[65]

[Vol . 11. No. 9. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XI. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 31, 1902. No. 9.


Na Staidean is Newfoundland.

BHA na Stàidean is Newfoundland o chionn àireamh mhios afeuchainn ri coimhcheangal a dheanamh leis am biodh malairt eadar an da dhùthaich air a deanamh nis saoire na tha i. A réir achoimhcheangail so bhiodh iasg dhe gach seòrsathigeadh á Newfoundland air a leigeadh a stigh do na Stàidean gun chìs, no air cìs bhig, agus bha an ni ceudna ri dheanamh ri seòrsachan àraidh de bhathar a thigeadh as na Stàidean do Newfoundland. Air an t-seachduin so bhatar ag aithris gu robh glaodh cruaidh air a thogail an aghaidh a choimhcheangail ann an stàid Mhassachusetts, agus eagal orra gun cuireadh e call air muinntir Ghloucester, baile-puirt aig am bheil càbhlach-iasgaich mhor a mach na h-uile bliadhna. A réir sgeòil bha glaodh a bhaile sin abagairt cunnairt don choimhcheangal, ach a réir briathran Priomhair Newfoundland, Mr. Bond, chan eil cùram dha. Bhiodh tomhas de shaor mhalairt ris na Stàidean nabhuannachd mhor do Newfoundland, agus bu mhath an gnothuch nam faigheadh i e.


Cor an t-Saighdeir Bhreatunnaich.

THA cor an t-saighdeir Bhreatunnaich anns na bliadhnaichean so atarruing aire nan daoine as tuigsiches as beachdaile thasan Impireachd. Chan eil a shuidheachadh idir cho maths bu chòir. ’Sa cheud àite tha a thuarasdal ro-bheag. Chaneil fear ceairde eile fo riaghladh a dhùthcha aig am bheil cho beag an ceann na bliadhna air-son a chosnaidh. ’San dara àite, chaneil e faotainn cothrom ceart air a thapadh a nochdadh, ’s air eirigh gu dreuchd àrd-oifigeach. Tha air a theagasg dha on cheud latha ghabhas esan arm a thoil is inntinn a chur gu buileach an laimh an oifigich a thatoirt an orduigh dha, agus dhaindeoin cho dìleass cho dleasdanachs gum bi e, chan fhaigh e streap nis àirde na dreuchd sàirdsein, mur bi e-féin no aon dechairdean comasach air àite cheannach. Cha robh Sir Eachann Domhnullach air dìreadh cho àrdsan fhàradhs a rinn e mur be gun drinn e euchd anns na h-Innsean a choisinn dha a roghainn de dha dhuaisCrois Bhictoria no àrdachadh oifig, agus mar dhuine glic roghnaich e an t-àrdachadh. Anns an treas àite, tha na saighdearan, fhads a tha iad an ceangal ris an arm, air an cuartachadh le buairidhean lionmhor, anns am bheil moran dhiubh atuiteams mar sin acall an cliùs an comais air adhartas ceart a dheanamh. Air cheann nam buairidhean sin, tha aon a tha air a cheadachadh agus eadhon air a chuideachadh leis an riaghladhan t-òl. Aig gach àitesam bheil gearasdan nosam bheil réisimeid air a suidheachadh, tha tigh-òil air a chur suas, far am feum gach aon de na saighdearan a thùrn fein a ghabhail acreic dibhe richompanaich.

Tha dha de na bacaidhean so an deigh tomhas de dhairen riaghlaidh fhaotainn on thòisich an cogadh ris na Boerich, agus gheibh iad tuilleadh an ùine ghearr. Chaneil e richur an teagamh nach bi àrdachadh tuarasdail air a thoirt don t-saighdear mun teid moran bhliadhnaichean eile seachad. Cha bhi na Breatunnaich toileach luchd-dion an dùthchas luchd-seasamh an còirichean fhàgail gun chomas air beagan a chur seachad air choinneamh an latha fhlich, coltach ri muinntir eile. Is fearr gu mor tuarasdal ceart a thoirt dha na bhi gachumail an tigh nam bochd nasheann aois. A thaobh cothrom eirigh as na sreathan, mar a theirear, bidh barrachd dhe sin air a thoirt dha cuideachd. Nochd an cogadh ris na Boerich nach ben duine bha gachur fein gu h-iomlan an eisimeil an oifigich an saighdear a bfhearr idir, ach am fear a bha comasach an àm na h-eiginn air comhairle ghabhail as a cheann fein. Bidh ionnsachadh airm an deigh so air atharrachadh air chors nach bi an saighdear nainneil fo laimh an oifigich cho mors a tha e. Rinn cogadh nam Boerach mar an ceudna soilleir gun cuir oifigeach feum air iomadh buaidh a bharrachd air athair no bràthair a cheannacheas oifig dhas a chumas airgid ris mar a chosgas e. Gum feum am fior oifigeach mar am fior shaighdeir, a bhi curanta, treun, ’s a dholgu h-aobhach suilbhear an dàil gach tuiteamais a thig nachrannchur.” Bha na saighdearan cumanta nan daoine treuna agus toileach, ach bha iad iomadh uair air an cur an cunnartan gàbhaidhs air an treòrachadh gun casgairt fein le tur-aineolas nan oifigeach. Chan urrainnear an t-arm fhàgail mar sin air choinneamh cogaidh eile. Feumar oifigich mhatha chur air cheann nan saighdearan, agus chan fhaighear oifigich as fhearr na iadsan a dhìreas len dichiolls len tàlantan fein as na sreathan.

A thaobh an treas bacaidh a tha fa chomhair an t-saighdeir, tha Morair Roberts aig an àm so afeuchainn ri chur as an rathad. Mar is fios dhuinn uile, bha Roberts air cheann shaighdearan amhor chuid dhebheatha, agus is aithne dha ciod a tha gan cumail fodha cho math ri duine tha beò. Agus nuair tha esan atòiseachadh ri buaireadh an òil a chur as an rathad orra, faodar a chreidsinn gur en t-òl, na bharail-san, an aon nàmhaid as motha thag obrachadh an aghaidh luchd-dion na h-Impireachd. Tha e air riaghailtean ùra dheanamh leis am bi e air a dheanamh nas comasaiche do na saighdearan an t-òl a sheachnadh, leis nach bi e air a cheadachadh aon sam bith dhiubh a chur air chùl cùnntair a chreic dibhe-làidir richompanaich, agus leis am bi gach oidhirp dhligheach eile air a toirt air an tionndadh air falbh o nithean a tha cronail dhaibh, agus a dhionnsuidh nithean feumail. Guidhidh gach Breatunnach aig am bheil math a dhùthcha na bheachd mile beannachd air Morair Roberts agus soirbheachadh leis anns an deagh obair so. Nuair a chriochnaicheas e a chaths a réis air an t-saoghal so, ’s a chuirear a chorp fon fhòd, theid iomadh carragh is càrn-cuimhne chur suas mar urram dha, ach saoilidh sinn nach burrainn dha cuimhneachan a bfhearr iarraidh no fhaotainn na e bhi air a radh gun do shaor e saighdearan a dhùthcha o chuing na deoch làidir, ’s gun drinn e comasach do dhuine bhin ceangal ris an arm gun a bhi air a bhuaireadh gach latha gu bhig imeachd air slighen drongair.


Facal Mu Tharte.

CHA bhiodh e iomchuidhsan dol seachad gun iomradh a thoirt air a char mu dheireadh a chaidh a chur an cùisean-riaghlaidh na dùthcha. Cha mhor an earann dhen t-sluagh aig nach eil, anns na làithean so, abheag no mhor ri ràdh mun Onorach Iacob Israel Tarte. Nuair chaidh Tarte an toiseach don phàrlamaid, bu Chonservative e, agus bha e dhen aidmheil sin gus o chionn dheich bliadhna, nuair chuir e cùl risheann chàirdean, an deigh gnothuichean a chur gu math troimhe chéilorra. Uaithe sin bu Liberal e, agus nuair fhuair Laurier air cheann an riaghlaidh an 1896, ghabh e Tarte mar aon den chomhairle. Bha Tarte riamh na dhuine spreigeil, spraiceil, luath-bheulach, agus bha e gabhail uiread gnothuich ri cùisean an riaghlaidhs gu robh e air fàs na ràdh cumanta gum besan a bfhior mhaighstir agus nach be Laurier. Chan eil fhios nach robh e féin dhen bharail sin cuideachd, ach ma bha, dhfhàs e tuilleadh is dàna gachur an géill. Am feadh a bha Sir Wilfrid thar cuain, ghabh Tarte an cothrom, ’s thòisich e ri teagasgs gach àiten labhradh e, gum bu chòir cìsean na cuspann àrdachadh an àite ìsleachadh mar bhan riaghladh fo ghealltanas a dheanamh. Cha robh iomradh air so air taobh seach taobh mun dfhalbh Laurier, ach bha esan acur an ìre gu robh am Priomhair dhen aon bheachd ris féin. Bha Ministeirean eile ag àicheadh sin, ach cha robh nan comas a bhacadh. -luaths a thill Lauriers a rainig e Ottawa, sgriobh e litir, gachronachadh air-son a mhi-dhìlseachd nuair nach robh esan an làthair, ’s atoirt àithne dha a dhreuchd mar bhall den Chomhairle a leigeadh dheth. So bfheudar do Tharte a dheanamh, agus an diugh chan eil e air a mheas eadhon mar fhear-leanmhuinn aig an Riaghladh.

Chan eil fhios gu ceart fhathast ciod a dhfhaodas tachairt ri linn an diùlnaich so a chur á dreuchdco-dhiù neartaicheas no lagaicheas e taobh an riaghladh. Theagamh gun toir e àireamh de luchd-leanmhuinn bho Laurier am measg nam Frangach ann an Cuebec; air sin chan eil comas-breithneachaidh aca-san a than taobh a mach de chriochan na roinne sin féin. Ach faodaidh e bhith gun neartaichear taobh an riaghlaidh ann an Ontarios anns na roinnean iochdrach le Tarte a bhi gan dìth. Anns na roinnean sin bha e gun teagamh sam bith na uallach trom orra fhads a bha en dreuchd, agus ma chreidear sgeul aGhlobe, chaill iad an Ontario barrachd is aon àite-suidhesa phàrlamaid air a thàille aig taghadh na bliadhna 1900.



[66]

[Vol . 11. No. 9. p. 2]

Tha e iongantach cho luaths a dhatharraicheas paipeirean nam pàirtidhean am barail air fear-stàite a chuireas car dheth. Gheibhear paipearan a bha mun àm so air air a bhòn-uiridh glé chàirdeil ri Tarte, an diugh gachàineadh, no cho faisg airs is dàna leotha an deigh bhi gamholadh. Gheibhear air an taobh eile paipeirean a bhacur sios air mar gum be ceann-feadhna nam peacach, an diughs an cridheachan air blàthachadh ris as ùr, ’s iad a réir coltais adeanamh deas gu ghabhail air ais don chrò a dhfhàg e. Mathar is diochuimhnichear gach buaireas a rinn esa chrò sin mun dfhalbh e as, an dòchas gun dean a thilleadh barrachd feuma dhaibhsa rinnfhalbh de chron.


Ciod is Aobhar Dha?

Faodar gu h-iomchuidh fheòrach ciod is aobhar do mar tha cùisean anns na Roinnean Iochdrach aig an àm soan aireamh mhor chiontach a tha fo bhinn bàis no afeitheamh cùrtach. Ann an St. John tha gillog fo bhinn bàis. Ann a Halifacs tha leth sheann duine fon bhinn cheudna. Ann am Bathurst, ann aWindsor, ’s ann an Sidni; anns gach àite dhiu sin tha duinesa phriosan afeitheamh ri bhi air fheuchainn air-son mort. Ann an Sidni, chaidh duine chur don tigh obrach airson marbhadh companaich, agus tha duineile gafheuchainn air-son gniomh nacheil nas fhearr, ach nis miosa, na mort. Ciod is aobhar dha so uile? Chaneil teagamh nach bi bristeadh-lagha is ciontan air an cur an gniomh anns an h-àiteachan as fhearr, ach bidh iad ro lionmhor anns na h-àiteachan sinsam bithear gu cumanta deanamh dimeas air lagh. Agus thatar adeanamh dimeas mor air lagh anns na criochan so. Tha laghannan is reachdan is riaghailtean againn nacheil air an cumail ach leothasan a thogras an cumail. An lagh nach còrd riut, faodaidh tu a bhristeadhs comhairleachadh do mhuinntir eile bhristeadh, agus chan abair maor no bàillidh riut gur h-olc. Cha bhi dimeas-lagha mar so gun a thoradh, agus tha sinn an so atòiseachadh ribhuain. Chan eil ach ceum goirid eadar bristeadh an lagh bhig agus bristeadh an lagh mhoir. Cha bhi na ciontan mora cho lionmhor nar measg nuair bhios na ciontan beaga air am peanasachadh, ’s nuair bhios am peanas cinnteach.


Naigheachdan.

AN T-URR D. M. GILLIOS. —Tha an t-Urr. Domhnull M. Gillios, a bha air chuairt ghoirid an Ceap Breatunnsan t-samhradh, an deigh gairm a ghabhail do Westville, N. S., ’s tha e nis air a shuidheachadh ann. Bha parraist aige roimhe so an California. O chionn cheithir-la-deug, air dha bhi aig a dhachaidh an Orangedale, thug àireamh de mhuinntir Hogamah dha sporan làn airgeid mar theisteas air meas is deagh-ghean a chàirdeans a sheann luchd-eòlais.

MARCONI AIR TIGHINNThàinig Marconi air tìr an Glace Baysa mhadainn an diugh, agus an deigh uair no dha a chur seachad ann ag amharc air na tùir thainig e timchioll gu Sidni. Tha e air soitheach-cogaidh bheag a chuir rìgh na h-Eadallte nall leis. Aig àm sgriobhaidh chan eil e air innse n soirbheachadh a bha leis, ach tha làn dhùil aig daoine gum bithear an ceann bheagan làithean acur fhiosan air aiss air adhart thar cuain.

DEIRC DO NA BOERICH. —Tha àireamh de na Seanalairean Boerach asiubhal na h-Eorpa ag iarraidh cuideachaidh don co-luchd-dùthcha a bha air an toirt gu bochdainn leis a chogadh. Thionail iad air tir-mor na h-Eorpa dlùth air ceithir ceud mile dolair. Nan robh iad air bhi glic gheibheadh iad barrachd mor is sin ann am Breatuinn, ach bha iad a labhairt mun dùthaich sin air dhòighs nach leig iad a leas tighnn thar a chaoil idir. Gheibh na Boerich anns aFhraings anns aGhearmailt sluagh gu leòr a bhruidhneas gu blàth air an taobh, ach cha bhi ann ach an gog mors an t-ugh beag. Chan eil sluagh ann as fialaidhe ris an fheumach na na Breatunnaich, ach cha toigh leotha bhi gan càineadh.

RI BHI AIR A CHROCHADHBha Seoras Cooke, am fear a mhort a bhean ann a Halifacs deireadh an t-samhraidh, air fheuchainn o chionn ghoirids air fhaotainn ciontach. Thugadh a mach binn a bhàis, agus bidh e air a chrochadh air an 13mh latha de Ianuaraidh.

TRIOBLAID AN EIRINN. —Tha trioblaid nach beag adùsgadh an Eirinn aig an àm so, an seann seann sgeul, an tuath an aghaidh nan uachdaran. Tha ceud mile dolair ri bhi air a chur a null as na Stàidean le Eirionnaich aig am bheil toil an aimhreit a chumail suassan t-seann dùthaich. Tha an aimhreit so gle phrobhaideach do chuid, ach gle chosdail don t-sluagh.

SGIORRADH AIR AN RATHAD-IARUINNDi-màirt sa chaidh bhuail da threin nachéile faisg air Hawkesbury, agus bha na h-innealan air am bristeadh gu dona. Bha aon duine air a leònadh, Uilleam Keith, a bha na fhear-inneil air an trein a bha cur a h-aghaidh air Sidni. Bha a leòn cho donas gun do chaochail e oidhche Dior-daoin. Bha e ceithir bliadhndeug air fhichead a dhaois, agus bha sianar chloinne aige. Bhuineadh e do New Campbellton, agus chaidh a chorp a thoirt dhachaidh an sin gu bhi air a thiodhlacadh.

TEAGHLACH AIR DHROCH CARAMHChaidh duine dam bainm Marr a chur don phriosan air an t-seachduin sa chaidh, ’s e ri fuireach ann gu ceann thri miosan, air-son nach robh e cumail suas a theaghlaich. Thug a bhean fianuis naaghaidh nach dthug e dhi fad ràidhe air-son i-féins a ceathrar chloinne a chumail beo, ach coig dolair. Chuireadh á ceithir taighean iadsan ùine sin, agus reiceadh am beagan innsridh a bhaca air-son am màl a phàigheadh. Tha Marr na dheagh fhear-ceairde, ach tha eg òl na tha ecosnadh.

PAIPEIREAN IAPANMar chomharradh air an t-soirbheachadh a thatighnn air achreideamh Chriosduidh ann an Iapan, thatar ag innse gum buin tri dhe na paipeirean làitheil a thatar acur a mach ann an Tokio do Chriosduidhean. Tha sinn an dòchas gum faicear blàth sin air na paipeirean. Tha sinn acreidsinn gu bheil a mhor chuid de phaipeirean na dùthcha so air an sealbhachadh le Criosduidhean, achs fhada ghabh e bho na paipeirean a bhi Criosdail. Chan aithnichte nach biad na dubh-phàganaich a bhiodh gan cur a mach.

RATHAD-IARUINN SRAIDETha an rathad so o chionn seachduin air obair, aon chàrsa cheann so dhen bhaile, ’s aon timchioll Whitney Avenue. Chan eil narailsair an leagail tarsuinn an rathad-iaruinn fhathast, agus tha sin acur maille mhor air luchd-siubhail. Chan eil an rathad fhathast criochnaichte, ach nuair bhitheas, bidh e na ghoireas mor do mhuinntir abhaile. Tha càr a ruith a mach as a bhaile cho fada ri mèinn anReserve ,ach chan eil cead aca ruith a stigh do Ghlace Bay, ’s cha bhi gus an tig achuideachds comhairlebhaile sin gu còrdadh, ni nacheil, a reir coltais, ro-fhurasda dhaibh a dheanamh.

LUIBHRE AM MARGAREEThatar ag ràdh gu bheil duine ann am Margaree air am bheil an luibhre. Bha àireamh chàsan den euslaint sin ann an ceann tuath siorrachd Inbhirnis bliadhnaichean air ais, agus thugadh air falbh do Thracadie, N. B., iad, far am bheil tigh-eiridinn lobhar. Cùnntas bhliadhnaichean air ais, phòs an duine air am bheilear ag iomradh nighean fir a chaochail leis an luibhre, agus a nis tha an euslaint air bristeadh a mach air féin. Tha ceathrar chloinne aige, agus tha iadsans am màthair gu ruige so slàn gu leòr. Tha lighiche á Tracadie atighinn a dhfhiosrachadh na cùise, ’s a thoirt an duine air falbh ma tha an sgeul fìor.

LEABHRAGAIN CHARNEGIE. —Tha coig mile deug dolair an tairgse Shidni o chionn faisg air da bhliadhna air-son leabhragan a thogail. Than t-airgead so air a thairgse le Andra Carnegie, a tha toirt ghibhtean air-son an aobhair cheudna do gach baile dhiarras e, an t-suim beag no mor a reir meud abhaile. Gu ruige so dhfhairtlich air comhairle abhaile còrdadh mun làraichsan teid an togalach a chur. Tha an ni ceudna tachairt ann a Halifacs; agus ann am Montreal than da shluaghna Frangaichs na Breatunnaichcho fad o cheile nam barails nach eil e coltach gun aontaich iad gibht Charnegie a ghabhail idir.


LITIR A LAG AN T-SLOCAIN.

MO bheannachd aig Mac Uisdean! ’S fhad on da latha sin! Ma chòrd na puirt cho math riur cuid leughadairean air fads a chòrd iad rium fhìn, gu dearbh chòrd iad gu math riutha. A dhinnseadh na firinn, ged is e an fhior éiginn a bheir orm gluasad an déigh dorchnachadh na h-oidhche, theab mi a dhol gu dannsadh a bhanns an nàbachd an oidhche a ràinig MAC-TALLA. ’S iomadh port is òran gasda a chuala mise o dhfhosgail mi mo shùilean ann an tìr nam beò. Tha cuid de dhaoine a cumail a mach nacheil feum anns na puirt, agus nach bu chòir an cumail air chuimhne idir. Ma tha, biodh aca; tha mise de dhatharrachadh barail. ’S ann orm a bha phrois an latha rinn Donnachadh ruadh am port so:—

An dubh mun gheals an glas a rithist,
An dubh mun gheals an glas a rithist,
Càiten cualas riamh an Uidhist
Suidheachadh bu bhoidhche.

An dubh mun gheals an glas a rithist,
An tartan a bhaig bean Iain Hidheal,
Càiten cualas riamh an Uidhist
Suidheachadh bu bhoidhche,—
On chualas tartan Peigidh Phabach
Bhann an Lag an t-Slòcain.
An dubh mun gheals an glas a rithist.”

Bham port so gu math fada nuair a chuir Donnachadh còir ri chéile, ach tha mi air a dhi-chuimhneachadh. ’S iomadh port is òran éibhinn a rinn e, agus tha feadhainn dhiubh fior mhath. Ma dhfhaoidteadh gun cuir mi fear no dha dhiubh fhathast gu MAC-TALLA. Chuala mi òran, aig bana-charaid a tha gle mheasail agam, a rinn Donnachadh ruadh do chaora, agus an ath uair a chì mi i feumaidh mi an t-òran fhaighinn uaipe.

Tha cuimhnagam air pios fhaicinnsa MHAC-TALLA an uiridh afeòrach mu òran a rinneadh le Seumas Mac Isaic don chogadh Ruiseanach. Chuir an neach a bhag iarraidh an òrain rann no dha sios dheth. ’S e òran math a thann a tha airidh air a chumail air chuimhne. Bfhior thoigh leam fhéin, agus le iomadh neach, tha mi cinnteach, a bharrachd orm, an t-òran fhaicinn na dphaipear. Feumaidh gu bheil e aig leughadair air choireiginn.

Bha eachdraidh ghoirid anns a MHAC-TALLA a chuireadh a mach aig toiseach a mhios so a chuir ioghnadh gun chiall orm. Tha an neach a sgriobh an t-eachdraidh ag ràdh gu bheil naodh air fhichead ministeir asearmonachadh Gàilig ann an Ceap Breatunn; agus gur luchd Gàilig a h-aon deug air fhichead dhe na sagairt. Tha gu leor de luchd na Gàilig ann an Ceap Breatunn fhéin, air a chuid is lugha, na chumadh pàipear mor làitheil a cheithir uiread ri MAC-TALLA suas. Mo nàire! mo nàire! Càitam bheil duinealas nan Gàidheal, nuair a tha iad cho caoin-shuarach mun Ghàilig? Theagamh gun abair cuideiginn gu bheil cailleach Lag an t-Slòcain air fàs tuilleadh is cabairneach co dhiubh.

Tha an seanfhacalCho sgìthsa bhan gobha da sheanamhair nuair a thiodhlaic e seachd uairean i,” gu math cumanta am measg nan Gàidheal, agus tha micreidsinn gu bheil iomadh Gàidheal is bana-Ghàidheal nach cuala ciamar a thòisich am facal a tha aca cho tric. A réirs mar a chuala mise, bha gobha ann an cearnàraidh den Ghàidhealtachd a bha gle aotrom, gòrach, is bha a sheanamhair a fuireach còmhla ris. Mu dheireadh dheug a sheanamhair, agus nuair a thiodhlaiceadh i, thòisich droch ghillean an àite ri togail a cuirps gafhàgail aig dorus a ghobha. Dhfhàs an gobha gu math sgìth dhen obair a bhaca, mar a than seanfhacal ag ràdh. Bha



[67]

[Vol . 11. No. 9. p. 3]

iad a smaoineachadh gun còrdadh e gle mhath ris a ghobha a bhi fàgail a sheanamhair aig a dhorus. Cha chuala mi gu robh cron sam bith nasheanamhair. Sid mar a chuala mise mar a dhéirich am facal, “Cho sgìthsa bha an gobha da sheanamhair nuair a thiodhlaic e seachd uairean i.”

Tha na h-electric carsa nis a ruith seachad air an Lag. ’S iad a chuir an t-ioghnadh orm a cheud uair a chunnaic mi iad. Ach tha daoine a nis a fàs cleachdte riutha. Chaneil iad idir nan ioghnadh cho morsa bha an t-each-iarainn nuair a thòisich e air ruith. Cha chuala mi gun do chuir iad a leithid de dhuamhas air daoinesa chuir an t-each-iaruinn air an duine chòir so. Bha e-fhein is fear eile air tighinn don bhaile dìreach nuair a dhfhosgladh slighe an rathad-iarainn. Cha chreid mi-fhìn gun cuale iomradh air a leithid a bhi idir ann. Co dhiubh nuair a chunnaic esan an t-each-iarainn a ruith seachad cho luath ris a ghaoith, ’s na bha de chars a slaodadh rithe, dheubh e a mach: “A Mhoire! ’Mhoire! seall tòrradh an deamhain!” Ach tha eagal orm gu bheil am fear sin gu math beòthail, neo cha bhiodh na cars so a ruith air latha na Sàbaid.

Tha an t-àm agad stad. Aguidhe soirbheachadh math le MAC-TALLA.

Is mi bhur bana-charaid,
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.


SGEULACDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. X.

CHA bu luaithechuir am fathach an leabana h-aite fhein anns an luchairt na thainig an righ a steach don t-seomar a dhfheorach cia mar a chuir a nighean seachad an oidhche, agus a chuir failte na maidne oirre. Bha mac an ard-chomhairlich, agus e air a mheileachadh leis an fhuachd an deigh a bhithna sheasamh as a leinidh fad na h-oidhche, anns an leabaidh, agus e fhathast gun bhlaths a ghabhail. Cha bu luaithe chuale bhithfosgladh an doruis na leum e as an leabaidh agus ruith e do sheomar eile a chuir uime an aodaich a chur e dheth an oidhche roimhe sid.

An uair a rainig an righ taobh na leapadh, phog e a nighean eadar an da shuil, a reir cleachdaidh, agus ghuidh e madainn mhath dhi. Agus le fiamh gaire air a ghnuis, dhfheoraich e dhith cia mar a chuir i seachad an oidhche. An uair a sheall e na bu dluithoirre, bha ioghnadh mor air gun robh coltas cho mhi-thoilichtoirre. Sheall i air le aghaidh bhronaich, agus dhaithnich e gun robh i fo thrioblaid inntinn. Labhair e beagan fhacal rithe; ach cha dthug i freagairt sam bith air. Bhuail e anns a cheann aige gun do thachair ni eiginn neo-chumanta dhi, agus anns amhionaid chaidh e do sheomar na banrigh, agus dhinnis e dhi mar a bha.

Mo thighearna,” arsabhanrigh, “theid mise far am bheil i gun dail, agus bidh fhios agam ciod a thacur dragh oirre. Is ann dhomhsa is fhearr leatha a h-inntinn a leigeadh ris.”

Cho luaths a chuir abhanrigh uimpe, chaidh i don t-seomar anns an robh a h-ighean, agus bha i gun charachadh as an leabaidh. Chuir i failte na maidne oirre, agus phog i i. Ach bha ioghnadh anabarrach mor oirre an uair nach dthug a h-ighean freagradh oirre. Agus an uair a sheall i na bu dluithe oirre, thug i an aire gun robh i dubhach, trom-inntinneach. Agus thug so oirre smaointean gun do thachair ni eiginn neo-chumanta dhi re na h-oidhche. “Car son, a leinibh, nacheil thug am fhreagairt,” arsise; “cha bu choir dhut a bhith mar so ri do mhathair idir. Feumaidh gun do thachair ni eigin neo-ghnathach dhut. Innis dhomhsa gu saor ciod a thachair, agus na cum an cleith orm e nas fhaide.”

Mu dheireadh labhair nighean an righ, agus thuirt i ri mathair, “Ochan! a mhathair ghaoil, tha mig iarraidh mathanais ma thug mi eas-urram sam bith dhuibh. Tha minntinn cho lan leis na nithean iongantach a thachair dhomh an raoirs nach dfhuair mi fhathast os cionn an uamhais agus an eagail a ghabh mi. Is gann a tha mo chiall fhin agam.”

An sin dhinnis i dha mathair mar a thugadh an leaba air falbh do sheomar dorcha, salach mun gann a chaidh i fhein agus fear na bainnse a laidhe, mar a ghrad thugadh air falbh e, mar a bha i air a fagailna h-onar anns an t-seomar maille ri duinog a labhair beagan fhacal rithe air nach robh cuimhnaice, agus a laidh anns an t-seomar gun dragh sam bith a chur oirre; agus mar a thugadh fear na bainnse don t-seomar anns a mhaduinn, agus a thugadh an leabas iad fhein lecheile air ais don luchairt ann an tiotadh. “Bha so direach air tachairt,” arsise, “an uair a thainig mathair a steach don t-seomar. Bha mi air mo lionadh cho mor le bron anns an ams nach robh en comas dhomh freagairt a thoirt do aon cheisd a chuir e orm; air an aobhar sin, tha eagal orm gum bheil e diumbach dhiom a chionn nach do fhreagair mi e. Ach tha dochas agam gun toir e mathanas dhomh an uair a chluinneas e mar a dheirich dhomh, agus a thuigeas e gum bheil mi ann an droch staid.”

Dheisd abhanrigh gu foighidneach ris na dhinnis a h-ighean dhi, ach cha chreideadh i gun robh e fior.

Is math a rinn thu, ’leinibh,” arsise, “an uair a chum thu so an cleith air dathair. Thoir do cheart aire nach toir thu guth air ri neach sam bith, ar neo ma bheir, saoilidh iad gum bheil thu air a dhol as do chiall.”

A bhaintighearna,” arsise rimathair, “tha miseg innseadh dhuibh le firinn gum bheil mo thurs mo chiall agam. Feoraichibh dhe mfhear-phosda, agus innseadh e dhuibh gur in fhirinn a thagam.”

Ni mi sin,” ars a mathair, “ach ma dhinnseas e dhomh an sgeul a dhinnis thusa dhomh, cha chreid mi e. So, so; eirich, agus na big arach a leithid sin de smaointean amaideach nas fhaide. Nach ciatach an gnothach, ma bhios na tha de ghreadhnachas agus de dhaidhear an diugh anns an rioghachd air an cur nan tamh le naigheachd den t-seorsa sin. Nacheil thucluinntinn fuaim nan trumpaidean, nan drumachan, agus na coisir-chiuil? An urrainn na nithean so idir do dheanamh aoibhneach agus sona, agus toirt ort an neonachas a thana dcheann a leigeadh as?”

Aig acheart am ghairm a bhanrigh air na mnathan-coimhideachd, agus thug i orra a nighean a churna h-eideadh. An sin chaidh i do sheomar an righ, agus dhinnis i dha gun robh smaointeanan gle neonach air bualadh ann an ceann a h-ighinn, ach nach robh seadh sam bith annta.

An sin chuir i fios air mac an ard-chomhairlich feuch am faigheadh i am mach tuilleadh mu dheidhinn na dhinnis a h-ighean dhi. Ach on a bha eg a mheasna urram mhor a bhith posda ri nighean an righ, chuir e roimhe gun cumadh e an gnothach ann an cleith.

A mhic,” arsise, “am bheil thucreidsinn an naigheachd a dhinnis do bhean dhomh mu dheidhinn gnothach iongantach na h-oidhchan raoir?”

A bhaintighearna,” arsesan, “am faod mi bhith cho danas gum feoraich mi, car son a tha sibh acur na ceisde sin orm?”

Oh! tha sin gu leor,” arsise; “chan fhaighneachd mi an corr dhiot. Tha mi faicinn gum bheil thu nas glice na ise.”

Bhan greadhnachas adol air aghart fad an latha anns an luchairt, agus bha bhanrigh a deanamh na burrainn i a chum toileachadh a thoirt da h-ighinn; ach bha na thachair an oidhche roimhe sid an deigh greim cho mor fhaotainn air an inntinn aices nach cuireadh rud sam bith as a cuimhne.

Cha be mac an ard-chomhairlich dad bu lugha dragh inntinn, ach chaidh aige air staidinntinn a chumail am falach air a leithid de dhoighs gun robh na h-uilesmaointean gun robh e aoibhneach gu leor.

Bha fhios aig Aladin gun robh acharaid og gu laidhe comhladh an oidhchud a rithist, ged a chaidh iad troimh dhraghs troimh thrioblaid gu leor an oidhche roimhe sid. Agus air an aobhar sin, on bha toil aige an tuilleadh dragh a chur orra, thug e lamh air achruisgean. Agus an uair a thainig am fathach, agus a thairg e seirbhis a dheanamh dha, thuirt e ris: “Tha mac an ard-chomhairlich agus nighean an righ gu laidhe comhladh anochd a rithist. Bi falbh, agus cho luaths a theid iad a laidhe, dean mar a rinn thun raoir.”

Thug am fathach umhlachd don aithnethug Aladin dha acheart cho maths a rinn e an oidhche roimhe sid. Bha mac an ard-chomhairlich ann an aite cho fuar ris an aites an robh e an oidhche roimhe sid; agus bha nighean an righ anns an t-seomar comhladh ri Aladin, agus an claidheamh ruisgte ritaobh.

Thainig am fathach anns a mhadainn mar a dhordaich Aladin dha, agus an uair a chuir e fear na bainnse anns an leabaidh, thog e leis iad fheins an leaba, agus dhfhag e iad ann an luchairt an righ.

Bha toil aig an righ fios fhaotainn air mar a chuir a nighean seach an oidhche, agus ann an glasadh an latha chaidh e don t-seomar, agus esmaointean gum biodh i na bu toilichte na bha imhadainn roimhe sid. An uair a chuala mac an ard-chomhairlich a bhithfosgladh doruis an t-seomair, thug e cruinn-leum as an leabaidh, agus chaidh e do sheomair eile gus a chuid aodaich a chur uime. Chaidh an righ thun na leapadh far an robh a nighean na laidhe, agus thuirt e: “A nighean, am bheil saod nas fhearr ort an diugh na bhort an de?” Ach cha do fhreagair i idir e; agus dhaithnich e air a h-aghaidh gun robh i fo bhron, agus gun do thachair ni eiginn anabarrach neo-chumanta dhi. Ach o nach robh i ga fhreagairt, bha e air a bhrosnachadh cho mor le feirgs gun dthug e lamh air a chlaidheamh, agus thuirt e; “A nighean, innis dhomhsa ciod a tha cur dragh ort, ar neo cuiridh mi dhiot an ceann anns amhionaid.”

Bha nighean an righ air a clisgeadh an uair a chunnaic i a h-athair ann an corruich cho mor, agus an claidheamh ruisgtena laimh, agus thuirt is isileadh nan deur, “Mathair ionmhuinn agus mo righ, tha mig iarraidh mathanais ma thug mi oilbheum dhuibh ann an doigh sam bith, agus tha min dochas gum bi sibh cho maths gun gabh sibh truas dhiom, an uair a dhinnseas mi dhuibh mun t-suidheachadh thruagh anns an robh mi o chionn da oidhche.”

An uair a chuala h-athair na briathran so, dhfhas e siobhalta, agus an sin dinnis i dha a h-uile car mar a thachair. Agus chuir na dhinnis i dha dragh mor air an inntinn aige. “Ma tha sibh acur teagamh anns na dhinnis mi dhuibh,”



[68]

[Vol . 11. No. 9. p. 4]

arsise, “feoraichibh ma dheidhinn de mfhear-posda, agus innsidh e dhuibh acheart sgeul a dhinnis mise.”

Chuir na dhinnis a nighean dha dragh mor air an inntinn aig an righ. “A nighean,” arsesan, “bu choir dhut a bhith air so innseadh dhomh an de, on a tha ecur uiread de dhragh ormsas a tha e ort fhein. Cha bann gus do dheanamh mi-shona a thug mise seachad thu ri dphosadh, ach a chum gum faigheadh tu gach sonas air am bheil thu airidh o fhear don robh tlachd agad. Leig as do chuimhne gach smaointean a thacur dragh ort. Bheir mise an aire mhath nach tachair a leithid sid dhut oidhche tuilleadh.”

Cho luaths a chaidh an righ da sheomar fhein, chuir e fios air an ard-chomhairleach. “Am faca tu do mhac an diugh,” arsesan; “agus an dinnis e rud sam bith dhut?”

Cha dinnis,” arsesan.

An sin dhinnis an righ dha a h-uile facal a thuirt a nighean ris, agusna dheigh sin, thuirt e: “Chaneil teagamh agam nach dinnis mo nighean an fhirinn dhomh; ach na dheigh sin gu leir, bu mhath leam fios fhaotainn o dmhac-sa mu dheidhinn na cuise. Air an aobhar sin bi falbh, agus faigh am mach uaithe cia mar a bha.”

Anns amhionaid chaidh an t-ard-chomhairleach far an robh a mhac, agus dhinnis e dha mar a thuirt an righ ris, agus dhiarr e air an fhirinn uile innseadh dha.

Cha chum mi dad an cleith oirbh, ’athair,” ars esan, “oir tha na dhinnis nighean an righ fior gu leor. Ach chaneil fhios aice air dad dhe na thachair dhomhsa. Chuir mi seachad an da oidhche an deigh dhomh posadh ann an suidheachadh cho truaghs nach gabh e ach gann aithris, gun guth a thoirt air an eagal a bhorm an uair a thogadh an leaba ceithir uairean o aon aite gu àiteile, agus gun fhios agam cia mar a burrainn a leithid tachairt. Faodaidh sibh a thuigsinn gun robh mi ann staid thruaigh an uair a thainig orm an da oidhche a chur seachadnam sheasamh ann an aite fuar, agus gun chomas agam air gluasad no carachadh as, ged nach robh mifaicinn no tuigsinn ciod a bhag am cumail ann. Ach feumaidh mi radh nach dthug an droch dhiol a rinneadh orm atharrachadh sam bith air aghradh, air amheas, agus air an urram a bhagam do nighean an righ. Ach feumaidh mi aideachadh gum bfhearr leam am bas fhulang na cur nas fhaide suas leis na bha mifulang an da oidhchud, a dhaindeoin gach urram a thagam ann a bhith ann an daimh posaidh ris an righ. Chaneil teagamh agam nacheil nighean an righ dhen cheart bheachd rium fhin, agus nacheil i toileach sgaoileadh a chur anns acheangal posaidh a tha eadrainn, agus a tha cho feumail a chum fois a thoirt dhuinn le cheile. Air an aobhar sin, ’athair, tha mi guidhe oirbh gum feuch sibh ri thoirt air an righ sgaoileadh achur anns aphosadh.”

(Ri leantuinn.)


Eolas nan Gaidheal air Blaithean na Machrach.

EARRANN II.

ACH feumaidh sinn a bhàrdachd fhàgail ged bu mhiann leam iomadh earrann chiatach eile a leughadh dhuibh. Bhan darach làidir, a bheithe chùbhraidh, am fraoch badanach, agus a chathair thalmhuinn gu tric am beul nam bàrd.

Bho chionn tri cheud bliadhna labhair Sìleas Nic Dhòmhnuill mar so muceann-feadhna:—

Bu tun t-iubhar as a choille,
Bu tun darach daingean, làidir,
Bu tun cuilionn, bu tun droighionn,
Bu tun t-abhall molach, blàthmhor;
Cha robh meur annad den chritheann,
Cha robh do dhlighe ri feàrna,
Cha robh do chàirdeas ri leamhan;
Bu tu leannan nam ban àluinn.”

Rinn na thubhairt mi soilleir dhuibh an t-àite urramach a tha obair Nàduir a gabhail ann am bàrdachd nan Gàidheil.

Anns na linntean bho shean bha daoine a creidsinn gu mor ann an saobh eòlas. Bha iadsa bheachd gu robh iomadh éifeachd anns na luibheangu robh iad comasach air an dion bho fheartan nam buidseach agus air an saothair a bheannachadh. Nam measg so bha achlasan Chalum Chille. Bha daoinega ghiùlan nan uchd an dùil nach ruigeadh guidhe baobh orra. Tha Màrtain, a chuir cuairt air Eileanan na h-àirden Iar, ag innse gun robh Iain Moireastan anns na h-Earradh ag giùlan an luibhh so gach latha a chums nach fhaiceadh e taibhse a bha gathaghal. Chuala sibh uile

Achlasan Chalum Chille
Gun sireadh, gun iarraidh,
S a dheoin Dia, cha bhàsaich mi nochd.”

Bha an liath lus air h-uidhsneachadh airson a bhi cur dian air crodh bho bhuaidh nam ban sìth. Bhathas gafhigheadh mar chrùns gachur mun ceann. Is aithne do gach neach meuran nam ban sìth.

Bha meas mor air lus chasgadh na fola. Tha fàile làidir dheth, agus gheibhear esan t-samhradh a fàs gu pailt. Tha achathair thalmhuinn aig cuid mar ainm air. Bha na mnathan òga gabhuain agus gachur ann am mogan na coise deise fon chluasaig an dùil gum faiceadh iad an leannain as an cadal, ach nan abradh iad diog an déis dhaibh a bhuain cha robh buaidh ann. Tuigidh sibh an cleachdadh bho na briathran so:

Gun déirich mi mochsa mhaduinn an ,
S ghearr min earr-thalmhuinn do bhrigh mo sgéil,
An dùil gum faicinnsa rùn mo chléibh:
Ochoin! gum facasa chùl rium féin.”

Ach ged a lean cuid a bhi toirt géill do shaobh chreideamh, chuir an earrann mhor cùl ris.

Thuig iad gu robh éifeachd anns na luibhean airson gach euslaint a bha buailteach do mhac an duine. Thàinig iad gu bhi creidsinn gu robh luibh a fàs airson gach eucail a leigheas, agus nach robh an luibh fad as. Bha na Gàidheils a bheachd aon uair gu robh a chraoibh chaorrunn a beannachadh an taighe aig an robh i a fàs; ach dhfhalbh am beachd sin agus thuig iad gu robh slàintanns na measan. Tha an t-seann duan ag innse

Caorrunn a bha air loch Maibh
Chi sinn an traigh gu deas,
Gach is gach mios,
Torradh abaich bha air;
Seasamh bha an caorrunn sin
Na bmhillse na a mhil a bhlàth,
S chumadh an caorrunn dearg naoi-tràth.
Bliadhna air saoghal gach fir
Gun chuir e, is sgeul dearbh.”

Tha sinn a faicinn anns na briathran so mar a bha ar sinnsre a tighinn beag air bheag gu bhi faicinn am feum a bha anns na luibhean a réir òrduchadh Dhé. Fa dheireadh bha eòlas mor acair leigheas leò. Bha luibheann ann a beòlaiche na chéile. Agus nam measg ainmichidh mi— “Barr-braonan-nan-con,” phlùr beag buidhe a tha fàs gu pailt am measg an fhraoich; “Lus nan cluas,” a bha feumail airson greim cluaise; agus lus a chaitheamh(wood-ruff) .Bha am bearnan Brìde feumail airson iomadh eucail. Chuala sibh mun t-slàn-lus, mu lus-nan-sùil, agus lus-a- chrubain. Bha lus-nan-cnapga chleachdadh ri tinneas an rìgh. Cha chuirinn crioch air a chuspair so an nochd nan innsinn mun h-uile luibh a bhathas a cur gu feum airson fuasgladh a thoirt don tinn, agus furtachd don chràidhteach.

Air chùl a bhi deanamh feum do na luibhean airson leigheas, bha iad a deanamh iomadh ni eile leò. Bha an cneamh agus an fheanntag agus an duilleasg feumail airson càl. Bha freumhan a chairmeil air an tiormachadh, agus an sùgh aca air a chur an ceann uisge beatha. Tha am blas milis, agus is tric a thug gillean greis air an cagnadh. Tha gach buachaille eòlach air a bhraonan agus am brisgean. Chuala sibh

Crochaidh mi a bhachlag,
Mur a faigh mim braonan.”

Bha agus tha na luibhean feumail am measg nan Gàidheal airson dathan. Tha dath a chnotuil ainmeil an diugh anns a Ghalldachd. Bha am fraoch, am fearna, an seileach, agus an seileasdair nan dathan. Tha cùnntas air a thoirt ann an leabhraichean air an dath a bhathas a toirt as gach luibh. Chaneil neach a sheallas air a so nach tuig an t-eòlas domhain a bha aig ar sinnsre air na luibhean. Dhainmich mi gu bheil an luibh-eòlas ann an dlùth chomh-cheangal ri ar bàrdachd. Tha e mar an ceudna aig bonn ar sgriobhaidh. Mun do thòisicheadh air na litrichean a thagainn an diugh a chleachdadh bha na Ceiltich a sgriobhadh air rùsg nan craobh. Thug iad ainmeannan nan craobh uime sin air na litrichean a bha iad a cur gu feum. Bha A a seasamh airson Ailm; B airson Beithe; C airson Callduinn; D airson Darrach; agus mar sin air aghaidh.

Anns a cho-dhùnadh chuirinn nar cuimhne gu bheil suaicheantas nam fineachan Gàidhealach air an taghadh á measg nan luibh agus nam fiodh, ach nam measg tha fiodh no dha nacheil idir a fàs anns an tìr so. Ciod an t-aobhar air son so chan aithne dhomh. Tha gach aon eòlach air a shuaicheantas féin, agus uime sin cha toir mise iomradh orra.

Air an lathan diugh tha moran don t-seann eòlas so air a dhi-chuimhneachadh. Chaneil an òigridhga thogail bhon aithrichean, agus tha iad a sgur a bhi beachdachadh air na luibhean. Tha iad agabhail tuilleadh ioghnaidh do na nithean a tha meuran dhaoine a deanamh. Ach chan fhaigh iad asda sin an t-eòlas a tha ri fhaotainn bho bhi tabhairt fainear cionnus a tha na luibhean a fàs. Tha an diugh leabhraichean lionmhor anns a Bheurla, agus bu chòir do gach aon gun ainmeachadh a h-uile luibh a tha fàs. Bheireadh so toil-inntinn dha air chùl fiosrachaidh, oir chan aithne dhomh ni idir cho taitneach ri bhi foghlum bho lilighean nam machrach. Biodhamaid uime sin le tuilleadh soluis a leantuinn dlùth ri cliù ar sinnsre.


Stuth-laidir aig Torraidhean.

BHA e nachleachdadh anns an àm a chaidh seachad a bhicosg stuth-làidir aig tòrraidhean. Tha an dòigh air an do chuireadh casg air an ni so ann an coithional Mhira, an Ceap Breatunn, ’s am meadhain a bhair a chleachdadh, air a h-innseadh le aon de leughadairean MHIC-TALLA mar a leanas. Faodaidh ar luchd-leughaidh làn-chreideas a chuir anns a h-uile facal a thair a thoirt seachad.

Air an t-seachdamh latha fichead dhen Mhàrt, 1852, bha Domhull Mac Odrum, duine soilleir anns an Fhìrinn, a dol gu tiodhlacadh Ghilleasbuig Fhearghasdan (Gilleasbuig mac Phàdruig) a bhan Carribou Marsh. Air do Mhac Odrum a bhi mu mhìle gu leth bhon taigh aige fhéin, a dol don tiodhlacaidh, choinnich e an



[69]

[Vol . 11. No. 9. p. 5]

t-Urramach an Doctair Mac Leòid a dol a dhfhiosrachadh boirionnach tinn a bhanns an nàbachd, agus bha e dol a thilleadh air ais thun an tiodhlacaidh. Air dhaibh a bhi co-labhairt treis, thuirt Domhull Mac Odrum ris aMhinistear gun cuale gun robh deoch-làidir gus a bhi air a cosg aig an tiodhlacaidh, agus gun robh e guidhe airsan as leth Dhé casg a chur air an ni mhallaichte. Fhreagair an Doctair gun robh latha iongantach aca ann an so an diugh; gun robh triùir marbh anns a choithional, agus gun robh uachdaran Halifacs, Sir Iain Harvey, marbh mar an ceudna. Thog Mac Odrum a làmhan, a toirt glòir do Dhia gun robh Uachdaran ann a bàirde; agus leis a sin thuit e seachad agus cha dfhuaireadh facal tuilleadh aige. ’S ann mar so a chaidh casg a chur air stuth-làidir on lathud aig tòrraidhean anns a choithional ud.”

Chaneil ni is cinntiche nacheil Dia acleachdadh naàm iomchuidh fhéin meadhainnean air-son stad a chur air na nithean nacheil a réiràithne. Tha e soilleir gun robh guth an Tighearna ri chluinntinn anns an ni iongantach so; oir cha robh boinne de stuth-làidir air a chosg an déigh bàs an duine dhiadhaidh, Domhull Mac Odrum. Tha na rannan a leanas, a tha air an toirt á marbhrann a rinneadh beagan ùine an déigh a bhàis le Domhull Ros, a nochdadh am meas a bhair anns an sgìresan robh e:—

Am measg gach call a thainig oirnn
A fàsach truagh nan deoir,
Tha call nan càirdean gràdhach ud
A bàbhaist bhi nar coir,
Bha dileas is ro thairis leinn,
S a sheasadh ris a choir,
Gur tùrsach leinnbhi dealachadh,
S bhi call an comunn beo.

Tha sgeul an diugh air innse dhuinn,
Chuir tiamhachd oirnn is bron,
Is naigheachd dhuilich, chianail i,
Dhfhàg nis ar cridhe leoint’,
Bhi toirt air falbh na fianuis uainn
Bha dileas anns a choir:
S e Domhull mac Aoigh, a Mira,
Bhin diugh gachur fon fhod.

Bidh cianalas ga dionndrainn oirnn,
On chaidh thu uainn don éug;
An àm dhuinn dol don choithional,
Cha choinnich ruinn thu féin;
Bidh tàite dhuinn na fhàsach ann,
Ri caoidh do làthreachd féin;
S cha seinn thu air a chlàrsaich leinn
Mar bàbhaist dhut le gléus.”

Bha Domhull Mac Odrum gu math càirdeach don bhàrd ainmeil a bhann an Uidhist mu thuathIain Mac Odrum. Tha cuimhe aig an fhear a thug dhuinn an t-iomradh goirid so, air nighean leis a bhàrd fhaicinn ann an Ceap Breatunn. Ma tha gus nacheil gin desliochd beò chan urrainn duinn a ràdh.


SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH.

(Air a leantuinn).

ACH ma bhàsaich Crìosd airson gach uile dhuinema bhlais e bàs airson gach aoin, —am bi gach aon, gach uile dhaoine, air an tèarnadh an lorg so? Tha mi a grad fhreagairt, cha bhi. Anns abhaile-mhòr so tha tigh àraid shuas bràigh abhaile, ris an abair iad Tigh-eiridinn(infirmary)—tigh gus abheil daoinetha euslan, tinn, lag, air an giùlan. Neach sam bith a tha deònach, faodaidh e dol an sin, as gach sochair a thann airson dhaoine euslan a sheilbheachadh. Ach mareil neach air bith a meas gu bheil e féin euslan, no ann am feum leighis, cha ruig eleas dol ann. Ach ged a tha esan adiùltadh dol ann, gidheadh than tigh-leighis ann; ’s than tigh-eiridinn so airson gach duine. Tha e an sud deas réidh airson gach duine, ged a tha cuid ann, as iad bochd, lag, tinn, a thadiùltadh dol a stigh air a dhorus. Mar sin, tha Crìosd comasach agus toileach gach aon a thearnadh; ach tha cuid ann nach gabh ris, nach creid e, nach earbsas, nach tig da ionnsuidh. Cha chreid iad gu bheil feum air bith acair, no air an t-slàintetha aige air an son. Feuchaidh iad gach dòigh eile ach seachnaidh iad esan; agus mar sin, ged a tha esan toileach, comasach, gidheadh chaneil iadsan; agus tha iad abàsachadh, ged a bhlais esan bàs airson gach duine.

Tha duine saoibhir beartachsan rìoghachd a thog tigh mòr eireachdail airson daoina bha dall; agus chuir emach anns na pàipeirean-naigheachd, gum faodadh gach leanabh dallsan rioghachd teachd a dhionnsuidh an tighe sogum be làn am beathagum faigheadh iad biadh, as aodach, ’s gach cothromgum faigheadh iad fòghlum tren leughadh iad focal Dhé, agus gun leighisear iad on doillegum faigheadh iad fradharc an sùl; ach so uile air chùmhnant gun giùlanadh gach leanabh beag dall a bhadol a stigh don tigh sin e féin gu freagarachgum biodh iad nan leanabanan math, riaghailteach, umhal do gach òrdugh as àithne a chuirear mun coinneamh. Nis, so agaibh tigh airson gach dallsan rìoghachd— ’se beatha gach aoin. Ach an tig gach duine dall don tigh so? Cha tig. Deir cuid nacheil déidh air bith aca bhi air an éideadh, no air an teagasg, no fradharc an sùl fhaotuinn. Mar sin, ged a tha tigh airson gach aoin, cha tig gach aondiùltaidh iad, fanaidh iad air falbh, ’s chaneil an tigh adeanamh feum doibh. Mar so a thaobh an Tighearna Iosa Crìosd. Faodaidh gach aon dol da ionnsuidh; tha cuireadh aca; ’sem beatha. Tha eglaodhaich orra teachd; ach cha tig iad. Ged a tha làntachd gràis ann, cha bhi a h-aon air an tèarnadh ach iadsan a thig da ionnsuidh, ’s a bhios umhal, dìleas da.

Ach is docha gu bheil thu afeòraich, an e gun dullaich Dia slàinte as tearuinnteachd do gach aon, as gidheadh gum bi cuid ann nach bi air an tèarnadh? An do leag esan stéidh leathann airsoneaglais mhòir choitchionn, agus, an deigh so, an e nach tog e ach aitribh bheag air an stéidh luachmhoir?

Tha miga fhreagairt so le a ràdh gun do sholair Dia Slànuighear a tha deònach, comasach, air na h-uile dhaoina thearnadh; agus gidheadh, cha tearuinn e ach iadsan a chreideas ann an Iosa Crìosd, a bhristeas air falbh om peacanaibh, ’s a bheir ùmhlachd. Cha ruig mi a leas innseadh do a h-aon agaibh gu bheil Dia asolar iomad beannachadh airson gach aoin; gidheadh, chaneil gach aon aseilbheachadh nam beannachdan sin, ged a dhfhaodadh iad. Chruithich Dia solus na gréine do gach duine; ach tha cuid a leigeil ris gum bfheàrr leo a bhi nam méirlich, ’s a dhol a machsan oidhche a ghoid, ’s a bhinan suainsnan cadal feadhn latha, fhads a thaghrian asoillseadh. Gidheadh, tha solus nis leòir ann air son gach aoin, ma thogras gach aon feum a dheanamh den t-solus sin. Mar so chruithich Dia uisge nis leoirchum gach duine tartmhor air aghaidh an t-saoghail a riarachadh, ’s am padhadhs an tart a shàsachadh; ach tha cuid ann nach òl eleis am feàrr bàsachadh le tart no teachd a dhionnsuidh an fhuarain a chaidhfhosgladh. Is feàrr leo gu mòr deoch làidir a tha na phuinsean doibh òl, no teachd a dhionnsuidh tobair an uisge bheò; ach tha làn phailteas de dhuisge ann, ged a tha iadsan adiùltadh teachd da ionnsuidh. Am faod neach air bith a ràdh nach do bheannaich Dia latha na Sàbaid airson gach aoin, agus feum gach aoin, ged a tha co liuthad aon adeanamh tàir air an latha beannaichte? Anns gach cùis a dhainmich mi, agus ann am mìle cùis eile, tha fios agam gun do dheònaich Diana thròcair iomad beannachadh airson dhaoine, ged a tha mòran dhaoine ann a tha co gòrach pheacachs nach gabh iad ris na beannachdan a tha air an curnan tairgsea thadeanamh droch fheum dhiubh— ’gam mi-bhuileachadh, ’sgan cuir gu droch bhuil. ’Sann dìreach mar so a tha ethaobh na sláinte a choisinn Crìosd. Tha i co saor ri oiteig nan spéur, ri gaoithe an adhairco saor ris an uisgethasruthadhs a braonadh o na spéuran; ach faodaidh daoine diùltadh a gabhail, agus tionndadh air falbh uaipe. Leighis esan gach duine euslan a thainig da ionnsuidh am feadhs a bha esan t-saoghal so; ach ma bha neach air bith ann a bha tinn, ’s nach deachaidh da ionnsuidh, no nach do chuir fios da ionnsuidh, cha robh iadsan air an leigheas; chan ann a chionn nach robh esan comasach agus deònach, ach a chionn nach deachaidh iad da ionnsuidh. Nis, dhfhaotainn crìochnachadh; ach thamhiann orm focal no dha a labhairt ris amhuinntir òig mun dealaich mi riu air an àm. Agussen a thamhiann orm gu h-àraid a ràdh, gur peacadh mòr gun ghràdh a thoirt do dhIosa Chrìosd airson a thròcair, ann an strìochdadh gu bàs a bhlasad airson gach duine.

An saoil sibh, nam burrainn dhomhsa labhairt ribhse mar so, mo chàirdean òga:— “Innsidh mise dhuibh eachdraidh bheag mu thimchioll na thachair dhomh féin: dìreach éisdibh mar gum biodh i fìor. Bha mi aon uair fadair chuan, ann an tìr chéinfada, fada mach air chuan, ann an luing mhòir, asiubhal do na h-Innsibh, a tha fada thall. Air latha àraid, thainig long choimheachsan t-sealladh, ’s ghabh i dìreach a nuas a dhionnsuidh an àite san robh sinn. Bha eagal oirnn roimpe, agus chuir sinn gach òirleach de shiùil ris na croinn a burrainn an long againn a ghiùlan, a chum dol as, nam burrainn duinn; ach cha robh so comasach. Ghlacadh sinn, as thug iad sinn don àitesan robh iad adol. Chuir iad iaruinn air ar casan, as air ar lamhan. Thug iad dhinn ar n-aodach, as reic iad sinn samhargadh mar thràilleandireach mar a reiceas daoine crodh as caoraichsan àite so. Cheannaicheadh mise le duine saoibhir, beartach; ach duine gun iochd, cruaidh-chridheach, borbarra. Cha mhòr nach do chuir e bàs mi le dìth bithidh, agus sgiùrs e mi gach làtha le crios leathraich. Mar so chuir mi seachad bliadhna no dhà; ach chualas na mdhùthaich féin, mar a thachair. Chualan t-aon charaid a bfheàrrs bu bheartaichebhagam riamh mar a dhéirich dhomh, agus ghabh e truas dhiom. Bha so uile na iongantach, oir ghiùlain mi féin da thaobh air an dòigh a bu mhi-thaingeile; ach coma dhiùbh, chuir e roimhe mo shaoradh. Dhfhàg e a dhùthaìchs a dhachaidh féindhealaich e ris gach ni bu luachmhoire a bhaigesan t-saoghal, as chaidh e air mo thoir, a chum mo shaoradh on tràilleachd. ’Nuair a ràinig en t-àite, dhinnis e na bhana bheachd. Cha dealaicheadh mo mhaighistir riumcha reiceadh e mi airson òir no airgid. Mu dheireadh, thairg mo charaid a bhi na thràill e féin air mo shon, agus ann am àite. Ghabh e an tairgse so. Bha na h-iaruinn air ball air an tilgeadh o mchasan, agus chuireadh iad air casan mo charaid; agus an sgiùrsadh a rinneadh roimhe so ormsa, chaidh a nis a bhuileachadh airsan. Chunnaic mi e na thràill bhochdsan àite so, agus bha fios agam gun dfhag e a dhùthaich féin, ’s a dhachaidh féin, air mo shonsa, ’s gun dfhàs e na thràill, eòlach air bròn; agus so uile air mo shonsa, ’chum



[70]

[Vol . 11. No. 9. p. 6]

mo shaoradh a chosnadh! Thainig mise dhachaidhchum mo chàirdean fein, ’s tha mi nis asealbhachadh iomad mile sochair as beannachd air a thaile-sa; ’s a nis, feuch tha mi a-chuimhneachadh mo charaid, a chinn na thràill ann am àite. Chan àbhaist domh labhairt mudhéidhinnchan àbhaist domh sgrìobhadh da ionnsuidhchan àbhaist domh smuaineachadh air, ’s cha mhòtha gràdh agam air. Nacheil so mi-thaingeil? Nacheil so olc, peacadh? agus an e nacheil cridhe peacach agamsa?”

Nis, tuigibh ciod is ciall da so. Nach robh sinn uilenar tràillean truagh don pheacadh? Bha sinn uile ann an trailleachds an daorsauile air ar milleadh. Bha Iosa Crìosd ann an nèamh, maille riAthair. Ghabh e truas dhinn. Bha Esan saoibhir, as bhuineadh Dhàsan neàmh agus talamh mar oighreachd; ach chinn e bochdthainig e gu luath air sgiathaibh a ghràidh don t-saoghal. Air ar son-inne chinn e bochd. Bàill leis ar ceannach, agus cheannaich e sinn, lebhi air a dheanamh na mhallachd air ar son. Cheannaich e sinn, chan ann le nithibh truaillidh mar airgiod as òr, ach lefhuil phrìseil, luachmhoir féin. Chàirich Dia air ar peacaidh-ne gu léir: lechreuchdaibh-san tha sinn air ar slànachadh. Nach bu choir dhuinn Iosa Crìosd a ghràdhachadh, as sin ler n-uile chridhe?

Bhàsaich Crìosd air ar son, ’nuair a bha sinnenar naimhdean. —Bha duinann an Sasunn ris an canadh iad Iain Howardduine co iochdmhors a bha riamhsan tìr. Chaidh esan thairis air an Roinn-Eòrpa gu léir, a choimhead nam prìosan anns an robh daoine bochd air an gleidheil, ’s a dheanamh math dhoibh. Chinn na prìosanaich thruagha co bàigheil mun duine, ’s gum bàbhaist leo tuiteam aig a chasan, ’chum am pògadh, ’s am beannachadh a thoirt da. Ach cha robh iadsan nan naimhdean da, ni a bhàsaich e air an son; ach bhàsaich Crìosd air ar son-inne, ’nuair a bha sinnnar naimhdean da. ’Sann an so a bhan gràdh! an slànuighear a chuirear an coimeas ri Crìosd?

Mo chàirdean òga! ciod matà, ’ur barail air Crìosd? Tha ceithir nithe ann bu chòir dhuibh a dheanamh mu Chrìosd, ’s a dheanamh fhads a tha sibh ann an tìr nam beò.

Sacheud àite, smuainichibh mu dhéidhinn Chrìosd a h-uile latha, fhads beò sibh, nar cridheachaibh.

San dara àite, leughaibh mu dheidhinn Chrìosd anns aBhìobull, as feuchaibh gach tha sibh a leughaidh a thuigsinn.

San treas àite, biodh e na chùis mhulaid duibh co beags a rinn sibh a smuaineachadh mudhéidhinnam beag gràidh a thagaibh da thaobh— ’s co beags a tha sibh airur n-irisleachadhs fo mhulad airsonur mi-thaingealachd.

S acheithreamh àite, thugaibh dhaur gràdh, ’ur cridheachan, ’ur bithean, ’s na bheil agaibh. —Cuairtear nan Gleann.


MU IMRICH NAN GAIDHEAL.

Litir a chaidh a sgriobhadh leis an Urr. Tormod Mac-Leoid an earrach na bhliadhna 1841, air dha bhifeuchainn ri cuideachadh fhaotainn on phàrlamaid dhaibhsan a bha toileach tighinn air imrich do Chanada.

MO LUCHD-DUTHCHA IONMHUINN, —Chuala sibh gun robh cor nan Gàidheal bochda air a thoirt fo bheachd na Parlamaid le Mr. Baillie, duine fiachail thasuidhe ann an ard-chomhairle na rìoghachd air son siorramachd Inbhirnis. Thug e a leithid do chùnntas air abhochduinn fon robh móran do na Gàidheil afulangs gun do chuireadh air leth, mar theirearsa Bheurla, committee , ’se sin buidheann àraidh do mhuinntir na Parlamaid chum achùis so a rannsuchadh, agus an comhairle thoirt ciod bu chòir a dheanamh. Ghairm abhuidheann thaghta so daoinuaisle bha eòlach air staid na Gàidhealtachd, suas do Lunnuinn, gu bhi air an ceasnachadhnan làthair. Ghairmeadh deich no dusan fianuis suas, agusnam measg sin bha mise. Cha bhuin e dhòmhsa a rádh, ged robh fios agam air, gun tighin air nacheil làn fhios agam fhathasd air, ciod na nithe mun do chruinnicheadh càch, ach feudaidh mi a ràdh gun do cheasnaich iad mise fad tri làithean mu dhéibhinn gach air an robh fios agam mu chor nan Gàidheal, mun bhochduinn anns an robh mòran diubhmun anacothrom a bha iad afulangan droch lòn a bha aca air uairibh ra itheadhan dìth aodaichan droch thigheanan dìth aodach-leapach a bha air anabharra dhiubh, gu h-àraidsna h-eileanan tuathachan droch cothrom a bha aig cuid do chroitearan beaga, agus aig coitearan bochdamu gach seòrsa cosnadh a bha iad afaotainn, aig iasgach, aig buain, agus anns na bailtean margaidhmu staid nan sgoilean agus gach ni eile bha feumail chum cor na Gàidhealtachd a leigeil ris doibh.

Dhfheuch sinn so uile a dheanamh co soilleir dhoibhs a burrainn duinn. Bha do litrichean againn air ar siubhal, a thainigg ar n-ionnsuidh as na cearna sinnuair a bha sinn acur na mine agus abhuntàta dan ionnsuidh anns abhliadhna 1836 agus 1837, ’s gun robh enar comas gach ceisd a fhreagairt. Dhearbh sinn doibh gun robh, a réir gach cùnntais a burrainn duinn fhaotainn, fichead mile teaghlachsa Ghàidhealtachd ann am fior bhochduinn, atighinn suas air dhòigh a bha truagh ra thoirt fa near, agus mur biodh ni-eiginn air a dheanamh air an son, nach robh fios againn ciod a dheireadh dhoibh, gun robh iad mòran diubh gun aodach gun chaiseart, leis am burrainn doibh dol gu féill no gu clachan, gun chosnadh sam bith a bfhiach ainmeachadh, gun chomas ceaird no ealaidh, no sgoil no foghlum a thoirt dan teaghlaichean; agus gum bi ar barail, nam burrainn doibh, gun rachadh mòran diubh thairis do dhAmerica, ach nach robh sonan comas, nach robh aca air aghaidh an t-saoghail na dhìoladh an t-aiseag, gun tighinn ar aodach cuirp no leapa leis am burrainn doibh imeachd; ach nam biodh doigh ann air am burrainnear an toirt thairis, agus fearann a thoirt doibh an déigh ruigheachd, agus por acheud bhliadhna, gun robh sinn làn chinnteach gun robh na mìltean ann a ghabhadh an t-aiseag gu taingeil, gu h-àraid nam faigheadh iad féin agus an cairdean, sean agus òg falbh le chéile, agus socruchadh le chéile san aon àite.

Cheasnaicheadh sinn mun airgiod a chruinnicheadh air son freasdal do na Gàidheil bhochda bliadhna na ganntair; bha gach cunntas againn deas air an son, agus na leabhraichean far an robh gach ni do thaobh so air a chur sìos: leig sinn ris doibh gun robh tri-ficheads a deich mile punnd Sasunnach air a chruinneachadh gu h-uile air an àm sin, a bharrachd air deich mile thug luchd-riaghlaidh na rìoghachd seachadadeanamh suas uile gu leir, ceithir fichead mile punnd Sasunnach. Dhfheuch sinn doibh mar a chuireadh so a mach ann am min, ann an sìol-cuir, buntàta agus aodach, agus an cuideachadh a thugadh do chuid a bha dol air imrich do America. Tha fhathasd beagan, tri no ceithir do mhiltean punnd Sasunnach, air mhairionn airson cuideachadh fhads a theid e, ma dhfhàilnicheas bàrr no thig cruadal a rithist air na daoine bochda.

Ann an ùine ghoirid bidh teisteas nam fianuisean a bha air an ceasnachadh, air a chlo-bhualadh agus air a chur a mach, air chors gum faod na thogras a leughadh; agus is e da riribh mo bharail gum faighear agus gun aidichear gun robh achùis air a càramh gu riochdail mu choinneamh nan uaislean àrda bhagar ceasnachadh.

Ciod a thig á sos duilich ìnnseadh; chan fhaod mi a ràdh gu bheil mo dhòchais féin ard. Cheasnaicheadh mar an ceudna daoin-uaisle o Chanada, a dhearbh gu soilleir gun robh gu leoir do dhfhearann thall acasan ra sheachnadh, agus ged a rachadh na ficheadan mìle a nùll gun robh cosnadh agus obair, agus farsuingeachd gu leòir ann air an son. Dhearbh iad so gur h-iad na Gàidheil an sluagh bu taitniche leò ann an Canada; gum bfhearr leo am faotainn nam measg na Eirionnaich, Sasunnaich no Goill; gun robh iad na bu chruadalaiche na seòrsa eile; gun robh iad teòm, iasgaidh, lùthmhor, làidir; gun seasadh iad fuachd agus iomadh anacothrom nach seasadh feadhain eile.

Chan eil òr no airgiod, do réir coltais aig abhan-righ ra sheachnadh; tha iad ag ràdh gu bheil sporan mòr na rìoghachd an impis a bhi falamh; nach toir iad cuideachadh air bith dhuinn le airgiod, ach tha seòrsa do dh-aobhar dòchais gun toir iad luingis chum iadsan tha toileach falbh a ghiùlan thairis. Ma ni iad so féin, agus gun cuidich na h-uachdarain leòs gun gabh muinntir Chanada cùram dhiubh an déigh ruigheachd, mar tha aobhar dochais gun dean iad, bidh so féinna chothrom agusna chuideachadh mòr: ach bheireamaid comhairle dor luchd-dùthcha foighidin a bhi aca, ’s gun ni air bith a dheanamh gu h-obann no gu cabhagach. Chitear an ùine ghoirid ciod thig as a so; bidh achùis an ceann mhios chuid air achuid as faide, air a toirt fo bheachd na pàrlamaid, agus an sin bidh fios againn ciod bu chòir dhaibh a dheanamh. Tha eagal oirnn nach faighear móran a dheanamh air an earrach so tuilleadh; achs mór ma nitear uidheamachadh air son toiseach na h-ath bhliadhna.

Tha fios againn gu bheil moran afaotainn coire dhuinn airson a bhicuideachadh chum an imrich so a chur air aghaidh; tha fios againn mar tha cuid san àite so feingar smàdadh, mar gum bu mhiann leinne ar luchd-dùthcha fhògradh air falbh agus an saodachadh as an tìr. Tha móran nach dean dad iad féin, nach teid leud bonn am bròige null no nall air son maith an luchd-dùthcha, ach a tha àrd-bhriathrach gu leòir ann an labhairt an aghaidh feadhnach eile aig abheil miann math a dheanamh. Tha uiread ghràidh againn dar luchd-dùthcha ri duine air uachdar an t-saoghail, agus faodaidh sinn a ràdh gun do dhearbh sinn so an àm na feuma; agus ged is duilich leinn na daoine treuna, teò-chridheach, dìleas, rioghail fhaicinn afàgail an dùthcha, tìr an òige, ’s duilighe leinn gu mór a bhig am faicinn abàsachadh le gort, agus ann an cor cho déisneach, muladachs a tha iad.

S miur caraid dìleas
TORMOID MAC LEOID.
Glaschu, 30 don Mhàirt, 1841.


ACHUIRT MHORSgaoil a chùirt mhór air a chóigeamh latha fichead. Bha àireamh chàsan air am feuchainn, agus bfheudar àireamh a chur seachad gu àm eile. Bidh suidhe eile aig achùirt air an ath mhios. Dheas-aontaich anjuryair càs Bhayley a rithist, agus bidh e air fheuchainn an treas uair aig an ath suidhe. Fhuaireadh Charbonneau ciontach de mharbhadh an Fhriseilich, an Glace Bay, agus thugadh da bhliadhndeug dhen tigh-obrach dha. Fhuair fear Runwell, air-son caochladh chiontan, cóig bliadhnasan ionad cheudna. Bem Breitheamh Weatherbe a bhair ceann na cùrtach, agus, ni a bhatar afaicinn glé neònach, chaidh anjurynaaghaidh air cuid de na càsan bu chudromaichebha fan comhair.



[71]

[Vol . 11. No. 9. p. 7
]
Oran.

A rinneadh le Donnachadh Mac Gilleain, a bha namhinisteir an Gleann-Urchaidh, an siorrachd Pheairt. Tha an t-oran briagha so a nochdadhaoibhneas a bhroina dhùisg ann an cridhe an ùghdair, air dha dearcadh air maisealachd tìr a bhreith is òige.

S mim shuidhair an tulaich
Air mullach an aonaich,
Gun duine amchuideachd
Gu buileach amaonar
Tha smaointeanan iomadh
Air manam ag aomadh,
Bha fada nan cadal;
Ach innseam an t-aobhar.

Tha mo shuil air Loch-Tadha,
S gach faileas is bòidhche
A chi mi na broilleach,
Mar chaoin uchd caomh òighe;
Mar leanabh na chadal
Am maduinn na h-òige,
A ghaoth buin gu caomh ris
Mun caochail a gloirmhais’.

Than sealladhthasgaoil
Air gach taobh agus laimh dhiom
Làn maise mar babhaìst,
S gnuis naduir gun sgraing oirr’;
Na coilltean cho ùrar,
S luchd-ciùil air gach crann diubh
Len ceileirean siùbhlach
Mo rùn-sa gach àm iad!

Tha Dochardna dheannaibh,
Ateannadh ri Lòchaidh,
An coinneamh a chéile,
Bean bheusach chiuin chòmhnard;
Sn uair thig ina ghlacaibh
S a naisgear iad còmhladh,
Grad thréigidh a bhuirbe
Us striochdaidh a mhòrchuis.

Is maiseach an sealladh
Gleann-Dochards Gleann-Lòchaidh
Len lùban, len glacan,
Len leacain, len còmhnaird
Len sruthanan siubhlach,
Le dùsluinnean boidheach,
S an cluinnear an smudan,
Am brùdhearg, ’s an smeòrach.

Tha iadsan gun chaochladh
S an aogasg a bàbhaist;
Ach caiteil a chuideachd
A chleachd a bhitàmh annt’?
Tha cuid fo na leacan,
S a chadaltha sàmhach
Achuid is ro phailt
Air an sgapadhs gach àite!

Caiteil a bhuidheann,
Bha mireagach, luaineach,
Ag iasgach nan sruthan
S a tathaich am bruachan,
Acleasachd gu h-aotrom
Feadh raointeanus cluaintean,
Trusadh chnò anns a choille,
S am faighte na ruadh-bhuic!

Tha Deisheirna àbhaist
Fo shailtibh Beinn-lamhair,
S a ghrian air adearsadh
O àirde nam flaitheas;
Ach co chuireas fàiltoirr’—
Ni gàirdeachais leatha
Den chuideachd a bàbhaist
Bhipàrtach demaitheas.

Tha smuid o thigh mathar
Adireadh marbha i,
Na cearclaibhs na dualaibh
Réir a dualus a naduir;
Ach caiteil an t-athair
A dhaltrum mi tràthail,
Us caomhag nam mnathan!
Caiteil i, mo mhàthair?

Chi min tigh-sgoile,
Gun mhuthadh, gun chaochladh,
Ach caiteil na fiurain
A dhuisgeadh mo ghaol doibh?
Than sgeap mar a bha i,
Ach caiteil an sgaoth ud,
Bha cnuasachd na meala,
S bha caidireach, gaolach!

Us chi mi an eaglais
Air lombar na sràide,
Ach caiteil achuideachd
Ga dumhlachmar bàbhaist?
Cait am fear-teagasg
A choisinn mo ghradh dha,
S e freagradh Mhic-talla,
Is beag dhiubhtha lathair!”

Fo ghlasaibh nam fuar leac
S an uaigh air an tasgadh,
Gus an tig an Luain sin
S am fuasglar a glasan,
Tha comunn mo ghràidh
A bu bhlàth leams bu taitneach,
S na dhfhàgadhn an craobhan
Le aois air an seacadh.

Gu h-iosal mum choinneamh,
N am folachs an dusluinn,
Am fochair a cheile
Than Caisteals an cruislinn;
Tha easanna làraich
Na àros don eunlaith,
S nim faicear ann lamh gheal
Ni clàrsach a dhusgadh.

Threig a mhaise gu sìorruidh,
On thriall iad, na h-àrmuinn
Tha balbh agus tosdach
Na fhochairus lamh ris;
Sgal sionnsair cha dùisg iad
Mur bu dùghus a babhaist;
Is cadal am feasd doibh
Gus an tig a bhràth orr’.

Bha iad innleachdach, teòma,
Us gaolach air beairteas
Ga thorradh ri cheile
Le eucoir no ceartas;
Ach faic mar a dheirich,
An tréines an tapadh,
Don aog beiginn géilleadh,
Iad fhein us an gaisgich!

Tha Cinealla nan leòmhan
S Acha-mhòr mar a bha iad,
Ach thriall na fir mhòra
Rinn còmhnuidhus tamh annt’,
Chrion na stuic, shearg na fiùrain
Bha ùrarus fàsor;
Thachoill air a rùsgadh
S na fiùthaidh air basachd’?

S iomadh mùgh agus caochladh
Chin aois nach bu mhiann leath,
Bheir deòir o na sùilean
S a dhùisgeas trom iarguin;
Chi i choillus an dùsluinn
S a fiuranan ciatach,
Bha nan àileagain rùnach
Air lùbadhs air crionadh.

Chin tigh air a rùsgadh
S an smùid air a smaladh
Us tosdachdtoirt buaidh
Far an cual i ceòl gàire;
Leac-an-teinntean gun ainneal
Us smalans gach àite,
S i fhéin air a dochunn
Le lot a tha bàsmhor.

Mìle soraidh don tìr
Leam cinnteach bu taitneach,
Us do Chlachan Chill-fhinn,
S do na glinn a than taic ris!
Do bheanntan càs àrda,
Gach mam agus leacain
Tìr nam fear cròdha,
Bu bhòidheach fo bhreacan!

Nis slan leis na srùthain
Mum faicte an t-iasgair!
Us slan leis na mòintean
S am faighte am fiadhach!
Slàn leis na sléibhtean,
S Beinn-léimhinn mo chiad ghràdh!
Slàn le Braidalbainn,
S am bainmeil siol Dhiarmaid!


Is olc am meirleach a dhitheass a dhinnseas.

Is en duinen t-aodach, ’s chan icholainn bhriagach.

Is cuagach ceartas an eucoirich.


Gu Cairdean na Gaidhealtachd.

Le dichioll thri bliadhna agus le suim bhon Riaghladh, thrus mi ri cheile £550 airson togail laimhrig do dhiasgairean aStòrr, an Assaint; ach tha fathast £50 a dhìth oirnn airson an obair a thoirt gu crich. Tha mi aguidhe air ar càirdean an America cuideachadh leinn, le suim beag no mor. Tha mi a toirt cuireadh gu sonruichte dhaibhsan a chaidh á Assaint, agus a tha eolach air gach gàbhadh is cunairt a tha na daoine so a fulang air oirthir garbh an Stòrr,

Sgriobh gu
JOHN MACLEOD, M. A.,
Culkein Stoer, Sutherlandshire.


Cha robh mo ach nach robh sona.

Cha drug fear na caithris riamh air fear na moch-eiridh.

Am fear a bhios tric an gabhadh, theid a bhathadh uaireiginn.

An uair a thig righ ur thig lagh ur.


D. N. MOIREASDAN, M. D., C. M.
OifisFar an robh Dr. Cowperthwaite.
Aite-comhnuidh— ’San tigh a bha roimhe so aig an Urr. F. C. Simpson.
Telephone 364.SIDNI, C.B.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

COINNEACH ODHAR, AM FIOSAICHE, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. Leabhar beag anns am faighear cunntas aithghearr air beatha agus fiosachdan an duinainmeil so. A phris, 10c; dusan air $1 .00.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


J. E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgianan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &c ., &c .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &c .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


Sydney & Louisburg Railway

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 2mh latha de Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 6.30 a. m., Glace Bay aig 7.35 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.15 a. m.

A fagail Shidni aig 8.40 a. m., Glace Bay aig 9.25 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.20 a. m.

A fagail Louisburg aig 1.30 p. m., Glace Bay aig 2.30 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 3.10 p. m.

A fagail Shidni aig 4.30 p. m., Glace Bay aig 5.15 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 6.30 p. m.

A fagail Ghlace Bay aig 7 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.40 p. m.

A fagail Shidni aig 10.30 p. m., ’sa ruigheachd Ghlace Bay aig 11.10 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

WM . COYNE, Traffic Manager.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N. S.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,000,000.00
AIRGEAD TAIMH 1,700,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.



[72]

[Vol . 11. No. 9. p. 8]

Feasgar Fann Fogharaidh.

LE MAC-OIDHCHE.

Than abhainn ag ialladh troimhn ghleann,
S air gach taobh dhi tha àrd-bheanna cas,
Far an cluinnteadh mor-thorman nan allt
Atearnadh gu calmara, bras,
N uair a sguabas an doinionn am fraoch,
S air an aonach a dhaomas an fhras.

Ach an nochd anns achoires beag ceol,
S ciuin orain nan sruthan mun cuairt;
Tha gach maol-bhinnein cailltes na neoil
A thatuirlingsg an comhdach gu luath;
Tha gorm-shnuadh an fheasgairsa ghleann,
Agus sithdol gu ard-cheann nan cruach.

Tha feadag ri caoidh air an tom
Fead lom, fhadas cianaile fuaim
Mar thaibhsair a sguabadh on tonn,
S efreagairt a trom-ghuth faduaith,
No seann-treun a rinn éirigh bhon fhonn,
Sa chuir lom-sgrios a dhùthcha fo ghruaim.

O, eala, O, eala mo ghaoil,
Thar monadh an fhraoich adol seach,
Tha thustiùradh gu iar-chuan na gaoith,
S neoil mhaoth-gheal afalach do dhreach;
N ann afreagradh na fairgtha thuglaodhch?
Bheil a h-anail mu dthaobh tha mar shneachd?

Cha chaoidh thu mar mises an àm;—
S iomadh bàrd ann an rannchuir an ceill
Mar a dhfhogar luchd-aiteach nam beann,
S a dhfhàsaichear àros nan treun;—
O, cha chaoidh thu, oir, agadsgach àm,
Tha comhnadh na fairge nach geill.

Ach cuimebhi caoidh? oir cha till
Ar caoidh-ghuth na gaisgich a dhfhalbh;
Ach, sìnte ged tha iads achill,
Chaneil iads na linnte so balbh;
Than gniomhan atogail an cinn,
S ag éighch ruinn mar ghuth o na mairbh.

Chaneil air na Gaidheil ach ceo,
Mar neoil air na sléibhtean ud thall;
O, mosglaibh gu luath as ur clodh,
Is fàsaibh mar og-choillnam beann;
Deanaibh dùsgadhs na tuitibh gach lo
Mar sheann-choillgu mointeach na gleann!


Gruagach Dhonn aBhroillich Bhain.

A ghruagach dhonn abhroillich bhàin,
A chum achodhail rium Di-màirt,
A ghruagach dhonn abhroillich bhàin,
Gum bu slàn a chi mi thu!

A ghruagach dhonn gun gho, gun fhoill,
A chum achoinneamh rium an raoir,
Bha mi comhradh riuts achoill,
Sinn ann an caoimhneas diomhaireach.
A ghruagach dhonn, &c .

Rinn mi coinneamh riut gle og,
Ann an coille dhlùth nan cno;
Bu bhinne leam do ghuth nan smeorach,
S tha do phog mar fhigis leam.

Fhuair mi sud le mùirns le tlachd,
Ann am bun an stùc-uillt chas,
Pog na h-oighes boidhche dreach,
S bu mhor mo mheasn uair shìn thu i.

Cha bann le éiginn no cùis chruaidh
A fhuair misaphog ud bhuait,
Ach le caidreamh sèamh gun ghruaim,
Gu soitheamh, suairce, siobhalta.

Mhaighdean, na biodh ortsa gruaim,
Ged a shéideas aghaoth tuath
Thacuid thimbers làidir, cruaidh
S, a ghruagach, na biodh mi-ghean ort.

Tha sgiobadh ghasdagainn air bord,
Math gu reefadhs pasgadh sheol,
S mur an dean iad gloine ol,
Chaneil an corr ra innsorra.

N uair a thilleas mi as an Fhraing,
Airgiod poccha bhi oirnn gann
Cunntas ghineachan amlàimh,
S cha bhi peighinn ann nach sìnear dhut.

Gum bu fallains gum bu slàn
Dhi, ’chum a chodhail rium Di-màirt;
Iarguin maignes mairsneul phràmh,
S mo chion-gràidh da-rireadh thu!


An Fhearg.

Latha dhomhs mi leam fhéin,
Air an fheirg gun dthugas luadh,
Cuid debéusan chur an céill,
Gun tiùbhrainn ri m dhi fuath.

S olc an companach an fhearg,
Gum bheil puinnsein searbh nagath;
Mur a cuir thu srian ritràth,
Tuitidh tus abhlàr nagath.

S ro choltach an fhearg naboil’,
Ri poit air ghoil ri teine dian
Bidh i sior chur thairte sguim,
Gus am faigh i rùm da miann.

An fhearg sin a thig bhon strith,
Bidh i ro chiocrach gu fuil;
S mur a mùchar i gun dail,
Bheir i air na mnàibhigul.

Ge h-ionmhuinn leat do bhean-phosd’,
Agus do chlann og gun cheist;
N uair a lasas ort an fhearg,
Bùiridh tu mar tharbh nam measg.

Abhean og, ged tha i ciùin,
Dan tiùbhradh tu rùn fainear;
An tràth lasas i le feirg,
Càinear leathgu searbh a fear.

Tra theid càch a thaigh an oil,
Falmhaichear leon corn gu tric:
Thig an fhearg le briathran mor,
S plùcadh dhorn bho ghloir nach glic.

Casaidh sron is tòcaidh pluic,
Gruaim an uilc bidh air an t-sùil,
Bidh gach ball den chorp air chrith,
Adol nan ruith as an iùl.

Chaneil urram aica dh-athair,
S chaneil athadh aica chloinn,
S ionann leathcaraidus nàmhaid;
S tionndaidh i gràdh bun os cionn.

S fuil a mhùchas fearg an strith,
S tric a thug i ni don léigh;
Ach mas àill leatsa bhin Criosd,
Iarr siochaints lean nadhéigh.

Is ma ghlac thu fearg an-réir,
Na peacaich leatha la dmhiann,
Dian a crathadh dhiot gu grad,
Seal mun teid a laidheghrian.

Mas àill leat an fhearg a chlaoidh,
Glac an claidheamh so gach uair:
Iarr-sa mathanas, dean sith,
S ro-bheannaichte an t-sith a fhuair.


Bas.

Air taobh deas Abhainn Dhennis, C. B., air an t-seachdamh latha de dhOctober, an deigh tinneas fada, air fhulang le foighidin Chriosdail, Mairearad, bantrach Chaluim Mhic-Amhlaidh, nach maireann, tri fichead is ochd bliadhna dhaois. Thainig i nall as aGhaidhealtachd napaisde comhla riparantansa bhliadhna 1835. Shuidhich iad ùine ghoirid an deigh sin air Rudhan Eilein, ’san Eilean Mhor. Sia bliadhndeug air fhichead air ais thainig i do Mhalagawatch, far an do choisinn i lebeatha bheusach, lecaoimhneass leh-aoidhealachd meas agus cliù nan uile chuir eolas oirre. Bidh i air a h-ionndrain gu mor, ach tha i air a dhol maille ri Criosd, ni moran as fhearr na bhisan t-saoghal amhgharach so. Dhfhag i dithis mhac is nighean, sianar pheathraichean is dithis bhraithrean, a bharrachd air aireamh mhor chairdean air am bi mor dhuilichinn gun deachaidh a gairm air falbh.


FACLAIR GAILIG MHIC EACHUINNTha an leabhar so nis againn, agus ruigidh e iadsan a chuir gaiarraidh mun aon ams a ruigeas an aireamh so dhen phaipeir. Chosd an leabhar barrachds a bha sinn an dùil, agus is fheudar a phris a chur suas gu dolair. Bidh iadsan a chuir 75c. ugainn cho maths gun cuir iad air adhart an cairteal eile nuair ruigeas an leabhar.


Tha ar stor ro-bheag airson na thagainn de dh
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
a shealltainn gu ceart. Gluaisidh sinn don stor mhor a
thann an
TOGALACH MHIC GUAIRE
air a cheud latha de Nobhember.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


Leabhraichean Gailig.

Orain Dhonnachaidh Bhain Mhic-an-t- Saoir, le eadar-theangachadh Beurla de Choire Cheathaich agus Beinn Dorain $0 .50
Orain Alasdair Dhomhnullaich (Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair) .60
Orain Roib Dhuinn Mhic-Aoidh 2.75
Orain Uilleim Rois .45
Laoidhean Phadruig Ghrannd .45
Laoidhean Gobha na Hearradh 2.10
Beathas Laoidhean Dhughaill Buchanain .60
Leabhar nan Cnoc, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. .80
Caraid nan Gaidheal, leis an Urr. Tormad Mac-Leoid, D. D. 2.25
Caraid nan Gaidheal (Part II.) 1.05
Coinneach Odhar, am Fiosaiche, leis an Urr. D. B. Blair, D. D. .10
Foclair Gailig agus Beurla Mhic-Ailpein 2.75
Mactalla nan Tur .25
Filidh na Coille .50

How to Read Gaelic, by John White .30
Costumes of the Clans of the Scottish Highlands, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Highlanders at Home, by R. R. McIan, (colored plates) 2.25
The Gaelic names of Plants, by John Cameron 2. 25

Cuirear aon sam bith de na leabhraichean so leis a phosta air son na pris a tha air a cur sios mu choinneamh
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


Amherst Boot & Shoe Mfg. Co.,
AMHERST, N. S.

A Chuideachd Ghriasachd as Motha thas na Roinnean Iseal.

Tha ar Brogan, agus gach seorsa caiseirt a tha sinn a deanamh, an deigh ainm mor fhaotainn.

Tha Mr. D. F. Domhnullach, á Stellarton, acur cuairt os ar leth air Ceap Breatunns taobh an ear Nobha Scotia, uairsan raidhe. Ann am baile Halifacs tha sinn acumail aig 153Granville Street.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan da Sheachdain.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear gu luchd-gabhail ann am Breatunn, an New Zealand, ’s an duthchannan cein eile air son $1 .26 neo 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna.

Biodh gach litir us eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 9
internal date1902.0
display date1902
publication date1902
level
reference template

Mac-Talla XI No. 9. %p

parent textVolume 11
<< please select a word
<< please select a page