[Vol . 12. No. 11. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, NOBHEMBER 27, 1903. No. 11.
Nuair chaidh muinntir Eilein a’ Phrionnsa a stigh ri Canada bha coir aca air sia aiteachan-suidhe ann an ard-pharlamaid Ottawa. Deich bliadhna air ais chaidh an àireamh sin a leagail gu coig agus am bliadhna gu ceithir. Bha sin air a dheanamh a chionn nach robh àireamh sluagh an eilein a’ cumail suas ri àireamh sluaigh Chanada air fad. Tha muinntir an Eilein co-dhiù an deigh a’ chùis a chur ’san lagh, ag agairt nach robh coir aig an àrd-riaghladh, a reir cumhachan an aonaidh, air an àireamh a dheanamh na bu lugha na bha i ’sa cheud dol a mach. Ann an cuirtean Chanada chaidh a chuis nan aghaidh, ach tha iad a nis a togail na cuise gu Lunnuinn, far am bi a bhreith dheireannach air a tobhairt a chuireas a cheist a thaobh.
Bidh daoine duilich a chluinntinn gu’n do thachair droch sgiorradh do Mhorair Kitchener air a choigeamh la deug dhe’n mhios so. Bha e muigh leis fein a’ marcachd, agus air dha bhi dol troimh àite cumhang ghabh an t-each aige sgaoim ’s leum e gu taobh an rathaid far ’n do bhuail e ann am balla. Bha am morair air a thilgeadh as am diollaid agus bha e na shìneadh air an rathad faisg air uair mu’n d’ thàinig daoine na rathad a ghiùlain dhachaidh e. Fhuaireadh an sin gu robh té dhe luirgnean air a toinneamh ’s air a bristeadh an da àite beagan os cionn an aobruinn. Tha Kitchener, o’n thainig crioch air cogadh Africa mu dheas, na àrd-cheannard air an arm Bhreatunnach anns na h-Innsean. B’ ann am baile ris an canar Simla a bha e nuair thachair an sgiorradh so dha.
Bha pòsadh ann am baile New York toiseach a mhios so d’an dual a bhi iomraiteach ann an eachdraidh an t-saoghail. Cha’n e uaisle an duine no saoibhreas na mnatha dh’ fhàgas e iomraiteach, ged tha esan na Dhiùc Sasunnach agus ise na nighinn millionair; ’s e dh’ fhàgas am pòsadh so iomraiteach òinsealachd mnathan a bhaile mhoir sin. Chruinnich na mìltean dhiu timchioll na h-eaglais, agus cha robh an comas nam maor an cumail aig riaghailt. Tholladh iad a stigh air dòigh-eigin a dh’ fheuchainn am faigheadh iad sealladh de’n chàraid òig. B’ fheudar a bhi ga’n ruagadh bhar lobhta na h-eaglais, bho charbad bean na bainnse ’s eadhon á toll guail a bha taobh a cheuma air an robh aig a chòmhlan phòsaidh ri coiseachd. Thatar ag radh gur h-e bhi dàna, modhail lagh na cùirte, ach b’e riaghailt mnathan New York air an la rid a bhi dàna, mi-mhodhail. Ach cha chòir a bhi cur sios orra tuilleadh is mor. Bristidh an galair ceudna mach air ar taobh fein de’n chrich an ùine gun bhi fada; tha sinn gle mheasail air na fasasan Geancach. Nuair a chualas ann an Canada mu’n diol pogaidh a rinneadh air Hobson bochd leis na mnathan, ghabh sinn uamhas. Ach beagan ràidhean an deigh sin, nuair bha na gillean againn fein a’ dol air bord soithich ann a Halifacs a’ cur an aghaidh an Africa mu dheas, gu dé thachair?
Cha do shàbhail sion iad o bhi air an aon ruith ri Hobson ach an lionmhorachd. Bu ghlic ged a b’ éibhinn barail Eachainn Thirisdich air nithean de’n t-seorsa so. Ars’ esan, ’s e ’g innse mu naladiesa bha dìreadh ’sa chreathaill iaruinn gu mullach an t-siomalair mhoir an Glascho: “ ’S mi fhein nach posadh a h-aon diu! Mo nàire! bu choir do mhnathan a bhi banail malda. Chunnaic mi Mairi Mhor, nighean Eachann, a’ streapa suas gu bàrr croinn an Sgairinis aon uair, ’s cha do bhlathaich mo chridhe riamh tuilleadh rithe.” Ged nach eil Eachann beo air thalamh an diugh tha gu leor ann a tha chearta cho coma de luchd-pogaidh nan curaidhean ’s de luchd-aoraidh na h-uaisle ’s an t-saibhreis ’s a bha esan de’n nighinn mhoir a chunnaic e streapa suas am barr croinn.
Tha da shluagh anns an Roinn-Eòrpa ’s ann an Asia a tha na’n culaidh-thruais. ’S iad sin na h-Iudhaich agus na h-Armenianaich. Tha aona muillion deug Iudhach air an t-saoghal, agus dhe’n àireamh sin tha seachd muillion an taobh stigh de chriochan Ruisia. Tha sàrachadh mor ga ’dheanamh orra ’san dùthaich sin. Cha’n eil moran saorsa no sochair aig a mhor chuid de na Ruiseanaich fhein, ach dhe’n bheagan a tha iad a mealtuinn tha roinn mhor air àicheadh do na h-Iudhaich. Tha riaghladh is sluagh na dùthcha a nochdadh gach naimhdeis a tha na’n comas dhaibh, agus ged tha iad mar sin a’ cur an géill dhaibh nach eil iad air-son a bhi san aon dùthaich riutha, tha e gle dhoirbh do’n Iudhach faighinn air falbh. Cha ’n fhaigh e, ann an seadh, cead falbh no fuireach. Tha Breatunn an deigh ni a chur na’n tairgse a tha’n deigh an cridhe a thogail gu mor. ’S e sin roinn fhearainn a thoirt daibh ann an Africa anns an faigh iad saorsa ’s tearuinteachd agus cothrom iad fein a riaghladh. Tha an tairgse so an deigh gluasad iongantach a chur annta, agus faodaidh e tachairt gu fàg an àireamh mhor dhiu Ruisia ’s gu’n suidhich iad ann an tir ùr a gheallaidh fo thearmunn Bhreatuinn. Bha Iudhaich inbheach o chionn àireamh bhliadhnachan a’ feuchainn ri còir fhaighinn air tir Phalestin o Shultan na Tuirce. Bha esan a cur dàil anns a ghnothuch bho àm gu àm an dòchas gu’m b’ ann mar a b’ fhaide chumadh e iad bu mhò a gheibheadh e dh’ airgiod. Ach chuir Breatunn na clìchdean sin bun os cionn le fearann a thairgse dhaibh an cearn eile gu saor agus a nasgaidh. Bidh iadsan aig am bheil bàigh ri seann sluagh Israel a’ cumail sùil fhurachail air a ghnothuch ùr so, an dòchas gu’m faigh iadsan a bha air an geur-leanmhuinn cho goirt riamh o thuiteam Ierusaleim àite-dìdein mu dheireadh thall anns am bi iad saor o gheur-leanmhuinn ’s o fhòirneart an naimhdean.
Tha a mhor chuid de na h-Armenianaich fo riaghladh na Tuirce, ach tha àireamh mhor dhiu mar an ceudna ann an Ruisia. Tha iad air an droch chàramh anns an da dhùthaich—cha’n eil fhios có a’s fhearr no’s miosa dhaibh, am Mahometanach Turcach no’n Criosduidh Ruiseanach. Cha sluagh iadsan a tha na’m fògarraich o’n tir fein mar tha na h-Iudhaich. Tha iad a chòmhnuidh an dùthaich an sinnsir ged nach eil iad fein o chionn iomadh linn na’n uachdarain oirre. Ach tha iad mar na h-Iudhaich toigheach air teicheadh o’n fhòirneart a tha ga’n sàrachadh, agus cha b’ iongantach ged thigeadh tonnan mora dhiu a nall do America. Ma thig, nithear am beatha mar a’s fhearr a ghabhas deanamh. Cha’n iad an sluagh a’s freagarraiche air sìde ’s air gnè na dùthcha so, ach ged nach iad, cha bhiodh e criosdail no ceart an cumail air falbh. Cha bhuin an saoghal no cearna sam bith dheth do aon sluagh thairis air sluagh eile. Na’m buineadh bu chòir do na daoine geala dhol air ais do’n Roinn-Eorpa agus America fhàgail gu h-iomlan aig na h-Innseanaich, oir b’ ann dhaibhsan a bhuineadh an dùthaich air tùs, ged is beag an cuibhrionn an diugh.
Thainig litir ugainn an oidhche roimhe a’ faotainn coire do na thuirt MAC-TALLA mu Thamanidh anns an àireamh mu dheireadh. Cha’n eil àit againn dhi air an turus so, ach bidh i air a cur fa chomhair ar leughadairean anns an ath àireamh.
Cha bhiodh e iomchuidh feuchainn ri cunntas a chumail air gach ceannairc is righ-chuairt a tha ’gabhail àite ann an ceann a deas America. Ach bha aon dhe gach seors’ ann o chionn ghoirid air an còir iomradh a thoirt. Bha ceannairc is righ-chuairt ann am Panama a tha ’g aobharachadh moran seanachais. Tha Panama air a suidheachadh air gach taobh de’n t-sligh’ -uisge tha riaghladh nan Stàidean a gabhail os laimh a ghearradh eadar an da chuan mhor. Bhuineadh i roimhe so do Cholombia. Dh’ fheuch na Stàidean ri tighinn gu còrdadh ri Colombia a thaobh na sligh’ -uisge, ach bha Colombia ag iarraidh barrachd airgid ’s a bha na Stàidean toileach a phàidheadh, ’s cha d’ rinneadh an còrdadh idir. Thachair so mios no dha air ais, ach toiseach a mhios so thachair ni eile; dh’ eirich sluagh Phanama an ceannairc an aghaidh Cholombia, an dùthaich d’ am buineadh iad, agus chuir iad air chois riaghladh dhaibh fein. Gun dàil sam bith bhac na Stàidean do Cholombia an ionnsuidh bu lugha thoirt air an toirt fo chìs a rithist; an ceann bheagan làithean rinn an dùthaich cheudna riaghladh ùr Phanama aideachadh mar riaghladh laghail, agus an ceann bheagan làithean eile rinneadh còrdadh ri Panama leis an d’ fhuair na Stàidean air a prìs fein gach sochair is còir a chaidh a dhiùltadh dhi le Colombia. Tha Colombia mar sin air a fàgail ann an droch suideachadh; cha’n eil a dh’ airgiod na h-ionmhas na phàidheas eadhon riadh a h-ainbheich; ach tha Panama ann an sògh ’s am pailteas a mhaireas gus an teirig an t-airgiod a fhuair i bho na Stàidean. Ach ni a tha os cionn sin uile, an ni a reir gach barail bu mhàthair-aobhair do’n ghnothuch gu
[Vol . 12. No. 11. p. 2]
h-iomlan, fhuair na Stàidean còir a dhol air adhart leis an t-sligh-uisge air prìs gle reusonta. Agus tha paipeirean is luchd-stàite na dùthcha sin a’ feuchainn ris an an riaghlaidh fhìreanachadh fa chomhair an t-saoghail mar a’s fhearr is urrainn daibh.
Tha cuideachd an Iaruinn a’ cur mu dheidhinn cosdas na h-obrach a lughdachadh. Mu mheadhon a mhios bha eadar da cheud gu leth is tri cheud duine air an cur bhar na h-obrach, agus tha tuarasdail chàich ri bhi air an leagail. Dhiùsan a bha roimhe so a’ cosnadh na bu lugha na sia ceud dolair ’sa bhliadhna, bheirear an deicheamh cuid dhe’n tuarasdal; dhiùsan a bha cosnadh eadar sia ceud is mlle dolair, bheirear an coigeamh cuid; agus dhiùsan a bha faighinn corr is mile dolair bheirear an treas cuid. Thig so gle chruaidh air an luchd-obrach aig an àm, ach cha’n eil teagamh nach feum a chuideachd fàs na’s caomhnaich’ air an cuid airgid na bha iad ma tha iad air-son an obair a thoirt gu bhi pàidheadh. Cha’n eil teagamh nach robh iad roimhe so a cumail moran dhaoine air nach robh feum. Bha nabossesgu sonruichte lionmhor—ceannard air fhichead air an fhichead saighdear. Ged is dual do na tha tachairt an dràsda uireasbhuidh a chur air moran, tha e dh’ aindeoin sin na chomharradh math agus bidh dùil ris an obair-iaruinnn a bhi ’n ùine ghearr air bonn na’s fhearr na bha i fhathast. Bidh an duil sin air a neartachadh gu mor leis an sgeul a thainig o chionn seachduin, gu bheil Mr. Graham Friseil ri bhi air a chur air cheann na h-obrach, duine tha’n deigh a chomas mar fhear-deanamh iaruinn a dhearbhadh; duine mar an ceudna a bhuineas do’n duthaich agus air an aobhar sin aig am bi barrachd déidh air an obair fhaicinn a soirbheachadh na b’urrainn a bhi aig coigrich.
Tha sinn a’ creidsinn gu bheil deagh aobhar a bhi gearain air mar tha cùisean a Chomuinn Ghàidhenlaich air an cur air adhart. Cha’n e Aonghas Mac-Eanruig na aonar a tha ris a’ ghearain. Bha gu leòr dheth ri fhaicinn an deigh a Mhòid mu dheireadh anns na paipeirean-naidheachd a thatar a’ cur a mach ’sa Ghàidhealtachd. Cha’n eil e idir taitneach na h-aon fheadhain a bhi faighinn nan duaisean o bhliadhna gu bliadhna, agus tha e da-rìreadh na aobhar mi-mhisnich luchd-farpuis a bhi air fàs cho gann ’s gu’m b’ fheudar sia duaisean deuga a roinn air seachdnar. Chaidh duais eile thoirt seachad aig a Mhòd ann an dòigh a choisinn diumb nach bu bheag. Bha da choisir-chiùil a feuchainn cò ’b’fhearr air seinn òrain Ghàilig, aon a Inbhirnis is aon á Dundee. Bu luchd-labhairt Gàilig a mhor chuid dhiusan a bha’n coisir Inbhirnis, ach iadsan a bha’n coisir Dhundee cha robh Gàilig ac’ idir. A dh’ aindeoin sin fhuair iad an duais a b’ àirde. Tha sinn fein dhe’n bharail gu robh so cearr. Ma tha Ghàilig ri bhi air a cumail na ’cainnt bheò, ’s ann leothasan a bhios ga ’labhairt a nithear e, agus bu chòir sin a thoirt fa-near an àm a bhi buileachadh nan duaisean ud. Cha mhor feuma do’n chainnt a ni iadsan a dh’ ionnsaicheas beagan rann de dh’ òran a sheinn an dòchas duais a chosnadh. Ma tha an seòrsa sin ri bhi toirt leotha nan duaisean, cha’n fhada gus an sguir iadsan aig am bheil eòlas tuigseach air a chainnt a dh’ fheuchainn. Cha’n eil toil sam bith againn a bhi faotainn coire de luchd-riaghlaidh a Chomuinn Ghàidhealaich, no do na breitheamhan a tha toirt seachad nan duaisean. Tha sinn dearbh-chinnteach gu bheil iad a’ deanamh mar a’s fhearr a dh’ fhaodas iad. Cha’n eilear ach a comharrachadh nan coireannan so an dòchas gu’m bi iad air an cur ceart. Mar tha na sean-fhacail ag radh: “Is tric a bha comhairl’ an righ an ceann na h-òinid,” agus “Is math an sgathan sùil caraid.”
Tha moran ag amharc air-son taghadh pàrlamaid a bhi ann air a’ gheamhradh so, ach gu ruige so cha’n eil cinnt sam bith gu’n tig e gus an suidh an tigh uair eile. Tha naConservativesag ullachadh thall ’sa bhos, ach tha naLiberalsa’ feitheamh gus am faigh iad fios cinnteach. Bidh cothrom na bruthach acasan co-dhiu, agus mar sin cha leig iad a leas gluasad cho tràth ri càch. Bha Mr. R. L. Borden anns an t-siorrachd air an t-seachduin so, ’s labhair e aig coinneamh a bh’ ann an Sidni oidhche Di-màirt, ’s ann anGlace Bayoidhche Di-ciaduin. Bha an t-Onorach W. S. Fielding anns an t-siorrachd air an t-seachduin s’a chaidh, ag amharc thairis air caochladh obraichean a tha ri bhi air an cur air adhart air a bhliadhna tha tighinn.
ORWELL , E. P. I.—Tha cuideachd Airidh Orwell an deigh an samhradh a b’ fhearr a chunnaic iad a chur seachad am bliadhna. Reiceadh na rinneadh de chàise an ceithir miosan gu leth air $9 ,346.00. Nuair theid gach cosdas a phàidheadh as an t-suim sin, bidh air fhàgail aca-san a bha deanamh gnothuich ris an fhactoridh 78 cts air-son gach ceud punnd bainne chuir iad ann. Bho’n choigeamh la deug de dh’ October thatar a deanamh ime, agus tha’n t-ìm a reic air 21c. am punnd ann an tubaichean ’s am bocsaichean, agus air 22c. na phacaidean puinnd. Re nan ochd bliadhna roimhe so bha luach $106 ,077.55 de dh’ ìm ’s de chàise air a reic leis a chuideachd so.
Bha fear Ieremiah Domhnullach air a mharbhadh eadar Sidni is mèinn an Reserve oidhche Di-domhnaich an coigeamh la deug de’n mhios. Ruith càr bha dol do Ghlace Bay thairis air, agus bha e air a ghrad mharbhadh. Bhà e na shìneadh air an rathad, ’s e a reir coltais ann an cadal daoraich. Cho luath ’s a chunnacas e chuireadh stad air a chàr, ach bha ì ro fhaisg air agus chaidh na cuibhleachan toisich thairis air a’ gearradh a chuirp gu h-eagallach. Bhuineadh e do’n Mheinn a Tuath, far an robh e ’g obair: bha e na ’bhantraich agus dh’ fhag e aon duine cloinne.
Chaidh fear Rob Howlett a mharbhadh ann an aon de mhèinnean Sydney Mines Di-sathuirne, an ceathramh la deug de’n mhios, le meall cloiche a thuiteam mu ’cheann. Thachair an sgiorradh ’sa mhaduinn agus chaochail e mu dheich uairean ’san oidhche. Nuair a thuit a’ chlach air chaidh a phiocaid troimh ’cheann agus bha ’eanachainn air a goirteachadh. Bha e deich bliadhna fichead a dh’ aois, agus bhuineadh e do Dhurham, an Sasunn, far am bheil triùir pheathraichean is dithis bhràithrean dha a fuireach.
Bha stoirm shneachd againn an so seachduin gus an Di-luain s’a chaidh. Bha e ’sileadh a chuid mhòr de’n mhadainn, ach cha robh e fada leaghadh. Cha b’e so a’ cheud shneachda chunnacas an so air an fhoghar so, ach b’e so a’ cheud latha air an robh fior choltas a gheamhraidh. Shil moran a bharrachd anns na roinnean an iar oirnn; ann an ceann a tuath New Brunswich bha mu shia òirlich de shneachda air an làr tràth ’sa mhios.
Tha pàrlamaid Nobha Scotia ri bhi cruinn beagan làithean air an ath mhios, a’ fosgladh air an treas latha. ’Se ’n gnothuch a tha ’g aobharachadh so an sgaradh a tha ri bhi air a dheanamh eadar cuideachd an Iaruinn ’s cuideachd a’ Ghuail. Thatar air-son sin a thoirt gu crìch gun dàil, agus cha ghabh e deanamh gun chead o’n phàrlamaid.
Air a bhliadhna ’n uiridh bha 227,065,000 tunna guail air a chur a mach á mèinnean Bhreatuinn; á mèinnean nan Stàidean, 268,689,000 agus a mèinnean na Gearmailt, 197,436,000. Nach suarach dha no tri mhilleinean Cheap Breatuinn an taca ris na h-àireamhan sin.
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIDHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. XIX.
SEALLADH EILE AIR AN OSDAIR DHUBH—TRIOBLAIDEAN AGUS DILSE MAIRI.
IS tìm dhuinn a nis sealltainn air-son cinn pàirt de na snàthleinean a chaill sinn o chionn fada, agus an tarruinn suas ’s an deilbh, mu ’m bi tuill neònach ann an àm a leigeil bhar a chroinn. Dh’fhàg sinn, ma ta, snàthlein bhuainn, a bha gu math, snaimeach, taogagach, agus is cinnteach a tha mar sin fhathast, oir an car a th’ anns an t-seana mhaide is doirbh a thoirt as, ann an Osdair Dubh Ghlinn Duibhre.
Chaidh cùisean leis an Osdair Dhubh fior mhath o’n a chunnaic sinn mu dheireadh e, agus tha ’nis, mar a bhios aig uaislean eile, da dhachaidh aige. Fhuair e stigh air na daoine mora aig an robh oighreachd a’ Bheallaich air an làmhan, agus ’s e thainig as a chùis gu ’n d’ fhuair e bhi na mhaor thairis air an àite gus an rachadh a reic. Bha ’n t-Osdair fior thoilichte faighinn a gèimhlean Chaiptean Adam, agus bha e ’cheart cha toilichte mar a fhuair e cuibhteas Eóbhain bàn mac an t-saighdeir, air an robh e ’g amharc cuideachd mar fhìor nàmhaid. Is iomadh adharc shearbh mar sin a thràigh e air a shlàinte fhein an cuideachd Uilleam, agus is iomadh greim mor brosgail a chur Uilleam na ’bheul aig na h-amannan so, le bhi ga ’mholadh ’s ga ’shlìobadh ’s ga ’phlapadh, oir le ’fhéin-fhiosrachadh b’e so am biadhadh a b’ fhearr a bha pàidheadh dha an uair a bhiodh e ’g iasgach brandaidh a charaid. Ann an aighear grìsionn mar so bhiodh iad a’ cur seachad na h-ùine, uair ’sa mhuileann dubh ’s uair aig a bhaile.
Ach am meadhain so cha do rinn an t-Osdair Dubh idir dearmad air ’fhearg a dhùsgadh agus a beothachadh le connadh a dhroch rùin fhein an aghaidh màthair bhochd Eobhain bhàin agus Màiri bheag dhìleas. Mu ’n d’ fhuair e cumhachdan leis an rachadh aige air a thoil a dheanamh, dh’ ullaich e ’n t-slighe, agus b’e ’theanga phuinnseanta ’thàinig uca leis a bhrath thruagh gu ’n d’ fhuaradh bàta beag Eobhain air a’ chladach, ’s gu ’n robh e fhein gu cinnteach air a bhàthadh. Thug e mar so, bha e ’smaointinn, a bhuille bhàis do ’n bhantraich bhochd. Agus air eagal ’s gu ’m faigheadh i an gath a b’ fhaoine de dhòchas, ann an riochd litreach o ’mac, fhuair e ’phostachd do dh’ Uilleam dearg, agus mar sin bha litrichean Eobhain a tighinn gu crìch aithghearr na ’chrògan dubha, cnàmhach fhéin. Cha ’n fhóghnadh so leis an daoi; ach cho luath ’s a fhuair e ùghdarras maoir thairis air oighreachd a’ Bheallaich, dh’ fhuadaich e na deòiridh thruagh a mach do bhothan dìblidh, aonaranach, an uaigneas nam beann, oir bha iad a nis ann am bàs Eóbhain, dh’ innis e dhaibh, air an còir a chall air an dachaidh ’san Dùn, oir cha robh ainm na bantraich idir ’san sgrìobhadh, ged a bhatar ga ’ciallachadh ’sa chòir a fhuair iad an tùs air an àite. Mar sin b’ fheudar an t-seann nead clùthmhor fhàgail, ’s air an cuideachadh le nàbaidh truacanta no dha, dh’ fhàgadh na faondraich thruagha aig toll dorus a bhothain bhochd ’sa bheinn air an fheasgar, ’s an t-uisge ’dòrtadh na thonnan ’s bruansgal nan tàirneanaich ga’n cuairteachadh agus solus clis nan dealanach a nochdadh dhaibh na sgair aognaidh a bha ga ’n cuairteachadh an aodann na beinne ’san àit’ ùdlaidh. Nam biodh deasbud ri ’togail feuch co-dhiu a b’ fhearr taobh am muigh no taobh a stigh a bhothain so mar àite fasgaidh, ’s e na bhiodh ri ràdh am
[Vol . 12. No. 11. p. 3]
fàbhar an taobh a stigh gu ’n robh na ballachan a deanamh beagan fasgaidh, ach troimh ’n mhullach bha ’n t-uisge ’steach mar a bha e ’muigh—ach cha b’ ann idir, ged thuirt mi sud, oir am muigh gheibhteadh glan e.
Leis a h-uile rud a bh’ ann cha b’ ioghnadh ged a bhristeadh slàinte na bantraich bhochd—slàinte nach robh ro mhath o’n dh’ fhàg a companach i a’ caoidh a chrìch roimh ’n àm. Air lamhan òga Màiri dh’ fhàs i gu lag, tinn, mu ’n do thàrr càch a fàgail, agus b’e cheud ghniomh a rinn a chaileag mhaoth, threun-inntinneach, an deigh a faighinn cho comhfhurtail ’s a b’ urrainn dhi, a dhol do mhullach a bhothain, agus leis gach ni a thigeadh gu laimh feuchainn ri chalcadh gus e bhi dionach os cionn na té ’bha tiun. Cha robh an so ach toiseach tòiseachaidh trioblaidean Màiri, oir, an ùine ghearr, thòisich a stòr air fàs beag, cho crion ’s gu robh na bha tighinn as, ’s an ceann da sheachdain cha robh ’sa chlòsaid bhig de bhiadh na dheanadh tri tràthan.
Bha nis a’ bhantrach air fàs beagan na bu treise, ach, mo thruaighe! chuir na trom bhuillean a fhuair i a reusan ’s a ciall air seacharan, ga ’fàgail neo-lochdach gun teagamh, ach gun chomas air ni a dheanamh gus i fhein a chumail beò. Bha so buille throm eile bha fior chràiteach le Mairi, agus gu h-àraidh air dhi a bhi cluinntinn a bana-charaid aosda, na ’cadal ’s na dùsgadh, a bruidhinn daonnan air Eobhain bàn, agus dùil aice ris dhachaidh gach mionaid, ’s gu ’n e, ma b’ fhior, ach ag iasgach. Dh’ éireadh a’ bhean bhochd le dealas gach feasgar, ’s chuireadh i a’ phoit bheag air an teine, ag ràdh, “Coma leat, a Mhairi, a luaidh! Bidh iasg ùr againn gun dàil! Thig Eobhain an ceart-uair is eallach math aige mar is àbhaist!”
Cha robh ’chaileag fada na ’tàmh gun chur mu dheidhinn feuchainn ri ’n lòn a chosnadh, ach bha e doirbh, doirbh, agus ged a fhuair i mosgaid earbsach Eobhain bhàin ’s ged a bha i math air a cùl, cha robh sealg ceadaichte no freagarrach ’san àm. Bhiodh daoine truacanta ’tairgse bidh dhi mar dhéirc, ach cha leigeadh a nàdar glan leatha ’ghabhail; bha i smaointinn gu ’n tachdadh a’ cheud ghreim i dhe ’n t-seorsa, fhad ’s a rachadh aice fhein, leis a bheagan obrach a bha i ’deanamh na uairean do chàch, air an coluinn ’s an anamannan le chéile ’chumail cuideachd.
Mar an ceudna thàinig barrachd is aon òganach ga ’h-iarraidh ri ’pòsadh, agus, arsa fear dhiubh so rithe: “Bidh dachaidh chomhfhurtail agad, ’s gach ni dh’ fheumas tu; ach cha ghabh mi, tha thu tuigsinn, gnothuch ris a chaillich. Agus cha ’n ’eil mi idir a tuigsinn c’ar son nach fhad a thug thu suas i do dh’ àite ’ghabhadh cùram dha leithid, ’s i cho cearr ’s a cheann ’s a bha Mac-Eoin ’s na casan.”
Mar a dh’ fhaodar a thuigsinn fhuair am fear so ’s a sheorsa an aon fhreagairt o Mhàiri, agus an cur air falbh le cuileag bheag na’n cluais gu margadh eile le ’n tairgse. Agus ged a thàinig aon a ghabhadh Màiri, ’s mar thuirt e fhein, leth-dusan cailleach leatha, agus a bheireadh dachaidh mhath, sheasgair dhaibh, cha ’n aontaicheadh a cridhe leatha ’thairgse ghabhail, na bu mhò, cho caoimhneil ’s gu ’n robh e. Mu dheireadh dh’ fhàgadh i na h-aonar gus a batail a chur le spionnadh a da ghàirdean mhaoth fhéin, agus le misneach na ’h-aghaidh nach robh i idir a faireachdainn, chaidh i air beulaobh iomadh coimheach cruaidh a dh’ iarraidh obrach gus a lòin a chosnadh. Mar bu trice bhatar ga ’tionndadh air falbh le suarachas, agus iomadh uair thionndaidh i air falbh gu clis, le ’meòirean na cluasan, o thairgseachan bu mhiosa na ’n tàir a bha càch a nochdadh dhi. Ach bha iomadh fior Chriosdaidh a tachairt rithe a bha deanamh an dichill gus a cuideachadh, le obair a thoirt dhi ri dheanamh, ach bha iad so mar bu trice bochd, agus gu math eòlach, le féin-fhiosrachadh cruaidh, air fiacail bhiorach, spiolach na gorta.
Air aon fheasgar anmoch bha Mairi a tilleadh dhachaidh le ceum fann, gun obair, gun bhiadh, an déigh a bhi fad an latha ’siubhal rathad garbh monaidh. Cha do dh’ fhàg i ’sa bhothan ach beagan bidh, agus mar sin dh’ fhàg i, mar a rinn i iomadh uair, gun ach gann blasad air, ga ’fhàgail aig a bhantraich bhochd, air eagal ’s nach biodh buaidh leatha air a turus. Cha robh i mar so a leigeil dìth air a bana-charaid, ged a bha ’gruaidh òg fhéin a nis air fàs gu tana, bàn; ach bha i gach àm gu subhach a dol mu ’h-obair, a seinn mar smeòraich, ’s a fàgail ’s a tighinn gu ’dachaidh dhìblidh le gàire air a bilean. Ach air an latha so chinn na dàin ro ghruamach buileach glan. Fann le cion bidh, ’s iomadh uair a sheas i aig bonn stùc, ga ’faireachdainn fhein toileach toirt suas, ’s i fhein a leigeil sios gu fois gu bràth, an t-eallach trom so a leigeil gu làr, ’s gun i comasach dìreadh na b’ fhaide. Ach chuimhnicheadh i air Caraide nan deòiridh ’s nan dìlleachdan agus bheireadh i ionnsuidh bhuadhmhor eile fo stiùireadh a ghàirdean threun aig a bheil gach aon fo chùram. Bha i mar so a’ direadh air an fheasgar so, a dol ma seach le laige ’s a suidhe tacan air bàrr gach bearraidh a chruinneachadh neart a bheireadh pios eile air adhart i. Air dhi a bhi na ’suidhe mar so air bàrr bearraidh a bhuannaich i, chual’ i gu soilleir cuideiginn a caoineadh gu goirt air an laimh dheis a measg nan creag. Gu nàdarra ghabh i car de dh’ eagal ’s de dh’ fhiamh, oir bha leithid a chluinntinn gle mhi-nàdarra na leithid de dh’ àite aonaranach, is dh’ éisd i tacan’s i air chrith, feuch an cluinneadh i rithist e. Thàinig an ùine ghearr air soirbheas fann an fheasgair an caoineadh goirt a rithist, agus air an turus so dh’ fhalbh gach fiamh is eagal, oir thuig i gu ’n robh co-chreutair truagh an airc, na bu mhiosa, is docha, na bha i fhein. Dhi-chuimhnicheadh Màiri daonnan a trioblaidean fhein an trioblaidean dhaoin’ eile, agus cho cruaidh ’s gu’m biodh a h-airc, b’e ’miann làmh-chuideachaidh a thoirt do gach aon air an tigeadh i tarsuinn air a slighe na fheum. Le ’neart air ùrachadh le deagh rùn is toil, ghabh i sios, agus fo sgàth creige chunnaic i, an glaise na glòmanaich, coltas boirionnaich òig ’s a lamhan fo ’ceann, air i fhein a leigeil suas gu tùirse ’s bròn dian. An ath mhionaid leum Mairi air adhart ’s rug i na ’gàirdeanan oirre; oir ’san t-seacharan thruagh so dh’ aithnich i Una dhonn a phìobaire, ach O, cho atharraichte! Cha robh moran samhlaidh aice so, le ’pearsa chaithte ’s le ’h-aogas tana, glas, ris an Una a b’ aithne dhi ’n tùs—gràinne-mullaich òighean an àite.
“O, Una, Una,” arsa Mairi, ’s a deòir a measgadh le deòir a bana-charaid, “dé tha cearr? dé dh’ éirich dhut? no dé chuir na leithid so a dh’ àit’ thu mu ’n àm so?”
Le guth briste dh’ innis Una mar a dh’ éirich dhi, o’n a chunnaic sinn i mu dheireadh aig dorus bothan an iasgair. Ghabh teaghlach an iasgair cùram dhi gus an d’ fhàs i na bu treise; ach fhuair bean an iasgair a mach co i agus mar a dh’ éirich dhi o bhana-choimhearsnaich a thàinig ga ’h-amharc. A bhàrr air a sin thug bean an iasgair an aire gu ’n robh Coinneach a mac air fàs gle dhéigheil a bhi stigh o’n a thàinig Una fo na cabair. Thug so oirre, mar chirc an aon isein, na h-itean a thogail gu colgarra, agus Una bhochd a chur, le iomadh facal sgeigeil agus ailiseach, a mach air an dorus, air aon fheasgar iunnraiseach dhe ’n t-saoghal fhuar. Gu nàdarra thug i ’h-aghaidh air a màthair, ach an uair a rainig i na ’h-éiginn, fhuair i dorus glaiste ’s fàrdach fhuar, lom air a coinneamh. Agus fhuair i mach o sheann eòlach nach do dh’ aithnich i, gu ’n dàinig seann fhear air choireiginn, aig an robh eòlas air a màthair na òige, ’s gu ’n do phòs iad gu bog, balbh, ’s gu’n d’fhalbh iad air an aon latha ’s nach robh fios aig duine c’àite. Mar so bha ’n sràbhlein mu dheireadh thun na shìn i làmh air a fàgail, ’s an saoghal tarcuiseach aice ri shabaid da rireadh. Cha deanadh caoidh a ghàire ’rinn i ’n uiridh feum, ged a bha i ris gun lasachadh; agus cha robh mar an ceudna aice ach inntinn leam leat riamh, gun chomas air stéidhe no bonn seasmhach a chur fo aon dhe na beairtean a bha i nis a deilbh na ’h-inntinn gus a h-aran làitheil a chosnadh. Gun cheann-uidhe sonraichte sam bith na ’h-aire, ghluais i air falbh air dhi an naigheachd so a chluinntinn, oir cha d’ fhuair i cuireadh o aon ’sa bhaile fuireach, agus thug i ’h-aghaidh air a mhonadh air-son a dhol taobh air choireiginn, bha i coma c’àite, ach gu ’n robh Bail’ -an-Iubhair a tighinn na h-aire na bu trice na àit’ eile.
B’e so rùin an robh i, ’s i air an rathad gu tur a chall, an uair a thachair i air Màiri, agus bu mhor a toileachadh agus bu bhlàth an fhàilte chuir i oirre, agus b’ fhialaidh an cuireadh a thug i dhi gu ’dachaidh dìblidh gus pàirteachadh an toradh crion a saothair fhein. Gu subhach, aotrom, gun chuimhn’ air coimhiche dhòrainneach a latha, chuidich i ceumannan mall Una thun a bhothain, agus bha i fad na slighe a feuchainn ri chur air shùilean do dh’Una cho fior fhaoin ’sa bha an trioblaidean, ’s mar a dh’ fhaodadh iad a bhi moran na bu mhiosa, ’s an sin le gàire thionndaidh i am brat duaichni gus a shealltainn gu ’n robh ma b’ fhior lìnig bòidheach air ri chùl, thun an tigeadh iad na ’m biodh iad cho foighidneach ’s gu ’n caitheadh iad an còrr le dìlse mar a dh’ òrdaich Dia. Air thàille nan oidhirpean so bha Una gu sunndach ’nuair a rainig iad dorus a’ bhothain, a bha nis na ’dhachaidh cho taitneach ’s a b’ urrainn da laimh Màiri a dheanamh.
An oidhche sin bha Una gu tinn, agus fad da sheachdain na dhéigh bha i gun chomas i fhein a chuideachadh, agus bha Màiri ga ’frithealadh fad na h-ùine le gaol a bha os cionn gaol peathar. Fhuair a nis daoine ’mach cho fìor mhath ’sa bha i air a lamhan, agus thug iad cothrom dhi rud a chosnadh a bha ga ’cumail fhéin ’s an dithis a bha ’sealltainn ri saothair beò.
(Ri chriochnachadh ’s an ath aireamh.)
ROBINSON CRUSOE.
CAIB. IV.
MAR a dh’ ainmich mi mar tha, b’ e mac an sgiobair an companach a chomhairlich dhomh a dhol gu muir, agus a chuidich gus mo chridhe a chruadhachadh; ach cha robh e nis cho dalama ’s a b’ abhaist dha. Bha sinn da latha, ar neo tri, ann a’ Yarmouth mu ’n do thachair mi-fhin ’s e-fhein ri cheile; o ’n a thachair nach robh sinn a’ fuireach faisge air a cheile. Mar a thubhairt mi, a’ cheud latha ’chunnaic mi e, cha robh e idir cho bragail ’s a b’ abhaist dha; bha a ghuth agus a choltas a’ nochdadh gu ’n robh e fad’ o bhith toilichte. An uair a dh’ fheoraich mi dheth cia mar a bha e, chrath e a cheann.
Dh’ innis e dha athair co mi, agus gu ’n do ghabh mi an turus-cuain ud gus mi-fhin a chur fo dhearbhadh mu’n rachainn air turus do na rioghachdan thall.
Thionndaidh ’athair rium, agus coltas gle smaoineachail air ’aghaidh, agus ann am briathran durachdach, thuirt e: “Ille oig, cha bu choir
[Vol . 12. No. 11. p. 4]
dhut a dhol gu muir gu brath tuilleadh; bu choir dhut an gabhadh so anns an robh thu a ghabhail mar chomharradh cinnteach, soilleir nach ’eil thu ri bhith caitheamh do bheatha aig muir.”
“C’ar son, le ’r cead?” arsa mise: “An teid sibh fein gu muir gu brath tuilleadh?”
“Is e tha ’n sin ceisd eile,” ars’ esan; “is e bhith aig muir mo ghairm laghail-sa, agus air an aobhar sin, mo dhleasdanas. Ach o ’n a ghabh thusa an turus so gus thu fhein a chur fo dheuchainn, tha thu nis a’ faicinn gu ’n d’ thug am Freasdal faireachadh dhut mu dheidhinn ciod a tha gu tachairt dhut, ma chuireas tu romhad a dhol air aghart mar a tha thu ’deanamh. Is docha gu ’n do thachair am mi-fhortan so gu leir dhuinn air do shaillibh, coltach ri Ionah anns an luing a bha ’dol gu ruige Tarshish. Innis dhomh, guidheam ort, ciod e do shuidheachadh, c’ar son a chaidh thu gu muir?”
An uair a chuala mi so dh’ innis mi dha cuid dhe mo naigheachd; agus an uair a chuir mi crioch air na bh’ agam ri radh, labhair e rium ann an corruich a chuir ioghnadh orm agus thuirt e: “Ciod a rinn mi an uair a leig mi le creutair cho suarach mi-shealbhach riut a dhol air bord do ’n luing agam? Cha chuirinn mo chas anns an aon luing riut a rithist ged a bheirteadh dhomh mile punnd Sasunnach.”
Mar a dh’ ainmich mi, bha corruich air, agus bha ’inntinn gu mor troimh a cheile an deigh dha an long ’s an luchd a chall, agus mar sin labhair e briathran nach bu choir dha a labhairt.
Ach air a shon sin labhair e rium ’na dheigh sid gu ciuin, durachdach, agus chomhairlich e dhomh tilleadh dhachaidh gu taigh m’ athar, agus gun mi fhin a chur a dhith le bhith dol air aghart ann an cursa a bha gu soilleir an aghaidh toil an Fhreasdail. Thuirt e rium gu ’m faodainn fhaicinn gu soilleir gu ’n robh lamh an Ti a bha riaghladh air neamh ’nam aghaidh. “Agus a dhuin’ oig,” ars’ esan, “mur tìll thu dhachaidh, faodaidh tu a bhith cinnteach, ge b’ e air bith aite do ’n teid thu, nach tachair dad sam bith riut ach mi-fhortan agus mealladh, gus an coimhlionar na labhair d’ athair mu d’ dheidhinn.”
Dhealaich sinn ri cheile beagan ’na dheigh sid, oir cha d’ thug mi freagairt sam bith dha, agus cha ’n fhaca mi riamh tuilleadh e, agus cha ’n ’eil fhios agam cia mar a thachair dha.
Do mo thaobh fhin, o ’n a thachair airgiod a bhith ’nam phocaid, choisich mi gu ruige Lunnainn; agus am feadh ’s a bha mi air an rathad, agus an deigh dhomh Lunnainn a ruighinn, bha stri laidir a’ dol air aghart ’nam inntinn a thaobh ciod an cursa beatha a b’ fhearr dhomh a leantuinn, agus co dhiubh a b’ fhearr dhomh tilleadh dhachaidh na dhol gu muir.
A thaobh a dhol dhachaidh, chum an naire buileach glan air ais mi, ged a bha mo chridhe agus m’ inntinn ag iarraidh orm tilleadh dhachaidh gun dail. Thoisich mi anns a’ mhionaid ri smaointean air mar a bhiodh na coimhearsnaich a’ magadh orm, agus mar a bhiodh naire orm cha ’n e mhain a dhol an lathair m’ athar ’s mo mhathair, ach mar an ceudna an lathair a h-uile neach aig an robh eolas orm.
O ’n uair ud smaoinich mi gu tric air cho neo-shuidhichte agus cho mi-reusanta ’s a tha nadar dhaoine, gu h-araidh na daoin’ oga, a thaobh mar bu choir dhaibh iad fhein a ghluasad anns an t-saoghal. Cha ’n ’eil naire sam bith orra peacadh a dheanamh, agus gidheadh tha naire orra aithreachas a dheanamh; cha ’n ’eil naire orra gniomharan a dheanamh air son am faoidte amadain a radh riutha; ach tha naire orra tilleadh air ais o ’n obair amaideach a rinn iad, ged is e so an aon doigh air am meas mar dhaoine glice.
Ach air a shon sin, dh’ fhan mi anns an t-suidheachadh-inntinn so car uine, agus mi gun fhios agam ciod an ceum bu choir dhomh a ghabhail, no ciod an doigh anns am b’ fhearr dhomh mo bheatha ’chaitheamh.
Bha m’ inntinn a’ fas na b’ fhaide ’s na b’ fhaide ann an aghaidh tilleadh dhachaidh. Agus mar a bha ’n uine a’ dol seachad, bha ’n deuchainn agus an cunnart anns an robh mi air an fhairge a’ dol beag air bheag as mo chuimhne; agus air an aobhar sin, bha mi a h-uile latha dol na bu lugha smaointean air tilleadh dhachaidh. Mu dheireadh thall leig mi an gnothach as mo chuimhne buileach glan, agus bha suil am mach agam air son luinge air an gabhainn turus-cuain eile.
An cumhachd uilc ud a thug orm an toiseach falbh a taigh m’ athar, agus a bhrosnaich mi gus a dhol a shiubhal an t-saoghail agus a dh’ iarraidh an fhortain; a lion mi cho mor le fein-speis ’s gu ’n d’ thug mi cluas bhodhar do gach comhairle agus earail mhath a thug m’ athair agus muinntir eile orm; thug a’ cheart chumhachd so, tha mi ’g radh, orm m’ inntinn a shuidheachadh air a dhol air turus cho mi-fhortanach ’s a b’ urrainn a bhith; agus chaidh mi air bord ann an luing a bha ’dol a sheoladh gu ruige corsa Africa, no, mar a theireadh na seoladairean gu cumanta, air turus gu ruige Guinea.
Mar a bha am mi-fhortan an dan dhomh air a h-uile turus air an d’ fhalbh mi, an aite falbh ’nam sheoladair far an faodainn marachd ionnsachadh, ged a bhitheadh obair chruaidh agam ri dheanamh iomadach uair, agus far am faodainn air a’ cheann mu dheireadh tighinn gu bhith ’nam mhet no ’nam sgiobair air luing, is ann a roghnaich mi doigh bu mhiosa. O ’n a bha airgiod ’nam phocaid, agus aodach math air mo dhruim, b’ fhearr leam an comhnuidh a dhol air bord ann an eideadh agus ann an suidheachadh duin’ uasail. Agus air do ’n chuis a bhith mar so, cha robh gnothach sam bith agam ri dheanamh anns an luing, agus cha mho na sin a dh’ ionnsaich mi gnothach sam bith a dheanamh.
Thachair dhomh anns a’ cheud dol am mach eolas a chur air deadh chompanaich ann an Lunnainn. Is ainneamh a tha so a’ tachairt do dhaoin’ oga, fuasgailteach, gun stéidhe, mar a bha mise aig an am ud. Mar is trice cha dean an droch spiorad dearmad air droch lion a sgaoileadh gu math trath fa chomhair mo sheorsa; ach gu fortanach cha do thachair so dhomhsa.
B’ e a’ cheud dhuine air an do chuir mi eolas sgiobair luinge a bha roimhe sid air corsa Ghuinea agus o ’n a shoirbhich a ghnothach gu math leis, bha e suidhichte gu ’n rachadh e ann a rithist. Ghabh e tlachd dhe m’ chomunn ’s dhe m’ chomhradh-sa, nach robh idir mi-thaitneach aig an am ud. Agus an uair a chual’ e mi ’g radh gu ’n robh toil agam cuid mhor dhe ’n t-saoghal fhaicinn, thuirt e rium nam falbhainn comhladh ris nach cosgadh mo thurus dad dhomh. Thuirt e gu ’m faighinn mo bhiadh comhladh ris fhein, agus gu ’m bithinn ’nam chompanach aige; agus nan tugainn rudan sam bith leam gus malairt a dheanamh leotha, gu ’m biodh a’ bhuannachd a dheanainn leis a’ malairt agam fhin; agus gus an tuilleadh misnich a thoirt dhomh, thuirt e gu ’m faodadh gu ’n soirbhicheadh an gnothach leam gle mhath.
Ghabh mi an tairgse so, agus dh’ eirich dluth-chairdeas suas eadar mi-fhin ’s an sgiobair so. Bha e ’na dhuine treibhdhireach, onarach, anns gach gnothach a bhiodh aige ri dheanamh. An uair a dh’ fhalbh mi comhladh ris, thug mi leam luach da fhichead punnd Sasunnach dhe na rudan a shaoileadh an sgiobair a b’ fhearr a phaigheadh dhomh. Chruinnich mi an t-airgiod so le cuideachadh mo chairdean a dh’ ionnsuidh an robh mi ’sgriobhadh; agus, tha mi creidsinn, gur e m’ athair, ar neo mo mhathair, a thug dhaibh e gus a chur g’ am ionnsuidh.
B’ e so an aon turus a shoirbhich leam dhe na h-uile turus air an deachaidh mi. Agus is coir dhomh a thaing sin a thoirt do mo charaid, an sgiobair. Fhuair mi moran fiosrachadh uaithe mu thimchioll sgoil-mhara. Theagaisg e dhomh mar a chumainn cunntais air cursa na luinge, mar a ghabhainn beachd air aghaidh mara ’s tire, agus air aghaidh nan speur, agus, a dh’ aon fhacal, fhuair mi eolas uaithe air iomadh rud air am biodh e feumail do sheoladair beachd a ghabhail; oir, o ’n a bha e fhein a’ gabhail tlachd ann a bhith ’g am theagasg, ghabh mise tlachd ann a bhith ’g ionnsachadh. Agus faodaidh mi a radh gu ’n d’ rinn an turus so araon seoladair agus marsanta dhiom. Thug mi dhachaidh coig puinnd agus naodh unnsachan de smurach oir, agus an uair a reic mi ann an Lunnainn e, fhuair mi tri cheud punnd Sasunnach air a shon. Thog so a leithid de mhiann laidir annam an deigh saoibhreis ’s gu ’n do chuidich e leis gach truaighe agus mi-fhortan a thainig ’nam rathad o ’n uair ud. Ach eadhoin air an turus so thainig mi-fhortan ’nam rathad. Bha mi tinn mar bu trice. Ghabh mi teasach a dh’ eirich o ’n teas anabarrach mor a tha ’n comhnuidh anns a’ chearn ud dhe ’n t-saoghal; oir bha sinn a’ reic ’s a’ ceannach aig corsa Africa faisge air meadhain an t-saoghail, aite cho mor teas ’s a tha fo ’n ghrein.
(Ri leantuinn.)
LITIR AS NA H-EILEANAN COILLE.
A CHARAID IONMHUINN, —Is fhad’ o’n a thug mi ionnsuidh air facal no dha a chur ugad, ach bhiodh daonnan ni éiginn a tighinn ’san rathad, agus facal anns an inntinn ag ràdh gu ’m biodh cothrom na b’ fhearr uair eile. Ach air dhomh cuimhneachadh air an t-seanfhacal, “An rud anns an teid dàil theid dearmad,” thòisich mi, cha ’n e gu bheil sùil sam bith agam ri duais, a chionn cha choltach gu ’n dig mise suas ri moran dhe ar co-sgriobhadairean.
Tha mi faicinn gu ’n d’ fhuair mo dheagh charaid C. C. agus Peigidh Phabach duais, agus gu dearbh saoilidh mi gur math a choisinn iad e. Cha ’n ’eil fios agam co i Peigidh Phabach; ach saoilidh mi air na litrichean gu bheil i (no e) glé laghach air cùl a phinn. Ach na ’n canteadh Peigidh Phabach rithe ’n clàr an aodainn, cha ’n ’eil fios agam an taitneadh e rithe na ’s mò na na Peigidhean a th’ agam fhìn. Na ’m biodh duais air son an sgrìobhadair a’s sinne a tha sgrìobhadh do ’r n-ionnsuidh bhiodh sùil agam ris, ach o nach ’eil feumaidh sinn fuireach samhach.
Cha ’n ’eil dad a naigheachdan ùr agam fhìn ann; tha mi air mo bhódhradh le Beurla, agus tha sin ga mo chur bhar mo shiùil. Agus rud eile a tha cur dragh orm, gu bheil e air tur fhairleachadh orm tuilleadh ainmean ùr fhaotainn air son MHIC-TALLA. Cha ’n e nach ’eil pailteas de shliochd nan Gaidheal timchioll orm, ach O, their iad nach urrainn iad a leughadh. Saoilidh mi nach ’eil an sin ach lethsgeul gle bhochd. Ach coma có dhiubh, tha dòchas agam gu ’n tig MAC-TALLA cho riaghailteach agus a bha e ’n tùs a làithean, agus gu ’m bi na litrichean na ’s lionmhoire ann. Tha mi ’g ionndrainn moran de na deagh sgriobhadairean a b’ àbhaist a bhi cho cuimhneach air.
Tha mi a’ cur òran beag do ’r n-ionnsuidh agus bhithinn toilichte na ’n cuireadh sibh an clò e. Bha e air a dheanamh le Dòmhnull Ruadh Mac-
[Vol . 12. No. 11. p. 5]
Fhionghain, a mhuinntir na Morairne, air dha a bhi ann an tigh-eiridinn ann an Glascho, far an robh dùil ri e ’dhol troimh laimhseachadh dhotairean. Ach a réir coslais cha do cheadaich e dhaibh sin a dheanamh, agus chaidh a thoirt as an tigh-eiridinn do Mhuile, far an do chaochail e aig aois ceithir bliadhna fichead.
LUINNEAG.
Och, och, mar tha mi ’n so na m’ ònar,
Am measg nan daoin’ air nach ’eil mi eòlach:
Cha chluinn mi ’Ghàilig, ’s cha tuig mi ’n cànain,
’S mur faigh mi fhàgail gu ’m fàs mi gòrach.
’S mi ’n seòmar cianail nan leaban iaruinn,
’S nan uinneag sgiathach ’san lionmhor lòsain;
’S i so a bhliadhna a rinn mo liathadh,
’S ma bheir mi mios ann cha ’n fhiach mi m’ fheòrach.
Tha bodaich bhrùideil air bheagan tùir ann,
Gu cladhach ùrach ’s a bhùrach dhòirneag,
Nach iarr de shuaimhneas ach caibe ’s sluasaid,
’S ’bhi cur an t-sluaigh anns an uaigh na’n dòrlach.
Ma thig am bàs orm mu ’n dean mi fhàgail,
Cha ’n iad mo chàirdean a bhios ga m’ fheòrach;
Gu ’n guidhinn pàirt diubh a bhi làimh rium
A thoirt mo chnàmhan do ’n àit’ is còir dhaibh.
Tha lighichean gun àireamh a gabhail tàmh ann,
A theid neo-sgàthach an dàil gach seòrsa:
Cha teich am bàs roimh ’n cuid sgeanan stàilinn,
’S a dh’ aindeoin plàsd bheir am bàs a chòir leis.
Am bàta luath ’thug a stigh do Chluaidh mi,
’S a thug mu ’n cuairt mi thar maol na h-Oa,
Ghuidhinn buaidh oirre ’shiubhal chuantan,
Is saoghal buan do na bheil ga seòladh.
Bheir beannachd uamsa thar thonnan uaibhreach
A dh’ fhios na gruagaich a bhios ga m’ fheòrach;
’S e fàth mo chruadail a bhi ga m’ fhuadach
A tìr nam fuar-bheann ’san d’ fhuair mi m’ àrach.
Tha mi a’ cur dolair anns an lìtir so. A guidhe soirbheachadh math dhuibh. Is mi le deagh rùn ’ur caraid dìleas
SEUMAS A. MAC GILLEMHAOIL.
Ceud mios a gheamhraidh, 1903.
SEARMON AIRSON NA H-OIGRIDH.
“As eugmhais creidimh, cha ’n ’eil e ’n comas a thoileachadh.” —Eabh. xi. 6.
IS i an fhìrinn ’tha nis fo ar beachd, nach ’eil e comasach Dia a thoileachadh as eugmhais creidimh. Feuchamaid so a shoilleireachadh mar a’s fhearr a dh’ fhaodas sinn. Mu ’n téid sinn air ar n-aghart na ’s fhaide, innsidh mi sgeul beag taitneach a bheir seòrsa de shoilleireachadh dhuinn air nàdar an ni sin ris an abair sinn creidimh.
Bha duine diadhaidh, crìosdail aig an robh nighean bheag—caileag anabarrach tuigseach, taitneach. Bha i air latha àraidh a’ cleasachd le grìogagan bòidheach a thug bana-charaid dhi; agus cha robh, ’na barail, ni air an t-saoghal uile a b’ àillidh’ agus bu luachmhoire na na grìogagan beaga so. Bha iad gach àm ’na lamhan, agus i ’g an sealltainn do gach neach a thainig ’san rathad. “Is bòidheach,” ars’ a h-athair rithe, “na grìogagan àillidh sin.” “Seadh; nach bòidheach iad, athair?” ars’ ise. “Tha thu fior thoilichte leò,” ars’ esan. Fhreagair i gu ’n robh—nach tugadh i iad airson na bh’ aice air aghaidh an t-saoghail. “An ann mar sin a tha?” ars’ a h-athair. “Eisd rium! Tog na grìogagan sin agus tilg iad anns an teine.” Dhearc i air le moran iongantais, ’s na deòir ’na sùilean. “An e na grìogagan?” ars’ ise. “Seadh,” ars’ a h-athair, “na grìogagan. Dean thusa, ’ghràidh, mar is àill leat féin; ach tha fios agad nach d’ iarr mis’ ort riamh ni air bith a dheanamh nach robh air son do mhaith féin, agus tha mi nis a rithist ag ràdh riut, tilg ’san tein’ iad!” Dh’ amhairc a’ chaileag bheag ’na aodann car tamull. Thog i na grìogagan, ’s a cridhe an impis sgàineadh, agus thilg i iad ’san teine, mar a dh’ iarradh oirre. “Leig leò luidhe an sin,” ars’ a h-athair. “Cluinnidh tu tuille mu ’n déidhinn an ceann latha no dha, ach na can facal mu ’n timchioll air an àm.” Latha no dha an deigh so, thug a h-athair dhachaidh d’a h-ionnsuidh grìogagan bu mhor a b’àillidh ’s bu riomhaiche agus bu daoire na ’n fheadhainn a thilg i ’san teine. Chuir e iad ’na laimh. “So, ’eudail,” ars’ a h-athair; “ ’chionn gu ’n do chreid thu mise ’nuair a thubhairt mi riut gu ’m b’ fhearr dhut dealachadh ris na grìogagan eile, agus deanamh mar a dh’ iarradh ort, thug mise so do d’ ionnsuidh. Tha so agad mar dhuais airson t-athair a chreidsinn. Nis,” ars’ esan, “fhad ’s is beò thu, na di-chuimhnich ciod e creidimh. Thilg thusa air falbh do ghrìogagan nuair a dh’iarr mis’ ort, do bhrìgh gu ’n robh creidimh agad annam, agus a chionn nach d’thug mi ach a’ chomhairle a b’ fhearr dhut riamh. Cuir an aon earbsa agus an aon chreidimh ann an Dia. Creid na h-uile ni tha e ag radh riut ’na fhocal. Co dhiubh tha thu ’ga thuigsinn no nach ’eil, creid e—gur e do mhath bu mhiann leis a chur air aghaidh, agus a tha ’na bheachd anns na h-uile ni tha e ag àithne dhut a dheanamh.”
Bha so na chreidimh ’na h-athair, ach cha ’n e so an creidimh tha ri chàramh ann an Dia e féin, Innseam dhut ciod e creidimh ann an cùram Dhé.
Bha duin’ -uasal àraidh, agus a bha air àm àraidh ann an luing, air latha anabarrach stoirmeil. Bha doinionn mhor a’ séideadh—a’ mhuir ag éiridh suas na beanntaibh, ’s an fhairge dol thairis orra—an long a’ luasgadh gu mor, agus eagal orra na h-uile mionaid gu ’n rachadh i as a chéile, agus gu ’m biodh iad air am bàthadh. Bha mor eagal air bean an duin’ -uasail. Ghreimich i gàirdean a fir, is i air chrith le oillt. “Nach ’eil eagal ortsa idir?” ars’ ise. Cha dubhairt e diog, ach fhuair e a chlaidheamh a tharruing as an truaill, agus chuir e ri ’h-uchd e, mar gu ’m biodh e dol ’ga ruith troimhpe. “ ’Bheil eagal ort,” ars’ esan, “roimh ’n chlaidheamh? —tha e mar leth-oirleach o d’ chridhe.” “Cha ’n ’eil,” ars’ ise, “eagal air bith orm. C’arson a dh’ fheòraich thu?” “Tha do bhrìgh,” ars’ esan, “gu bheil e an làimh do chéile phòsda, nach deanadh lochd no cron ort airson na tha ’san t-saoghal. Gu dearbh, cha deanadh,” ars’ esan. “Agus nach cuimhnich thu gu bheil an stoirm an làimh do Dhé, t’athair glòrmhor, gràsmhor, aig am bheil barrachd gràidh ort na th’ aig na bheil air uachdar an t-saoghail. Cha ’n ’eil eagal ormsa, agus na biodh eagal ortsa ni ’s mò.”
So creidimh ann an cùram agus ann an caoimhneas Dhé—bha ’n creidimh so taitneach do Dhia. An e nach robh an duine so toilichte gu ’n robh uiread de dh’ earbs’ aig a mhnaoi ann—nach robh eagal oirre ged a chuir e an claidheamh rùisgte ri ’h-uchd? Agus tha Dia toilichte ’nuair a dh’ earbas sinn ann—a chuireas sinn creidimh ’na ghràdh, ’na chaoimhneas agus ’na chùram atharail. Tha ’m Bìobull ag iarraidh oirnn ar n-aran a thilgeadh air na h-uisgeachan, agus an ceann beagan ùine gu ’m faigh sinn air ais e. Ciod is ciall d’a so? Is erice ,seòrsa de ghràinne Innseanach, a tha iad a’ cur ann an dùthchannan na h-àirde ’n ear, gu h-àraidh ’san Eiphit. A h-uile bliadhna, ’nuair a leaghas an sneachd ’sna monaidhean, ataidh an Nile, (amhainn mhor na h-Eiphit) agus thig i thairis air an dùthaich uile, a tha mar mhuir mhor car tamuill. An uair a tha i ’tuiteam, agus a tha e comasach do dhaoine dol a mach, tha iad a’ tilgeadh a’ ghràinne sin ris an canarriceair uachdar nan uisgeachan; agus tha iad a’ deanamh so mach á bàtaichean beaga air am bheil iad a dol a mach. Tha ’m pòr a’ tuiteam air a’ chlàbar no air a’ pholl a dh’ fhàgas an abhainn; agus ’nuair tha na h-uisgeachan air traoghadh, tha ’n gràinn an deigh greimeachadh agus fàs; agus, ri h-àm, tha fogharadh pailt, tarbhach aca de ’n phòr a bha mar so air a thilgeadh air na h-uisgeachan. So agaibh creidimh an duine tha tilgeadh a phòir air na h-uisgeachan. Tha e ’creidsinn gu’m fàs e—ged a theid e air seòladh, gu ’n ruig e am poll, far am freumhaich e, am fàs e, agus fadheòigh an tig e fo dhéis, agus an abuich e airson an fhogharaidh. So creidimh ann am freasdal Dhé, ach cha ’n e so creidimh a’ Bhìobuill; oir faodaidh a leithid so, agus tha a leithid so, do chreidimh aig daoine peacach. Faodaidh droch dhaoine cur agus buain, gun smuaineachadh mu’n Dia sin o’m bheil am beannachd a’ teachd, a tha ’cuir torradh ann, ’s a tha toirt air abachadh airson an fhogharaidh. Tha ’n creidimh so aig miltean a tha dì-chuimhneach agus suarach mu Dhia.
Ach ciod e an creididimh so tha taitneach le Dia? Innsidh mi sgeul beag eile dhuibh, mo chàirdean òga.
Bha ’n sud, àm o chionn fhada, Duine ris na labhair Dia; agus dh’ iarr e air a dhùthaich fhàgail, agus imeachd do dhùthaich choimheach chein—a bheatha ’chuir seachad ann am bùthaibh, agus sin uile ann an cearn far nach biodh dachaidh aige ni’s mò. Cha d’ thubhairt an duine diog—cha do dhiùlt e, ’s cha do chuir e an aghaidh Dhé, ach rinn e mar a dh’ àithn Dia dha. ’Na dheigh so, bha aig an duine so mac—aon mhac. Dh’ innis Dia dha gum fàsadh am mac suas—gum biodh e na athair do mhòran shluagh gu’n eireadh uaithe iomadh rioghachd, agus muillionan do dhaoine. Ach an deigh do Dhia so a radh ris, dh’ iarr Dia air a’ cheart mhac so a ghabhail, agus iobradh—a chuir gu bàs—a choluinn a losgadh le teine air mullach beinne. Cha d’ innis Dia, c’arson a bha so air aithne dhe; ach cha luaithe ’fhuair e an àithne o Dhia na chuir e roimhe géilleachduinn, agus a dheanamh mar a dh’ iarradh air. Chruinnich e am connadh—chunnaic e an teine ’lasadh air an robh e r’a mhac a losgadh—cheangail e a lamhan agus a chasan—agus shìn e a làmh, agus ghlac e an sgian leis an robh e r’a mhac a chuir gu bas. Ach bhachd Dia e, agus dh’ àithn e dha gun a dheanamh—gu’n robh reithe dlùth dha, agus e a ghabhail an reithe, agus ìobradh an àit a mhic.
So nis creidimh ann an Dia; oir chreid Abraham—b’ e sin ainm an duine—chreid e Dia, agus thug e géill dha. Bha e làn chinnteach gun robh Dia glic, fiosrach, agus gràsmhor, ged nach do thuig e c’arson a dh’ iarr e air ni co cruaidh agus co deuchainneach a dheanamh. Tha’n eachdraidh so r’a fhaotain anns an dara caibideil thar an fhichead de leabhar Genesis, agus chomhairlichinn duibh an caibideil sin a leughadh.
Innsidh mi sgeul beag eile dhuibh, mar shoilleireachadh air nàdur creidimh. Nam biodh tusa beò ’nuair a bha clann Israel anns an Eiphit. Nam biodh tusa air dol a mach air feasgar àillidh samhraidh sios ri taobh na h-aibhhe, ’beachdachadh air an t-sealladh tha an sud ri fhaicinn. Faic na craobhan ud thall—am bothan beag ud dluth dhoibh. Is daoine bochd iosal tha ’fuireach anns a’ bhothan. Tha’n tigh beag—cha’n ’eil uinneag air; agus is tràillean truagh tha ’fuireach ann. Ach amhairc a stigh do’n bhothan, agus beachdaich air na tha ’dol air aghaidh. Faic ciod tha’m boirionnach bochd ud a’ deanamh. Faic mar a tha i ’figheadh cobhain no ciste bheag de chuilc a chruinnich i taobh na h-aibhne. Mothuich mar tha i ’gul ’s a’ caoineadh fhad ’s
[Vol . 12. No. 11. p. 6]
tha’n obair ’dol air aghaidh; agus faodaidh tu ’thuigsinn, leis mar tha ’bilean a’ gluasad, gu bheil i ri ùrnuigh. Tha i an deigh an obair a chriochnachadh—tha’n cobhan réidh. Thoir fainear a nis na tha i ’deanamh. Faic i ’dol a null gu taobh eile an tighe, agus a’ togail pàisde beag maoth na gairdean. Tha i ’ga phògadh. Tha i ’g ùrnuigh ri Dia as a leth. Tha i ’ga chàramh anns a’ chobhan, no anns a’ chiste chuilc a rinn i. Tha i ’gairm piuthar an leinibh, agus ag earbsa na ciste rithe—ag àithne dhi a giulan sios do’n abhuinn, agus a càramh ’measg na cuilce air snàmh anns an abhuinn. Tha i fein (màthair an leinibh) a’ pilleadh dhachaidh gu bronach, tùrsach, trom, agus a’ guidhe gu durachdach air Dia. Ciod nis a thachras do’n leanabh so? Tha beathaichean eagallach ’san abhuinn so, ris an canarcrocodiles .Nach marbh ’s nach mill iad an naoidhean? Cha’n eagal da. Bha creidimh aig a mhàthair ann an Dia, agus gabhaidh Dia cùram dheth. Agus ghabh Dia cùram de’n naoidhean; oir thachair do nighean an righ bhi ’mach ’ga nighe féin ’san abhuinn. Chunnaic i an cobhan beag am measg na cuilce, agus chuir i ban-ògalach gu ’thoirt d’a h-ionnsuidh. ’Nuair a dh’ fhosgail i e, chunnaic i an leanabh. Ghabh i truas dheth—thug i dhachaidh e—thog a’s dh’ araich i e mar mhac rìgh; agus b’e an leanabh sin Maois, ceannard sluagh Israel, fàidh Dhé, agus an neach a sgriobh moran de’n t-Seann Tiomnadh.
Nis, anns an eachdraidh so, tha soilleireachadh agaibh air creidimh. Tha sibh a’ faicinn ciod e creidimh ann an Dia—creidimh ann an Iosa Crìosd; ’se sin, creidimh co làidir ann ’s a dh’ aomas, a chomh-éignicheas sibh, gu ùmhlachd agus géill a thoirt d’a àithntean agus d’a thoil. Tha sibh a’ creidsinn gu’n robh Esan ris an canar Iosa Crìosd aon uair ’san t-saoghal so—gu’n d’ rinn e na mìorbhuilean sin air a’ bheil sibh a’ leughadh ’san t-soisgeul—gu’n robh e ro naomh—gu’n do labhair e na briathran sin tha sibh a leughadh ’na fhocal. Tha sibh a’ creidsinn gu’n do bhàsaich e airson pheacaich—gu’n d’ éirich e o’n uaigh—gu’n deach e suas do nèamh—gu bheil e beò an sin—agus gu bheil e ’deanamh math d’a shluagh. Tha sibh a’ creidsinn na h-uile ni tha sibh a’ leughadh mu ’dhéidhinn ’san t-soisgeul; agus ma tha’n creidimh so na chreidimh ceart agus fìrinneach, tàirnidh e sibh gu Crìosd a ghràdhachadh, do bhrigh gu’n do ghràdhaich Esan sibhse. Aomaidh agus comh-èignichidh an creidimh so sibh chum ’àithntean a choimhead. Gabhaidh sibh tlachd ann a bhi ’gan coimhead, thaobh gu bheil gràdh agaibh air, agus a chionn gu bheil làn fhios agaibh gu bheil sàir-dhuais a’ feitheamh airson gach nì math tha sibh a’ deanamh air a sgàth-san.
Nan tachradh dhutsa ’tuiteam mach o bhruaich aibhne do’n t-sruth far an robh an tuil a’ ruith gu bras, ’s gu’n robh thu an impis a bhi air do bhàthadh; ’s gu’n tilgeadh neach àraid ball da d’ ionnsuidh, air an greimicheadh tu, ’s leis am faigheadh tu gu tir. Bhiodh so cosmhuil ris na rinn Criosd air do shon. Tha sinn uile ’basachadh ann an uisgeachan domhainn a’ pheacaidh. Tha Criosd a’ gairm oirnn amharc d’a ionnsuidh-san—tha e ’tilgeadh culaidh-thèaruinnteachd d’ar n-ionnsuidh; ach cha dean sin stà no math dhuinn, mar greimich sinn air—mar glac sinn e. Nis, an glacadh agus an greimeachadh so, ’se sin creidimh. Tha creidimh ’toirt oirnn Crìosd a ghlacail, direach mar a ghlacadh duine ’n ròp, no’m ball, no’n taod, a thilgeadh a mach d’a ionnsuidh, ’s e ’dol fodha. Ach cuimhnicheamaid nach e am ball a theasairg sinn, ach Criosd, a ghabh truas, a thilg e, a dh’ iarr oirnn greim daingeann a ghabhail, agus a tharruing sinn gu tìr.
Tha e mar so ’ga’r tarruing as na h-uisgeachan domhainn; agus ’nuair tha e ’ga dheanamh so, tha sinn air ar comh-éigneachadh gu a ghradhachadh, agus gu géill a thoirt d’a thoil agus d’a àithntean. Ach is miann leam innse dhuibh am math tha creidimh a’ deanamh do neach air bith.
’Sa’ cheud àite, tha e ’toirt air a bhi ùmhal do Dhia, agus seirbhis a dheanamh dha. Cha sguir neach gu bràth do pheacadh, agus cha mhò ’ni iad seirbhis do Dhia, na dh’ iarras iad a thoileachadh, mar ’eil iad a’ creidsinn gu bheil so taitneach do Dhia—gu bheil math ’na lorg—gu’n toir e duais dhoibhsan a ni so, agus gu’n éirich gu math dhoibh. Ciod am math is urrainn am Biobull a dheanamh do neach air bith ach dhoibhsan tha ’creidsinn a’ Bhìobuill? Có a sheachnadh olc, agus a bhiodh ag iarraidh a’ mhath? Có a cheannsaicheadh a dhroch mhiannan féin, a chumadh a theanga fo smachd—a bhiodh stuama, fìrinnich, ionraic—mar biodh fios aca gu bheil Dia ’gam faicinn—Dia toirt fainear gach ni—a’ léirsinn gach ni—agus gum faigh iad an deigh so mar rinn iad ’sa choluinn? Ma chreid sinn gach nì tha Dia ’g innse dhuinn ’na fhocal, bithidh sinn cùramach gus na h uile ni tha e ’g aithne dhuinn a dheanamh. Tha’m maraiche ’dol thairis air cuantaibh mòr farsuing do dhùthchanan céin, agus tha e ’seirbhiseachadh gu dilis, do bhrigh gu bheil e ’creidsinn gum faigh e tuarasdal. Mar so, is éigin duinn creidimh ’bhi againn ann an Dia, nam b’ aill leinn seirbhis a dheanamh dha, agus a thoileachadh.
San dara àite, tha creidimh ga’r deanamh math. Mothuichibh mar rinn na h-abstoil, aon uair ’s gu’n do chreid iad Iosa. Ged bha’n saoghal air éiridh suas nan aghaidh, ’s a’ deanamh geur-leanmhuinn orra, ’s ’gan cur gu bàs, gidheadh chreid iad ann an Dia—chreid iad ’fhocal. Thug iad gràdh do Chrìosd, agus chuir iad gach cunnart a’s cruaidh-chas gu dùlan. ’Se creidimh a bhrosnaich iad gu gach ni fhulang, ’s gach ni a dheanamh. Agus nach e an creidimh ceudna tha ’toirt air daoine beannuichte criosdail dol a mach air feadh an t-saoghail a shearmonachadh an t-Slànuighir? ’Se creidimh tha ’dusgadh dhaoine criosdail diadhaidh gu math a dheanamh anns gach àit, agus air gach àm. ’Se creidimh tha ’toirt air an athàir agus air a’ mhathair chriosdail ùrnuigh a dheanamh airson an leanabanan beaga. ’Se creidimh tha ’toirt orra ’n clann a theagasg gu h-ùrnuigh a dheanamh air an son fein. ’Se creidimh tha ’toirt solas agus comhfhurtachd do’n mhàthair bhronach, mar tha i fagail an t-saoghail so, agus a’ dealachadh r’a teaghlach, agus a’ gabhail a cead deirionnach dhiubh. Chunnaic mi aon uair màthair a bha air leabaidh-bais, ach bha làn chreidimh aic’ ann an Iosa Crìosd; agus an deigh dhi a paisdean a ghairm timchioll a leapach, ghlac i aon diubh air làimh. Labhair i riu gu ciuin, sàmhach. Thug i comhairle fa leth do gach aon diubh. Bheannuich i iad. Ghabh i a cead deirionnach diubh. Ghuidh i air an son ri Dia, agus dh’ earb i gach aon diubh ris. ’Se creidimh a chuidhich leatha so a dheanamh.
’San treas àite, tha creidimh na chul-thaic an am gach deuchainn. Tha amannan ann ’nuair nach ’eil e an comas an t-saoghail ’s na th’ ann comhfhurtachd no sòlas a thoirt duinn, na furtachd air bith a dheanamh as ar leth. ’Sann o Dhia amhain is urrainn cul-taic no cuideacdd teachd. B’e so an cor ’san robh Noah ’nuair bha e féin ’s a theaghlach ’san airc, air udal nan uisgeachan. ’Se Dia amhain a b’ urrainn toirt air na h-uisgeachan traodhadh, agus toirt air an fhearann thioram teachd ’san t-sealladh. B’e so an cor ’san robh Daniel ’nuair bha e air a thilgeadh ’measg nan leòmhan garg. Có ach Dia a b’ urrainn an cìosnachadh? ’Se so cor gach criosduidh an am bais, co dhiubh the e ’basachadh ’na thigh féin ’s na dhuthaich féin, no ’measg coigrich, ann an tir chéin. O! is iomad sgeul taitneach a b’ urrainn duinn innse mu thimchioll buaidh a’s éifeachd creidimh, ann an amanan deuchainn! O chionn beagan bhliadhnachan, bha dlùth do dhà fhichead guaillear shios ann an slochd domhainn dorcha; agus thuit cuid de’n t-slochd, air chor ’s nach robh e comasach dhoibh teachd a mach. Rinneadh na h-uile nì bha an comas dhaoine chum an ruigheachd, agus an tèarnadh as an àit eagallach; ach ghabh so ùine co mòr, ’s gu’n do bhàsaich na h-uile h-aon diubh. ’Nuair a thàirneadh nìos an cuirp, agus a b’ urrainn daoine ’n t-àit ’san robh iad a ruigheachd, fhuaras seachdnar òganach taobh a chéile, ann an àit air leth o chàch. Bha fear dhiubh so na òganach diadhaidh, fiosrach, gaolach air bhi ’leughadh focal Dhé. Bha ’Bhìobull aige gu h-iosal anns an t-slochd; agus ’nuair a ràinig iad an t-àite ’san robh a chorp, fhuaireas an lòchran do dh’ iaruinn-geal ’san robh an solus air a ghiùlan, agus air taobh an lòchrain so bha na briathran so air an deargadh le iarunn—seòrs’ do litir a sgriobh e dh’ ionnsuidh a mhàthar, bantrach bhochd:— “A mhàthair ghràdhach! bi striochdta do thoil Dhé. Na bi gearan, na ri monmhur. Bha sinne ’toirt cliù agus moladh do Dhia fhad ’s a bha ùine againn. A mhàthair, bi thusa dileas do Dhia: earb as. Abair ri m’ bhràthair, e ’bhi cuimhneachadh air Dia, agus càirdeil dleasnach d’a mhàthair. Slan leat! Tha mis’ sona!”
So nis creidimh. Cia meud an solas a thug an litir so d’a mhàthair! —an teachdaireachd a chuir e d’a h-ionnsuidh aig àm bàis! O, mo chàlrdean òga gu’n tugadh Spiorad Dhé dhuibhse an creidimh ceudna! —Cuairtear nan Gleann.
Am Bheil So Ceart?
FHIR DEASACHAIDH: —Faodaidh e bhith gu ’m bu duine thar a chumantais Eobhain Bàn mac an t-Saighdeir, ach ’s gann a chreideas mi gu robh tri lamhan air, mar tha’n earann a leanas a’ cur an gèill anns a MHAC-TALLA a thainig a mach air an treas la deug de’n mhios:—
“Le so a radh leum e thun an Fhrangaich ’s a breith le lamhan iarnaidh air chibhlean air, tharruinn e dheud o cheile cho farsuinn ’s gu’n rachadh cù sios, agus dhòirt e glaine bhinigir sios na sgornan.”
’Se sin ri radh, chum e beul an duine fosgailte le dha làimh, agus leis an treas làimh dhòirt e na bha ’sa ghlaine sios na sgòrnan!
LEUGHADAIR GAILIG.
Chaidh cuideachd a chur ri cheile anns a bhaile so an uiridh air-son toiseachadh ri grùdaireachd. Bha uiread beòir ga reic anns an t-siorrachd ’s gu’n do smaoinich iad gu’m bu mhath an gnothuch a bhi ga dheanamh far am biodh e deiseil. Chuir iad suas air cùl an tigh-sgoile togalach a chosd, a reir an seanachais fein, da fhichead mile dolair. Air an earrach s’a chaidh bhapetitionair a chur do Ottawa an aghaidh an togalaich so a bhi air a chur cho faisg air an tigh-sgoile. Bha ainm a’ chuid bu mhò de’n òigridh a bha dol do’n sgoil ris an achanaich so. An deigh sin thog bord na sgoile an guth na aghaidh. An uair bha’n togalach ullamh, ’s gach ni deas, dh’ iarr a chuideachd cead tòiseachaidh on àrd-riaghladh. Air sàil an iarrtuis sin bha achanaich na aghaidh air a chur do Ottawa o’n mhor chuid de luchd-gnothuich a bhaile. Chuir an t-àrd-riaghladh an sin a’ chùis gu comhair a’ bhaile, agus chuir iad-san na aghaidh cuideachd. Cha’n eil moran coltais a nise gu faigh a chuideachd cead tòiseachaidh idir, agus mar sin bidh Sidni saor o bhi na bhaile deanamh beòir.
[Vol . 12. No. 11. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
IADSAN A PHAIGH.
N H Caimbeal, Waipu , N. Z.
Bean G Dhomhnallaich, Cairinis, Uidhist
Murchadh Mac Laomuin, Quincy , Mass.
C I Mac Leoid, Rochport, Quincy , Mass.
A B Mac Leoid, Plymouth, Quincy , Mass.
Donnacha H Caimbeal, St Thomas, N. Dak.
Bean Iain R Ghillios, Duluth , Minn.
Iain I Mac Gillemhicheil, Guilford , Md
Seonaid N Nic Lachlainn, Glascho, Alba
Aonghas E Moireasdan, Marsboro , Que
Gilleasbuig Camaran, Port Elgin, Ont.
Deorsa Sutharlan, Gravenhurst , Ont.
Domhnuil Mac Cuithein, Stayner , Ont.
Iomhar Mac Cuithein, Stayner , Ont.
Calum Mac Mhanainn, Braidalbainn, E.P. I.
An t-Urr I C MacGillemhaoil, Cardigan , E.P. I.
Iain Mac Gill-fhaollain, Bridgetown , E.P. I.
M D Mac Cormaic, Launching , E.P. I.
R I Mac Gill-fhaollain, St George’s, E.P. I.
M D Domhnullach, St George’s, E.P. I.
Màrtuinn Màrtuinn, Martinvale , E.P. I.
Alasdair B Domhnallach, Double Hill, E.P. I.
A D Mac Leoid, Kinross , E.P. I.
S A Mac Gillemhaoil, na h-Eileinean Coille
An t-Urr D MacGriogair, Merigomish , N.S.
An t-Urr D Siosal, Heatherton , N.S.
Uilleam Ros, Abhainn Bharnaidh, N.S.
Iain C Domhnullach, Ardness , N.S.
An t-Urr Iain I Siosal, Pictou , N.S.
Donnachadh Siosal, Glassburn , N.S.
Bean I D MhicGillebhràth Allt a’Bhàillidh
Iain A Domhnullach, Port Hood
Domhnull I Domhnullach, Sidni Tuath
Iomhar Domhnullach, Sidni Tuath
Domhnull Mac Neacail, Catalone
Alasdair D Mac Suinn, Glascho
Ceit Sheathach, Grand River
Raonull Domhnullach, Bridgeport
D C Domhnullach, Birch Grove
D D Mac Gillemhaoil, Glen Morrison
Iain A Gillios, S W Margaree
A S Dùghallach, S W Margaree
Aonghas Mac Cuithein, Framboise
Iain L Mac Gilleain, Woodbine
Iain Mac Gilleain, Strath Lathuirn
Domhnuil A Mac Coinnich, Mèinn Chaledonia
Domhnull Mac Neill, Benacadie
Iain S Domhnullach, Whitney Pier
Lachuinn I Mac Gillemhaoil, Loch Ainslie
Padruig Mac Gillemhaoil, Gleann Ainslie
An t-Urr R Mac Coinnich, Iona
R R Domhnullach, Iochdar Washabuckt
Iain Mac Gillfhaollain, Roseburn
Aonghas H Dùghallach, Abhainn nam Breac
Domhnull Mac Gilleain, Rudna ’n Rothaich
Iain R Mac Leoid, Abhainn Mheadhonach
M R Mac Neill, Benacadie Pond
Iain D Mac Gilleain, Roseburn
Seumas R Gillios, Deepdale
TAOBH LOCH-ODHA.
LE IAIN MAC-AN-T- SAOIR.
LUINNEAG.
’S cianail mi bho ’n dh’ fhalbh an comunn,
Luchd mo ghaoil ’bha taobh Loch-Odha;
’S cianail mi bho ’n dh’ fhalbh an comunn.
Gur a mise ’tha fo éislean,
Is mi ’tàmh an Cill-a- Chreanain,
’Faicinn moran de luchd Beurla,
Far an robh na Gaidheil ga ’n togail.
’Nuair a bha mi an tus m’ òige,
B’ iomadh gaisgeach fearail, teòma
’Bha ’sa Bharrabreac a chòmhnaidh:
Daoine còire, seòcail, foinnidh.
Bha iad càirdeil, bha iad suairce,
Bha iad cothromach na ’n gluasad;
Bheireadh iad di-bheatha ’n truaghan,
’S iad gu h-uasal, caomh, gun ghoinne.
Moch air latha na bliadhn’ ùire,
’S an Lòn-mhor le camain ùra,
Chuireadh bàir mar bu dùth dhaibh,
’S iad gu sunndach gun droch oilean.
Chuir amFactorspéis ’s na caoirich,
’S chaidh na teaghlaichean a sgaoileadh,
Fhuair iad bàirlinn a bha daor leo,
Chum an saodach’ bho Loch-Odha.
Ach tha sòlas dhuinn mar tha iad,
Thug iad buaidh a mach ’s gach cearna,
Chum iad urram ’s cliu nan Gaidheal,
Mar a b’ àbhaist taobh Loch-Odha.
’Chuid tha còmhnaidh ’measg nan Gall dhiubh,
Tillidh ruinn ’nuair thig an samhradh,
’S cùbhraidh fallaineachd nam beann leo,
’S gur e m’ annsachd bhi na ’n coinneamh.
Gu ’m bu slàn a thig ’s a théid iad,
Cumaidh iad a’ Ghàidhlig spéiseil,
Is a dh’ aindeoin luchd na Beurla,
Labhraidh sinn i réidh ’s gach coinneamh.
’S mor a thug mi féin de ghràdh dhi,
Cainnt a dh’ ionnsaich mi o m’ mhàthair;
’S nar an tig an latha dh’ fhàgas
Fuaim na Gàidhlig taobh Loch-Odha!
Rugadh Iain Mac-an-t- Saoir sa bhliadhna 1821. Bu mhac e do Phàdruig Mac-an-t- Saoir, am fear a rinn an t-òran air Cruachan Beann. Bha e cumail an taigh-litrichean an Cille Chrèanain, aig Loch-Odha. Chaochail e ’sa bhliadhna 1897.
AN CARAID ’BU MHATH LEAM.
LE IAIN CAIMBEUL AN LEIDEIG.
Thoir dhòmhs’ an aghaidh fhosgailte,
Thoir dhòmhs’ an cridhe fial,
Gun dùbailteachd, gun lùbaireachd,
Ach dìreach glan na ’thriall.
Thoir dhòmhs’ an càirdeas diongmholta,
Nach tionndaidh ’null no nall;
A sheasas daingeann air a bhonn
Ged thigeadh tuil nan gleann.
Thoir dhòmhs’ an spiorad fìrinneach
A ni an nì a their,
’S, mur toill mi e, an stoirm no ’m fèith,
Nach tilg mi air an sgeir.
O sud an caraid ’dh-iarrainn-sa
An saoghal fiar is fàs,
Is buidheachas gu bheil iad ann,
Ged ’s ainneamh iad ’s gach àit.
Ach ainneamh anns gach àit mar tha,
Nuair thachras iad ri chéil’,
Tha ’n càirdeas daingnicht’ leis a ghràdh,
Nach fàilnidh anns an stéidh.
RANN AIRSON CLACH-CHINN.
Gabh rabhadh bhuam, a leughadair,
Bi réidh ri Dia gu luath;
Tha mise ann an siorruidheachd,
Tha thusa air a bhruaich.
Bha Iain Caimbeul na dheagh bhàrd. Cha ’n fheil ach tri no ceithir de bhliadhnachan o’n a chaochail e. Is math a’s fiach a leabhar oran a luach.
Bha dithis choimhearsnach a còmhradh mu chladh ùr a chaidh fhosgladh ’san sgìreachd. Arsa fear dhiu nach robh gu mor na fhàbhar, “Gu dearbh b’ fhearr leam fhin gun bhàsachadh idir na bhi air mo thiodhlacadh na leithid a dh’ àite.” “Cha ’n e sin dhòmhs’ e,” ars’ a chompanach, aig an robh barail eile air a chladh ùr; “ma bhios mis’ air mo chaomhnadh, cha chuirear an àite sam bith eile mi.”
Chaidh innse do sgalaig nach robhas ga iarraidh na b’ fhaide—gu robh an obair air teirigsinn. “O!” ars’ esan, “iarr air mo mhaighstir mo chumail; bhithinnsa deonach fuireach ged nach biodh cuirein obrach aige dhomh!”
Obair an doill.
Obair is ath-obair.
Obair gun bhuannachd, a’ cur sìl ann an talamh gun todhar.
Obair gun iarraidh, cha deanainn do chliamhuinn no ’charaid i.
Oidhche Shamhna, theirear gamhna ris na laoigh; oidhch’ Fheill-Eoin theirear aighean ris na gamhna.
[Vol . 12. No. 11. p. 8]
CHUIR IAD AN T-SUIL A PAILOT.
LE IAIN DUGHALLACH AN TIRIODH.
LUINNEAG.
Chuir iad an t-sùil á Pailot bàn,
Chuir iad an t-sùil á Pailot;
Chuir iad an t-sùil á Pailot bochd,
’S gun fhios ciod an lochd a rinn e.
Diol mo chuid mulan aig mucan a Chùbair!
Chuir iad na ’n smùid an raoir iad;
’S beag bha dh’ fhios agam-s’ gun robh iad ’san dùthaich
Fhad ’sa bha ’n t-sùil am Pailot.
Ghleidheadh e sàbhailt’ dhomh gàradh a chàil
Bho dhorcha gu blàths na soillse;
Freiceadan baile cha ’n fhacas air sràid
A b’ fhearr gu faire ’san oidhche.
Bha e deas, tapaidh, is math air crodh fhuadach,
Chuireadh e suas ri beinn iad;
Dh’ fhàgadh e oisinn an taighe gu siubhlach,
’S ruigeadh e Tùr-an-t- saighdeir.
’S tric bha mi tamull am mach air a chuan,
’S gun tilleadh gu uair na h-oidhche;
Thigeadh mo chuilein is gheibheadh e mi
Ged rachainn air tìr an Haighnis.
’S beag an nis gheibh mi nam leaba de shuain,
Le balaich mu ’n cuairt ’san oidhche;
Ach dh’ fhanadh iad uil’ aig a bhaile na ’n tùr,
Nan d’ fhagadh an t-sùil am Pailot.
Smaointichibh féin; nach b’ i chaile gun nàire,
’N té ghabh an gràp’ le foill dha!
Bhuail i sa mhal’ e gu farumach, goirt,
Gu ’chumail na ’thosd ’san oidhche.
’S truagh an gill’ òg a bheir dhachaidh a bhéisd,
An déidh mar a ghréidh i Pailot:
Feumaidh e daonnan bhith dh’ise na thràill;
Mur bi, gheibh e ’n gràp’ ’sa choinlein.
Chuir mi fios-tagraidh a dh-ionnsaigh na Bàn-ruinn,
’Dh’ innse mar dh’ fhàgadh Pailot;
’S thuirt i gun cuireadh i gini am dhòrn
A chuireadh suil òir le loinn ann.
Bu mhac Iain Dùghallach do Dhonnachadh Dùghallach, ministear Baisteach a bha ann an Tiriodh. Bha e a còmhnuidh am Baile-phuill. Chaochail e an 1855. Thiodhlaiceadh e-fein agus ’athair ’san aon latha.
Bha an té a chuir an t-sùil a Pailot na searbhanta aig Iain Dùghallach. Bu bhràthair an Cùbair—Domhnall Cùbair—do ’n Bhàrd Mac-Gilleathain.
CUMHA
D’a mhnaoi, Mairi Nic-Gilleain, a dh’eug sa bhliadhna 1880.
LE ALASDAIR DOMHNALLACH.
Fonn: —“Of a’ the airts the wind can blaw. ”
A shaoghail, ’s cruaidh leam bhuin do ghruaim,
Le m’ shuaimhneas ’chur air chùl;
Le m’ ghaol ’thoirt bhuam nach robh dhomh buan,
’S i ’n diugh na ’suain san ùir.
Gur faoin na déidh gach ni fo ’n ghréin
’Thoirt slàint’ do m’ chreuchd as ùr;
Cha ’n fheil ann léigh a ni dhomh feum,
’S nach beò thu féin, a rùin.
Gur lionmhor creuchd a th’ann am chreubh
Ga m’ chlaoidh nach léir do chàch,
’S nach cuir mi ’n géill, ’s gun chainnt dhomh réidh
Bho ’n dh’ fhalbh mo chéile gràidh.
’S e ’n crannchur péin dhomh bhi leam féin,
’S e ’dh’ fhag mi ’n éis mar ’tha,
’S mi ’g ionndrainn bhuam gach la is uair
An té ’tha ’n suain a bhàis.
Ged bheireadh drùchd an t-samhraidh chiùin
Gach maoth phreas ùr fo bhlàth,
’S ged thilleadh eunlaith bhinn nan speur
A sheinn ’sna geugaibh àrd’,
Cha till mo rùn a dhealaich rium,
A thoirt dhomh mùirn is slàint’;
An té gun ghruaim cha dùisg a suas,
’S i ’n leabaidh fhuair a bhàis.
Gur caomh le m’ chridh gach gorm lag min
’San tric am biodh do cheum,
’S gach bachdan àrd far ’m biodh mo ghràdh
Mu chul an àil ’s an treud.
Bu tric gu dian thu ’cur ri gniomh
Mu ’n dearrsadh grian air feur,
Ged tha thu ’n diugh gun lùths am miar,
’S tu ’n cnoc nan diar leat fein.
O! osaig chaoin ’thig thar an raoin
Bho uaigh mo ghaoil, bi fòil,
’S gu’n gabhainn-s’ thu am phòraibh dlùth,
Oir ’s cùbhraidh leam thu ’m chòir;
Gu m’ chuimhn’ thoir mùirn na chaidh air chùl,
’S mi ’n dràsd an dùsal bròin,
’S gun ann ach roinn diom ’s mi gun sgoinn,
Gun dreach, gun loinn, gun dòigh.
Gach àbhachd ’s mùirn bha saor dhomh, ’rùin,
Bho ’n fhuair mi ’n tus ort còir,
Air sgéith chaidh bhuam mar bhlàths roi ’n fhuachd,
’S mi ’n diugh gun smuain ach bròn.
An te gach là bha dhomh ’n a h-àgh
Tha sìnt’ fo sgàil nam bòrd;
A’ caoidh na ’déidh tha mi gun fheum,
’S mar neach leis fhéin an ceò.
Cha b’ ionndrainn bhuam gach maoin is luach,
’S gach ni mu ’n cuairt gu léir,
Seach rùn mo chrìdh’ a bhi ga m’ dhìth,
’S mi fann gun chlì na déidh;
Mar ànrach truagh air bhàrr nan stuadh
’S gun long-phort cuain da réidh,
Ach dùint’ an ceò gun stiùir, gun seòl,
’S gun iùl air còrs’ fo ’n ghréin.
O, m’ annsachd féin thar chàich gu léir,
Bu tu mo léigh ’s mo shlàint’;
Bu tu mo dhion bho fhuachd nan sian
Ged dh’ fhalbh sud dhiom mar sgàil’.
Le d’ bhàs gu ’n d’ chrion mo bhlàth dhiom ’sios
A chaoidh nach dean rium fàs;
Le m’ionndrainn bhuain gu bheil mi truagh,
Shùigh m’ inntinn bhuam gu làr.
Na d’ chuailean briagh’ cha robh, a chiall,
Aon sniomhan liath le aois,
Ged dhùin an uaigh gun iochd e bhuam
Na cruaidh-ghlais fhuair nach sgaoil,
’S an dig la luain, san eirich ’suas
Bho thir ’s bho chuan gach aon,
A dh-fhaotainn duais a réir mar ghluais,
Bho laimh an truais ’s na maoin.
Bho ’n chaill mi m’ aonta dhiot ’s mo chòir,
’S gu ’n dùil riut beo bho ’n eug,
Bidh m’ earbsa dhian ’san Ti ’thug dhiom,
’Dhol, aig mo thriall, a’d’ dhéidh.
B’e ’n sòlas nuadh a bhi le m’ luaidh
An dachaidh bhuain Mhic Dé,
An cal’ an àigh, ’s an comunn gràidh
Nach sgaoil am bàs bho chéil’.
Rugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Ailein Mhóir, an Gleann-Uig am Mùideart ’sa bhliadhna 1820. Tha e a fuireach an dràsd aig Mèinn Cnoc-an-Fhuarain. Co fad agus is aithne dhòmhsa is e bard Gàidhlig a’s fearr a tha ’n diugh an America.
GLEANN-A- BHAIRD.
Bha Sasunnach a bh’ air chuairt an Alba aon la a’ spaisdireachd faisg air bail’ àraidh nuair a thachair caileag beag air ’s i casgruisgte. “Am bheil e mar chleachdadh aig muinntir an àite so,” ars’ esan, “a bhi dol mu’n cuairt air an casan rùisgte?” “Tha aig cuid dhiu,” ars’ a chaileàg, “agus aig càch tha e mar chleachdadh a bhi toirt an aire d’ an gnothuch fhein.”
Am bréid ’ga thomhas air an toll.
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Sydney & Louisbourg Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 11 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 11. %p |
parent text | Volume 12 |