[73]

[Vol . 12. No. 10. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUINN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 13, 1903. No. 10.


Mar a thug sinn iomradh cheana tha a chomhairlebhair a suidheachadh leis an riaghladh Bhreatunnach air-son rannsachadh mu bhàs Shir Eachainn Dhomhnullaich, an deigh a leigeil ris don t-saoghal gu robh e tur neochiontach, agus gu robh e air a chur gu bas le teangannan puinnseanta luchd -ruin. Faodaidh e bhith gu bheil cuid afeòrach, ma bha Sir Eachann neochiontach, car-son a chuir e crioch air a bheatha. Faodaidh an sgeula beag a leanas, a tha air innse le aon de phaipeirean-naidheachd Australia, a cheist sin a fhreagairt:—

An la roimhe thog gille ann an ard-sgoil Waganui sgeul gun dthug am maighstir-sgoile garg ionnsuidh air, ’s gum bann air éiginn a fhuair e as gun droch ghoirteachadh. Chum ceannardan na sgoile gun dail coinneamh dhiomhair nam measg fein a dhfheuchainn an robh so fior. Bha ceathrar fhear-lagha agus breitheamh aig a choinneamh sin. Fhuaireadh gu robh am maighstir-sgoile neochiontach, nach robh facal firinn anns na bhatar acur air. Ach aig an am cheudna bha am maighstir an impis a dhol as a rian; dhfhasfhalt geal, agus bha e cùnntas laithean dluth don bhàs. Chaidh a shaoradh, ach cha do leighis sin e, agus tha a chuimhne air a thur thréigsinn. Chan eil e coltach gun deanar dad ris aghille, a than deigh aideachadh gu saor nach robh anns an sgeul a dhinnis e ach na breugan. A reir coltais, ben aon ni a chum am maighstir o lamh a chur nabheatha fein gun deach e ann an laigse cho luaths a leigeadh ris a chasaid dha, agus uaithe sin cha robh a thùr fein aige. Nan robh e air e-fein a chur a dhìth mar rinn Sir Eachann Domhnullach, cha bhiodh ceasnachadh sam bith air a dheanamh mun chuis, agus bhiodh daoine nam barail fein dearbh-chinnteach gu robh e ciontach.”


Tha dòigh àig ban-ìmpire Shina air crioch a chur air òraidean fada a tha gu fìor éifeachdach. Tha fear a bha air chuairtsan dùthaich sin ag iomradh gu face an urra rioghail so uair agabhail turuis, agus gach baile aig an deanadh i stad, bhiodh eagal a chridhe airmandarina bhaile gum faigheadh i coire do ni-eigins gun cailleadh esan a cheann. Aig aon àite thainig duine nalàthair air a sgeadachadh an éideadhBocsair;” chaidh e air a ghlùinean fa comhair agus thòisich e air òraid a liubhairt gamoladh-se air-son cho eudmhors a bha i afeuchainn ris nadiabhuil choimheacha chumail a mach as an dùthaich. Cha robh na Bocsairean aig a cheart àm cho measail aig a bhan-ìmpires a bha iad roimhe sin, agus co-dhiù bha cabhag oirre. Mar sin cha drinn i ach smèideadh air seirbhiseach, fear a thainig gu grad air cùl a Bhocsairs le aon bheum den chlaidheamh sgud en ceann dheth, acur crioch air a bheathas air òraid cearta còmhla.

Chan eil e ri chreidsinn gum biodh e furasda do mhuinntir Chanada abhean rioghail ghniomhach so fhaotainn an iasad; ach dheanadh a leithid a bhi làthair aig suidhe na h-àrd phàrlamaid ann an Ottawa ath-leasachadh mor agus caomhnadh airgid. Chan eil uair a tha phàrlamaid cruinn nach eil iomadh la is seachduin air a chosg le daoine aig nach eil dad ri radh ach a mharbhas moran time a feuchainn ri òraidean a dheanamh. Am bliadhna chaidh iad sin thar cuimse buileach glan len cuid rabhdaireachd. A reir cùnntais a rinneadh o chionn ghoirid, tha gach mionaid a thaphàrlamaid nasuidhe a cosg ochd dolair fhichead, agus mar sin tha iomadh òraid gun bhrigh, gun bhladh atoirt da no tri mile dolair á ionmhas na dùthcha. Tha an sluagh fad-fhulangach, ach nuair a thuigeas iad a cheart da-rireadh gur ann as am pòcaidean fein a than t-airgiod a tighinn, eiridh iad nan neart agus cuiridh iad clos air luchd nan òraidean gun fheum. Mur gabh iad arm na caillich a than Sìna dhaibh, gabhaidh iad arm a nin gnothuch a cheart cho coilionta, ged nach bi e, ma dhfhaodte, cho marbhteach.


Tha fiosan thar cuain ag innse iomadh sgeul air droch dhol air adhart anns an arm Ghearmailteach, cuid de na h-ofaigich a deanamh droch dhiol air na saighdearan. Tha iomradh air aon fhear a bhi air a ghrad mharbhadh le ofaigeach a chionn nach do chuir en fhàilte cheart air. Fear eile a bha car mall ann an ionnsachadh na bhatar a teagasg dha, chaidh a dhochann cho donas gun dfhàs e bodhar is dall. Agus mar sin air adhart. Than t-àm aig an ImpirUilleam a bhi ga chur fein an géill. Duine cho cumhachdachs cho ioma-bhuadhach ris-san, cha bfhada bu chòir dha bhismachdachadh a chuid ofaigeach air dhòighs nach bu dàna leo bhi gan giulain fein cho an-iochdmhor riusan a tha fòpa.


Bha taghadh ann am baile-mor New York air an treas la dhen mhios so. Bha a bhuaidh aig Tamanaidh comunn suarach a tha o chionn iomadh bliadhna atoirt mi-chliù air a bhaile leis cho ladarnas a tha iad daonnan a seasamh air taobh droch-riaghlaidh is dubhailc dhe gach seòrsa. Da bhliadhnan àma so thugadh buaidh orra, bha Seth Low air a thaghadh mar àrd-bhàillidh, agus uaithe sin gu so bha riaghladh a bhaile glan. Ach ròghnaich an sluagh a dhol air ais do chlàbar Thamanidh a rithist, riaghladh a bhi aca fom faod neach gach lagh a thogras e a bhristeadh ma phàidheas e duais air-son an cead fhaotainn. Tha am fear a chaidh a thaghadh mar àrd-bhàillidh, Deòrsa B. Mac-Gillfhaolain, na dhuine bha roimhe so fo dheagh chliu, ach mar sheirbhiseach Thamanaidh cha bhi na chomas math sam bith a dheanamh. Bhaathair na sheanalair a choisinn deagh ainm dha fein mar cheannard airms mar dhuine, agus tha moran de na daoines de na paipeirean as fhearrsna Staidean acur an géill an duilichinn gum biodh a mhac mar so acosnadh droch cliù do ainm air am bheil meas anns gach cearna den dùthaich.


Shluig bàn-tàilleir ann am Baile-Shearlot, E. P. I., snàthad o chionn da bhliadhna air ais. Cha dfhuaireadh an ath sgeul air an t-snàthaid gus an la roimhe nuair a thainig i mach air a glùin, ’s i cho slàns a bha in latha chaidh i as an t-sealladh.

O chionn faisg air da bhliadhna air ais sheòl anCondor,” Soitheach-cogaidh Breatunnach, á Victoria, B. C., agus cha chualas sgeul oirre fein no air an sgioba tuilleadh. Air an t-seachduin sa chaidh fhuaireadh an soitheach air grunnd achuain amBerkley Sound,ann an doimhneachd tri cheud troigh de dhuisge. Nuair dhfhalbh an soitheach so, bha roimpe dhol don chuan a deas, ’s bha i ullaichte air-son turus fada. Bha ceud is ceithir duine deug air bòrd, agus cha dfhuair aon dhiu as a dhinnse sgeòil.

Bha am bàrr fad ais ais ann an Ruisia air an fhoghar so, agus tha e cunnartach gum bi gainne mhor agus gorta am measg an t-sluaigh bhochd. Than feurs an t-arbhar cho ganns gu bheil aig na tuathanaich rin cuid spréidhe a chreic no a mharbhadh. Bha am bàrr dona ann an Siberia mar an ceudna, agus mar sin chan fhaigh iad cuideachadh as an dùthaich sin. Feumaidh iad na tha dheasbhuidh orra de bhiadh a cheannach an dùthchannan eile, agus tha moran dhen t-sluagh cho bochds nach eil nan comas ceannach a dheanamh.

CUISEAN CLEIREACHTha coithional ùr den eaglais Chléirich ann anGlace Bay,agus oidhche Di-màirt sa chaidh bha Mr Uilleam Meikle air a shuidheachadh ann. Tha an coithional so a cur mu dheidhinn eaglais a thogail, agus gus am bi i suas, bidh iad a cruinneachadh ann an talla Victoria. Tha Mr. Domhnull M. Gillios, ministeir Westville, an deigh gairm a ghabhail don t-seann eaglais anGlace Bay,agus bidh e air a shuidheachadh innte air a cheathramh la fichead den mhios so. Tha coithional ùr air a dheanamh ann anNew Aberdeen,earann de Ghlace Bay, agus bithear agairm ministeir an ùine ghoirid. Tha Mr. Eachann L. Mac Fhionghain an deigh gairm a ghabhail do Shidni Mines, agus bidh e air a shuidheachadh an sin mar cho-oibriche do Mhr. Mac Gillemhaoil, air an t-siathamh la fichead. Tha Mr. Calum Caimbeal air a shuidheachadh ann an coithional Ghabarus air-son bliadhna. Tha Mr. Coinneach Domhnullach a bha na mhinisteir am Port Morien an deigh gairm a ghabhail do Forest, an Ontario.

SGIORRAIDHEAN THALL, ’S A BHOSAir a cheud la dhen mhios bha dithis bhan air an grad mharbhadh ann an Yarmouth, N. S., le carbad-feòladair a ruith thairis orra. —Ann an Dartmouth, air an la mu dheireadh dhen mhios a dhfhalbh, bha Mrs Browser air a droch leons i falach ann an tom coille. Chunnaic sealgair a bha dol seachad gluasadsan doire, agus loisg e an dùil gum bu chearc-thomain a bhann. Thatar an dùil gun teid isem feobhas. —Ann am Bridgewater, bha gille og air a bhàthadh, duine air fhaotainn marbhsa choille, ’s fear eile air a mharbhadh ann an muileann-sàbhaidhsan robh eg obair. —Maduinn an treas la den mhios bha duinog dam bainm Bert Power, mac bantraich, air a mharbhadh ann a Halifax le bord a thuit air bhar taighe bhatar atogail. —Bha teine ann an togalach an baile New York a dhaobharaich bàs coig duine fichead agus a leon moran eile. —Faisg air Indianapolis bha trein air a bristeadh air an robh mile de luchd-turuis, agus bha leth-cheud dhiu air am marbhadh.



[74]

[Vol . 12. No. 10. p. 2]

Chan eil sluagh nan Eileinean Breatunnach idir aonaichte mu ghliocas nan cùisean a tha Chamberlain acur fan comhair, ach tha iad uile aonaichte air deagh eisdeachd a thoirt dha. Tha e na dhuine aig am bheil buaidh mhor thairis air inntinnean dhaoine. Chan eil fear-staite eile ann am Breatunn aig a cheart am a tha cho measail ris; chan fhaodar taire no ana-ceartas sam bith a thoirt dha mar a dhfhaodar a thoirt da leithidean eile. Don linn a tha beo am Breatunn an diugh tha Chamberlain a teagasg creud nuadh. Tha leth-cheud is seachd bliadhna on ghabh Breatunn ri Saor Mhalairt, shoirbhich leatha uaithe sin mar nach do shoirbhich leatha riamh roimhe, agus bidh e doirbh a h-iompachadh gu ni eile. Cha dean duine beò e mur dean Chamberlain fein e. Tha esan deònach cisean a chur air gran, feòil, caises ìm a thig a duthchannan cein, ’s an leigeil a stigh saor as nacolonies . ’S e thasan amharc aige le sin a dheanamh cearnan sgapte na h-ìmpireachd a thàthadh ri cheile, oir tha dùil aige nuair bheir an dùthaich mhathrail cothrom dacoloniesnach bidh i toirt do dhuthchannan eile, gun dean nacoloniesan ni ceudna rithe-se. Tha an sluagh gle dheonach gum biodh an ìmpireachd air a tathadh nas dluithe ri cheile, ach tha eagal orra gun dean an seòl so am biadh a dhaoradh orra, ’s gu fas e nas doirbhe dhaibh am beòlaind a chosnadh. Ma bheir Chamberlain orra chreidsinn nach tachair sin gabhaidh iad leis gu toileach.


NA COMUINN GHAIDHEALACHTha iad so glé lionmhor anns an tìr; gheibhear iad anns aGhàidhealtachd féin, air Ghalltachd, ann an Sasunn, agus air feadh ar n-ùr threabhachas gu léir. Tha cuid diubh a tha deanamh obair mhath, bhràithreil, Chriosduidh; tha cuid a tha toirt cuideachadh feumail ann an tomhas beag do litreachas na Gàilig, do theagasg na cànain, agus do chùisean ciùil; ach tha achuid is motha acaitheamh moran dan tighinn a steach air dòighean nach fhiach. Co a chomharraicheas a mach cuspair air an aonaicheadh iad uile mar rùn cinneadail a bhiodhna aobhar uaill is glòir dhaibh féin agus dan dùthaich? Tha sinn acur na ceist; theagamh gum faigh feareigin freagradh. —Oban Times.


TAOBH THALL ACHUAIN. —Tha iomadh bliadhna on nach robh an aimsir cho fliuchs a tha i am bliadhna; agus tha sona chall mor air iomadh dòigh. Bidh an t-iasgair agus an tuathanach afulang ri àm na droch aimsir. Agus troimhn chall a thig orrasan bidh gainne agus deuchainn aig an duine bhochd. Chaneil aobhar sònruichte gearain aca anns aGhaidhealtachd fathast; ach tha guth aghearain ri chluinntinn ann an cearnan eile, gu sònruichte ann an Eirinn air taobh siar-dheas an eilein. Tha e air a ràdh anns an àit ud gu bheil aon leth den bhuntàta loth agus nach fhiach an leth eile a thoirt as aghrunnd. Tha sgeul tiamhaidh atighinn o gach cladach tuath is deas mun droch uair a chum na h-iasgairean o dhol a mach o chionn ghoirid. Bha an stoirm ro mhor aig gach port iasgaich agus cha burrainn do luchd nam bàtan beaga ach beag oidhirp sam bith a dheanamh. Tha so na aobhar ghearain na uairean air còrsan nan Gàidheal nacheil bàtaichean mora, ùr, làidir aca mar bu chòir dhaibh a bhi aca, agus gu bheil uime sin iasgairean á taobh siar air dheireadh orrasan a tha air an taobh sear. Ma tha so fior car son nach drinneadh barrachd feum don airgiod rioghachd a chuireadh air leth air son cuideachadh nan Gàidheal? Achs ann mar so a bha riamh atachairt mu chùisean den t-seorsa so: cha bhi an duine bochd afaotainn na bha air a shònruchadh dha. Thig cuideigin no aobhar a thaobheigin a steach eadar esan agus na bha riaghailt ceartais acur air leth air a shon.


Tha sgeul atighinn á Sasunn mu bhailtean gàraidh a tha iad acur air chois air son a bhi atarruing an t-sluaigh air an ais as na bailtean mora anns am bheil moran gun obair, gun bhiadh, ’s gun aodach, ’s moran eile ann am bochdainns an gainne. ’S e an dòigh anns am bheil iad adeanamh so a bhi ceannach farsuinneachd mhath de dhfhearann freagarrach mìltean air falbh o na bailtean mora far am bheil am fearann saor, agus a bhi togail thighean gasda ùr tacan o chéile le tomhas de dhfhearann co-cheangailte ris gach tigh. Fagus don bhaile so bidh factory no stéidh obair a thaobh-eigin air a shuidheachadh a bhios atoirt cothrom saothair dhaibhsan a thig a chòmhnuidh don bhaile. Cha bhiodh e ceart do na Gàidheil a bhi call sealladh air oidhirp den t-seòrsa so.


Di-sathuirne an la mu dheireadh de dhOctober, thachair droch sgiorradh ann am mèinn an Dominion No. 2, anGlace Bay.Bha triùir dhaoine ag obair air an togalach mu bheul na mèinne, dlùth air ceud troidh os cionn talmhainn. Bhan crò a bhios a giùlan nan daoine sios is suas don mhèinn aig an am aig beul na mèinne, ach an uair a ghluaiseadh e gu dhol sioss ann a chaidh e suas. Fhuair fear den triùir a bha gu h-àrd e-fein a thoirt as an rathad, ach mharbhadh an dithis eile, Iain Domhnullach á Boulardarie agus Domhnull Domhnullach a Harbour an Bouche, siorrachd Antigonish. Bha na cuirp air an gearradhs air am prannadh gu h-uamhasach; thuit aon diu sios don mhèinn, doimhneachd aona ceud deug troidh. Be so sgiorradh cho donasa thachairsna meinnean o chionn fhada.

Dior-daoin an naodhamh la fichead de dhOctober chaochail an t-Athair Alasdair Mac-Gillebhràth, sagart Bhaoghasdal, aig aois leth-cheud is seachd bliadhna. Rugadh e san Dun-ghlas, am Pictou. Bha e nashagart aona bliadhndeug air fhichead, agus bha e chuid bu mhò dhen uine sin ann am Baoghasdal, far an robh e fo mhor mheas aig muinntir a pharraist. Bha e air a thiodhlacadh Di-luain an dara la de Nobhember, agus a bharrachd air muinntir na sgìreachd bha aireamh mhor cruinn as an da Shidni, as na mèinneans á àiteachan eile. Than t-Athair Ioseph Domhnullach, duinòg a mhuinntir a Bhàghn Ear, a bha roimhe so an Antigonish, air a shuidheachadh mar shagart parraist naàite.

Oidhche Shamhna bha gille dam bainm Percy Corkum, a mhuinntir Hantsport, N.S. , air a thilgeadhs air a ghrad mharbhadh le fear Truman Trefry. Bha Corkum an cuideachd ghillean eile adol seachad air àite Trefry agus thilg e tuirneap air an tigh. Dhfhalaich Trefry e-fein an sin air cùl craoibhe a dhfheitheamh gusn do thill na gillean, agus nuair a thainig iad loisg e air Corkum gamharbhadh air a bhad. An deigh sin thug e e-fein suas do fhear-ceartais.

Tha gluasad a nis ann an Newfoundland air-son an t-eilein sin aonadh ri Canada. Mar as luaithe thig sin gu crìchs ann as fhearr. Bu chòir do gach mir fhearainn a tha aig Breatunn an ceann a tuath America a bhi fon aon riaghladh.

Chaidh guirein a ghearradh á amhach Impire na Gearmailt an la roimhe. Bha amharus aig daoine gum bu chansair a bhann, ach tha na lighichean ag radh nach be. Bann le cansair a chaochailathair.


LITIR A ALBAINN.

FHIR MO GHRAIDH, —Tha am MAC-TALLA glé chuimhneach air miseruigheachd aig ceann gach coig-lath’ -deug; ged nacheil mise cho chuimhneach airsans a bu chòir dhomh. ’S e am fear-céilidh snasail, tlachdmhor e; agus cha dfhairich mi riamh an oidhche fadas e còmhla rium. Be a bheatha ged a thigeadh e na bu trice.

Tha am Mòd Gàidhealach seachad air son bliadhna eile; agus, ma tha, chan e am beag straidhlich a than a dhéigh. Tha e coltach gum bheil an fhàistneachd a rinn mi bho cheann fhada a brath tighinn air a cois— ’s e sin, gum feumadh breitheamhna a Mhòid a bhi air an atharrachadh na bu trice nabhatar adeanamh, air neo nach bfhada gus am fàsadh an sluagh diombach. Tha an sluagh air fàs diombach, ’cheana. Cha luaithebha am Mod seachad no a thòisich litrichean gearain air tighinn am follais anns na paipearan-naigheachd, deas agus tuath. Cho fhads a leugh mi chaneil a h-aon de na sgriobhadairean atalach air foghlum no air deagha rùn nan daoin’ -uaisle a tha, bho àm gu àm, alìonadh àite luchd-breith. Tha iad uile air an aideach mar dhaoine a tha anns gach dòigh freagarrach air son na dreuchd. Carson, ma ta, a thatar agearan? Tha a chionn agus gur iad an aon fheadhainn a tha air an taghadh a h-uile bliadhna. Air am feabhas cha bu bheag air daoine eile atharrachadh a bhi air a dheanamh an tràsda agus a rithist. Tha a bhlàth agus a bhuil soilleir gu leoir rim faicinn. Thoir fhéin, dìreach, sùil air clàr nan duaisean air son na bliadhna so. Bha sia-duaisean-deng air an tairgse air son rosg agus ranntachd. ’ a thachair? Chaidh iad so uile a roinn eadar seachdnar luchd-farpuis. Bha sin, gun teagamh, car iongantachach, stad fhathasd! Ann an ceithir de na co-dheuchainnean cha deachaidh anns gach aon fa leth dhiubh, dara duais a thoirt seachad idir, ged a bha i air atairgse. ’ a tha so anochdadh? Tha nach deachaidh ach aon phaipear a chur a stigh, agus, mar sin nach robh dòigh air an dara duais a riarachadh. Carson nach tug tuillidh de sgrìobhadairean Gaidhealach oidheirp air na duaisean so a chosnadh? ’S e an t-aobhar, a réir mo bharail-sa agus a réir barail iomadh aon a bharrachd orm, gun dfhuair achuid mhór de sgrìobhadairean amach bho cheann fhada nach robh stàth dhaibh oidheirp a thoirt gus an rachadh luchd-riaghlaidh ùrachur air leth. ’ a ni duine air bith a dhfheuchainn agus a chall ùine air rud a tha e làn chinnteach nach faigh e, ’de air bith cho gleusdas a théid ean dàil aghnothaich. Chì an duinebhios beo gur iad na h-aon daoine a gheibh na duaisean a h-uile bliadhna, cho fhads a bhios an riaghladh mar a tha e. Tha deagha bhonn agam air son na barail so. ’S aithne dhomh duine a chuir astigh paipear bho cheann trì no ceithir de bhliadhnachan air son duaisean a bha air an tairgse air sonlist of technical terms relating to Highland industries.Cha robh de Ghàidhlig aig Gàidheil aMhòid na dheadartheangaicheadh na facail so, agus bu dàna dom leithid-sa feuchainn ri ni a dheanamh a dhfhairtlich orrasan. Cha do choisinn am paipear aig mo charaid dad, agus thill an rùn-chléireach air ais e. Ach, stad thusa! An ceann beagan ùine chaidh am paipear a fhuair a cheud duais a chlòdhbhualadh anns na paipearan-naigheachd. Ann an lìonmhorachd fhacal no ann an dòighealachd cha tigeadh e ann an uisge na stiuireach don phaipear a chuir mo charaid a stigh. Tha mi ullamh gu so a dhearbhadh, lathair bith. Tha paipear mo charaid agus am paipear don deachaidh an duais a thoirt agam, mar aon, air an tasgadh seachad gu cùramach; agus



[75]

[Vol . 12. No. 10. p. 3]

mar a thuirt an seanfhacal, “togaidh an obair an fhianuis.” An taobh amach de Ghàidheil aMhòid, chaneil sgoilear Gàidhlig eadar Tigh-Iain-Ghròid agus baile Lunainn a roghnaicheadh am paipear don tugadh an duais air thoiseach air aphaipear a chaidh a thilgeadh gu taobh. Chan eil mi idir ag ràdh gum bheil muinntir aMhòid leth-bhreitheach. Tha beachd den t-seorsa fada bhom smaointean. Ach tha mi ag ràdh gum bheil e soillear nach faigh iad blas air obair Gàidheal air bith an taobh amach de chóignear no shiathnar a tha atoirt amach dhuaisean a h-uile bliadhna.

N tràth tha misgriobhadh nan nithean cruaidhe so mun cuairt air aMhòd, feumaidh tu a thuigsinn nacheil agam anns an amharc ach leas agus soirbheachadh aChomuinn Ghàidhealaich. Gu pearsanta, chaneil dad agam ri bhuidhinn no chall air. Tha mi fhéin an còmhnuidh tuillidh as trang le sgrìobhadh eile air son feuchainn air son duaisean aMhòideadhoin, ged a bhiodh deagha dhòchas agam ris acheud duais. ’S e mo rùn agus mo dhùrachd gun cinneadh am Mòd agus gun sgaoileadh e gu farsuing a sgiathan. Ach, cha tig an latha a chinneas e gus am bi làn earbsa aig sgrìobhadairean Gàidhlig anns an luchd-riaghlaidh agus anns an luchd-breith. ’S e an dòigh air an earbsa so a bhonntachadh agus a dhaingneachadh beagan atharrachaidh a bhi air a dheanamh, bho àm gu àm, anns an luchd-breith agus anns an luchd-dreuchd.

Bham bheachd tarruing a thoirt air rud no dha eile ach tha eagal orm gu bheil thu, ’cheana, ’fas sgìth den driamlach litreach so. Bheir mi mfhacal dhuit, ’n tràth sgrìobhas mi thugad a rithist, nach toir mi urrad agus aon iomradh air aMhòd. Cluinnidh tu bhuam gun dàil.

As mi, dfhìor charaid,
AONGHAS MAC EANRUIG.


ROBINSON CRUSOE.

CAIB. III.

MU dheireadh shéid an stoirm cho eagallachs gun robh eagal agus uamhann ri fhaicinn eadhoin air na maraichean. Ged a bhan sgiobair adeanamh na burrainn e gus an long a shàbhaladh, gidheadh an uair a rachadh e seachad orm an àm dha bhithdol don chabin, notighinn am mach as, bha mig a chluinntinn caochladh uairean ag radh gu beag ris fhéin. “A Thighearna, bi tròcaireach dhuinn! bidh sinn uile caillte, theid sinn uile dhìth”; agus briathran eile coltach riutha so.

na h-uine so bha minam shìneadhnam leabaidh, agus min déigh tomhas mor dhe mo mhothachadh a chall, agus mar sin chan urrainn domh an fhior staid anns an robh minntinn innseadh gu ceart. Cha burrainn domh an staid inntinn anns an robh mi an uair a ghabh mi acheud aithreachas a thoirt air ais; oir bhachuis coltach gun do chuir mi cùl ris an staid inntinn so gu buileach, agus gun chruadhaich mi mi-fhinna h-aghaidh. Bha mismaointean gun robh searbhadas abhàis air a dhol seachad, agus nach biodh an stoirm so cho mors a bha acheud . Ach an uair a thàinig an sgiobair far an robh mi, agus a thuirt e gum biomaid uile air call, bha eagal uamhasach orm.

Dhèirich mi anns amhionaid, agus sheall mimach; ach aleithid sid de shealladh eagallach chan fhaca mi riamh roimhe. Bhan fhairge ag eirigh cho àrd ris na beanntan agus abristeadh thairis air an luing an ceann a h-uile tri no ceithir de mhionaidean.

An uair a sheall mi mun cuairt, cha robh dad ri fhaicinn ach éiginn agus gàbhadh. Bha na croinn air an gearradh as an da luing a bha air acaire dlùth dhuinn, on a bha luchd trom annta. Agus bha na seòladairean a bhair bord againn aglaodhaich gun robh an long a bha air acaire mu mhìle an taobh am muigh dhinn, adol fodha. Bha da luing eile air am fuadach am mach as an acarsaid, an deigh dhaibh na croinn a ghearradh. Biad na longan a baotruime a bfhearr a bhaseasamh, o nach robh an fhairge a faighinn uiread de chothrom orra; ach dh fhuadaicheadh a dha no tri dhiubh, agus an uair a bha iad adol seachad dlùth dhuinn, agus iad aruith roimhn ghaoith, cha robh a dhaodach riutha ach an seol-toisich.

An uair a bha e dlùth air an fheasgar thàinig am mate agus an seoladair ris an robh acfhuinn na luinge an earbsa, far an robh an sgiobair, agus ghuidh iad air gun tagadh e cead dhaibh an crann-toisich a ghearradh. Cha robh e idir toileach so a dheanamh; ach an uair a thuirt iad ris gun robh iad cinnteach gun rachadh an long don ghrunnd gun dàil mur rachadh an crann a ghearradh, dhaontaich e mu dheireadh gun deanteadh mar a bha iad ag iarraidh. Agus an uair a ghearr iad an crann-toisich, bhan crann-meadhain cho mor air chriths gun robh e air thuar an long a chuir as a cheile; agus mu dheireadh bfheudar dhaibh an crann-meadhain a ghearradh mar an ceudna.

Faodaidh neach sam bith a thuigsinn gun robh mi ann an droch staid fad na h-ùine ud. Cha robh annam ach seòladair òg air an robh eagal mor an uair nach robh an stoirm ach beag an coimeas ris an stoirm a bhann an lathud. Ach ma theid agam aig an àm so air na smaointeanan a bhag éirighnam inntinn mu dheidhinn an amud a chur sios an so, bha adheich uiread de dhragh-inntinn orm mu dheidhinn nan rùintean a chuir mi romham an uair a bha acheud stoirm ann na bha orm an lathud mu dheidhinn mi bhith air mo bhàthadh. Agus chuir na smaointeanan so, comhladh ri uamhas na stoirme, na leithid de shuidheachadh-inntinn mis nacheil en comas dhomh cainnt a chur air.

Ach cha dthainig achuid bu mhiosa dhen ghnothach fhathast. Dhfhàs an stoirm cho mors gun robh na seòladairean ag radh nach bu chuimhneach leotha aleithid fhaicinn riamh roimhe.

Bha long mhath againn; ach bha i air a luchdachadh gu trom, agus bha icur nan car dhi anns an fhairge air aleithid de dhòighs gun robh na seòladairean an dràstas arithist ag radh gun robh i air thuar a dhol fodha.

Bha feum agamsa aig an àm nach robh mi afior-thuigsinn achunnairt anns an robh sinn, an uair a bha iad ag ràdh gun robh an long air thuar a dhol fodha. Ach an uair a dhfheoraich mi mu dheidhinn aghnothaich, thuig mi na bfhearr e.

Bhan stoirm cho uamhasachs gun robh an sgiobair, agus achuid a bfhearr tuigse dhen sgiobadh ag ùrnuigh gu dùrachdach, agus iad an dùil a h-uile mionaid gun rachadh an long don ghrunnd.

Mu mheadhain oidhche fhuaradh am mach gun robh an long air fas eudionach. Ann an ùine ghoirid thuirt fear gun robh ceithir troidhean de dhuisge innte. An sin thugadh ordugh do na h-uile a dhol ga pumpadh. An uair a chuala mi so, shaoil mi gun do bhrist mo chridhenam chom, agus thuit mi an comhair mo chuil bhar na leapadh air an robh minam shuidhe, agus chaidh mi ann an laigse.

Dhùisg an sgiobadh mi, agus thuirt iad rium, ged nach diarradh orm car a dheanadh gus asid, gun robh mi acheart cho comasach ri càch air pumpadh a dheanamh. An uair a chuala mi so, dheirich mi, agus thòisich mi ri pumpadh cho sunndachs a burrainn domh.

Nuair a bha sinn gu trang apumpadh, thug an sgiobair an aire do shoithichean a leig as na cablachan, agus a bhadol seachad oirnn, agus dhordaich e urachraichean a losgadh mar chomharradh gun robh sinn ann an éiginn mhoir.

Cha robh fhios agamsa ciod bu chiall da so, agus shaoil mi gun robh an long adol fodha, no gun do thachair rud-eiginn eagallach dhuinn. A dhaon fhacal, ghabh mi aleithid de dheagals gun do thuit mi ann an neul.

Aig an am be gnothach gach duine an aire a thoirt da bheatha fhein, agus mar sin cha robh suim aig neach sam bith dhiomsa. Thainig fear eile thun aphumpnam aite, agus thilg e as an rathad mi lechois, agus leig e leam laidhe far an robh mi air dha bhithsmaointean gun robh mi marbh; Agus bha mi ùine mhor anns an t-suidheachadh so mun dthàinig mo thùr fhein ugam. Lean sinn romhainn air pumpadh, ach bhan t-uisge asior fhàs na bu mhodha a dhaindeoin na bha sinn adeanamh, agus bha e soilleir gu leòr dhuinn gun rachadh an long fodha; agus ged a bhan stoirm adol na bu lugha, gidheadh o nach robh e comasach gum fanadh i an uachdar gus an ruitheamaid a steach do phort, lean an sgiobair air losgadh urachraichean ann an dòchas gun tigeadh cuideachadh gar n-ionnsuidh.

Bha long a bha gu math aotrom air acaire beagan an ceann oirnn, agus ghabh cuid den sgiobadh a bha oirre de mhisnich am bata fada a chur am mach gus feuchainn ri ar beatha-ne a shàbhaladh. Is ann acheart air eiginn a thainig am bata so dlùth dhuinn; ach bha e neo-chomasach dhuinn faotainn air bord innte, o nach burrainn di tighinn faisge air cliathach na luinge. Ma dheireadh dhiomair iad gu math laidir, agus iad acur am beatha ann an cunnart gus sinne shàbhaladh. Thilg feadhainn dhe na daoinagainne ròpa agus buta air a cheann am mach air deireadh na luinge, agus an uair a leig iad am mach iomadh aitheamh dheth, rug an sgiobadh a bhanns abhàta air an déigh dhaibh iomadh oidhirp a thabhairt, agus an uair a tharruinn sinne am bàta gu deireadh na luinge, fhuair sinn uile air bòrd innte.

Cha robh e a chum feum sam bith dhaibhsan no dhuinne oidhirp a thoirt aig an àm air a dhol air ais thun na luinge acasan. Mar sin dhaontaich iad uile gum bfhearr dhaibh a leigeadh air falbh leis aghaoith, agus gach oidhirp a thoirt air a bhithg a h-iomradh thun achladach. Mar so, eadar mar a bha i air a h-iomain leis aghaoith agus air a h-iomradh, ghabh am bata direach mu thuath, adlùthachadh beag air a bheag ris achladach gus an drainig sinn tir an deigh dhuinn a dhol mun cuairt air gob Rudha Winterton.

Cha robh sinn ach mu chairteal na h-uarach air falbh on luing an uair a chunnaic sinn i adol fodha. Sin an uair a thuig mi gu ceart ciod a bha air a chiallachadh le long a bhithdol fodha anns achuan.

Feumaidh mi aideachadh gur gann a burrainn domh mo shùil a thogail an uair a thuirt saòladair rium gun robh an long ateannadh ri dol fodha; oir on mhionaid ud, faodar a radh gur e na seòlairean a chuir anns abhàta mi, agus nach be mi-fhin. Bha mo chridhe an impis a bhith marbhnam chom, araon leis an eagal, agus mar an ceudna leis an uamhas a bha air minntinn an uair a smaoinichinn air ciod an cunnart a dhfhaodadh a bhith fhathast romham.

Am feadhs a bha sinn anns an t-suidheachadh so, agus na seòladairean ag iomradh mar a b



[76]

[Vol . 12. No. 10. p. 4]

fhearr a burrainn daibh gus tir a dheanamh dheth, an uair a dhéireadh am bata air bharraibh nan stuadh, agus a chitheamaid an cladach, bha sinn atoirt an aire gun robh moran dhaoinenan ruith ri cois achladaich gus cuideachadh a thoirt dhuinn cho luaths a ruigeamaid tir. Ach cha robh sinn acur moran astairnar deigh, agus mar sin thug sinn barrachd ùine air achladach a ruighinn na shaoileadh daoine. Cha burrainn duinn a dhol an còir achladaich gus an deachaidh sinn seachad air Taigh-soluis Winterton. An uair a fhuair sinn beagan de dhfhasgadh an fhearainn, chaidh sinn air tir an so. Agus ged a bha e gle dhoirbh dhuinn a dhol gu tir, fhuair sinn uile air tir gu sàbhailte.

Na dheigh sid choisich sinn gu ruige Yarmouth. Anns an t-suidheachadh bhochd, mhi-fhortanachs an robh sinn ghabh luchd-riaghlaidh, agus daoine còire, caranach eile abhaile, ruinn le mor-chaoimhneas, agus thug iad dhuinn àite-fuirich far an robh sinn cho comhfhurtails a dhiarramaid. Thug marsantan abhaile agus maighstirean nan long airgiod dhuinn gus ar turus a phaigheadh aon chuid do Lunnainn, no air ais gu ruige Hull, ge be aca taobh dom bu mhiann leinn a dhol.

Nan robh a nis de thùr annam na thug orm tilleadh air ais gu ruige Hull, agus a dhol dhachaidh, bha mi air a bhith sona. Dheanadh mathair rium mar a tha comhsamhlachd an t-Slanuighfhir bheannaichte ateagasg, agus mharbhadh e an laogh biadhta air mo son. Chuale gun deachaidh an long air an dfhalbh mi a chall ann an acarsaid Yarmouth, agus chaidh ùine mhor seachad mun dfhuair e fios nach deachaidh mo bhàthadh.

Ach bha am mi-fhortan a bhan dan dhomhg am iomain air aghart ann an dòigh nach gabhadh casg. Agus ged a bha mo chialls mo reusan caochladh uairean gu làidir ag iarraidh orm tilleadh dhachaidh, gidheadh cha robh enam chomas tilleadh. Chaneil fhios agam ciod a their mi ris aso, agus cha ghabh mi orm a radh, gur e òrdachach diomhair, do-cheannsaichte a tha ann, a tha gar greasad air aghart anns na ceumannan sin a bheir sgrios oirnn air acheann mu dheireadh, eadhoin ged a tha e far comhair, agus sinn gu dian aruith ga ionnsuidh le ar sùilean fosgailte. Cinnteach gu leòr cha tugadh rud sam bith ach òrdachadh diomhair do-sheachanta dhen t-seorsa so ormsa a dhol air aghart mar a chaidh mi an aghaidh gach comhairle a bha mo chialls mo reusans mo chogais atoirt orm, agus an aghaidh na dhfhuiling agus na chunnaics na chuala mi an da thurus a bha mi aig fairge.

(Ri leantuinn.)


AN RIDIR EACHUNN MAC DHOMHNUILL.

RINN mi iomradh cheana air an laoch ghasda, churanta, mheamnach, onorach so. Bha gach Gaidheal thalls a bhos fior-mheasail air, agus gle phròiseil gu robh e co glic, foirmeil, neo-sgathach air machairus faichen àir. On dhéirich e bho inbhe iosal gu sgipidh, treunmhor gu sealbh a ghabhail agusfhaotuinn air suidheachadh foghainteach am measg ceannardan àrda na dùthcha, bha moran farmadachus deas air ainmus gaisges comhluadar aGhaidheil eireachdail a chur sios agus ann an neo-bhrigh. Is ann le tapadhus seoltachdus aghartas Mhic-Dhomhnuill a fhuair Citchener buaidh aig Cartoum. An deigh don Ridir Eachunn euchdan iongantach a dheanamh ann an ceann mu dheas Africa, chaidh e gu Ceylon, eilean beartach a tha air taobh mu dheas Innsean na h-àirden Ear. Lean tuaileasus tnu mosach e anns an Eilean so. Bha cridhe mor aghaisgich gheamnuidh, shuairce air a chràdh gu goirt, geur, leis na breugan maslach a thog luchd-tuaileis am measg nan ceannardan a bha maille leis as a leth. Thainig e dachaidh do Shasuinn airson a chùis bhrònach a chur fa chomhair nan Ceannardan morathariaghladh feachd Bhreatuinn. Tha sgeula air feadh an t-saoghail a nis, co dhiù a tha e fior no nacheil, gu dubhairt Raibearts ris: “Falbh agus glan thu fein bho gach ni olc a thanis ann ad aghaidh.” Bha fios gle mhaith aig Raibearts nach robh ceannard eile co àluinn, sgairteil, stuama ri Eachann ann am feachd Bhreatuinn gu h-iomlan. Le cridhe trom, tiamhaidh dhfhalbh Eachann air ais. Smuaintich e le cridhe briste, iargaineach, gu robh e glan, uasal, neo-chiontach, ged nach dfhuair e aon chuid caoimhneas na comh-fhulangas uathasan a bha min-eolach air a ghaisges air a ghnathachadh beusach, ceart; agus am feadh a bha e air a chràdh le smuaintean den t-seorsa so chaill e ghràdh a bha aige air a bheathatha làthair, agus chuir e crioch lelaimh fein air a thurus talmhaidh. Le tuaileas agus le naimhdeas nan ceannardan a bu choir a bhi dileas da agus eudmhor os a leth, bhrist cridhe Eachann, agus chaidh grian a lathas a bheatha fodha am measg neoil dhorcha, uaigneach. Cha robh Gaidheal air bith aig an robh eolas air Eachann nach robh doilghisachus cràiteach gu leoir an uair a chuala e gu tainig crioch air cuairt an laoich àluinn, dhuineil, eireachdail ann am Baile mor na Frainge.

Chaidh cuideachd de dhaoine ann an àireamha thaghadh airson beusanus gniomharan Eachainn chòir a rannsachadh gu mionaideach ann an Ceylon. Tha da no tri mhiosan on thug achuideachd dhìleas so am beachd seachad. Tha iad air am mionnan le aon ghuthus le aon inntinn ag radh gu do rannsaich iad gu geur, mionaideach gach nis cùisus iomradh a bhuineadh do bheathas do chrioch Eachainn; agus gu do chur iad gach measus càirdeas a dhfhaodadh a bhi aca don Ghaidheal urramach, chalma, fhinealta, threun a thaobh, a chum gu bitheadh iad fìrinneach, dìleas, ceart anns gach nis fianuis a rannsachadh mu dheibhinn Eachainn bhochd. Gun teagamh air bith rinn na daoine comasach, onorach so an dichioll, airson smir na firinn fhaotuinn a mach mu dheibhinn acheannard stòlda, uaibhrich Mac Dhomhnuill, agus is e so brìgh am beachds an eòlais: gu robh beathas giulan Eachainn co soilleir, glan, macanta ri solus na gréine fein, agus nach dfhuair iad aobhar air bith a bhi creidsinn nach robh e daonnan uasal, malda, geamhnuidh, firinneach, duineil. An deigh do na daoine comasach, dichiollach am beachd a thabhairt seachad co làidir, neo-sgathach, fàbharach mu dheibhinn Eachainn, agus gach tàmailtus tarcuis a chaidhchàramh air, tha iad acaoidh gu do chinn le luchd-tuaileisus le teangannan breugach, coirbte air chors gu do chur Eachann àluinn làmh na bheatha fein, do bhrìgh gu robh doilgheasus muladus cràdhus àmhghar air an càramh air. Tha gach Gaidheal air feadh an t-saoghail gu léir ro thoilichte gu bheil ainmus cliu Eachann air an glanadh bho gach tuaileas, agus gu bheil aobhar aig gach Gaidheal a bhigleidheadh air chuimhne le gràdh blàth, domhain ainmus euchdanus caithe-beatha grinn glan Eachann Mhic Dhomhnuill. Ach carson nach dinnis na daoinerannsaich beathas eachdraidh Eachainn ann an Ceylon, ainm nan ceannardan no nan saighdearan suarach, leibideach a nochd naimhdeas nimheil don Ghaidheal churanta, uasal, agus a rinn geur-leanmhuinn air gus abhàs? Cha tig an lathas cha tachair an oidhche, anns an dean naimhdean Eachainn euchd beag no mor, measail an stri nan lann. Is éiginn gur e siochaireanus cladhairean truaghatha anns na ceannardan a rinn beatha Eachainn co cruaidhus co muladach. Is ann le nàires le rughadh gruaidh a tha sinn a gabhail beachd air an eachd raidh a thug iadsan seachad a rannsaich an dòigh air an do thòisich cogadh ann an ceann mu dheas Africa, agus air an robh uidheamachadh air a dheanamh airson a chogaidh leòsan, agus than àireamh lionmhor, a tha gabhail orra fein, le òir air am broilleach, a bhicur thairis le gliocasus comasus dìchioll. Bfhearr Eachann Mac-Dhomhnuill leis fein na ceud de na daoine gun fheum, nach do nochd gliocas no tapadh pàisdean anns an uidheamachd a rinn iad airson cogadh an aghaidh nam Boerach. Rachadh càirdean blàthus lionmhor Eachainn Mhic Dhòmhnuill air an aghaidh gu dealasach, faoilidh, airson clach-chuimhne shnasmhor, bhòidheach a thogail air a shon. Cluinnear ainm anns an dàn.

CONA.


EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. XVIII.

AM FRANGACH MOR AIR TACHAIRT RIMHAIGHSTIREOBHAIN AIR AN FHRAING FHAGAIL, IS AGHAIDH AIR TIR NAM BEANN.

RINN am Frangach mór gàire magaidh an aodainn chàich, ’s a suidhair cathair aig abhòrd chuir edha uilinn air, mar gum bu leis an t-àite, agus deiseil gus an còrr a dheanamh orra gus an tarruinn, mur deanadh sud an gnothuch. Shuidh càch aig bòrd eilebha dlùth, a fàgail a ghnothuich uile an lamhan an ceannard gus am biodh feum aigair an cuideachadh. Dhfhàs aogas an t-Sasunnaich dearg agus bàn mu seach, ach a faicinn coltas garg an fhir mhóir mheataich a chridhe nachliabh, agus thug e goradh as gu éirigh gus an t-àitfhàgail, ach chuir Eobhain a làmh air a ghlùin gus a chumail. Thug am Frangach an aire dha so, agus thionndaidh e aire le feirg air a Ghàidheal òg, agealltainn dha fheins do chàch, ’s e caogadh riutha, moran spòrs an ùine ghearr. Cha do leig Eobhain dad air; ghlan e dhe am fìon le neapaigin, ’s an sin shìn e mach a lamh gus a ghlaine fhéin a thogail, ach mun dfhuair e sin a dheanamh thog am Frangach mor leis is gacur ribheul thràigh e i mun coinneamh, ’s gacur sios dhfhaighneachd e de dhEobhain an robh e nachomain air-son a chuideachaidh. Bha anail aGhaidheil a nis atighinn na h-oiteagan beaga làidir, aithghearr, ’s bhafhéithean acruinneachadh air uachdar na feòla mar ghataichean iaruinn, ach mar fhreagairt don Fhrangach rinn e gàire, mar gun còrdadh an gnothuch ris taghte agus thug e taing dha air-son a chaoimhneis.

Ach,” arsesan, ’s e breith air a ghlaine a rithists galionadh le bhinigir a bhair a bhòrd, “tha min dòchas nach diult thu mo dheoch-slàintes deoch-slàinten airm Bhreatunnaich òl as a chuaich so fhathast.”

Le so a radh leum e thun an Fhrangaich, ’s a breith le lamhan iarnaidh air chìbhlean air tharruinn e dheud o chéile cho farsuinns gun rachadh sios, agus dhòirt eghlaine bhinigir sios na sgòrnan. Fhadsa bha so a tachairt bha gach aon cho sàmhachs ged bhiodh balgum fala nabheul.

Ma than còrr bhuat,” arsEobhain, ’s e le aon laimh acumail an Fhrangaich— “ma than còrr bhuat dhen stuth ud gheibh thu do shàth, ach mur a bheil, on chaisg thu dìotadh, gabh do rathad, air slighe nas aithghearra na thàinig thu.”



[77]

[Vol . 12. No. 10. p. 5]

Le so a radh chunnaic na Frangaich le uamhas an Gaidheal òg a breith air an ceannard ainmeil, a bha deanamh stri chruaidh gus greim fhaighinn air a chlaidheamh, agus gathogail air chùl amhachs air dhruim, thug e thun na h-uinneig fhosgailte es thilg e mach air a bheul-fodha e do thom dhrissa ghàradh fon uinneig. Theich càch troimhn dorus cho luaths a dheanadh na casan dhaibh air dhaibh so fhaicinn, ’s gu h-àraidh air dhaibh da ghlùin rùisgte agus calpannan morEobhain fhaicinn fon fhéile-bheag, air dha tighinn mun cuairt gus sitheadh ceart a chur roimhn mhaidsear mhór don tom dhris.

Mun do chriochnaich iad achuirm chruinnich càch mun cuairt air ar curaidh, agus ge boil leis, dhfhàisg iad a làmh a rithist agus a rithist, gu h-àraidh an t-ofigeach Sasunnach: theab nach fhaigheadh e cuibhteas e idir. Cha chualiad an còrr mun Fhrangach, ged a bha toil aca fhaighinn a mach an dfhuair echìbhlean nan àite fhein. Ach bha iad, gu h-àraidh Eobhain, nam faireachadh fhads a dhfhan iad am Paris na dhéigh sud.

Chaneil teagamh nach bann air a thàille a chaidh ionnsuidh a thoirt air a bheatha aon oidhches e tilleadh dhachaidh. Ciod a bha Eobhain a giùlain leis dhachaidh air an oidhche so ach beagan phunnd de sheilcheagan Frangach, a cheannaich e air-son spòrs fhaighinn airachòcaire Ghaidhealachs air seann Ghaidheal eiletheab fàs tinn an oidhche roimhe sud, ’s iad air innse dha gum biodh na Frangaich ag ithe nan creutairean grànda sin. Air dha bhi dol seachad air frith-shràid dhorcha, shaoil leis gum face coltas duine a snàgaireachd gu fàillidh ris abhalla. Bhan t-àitaonaranach mun àm ud a dhoidhche, aguss e so a thug air Eobhain tionndadh gu h-ealamh, air dhadhol seachad air an àite. Direach na àm; oir gu bhi aige le claidheamh rùisgte an togail bhan duine, ’s gun e deanamh na bu mhothadhfhuaim air a chabhsair chlach na dheanadh cat. Thog Eobhain a làmh anns an robhm pasgan sheilcheag, ’s bhuail e le uile neart air a bhéisd eadar an da shùil iad, a cuibhrigeadh aodainn le plàsd nach robh idir cùbhraidh. Le ròmhan eagail theich e, a fàgail a chlaidheamh air achabhsair, ’s ledha laimh mu cheann, chaneil teagamh nach robh e smaointinn gur e eanachainn a bha tachairt ris.

Cha ruig sinn a leas a radh gun robh smaointean Eobhain bhàin gu tric fad na h-ùine so air tìr nam beann, ’s air na càirdean gràdhach a dhfhàg e ann, agus bha ecur cùram mor air nach dfhuair e freagairt riamh do aon de na litrichean a sgriobh e dhachaidh. Ach bha fios aige gum faodadh e bhith nach do ràinig iad riamh, oirs na h-amannan ud cha ruigeadh duine sam bith uiread earbsa ri litirsa dhfhaodas sinns na làithean so. Mar an ceudna, a dhaindeoin cho maths a dhéirich dha, agus cho taitneachs gun robhn aimsir a bha ecaitheamh a nissan dùthaich bhòidhich ud, bhachridhe mar rismaointean an tìr nam beann; agus ged nach drugadh na fhìor bhàrd e, dhfheuch e ri faireachdainnean a chridhechur an dàn, agus chaidh aigair mar so:—

Ged is bòidheach an Fhraing,
S i gu greannmhor fo bhlàth,
Lecuid fhlùrs iomadh bòidhchead
Acòmhdach a blàir,
Lecuid dhearcan is fion,
Agus grian shoilleir, bhlàth;—
Dhomhsa beanntan mo ghaoil,
S fàile cùbhraidh an t-sàil’.

Ged is còmhnard an Fhraing,
Lecuid cabhsairean réidh,
Lecuid rìomhadh gun sgòd,
Agus pròis air a réir;
Be mo ghaolsa na stùcan
A shiùbhladh na féidh,
S mi gu h-aotroms gu sunndach
Le mchù as an déigh.

Ged is lòghmhor, bog, ceòlmhor
An còmhradhsan Fhraing,
S ged is lionmhor stuth neònach,
Is beòlaind dhaibh ann;
S e mo ghràdhsa mar chànain
Cruaidh Ghàilig nam beann,
S mar mo bheòlaind an fheòil
Agus eòrna nan gleann.

Nuair a dhùineas mo shùil,
Chan e ioghnadh na Fraing,
Ach thig beanntan mo ghaoil
Thar a chaoil leam a nall;
Mi rin taobh anns an fhraoich
Mar o thùss chan ann mall.
Theid mi null, theid mi null,
Be mo rùn a bhi thall.

Ma bhan còrrsan òran cha chuala sinn; ach ni so fhein ar feum. Ach tha dearbh fhios againn gun tug e, le iomadh laoch eile, aghaidh air beanntan a ghaoil beagan ùine na dhéidh so, agus mar an ceudna bha aige ri ùinechur seachad ann an Dunéideann.

Mar tha cuimhnaig an leughadair, bannsa bhaile bhòidheach so a bha còmhnaidh na mnà òig agus aphàisdein mhaoth aig a chaiptean òg Mac-a- Ghobha, a dhfhàg e, mar a chunnaic sinn, gun chli an taigh a Bhelgianaich chòir. Ged a rinn Eobhain iomadh feòrach dha thaobh, cha chuale guth mu dheidhinn, agus thainig e mar sin thun a cho-dhùnaidh thùrsach nach bu bheò an curaidh treun. Bha mar sin cridhaGhaidheil goirt, fior ghoirt, agus bfhearr leis aghaidh a chur air an trup eachraidh bu thaghte bhaig Boni na dhol leis an sgeul bhrònach thun na bantraich òig. Bha mar an ceudna am pasgan beag chuimhneachan a fhuair e on ofigeach aige gu cùramach riamh a dhaindeoin na chaidh e roimhe, agus a nis tha e air a bheulaobh air a bhòrd, air a mhaduinn so, a mhaduinn bhòidheach an déigh dhaibh tighinn, a rinn e suas inntinn a dhol air an turus bu chruaidhe leis air an do ghluais e riamh. Bha e mar so eadar dha chomhairle, atogail na boineidsa phasgan mu seach gus falbh, ’s an sin leigeadh e as iad air a bhòrd far an robh iads bheireadh e greis eile air amharc orras air an tionndadh mun cuairt. Ach mu dheireadh leum e air a chois, ’s a cur na boineid mu cheann gu cruaidhs a phasgain gu fàillidh naphòcaid, ghabh e machs thug e aghaidh air a cheann dhen bhailesan robh bean a charaid a còmhnaidh. Thainig e gu ceann na sràide mu dheireadh, ’s mar bu dlùithe bha e tighinn da cheann-uidhes ann bu mhaille bhacheum a dol, gus mu dheireadhn do sheas e buileach glan, dorus no dha on àite. Bha e cho trom a smaointinns nach cuale ceum mall a tarruinn dlùth dha, no gusn do dhfhairich e lamh air a ghualainn agus guth aoibhneach na chluais cha do thionndaidh e. An gabhadh e bhith, non e bha so spiorad a dhùisg a smaointean thromsan àm; ach cha be; ’s e bhann mu choinneamhsan fheòil, slàn, ach gu bàn, tana, cuspair a smaointean, an caiptean òg fhein.

Rinn an caiptean gàire. “A charaid,” arsesan, “bha mi ga dleantuinn o chionn dheich mionaidean, ’s cha robh fios agam co-dhiu theirinn a bhatar adol ga dchrochadh no dol ga dthiodhlacadh beònuair a ruigeadh tu do cheann-uidhe. Ach cho malls gun robh mi cha bheirinnsort, le cuideachadh an treas cois fhein,” ’s e togail a bhata làidir air an robh e, bu duilich ler caraid fhaicinn, a leigeil pàirt dhechudthrom daonnan.

Ma ta, ’charaid,” arsan Gaidheal, ’s aodann a dearrsadh le toileachadh, “bha dùil agam gun robh na bu mhiosa na sin a feitheamh orm aig mo cheann-uidhe. Ach a nis an àite bròn bidh sòlas. Is e so mionaid cho toilichtesa dhfhiosraich mi riamh; agus mureil mi meallta chaneil sibh ach air tighinn don bhaile. Bha misair a cheum gu h-aindeonach thunur bantraich, a choimhlionadh na h-àithnethug sibh dhomh. Ach a nis, a nis,” arsEobhain, ’s e toirt dha a phasgains a fàsgadh a lamhan a rithist, “chan urrainn mi mo thoileachadh innse.” Le so a radh bha Eobhain a dol gafhàgail, a smaointinn nach biodh e freagarrach dha dol na bfhaide leis, no bhi làthair aig ceud choinneamh na lànain. Ach rug an caiptean gu teann, cruaidh air, ’s tharruinn e le spionnadh iongantach air adhart e, ag radh, “An e gum fàgadh tu mi gun chomas a thoirt do mmhnaois do mphàisde taing a thoirt don aon a shàbhail mo bheatha dhomhsa, agus a dhfhàg companach agus athair acasan an diugh.”

Ah,” arsEobhain, ’s e tarruinn air ais, “bfhearr leam gun dol na bfhaide. Cha do rinn mise ni is fhiach ainmeachadh. Cha do rinn—”

Tut, tut, Eobhain, am bheil thu smaointinn nach fhiach mo bheatha-sashàbhaladh ainmeachadh?” arsan caiptean, ’s e deanamh gàire. “Chaneil sin ro fhàbharrach dhomhsa, gun teagamh.”

A chaiptean,” arsEobhain, “cha do leig thu dhomh na bha midol a radhchriochnachadh. Cha do rinn mis airur son ach rud a dheanadh fear sam bith na màiterud a dheanadh duine sam bith ri cho-chreutair gun smaointean air taing no duais.”

Cha deanadh, Eobhain, dithissa cheud e. Tha mise nas eòlaiche air nàdar dhaoine na tha thusa. Agus ged a bhiodh iad mar tha thusag radh, ’s tusam fear a thachair feum a dheanamh dhomhsa. Ach cha chan min còrr, oir tha mi faicinn nacheil an cuspair a còrdadh riut, a charaid. Ach a stigh feumaidh tu tighinn, a dheoin no dhaindeoin, agus fuireach seachdain no dha còmhla ruinn.”

Leis na briathran rainig iad an dorus, ’s bha e furasdfhaicinn gun robh inntinn a chaiptean fo bhruaillein, air dha nis a bhi cho dlùth dha shòlas, ach gun e na shealladh, ’s an teagamh an robh gach ni gu ceart mar a dhfhàg e. Ach gun dàil chaidh gach teagamh fhuadach; oir aig an dorus nochd nighean bheag chiabh òr-bhuidh, mu thri bliadhna dhaois, cho boidheachsa chunnaic sùil riamh. “Mo Lili bheag!” arsan caiptean, ’s na deoir aoibhneach nashùilean; “mo Lili bheag ghaoil! Is beag a bha dhùil agam,” arsesan, ’s e gatogails a tionndadh ri Eobhain, “gum fiosraichinn an sòlas so gu bràth tuille, air dhomh tuiteamsan achadh ri dthaobh, a charaid, am Belgium.”

Càitam bheil thu, ’Lili? Trobhad gu mamaidh?” arsa guth binn a bha tarruinn dlùth. An ath mhionaid dhfhosgail dorus an talla stigh, agus chunnaic Eobhain bean òg, eireachdail mu choinneamh, ’s a tuigsinn co i cha robh ioghnadh sam bith air a charaid uasal, an caiptean, a bhi cunntais an dealachaidh cho cruaidh a sgaradh e on dithis ghaolach so. Bha bròn nah-aghaidh bhàin, agus a sùilean mar gum biodh an tobraichean air tiormachadh an dìomhaireachd an seòmair, a caoidh a companaich òig, a bha cho duineil, dìleas, ’s air nach cuali iomradh ach gun robh e air chall on chaidh na blàir mhor a chur. O, an dearrsadh sòlais a thainig na h-aogas bàn, air dhi fhaicinn mucoinneamhs am pàisdair a ghualainn. Cho mors cho leathainns gun robh Eobhain bàn, bha e cinnteach nach fhaci bìdeag dhe, oir bhasùileans a h-inntinn air an lionadh le gaol fhein. Le éubh thoilichtes legairdeanan sìnte leum i thun a companaich, ’s a h-aghaidh a dol bàn is dearg ma seach, le eagal



[78]

[Vol . 12. No. 10. p. 6]

gum fàgadhiomhaigh a sùilean, ’s gaghlacadh nagairdeanan chaidh i ann an laigse. Thog am pàisda lamhan ris a Ghaidheal, ’s gatoirt bhoh-athair thug e cothrom dha a bhean aghiùlan daseòmarultach nach do dhfhairich e, ged a bha e fann an déigh a thinneas.

An ùine gun bhith fada bha iad uile cruinn aig bòrd grinn, agus fhads a bha iad mun cuairt air bha iad a tighinn thairis air na dhéirich dhaibhs na gàbhaidhean cruaidhe chur iad seachad, agus iomadh rud eile. Mu dheireadh thainig crioch air a chuirm, ’s thog an Gaidheal, an aghaidh toil a chàirdean ùra, aghaidh airàite-còmhnaidh fhéin.

Bha gun teagamh slighe àrd air fosgladh roimh Eobhain bàn mac an t-saighdeir, nan leanadh en t-arm, rud a dheanadh e, bha e smaointinn, air a h-uile cor, oir bha nis gaol a chridhe aigair beathan t-saighdeir, ’s bha e smaointinn nach biodh e toilichte fada beò nan tigeadh airfhàgail. Air an ath latha fhuair e cead, agus thog e air gu beanntan a ghaoil.

(Ri leantuinn).


LITIR A LAG AN T-SLOCAIN.

FHIR A PHAIPEIR, —Mar tha fios agad fhéin, nas fhearr na thaig duine beò, ’s e roghadh is taghadh na Gàilig a tha anns na seann sgeulachdan, ’s mar a be, cha bhiodh iad idir air an cumail air chuimhne gus an lathan diugh. Faodaidh fear is fear a bhicàineadh nan sgeulachdan, ach gu cinnteach ceart cha chàin misiad. O nacheil naigheachd as fhearr agam ri innseadh dhut fhéins do dleughadairean bheir mi dhut earrann de sheann sgeulachd ris an abairteadhConail Crà-bhuidhe.” Chuireadh am mach an sgeulachd so maille ri àireamh de sgeulachdan eile ann an ceithir leabhraichean anns abhliadhna 1890. Tha i tuilleadh is fada a toirt seachad cruinn, cothrom, ach ler cead fhein, sin ri ràdh ma chòrdas i ruibh, bheir mi earrann eile dhi seachad uaireiginn roimh thoiseach na bliadhna.

Càs cho cruaidh anns an robh Conall Crà-bhuidhe. An uair a bha mi na mghillòg bha moran fearainn aig mathar. Bha pàircean bhiorach aige, ’s bha dhiubh an déigh breith. Thuirt mo mhàthair rium a toirt dhachaidh. Dhfhalbh mi agus thug mi leam balachan, agus fhuair sinn abhós thug sinn leinn i. Shil fras shneachda; chaidh sinn a stigh do bhothan àiridh, ’s thug sinn a bhos an laogh a stigh leinn, ’s bha sinn a leigeil dhinn na froise. thàinig a stigh ach aona chat deugs cat mor ruadh, cam nacheannard orra. ’Nuair a thainig iad a stigh, gu dearbh cha robh tlachd sam bith agam fhein dan cuideachd.

Suas sibh,” arsan ceannard; “carson a bhiodh sibhnar tàmh; agus seinnibh crònan do Chonall Crà-bhuidhe.”

Bha iongantas orm gum baithne do na cait féin mainm. An uair a sheinn iad an crònan, arsan ceannard: “A nis, a Chonaill, paigh duais achrònain a sheinn na cait dhut.”

Mata,” arsa mi fhein, “chaneil duais agamsa dhuibh, mur teid sibh sios agus an laogh sin a ghabhail.”

Cha bu luaithe thuirt mi am facal na ghabh an da chat dheug a sìos an dàil an laoigh, ’s gu dearbh cha do sheas e fada dhaibh.

Suas sibh; carson a bhiodh sibhn ar tosd; seinnibh crònan do Chonall Crà-bhuidhe,” arsan ceannard.

Gu dearbh cha robh tlachd sam bith agam fhéin dan crònan. Ach a nuas a ghabh an t-aon chat deug, ’s mar an do sheinn iad dhòmhsa crònan an sin agus an sin.

Pàigh a nis nan duais iad,” arsan cat mor, ruadh.

Tha mi sgìth dhibh fhéins dher duais!” arsa mise; “chaneil duais agamsa dhuibh, mur gabh sibh am mart sin shìos.”

Thug iad thun a mhairt, ’s gu dearbh cha do sheas i fada dhaibh, “carson a bhiodh sibh nar tosd; theirigibh suas agus seinnibh crònan do Chonall Cra-bhuidhe,” arsan ceannard.

Gu cinnteach cha robh umhail agam dhaibh féin no dan crònan, a chionn bha mi faicinn nach bu chompanaich mhath iad. An uair a sheinn iad dhòmhsan crònan thug iad a sios orra far an robh an ceannard. “Paigh a nis an duais,” arsan ceannard. Cha robh duais agamsa dhaibh, ’s thuirt mi riutha: “Chaneil duais agamsa dhuibh mur toir sibh am balach sin leibh, ’s feum a dheanadh dheth.”

An uair a chual am balach so thug emach air, ’s thug na cait as a dhéigh; ’s gu cinnteach bha striongan eatorra. An uair a chaidh iad a mach ghabh mise mach air uinneag sgroth a bha air taobh cùil an taighe. Thug mi as cho cruaidhsa dhfhaodainn a stigh don choille. Bha mi gle luath, làidirsan àm sin, agus an uair a mhothaich mi toirm nan cat na mdhéigh streap mi ann an craoibh cho àrdsa chunnaic misam àite agus a bha dùmhail anns a bhàrr, ’s dhfhalaich mi mi-fhéin cho mathsa dhfhaodainn. Thòisich na cait air miarraidh feadh na coille, ’s cha robh iad ga mfaotainn, agusnuair a bha iad sgìth thuirt gach fear ri chéile gun tilleadh iad, ach thuirt an cat cam, ruadh a bhana cheannard orra: “Chan fhaca sibhse leur da shùil, ’s gun agamsach aon suil: sud an slaightire shuas am bàrr na craoibhe!” An uair a thuirt e sud chaidh fear dhiubh suass a chraoibh, ’snuair a bha e tighinn far an robh mi tharruinn arm a bhagam agus mharbh mi e. “Bhuam so!” arsam fear cam, “chan fhaod misebhi call mo chuideachd mar so. Cruinnichibh mu bhun na craoibhe agus cladhaichibh timchioll oirre, agus leagaibh an nuas an rògaire gu talamh.”

Chruinnich iad an so timchioll oirre, agus chladhaich iad mu bun, agus a cheud fhreumh a ghearr iad thug i uileann orra gu tuiteam, ’s thug mi fhein glaodh asam, ’s cha bioghnadh e.

Bha ann an iomall na coille uachdaran agus deich daoinaig a ruamhar, ’s thuirt e: “Than sud glaodh sònraichte; chan fhaod mise gun a fhreagairt.” Thuirt fear a bu ghlice de na daoine: “Leigeamaid da gus an cluinn sinn a rithist e.” Thòisich na caits thòisich iad gu fiadhaich, ’s bhrist iad an ath fhreumh, ’s thug mi féin an ath ghlaodh asam, ’s gu dearbh cha robh e fann.

Gu cinnteach,” ars an t-uachdaran, “is e duine na éiginn a thann; gluaiseamaid.” Bha iad acur an òrdugh gu gluasad, ’s dhéirich na cait air a chraoibh gus an do bhrist iad an treas freumhach, ’s thuit a chraobh air a h-uileann. Thug min treas glaodh asam.


Ghreas na daoine foghainteach, agus an uair a chunnaic iad an diol a bhaig na cait air a chraoibh, thòisich iad orra leis na spaidean, ’s thoisich iad fhéins na cait air a chéile, gus an do mharbhadh gu léir iad, na daoinagus na cait; agus gu cinnteach cha do charaich mise gus am faca min t-aon mu dheireadh atuiteam dhiubh. Thainig mi dhachaidh, agus sin agadsan càsbu chruaidhesan robh mise riamh.”

Ma bhios mi beò agus air a chothrom cluinnidh tu uam an ùine gun bhith fada. Leis a h-uile deagh dhùrachd,

PEIGIDH PHABACH.


Trod a mheasains a chùl ri làr.


MunFlorida,” Long Spaindeach.

Bann a bhuineadh an Long so don chabhlach mhòr Spàindeach a chuireadh chum buaidh a thoirt air Sasunn, ri lìnn Ban-righ Ealasaid sa bhliadhna 1588.

Fhuair am Florida a stigh do Thobar-Mhuire, ann an Eilean Mhuile, cala co tearuints a tha air aghaidh an t-saoghail. Bha sìth san àm sin eadar Albuinn agus an Spàind, air chors gun robh càirdeas neo-sgàthach eadar muinntir na Luinge agus muinntir na dùthcha. Cha robh nach robh uaislean as gach cearna den Ghaeltachd ateachd a dhfhaicinn na Luinge; agus dhfhiosraich iad gach aoidheachd agus cairdeas a burrainn na Spàindich a nochda dhoibh. Chuala Ban-righ Shasunn mar bha, agus leis an innleachd bu mhallaichte air an do smuainticheadh riamh, chaidh aicair cur as don Luing mhóir so. Ghabh Albannach dam bainm Smollet duais-bhratha chum an soitheach a chur ra theine. Chaidh e don dùthaichan riochd dròbhair, ann an éididh Ghaelaich agus ghabh en cothrom de na làithibh a bha e air an Luing air gnè theinndich fhàgail air bòrd, far an deanadh e an diubhail bu mhònuair a ghabhadh e. Thàr e gu grad air tir, agus thug e Sasunn air gun mhoille.

Cha deachaidh e ach mu shè mile air astarnuair a fhuair e dearbhadh gu leòir gun do shoirbhich leinnleachd neo-chneasta. Tha cheart àite air fheuchainn gus an an diugh far an robh ena sheasamhnuair a chual e fuaim an t-soithichn trà chaidh i ra theine. Chaidh an long as a chéile; agus cha mhòr nach do chailleadh na bhair bòrd, eadar arm, sgioba, agus dhaoinuaisle a thainig a dhfhaicinn an t-soithich. Chaidh earann de chlàr-uachdrach na luinge air tìr, agus tha e air aithris gun deachaidh seisear dhaoine a bha nan seasamh air a shàbhaladh. Bha san luing so aon de bhan-phrionnsaichean na Spàinde, fhuaradh a corp, agus chuireadh fo thalamh i le urram freagarrach da h-àrd inbhe, anns a Chill Mhorbheinnich, far abheil a chiste chloich anns an robh i air a càramh air a leigfhaicinn gus an la an diugh. Tha e air innseadh ann an sean eachdraidh na dùthcha sin gun do chuireadh long dhachaidh as an Spàind a ghiulan air ais a cuirp gadùthaich fein. Tha e mar an ceudna air aithris gun diunndraineadh cuid de dhuilt a làimhe, agus do réir baraile saobh-chràbhach na lìnne sin, bha tannasg na h-ainnir rioghail so gu tric ri fhaicinn, le soillse na gealaich ag iarraidh nan cnàmh a chailleadh. Bha air bord an t-soithich, ’nuair thainig i gu caladh, eich agus capuill a chaidh a chur a dhionaltradh air machraichean Mhuile. Dhfhuirich iad sin san dùthaich, agus mheudaich iad àilleachd an greidhean each, a bhuanaich gus an an diugh. Fhuair teachdaire righ Bhreatunn san Spàind fios air na bha de stòras air bord am Florida, chaidh long chogaidh a chur á Sasunn do Thobar-Mhuire an toiseach na h-ochdamh linn deug, le muinntir a rachadh fon uisge, chum gum faigheadh iad an t-airgiod. Fhuaradh cnamhsach na luinge, agus chaidh iomad ni a thogail, ach cha daidicheadh gun dfhuaradh a bheag den airgiod. Ach cha do phill an long riamh tuille do Shasunn, bha iadm barail gun deachaidh i don Fhraing, far an dfhuirich an sgioba a mhealltuinn na fhuair iad.

Anns a bhliadhna 1787, thug an duinainmeil sin Spalding, oidheirp air an ionmhas so fhaotainn, ach dhfhartluich air, mar dhfheudta smuainteachadh, leis mar chaidh cnamhsach na luinge gu h-iomlan fodha ann an criadh agusan làthaich.



[79]

[Vol . 12. No. 10. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


GRADH CARAID.

Bha Innseanach còir anns an dùthaich so o chionn àireamh bhliadhnaichean, a fhuair baile math fearainn o na daoine gealana Sasunnaichsaor dha féins da shliochd gu bràth, mar dhuais air son a dheagh ghiùlains a chairdeas seasmhach. Thog e a thigh air an fhearann, agus an sin bha e féins a theaghlach atàmh. Bha moran Shasunnaichdaoine gealadlùth dha. Bha iad suarach mu dhéidhinn do bhrìgh gum bInnseanach a bhann. Cha robh déigh acair, is cha mhò a nochd iad càirdeas air bith ris— ’s e sin cha robh iad mar chairdean da. Cha robh aigach an t-aon leanabh, is dhfhàs am mac so tinn agus chaochail e. Cha deach a h-aon de na daoine geala ga choimhead, no gu labhairt ris an am a bhròin, ni a chaidh iad a chuideachadh leis corp a mhic a chur fon ùir. Latha no dha an déigh so thainig e a dhionnsuidh nan daoine geala agus thubhairt e riutha, “ ’Nuair a chaochail mac no nighean an duine ghil bha an t-Innseanach brònachshil e a dheòir, chuidich e leibh an uaigh a chladhach, agus an fhòid a chuir thairis orra. Ach chaochail mac an Innseanaich thruaigh, ’s cha dthainig aon duine gealna chòir. Cha robh mulad air a h-aon agaibhrinn mi uaigh mo mhic leam fein. Chan urrainn mi fuireachsan àite so nis fhaidechaneil caraid agam annaon duinaig am bheil gradh orm. Tha sibh suarach mum thaobh; fàgaidh mi an t-àite.”

Thog an t-Innseanach bochd air as an fhearann shaor a fhuair e. Thog e corp a mhic air mheadhain oidhche, agus ghiulain e féins a bhean corp an leinibh da cheud mile, troimh choilles troimh fhàsach, gus an do rainig e aite am measg a luchd-dùthcha féin far am faodadh e caraid a bhi aige. Nach bu mhor a ghradh da leanabhnach bu mhor an gradh a bhaige air caraid? Cha burrainn dabhi beò as eugmhais.

Mar sin tha feum againne air caraid a h-uile lathaaon a bhitheas dlùth agus aig am bheil spéis duinn. Ach an uair a tha sinn lag, tinn, uirbheasach, bochd, tha mothachadh mor againn air an fheum a tha againn air caraid dìleas. An am bàis, tha mothachadh laidir an sin againn air ar laigse féin, agus air an fheum a tha againn air caraidair aon a bhi dlùth, is aig am bheil an toil agus an comas cuideachadh leinn. Nises e Iosa Criosd a cheart charaid sin. Bha esan aon uair na dhuine doilgheasach is eòlach air bròn. Chaneil deuchainn a tha buailteach dhuinne nach dfhiosraich esansan fheòil, ged a bha e as eugmhais peacaidh, agus mar so tha comas aige cuideachadh leinn an àm ar deuchainn.


BAS.

Ann a Woodbine, faisg airMarion Bridge,air an t-siathamh la de dhOctober, Mairearad, bean Lachuinn Mhic Gilleain, Eildeir, aig aois tri fichead is deich bliadhna. Dhfhag i na deigh a fear-pòsda, ceathrar nighean is dithis mhac. Bha i na mnaoi chliùitich air am bi moran ionndrain am measg a luchd-eòlais.


Chaidh fhaighneachd de chaileig bhig car-son a bha clann Israeil, nuair a bha iadsan fhàsach, a deanamh aoraidh do laogh òir. Fhreagair ise gum bann a chionn nach robh dhòr aca na dheanadh mart.


Thoir gradh do na h-uile; dean earbsa á beagan; na dean olc do neach; bi adfhear dùlain an neart nis nan cleachdadh; agus gléidh do charaid fo iuchair do bheatha féin; fuiling bacadh air son a bhi sàmhach agus na togar cis dhiot a chaoidh air son a bhi labhrach.

Nàire nam maighdeanan an luìrgnibh nan cailleachan.


BRAIGHABHAINN BHARNAIDH.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D.D.

Thig an àirdleam gu Bràigh
Abhainn Bhàrnaidh don choille;
Far am fàs an subh làir,
S cnothan làna gun ghainne.
An lon* àrd bidh na uaill
Gabhail cuairt ann gu loineil,
S bidh an fheòrag le srann
Nulls a nall feadh a dhoirean.

Gheibhear fior-uisgnach truaill
Anns na fuaranaibh fallain,
Agus àile glan, ùr
Feadh nam flùr is a bharraich.
Bheir sinn sgrìob feadh nan stac,
Feadh nan glac is nan gleannan,
S bidh sinn sòlasach, ait,
Leis gach taitneas nar sealladh.

Anns a gheamhradh neo-chaoin
Thig a ghaoth le fead ghoineant’,
S bidh cruaidh ghaoir feadh nan craobh,
S iad fo shraonadh na doininn.
Bidh sneachd trom air gach gleann,
S cathadh teann mu gach dorus;
Ach bidh lòn againns blàths,
bidh sinn mànranach, sona.

Thig na h-eoin len ceol réidh,
Nuair a dhéireas an t-earrach,
Theid an geamhradh air chùl
Agus dùdlachd na gaillinn.
Bidh gach àilein is cluain
Sealltainn uain’ -fheurach, maiseach,
S bidh gach creutair fo àgh
Is am blàths tighnn air ais uc’.

Thig an samhradh mun cuairt
Chuireas snuadh air an fhearann:
Cinnidh blàthan a Mhàigh†
Agus neoineanan geala.
Aig Loch Bhrùra an àigh,
Air gach àird agus bealach,
Bidh sinn aoibhneach gach ,
Ma bhios slàinte mar teallach.

* Elk, moose.
Mayflowers.


ORAN POSAIDH.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D.D.

LUINNEAG.
Chaidh an comunn, an comunn,
Chaidh an comunn air chùl;
Chaidh an comunn o chéile,
Cha dean feum ach fear ùr.

Soraidh slàn le mo mhàthair,
A thug gràdh dhomh o thùs;
S òg a rinn i misàrach
Na mo phàisd air a glùn.
Tha minise gafàgail
Air son Màiri mo rùin;
Og-bhean uasal nam blàth-shùl,
Rinn mo thàladh le mùirn;

Maighdean uasal ro àluinn,
Thug mi gràdh dhi as ùr;
S i mo roghainn gu bràth i,
Cuiream càch air mo chùl.
Bidh i leam anns gach àite,
Oirs i làn mo dha shùl.
Cha sgar ni ach am bas sinn,
Sud an tràth so mo dhùil.

Mar as ait leinn, am Blàrach
Thig gur tàthadh richéil’,
Do réir riaghailt an àite,
Agus àithne na cléir’.
Nuair a gheibh mi air laimh i
Ni mi gàirdeachas réidh;
Cha bhi duinesan àite
Bhios cho sàsaichtrium féin.

S i bean chomuinn mo ghràidh i
Fad mo làithean fon ghréin,
Air mo thuras troimhn fhàsach
Dhionnsaigh Pàrras mo Dhé.
S e mo ghuidhe le làn-toil,
I bhith sàbhailtgach ,
Ann an comunn an Ard-righ
A thug gràdh dhuinn nach tréig.

August 1, 1882.



[80]

[Vol . 12. No. 10. p. 8]

MOLADH NAN GAIDHEAL.

LE FEARCHAIR DOMHNALLACH.

LUINNEAG.
Hug o-ho, laill o-ho,
Laill o-ho, ro i,
Hug o, laill o-ho,
Laill o-ho, ro i,
Gur fearail na Gaidheil
Mar babhaists gach linn.

Bhan t-urram a ghnàth
Aig na Gaidheils gum ,
S gun canadh na bàird sud
O làithibh mhic Fhìnn;
Na fiurain neo-sgàthach
Bhuaidh-ghàireachsan strì,
S iad cinneadail, dàimheil,
Ro chàirdeilsan t-sìth.

Gum faighear deagh chliù orr
S gach dùthaich fon ghréin,
S gun cuirear air thùs iad
S gach tùrn agus euchd,
Am misnich, an cruadal,
An uaisles an céill,
An onair, am fìrinn,
S an dìlseachd da réir.

Na giomanaich lùghar
Bu shunndachsa bheinn,
S tricdhearbh iad len armaibh
Bhi marbhteachsan fhrìth,
Bidhn coileachs a leannan,
S an eala gheal mhìn,
An fheadag, ’s a ghuilbneach
Len cuimsdol a dhìth.

Bidhn earbag bheag luaineach,
S an ruadh-bhoc clis, fiat,
S an damh a nin crònan
Gun deò air an t-sliabh.
Sn àm pilleadh gu h-anmoch,
Gur tarbhach an triall,
Aig fleasgaich nam mor-bheann
Nach sòr cosg ri fion.

Gur h-ait leo bhig iasgach
S an fhial-mhadainn chaoin,
Le cuileagan brianach
Ri driamlaichean caol’.
Bidhm bradan, ’s a gheadag,
S am breac air gach taobh
Gu bruachan gan tarruing
Aig clannaibh mo ghaoil.

Gur maraichean cròdh iad,
Deas, eòlach air cuan,
Nach meataich a ghaillionn
S nach greannaich am fuachd.
Nuair bhitheas na dùilean
Gan sgiùrsadh gu cruaidh,
Bidh iadsan gu làmhchair,
Gun sgàth air an gruaidh.

Chan ioghnadh am barrachd,
S an aitim on dbhuain
Na fineachan fialaidh
Bha fiachails gach buaidh,
Ro ainmeil an gliocas,
Am misnich, ’s an cruas;
S nuair bfheumail, bu sgaiteach
Na gaisgich chur ruaig.

Nan cluinneadh iad nàmhaid
Cur càis air an tìr,
Gum faicto gach àird iad
A tearnadh nam mìll,
Gu breacanach, armaichte,
Tarbhanta, grìnn,
Fo bhrataichean balla-bhreac’,
S ri garbh phort nam pìob.

Bu fhlathail na h-àrmuinn
A fàgail an glìnn,
A chosnadh buaidh-làrach,
Mar bàbhaist dhaibh bhìth.
S gur tric thug iad crathadh
Air cathraichean rìgh,
S cha philleadh gun dùthaich
Gun chùmhnantan sìth’.

Nuair thàrladh dhiu còisir
An seòmar nam pios,
Bu chridheil mun òl iad,
Ri òrain gan seinn;
Fir mhànranach, cheolraidheach,
Chòmhraidhteach, ghrinn,
A thràghadh na buideil,
S nach sgrubadh a phrìs.

Nuair ghlacas am bàs mi,
N aon àiteg am bi,
Gun guidhinn-sa Gàidheil
Bhithn làthair mo chrìch’,
Bhith righeadh mo chnàimhean
S a sgàileadh mo chinn,
S mo ghiulans mo chàradh
Fon fhàd anns a chìll.


AN T-EILEIN MUILEACH.

LE DUGHALL MAC-PHAIL.

LUINNEAG.
An t-Eilein Muileach, an t-Eilein àghmhor,
An t-Eilein grianach mun iadh an sàile;
Sar Eilein buadhmhor nam fuar-bheann àrda,
Nan coiltean uaine, ’s nan cluaintean fàsail.

Ged tha mim fhògarrach cian air maineol
S a Chaisteal-Nuadhs an taobh tuath de Shasunn,
Bidh tìr mo dhùthchais a tighnn fainear dhomh,
An t-Eilein Muileachbu lurach beannaibh.

Bu taitneach, cùbhraidh, ’s bu réidh an t-àilean,
Lebhlàthan maoth-bhogbu chaoine fàileadh;
Bu ghlan na bruachan mun dfhuair mi màrach
An Doir’ -a-chuilinn aig bun Beinn-bhàirneach.

Air Lusa chaisleach nan stacs nan cuartag
Bhiodh bradain thàrr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac,
Gu beo-bhrisg, siùbhlach, le sùrd ri luath-chleas,
Nacuislibh dùbh-ghorm gun ghrùid, gun ruadhan.

Bu chulaidh-shùgraidh do dh-ògfhir uallach,
Le gathan tri-mheurach, rìnneach, cruaidh-ghlan,
Air caol-chroinn dhìreach, gun ghiamh, gun chnuachd-mheoir,
Bhithtoirt nan làn-bhreac gu tràigh mubruachan.

Gheibhteadh an ruadh-chearcsna coilltean ìseal;
S a coileach tùchanach dlùth ga brìodal;
S ged bha na beanntan gun fhaing, gun fhrìthean
Bha daimh na cròice nan còrsaibh lionmhor.

Ben sòlas inntinn leam a bhithg éisdeachd
Ri còisir bhinn-ghuthach ghrinn a Chéitein;
A seinn gu sùnndach an dlùths nan geugan,—
A choill fo liath-dhealts a ghrian ag éirigh.

Nis chlaon gach sòlas dhiu sud mar bhruadar,
S mar bhrisdeadh builgein air bhàrr nan stuadh-thonn,
Ach soraidh slàn leis gach loinn is buaidh
A bhair eilein àghmhor nan àrd-bheann fuara.


Bha bean òg uair acàineadh an tombaca ri fear-eòlais ag radh gu robh e, a bharrachd air a bhi na chleachdadh salach, gle chronail don t-slàinte. “Ma ta,” ars am fear ris an robh i bruidhinn, “nach neònach nach do chuir e crioch air mathairsa, fear a tha smocadh na h-uile la a dhéireas e, agus tha e tri fichead bliadhnas a deich a dhaois.” “Faodaidh sin a bhith,” ars ise, “ach mur biodh e ris a phiob, co aige tha fios nach biodh e ceithir fichead!”


The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.

Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000

ARD OFIS, TORONTO.

AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.

B . E. WALKER,
Ard Mhanager.

Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager

Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhen Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor

Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas dem faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhen t-saoghal.

BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhen bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


SYDNEY & LOUISBURG RY.

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhIun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 10
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XII No. 10. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page