[Vol . 12. No. 1. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 10, 1903. No. 1.
LITIR A TIR NAM BEANN.
’FHIR MO CHRIDE: —Tha mi a’ faighinn paipear-naigheachd no dha leis a h-uile posta, ach ’s e MAC-TALLA—an latha ’thig e—a’ cheud fhear a tha mi daonnan a’ fosgladh. Cha ’n ann a sodal riut a tha mi, ach, gu fìrinneach, a ’s snasail a tha e air uidheamachadh agad bho àm gu àm. ’S mór am mì-chliu do Ghàidheal ’sam bith gun a bhi ’g a cheannach agus ’g a leughadh. Leis an riaghailt ùir cha chosd a phostachd aige fàrdain, agus tha e cho furasda do ’n fhear a tha ’n còmhnuidh ann an Eilean Leoghais a cheannach agus a tha e dhasan a tha taobh na h-ursainn agad ann an Ceap Breatunn.
’S gnothach glé iongantach a th’ ann gum faigh sinne ’bhos ’an so paipearan-naigheachd Chanada a dh’ ionnsuidh an doruis againn gun phostachd ’sam bith a phàigheadh agus nach faigh sinn ar cuid phaipearan fhéin a chur leth-mhile dh’ astar gun bhonn-a- sea a chur a’ mach air son gach fear. Co dhiubh a ni no nach dean Mr. Chamberlain feum dhuinne tha e ’cur roimhe feum a dheanamh dhuibhse ’am bog no ’n cruaidh. B’ fhearr leam gum biodh e ’n a mheadhoin air paipearan Dhunéideann agus Ghlaschu a leigeil troimh ’n phosta thugainn an nasgaidh cho math ri paipearan Chanada. Ach, nach fhada bho ’n a thug thu fa’ near am fear a bhiodh mór a’ muigh gum biodh e glé bheag a’ stigh?
Mu ’m bi an litir so ach gann ann an clòdh—m’ a bhios i ’m feasd ann—bi’dh Tir nam Beann dearr-lan de shealgairean, deas gu tòiseachadh air marbhadh chearcan-fraoich agus gach ian eile a ’s fhiach a chur ann am poit. ’Nuair a dh’ fhàsas iad sgìth de na h-eoin bi’dh an ùine ’suas air son a bhi ’m bad nam fiadh. Tha na frithean fhiadh air fàs anabarrach lìonmhor bho cheann deich no coig-bliadhna-deug air ais. A réir an iomraidh a’s cinntiche a ghabhas faotainn tha ceud-gu-leth dhiubh ann an Albainn, agus tha iad a’ toirt a’ suas mu ’n cuairt air da mhuillean-gu-leth acair gruinnd. Tha na h-uachdarain a’ pòcachadh ann am màil air an tailleamh dlùth air seachd-fichead mìle punnd Sasunnach. Cha’ n’ eil sluagh na Gàidhealtachd a’ gabhail orra gum bheil iad beo ged a tha iad a’ faicinn na dùthcha aca a’ dol gu bras fo fhéidh. ’S e mo bheachdsa gum bheil iad a’ nochdadh gliocais ann a bhi ceadachadh nam frithean móra so ’bhi air an cur ’suas gun oidhirp ’sam bith a thoirt air am bacadh. B’ fhearr leam gum b’ e am màireach an latha ’bhiodh a h-uile òirleach de thalamh eadar Maol Chinntìre agus an Rudha Garbh air a toirt a’ suas do shealg—ach, a mhàin, na criomagau a tha ’n seilbh nan croitearan. Innsidh mi dhuit na reusain a th’ agam air son a bhi ’g altrum a’ bheachd so.
B’ iad na caoirich agus cha b’ iad na féidh a b’ aobhar air na Gàidheil a bhi air am fogradh air falbh do dhùthchanna céin, bho cheann tri-fichead bliadhna air ais. Tha daoine glé theoma air so a dhì-chuimhneachadh; agus cluinnidh sinn feadhainn a tha gu math eolach air eachdraidh na Gàidhealtachd a’ labhairt mar gum biodh na féidh cho ciontach ris na caoirich anns an nì so. ’S i a chaora agus a’ chaora ’mhàin a chuir an soc as an talamh ann an tìr an fhraoich. Tha latha dìoghaltais a’ nis air tighinn air a’ chaora—thuit a luach ’s cha ’n urrainn tuathanaich màil mhóra ’phàigheadh. Feumaidh i, uime sin, falbh agus àite ’reiteach do ’n fhiadh, ’chionn, tha miadh gu leoir airsan. Ach, an latha ’dh’ eireas Clanna nan Gàidheal a rithisd ’nan neart gu fearann na Gàidhealtachd a thagradh dhaibh fhéin, bi’dh e na ’s usa na féidh a bhàirlinneachadh no ’bhiodh e na caoirich. Agus, ’de am mùthadh a th’ ann do ’n chroitear bhochd co dhiubh a ’s féidh no caoirich a th’ air an raon ud thall cho fhad ’s nach ’eil còir no dlighe aige-san no aig a sheors’ air.
Tha dòchas agam nach do chuir mi gruaim air an Urramach Iain Mac Ruairidh timchioll air“ ’us” agus “is,” ’chionn b’ fhada bh’ uam sin a dheanamh. Ged a dh’ atharraicheadh e a h-uile“ ’us” a sgriobh mi riamh gu “is” cha b’ urrainn mi gun mheas mór a bhi agam air agus spéis a bhi agam dheth. Leugh mi barrachd d’ a chuid Gàidhlig ’s a leugh mi do chuid duine tha beo—agus, c’ arson? Dìreach a cheann gun robh a chainnt agus obair a’ taitinn rium. ’S iomadh tacan glé thoilichte ’chuir mi seachad a’ cnuasachd nan sgrìobhaidhnean aige, agus ged a shìneadh e orm le maide cha dì-chuimhnich mi an t-seirbhis chiatach a rinn e ’s a tha e fhathasd a’ deanamh do litreachas na seann chànain. Cha ’n’ eil eolas agamsa gu pearsanta air Mr. Mac Ruairidh; ach, cha bu toigh leam gum biodh amharus aige gum bithinn-sa, no fear fada ’b’ fhearr no mi, cho ladurna agus tòiseachadh air seoladh dha ciamar a’s còir Gaidhlig a sgrìobhadh. Bu chian bho m’ inntinn a leithid sin do oidhirp gun chiall a thoirt— “ionnsachadh cailliche air a càrdaibh!” Aig a’ cheart àm, saoilidh mi nach ’eil e ra fhreagarrach do fhear-deasaiche ’sam bith atharrachadh a dheanamh gun chead air sgrìobhadh a chuirear thuige, ’nuair a chì e gum bheil an sgrìobhaiche a leantuinn riaghailt shonruichte air chor-eiginn. Tha mi ’cluinntinn gum bheil an t-Ollamh. D. Mac Fhionghain, ’an Dun-éideann, a’ tagradh air son aon riaghailt do gach neach agus aon riaghailt gu bràth ann an litreachadh na Gàidhlig. Tha a h-uile Gàidheal air an t-saoghal a’ tagradh an nì ceudna, ach cha’n ann leis an laimh làidir a tha e ri bhi air a thoirt mu’n cuairt. Cha mhór dhaoine ’bhios deonach air peann a chur air paipear m’ a bhios fear no dithis a’ feitheamh le cailc ghuirm gu breacan an Fhreiceadain Duibh a dheanamh de na sgrìobhas iad. Bhiodh e glé shearbh do na bàird nam feumadh iad, oil air mhaith leo, géill a thoirt do ’n àithne ùir nach ’eil da leth ri bhi air a dheanamh air “agus” uair ’sam bith. Tha iadsan gu tric a deanamh, cha ’n e a mhàin da leth, ach ceithir leithean air, oir, chunna mi uair ’us uair nach fàgadh iad an làthair dheth ach an “s”! Thigeadh e dhuinn a thoirt fa’ near gum bheil an gràmar air a dheanamh air son an duine agus nach e idir an duine air son a’ ghràmair.
Cluinnidh tu bh’ uam a rithisd gun dàil.
Do charaid dìleas,
AONGHAS MAC EANRUIG.
20mh de ’n Og-mhios, 1903.
An t-Side ’s a’ Ghaidhealtachd.
(Oban Times) .
Tha iomadh bliadhna o nach d’ fhiosraich an dùthaich a leithid a dh’ fhuachd agus de dh’ uisge anns an ògmhios agus a tha air fhaireachdainn anns na h-eileanan so an diugh. Cha’n ’eil Albainn cho dona dhe agus a tha cuid de Shasuinn. Tha e air innseadh nach ’eil ubhal no gròiseid ri ’m faotainn ann an gàraidhean ’san taobh deas; agus tha cuid de na tuathanaich bhochd aig am bheil call mòr. Ach air dòigh eile tha e air a radh gu bheil soirbheachadh anns an dùthaich a thaobh feòir agus cruithneachd. Ann an cearnan sònruichte thainig tuil fhiadhaich a sgaoil thairis air faichean farsuinn; agus an sud agus an so thainig tairneanaich is dealanaich a dh’ aobharaich bàs no dhà.
Tha Bòrd na Sgoile ann an siorrachd Victoria a’ cur mu dheidhinn cuid de na sgìreachdan beaga a chur ri chéile a chum ’s gu ’m bi iad na ’s comasaiche air sgoil a chumail suas. Tha sin na ’cheum air an t-slighe cheart. Bha na sgoilean ann an iomadh cearna dhe ’n dùthaich air an tur mhilleadh le bhi deanamh nan sgìreachdan tuilleadh is beag. Dh’ fheumadh tigh-sgoile bhi aig ceann gach rathaid air-neo cha bhiodh cùisean ceart. Is briagha an ni na tighean-sgoile bhi dlùth air a chéile—tha iad taitneach do’n t-sùil, agus tha e furasda do’n chloinn an ruigheachd—ach b’ fhearr gu mor an cumail na b’ fhaide o chéile agus deagh sgoil a bhi anns gach aon dhiu.
Tha e gle shoilleir nach dùthaich shaighdearan Canada. Anns an dùthaich bheag Eòrpach ris an canar Servia, agus anns nach eil ach mu leith uiread sluaigh ’s a tha ann an Canada, thatar a cumail suas armailt anns am bheil ochd fichead is deich mìle (170,000) saighdear. Ann an Canada gu h-iomlan cha ’n eil againn ach da fhichead mile saighdear, agus cha’n eil ach mu mhile dhiù sin a tha ri cleasachd-airm thar deich no dusan là dhe gach bliadhna.
Tha sinn uile air fàs cleachdte ri bhi cluinntinn dhaoine ’cur sios air anScott Act.Cha ’n ’eil cron no cionta th’ air aobharachadh leis an òl nach càirear air mullach-cinn an lagha sin. Tha sinn air fàs cho cleachdte ris ’s nach eil sinn a’ gabhail iongantais eadhon nuair a thig a’ chasaid chearbach á beul aon de bhreitheamhna na cùirte moire—cho
[Vol . 12. No. 1. p. 2]
cleachdte ’s nach b’ iongantach leinn ged a thòisicheadh an dream cheudna ri coire gach uilc is peacaidh a th’ anns an t-saoghal a chur air na deich àitheantan.
An uair a bhios daoine deònach labhairt a reir reusain, aidichidh iad nach aon lagh no lagh eile a bheir cùisean gu bhi na’s fhearr no na’s miosa na tha iad. Tha laghannan matha ann agus laghannan nach eil cho math; ach cha’n eil feum anns an lagh a’s fhearr a rinneadh riamh mur teid obrachadh. Anns na Stàidean a deas tha laghannan aca an aghaidh moirt is marbhaidh; ach cha’n eil sin ga ’n cumail o bhi ’crochadh ’s a’ losgadh nan daoine dubha. Am bheil e duilich a ràdh co aige tha choire, aig an lagh no aig an t-sluagh a tha air chùl an lagha? ’S fhada mu bheil. Tha an lagh ceart gu leòr, ach feumaidh daoine beò, làidir seasmhach a bhi ri chùl. Ach a reir mar a labhras cuid de dhaoine tha dùil aca gur còir d’ an lagh obrachadh leis fein, mar gu ’m bu bhith beò e, gun chuideachadh iarraidh no fhaighinn o dhaoine, —agus cha’n e mhàin a bhi beò, ach a bhi mar leóghann beucach ag imeachd mu’n cuairt feuch có dh’fhaodas e shlugadh.
Anns anRailway Billa tha tarruinn na h-uiread de dh’ùine na h-àrd-phàrlamaid, bha riaghailt a’ cur mar fhiachaibh air cuideachdan nan rathad-iaruinn “cluarain (no gìogain) is luibhean cronail eile” a chumail o bhi fàs timchioll an rathaid. Nuair thainig a’ chuid sin de’n bhill fa chomhair an tighe, dh’éirich an t-Onarach Uilleam Ros, agus chuir e gu làidir an aghaidh achd pàrlamaid a bhi ’g radh gu’m bu luibh chronail an cluaran, suaicheantas na h-Alba. Chunnaic càch, mar dhaoine tuigseach, gu’m bu reusonta ’n tagradh a rinn e, agus bha ’n cluaran air a thoirt bhar àireamh nan luibhean cronail gun dàil.
Naidheachdan.
Tha eadar leth-cheud is tri fichead de na Sineich ann am baile Ghlace Bay, agus tha grannan math dhiu ann an Sidni. Tha iad na’n daoine modhail, sìobhalta, nach cuir dragh air duin’ eile, ’s nach eil aig àm sam bith ri ’m faicinn fa chomhair luchd-ceartais.
Thatar an deigh ìsleachadh math a thoirt air an uisge ann am mèinn an Dominion No 1. An ceann seachduin no dha bidh dùil aca tòiseachadh ri obair ann an aon taobh dhi. Bidh sin gu math na’s tràithe na bhatar an dùil nuair a thòisicheadh air leigeil an uisg’ innte.
Bha pacaid airgid air a call aig cala ’n rathaid-iaruinn am Port Morien o chionn còrr is mios. Tha i gun fhaotainn fhathast; cha d’ fhuaireadh eadhon duine air am faodar deagh amharus a leagail. Bha $175 .00 anns a phacaid, a bhatar ga ’cur gu Banca Mhontreal, an Glace Bay.
Bha àireamh na’n laidhe tinn leis a’ bhric ann an Sydney Mines ré an da sheachduin a chaidh seachad. Cha robh gin dhiu gle dhona, agus tha iad uile ’dol am feobhas roimhe so. A dh’ aindeoin gach dìchill a rinn riaghladh a’ bhaile air an easlaint a chumail bhar an criochan fhuair i stigh. Ach tha iad a’ gabhail gach curaim a’s urrainn iad gus a cumail gun sgaoileadh.
Tha an Scotia, an soitheach-smùide a fhuaireadh an uiridh air son an aiseig air Caolas Chanso, a nise deanamh a h-obair gu math. An toiseach cha robh i a’ deanamh ro-mhath, ach ’s e bu choireach ri sin nach robh cala air gach taobh a bha freagarrach dhi. O chionn àireamh mhios air ais cha’n eil coire sam bith ri fhaotainn dhi; tha na càrachan air an giulain thairis oirre, agus cha leig an luchd-turuis a leas carachadh asda. Tha so na ’dheisealachd mor, agus tha ’n turus eadar an t-eilein is tir-mor air a dheanamh gu math na’s toilichte na bha e ri linn na Mulgrave.
Chaidh pàisde nighinn a mharbhadh le càr-sràide anns a bhaile so seachduin gus an dé. Bhuineadh i do Iain Mac-Leoid air sraid Townsend, agus cha robh i ach ceithir bliadhna dh’ aois. Dh’ fheuch i ri ruith tarsuinn an t-sràid air beulaobh a’ chàr, agus cha robh an comas a’ chonductor an càr a stad an àm gus ise shàbhaladh. B’ e so a’ cheud sgiorradh a thachair timchioll nan càrachan o’n thòisich iad ri ruith anns a bhaile so.
La na Sàbaid a bha Ard-Sheanadh na h-Eaglais Chleirich cruinn ann a Vancouver, B. C., bha seirbhis Ghàilig air a cumail aig cairteal an deigh da uair. Bha an t-Urr. Alasdair Ros, ministeir Hogamah, air a ceann, agus rinn e searmon fileanta agus drùighteach a chòrd gu ro-mhath ris an àireamh mhor Ghàidheal a bha ga ’eisdeachd. Bha fonn nan salm air a thogail anns an t-seann dòigh le fear Eachann Mac-Coinnich, a tha na bhall de’n eaglais anns an robh an t-seirbhis air a cumail.
Bha aireamh mhor de chiontaich fa chomhair na cùirte moire ann an Sidni aig an t-suidhe a chriochnaich air an t-seachdamh la fichead de Iun. Di-luain an deigh sin bha deichnear dhaoin’ òga air an giùlan air falbh do’n tigh-obrach an Dorchester, an aireamh bu mhò a chuireadh air falbh riamh aig aon àm as an t-siorrachd so. Tha iad ri bhi anns an ionad-pheanasachaidh sin o dha bhliadhna gu coig bliadhna a reir an cionta. Bha mu dheich duine fichead air a chur do Dhorchester as an t-siorrachd so an taobh a stigh de’n bhliadhna, agus bha a mhor chuid de na ciontan air-son an deach an cur ann air an aobharachadh leis an òl.
Air an la mu dheireadh de dh’ April ’sa chaidh dh’ ionndraineadh fear Abel Johnson, Suaineach a bha ’g obair aig an obair-iaruinn. Bha caochladh bharailean aig daoine dha thaobh, cuid a smaoineachadh gu’n deach a mhurt, ’s cuid gu’n deach a bhàthadh. Seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh, tri miosan an deigh a bhàis, fhuaireadh a chorp anns an uisge faisg airWhitney Pier.Bha an fheòil air cnàmh dheth aodann ’s dheth làmhan, ach chaidh aithneachadh air ’aodach ’s air nithean a bha na ’phòcaidean. Bha leth-cheud dolair de dh’ airgiod air a chorp, agus tha sin a’ dearbhadh nach robh làmh aig duin’ eile na ’bheatha. Am feasgar a chunnacas e mu dheireadh, bha e ’g òl, agus bhatar a nise deanamh mach gu’n do thuit e far a’ cheidhe, ’s gu robh a chorp an sàs air a ghrunnd gus an deach fhuasgladh le iomairt nan soithichean smùide.
A’ Ceannach a’ Chorain.
Tha e air a thoirmeasg do na Mahometanaich an Córan a reic, ach tha iad fhein ga ’dheanamh furasda gu leòr faighinn thairis air an toirmeasg sin. Neach nach eil de’n creideamh aig am bheil toil an leabhar naomh a cheannach, faodadh e fhaighiun air an dòigh a leanas:
Theid e stigh do bhùth leabhraichean, agus an deigh dha am marsanta fhailteachadh, their e ris, “Bidh mi fo chomain siorruidh dhut ma bheir thu dhomh Córan.”
“On tha mi am fhior chreidmheach,” freagraidh am marsanta, “tha mi meas mar dhleasanas orm cuideachadh le mi-chreidmheach sam bith aig am bheil toil e-fein oileineachadh na’r lagh. Agus ghabhainn air do choltas-sa nach b’ ann air-son diomhanais sam bith a bhiodh tu ’g iarraidh a’ Chórain, ach a chionn fìor thoil a bhi agad ar creideamh ionnsachadh. Air an aobhar sin tha mi toileach an Córan so a thoirt dhut, ged tha mi cur luach mor air, oir phàidh mi deagh phrìs air.”
Cuiridh am fear a tha ceannach an leabhar na phòcaid, agus an ceann tacain their am marsanta ris, “Bidh mise gu bràth na d’ chomainsa ma bheir thu dhomh” —ag ainmeachadh suim àraidh. Ma shaoileas am fear a tha ’ceannach gu bheil an t-suim sin ro mhor, faodaidh e suim a’s lugha thairgse, ach cha’n fhaod e air chor sam bith iomradh a thoirt air a Chóran, no idir idir ainmeachadh. Tha am marsanta an deigh lagh a’ Chórain fhein a bhristeadh, agus cha bhiodh e ro ghlic d’ an fhear eil sin a chur na ’chuimhne.
COLLA CIOTACH MAC GHILLEASBUIG. *
LEIS AN OLLA MAC FHIONGHAIN AN DUNEIDEANN.
(Air a leantuinn).
Ré nam bliadhnachan 1606 gu 1615 an uair a bha na Domhnallaich, le cuideachadh chàirdean, a’ stri r’an greim a ghleidheadh air Ile cha robh aon ’n am measg a dhearbh e fhéin cho gleusta ’s cho teòma ri Colla. Bha an duine, gu nàdurra, foghainteach, misneachail, seòlta; ’s cha do chuir a choguis riamh a bheag de dhragh air. Cha’n fhairicheadh a cholunn no inntinn sgìos no taise. Bu choingeis leis muir is tìr. Bha e cho teòma leis a’ ghunna ’s a bha e leis a’ chlaidheamh. Bha a theanga cho geur r’ a lainn. B’ e Caisteal Dhùn-naomhaig an t-aon daingneach air taobh deas Ile, ach neartaich na Domhnallaich Eilean Locha Guirm, sean daingneach Chloinn ’Illeathain. Thugadh Dun-naomhaig thairis do Easbuig Knox ’s a’ bhliadhna 1609—bha dùil aig Righ Seumas gu’n deanadh e fhéin ’s an t-Easbuig nithe mòra ’s na h-Eileanan mu’n àm so. Ach ann am fìor-bheagan ùine bha na Domhnallaich ’s an Dùn air an ais, agus air aon doigh no doigh eile ghleidh iad e fad dhà no thri de bhliadhnachan. Ach thainig cùisean gu ceann s a’ bhliadhna 1614. Fhuair Tighearna Chaladair còir air Ile mu dheireadh, agus chuir an righ loingeas is feachd gu Dùn-naomhaig. B’e ’n geamhradh a bh’ ann, ’s cha b’ ann gun dragh ’s gun chunnart a bheirteadh long chogaidh gus a’ chladach chreagach sin, no a chuirteadh gunnacha-mora is saighdearan air tìr. Rinn an Comanndair Lambert na dh’ fhaodadh e gu toirt air na Domhnallaich géilleadh, agus mu dheireadh thainig Aonghus òg Domhnallach, bean Cholla, is feadhainn eile, fo làimh a’ Chomanndair. Cha robh moran toinnisg an ceann Aonghuis Oig, ma’s fhìor Lambert, ach mar a chuireadh Colla ann. Fhuair Colla as. Theich e fhéin ’s a chuid daoine ’n am birlinn, ’s rinn iad an cuan dheth, ged a bha na peilearan a’ feadalaich mu’n cluasan. Thug iad gu tir mu choig mile o’n Dùn; bhris iad am bàta, agus sgaoil iad gach leth ’s gach taobh. “Daoine comasach,” sgriobh Lambert, “a ni sgath fhathast mu’m beirear orra.” B’ fhior dha. Thachair so ’s an Fhaoilleach, 1615.
Thug Colla Eirinn air, ach cha b’ ann ’na thàmh a bha e. Ann am beagan ùine ghlac e Dùn-naomhaig air ais. Thug e cuairt feadh nan Eileanan ’s an earrach so, agus tha cunntas againn air a dhoighean o litir a sgriobh Ruaraidh Mòr Dhunbheagain gu Lord Binning agus o chòmhdach fear Williamson, Eirionnach a ghlac Colla ’s a ghleidh e gun taing ’n a sheirbhis fad deich seachduinean. Is gann a dh’ fhàg e Eilean eadar Reachrainn is Irt anns nach do thadhail e, —Ile, Colasa, Muile, Cana, Uidhist, Irt, is I-Chalum-Chille. Thug muinntir Uidhist lòn dha fhéin ’s da chuid daoine, agus da Philot gu dol a dh’ Irt. Chreach e Irt gu buileach. Thadhail e aig Eilean Bhoraraidh [Burribaugh] dlùth air Irt, is chòrd a’ chreag ris gu gasda. Dheanadh i daingneach ro dhiongmhalta dha ’n a fheum. Cheannaich e fùdar is luaidhe an I-Chalum-Chille. Ghlac e air a chuairt bàta-iasgaich Eirionnach lan sìl, agus soitheach a bhuineadh do Ghlascho a bha luchdaichte le salann, fìon, beoir is uisge-beatha.
Mu ’n gann a bha Colla air ais o’n chuairt so fhuair Sir Seumas Domhnallach comas teicheadh á caisteal Dhùnéideann, agus ann an uine ghoirid bha e le a chàirdean ann an Eilean Eige, Colla le moran furain is gairdeachais air an ceann. Sheòl
* Leughadh am paipeir so do Chomunn na Gàidhlig an Lunnainn air an aona-la-fichead de’n Chéitein, 1903.
[Vol . 12. No. 1. p. 3]
iad mu dheas, agus mu’n do ràinig iad Ile bha àireamh mhòr sluaigh leo. Rinneadh am beatha an Ile gu suilbhearra, ’s bha fir Chinntìre deas gu éirigh leo. Bha an t-oighre dligheach ’nam measg aon uair eile, ’s b’e rùn is dòchas nam Ileach gu’m biodh cùisean a rithist mar bha iad o shean—Ile fo na Domhnallaich. ’S e Mac Cailein a chuireadh a cheannsachadh na ceannairc so. Bha Caisteal Dhùn-naomhaig is daingneach Locha Guirm fo chomannda Cholla. Bhuadhaich Mac Cailein. Fhuair Sir Seumas, le beagan da chàirdean, comas teicheadh do dh’ Eirinn. Sheòl iad á Port-na-h- aimhne ri oidhche ghealaich an deireadh an fhoghair, 1615. Goirid ’na dhéigh sin chaidh Sir Seumas thairis do’n Spàinn. An ceann bhliadhnachan fhuair e maitheanas, is cead tilleadh do Shasunn. Ach cha’n fhaca Ile riamh tuilleadh e. Chaochail e ann an Sasunn, ’na dhuine bochd, falamh; gun oighreachd, gun oighre. Thainig riaghladh nan Domhnallach an Ile, far an robh an teaghlach ’n am beachd féin agus a réir coslais le fìrinn, an ùghdarras os cionn mile bliadhna, gu crich mu dheireadh. Bha Ile fo chasan nan Caimbeulach, daoine mu’n d’ thuirt Sir Seumas ann an searbhadas anma “gu’m b’e am miann riamh a bhi ’g iasgach ann an uisge salach.”
Chuir Iarla Earraghàidheal roinn de na reubalaich gu bàs mu’n d’ fhàg e Ile, ach, cùis glé iongantach, cha robh Colla de’n àireamh. Theàruinn Mac Cailein an aon duine a bu chomasaiche ’s a bu chiontaiche de na ceannaircich air an d’ fhuair e greim, ach c’ar son? A reir a chunntais fhéin, thug e maitheanas do Cholla air chùmhanta gu’n liobhradh e an dà dhaingneach a bha fo òrdugh, agus gu’n cuidicheadh e le Mac Cailein na reubalaich a bha fhathast mu sgaoil air feadh Ile a ghlacadh. Rinn Colla so gu toileach. Dh’ fhosgail e dorsan Dhùn-naomhaig is Eilein Locha Guirm do’n Iarla, ’s chaidh e mach gu dealasach a shealg cheannairceach. Ann an ùine ghoirid ghlac e Mac-a- Phì Cholasa ’s àireamh de dhaoine inbheach eile, ’s thug e thairis iad ’n am priosanaich. Chuir Mac Cailein cuid duibh so gu bàs, ach thug e Mac-a- Phì is naoinear no deichnear eile ’n am priosanaich do Dhuneideann, gu bhi fo mheachainn an lagha. Ghleidheadh Mac-a- Phì ùine an Dùnéideann, ach fhuair e as le ’bheatha is thill e dhachaidh do Cholasa.
Bha Colla an Colasa roimhe, agus thoisich a nis strì eadar Colla ’s Mac-a- Phì air son na làimhe-an-uachdar ’s an Eilean so. Cha robh còir laghail aig a h-aon diubh air. Bha Clann-a- Phì an seilbh fo na Domhnallaich ’s fo’n Chrùn a nis ceudan bliadhna. Thuit còir nan Domhnallach air Colasa nuair a chaill iad fearainn Ile ’s Chinntìre. Agus b’e Colla an t-aon mu dheireadh a gheibheadh còir ùr. Thug Mac Cailein a bheatha dha, ach cha’n ’eil iomradh gu’n d’ fhuair e maitheanas o’n chrùn. ’S a bhladhna 1719 fhuair e barantas-sìthe gu dol do Dhùnéideann ’s air ais, air iarrtas féin, ’s an déigh dha gealltainn gu’m biodh e o so suas ’na iochdaran umhal, dileas do’n chrùn. Cha’n ’eil cunntas mion againn mu chomhrag Cholla ’s Mhic-a- Phì an Colasa. Cha’n ’eil an t-Eilean ach beag, ’s cha saoileadh duine gu’n leanadh an stri fada. Ach mhair i a réir coslais seachd no ochd de bhliadhnachan. Bha gun teagamh càirdean Mhic-a- Phì lionmhor, ach bu nàmhaid cunnartach, comasach Colla. Bha comhnuidh Mhic-a- Phì o shean an Dun-éibhinn, ’s e Tighearna Dhùn-éibhinn a thiodal air leac-lighe Mhic Iain an I-Chalum-Chille. Rinn Colla a dhachaidh ann an Sabhal bàn Chill-oran. Bha seann Abaid an Eilein a nis ’na làraich, ach bha Sabhal na h-Abaide fhathast ’n a sheasamh, agus is ann ’s an tigh so a rugadh Alastair Mac Colla. Bha an dà thigh mar dhà mhile d’a chéile. Fada, goirid ’s a mhair a chomh-stri, thainig i gu crich fhuiltich. Shumanadh Colla Ciotach, Gilleasbuig a mhac, agus ceathrar sheirbhiseach do Dhùnéideann ’s an Og-mhios 1723, a fhreagairt air son mort Chaluim Mhic-a- Phì Cholasa, Dhomhnaill Oig Mhic-a- Phi, Dhughaill Mhic-a- Phi, Iain Mhic Cuaire, agus Iobhair Bhain, ’s an Fhaoilleach roimhe sin. B’ iad an luchd-casaid—Mairi Dhomhnallach, bantrach Mhic-a- Phi, Domhnall òg, a mhac, Catriona, Anna, agus Fionnghuala, a nigheanan, agus Murachadh Mac-a- Phì, an Ile, brathair Dhomhnaill Oig is Dhughaill a chaidh a mharbhadh agus an caraid a bu dìlse do Iain Mac Cuaire ’s do Iobhar Bàn. Cha ruigear leas a radh nach do sheas Colla a’ chùirt. Tha seanachas air sealg Mhic-a- Phì car sùìbhlach an Colasa fhathast. Tha iomadh uamha is beul-fo-fhraoch is sglift-chreige ’s an Eilean anns an d’ fhalaich iomadh aon e fhein ’nuair a bha an tòir gu dian ’na dhéigh. Ma’s fhior seanachas Cholasa bha Brus fhéin greis ’ga dhithearachadh ’s na frògan ud. Ach theirear leab-fhaileachd [ ’s e sin leaba- fhalaich] Mhic-a- Phì riu gu léir a nis. Ma’s fhior an sgeul lean Colla Mac-a- Phì o aon leab-fhaileachd gu leab-fhaileachd eile air feadh Cholasa. Lean e lorg an fhògarraich á Colasa do dh’ Orasa ’s á Orasa do dh’ Eilean-nan-ròn. Tha an t-eilean so a’ ruith do’n chuan air ceann an iar-dheas Orasa, ’s air a roinn leis an lan-mhara ’na thri earrannan. ’S e an t-Eilean-iarach as fhaide mach de’n tri. Lean na mortairean an t-allabanach truagh do’n Eilean-iarach. Rùraich iad gach fròg dheth, ach cnaimh do Mhac-a- Phì cha d’ fhuair iad. ’Nuair a bha iad a’ tilleadh air an ais thug faoileann sgreuch aisde ’s an Eilean-iarach. “Tha rud-eigin aig an fhaoilinn,” arsa fear de na sealgairean, ’s air an ais thug iad. Fhuair iad Mac-a- Phì ’na chrùban fo bhile creige os cionn a’ chuain air sgeilp air an gann a sheasadh faoileann fhéin. “Fàbhar, a Thàmhais,” thuirt Mac-a- Phì ri Tàmhas Mac ’Ille Mhoirche, a chunnaic an toiseach e. “Fàbhar no fàbhar,” fhreagair Tàmhas, “is beag fàbhair a gheibhteadh o t’ fheusaig ruaidh mu’n àm so ’n dé.” Chuireadh Mac-a- Phì gu bàs gun tuilleadh dàlach, ’s bha Colla Ciotach ’na uachdaran air Colasa. Chuir cùirt Dhùnéideann air chàrn e; ach is beag smuairein a chuir so air Colla. An suilean an lagha, is ann air chàrn no fo choille a bha e a’ chuid a bu mhotha d’a shaoghal. Agus cho fhad ’s a tha iomradh air cha do ràinig binn na cùirt Colasa. Cha robh Clann-a- Phì comasach air ceann a thoirt da, ’s air son a’ chòrr bha e coma. Fad bhliadhnachan bha e fhéin ’s a theaghlach gu socrach, seasgair an Colasa, no co-dhiù cho socair ’s a b’ urrainn aon de nàdur Cholla a bhith. Is dòcha nach robh iarraidh aig luchd-riaghlaidh na rioghachd moran dragha a chur air, ’s ann a bhiodh iad taingeil fhad ’s a dh’ fhanadh duine cho buaireasach ri Colla gun a bhi cur dragh orra. Bhuineadh roinn de dh’ fhearann Cholasa do’n Eaglais, agus bha cuisean cho siochail ’s gu’n d’ fhuair Colla aonta o’n Easbuig air fearann na h-Eaglais ’s a’ bhliadhna 1632. Bha e fhein ’s a theaghlach ’s an Eilean sé no seachd de bhliadhnachan ’na dhéigh so. Cha ’n ’eil cunntas an Colasa gu’m bu droch uachdaran Colla. Cha mhotha tha iomradh cinnteach air mar a chaill e fhéin ’s a theaghlach an oighreachd. Cha leigear air dì-chuimhne nach robh riamh còir aig an duine air an Eilean. B’ i còir Cholla air Colasa còir Ahaib air fion-lios Naboit. Mharbh e agus ghabh e sealbh. Agus faodar a bhi cinnteach nach bu choimhearsnach ro shiochail Colla. Bha na Caimbeulaich an Ile, ach cha robh cùisean a’ soirbheachadh gu ro mhaith leo an sin. Bha an t-uachdaran ’s an tuath neo-thoilichte. Cha robh an oighreachd ’n a cùnnradh cho maith ’s a bha fiughair aig Tighearna Chaladair a bhitheadh i. Bha airgiod a dhith airsan daonnan, ’s cha robh airgiod aig an tuath daonnan dha. Bha Colla ’s a chuid mac gu tric an cainnt nan Ileach, agus faodar a bhi cinnteach nach ann a’ moladh nan Caimbeulach a bhitheadh iad. Mu’n àm so cuideachd thoisich cùisean-Eaglais air togail an cinn an Earraghàidheal. Bha na Stiubhartaich, an t-athair ’s am mac, a’ strì ri riaghladh na h-Eaglais Shasunnaich a thoirt a dh’ Albainn. Chaidh leo ann an tomhas. Ach bha na Gaill Albannach a’ cur rompa nach rachadh leo na b’ fhaide. Bha na Gàidheil, gu sonruichte Gàidheil nan Eileanan ’s na h-oirthir iar-thuathach, meagh-bhlàth mu’n chùis. Bha mòran diubh ’n am Pàpanaich, ’s an roinn a bu mhotha de’n chòrr de’n Eaglais Easbuigich. Cha b’ ionann sin ’s do na Caimbeulaich ’s gu sonruichte do cheann-cinnidh nan Caimbeulach, Mac Cailein. Bha Easbuig an Earraghàidheal is dh’ fheumtadh cur leis, ach bha Mac Cailein ’s a’ mhor-chuid de’n t-sluagh de dh’ aon bheachd ris na Gaill mu mhodh-riaghlaidh na h-Eaglais, ’s bha iad deas gu aonadh leo ’s a’ cheum so. Bu Phàpanaich Colla Ciotach ’s a theaghlach, ach is gann a shaoilinn gu’n cuireadh gnothaichean Eaglais moran gluasaid air a h-aon diubh. Ach bu bheag orra na Caimbeulaich, agus bu toigh leo iorghuill is tuasaid. Agus a nis fhuair iad iorghuill is tuasaid gu leoir—làn an cuirp. Thaom fearg nan Caimbeulach orra o gach taobh. ’S a’ bhliadhna 1639 chaidh Caimbeulach do’n eilean le ceud fear. Chreach is spùinn iad so Colasa o cheann gu ceann. Mharbh iad an spréidh ’s thug iad gach grán is ìm is càis air an do rinn iad greim do Chaol-Ile. Nan robh fhios air, faodar a bhi cinnteach nach robh an sgath so, is iomadh d’a sheòrsa, gun dìoladh. Ach ’s e thainig as gu ’m b’ éigin do Cholla ’s d’a theaghlach an t-eilean fhàgail. Fhuair Alastair teicheadh do dh’ Eirinn far an do rinn e ainm iomraiteach ann an iomadh cath cruaidh. Tha Mr. Hill ag ràdh gu’n do chuireadh Colla ’s a dhithis mac, Gilleasbuig is Aonghus, an làimh ’s gu’n robh iad am priosan fad chuig bliadhna, gus an do leigeadh a mach iad ’s a’ bhliadhna 1644. Ach cha’n ’eil so a’ còrdadh uile gu léir ri cunntas a gheibhear á h-Irt. Tha Mr. Buchan, a chaidh ’n a mhinistir do’n eilean tri fichead bliadhna ’n a dhéigh so, ag innseadh gu’n deachaidh Colla Ciotach do dh’ Irt ’s a’ bhliadhna 1641, ’na fhògarrach, an déigh cath a chur ’s a chall an aobhar a’ Phàpa. Chreach Colla an t-eilean sé bliadhna fichead roimhe so, agus ’nuair a chunnaic an sluagh e ’s a dh’ aithnich iad cò bha aca, theich iad do dh’ uamha ’s cha tigeadh iad a chòir an seann namhaid. Ach dhearbh e dhaibh nach bu nàmhaid a nis e. Dh’ fhuirich e tri ràidhean an Irt, agus cò shaoileadh ciamar a chuir an seann laoch seachad cuid d’a thìm. A’ teagasg an t-sluaigh!! Fhuair Colla a mach nach b’ urrainn do na h-Irtich an Creideamh Catharra a ràdh gu cothromach,— ’s e sin a’ Phaidir, a’ Chreud, ’s na deich Aitheantan. Chronaich e an sagairt, agus, ma’s fhior an sgeul, dh’ iarr an sluagh air an sagairt a chur as a dhreuchd. Ach ghabh Colla a leithsgeul. Thuirt e nach cual e riamh iomradh air sagairt a bhi air a chur as a phosta air son ’aineolais. Is eigin gu bheil roinn de’n fhìrinn aig Mr. Buchan, ’s gu’n robh Colla an Irt cuid de’n ùine a bha dùil gu’n robh e ’s a’ phrìosan.
(Ri leantuinn.)
Cha b’e a’ mhuileann nach meileadh, ach an t-uisge nach ruitheadh
Cha b’e ’n cù mu ’chnaimh e.
[Vol . 12. No. 1. p. 4]
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. IX.
AN UAMH AN COIS NA MARA—DEISEALACHD POSAIDH—A CHOMHSTRI ’S AN T-SABAID—COMHART COIN.
ACH bha ’n sealgair ceart na ’cheud smaointean. Bha duìl aig Adam gur i Mairi bheag a bh’ aige fad na h-uine ged a bha e gabhail car de dh’ ioghnadh nach robh i toirt ionnsuidh sam bith air a saorsa fhaighinn no iarraidh. Bha so ga ’fhàgail gu math toilichte, a smaointinn gu’n robh i air tionndadh a reir a mhiann ’s nach ruigeadh e leas a bhi air a dhol gu leithid de shaothair air a son, no ’chadal a chall. Bha Una dhonn mi-thoilichte fad iomadh latha roimhe so. Dh’ fhàg i ’n sealgair òg treun, ged a bha ’cridhe ’g aomadh leis, an uair a thainig fear a b’ àirde ainm ’s bu mhotha storas na ’rathad. Co b’ àirde chumadh a ceann na ise? Ach an uair a thòisich a leannan uasal ri cumail air falbh ’s air a seachnadh, agus a chuir e aire, mar choileach-gaoithe, air àird eile, ghabh i ’n t-eagal gu ’m biodh iad ga dìth le chéile; mar sin an uair a dh’ aithnich i co bha ga ’goid air an oidhche so cha duirt Una dhonn diog an deigh a dhol d’ an charbad. Bha i smaointinn gu ’m biodh gach cùis a nis ceart, oir leis mar a bha i leis an tàmailt mar a bha gach aon ga seachnadh ’s gann nach fhalbhadh i le duine-dubh no loireach ach e ’n cuireadh a thoirt dhì ’s an àm. Ach a nis bha ’n Caiptein air a ghaol caochlaideach a nochdadh a rithist agus a reir choltais, ged a bha e car dàna dha dheanamh gun a faighneachd, a dol a chur an fhàine air a meòir a dheanadh mna-uasail dhi; a bhàrr air a sin bha e dol ga ’dheanamh ’s an aon dèigh a roghnaicheadh i fhein, oir an ursgeulan Cailleach-an-Tuim, a bhiodh i ’g eisdeachd gu tric, nach e so an dòigh a bhiodh na leannain a gabhail gu b’ oil leis an t-saoghal gu leir. Gun teagamh thuirt i rithe fhein nach robh an reusan aig a chaiptein a bhiodh aca sin air teicheadh ach cha robh sin ach a nochdadh gu ’m b’ ann air-son ise thoileachadh a bha e, oir nach do dh’ innis i dha uair no dha ’s iad a’ seanachas air a leithid gur e so an dòigh a roghnaicheadh i fhein a’ pòsadh, dòigh nach biodh cumanta. Cha robh Una ghòrach a sealltainn na b’ fhaid’ air adhart uair sam bith na ’mhionaid a bha làthair, ’s cha robh mar sin smaoin aice gur ann uair gle ainneamh a chaidh dluith cheart riamh air a chleachdadh. Ach cha ’n ’eil so a’ ciallachadh a chuid aig am bi reusan làidir air a dheanamh idir. Bha mar sin Una fior thoilichte an car a chuir a chuibhle dhith na fàbhar, agus bha a cridhe làn subhlachais air a thàille, ’s leig i leatha ruith thun na criche a bh’ aig na dàin a dh’ fheitheamh oirre. Troimh chòmhnardan ’s troimh gharbhlaichean, tromh fhàsaichean ’s tromh ghlinn ghreas iad air adhart, gus mu dheireadh, faisg air cladach garbh far an robh onfhadh throm nan tonn ri chluinntinn, chaidh stad a chur air na h-eich, ’s leum Adam gu làr. Shìn e làmh dh’ an nighinn agus bha e ro thoilichte gun do ghabh i chuideachd gun ghuth mor gun droch fhacal. Bha, gun teagamh, an ghnothach air thuar a dhol leis na b’ fhearr na bha e ’n dùil. A reir choltais bha Mairi bheag an dùin air a h-inntinn atharrachadh o na chunnaic e i mu dheireadh. Bha i nis cho dorcha ris an tearr, ach ghabh iad air adhart le ceum cinnteach sios air rathad garbh feadh nan creag air a stiùradh le cuid-eigin a thachair riutha far ’n do stad iad.
Ann an ceann dheich mionaidean, thainig iad thun na tràthad chòmhnaird air aghaidh na mara. Bha an stuadhan a maoidheadh orra ’s ga’n ruagadh air dhaibh a dhol m’a chuairt gob sgeire a bha sineadh a mach na b’ fhaide na càch, agus air an taobh eile dhe ’n sgeir, sheas am fear iùil aig fosgladh a bha a reir choltais a dol a stigh astar fo ’n chreig. Dé b’ iongantaiche le Una na dithis dhaoine an cleòcannan mora dubha fhaicinn na’n suidhe air creig aig beul an tuill, mar gu’m biodh iad ga ’feitheamh agus a reir choltais iad gu math toilichte ’s botul mor eatorra. Air do dh’ fhear aca gàire cridheil a dheanamh ’n uair a nochd a chuideachd chaidh Caiptin Adam ceum air adhart ’sa cromadh thuirt e riutha gu feargach— “Amadana, ciod is ciall dhuibh? Am bheil toil agaibh le ’ur bòilich an dùthaich a thoirt m’ar cluasan? Am b’ urrainn dhuibh an deigh m’ àithne dhuibh cumail o’n bhotul gus am biodh so seachad?” Agus an sin a tionndadh ri Una agus a toirt na càraid so air adhart thubhairt e, “So dithis chàirdean dhomh fhin; tha fear dhiubh na phears-eaglais ’s mar sin eòlach air snaim-cruaidh a chur gun mhaille, ’s nach caill moran ùine ga chur, le tuil ghòrlaiseach bhriathran a chur a mach m’an chuis, mar is trice bhios a leithid a deanamh. Cha chaill; tha ’n t-Urramach Aonghas Friseal e fhein òg fhathast.” Aig na briathran mu ’n Urramach, bha guaillean an fhir eile ri ’m faicinn a’ crith mar gu ’m biodh a dhiol aige ri dheanamh cumail air a ghàire, ach chuir ùpag o uilinn an Urramaich gu sgur e, ’s a deanamh casad beag tioram no dha, chaidh e gu stòldachd. “Cha’n urrainn mi innse dhut cho toilichte ’sa tha mi,” ars an caiptein gu beag ri Una, “thu bhi cho glic air a cheann mu dheireadh, ach tha fios agam gur e Eobhain fada bha puinnseanachadh d’ inntinn; ach pàidhidh so gach dragh, agus tha mi toirt làn-mhathanas dhut air-son mo chumail air na prineachan cho fada. A nis,” ars esan, ’s e leigeil a ghuth an àirde, “theid sinn a stigh do’n eaglais a thog nàdar dhuinn ’s bidh dh’ urram againn gur ’sinn a cheud chupal, agus ’s docha ’n fheadhainn mu dheireadh a chaidh no theid a phòsadh ann.” Le so a radh chaidh iad a stigh dh’ an uamha. Bha ùrlar de ghainneamh bhòidheach mhin-gheal fo ’n casan, agus a dol pios air adhart thainig iad gu cnap mor cloiche na meadhain aig ’n do sheas iad. “A nis,” ars Adam, “faigh do choinnlean ’s do leabhar cho luath ’s a rinn thu riamh, ’s astar math againn ri dheanamh fhathast ma’n dig a mhaduinn.” Thug companach an Urramaich na coinnlean as a phòcaid ’s thug an t-Urramaich a mach a leabhar ’s a cur dheth na h-aide bha e gu stòlda a’ feuchainn ri e fhein a chumail na sheasamh, agus ri sealltainn cho urramach ’s a bha e cumail a mach a bha e ’s a bha dhreuchd ag iarraidh. Le saothair chaidh da choinneil a lasadh agus an cur na ’n seasamh na’n céir fhein air a chreig—a’ cur sealladh iongantach agus mi-nàdarra dhe ’n aite. “A nis Urramaich,” arsa chompanach, “faodaidh tu breith air cinn nan iall agus an snaim a chur cho luath ’s a thogras tu.” “Na ’s dluithe Mhairi,” ars Adam, “agus caith dhiot cleòc an àigh a chum ’s gu faic mo chàirdean do bhòichead òigheil le ’n suilean fhein, ’s gun creid iad na dh’ innis mi dhaibh mu d’ dheidhinn.” Bha teanga Adam gu math liotach a nis, oir fhad ’s a bha càch a faighinn air dòigh, dh’ fhàg e taobh Una, agus ged a chàin e càch roimhe airson a pheacaidh cheudna fhuair e botul branndi aig beul na h-uamha air a chreig ’s ga chur air a cheann chuir e sios gu math e. Air dha na briathran a radh thionndaidh e, ’s dream na poit air aodann ’s lasair thoilichte na shuilean agus sheall e air a bhana-chompanach. Bha Una na ’seasamh cho bàn ris an anart ’s cleòc an àigh ach a mhi-fhortain dhise air tuiteam as a làmhan gun lùth gu làr, oir air dhi ainm Mairi a chluinntinn chaidh rionnag fhaoin sholuis dhi air a chùis, ’s bha i nis m’an coinneamh mar iomhaigh mharmoir, gun ghuth, gun chomas gluasaid, ach fior bhòidheach. “Thusa!” ars Adam “thusa! de chuir thusa so?” ’s e togail a làimh mar gum biodh e dol ga ’bualadh gu làr. “Ciod tha cearr?” ars an t-Urramach ’s e toirt nan glaineachan bhar a shròin ’sa sealltainn le sùil ladurna air Una. “Ciod tha cearr a chairdean?” “Tha h-uile rud cearr,” ars Adam ’s e dannsa le feirg; “air mo bheatadh na ’m amadan a rithist! Ach thus,” ars esan a tionndadh ri Una, “diolaidh tu air a so—agus Seumas breac deanadh esan air a shocair, —Illean so agaibh Una dhonn a phìobaire ach a mach uaithe so faodar Una dhubh a radh rithe. ’Se so an te a theab a h-amhach a bhristeadh feuch an gabhte ’n riochd bean-uasail i. Hic ha, ha, ’s tric a dh’ innis mi dhuibh mar a bhiodh i-fhein ’s a seann mhathair ga m’ leantuinn ’s ga ’m iasgach gus ’n do dh’ fhàs mi seachd searbh dhiu.” “Tut, tut a chaiptin,” ars an t-Urramach, “tha thu tuilleadh is doirbh do riarachadh. Ma tha Màiri bheag an dùin na ’s bòidhche na i so, cha bu toil leamsa fear mo chòta bhi na d’ chaisteal na nàbachd. Air m-anam,” ’s e deanamh mionnan, “mur a h-aomadh i so fhein cridhe stàillinn, gun tighinn air cridhe bochd, bog, blàth feòla mar a tha nam chliabh ciùrrte-sa,” se cur a laimhe air ’s a deanamh beic mhagaidh. “A nis a Chaiptin, ni mi fàbhar riut—air m’ anam ni mi fàbhar riut; bheir mi chaileag àluinn so bhar do làmhan, agus gabhaidh mi dhomh fhin i ’s air son gu ’m bi gach ni laghail pòsaidh mo charaide sinn; bheir mi fhin dha ’n t-òrdugh naomh—an còta ’s an leabhar.” “Air do shocair, air do shocair,” ars an companach, “an t-ian is moiche dhùisgeas ’s leis a bhoiteag daonnan—o na tha ’n còta beannaichte san leabhar agadsa ’s ann a ni thu sin air mo shonsa.” Le so a radh leum e null, ’s rug e air ghàirdean air Una thruagh ’s a deanamh gàir aognaidh thòisich e air a tarruinn gu beulthaobh an Urramaich. Ach thainig an t-Urramach ceum nan coinneamh agus a togail a làimhe ’s an leabhair bhuail e le uile neart iad an taobh a chinn air an fhear eile. “So,” ars esan, “mur a gabh thu òrdugh àrd gabhaidh tu òrdugh iosal”— ’s ga tarruinn a rithist bhuail e gu math e. Thuit an companach, ’s chaidh an ceòl air feadh na fidhle. Le sgriach eagail fhuair Una as an luib, agus chaidh i á sealladh mar earb’ ’san dorchadas. Chaidh na fir gu nimheil an sàs na cheile, ’s chaidh Adam ma b’ fhior ’san eadraiginn, ach an ùine ghearr bha sùilean dubha ’s beul fuilteach aige o’n dithis, ’s iad a nis nan triùir an gruagan a cheile air an ùrlar an dorchadas iomallach na h-uamha. Mar a tha ’n leughadair air a thuigsinn, cha b’ Urramach a h-aon de na trusdair, ach dithis dhe na sglimseiran aig a chaiptin choir, —mialan a bha ga ’chuideachadh ag ithe oighreachd a Bheallaich, agus a bha deiseil, o nach robh iad a creidsinn Dhia no dhaoine, gus olc sam bith a dhealbh ’s a dheanamh. Mar sin bha iad gu math deas agus deònach air an cuideachadh a thoirt dha air an oidhche so, gus sgleò laghail ma b’ fhior a chur air a ghniomh dhorcha bha na ùigh a dheanamh. Cha do sheall Una na deigh riamh, ach air-son na b’ urrainn i dh’ astar a chur eadar i ’s na fir aingidh a dh’ fhag i, chuir i air adhart, uair a’ tuiteam air feadh nan creag a’ bha ga ’ciùradh ach gun smaointinn air a so, lean i roimhpe air a greasad leis na mionnan uamhasach ’s an upraid a bha i cluinntinn na deigh ’san uamha. Stad a h-anail ’s thuit i fann air an làr ’s i air ceum garbh a chluinntinn na ’deigh, ach an deigh a bhi deich mionaidean ann, cha chual i ’n còrr, ’s cha dàinig neach; agus thuig i ’n uair sin nach robh ann ach clach chorrach a ghluais i
[Vol . 12. No. 1. p. 5]
fhein ’san dol seachad ’sa chaidh car ma char sios na deigh. Dh’ eirich i rithist, ’sa mach a ghabh i ’s thug i ’n aire nis air-son na ceud uair gu’n do chaill i na brògan dannsa ’s gu’n robh a casan goirt, goirt aig na creagan geura, ach chum i air adhart, oir bha i smaointinn, ’s a ceann a nis na bhreislich, gu’n robh eibheach aingidh is fuaim uamhasach na deigh. Le sgriach eagail dh’ fhairich i cròg air a gualainn, ach cha bi; cha robh ann ach a h-ada fhein a tuiteam bhar a cinn. Mu dheireadh cha b’ urrainn i dhol na b’ fhaide, —ach dé bha sid? cù a’ comhartaich! Aon spàirn eile; greasaig ruith eile, ged a bha ’n fhuil ’s gach ceum, ’s rainig i ’n cù aig dorus bothain iasgair. Thog i ’làmh gus a bhualadh, ach dh’ fhàg a lùth i ’s thuit i tarsuinn an dorus.
(Ri leantuinn).
INNSEAN NA H-AIRDE ’N IAR.
CHA ’n ’eil àireamh nam bliadhnachan mor on thòisich Pickford agus Black, cuideachd a tha ’tuineachadh ann an Halifacs, air soithichean smùide ’chur sios gu Innsean na h-airde ’n iar. Is ann do na Staidean, bho ghinealach nodha, a bhuineadh gach malairt ’us iomlaid air an robh eolas no feum aig luchd-àiteachaidh nan Eileanan ud. On tha iad ag aideachadh riaghladh Bhreatuinn, nach ann le Breatuinn agus le Canada ’bu chòir doibh a bhi ’cumail suas am marsantachd. Ma dh’ fhaoidte nach ’eil moran coire ri ’fhaotainn do na h-Eileanan do bhrigh nach robh oidheirp air bith air a deanamh airson na h-Eileanan agus Canada ’thabhairt ann an càirdeas dlùth agus ann an eòlas soilleir ri ’cheile. Tha aobhar mar so aig daoine Chanada ’bhi taingeil do ’n chuideachd ann an Halifacs, on tha iad a’ sgaoileadh fios ’us eolais ’us eachdraidh mu na h-Eilean air am bheil mi ’deanamh luaidh, air feadh Chanada gu leir. Air gach dara Di-luain tha soitheach smuide ’fàgail Halifacs agus a’ giulan moran bathair a dh’ ionnsuidh nan Eileanan mu dheas. Tha phlùr, ’us coirce, ’us sgadan, us iasg, ’us buntàta ’s feur tioram ’g an tabhairt sios ann am pailteas anabarrach. Tha e co soilleir ri solus an latha gu ’n urrainn Canada gle fhurasda moran a sheachnadh air am bheil feum aig na h-Innsean, agus gu ’n urrainn na h-Innsean moran a sheachnadh—siùcar agus iomadh ni eile—air am bheil feum aig Canada. Agus nach ’eil e ro cheart ’us iomchuidh gu bitheadh daonnan iomlaid a’ dol air aghaidh gun tàmh agus le dichioll laidir ’us togarrach eadar na h-Eileanan agus Canada.
Tha acarsaid àluinn aig Halifacs. Gheibh cabhlach Bhreatuinn dion ’us tearuinteachd an cala Halifacs. Is e àite foirmeil, laidir anns am bheil na tighean feachd air an togail. Cha ’n ’eil ioghnadh air bith, ma ta, ged tha Breatunn fior-mheasail air Halifacs, agus air gach dion ’us cothrom a gheibh a cabhlach daonnan ann a cala domhain ’us seimh a’ bhaile so. Is e Bermuda ’cheud aite no eilean a ruigeas soithichean smùide Halifacs air an slighe gu h-Eileanan na h-àirde ’n iar. Ann am meadhon an astair a tha eadar Halifacs agus Bermuda tha Sruth a’ Chamuis(Gulf stream) ,agus da rireadh tha e gle dhoirbh agus luasganach. Cha ’n ’eil eileanan Bhermuda annta fein beartach no torach. Tha iomadh linn on thòisich Breatunn air sealbh a ghabhail air Bermuda. Tha moran saighdearan daonnan aig Breatunn ann am Bermuda, agus tha longan cogaidh gach àm anns an acarsaid. Tha mar an ceudna iomadh innleachd a làthair airson na longan cogaidh a chur ann an uidheam an uair a tha feum aca air an cur ann an ordugh ceart. On tha comas co laidir aig Breatunn ann am Bermuda, ’s daighneach co foghainteach aice ann, is urrainn di ’s b’ urrainn di daonnan a cùisean agus a coirean fein a dhion agus a sheasamh ann an America mu ’n ear gu h-iomlan. Cha ’n ’eil sneachd no reothadh ann am Bermuda. Tha ’n t-aileadh glan, maoth, ùrail, agus air an aobhar so tha e taitneach ’us tlachdmhor doibhsan aig nach ’eil bàigh ro mhor ri fuachd ’us sneachd Chanada, beagan ùine ’chur seachad ann am Bermuda, far am bheil iomadh sealladh bòidheach, far am bheil aimsir chiùin, bhlàth, agus far am bheil iomadh ni ’bheir sunnd ’us aighear ’us slàinte do gach neach a theid a shireadh slàinte ann am meadhon a’ gheamhraidh. Cha ’n ’eil uisge r’a fhaotainn am Bermuda. Cha ’n ’eil tobar no fuaran idir ann. An uair a tha ’n t-uisge trom a’ tuiteam bho na neoil, tha na daoine ’trusadh an uisge ’s ’ga chur ann an claisean domhain far am bheil e air a thaisgidh suas, agus mar so feum air a dheanamh dhe gach là. Tha bho Bhreatunn, bho na Stàidean ’us bho Chanada moran stuth ’us bathair a’ tighinn gach seachduinn gu Bermuda.
Tha mu dheich ceud mile eadar Bermuda ’sSaint Kitts,a’ cheud eilean air taobh mu thuath nan Innsean. Tha ’n eilean so farsuing, beartach, agus tha ’n siùcar a’ fàs. Tha cuilc an t-siùcair a fàs gu ùrail, bòidheach. Is fior-bhòidheach dath gorm na cuilce so. Is e ’n siùcar bàrr a’s fhearr a tha na h-Eileanan a togail. Chaidh e sios ann am pris o cheann beagan ùine; agus air an aobhar so cha ’n ’eil luchd-àiteachaidh nan Eileanan co sona ’s co comhfhurtachail ’s a b’ àbhaist doibh a bhi. Tha ’n Fhraing ’s a’ Ghearmailt a’ tabhairt duais do ’n daoine fein a tha ’g ullachadh an t-siùcair, agus ’g a chur gu dùthchannan céin. Tha mar so pris an t-siùcair air a chumail sios. Ach tha crioch a’ tighinn ann an ùine ghearr air faoilidheachd na Frainge ’s na Gearmailt air sgàth an t-siùcair.
Nimheis, is e so ainm an eilean a’s fhaisge do Shaint Kitts. Is anns an eilean so a chaidh an Ceannard-chabhlaich iomraiteach, cumhachdach, mòrail, neo-sgathach Nelson a phòsadh. Thuit e aig comh-stri fhuileachdach Thrafalgar, far an tug e buaidh air na Frangaich, agus far an d’ fhuair e ainm ’us cliù a mhaireas gu bràth. Tha cnoc no dùn an eilean so gle chosmhuil ri Beinn Nimheis ann an Albainn, ged nach ’eil e co mor no co àrd ri Beinn Nimheis, agus ged nach ’eil sneachd uair air bith air a cheann no reothadh air a thaobh no aig a chasan.
Is ann am Montserrat a b’ àbhaist do na craobhan a bhi ’fàs bho ’m bheil an sùghlime juiceair a dheanamh, air am bheil mnathan tighe Chanada gle eòlach. Chaidh stoirm eagalach thairis air Montserrat bho cheann beagan bhliadhnachan, agus chaidh mar so na craobhan bho ’n robh an sùgh air an d’ rinn mi iomradh air a tharruing a mharbhadh. Gabhaidh craobhan òga de ’n t-seorsa so cuig bliadhna mu ’m fàs iad mor gu leoir.
Is ann an Dominica, eilean a tha dlùth air Montserrat, a tha na craobhan a nis’ a’ fàs gu sultmhor, fallain, bho ’m bheil an sùgh a tighinn a tha gle mheasail ann am Breatunn agus ann an Canada. Tha e soilleir gu bheil na Sasunnaich iarrtuiseach a nis air moran chraobhan a phlanntachadh am measg nan Eileanan, do bhrigh gu bheil an sùgh a tha ’tighinn uatha a’ tarruing prìs mhoir ann am Breatunn agus ann am America mu thuath. Tha tuille agam ri ’radh mu dheibhinn Innsean na h-àirde ’n iar.
CONA.
Bidh uan dubh aig caora bhàin, ’s uan bàn aig caora dhuibh.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XX.
AN uair a sguir Aladin de labhairt, thuirt nighean an righ: “Tha e gle fhad’ an aghaidh mo thoile aoidh agus caoimhneas a nochdadh do ’n draoidh ged a tha mi ’tuigsinn gu ’m bheil e ro fheumail gu ’n deanainn e. Ach nach fheumar a h-uile doigh a ghnathachadh a chum stad a chur air obair an duine eucoraich ud? Air an aobhar sin, ni mise mar a tha thu ’g iarraidh orm, o ’n a tha ar sonas le cheile ann an tomhas mor an crochadh ris a’ chuis.”
An sin dh’ fhalbh Aladin am mach as an luchairt, agus chaith e na bha roimhe dhe ’n latha, faisge air laimh, a chum gu ’n rachadh e steach air an dorus dhiomhair an uair a thigeadh an oidhche.
Bha tlachd mhor aig nighean an righ do Aladin riamh o ’n a chunnaic i a’ cheud shealladh dheth, agus an uair a fhuair i i-fhein ann an Africa, far an robh i ’smaointean nach fhaiceadh i sealladh gu brath tuilleadh dheth, chaidh i gu leithid de bhron ’s de lionn-dubh ’s nach robh suim aice ciod an seors’ aodaich a chuireadh i uimpe. Ach a nis, o ’n a bha i toileach an car a thoirt as an draoidh mar a thug esan aisde fhein roimhe sid, chuir i i-fhein ann an eideadh cho riomhach ’s a rinn i riamh. Agus bha de sheudan cho luachmhor ’sa bh’ anns an t-saoghal air a ceann, air a com, agus air a lamhan, barrachd ’s a b’ urrainn a bhith air banrigh, no air bana-phrionnsa ’bh’ anns an t-saoghal. An uair a bha i mar so ’na lan-eideadh, shuidh i air sofa gus an tigeadh an draoidh.
Thainig e aig an uair ghnathaichte, agus cha bu luaithe chaidh e steach do ’n talla na dh’ eirich a’ bhana-phrionnsa ’na choinneamh, agus chuir i failte air le coltas aoidh agus tlachd nach fhac’ e riamh roimh’ oirre. Mar chomharradh gu ’n robh i ’toirt urram dha, cha do shuidh i gus an do shuidh esan an toiseach anns an aite urramach a chomharraich i ’mach dha.
Cha robh fhios aig an draoidh ciod a theireadh e an uair a chunnaic e an coltas aoidheil a bha air a gnuis, agus an trusgan riomhach, agus na seudan luachmhor, leis an robh i air a comhdachadh.
An uair a bha e tiotadh ’na shuidhe, thuirt i ris, agus toil aice deadh mhisnich a thoirt dha, feuch an tugadh i air a chreidsinn gu ’n robh i air fas measail air: “Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil e ’cur ioghnaidh ort mise fhaicinn an diugh ann an suidheachadh gle dhealaichte o ’n t-suidheachadh anns am b’ abhaist dhomh ’bhith. Ach cha bhi ioghnadh cho mor ort an uair a dh’ innseas mi dhut gu ’m bheil mi gu nadarra aoidheil, cridheil, sunndach, agus gu ’m bheil mi ’n comhnuidh a’ feuchainn ri mulad is bron is lionn-dubh a thilgeadh dhiom cho luath ’s is urrainn mi. Bha mi ’smaointean gu dluth air na thubhairt thu rium mu dheidhinn bas Aladin, agus o ’n a tha lan-fhios agam gu ’n las m’ athair le corruich mhoir air son rud gle bheag, tha mi ’creidsinn gu ’n do chuir e Aladin gu bas. Agus ged a bhithinn ’g a chaoidh ri mo bheo, cha b’ urrainn mi a thoirt beo. Air an aobhar sin, o ’n a tha mi nis air a bhith greis ’g a chaoidh, mar dhearbhadh air a’ ghradh a bh’ agam dha, a nis, o ’n a tha e anns an uaigh, tha mi ’smaointean gu ’m bu choir dhomh feuchainn ris gach bron is mulad a thilgeadh dhiom. Is e so a thug an t-atharrachadh so orm an diugh; agus tha mi cuir gu buileach cul ris gach bron a bha orm.
“Tha mi ’n dochas gu ’n cum thusa cuideachd
[Vol . 12. No. 1. p. 6]
rium air an fheasgar so, agus air an aobhar sin, thug mi ordugh seachad deadh shuipear fhaotainn deiseil. Ach cha ’n ’eil fion agam a’s fhearr na fion Shina. Bu mhiann leam blasad air fion Africa, agus cha ’n ’eil teagamh agam nach teid agadsa air rud dhe ’n fhion a’s fhearr fhaighinn dhomh.”
Bha ’n draoidh roimhe sid a’ smaointean gu ’n rachadh uine mhath seachad mu ’m fasadh nighean an righ measail air, agus is gann gu ’m b’ urrainn e cainnt a chur air cho toilichte ’s a bha e an uair a chunnaic e an t-atharrachadh a thainig air a nadar ann an uine cho goirid. Anns a’ mhionaid thoisich e ri labhairt mu gach seorsa fiona a bha ’fas ann an Africa, agus thuirt e: “Tha iomadh rud math a’ fas againn ann an Africa, ach cha ’n ’eil dad a’ fas na’s fhearr againn na tha ’m fion. Tha soitheach agamsa anns am bheil fion a tha seachd bliadhna ’dh’ aois, nach d’ fhosgladh riamh fhathast; agus faodaidh mi radh nach ’eil fion air an t-saoghal a’s fhearr na e. Ma leigeas sibh cead dhomh, theid mi dh’ iarraidh da bhotul dheth, agus cha bhi mi fada gun tilleadh.”
“Cha bu toigh leam uiread sin de dragh a chur ort,” ars’ ise, “is fhearr dhuibh duine a chur g’ a iarraidh.”
“Feumaidh mi-fhin falbh,” ars’ esan; “cha ’n ’eil fhios aig neach sam bith ach mi-fhin c’aite am bheil iuchair an t-seilleir, agus cha ’n aithne do neach sam bith an dorus fhosgladh ach mi-fhin.”
“Ma ’s ann mar sin a tha,” arsa nighean an righ, “na bi fada gun tighinn; oir mar is fhaide bhios tu gun tighinn is ann is mo a bhios de dh’ fhadachd ormsa, agus suidhidh sinn aig an t-suipear cho luath ’s a thig thu air ais.”
Bha ’n draoidh cho lan de dhochas gu ’n robh solas ris an robh duil aige faisge gu leor dha ’s gu ’n do ruith e dhachaidh a dh’ iarraidh an fhiona.
Bha nighean an righ cho cinnteach gu ’n tilleadh an draoidh ann an uine ghoirid ’s gu ’n do chuir i am fudar le a lamhan fhein anns a’ chupa ’bha air a chur air leith dha.
An uair a thill e leis an fhion, shuidh iad mu choinneamh a cheile aig a’ bhord. Bha ’chulaobh-san ris na soithichean anns an robh am fion air a’ bhord a bha ’n taobh an talla.
Chuireadh a h-uile biadh a b’ fhearr na cheile a bh’ air a’ bhord ’na thairgse, agus thuirt nighean an righ ris: “Nam b’ e do thoil e, bheirinn ordugh do ’n luchd-ciuil, agus do ’n luchd-seinn tighinn a steach gus an uine chur seachad gu taitneach dhuinn; ach o nach ’eil ann ach sinn fhin le cheile, tha mi ’smaointean gu ’m biodh e cho math dhuinn am feasgar a chur seachad le comhradh taitneach.”
Chord so anabarrach math ris an draoidh; oir bha e ’g a ghabhail mar chomharradh air fabhar gle mhor.
An deigh dhaibh a bhith greis ’nan suidhe aig a bhord a’ gabhail a’ bheidh, agus a’ comhradh gu caoimhneil, cairdeil, thug nighean an righ ordugh seachad am fion a chur air a’ bhord, agus dh’ ol i air slainte an draoidh. Agus ’na dheigh sin, thuirt i ris: “Bha ’n fhirinn agad an uair a mhol thu fion Africa, oir cha do bhlais mi riamh air fion cho math ris.”
“Mo bhana-phrionnsa ro mhaiseach,” ars’ an draoidh, agus an cupa lan fiona ’na laimh, “saoilidh mi gu ’m bheil am fion na ’s blasda ’chionn gu ’m bheil sibh ’g a mholadh.”
“Ol air mo shlainte, mata,” arsa nighean an righ; “tuigidh tu gur aithne dhomhsa fion math.”
Dh’ ol e air slainte nighean an righ, agus an uair a leig e an cupa as a laimh, thuirt e rithe: “Tha mi ’g am mheas fhin sona gu ’n do ghleidh mi am fion so gus a’ nochd; cha chreid mi gu ’n do chord fion riamh roimhe rium cho math ris.”
An uair a dh’ ol iad a dha no tri de chupain fhiona an t-aon, thuirt nighean an righ, agus i ’n deigh toileachadh mor a thoirt do ’n draoidh leis cho tlachdar agus cho caoimhneil ’s a bha i ris: “Ann a’ Shina, an uair a bhios gaol aig dithis air a cheile, olaidh an dara aon a cupan an aoin eile. Cha ’n ’eil fhios agam ana nn mar so a tha iad a’ deanamh ann an Africa.”
Aig a’ cheart am thairg i dha an cupa anns an do chuir i-fhein am fudar.
Ghabh esan gu toileach an cupa as a laimh, agus ghabh ise an cupa as a laimh-san.
Mu ’n do chuir e an cupa thun a bheoil, thuirt e rithe, agus an cupa ’na laimh: “Gu dearbh a bhana-phrionnsa, cha ’n ’eil sinne ann an Africa cho grinn ’nar doighean ’s a tha sibhse ann a’ Shina; agus tha sibh a’ nochdadh fabhar a tha mor dhomhsa an uair a tha sibh ag innseadh dhomh mar bu choir dhomh a dheanamh. Cha leig mi as mo chuimhne ri mo bheo an toileachadh a fhuair mi o ’n a thainig mi an so an diugh. Mur b’ e gu ’n d’ fhas sibh caoimhneil rium, bha mi air am bas fhaotainn gun teagamh sam bith.”
Bha nighean an righ a’ fas sgith dhe na bha e deanamh de mholadh oirre, agus thuirt i ris: “Olamaid an toiseach, agus bidh sinn a’ comhradh ’na dheigh sin.”
Aig a’ cheart am chuir i an cupa dh’ ionnsuidh a beoil. Agus bha ’n draoidh toileach am fion ol a chum gu ’m biodh an cothrom aige air comhradh gu leor a dheanamh ’na dheigh sid. Dh’ ol e a h-uile deur a bha anns a’ chupa a dh’ aon deoch, agus leig e a cheann a null air an aite anns an robh e ’na shuidhe.
Chum nighean an righ an cupa ri ’beul gus am faca i gu ’n do thionndaidh a shuilean ann an ceann an draoidh.
Is gann a bha e feumail dhi ordugh a thoirt an dorus fhosgladh do Aladin; oir, mu ’n do tharr an draoidh tuiteam thairis fhuair e fios shios an staidhre air mar a bha, agus leum e steach do ’n t-seomar anns a’ mhionaid.
Cha bu luathe a chaidh Aladin a steach do’n t-seomar, agus a chunnaic e an ’draoidh ’na shineadh air an t-sofa, na dh’ eirich nighean an righ bhar an aite an rohh i ’na suidhe, agus ruith i far an robh e gus failte chridheil a chur air. Ach thuirt e rithe: “A bana-phrionnsa, dean foighidinn. Bi cho math ’s gu ’n teid thu do d’ sheomar fhein fhad ’s a bhios mise feuchainn ris an luchairt a thoirt air ais do Shina.”
An uair a chaidh a’ bhana-phrionnsa agus a mnathan-coimhideachd am mach as an talla, dhuin Aladin an dorus, agus ghabh e direach far an robh an draoidh ’na shineadh marbh. Dh’ fhosgail e a bhrollach, agus thug e as an cruisgean. Agus an uair a thug e suathadh air, bha ’m fathach ’na sheasamh air a bheulaobh.
“Fhathaich,” ars’ Aladin, “chuir mi fios ort gus an luchairt so a thoirt air ais gu ruige Shina, agus a cur anns a’ cheart bhad anns an do thogadh i.”
Chrom am fathach a cheann mar chomharradh gu ’n robh e ’toirt umhlachd dha, agus chaidh e as an t-sealladh.
Gun dail sam bith thugadh an luchairt a Africa gu ruige Shina. Cha d’ fhairich iad gu ’n do ghluaiseadh i ach aon chrith bheag an uair a thogadh air falbh i, agus crith bheag eile an uair a leigeadh as i.
(Ri leantuinn.)
Chaidh fear de ’n ainm Burns as a rian ann an Louisburg an la roimhe, ’s chuireadh air falbh do ’n tigh-chaothaich an Dartmouth e. Bha e anns an ionad sin roimhe, ach chaidh e am feobhas, ’s leigeadh mu sgaoil e.
A CHRAOBH UISGE.
Is neònach a chraobh so. ’Sann ann an aon de dh’Eileana Chanari a tha ’n té is iongantaiche de’n t-seòrsa so. Tha i so a’ slieadh uiread uisge ’s a dh’ fhóghnas do mhuinntir an eilean gu léir.
Tha i am bràigh glinne air stùchd àrd creige. ’Se ’n t-ainm a th’ aig muinntir an eilean oirr’, a Chraobh Naomha. Tha i anabarrach sean, ach tha i ’n diugh gu slàn, fallain, mar a bha i o chionn cheud bliadhna. O dhuilleach na craoibhe prìseil so tha uisg’ a drùghadh ann am mòr phailteas—uiread ’sa dh’ fhóghnas do gach beò chreutair ’san eilean. Nach caoimhneil, gràsmhor freasdal ar n-Athar nèamhaidh dhaibh ’san eilean thioram, thartmhor, theith so, ’s gun uisg’ air bith de sheòrs’ eile ann. Tha i trì mile o ’n fhairge, agus gun chraobh eile na còir. Cha ’n ’eil a duilleach a’ seargadh air àm air bith. Ma dh’ fhalbhas aon duilleag thig aon eile na h-àite. Tha clais mhòr dhomhain air a cladhach m’a timchioll, anns am bheil an t-uisg’ a’ tuiteam agus as a bheil muinntir an eilein ga ghiùlan gach là.
Gach maduinn roimh éiridh na gréine tha ceò dùmhail a’ togail o’n fhairge. Tha ghaoth ’ga ghluasad suas ri uchd na bruaiche far a bheil a chraobh so, agus tha’n ceò so a’ braonadh air duilleig leathainn na craoibhe so; agus tha e rìs a’ sheadh o’n chraoibh fad an latha, mar chitear uisg’ a’ tuiteam o chraobhaibh san dùthaich so fein an déigh fras uisge. Tha duine chòmhnuidh dlù do’n chraoibh so air a’ bheil a cùram. Tha tigh aige agus tuarasdal àrd, agus ’se a dhreuchd a chuibrionn fein a thoirt do gach duine de’n uisge mar thig iad ga iarraidh.
Thachair luchd-turuis a bha ann am America, is iad a’ siubhal troimh thìr thartmhoir air an claoidh le pathadh, air craoibh-uisge de’n t-seòrsa cheudna. Chunnaic iad craobh mhòr agus mhothaich iad an talamh fliuch mu ’n cuairt di. Cha robh fras uisg’ ann o cheann sia miosan, is chuir so iongantas orra. Dhlùthaich iad rithe, agus le sòlas agus taingealachd mòr chunnaic iad uisge fuar fallain a’ braonadh o gach duilleig. Is furasd a smuaineachadh an gàirdeachas a dhùisg so suas annta, nach faca deur uisge o cheann cheithir làithean roimhe sin. Cha do thachair aon eile de’n t-seòrs’ orra ’nan turus gu léir.
Aig Abhainn a’ Bhradain, an Grand Mira, seachduin gus an Di-luain s’a chaidh, bha gille beag le A. L. Petrie, áGlace Bay,air a bhàthadh. Bha ’n gille a’ cluich mu laimhrig bhig a tha aig taobh na h-aibhne, agus mu dhorchadh na h-oidhche fhuaireadh e air a bheul fodha air a ghrunnd. Cha robh e ach naodh bliadhna dh’ aois.
Air an t-siathamh la fichead de’n mhios so chaidh, chaochail an t-Onarach Domhnull MacFhearchair ann an Ottawa. Cha’n eil ach bliadhna no dha o’n ghabh e àite-suidhe ’san àrd-pharlamaid, agus a’ chuid bu mhò dhe’n ùine sin bha e ann an droch shlàinte. Rugadh e ann am Mermaid, an Eilein a’ Phrionnsa, ’sa bhliadhna 1834. Bha e na ’bhall de phàrlamaid an eilein fad choig bliadhna fichead, agus na Phriomhair tri bliadhna dhe’n ùine sin. Bha e na ’dhuine tapaidh, agus bha fior chliù air mar fhear-pàrlamaid.
Ann a Heatherdale, an Eilean a’ Phrionnsa, air an treas la fichead de’n mhios a dh’ fhalbh, bha gill’ òg d’ am b’ ainm Munroe Brus air a bhàthadh ann an dam muillne. Bha e-fein ’s a bhràthair a’ cleasachd ’san uisge, chaidh a bhràthair a shnàmh, agus air dha àite domhain a ruigheachd chaidh e fodha. Chunnaic esan a chunnart agus chaidh ga chuideachadh, ach ’s ann a chaill e fhein a ghreim ’s bha e air a bhàthadh. Fhuair am fear eile greimeachadh ri ràth, agus bha e air a shàbhaladh.
[Vol . 12. No. 1. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Iadsan a Phaigh.
A. W. Mathanach, Gleann Uilleim, E.P. I.
Bean D. Johnston, Montague, E.P. I.
Iain Mac-Calamain, Rudha Phrim, E.P. I.
S. Mac-a- Phearsain, Green Marsh,E.P. I.
An t-Urr. D. L Domhnallach, Arasaig, N.S.
Bean Aonghais Chaimbeil, Arasaig, N.S.
Domhnall Mac-Gille-ghlais, Stellarton , N.S.
A. G. Domhnallach, Antigonish , N.S.
An Dotair A. H. Mac Aoidh, Halifax , N.S.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
Iain Mathanach, Armow , Ont.
Iain Mac-a- Ghobha, Lindsay , Ont.
Calum Mac-a- Phi, Menagh, Ont.
Bean Thormaid Dhomhnallaich, Milan , Que
Domhnall Mac-Leoid, Detroit , Mich.
Raonull Mac-Fhionghain, Detroit , Mich.
Iseabail Oudekerke, Chase ’s Lake, N. Y.
Anna Nic Leòid, Boston , Mass.
Mairearad Nic Leoid, Mattapoisett , Mass.
Iain A. Mac-Fhearghais, Magnolia , Mass.
P. D. Mac-Fhearghais, Toledo , Ohio
Bean Iain Dhùghlaich, Mooreton , N. Dak.
Iain J. Camaran, San Francisco, Cala.
Murchadh Mac-Coinnich, San Francisco, Cala.
Iain L. Brower, New York.
An t-Urr. Alasdair Beutan, Ouray , Colo.
Alasdair Mac-Amhlaidh, Milton , C. B.
Uilleam Mac Phéitris, Loch Bhlackett,
Somhairle Mac Neacail, Catalone
C. Mac-Fhearghis, Loch Chloinn-Fhearghais
Somhairle C. Caimbeul, Eilean Phòil
Iain Mac-Aoidh, Kempt Road
Aonghas Mac Ascuill, Sidni
Padruig Moireasdan, Sidni
Alasdair Mac-Leoid, Sidni
An t-Urr D. Domhnallach, Srath-Lathuirn
Domhnall o’ Handley, Bridgeport
Ailean Domhnallach, Abhainn a Bhradain
Iseabail Nic-Gilleain, na Caoil Mhora.
Seoras Mac-Neacail, Sidni Tuath
R. Mac Coinnich, Eilder, Loch Bhlackett.
Maighstir D. Mac-a- Phearsain, Glendale
Aonghas Gillios, Bràigh Mhargaree
Tormad Buchanan, Munro ’s Point
Iain G. Mac Thearlaich, Abhainn Mheadhonach
M. R. Johnston, am Pòn Mor
Anna Nic Cuthais, Bearnaraidh, Uidhist
Uilleam Domhnullach, Junction City, Kan.
An Senator Cox, Toronto , Out.
Somhairle Ceanadach, McGiugan, B. C.
C. A. Caimbeal, McGiugan, B. C.
M. Mac-an-t- Saoir, Twin Bridges, Mont.
ORAN
LE AONGHAS A. DONULLACH, S. W. MARGAREE.
Buaidh is piseach air an ribhinn
’Rinn an deise riomhach dhomhsa;
’S e sud og-bhean nam meoirean finealt’,
’S gu bheil an tì oirre iomadh oigear.
Gur i sud an deagh bhean-uasal
Ni am fuaigheal gu grinn na seomar,
Dh’ fhas i beusach, banail, stuama,—
’S gur lionair buaidh th’ aìr an ribhinn og ud.
Ged a shiubhaladh duin’ an tir so
’Measg gach ribhinn a th’ann a’ comhnuidh,
Gur tearc a chitheadh e le cinnt ann
Té cho priseil ris an og-bhean.
Cha bhi eis no cearb ad ghniomh-sa,
’S tu cho deanadach, glic, an comhnuidh;
Ge b’e fear a gheibh do lamh-sa,
Gu la bhrach cha bhi e bronach.
A bhi caoimhneil, banail, cairdeil,
Ann ad ardaich ’s e bu nos duit,
Gheibheadh coigreach moran baighe,
Agus annrach bochd a lon ann.
Gur e ainm na maighdean shuairce,
Mar a chuala sibh, Cassie Dhomhn’lach;
’Ghin bho na fiurain bha fearail, stuama,
’S a choisinn buaidh an Inbhirlòchaidh.
An t-oigear uasal tha tigh’nn o’n tuath oirnn
Ni e do bhuannachd, ’s e sin a dhochas;
Gheibh sinn banais bhios cridheil bhuaithe,
’S cha bhi tuasaid na bualadh dhorn ann.
Bidh ann solas is toilinntìnn,
Bidh ann ribhinnean donna, boidheach;
Gum bi caithream bhinn nan teud ann,
’Togail eibhneis air gillean oga.
Gum bi ’chuid a’s fhearr de’n bhiadh ac’
’G a riarachadh mar is coir ann;
Bidh ann islean agus uaislean,
Is stuth uasal air a bhord ac’.
Gun fhios nach faighear cearb am Ghaidhlig,
Bi mi ’n drasda ’sgur de ’n oran;
’Guidhe fallaineachd dhuit is slainte
Fad do laithean agus storas.
THROD MO BHEAN.
Throd mo bhean’s gun throd i rium,
Ghabh i mi-thlachd agus diumb,
Is o nach b’ àbhaist dhi trod riùm
Gun throd mi ’chionn gun throd i rium.
’S ann a thuirt i rium gu dùr,
Gum bu bhodach mi gun tùr,
Nach iarradh làmh a chur ri tùrn,
Ach iomairt cùirn gu soistinneach.
’Sann a labhair i gu fiat,
Mar nach deanainn stà dhi riamh
’S a thuirt i ruim gu’m beag a b’ fhiach
Na rinn mi ghniomh ’s de chosnadh dhi.
Dh’ fhàg thu mise ’n càs gu leòr,
Leis a ghràdh a thug thu ’n phòit;
’S cha ’n aithreach leat mar bha mo sheol,
Ged tha mi brònach, dochranach.
Cha ’n ’eil airgiod, cha ’n ’eil spréidh,
Cha ’n eil agam fiù a bhréid
A theid do chlachan no gu féill,
Le d’ ghnàths mi-bheusach, mosachail.
Dh’ òl thu mhoisein, dh’ òl thu bho
Bha gar beathachadh gach lo,
’S gur math mur h-ol thu an da bhroig
A th’ air do spògan rosadach.
Cha ’n ioghnadh peanas agus plàigh
A thuiteam air do cheann gun dàil,
’S mar rinn thu mise mheath ’sa chràdh
Le d’ ruidht, a bhàraisg shoganaich.
Clos cha ’n fhaigh mi feadh na h-oidhch’,
’S mi na m’ chrùban làn de dh’ oìllt
Gun tachdar thu le d’ bhrùchdail roic,
’Stu air do shloich ’san ospartain.
Tha do chlann gun mheas, gun bheus,
Direach mar a tha thu fhéin,
Gun mhath, gun rath, gun sùrd, gun fheum;
Gur truagh an té tha ’n crochadh ribh.
An aodach tha e ribeach lom,
Lom-lan thuthag agus tholl,
’S tha ’n cridh’ air sgàineadh ann am chom
A nigheadh ronn is otraich as.
Ach Domhnull Bàn a bhean ’s a chlann,
Muinntir an tigh-òsd’ ùd thall,
Gur riomhach, ròiceil iad neo-ghann,
Air tàille sannt do ghlochdain-sa.
DI-MOLADH AN UISGE-BHEATHA.
LEIS AN LIGHICHE MAC-LACHAINN, NACH MAIREANN.
Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille, deur tuille,
Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille de ’n dram;
Cha ’n òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach,
’S mi cinnteach gu ’n cuireadh e ’n tubaist am cheann.
Gur mis’ tha gu brònach, am luidhe ’s tigh-òsda,
Mi ’teannadh ri òran le bòidean gu teann;
Ag éirigh air m’ uilinn, ’s ag éigheach gu duineil,
“Cha ’n òl mi deur tuille, deur tuille de ’n dram.”
’S trom, éisleineach m’ aigne ’n àm éirigh ’s a’ mhaduinn,
Mo bhriogais mu m’ chasan ’g a tarruing a nall;
Mo bhriogais ’n a stròicean, cha dean i mo chòmhdach—
’S e éigheach nan stòp ’chuir am pòca cho gann.
[Vol . 12. No. 1. p. 8]
Le m’ chois air an ùrlar, ’s gann tha mi air dùsgadh,
’S gur measa na brùid mi le stùrdan ’s a’ cheann;
Le smal air mo léirsinn, ’s an t-snigh’ air mo léine,
Mo chridhe làn éislein le speura de’n dram.
Mo léirsinn air tuituam, cha léir dhomh mo thrusgan,
Cha ’n ’eil mi ach tuisleach, a’ trusadh gach ball,
Ann an seòmar na bochdainn, ag iarraidh gach oisinn—
Ciamar theid mi air choiseachd ’s na h-osain air chall?
Tha muinntir an tighe ri bùird agus fanoid,
O’n dh’ éirich mi falamh, cha ’n fhaigh mi an taing;
Bu bhriathrach an raoir iad, ’n àm lasadh nan coinnlean,
An toiseach na h-oidhche bu chaoimhneil an cainnt.
Bidh iadsan cho fiadhaich mur pàigh thu na fiachan,
Gach latha ’sa bhliadhna ’g an iarraidh gu teann,
’Cur cagar ad achlais, le briathran a’ mhaslaidh—
“Tha agam ort tasdan, is aisig e nall.”
Bidh esan cho spòrsail ’sa chlachan Di-dòmhnaich,
Bho’n cheannaich e còta le pòiteir an dram;
Clann ceathairne còir ann, gun bhoineid, gun bhrògan,
’S nighean dubh an tigh-òsda le srol air a ceann.
Sguiridh mi ’n bhéisd ud, cha bhi mi ’g a éigheach,
Gun fhios a’m fo ’n ghréin ciod am feum a tha ann;
Their na fir làidir, ’n uair chi iad air sràid mi—
“Tha pòit an tigh-thàirne ’g a fhàgail-san fann.”
Cha ’n òl mi deur tuille, cha dean mi ris fuireach,
Cha téid mi le furan an cuideachd mo chall;
’N uair chluinneas mi ’n deoch ud ’g a h-éigheach le frogan,
Bidh iallan mo sporain g’ an roladh gu teann.
ORAN NAM BODACH.
LE NIALL RUADH MOR.
RUAIRIDH.
An cual’ thu ’n t-òran an dràsda
’Rinn fear grànd’ Cnoc-na-mùladh?
Saoil nach ’eil e ri ’ràdh
Gur e ’s fhearr tha ’san dùthaich;
Ma theid mise ga àicheadh
Ni mi ’chàch dheth cuis-bhùirde,
Ag iarraidh urram air bàrdachd,
Fear nach fhearr na Iain sgùlan,
Le teanga laig!
Nach mor an comharr’ air trusdar
A tarruinn cus na ’chuid seanachais,
Ged a bhiodh e cho gleusda
Ri teanga gheur Iain ’ic Fhearchair.
Tha mi nis an deigh liathadh
’S cha robh thu riamh ach na t’ ainmhidh,
Fear gun radharc, gun susbainn,
Gun làn gucaig a dh’ eanachainn,
Gun tuigse cheart.
GILLEASBUIG.
A Ruairidh spàgach ’ic Ailein
Chaill thu thairis do nàire,
’Nuair a theann thu ri m’ aoireadh,
’S mo shliochd dhaoine ro laidir;
Bha mi uair ann an Sannda
’Bhiodh do cheann-s’ air dhroch càradh
Air-son do chantanais dhomhsa,
Gu robh gu leor Chlann- ’ic-Phail ann
De ghillean smart.
R. —Rugadh thusa gun tuigse,
’S beag tha dh’ fhiosrachadh fuaight’ riut,
’Nuair a chaidh thu ga ’moladh
Aon dad dhe ’folachd cha chualas.
Ach innsidh mis’ air a mhionaid
A chraobh a’s sin’ as ’n do bhuain thu:
Loch ’Ic Phàil as a chànran
’S ann a dh’ fhàgadh ’s a fhuaireadh
A chleiteach bhreac.
G.— ’S e bh’ ann na gillean bha smearail,
Bha gu carannach, càirdeil,
’S iad gu ’n druideadh ri ’cheile
Na ’m beireadh eucoir air pàirt diubh,
’S ged bha iad gun cheann-cinnidh,
’S iad nach tilleadh roimh nàmhaid,
Gur a sluagh na bheil beò dhiubh
De shliochd Eubh agus Adhamh,
A thamhaisg bhochd!
R. —Sguir thus ’Illeasbuig dhe d’ bhrolaich,
’S olc a bhuineadh sud dhomhsa,
’S ann tha mise ’shiol Ghorraidh,
A dhearbh bhroilleach Chlann Domhnuill,
A chraobh bu choir a bhi ’n uachdar,
’Chleachd an cruadal as òige,
’Choisinn urram Raon Ruairidh,
A bhuinnig buaidh Inbhirlòchaidh
Le lannan glas.
G. —Cha b’ ioghnadh tusa bhi stàiteil
’Dol ga ’n àireamh ’s ga ’n labhairt;
Nam biodh tu fhein air Bearàrdo,
A righ! bu spàgach do phleadhan,
’N àm dhut teannadh ri mearsadh
Bu cheol gàire ga d’ choimhead,
Gun rib’ a nuas o na glùinean
Dhe do thriùsair air faighinn
Le iomairt phlat.
R. —Cha deanadh tusa dhaibh saighdeir,
Cha mho a dh’ fhaighneachar ann thu:
Ni thu ’n obair a chleachd thu,
’Falbh a bhailtean na dùthcha,
Ag iarraidh leathar ri chairteadh
Ann an asgall na dùbhlachd,
’S tu bu luaithe na fitheach
’Bhiodh a frithealadh shùilean
Gu ’n toirt leat.
G. —Sguir thusa ’Ruairidh dhe d’ ailis,
Fhuair mi deannal mar tha dhiot,
Ged nach ’eil mi cho gleusda
Riut fhein ann an Gàilig;
Ach ruigidh mis’ Iain mac Neill òig,
Oir ’s e ’s eolaich dh’ am nàdar,
’S gheibh mi cuideachadh bhuaithe
Gu thusa, Ruairidh, a chàineadh
Gun dol na ’s fhaid.
R. —Bu throm air cuideachadh riamh thu,
’Bhi ga ’iarraidh ’s ga ’shireadh,
A falbh o àite gu àite,
Gur tu nàraich do chinneadh,
Ach gheibh mise fear lamh rium,
Nach mios’ an Gailig na ’n duin’ ud,
A rùisgeas tusa gu d’ shàilean
’S nach fhag stràill air a mhullach
Dhe ’n stiorraig ghlais.
G. —Theid mise dhuts’ air mo ghlùinean
Ann an ùmhlachd na paidir,
Airson maitheanas iarraidh,—
Na leig a bhiasd sin ’san tagradh;
Ma’s a math mac Nèill òig,
Gu bheil mi eòlach m’a mhagadh:
Tionndaidhidh iadsan le ’cheile,
Gheibh sinn ar n-éisgeadh ’s ar cagnadh
Gu cinnteach ceart.
R. —Cur thusa srian ri do theangaidh
Na tarraing-bharra ri d’ chàirean,
Mu ’n tòisich thu tuilleadh
Ri mo chinneadh-sa chàineadh,
No bheir mise Niall ruadh ann,
’S gu ’n doir mi tuarasdal dhàsan,
B’ fhearr dhutsa bhi ’n uair sin
Anns an uaigh air do chàradh
Fo ùir ’s fo cheap.
Rinneadh an t-òran so le Niall Mac-a- Bhiocair, Niall ruadh Mór. Bha ’n t-òran air a dheanamh mar gu’m b’ ann eadar Ruairidh Domhnullach agus Gilleasbuig Mac-Phàil, —dithìs dhaoine còire nach do rinn ceathramh òrain riamh, ag aoireadh a chéile! Choinnich iad aig amhainn, ma b’ fhor, fear air gach taobh dhi, agus thòisich iad air a chéile mar a tha ’n t-òran ag innseadh.
PEIGIDH PHABACH.
POSADH.
Air a cheud là de dh’Iulaidh, aigHillside , Boularderie,leis an Urr. Daibhidh Drummond, Adam A. Mac-Coinnich, aReserve Mines,is Agnes, nighean Fhionnlaidh Mhic-Leoid.
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 2,500,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
SYDNEY
&
LOUISBURG R’Y.
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’ Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.
A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.
A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.
A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann anNew Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 1 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 1. %p |
parent text | Volume 12 |