs an àth, feuch thigeadh air an son. Tha cuimhne agam air seann bhean a bhiodh ag innseadh dhomh mu dhéighinn nighinn òig àraidh a chaidh don àth air an oidhche so, ’s an uair a thilg i acheirsle ann an sùil na h-àtha, thuirt i. “Co e so air ceann mo shnàthainn?” “Tha mise, an deamhan!” arsa fear, ’s e aig éirigh air a chruth-atharrachadh. Thuit achaileag bhochd seachad ann an neul. Tha e coltach nach robh i riamh ceart an déigh sin.

Ged a bha na cleachdainnean so iongantach agus sean, thàinig sin orra bho shinnsireachdnuair a bhan dùthaich ann an dorchadas agus gann de eòlas litireil. Chaneil dùthaichs am bith gun seann chleachdainnean a thàinig orra bho shinnsireachd, ach bha na cleachdainnean iomadh uairn am meadhon air an dùthaich agus an sluagh a thoirt ann an ceangaltas maireannach nach -chuimhnicheadh iad rim beò. Is iomadh àite dhen t-saoghal anns an do choinnich cuid dhiubh ri chéile, ’s an uair a thuirt an darna fear ris an fhear eile, “Bheil cuimhne, agad air an oidhche a bha sinn air Challuinn, agus agoid achàil còmhla?” “Tha, agus bithidh,” arsam fear eile, “cho fads is beò mi!” Bha sin atogail blàths agus càirdeasn an cridheachan da chéile, ’nuair a chuimhnicheadh iad air na làithean gun chùram agus neo-chiontach an òige.


SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH.

Iosa, ’chum, tre ghràs , gum blaiseadh e bàs airson gach uile dhuine. —Eabh. ii. 9.

THA dòigh-labhairt ann ris an abair sinnsamhlnchadh cainnte,” a tha fìor chumanta am measg dhaoine, agus a tha air a cleachdadh gu tric ann am focal Dhé. ’S annna thròcair— ’na chaoimhneasa tha Dia agabhail na dòighe so, ’chum cuideachadh leinnnar n-aineolassnar laigse, na nithe mòratha e acur an céill a thuigsinn; dìreach mar a labhras sinn ri leanaban beaga ann an cainnt leanabail. Nan rachainn-semach maille ribhse, mo chàirdean òga, air maduinn àillidh ghrianaichna craobhan uile fo bhlàthan fhaichuaine fo fheur mìn ùrarna h-eòin bhachlach bhòidheach aseinn gu binn ann am bun nam preas, ’s am bàrr nan dos, —is dòcha gun abrainn ribh, “Cia taitneach gach ! Thachruitheachd fo shòlastha gach faichas achadh ri gàire.” Chaneil mi leis a so aciallachadh gu bheil sùilean aig na h-achaidhnean, no beul, no aodann; ni gu bheil enan comas gàire a dheanamh, mar a ni sinne; no gu bheil iad comasach air toileachas-inntinn, mar a tha sinne. ’Se samhlachadh cainnta ta ann. Mar so an uair a tham Bìobull ag ràdh, “Chunnaic an fhairge Dia, agus bha i fo eagal,” ’s e an a ta sin aciallachadh, gun do tharruing an fhairge air a h-ais; dìreach mar a dheanamh neach a bhiodh fo eagal, ’s a chlisgeadh air ais le oillt. ’Se samhlachadh cainnta ta ann. Than saoghal ag amharc ait, sòlasach, aoibhneach, mar a ni duine gàirenuair a bhios e subhach.

Nis, feuchaibh an urrainn duibh na briathran a ghabh mi mar stéidh theagaisg a thuigsinn, an uair a ta e air a ràdh gun dobhlais Crìosd bàs airson gach duine.”

Anns na lìnntibh anns an deach am Bìobull a sgrìobhadh, bu chleachdadh dhoibh daoine a bhristeadh laghanna na rìoghachd a chur gu bàs air caochladh dhòighean. Bha cuid air an clachadh gu bàsbha cuid air am bàthadh; ach bha i na dòigh chumanta a thoirt orra cupan a ghlacadhnan làimh, agus na bhann òl gughrunnd. Bha puinsean làidirsa chupan so. Dhòladh esan a bha air a dhìteadh e, agus ann an ùine ghoirid bhàsaicheadh e. ’Sann mar so a chuireadh gu bàs feallsanach urramaichte dom bainm Socratesduine co stuama, ionraic, ghlic, ’s a bhana lìnn. Dhìteadh esan gu h-eucorach gu bàs. Thugadh an cupan da ionnsuidh, agus dhfheòraich e ciod a bhaige ri dheanamh. “Chaneil air bith ach na thasa chupan òlcoiseachd air t-ais agus air t-aghart, gus am mothaich thu do chasan afàilneachadh: an sin sìn thu féin air do leabaidh, agus caidil gu sàmhach.” Thuig e na bhanam beachd, agus rinn e mar a dhiarr iad air. Dhòl e na thugadh dha, agus thuit e gu ciùin ann an suain abhàis.

Nis, tha stéidh mo theagaisg aleigeil ris duinn achinne’ -dhaoine mar mhuinntir a ta air an dìteadh gu bàs; mar gum biodh iad uile ann am prìosan, agus cupan làn de phuinsein air a chur ann an làimh gach aoin aca, agus air an dìteadh guòl. Nis, smuainichibh abhuidheann thruagh so air an toirt a mach as aphrìosanair an cuir nan seasamh ann an sreath, gualainn ri gualainncupan den phuinsein air a chuiran làimh gach aon diubhagus mar bhinn a mach orra, nach robh dol as aig neach seach neach, ach a h-uile h-aon gum béigin da an cupan òl gughruund. Air an àm so, feuch Iosa Crìosd a teachd! Tha egabhail truas mòr de na daoine bochda sode na prìosanaich thruagha. Tha egabhail achupain o làimh gach fir air leth, agusga òl e féin air an son, agusnan àite. Tha e mar so ag òl no ablasad bàis airson gach aoin diubh. Tha so, ann an samhlachadh cainnte, aleigeil ris duinn na rinn Crìosd airson pheacach. An uair, matà, a leughas a h-aon agaibh na briathran sòlasach so, tha dòchas agam gum bi beachd agaibh ciod a tha air a chiallachadhnuair a tha e air a ràdh gun do bhàsaich Crìosd airson pheacach, agus, ’an lorg sin, gun do theasairg e iad o ifrinn; dìreach mar a thèaruinn e na prìosanaich bhochda air an robh sinn alabhairt, leis achupan phuinseanta òl air an son.

Tha barail agaibh ciamar a dhfhaodas tròcair, as sochair, as caoimhneas, teachd an caramh duine, chan ann air a shon féin, ach air sgàth no airson neach eile. Chum so a shoilleireachadh. Pheacaich, mar a tha fios agaibh, clann Israeil an aghaidh Dhésan fhàsach; agus bha Diadol a thoirt breith, as binn, as bàs, a mach an aghaidh gach aon diubh. Ach chaidh Maois, òglach dìleas an Tighearna, agus ghuidh e air an son, as an leth; agus chuala Dia ùrnuìgh Mhaois, agus thaisbean e tròcair a thaobh muinntir chiontach Israeil airson Mhaois. An uair a reiceadh Ioseph na thràill, agus a ghiùlanadh air falbh e don Eiphit, bheannaich Dia a mhaighstir, agus bheannaich e an Eiphit, airson Ioseiph. Agus daoina tha air an dìteadh gu bàsachadh, agus a thatoilltinn bàis, tha iad air uairibh air an caonadh as air an saoradh air sgath feadhnach eile nacheil ciontach. Feuchaidh mi so a shoilleireachadh dhuibh.

Tha àitesa bhaile-mhòr so (Glascho) ris an canar Tigh aMhòid, airneo Talla nan Morearan Dearga. Tha na morearan àrdabreitheanan na dùthchaann, afeuchainn nam feadhnach a tha nam prìosanaich. Tha thudol a stigh, ’s afaotuinn an àite làn de dhaoine. Tha duinòg ann fa chomhair nam morearan, air a dheuchainn airson cionta mòr a tha air a cur as a leth. Than luchd-lagha an deigh na burrainn doibh a ràdh as a leth. Thugadh fianuisean pongail air an aghart. Thachùis seachadfhuaras ciontach e. Tha gach air a làn dhearbhadhna aghaidh. Is éigin gum bi e air a chur gu bàs. Tha na maoirga thoirt a stigh don chùirt, a chums gun cluinn e a bhinn. Faic am morear àrdam breitheamh! Tham pàipearna làimh air abheil binn an òganaich thruaigh sgrìobhte. Tha eg amharcan clàr-aodainn achiontaich thruaigh, as tha e mar so alabhairt ris:— “A dhuinòig, fhuair achuirt thusa ciontach anns na bha air a chur as do leth. Am fiosrach leatsa aobhar no reusan sam bith airson nach còir binn abhàis a thoirt a mach adaghaidh airson an lagha bhrist thu, ’s a tha ga ddhìteadh gu bàs.” Than duinòg ag éiridh. Faic mar a thadhà làimh air an togailair am pasgadh ri chéile, ann am mòr thuairgneadhanama! Tha na maoir adlùthachadh air, an earalas nach toir e oidheirp air teicheadh. Tha eseasamh car tamuill na thosd. Tha na deòir aruith gu frasach a sìos air a ghruaidhean. Tha etòiseachadh ri labhairt, ach focal chan urrainn daràdh. Tha reachdna mhuinealtha achuis adolna aghaidhtha a theangaleantuinn righiall. Mu dheireadh tha eg ràdh, “Tha mi an comain na cùirte, nam breitheanan, an luchd-lagha, ’s gach aon, airson na dòigh anns an deachaidh mo chùis a ghiùlans a rannsachadh. Tha mi lan thoillteanach air bàs. Is ceart-bhreitheach mo dhìteadh, ’s mo chur gu bàs. Leisgeul chaneil agam air mo shon féin. Chaneil mi ag iarraidh maitheanais. Ach O, éisdibh mi! Fad air falbh on àite so, ann an tìr iomallaich den rìoghachd, tha beinn àrd a thag éiridh gu nèamh. Aig a bun tha machair uaine co àillidhs a tha air an talamh uile, air bruaich aibhne co siùbhlachs a tharuith gu tràigh. Air taobh na h-aibhne sin, ’s aig bun na beinne mòire sin, tha bothan bòidheach, fo dhubhar chraobh a tha aosmhor àrd. ’Sannsan àite sin a rugadhs a thogadh mi— ’san aite sin chuir mi seachad maduinn ghrianach mo làithean. Cha robh an abhuinn sin riamh traoghta; bhamhachair sin a ghnàth ùrar, uaine, àillidh. ’San àite sin chaith mise còig-bliadhna-deug de mlàithean, co cridheil, sunndach, aighearach, ri aon smeòraich a sheinn riamhsna speuraibh os mo chionn; agus a chòmhnuidh sabhothan bheag uaigneach sin, air bruaich an uillt is borbhanaiche fuaim, tha seann duineseann saighdear, a chuir iomad blàr airson a dhùthchaa dhòirtfhuil ann an iomad teugmhail chruaidh; seadh, air latha nach -chuimhnichear ann an eachdraidh a dhùthcha, theasairg e bratach dhearg Bhreatuinn, ’nuair a theich na bha mun cuairt da. Tha esan a nissa chùirt aig abheil cuimhne mar a ghiùlan mathair e



[62]

[Vol . 11. No. 8. p. 6]

féin ann an iomad blàrmar a thilg se e féin eadar a cheannards am bàs; agus, lebheatha féin a chur an cunnart, thèaruinn e beatha an fhir eile. Tha e nise na sheann duinelag, aosmhor, breòite. Tha falt a chinn co geal ri canach na mòinteich; thathaic air a luirgnuair a ghluaiseas e. ’Na suidhe rithaobh, tha seann bhean bhreòite, aosmhor, lag. ’Si sin mo mhàthair. Aig a chasan, ’nan suidhe ri taobh aghealbhain, tha mo dhà phiuthar bheaga. Tha e a h-uile feasgar adol a dhionnsuidh na h-uirsinne, a choimhead a mach, afaire, a dhfheuch abheil mise, am bràthair, ris abheil dùil aca, ’san t-sealladh. An uair a dhfhàg mi tigh mathar, chuir an seann duine a làmh air mo cheann, agus ghuidh e gu dùrachdach ri Dia air mo shon. Thug mo mhàthar a beannachd dhomh, agus ghuidh i thairis orm; agus chroch mo pheathraichean beaga ri muchd, ’ga mphògadh. Gheall mi pilleadh air mais, agus fuireach maille riu, ’s a bhi amchùl-taic, amshòlas, amlorg da mphàrantan, gu àm am bàis, ’s an cinn a ghiùlan don uaigh. Ach a nis chan fhaod so tachairt; agus an uair a ghearrar mise as, ’s a chuirear, mar a tha mi gu làn thoilltinn, gu bàs mi, le uile pheacaidhean mòige air mo cheann, ruigidh an naigheachd truagh am bothan bochd sin, agus bheir e ceann liath an t-seann duines na seann mhnathadhionnsuidh na h-ùrach le bròn. Seadh, sgànaidh an sgeul an cridheachan breòite. Cuirear mo phàrantan bochd a mach as abhothan anns an dfhuair iad an àrach, gun uiread as aon duine air aghaidh an t-saoghail mhòir gu caoimhneas no iochd a thaisbeanadh dhoibh. Togar gach meur le tàir nan aghaidh. Aig cill no aig féill, cha chluinn iad ach, ’Sud pàrantan an fhir a chrochadh!’ O! an uchd nam feadhnach soair sgàth na rinn mathairs air sgàth truacantais do mmhàthairs do mpheathraicheantéarnaibh mi, agus gabhaibh truas! Dhòirt mathairfhuilseadh, fuil dhearg a chridheairson a dhùthcha. Air sgàth mo sheann mhàthair thruaigh aosmhoir, ’s mo pheathraichean beaga, faigheam maitheanas. Air mo shon féin, cha chridheach leam fheòraich; ach air an sonsa, air an sgàth-san, éisdibh, agus luigibh saor mi!”

Tham breitheamh measailga éisdeachd le mòr aire. Than deurna shùil. Tha e agul: is athair e féin. Tha elabhairt mar so:— “ ’Oganaich! chaneil e amchomas maitheanas a thoirt duit; —sin nach urrainn dhòmhsadheanamh. Feumaidh mise binn an laghathoirt a mach á daghaidh. Chaneil e comasach dhòmhsa dol a null no nall o cheartas. Tròcair chan urrainn misethaisbeanadh; achs aithne dhomh aon a tha comasach air tròcair a thaisbeanadhaon aig am bheil an comas. Innsidh mise don t-aon so teachdraidhna thachair dhuit; agus innsidh mi, mar an ceudna, eachdraidh tathar, agus na rinn e; ’s tha dòchas agam, air sgàth na rinn an seann duine, gum bi maitheanas air a dheònachadh dhuit, mar gniomh gràis, uaithe-san is urrainn so a dheanamh.”

Nis, tham breitheamh ag innseadh don rìgh mar a thachairnàdur an uilc, ’s na h-eucoir, ’s am peacadh a rinn an t-òganach, ’s mar a béigin dhàsan a bhinn thoirt a mach. Tha e, mar an ceudna, ag innseadh don righ eachdraidh an t-seann duine. Tha righ ag éisdeachd. Tha chridhe air taiseachadh, ’s tha etoirt làn mhaitheanas don òganachchan ann do bhrìgh gun do thoill e maitheanas, ach air sgàthathar, as teaghlachathar.

Tha so, ann an cuid de dhoighean, no ann an tomhas àraid, atoirt seòrsa de shoilleireachadh air an dòighsam bheil Dia, air sgàth Chrìosd, atoirt maitheanais do pheacaich, ’sgan uidheamachadh airson nèimh. Anns an dòigh so chaidh barrachd de pheacaich thruagha, aithreachail, ag earbsann an gràs as an toillteanas Chrìosd, as air an comh-éigneachadh le gràdh gu bhi beò dha, do néamh, natha e comasach dhuinn àireamh no smuaineachadhmòr shluagh o gach rìoghachd, as o gach dùthaich. Ach chaneil enan comas uile gu léir a leigeil ris duinn gràs agus gràdh Dhé; oir so a tha eu-comasach a thuigsinn, no idir a mhìneachadhtha edol oscionn eòlais. Chan ann a mhàin air sgàth Chrìosd a tha peacaich afaotuinn maitheanais, ach do bhrìgh gun drinneadh ìobairt-réitidh air an son. Bhàsaich esan, am fìrean airson an neó-fhìrean, a chum sinnethoirt a dhionnsuidh Dhé. Dhfhulaing e, as bhàsaich enar n-aite; agus tha a phobull air an cunntas fìrinneach, air sgath fìrinnteachd an t-Slanuighir, a tha air a chuir as an leth.

(Ri leantuinn.)


DOMHNULL AN OIR.

LE FIONN.

CHAn eil mi cinnteach cia mar a dhéirich am far-ainm so. Tha cuid ag ràdh gun dfhuair Dòmhnull ulaidh agus gur e so a chuir air a chasan e, ’s tha feadhainn eiles a bheachd gur ann a rinn eairgiod thairis, achs naigheachd eile sin. Coma co dhiu, thill Dòmhnull gu sgìreachdòige an déigh dhabhi air falbh fad fhichead bliadhna, agus cheannaich e tigh eireachdail anns achlachan. Bha Dòmhnulln a bhantrach, ach bha aon nighean aigecaileag bhòidheach mu naoi-bliadhn’ -deug a dhaois. Bha an nighean so barraichte air ceòl, ’s bionann dhi fiodhall no clàrsach. Cha robh latha nach tugadh i tacan orra le chéile, agus chan iarradh a h-athair ni bfheàrr na bhig éisdeachd rithe. Ged a bha tigh Dhòmhnuill an Oir na sheasamh car leis féin, bha tighean eile gu math faisg air. Aig dara ceann an tighe bha ceàrdach Sheumais mhóir, agus aig acheann eile bha bùth Phara-nan-sliseag, a bha na shaor-chairtean anns an sgìreachd o chionn còrr agus leth chiad bliadhna. Bha na seòid so eolach air Domhnull mun dfhàg e riamh an sgìreachd agus chuir iad fàilte chridheil airn uair a thill e, ged a bha am beachd fhéin aca air cia mar a rinn Domhnull a bheairteas. Goirid an deigh do Dhomhnulls da nighean dol a chomhnuidh don tigh mhor a cheannaich e, thachair e lathabha sin gun robh Seonaid, be sin ainm a nighean, a cur an orudgh air son Coinneamh-chiùil mhoir a bha ri bhis an Oban Lathurnach gu goirid. Bheireadh i tacan mu seach air fidhils air clàrsaich, ’s bha a h-athair, aig an robh deagh chluais-chiùil, làn riaraichte le grinneas laimh a nighinn, agus cinnteach gun coisneadh Seonaid urram na Coinnimh-chiùil. Ann an teis meadhon a chiùil thoisich òrd mor na Ceardaich air bualadh, ’s chuir so an ceol air feadh na fidhle. Stad Seonaid da ceol gus am bitheadh an t-ord mor aig Seumas gobhainn na thosd, ’s cha robh i féin noh-athair idir toilichte. An ùine ghoirid sguir fuaim an ùird, agus thois Seonaid air a ceol. Cha deachaidh i fada air a h-aghaidh leisn uair a dhéirich buaireas eile, oir thoisich Para-nan-sliseag air òrdaireachd gun chialls e cur ùrlar ùr ann an cairt Dhomhnuill-an-Achaidh. “Cha dean so feum, a Sheonaid,” arsa h-athairs eg éirigh, “phaigh mise gu daor air son an tighe so aguss bochd an gnothach mur faigh sinn sìth is sàmhchair ann; mun seas min stairirichs an làmhach so nis fhaide, bheir mi air aghobhainns air an t-saor dol air imrich ged a dhfheumainn peighinn no dhà a chur am bois gach fir aca chum an saodachadh air falbh.’

Tha min dochas,” arsa Seonaid, “gun soirbhich leibhathair, oir tha e eu-comasach cluich anns an ùpraid so.” “Chaneil cùram nach soirbhich leam, oir tha iad le chéile glé fheumail air na sgillinnean.” ’S e bhann gun deachaidh Domhnull an Oir an taobh a bhan gobhainn, on a be a bfhaisge dha, agus dhinnis e dha mar a bha cuisean agus dhfheuch e ri impidh a chur air imrich a dheanamh, ag gealltuinn dha coig puinnd Shasunnach a chuideachadh costas na h-imrich. “Chi sinn,” thuirt an gobhainn, “agus leigidh mi fios duibh gu goirid ma gheibh mi àiteile freagarrach air son ceàrdaich.” Chaidh Domhnull an Oirs thug e acheart thairgse do Phara-na-sliseag agus is gann a bha Domhnullna thigh féinn uair a bhan gobhainn a null a dhfhaicinn Phàruig, agus chual e ciod a thuirt Domhnull an Oir ris an t-seann duine. “A dhuine chridhe,” arsa Seumas gobhainn, “nach ann oirnn a thàinign uair a dhfheumas sinn dol air imrich a thoileachadh gràisg de dhfhìdhleireans de chlàrsairean.” “ ’S ann agad than fhìrinn,” fhreagair Para-nan-sliseag, “ach nach en gillen t-airgiod?” “Is e gun teagamh,” fhreagair an gobhainn, “achs tric a mhill an cleas-air-fhichead am fichead cleas. Cha do bhlàthaich mo chridhe riamh ri Domhnull an Oir, ged nacheil fhios agam car son, agus bhithinn coma ged a leigemid fhaicinn da ged is math an t-orna àite fhéin, nach ceannaich e na h-uile rud, ’s gu bheil daoine aig nacheil or idir a cheart cho tapaidh risan.” “Ciod mata tha thu bràth a dheanamh?” arsa Para-na-sliseag. “Ma ta, innsidh mise sin dhuit. Anns achiad àite is math a laidheas na cóig-puinnd-Shasunnach aig Domhnull an Oir oirnn le cheile agus bithidh iad againn. Tha mi tuigsinn gu bheil Domhnullsa nighean adol bhon tigh air an ath sheachdain, agus tha iad ri bhi air falbh re an t-samhradh. Mum falbh e their sinn ris, mar chomain dhasan gu bheil sinn adol air imrich, ged tha e car ceàrr agus cosdail sin a dheanamh; agus ma bheir e dhuinn na cóig-puinnd-Shasunnach sin gum bin imrich seachad mun till e.” “Tha sin ciallach gu leoir ri eisdeachd ris,” arsa Pàruig, “ach, fhir mo chridhe, càite bheil sinn ri dol?” “Chaneil fada,” fhreagair an gobhainn, “théid thusa don cheàrdaich agam-sa agus thig mise a nall an so.” “A Mhoire, Mhoire! nach tu tha fadas acheann,” arsa Pàruig. “Is imrich sin gun teagamh, ged a bhios caochladh bharail aig Domhnull an Oir air achùisn uair a thilleas e.” “Mo thogair,” fhreagair an gobhainn, “mar thuirt Eóghan amadan e— ‘Bitheadh esan abruidhinn tha na h-uibhean againne’ —bithidh an t-airgiod againnes faodaidh Domhnull an Oir a bhi feadaireachd no fìdhleireachd.” ’S e mar bha gun dinnis iad le chéile do Dhomhnull an Oir gun robh iad adol air imrich ged a bha e car duilich àite freagarach fhaotainn, ’s ged a bha cuid mhath de chostas daonnan an lorg na h-imrich. Chuir Domhnull an Oir a làimhna sporan agus chunnd e cóig buinn oir ann am bois gach fir, agus dhfhàg e beannachd aca le chéile, aguidhe soirbheachadh math dhaibh leis an imrich.

Goirid mun do thill Domhnull an Oirsa nighean, rinn na seoid an imrich. Cha robh imrich riamh anns an sgìreachd a bha cho ainmeil rithe. ’N uair a thill Domhhull an Oir thuig e mar thug na seoid an car ás; làs a chorruich agussethàinig ás gun do reic ethigh agus dhfhàg en sgìreachd, ’s chan fhacas innte riamhna dhéigh e. Mur do shiubhail e bho sin tha e beo fhathasd.


Geallaidh am fear féumach an ni bréugach nach faigh; saoilidh am fear sanntach gach ni a gheall gum faigh.



[63]

[Vol . 11. No. 8. p. 7]

Litir a Dun-ic-Uisdean.

A BHALAICH ORT, —Mas math mo chuimhne, tha lathas bliadhna on a sgriobh mi ugad mu dheireadh. Tha iomadh aobhar a dhfhaodainn ainmeachadh air son nach do sgriobh mi ugad. Anns acheud àite cha robh mi cho mathnam shlàintes a bàbhaist dhomh, agus, mar a dhfhaodas tu fhein a thuigsinn, cha robh sunnd gabhail phort orm, no idir sunnd gu suidhe aig bòrd gu sgrìobhadh phort. Mar a tha fhios gle mhath agad fhéin, is e obair gle sgìtheil a thann a bhith crom asgriobhadh fad earrann den latha. Agus mur bi sunnd sgriobhaidh air duine, cha dean e sgriobhadh ceart. Bha e air a theagasg dhomh o mòige na dheanainn a dheanamh ceart.

Anns an dara àite, bha barrachd mor de dhobair eile agam ri dheanamh na rachadh agam air a dheanamh anns an t-suidheachadh anns an robh mi. Mar a thuigeas a h-uile duine anns am bheil tùr is toinnisg, feumaidh fear a bhios ann an seirbhis obair a mhaighstir a dheanamh mun dean e obair sam bith eile. Ach tha migabhail achothroim a thagam an diugh air a dha no tri dhe na puirt a thagam air chuimhne a chur ugad. Cuiridh mi sios an toiseach na facail a chuala mi air port aMhorofhir Dhomhnullaich(Lord Macdonalds Reel) :

Bidh Eoghainn is Fear aChiudha
S Fear an Rudha cuide ris,
Bidh Eoghainn is Fear aChiudha
S Fear an Rudha cuide ris,
Bidh Eoghainn is Fear aChiudha
S Fear an Rudha cuide ris,
Bidh Eoghainn is Fear aChiudha
S Fear an Rudha cuide ris:
Bidh Fear aChiudha, Fear an Rudha,
S Fear aChiudha cuide ris;
Bidh Fear aChiudha, Fear an Rudha,
S Fear aChiudha cuide ris;
Bidh Fear aChiudha, ’s Fear an Rudha,
S Fear aChiudha cuide ris;
Bidh Fear aChiudha làmh ris,
S bidh Fear aBhàigh cuide ris.

AM BATA AODIONACH.

Tha toll air abhàta,
Tha toll air abhiorlinn,
Tha toll air abhàta Bharrach,
Càiridh na saoir i:

Tha h-aon oirr’, tha dhà oirr’,
Tha tri oirr’, tha ceitheir oirr’,
Tha coig oirr’, ’s cha mhor nacheil naodh oirr’.

BAILAN LOCHA.

S toigh leam fhin am baile beag ud
Ris an canar Bailan Locha,
S coma leam dhen eilean mhosach
Ris an canar Boidhraidh.
S toigh leam fhin am baile beag ud
Ris an canar Bailan Locha,
S coma leam dhen eilean mhosach,
Ris an canar Boidhraidh:

Tubaist air na Ceallan dubha,
Tubaist air na Ceallan dubha,
Tubaist air na Ceallan dubha,
S na ma fearr do Ghrìmisaidh.
Tubaist air na Ceallan dubha,
Tubaist air na Ceallan dubha,
Tubaist air na Ceallan dubha,
S na ma fearr do Ghrìmisaidh.

AM FAINNE.

Gur e mo ghaol-sam firionnach,
Thug gini air an fhàinne;
Gur e mo ghaol-sam firionnach,
Thug gini air an fhàinne;
Gur e mo ghaol-sam firionnach,
Thug gini air an fhàinne,
Thug gini air, thug gini air,
Thug gini airs a phàigh e.

LAIDHREAM.

Laidhream air tighinn don bhaile
Eighrig nion Iainic Callum.
Laidhream air tighinn don bhaile,
Ceann lom laidhream.
Laidhream air tighinn don bhaile,
Eighrig nion Iainic Callum.
Laidhream air tighinn don bhaile,
Ceann lom laidhream.

Ceann filidh, ceann failidh,
Ceann filidh, ceann failidh,
Ceann filidh, ceann failidh,
Ceann lom laidhream.
Ceann filidh, ceann failidh,
Ceann filidh, ceann failidh,
Ceann filidh, ceann failidh,
Ceann lom laidhream.

AN GILLE BUIDHE.

Gaol air aghille bhuidhe,
Gràdh air aghille bhuidhe,
Gaol air aghille bhuidhe,
Leannan Mairi Bhàlaidh.
Gaol air aghille bhuidhe,
Gràdh air aghille bhuidhe,
Gaol air aghille bhuidhe,
Leannan Mairi Bhàlaidh.

Hetrinn ho ro am bo,
Domhull beag mac Ruairidh mhoir,
Hetrinn ho ro am bo,
Leannan Mairi Bhàlaidh:
Hetrinn ho ro am bo,
Domhull beag mac Ruairidh mhoir,
Hetrinn ho ro am bo,
Leannan Mairi Bhàlaidh.

NIGHEAN GOBHAN DUINE.

Sid an rud a gheibheamaid
O nighean gobhan Dùine,
So an rud a gheibheamaid
O nighean gobhan Dùine,
Sid an rud a gheibheamaid
O nighean gobhan Dùine,
Brochan tana, tana, tana,
Brochan tana sùdhain.

Brochan lom, tana, lom,
Brochan lom sùdhain,
Brochan lom, tana, lom,
Brochan lom, sùdhain,
Brochan lom, tana, lom,
Brochan lom, sùdhain,
Brochan tana, tana, tana,
Brochan tana, sùdhain.

IUCHAIR NA CLOSAID.

Tha mo bhean am muigh,
Tha, tha,
Tha mo bhean am muigh
N comhnuidh;
Tha mo bhean am muigh,
Tha, tha;
Chaill i iuchair na closaid.

Chaidh mo bhean-sa do na mhuillean,
Bha isgiolladh an eorna,
Mun do thill i rithist dhachaidh
Chaill i iuchair na closaid.
Chaidh mo bhean-sa do na mhuillean,
Bha isgiolladh an eorna,
Mun do thill i rithist dhachaidh
Chaill i iuchair na closaid.

DOMHULL BINN.

Domhull binn, Domhull binn,
S ena ruith air feadh an taighe,
Domhull binn, Domhull binn,
Chaidh es aphig eòlain.
Domhull binn, Domhull binn,
S ena ruith air feadh an taighe.
Domhull binn, Domhull binn,
Chaidh es aphig eòlain.

An uair a bhuail abhoilich e,
Thoisich e feadh an taighe;
An uair a bhuail abhoilich e,
Chaidh es aphig eolain.
An uair a bhuail abhòilich e,
Thoisich e feadh an taighe;
An uair a bhuail abhòilich e
Chaidh es aphig eòlain.

(Air a leantuinn air taobh 64.)


Gu Cairdean na Gaidhealtachd.

Le dichioll thri bliadhna agus le suim bhon Riaghladh, thrus mi ri cheile £550 airson togail laimhrig do dhiasgairean aStòrr, an Assaint; ach tha fathast £50 a dhìth oirnn airson an obair a thoirt gu crich. Tha mi aguidhe air ar càirdean an America cuideachadh leinn, le suim beag no mor. Tha mi a toirt cuireadh gu sonruichte dhaibhsan a chaidh á Assaint, agus a tha eolach air gach gàbhadh is cunairt a tha na daoine so a fulang air oirthir garbh an Stòrr.

Sgriobh gu
JOHN MACLEOD, M. A.,
Culkein Stoer, Sutherlandshire.


Tha cuid-eigin ann an Toronto nach eil toileachainm innse, atairgsinn coig mile fichead dolair air-son tigh-eiridinn a chur suas anns an gabhar cùram de mhuinntir air am bheil achaitheamhs nach eil comasach air cosdas lighichean a phàigheadh iad fein.


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisAn Togalach Mhic-Talla.
Aite-comhnuidhairUnion Street.
Telephone 364.SIDNI, C.B.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m. Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[64]

[Vol . 11. No. 8. p. 8]

(Air a leantuinn o thaobh 63.)

CAS ODHAR.

Be so an t-ainm a bha air piobaire cho maths a bha rilinn ann an Uidhist mu thuath. A réir mar a chuala mise, is ann mar so a thugadhCas odharmar fhar-ainm air: —An uair a bha ena ghiullan beag, thòisich e ri seinn feadain mar a bhiodh iomadh giullan eiledeanamh aig an àm ud. Gus tìm cheart a chumail, bhiodh e bualadh lechois mar a bhiodh na pìobairean mathadeanamh aig an àm ud, agus on uair ud. Bhiodh a mhàthair, agus isniomh no càrdadh an taobh shuas dhen teine, ag radh an dràstas a rithist: “Nach seall sibh achas odhar.” Lean an t-ainm so ris ribheò.

Cha bhiodh e as an rathad dhomh facal no dha a radh mu dheidhinn an t-seana bhoirionnaich a thair a h-ainmeachadh anns aphort. Bha nion Eoghainn na diol-deirce truagh a bhiodh, mar a bha gu leor a bharrachd oirre, afalbh air feadh na dùthchadh feuch ciod a gheibheadh i o dhaoine caranta, truacantaagus feumaidh mi aideachadh gun robh daoine mòran na bu truacanta ris gach diol-deirce a thigeadh an rathads an àm ud na tha iads an àm so. Bha te dhe na casan aig nion Eoghainn na bu ghiorra nan te eile, agus bhiodh a h-uile rud a chruinnicheadh i air a cuairt troimhn dùthaich air a muin, agus mar sin theirteadh gun robh dronnag oirre.

Nuair a theid thu staigh don tir
S a thaghlas tun Cnoc-an-lin,
SeinnidhCas odharaphiob
S gheibh thu ruidhlaighearrach.
Nuair a theid thu staigh don tir
S a thaghlas tun Cnoc-an-lin,
SeinnidhCas odharaphiob
S gheibh thu ruidhlaighearrach.

A haoghail, a hodhail,
Tha dronnag air nion Eoghainn,
A haoghail, a hodhail,
Cas mhor is cas bheag oirre.
A haoghail, a hodhail,
Tha dronnag air nion Eoghainn,
A haoghail, a hodhail,
Cas mhor is cas bheag oirre.

DOMHULL DUALACH MAC IAIN BHUIDHE.

S truagh nach robh mi posda
Ri Domhull dualach mac Iain bhuidhe,
S truagh nach robh mi sìnte
Ri mac Iain bhuidha Loch an fhaing.

Tha mac Iain bhuidhe beadarrach,
Tha mac Iain bhuidhe togarrach,
Tha mac Iain bhuidhe beadarrach;
S mac Iain bhuidha Loch an fhaing.

AN GOBHABHANN AHOGHGARRY.

An gobhabhann aHoghgarry,
Bfhoghainteach an sealgair e;
An gobhabhann aHoghgarry,
Bfhoghainteach an sealgair e;
An gobhabhann aHoghgarry,
Bfhoghainteach an sealgair e;
Mharbhadh e na feadagan,
S gun leagadh e na calamain.

Mun teirig an geamhradh cuiridh mi ugad a dhà no tri eile a thagam.

Is mi do charaid,
MAC UISDEAN.

Dùn-ic-Uisdean,
Mios Meadhanach an fhoghair, ’02.


Is math bean an deagh fhir, ach is fhearr dha a faotainn math.


Ged tha Mi Leam Fhein.

LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.

Ged tha mi leam fhéin,
Chan innis mi bréug,
Gun innis mi sgéula tràth dhuibh,
Na dhfhuiling mi fhéin
Bho chuid a luchd bhréug,
S chan urrainn daibh féin ga àicheadh.
Bhon ghlais iad mi suas,
An talla nan stuadh,
Len cumhachd, ’s len cruadhs, ’s len àrdan,
Le Bàillidh gun tuar,
Gun tuigse, gun bhuaidh,
S ann o sheanair a fhuair on tàlant.

N uair chaidh mi ort suas,
A dhiarraidh a ghuail,
S ann thuirt thu cho fuar ri Nàbal
Gun dinnis do ghruaidh,
Do phearsas do shnuadh,
Gur beag tha de dhfhuachd na dfhàrdaich.”
Ach nam bithinn ri roic,
Ag itheadhs ag ol,
S acur mo chuid bhrog an phana,
Gum faighinn uat gual,
Is airgiods a luach
Iallan fado luchd-truaiss o chàirdean.

S nam biodh agad o shuas,
An cumhachds a bhuaidh
Tha agadsan uair mar Bhàillidh,
Gun cuireadh tun sluagh
A chladhach dhomh uaigh’,
S gum bithinnsfo stuaidh abhàis leat.
N uair a thig e le spoig,
A dhagar a choir,
Cha seall e ri deoir do phàisdean,
S chan fhaigh thu de ghloir,
Ach anart is bord,
S gheibh an daolag gu leoir na dfhàrdaich.

Ged is iomadh deur bùirn
A shil o mo shùil,
S a thug thu o ghnùis mo phàisdean,
Gun thaisgeadh iad suas
Am buideal a thruais,
S gheibh thusa do dhuais nan àite.
Ge be neach a bhios beo
Gu aithris an sgeoil,
Ged bhithinnsfon fhoid am màireach,
Gum faic iad do chlann
Fo shnaimeannan teann,
Cheart cho cinnteachs than rann ga ràidhtinn.

S ged chum thu do chluas
Ri Bolands ri shluagh,
Ma chuir e ri dbhuannachd fàirdein,
Na creideadh an sluagh,
Gur ceartas a fhuair
Mi fhìns am fear ruadh, Seoc Ghearrloch.
Ged chuireadh tu suas
Ciad not air mo chluais,
Gum faighinnsa fuasgladh tràth dhiubh,
Gu bheils an taobh tuath,
Na phaigheadh mo luach,
S nach fàgadh mi uair fo smàig dhuit.

S ma smaoinich thu uair
Air do sheanair bochd, truagh,
S a charraig on dfhuair thu dàrach,
Cha deanadh tu uaill,
Ged gheibheadh tu suas
Chiad duine ri cluais na Bàn-righ.
Na smaoinichibh uair
Gu bheil mi cho truagh,
S air mfhàgail fo chruas an nàmhaid,
S mig innseadh dhan t-sluagh,
Mar chaidh do bhuain;—
S ann le onair a fhuair mi màrach.


Bha Màiri Nic-a- Phearsain, no Màiri nighean Iain Bhàin, corr is leth-cheud bliadhna mum bfhiosrach eadhon i-fein gu robh spiorad bàrdachd aice. Agus mar a tha ig ràdh ann an oran eile— “Oran do Eilean aCheo”—

“ ’S e na dhfhuiling i de thamailt
A thug a bardachd beo.”

Mu bhliadhna an deigh bàis a fir, rinneadh eucoir oirre le Bàillidh an fhearainn, agus dhùisg sin i gu gleusadh a cruit-chiùil a lean air seinn cho binn fad corr is fichead bliadhna. ’S ann mun bhàillidhs mun eucoir a rinn e oirre a than t-oran so agus iomadh oran eile a rinn i. Chuidich a cuid bàrdachd gu mor leis an t-sluagh ann am faotainn ceartais a thaobh an fhearainn anns an Eilean Sgiathanachs an cearnan eile den Ghàidhealtachd.


Tha ar stor ro-bheag airson na thagainn de dh
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
a shealltainn gu ceart. Gluaisidh sinn don stor mhor a
thann an
TOGALACH MHIC GUAIRE
air a cheud latha de Nobhember.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach uairsan Da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 8
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 8. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page