[Vol . 12. No. 12. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 11, 1903. No. 12.
A Gabhail Pairt “Thammany”
FHIR-DEASACHAIDH: —Leugh mi na thuirt sibh anns an àireamh a thainig a mach air an treas la deug mu’n taghadh a bha ann am baile mor New York deich latha roimhe sin. Tha sibh ag radh gu’n deachaidh a bhuaidh le Tammany, “comunn suarach.” Feumaidh e bhith gu’n do dhiochuimhnich sibh gur eTammany Hallaon de na comuinn riaghlaidh a’s sinne tha anns na Stàidean Aonaichte, gu bheil còrr is ceud bliadhna o’n chaidh a chur air bonn, agus gu robh e re na h-ùine sin a’ gabhail pàirt anns a chuid bu mhò de thachartasan cudthromach na dùthcha, agus cuid de ’bhuill a’ gabhail pairt ’s gach gluasad feumail a bh’ anns an dùthaich. Cha’n eil e fior a radh gu’n d’ thug Tammany droch cliù air baile mor New York, agus gu bheil e daonnan a seasamh air-son gach seòrsa droch riaghlaidh. Tha so gle fhada o bhi ceart. Tha New York mar bhaile a’ fàs gu bras; tha sluagh ann as gach cearna de’n t-saoghal, de gach creud is cànain is cleachdadh. Ni a fhreagras air baile beag fada o’n mhuir, cha fhreagair idir air New York, oir cha’n ionnan an suidheachadh.
Cha’n eil ni a’s fhearr a chuireas an géill gnè riaghlaidh baile na a’ chìs. Agus gheibh sibh gu robh a’ chìs ann an New York na b’ isle fo riaghladh Thammany na bha i ann an iomadh aon de bhailtean beaga na Stàide, agus ged bha fhéin, bha moran obrach daonnan a’ dol air adhart air-son math a’ bhaile. Tha am mi-chliu air am bheil sibhse toirt iomraidh air a thoirt air New York le daoine tha tighinn á àiteachan céin ’s á siorrachdan dùthcha na Stàide, daoine tha dhe’n bharail gu’n gabh New York riaghladh air an aon seòl ’s a ghabhas bàiltean beaga Speonk is Podunk. ThaTammany Hallair a dheanamh suas de dhaoine mar tha gach comunn eile. Tha mi-fein eòlach air moran dhiù, agus is aithne dhomh gur daoine glan, onarach iad, daoine nach gabhadh gnothuch ri riaghladh “fo’m faod neach gach lagh a thogras e a bhristeadh ma phàidheas e duais airson an cead fhaotainn,” mar tha sibhse ’g radh.
Tha Mac-Gillfhaollain, a bha air a thaghadh mar àrd-bhàillidh fa chomhair sluaigh New York o chionn iomadh bliadhna. Tha iad eòlach air fein ’s air an t-sinnsir o’n d’ thainig e. Tha fhios aca gu bheil e de stoc math, agus tha iad a’ cur earbs’ ann. Thug càirdean Lowe iomadh ionnsuidh air cliù ’athar a lughdachadh, mar chaidh a nochdadh aig foillseachadh càrn-chuimhne Antietem.
Faodaidh tu bhi cinnteach gu bheil barrachd de pholitics ’s de cheilg, na tha de dhroch riaghladh Thammany anns a ghàir a thatar a’ togail uair ’san da bhliadhna am baile New York. Ma’s miann leis na pharasaich obair mhath da-rìreadh a dheanamh tha an deagh chothrom a’ feitheamh orra ann am Philadelphia, an aon bhaile a’s groide riaghladh a tha anns na Stàidean Aonaichte.
Bidh sibh cho math ’s gu’n cuir sibh so an clò, oir tha toil agam beagan de’n taobh eile a leigeil ris do ur leughadairean.
Ur Caraid Dileas,
MAC.
FREAGAIRT.
Cha’n ann ri aois no ri eachdraidh Thammany a tha ar gnothuch, ach ri ’dheanadas. Tha e na ni cunnartach aois no lionmhorachd làithean a ghabhail mar dhearbhadh air mathas. B’ urrainn duinn Fear ainmeachadh a tha ann o thoiseach an t-saoghail agus nach d’ rinn aon ghniomh math air an cualas iomradh anns an ùine sin. Tha e air innse gu’n deach a mholadh aon uair le mnaoi chòir nach deanadh di-moladh air neach sam bith; agus cha b’ urrainn dh’ ise radh ach gu robh e “gle dhichiollach.” Faodar am moladh ceudna dheanamh air Tammany, agus gu dearbh cha bu toigh leinn fein an còrr a dheanamh air.
Cha’n eil teagamh sam bith againn nach eil àireamh de dhaoine glan’ onarach an luib Thammany, agus nach ann dhiu sin ma dh’ fhaodte Mac-Gillfhaollain fein. Cha mhò na sin a tha sinn dhe’n bharail gur aingil no daoine gun pheacadh iadsan uile tha air an taobh eile. Ach a reir gach fiosrachaidh a tha ri fhaighinn, tha e ri chreidsinn gu bheil Tammany mar chomunn ag obrachadh airson droch riaghladh agus an “taobh eile” an aghaidh sin air-son riaghladh ceart. Cha bhiodh seòltachd na nathrach ann an Tammany mur faigheadh e beagan dhaoine bhiodh fo chliù cuimseach math air-son an cur fa chomhair an t-sluaigh: daoine gheibheadh bhòtaichean bho mhuinntir nach toireadh bhòt gu bràth do leithid Chroker no Mhurphy. Sin far an d’rinn deagh chliù Mhic-Gilfhaollain ’sa shinnsir cuideachadh mor le Tammany. Thug e fo ’bhrataich iadsan aig an robh bàigh ris na’n cridhe, ach nach bhòtadh le duine a bha gu follaiseach fo dhroch cliù.
Mur eil Tammany na chomunn a tha toirt mi-chliù air New York tha e gle neònach gu’m biodh paipeirean-naidheachd is pearsachan-eaglais a bhaile mhoir sin gu ire bhig uile ag obair na aghaidh. Ma tha e ri radh gur Pharasaich is cealgairean iad sin gu h-iomlan b’fhearr leinn duin’ eile ga radh na sinn fein. Tha mi-chliu Thammany air a dhol fad is farsuing: cha’n fhaighear ach gann paipeir-naidheachd no fear-stàite a ghabhas a thaobh, agus tha e daonnan air a chur fa chomhair sluaigh bhailtean an America ’s anns an Roinn Eòrpa mar an aon inneal-riaghlaidh a’s miosa tha’n diugh ri fhaotainn ann an duthaich shaor Chriosdail. Cha b’e dùrachd MHIC-TALLA cliù math no olc a thoirt air duine no air comunn dhaoine nach do làn thoill iad. Is e fhacal-suaicheantais agus a riaghailt: “An ni nach cluinn e’n diugh nach aithris e màireach.” Cha b’ ann an diugh no an dé a chual e cheud iomradh air Tammany, agus cha chual e riamh a bhi toirt deagh chliù air. A reir mar chuala MAC-TALLA ’s mar a bha e creidsinn dh’aithris e, agus cha’n eil e faicinn anns na sgriobh “Mac” ’san litir so aobhar air-son aon fhacal dhe na labhair e a thoirt air ais.
Cha’n eil an geamhradh anns an dùthaich so na chùis-eagail cho mor ’s a tha e ann an iomadh dùthaich sam bheil an t-sìde moran na’s blàithe. Tha sinn ann an Ceap Breatunn o chionn faisg air mios a’ cur eòlais air an t-seòrsa geamhraidh a tha daoine mealtuinn ann an dùthchannan eile, geamhradh fliuch fuar as nach faighear moran toileachaidh. Ach nuair thig am fior gheamhradh, air nach eil eòlas idir aig na dùthchannan blàtha, an geamhradh cruaidh, reòta, le pailteas de shneachda, bidh e na aimsir cho toilichte agus cho feumail ann an iomadh dòigh ri àm sam bith eile de’n bhliadhna. Cha ’n ’eil rathad ann a’s grinne no air am mò a thàirneas each na rathad sneachda. Tha na tuathanaich ’s na coilleadairean daonnan a’ fàgail na h-obrach a’s truime gus an tig an geamhradh; agus ged is tric leò bhi talach air meud an t-sneachda, bu mhò gu mor an talach mur biodh e ann idir. Nuair a leughas muinntir na seann dùthcha agus dhùthchannan eile mu’n reothadh ’s mu’n t-sneachda bhios ann an Canada, na gabhadh iad truas sam bith ruinne tha deanamh ar dachaidh innte. Cha d’thàinig reothadh fhathast ris nach do sheas sinn, agus air-son an t-sneachda dheth, tha sinn ga mheas cha’n ann a mhàin mar ghoireas, ach mar aon de fhior bheannachdan an fhreasdail.
Air tàille lughdachadh nan tuarasdal aig an obair-iaruinn theabstrikemhor a bhi ann. Dh’iarr comunn nan oibrichean (am P. W. A.) gu ’m biodh iadsan a bh’air an gearradh sios gu $1 .26 an latha air am fàgail aig $1 .33, seachd sentichean na bu lugha na bh’ aca roimhe. Dhiult a chuideachd sin a dheanamh. An sin bhagair am P. W. A. seasamh a mach, agus bhagair a’ chuideachd, na’n tachradh sin gu’m biodh an obair air a dunadh gu buileach glan gu toiseach an t-samhraidh. An so chaidh luchd-riaghlaidh a bhaile ’san eadraiginn, agus air an dian-iarrtus-san dh’ aontaich na h-oibrichean gabhail le tuarasdal na cuideachd, ged is gle bheag e. Tha am baile fo chomain mhor dhaibh, oir bhiodh call air fhulang leis na h-uile na’n robh iad air sgur a dh’obair. Tha cuideachd an iaruinn ag ìsleachadh màl nan taighean dhaibh, agus tha na marsantan a leagail prìs bidh is annlan ’s gach seòrsa bathair a cheannaicheas iad. Mar sin bidh lughdachadh nan tuarasdal air a dheanamh moran na’s aotruime.
Bha la Fhéill Andra air a chumail mar a’s àbhaist air feadh Chanada. Ann an Sidni, far nach robh e air a chumail o chionn àireamh bhliadhnachan, bha dìnneir aig “Mic na h-Alba” ans an talla ’sam bheil iad a’ cumail an coinneamhan. Shuidh còrr is tri fichead aig a bhòod, fir is mnathan, agus an déigh na dìnneir bha ceòl is òraidean aca gu dlùth air meadhon-oidhche. Bha an là air a chumail ’san dòigh cheudna ’s air caochladh dhòighean eile ann an iomadh àite bho chuan gu cuan—Goill is Gàidheil Albannach mar so a’ cur onair air dùthaich is cliu an sìnnsir.
Bu chòir a radh mu’n chriomaig phaipeir a chuireadh ann am MAC-TALLA ’n treas là deug de Nobhember, nach robh iadsan a bha pàidhte gu ceann na bliadhna so ri suim sam bith a ghabhail dheth. Bha e air a chur a mach a mhàin air-son cabhag a chur orrasan a bha air deireadh.
[Vol . 12. No. 12. p. 2]
Mharbh Tormaid Mac-Phéitiris, Loch Bhlackett, muc an la roimhe, ceithir miosan deuga dh’ aois, a chothromaich seachd ceud us cóig puinnd.
Tha beul acarsaid Mhabou air a ghlanadh gus am bheil an t-uisge cóig deug no sia deug de throidhean a dhoimhnead aig làn na mara. Tha da cheidhe guail anns an acarsaid, agus cumaidh gach aon diù ochd ceud tunna.
Dh’ fhosgail Pàrlamaid Nobha Scotia seachduin gus an dé. ’Se ’n gnothuch àraid a tha fa ’comhair aig an àm so sgaradh laghail a dheanamh eadar cuideachd a’ ghuail is cuideachd an iaruinn. Cho luath ’sa bhios sin air a dheanamh, gabhaidh an tigh fois gu ’n déigh na bliadhn’ ùire.
Chaidh Calum Mac-Gilleathain, a mhuinntir Bhaoghasdail, a mharbhadh air an rathad-iaruinn anGlace Bayair an t-siathamh la fichead de Nobhember. Bha e na bhrakeman, agus air dha bhi aig ’obair chaidh càr thairis air ga ’ghrad mharbhadh. Bu mhac e do Dhomhnull Mac-Gilleathain, am Baoghasdal, agus cha robh e ach bliadhn’ air fhichead a dh’ aois.
Chaidh Oil-thigh Caitliceach ann an Ottawa a losgadh seachduin gus an Di-ciaduin s’a chaidh. B’fhiach an togalach ’s an innsridh mu dha cheud mile dolair, agus bha ceud gu leth mile dh’ urrasachadh air. Thatar a deanamh mach gu robh seana bhean a bha na ’searbhanta ’san tigh air a losgadh gu bàs. Fhuair càch uile as le ’m beatha. Bha aon de na sagairt air a dhroch leònadh, ach theid e ’m feobhas.
Tha a bhreac, a bha gle phailt mu ’n Bhàgh an Ear ’s mu’n Phòn Mhór air a mhios s’a chaidh, air a cur fodha ’n ìre mhath, agus bidh dòchas againn nach sgaoil i air feadh na siorrachd tuilleadh. Gu fortanach cha b’ easlaint fhior dhona i, agus cho fad ’s is aithne dhuinn cha d’aobharaich i o’n thainig i ’n taobh a stigh de ’r criochan ach aon bhàs. Air a shon sin ’s ann mar a’s luaithe gheibhear as an duthaich i a’s fhearr.
Air AbhainnSt . Lawrence,re an t-samhradh ’s an fhoghair s’a chaidh, bha cóig soithichean deuga air an cur an cunnart le dhol air grunnd an àiteachan ’san robh an t-uisge tana. Fhuair aon dhiu so as gun dhochann sam bith; bha ochd air an d’ rinneadh beagan millidh; tri air am milleadh gu dona, agus tri air an call gu tur. Anns na ceithir bliadhna roimhe sin chaidh ceithir soithichean fichead air grunnd ’san abhainn, agus dhe’n àireamh sin bha cóig air an call gu buileach.
Maduinn an 29mh la de Nobhember, bha droch theine ann am baile na Mèinne Tuatha leis an deach an togalach aig anRarig Engineering Co.a losgadh gu làr cuide ris gach ni a bha ’n taobh a stigh dheth. Bha a chuideachd a dh’ ainmicheadh ag obair air togail fhùirneis do chuideachd an iaruinn, agus air tàille an teine bidh an obair sin air a cumail air ais ’s mu dha cheud duine air an cumail na’n tàmh. Tha an call air a mheas aig leth-cheud mile dolair. Cha’n eil fhios ciamar a thòisich an teine mur deach fhadadh le laimh duine.
Bha mèinn ghuailSpringhill , N. S. ,na ’tàmh fad seachduin, agus na mèinneadairean, mile an àireamh, a’ seasamh a mach. Bha so air tàille trioblaid a dh’ éirich eadar iad fein ’s fear-riaghlaidh na mèinne mu thomhas a ghuail. Roimhe so bha ’n tomhas air a dheanamh ’sa mhèinn, ach an deigh so tha e ri bhi air a dheanamh air uachdar na talmhainn. Air uairean bhiodh diubhar nach bu bheag eadar an da thomhas thaobh pàirt de ’n ghual a bhi air a chall air an t-slighe gu beul na mèinne. Di-luain s’a chaidh rinneadh còrdadh leis ’n do dh’ aontaich na mèinneadairean gabhail ris an tomhas ùr, agus chaidh iad a dh obair maduinn Di-màirt.
An t-Urr. Murachadh Macascaill.
(Oban Times. )
Chaochail an t-Urr. M. Macascaill air a’ mhios a dh’ fhalbh, agus ann am bàs an fhior Ghaidheil so tha aon de na ministeirean a bha ainmeil troimh ’n linn a thainig gu crìch le bàs na Banrigh nach maireann. Rugadh e ann an eilean Leòghais, agus mar fhear labhairt Gailig bha e comasach, cothromach agus ealanta. Cha robh moran a b’ urrainn an t-seann chainnt a ghleusadh na b’ fhearr na esan. Nochd e na gibhtean so ann an siorramachd Pheairt, ann an Grianaig, agus fa-dheòidh ann an Dingwall. Rinn an Gaidheal ainmeil ùr-labhrach so e-féin neartmhor air dòigh no dha. Ann an àm trioblaid nan croiteirean dh’ fhoillsich e gu ’n robh a chridhe air taobh còirichean an t-sluaigh. Ann an cùisean eaglaiseil rinn e strì laidir air taobh nan aobharan sin a bha e meas gu bhi chum eideachaidh. Bha e teann, greimeil an aghaidh gach beachd a bha e meas mar mhearachd. A thaobh nan gnothuichean so cha ’n e ar dleasnas-ne a bhi toirt breith; ach bidh e a ghnàth ’na thlachd leinn a bhi deanamh iomradh air ainm, cliù, is gluasad Gaidheil a bha ’na onair do ’n dream o’n d’ thainig e. Anns an t-seadh so bha am ministeir cliùiteach so airidh air gach meas, gach urram, agus gràdh dùthchail a b’ urrainn na Gàidheil a thoirt dha. Sgriobh e leabhraichean beaga a bha làn de reusonachadh comasach, a réir a bheachd-san, an aghaidh saobh-chreideamh an latha; agus air an dòigh so rinn e soilleir gu’n robh buadhan aigesan mar shearmonaiche anns a’ Ghailig a dheanadh e comasach air an aobhar a bhiodh e a’ tagradh a chur aig dòigh ghrinn, shnasail. Bidh iomadh Gàidheal deas is tuath a chluinneas le faireachdainean a bhios làn de fhior bhròn mu bhàs a’ mhinisteir ainmeil so.
LITIR A QUINCY.
A CHARAID, —Cha ’n ’eil fios again c’àit’ a bheil àite-còmhnuidh Peigidh Phabach, ach tha fios agam gu bheil i daonnan a faotainn MHIC-TALLA, agus tha mi air son taing a thoirt dhi air son “Oran a’ Mhathain” a chur ’sa MHAC-TALLA. Chòrd e rium ro mhath. B’ e fhein am mathan gleusda. A nis ma theid aig Peigidh chòir air “Oran a’ Mhàgain” fhaotainn ’sa chur a dh’ ionnsuidh a phàipeir Ghàilig dhuinn bidh mi gu mor na ’comain. Tha an rann a leanas agam dheth:—
“Fàilt’ ort fhéin, a’ chreutair ghasda!
’S tu leat fhéin fo gheug an tasgaidh;
Bho ’n chaidh Eirionnaich air astar,
C’ àit’ bho ’n ghréin an d’ fhuair thu fasgadh?”
Tha moran de chlann nan Gàidheal ’san àite so, ach cha ’n ’eil spéis ro mhor aig a chuid is motha dhiubh do ’n Ghàilig. Cha ’n ’eil iad a’ cumail suas an aon phaipeir Gàilig a tha againn. Bha là eile ann—la anns an robh na Gàidheil glé dhìleas d’ an cànain agus da chéile. Ar leam gu ’n robh iad anns na tìmannan ud a’ cur àithne an Abstoil an gniomh, a deanamh “gàirdeachas maille riùsan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh maille riùsan a tha ri caoidh.”
Tha mi ’cur ugad leis an litir so tri rannan de chumha a rinn Pàra Mór Mac Criomain air son a mhaighstir, Ruairidh Mór Mac Leoid, a fhuair bàs ’s a’ bhliadhna 1626. Thathar ag ràdh gur e ’n ceòl a rinneadh leis na facail so a’ phìobaireachd is ceòlmhoire a rinneadh riamh. An uair a dh’ fhalbh an anail á Ruairidh Mór thog Pàra Mór a phìob air a ghuala, ’s a cur a chùl ri Dunbheagain, agus mar a thriall e sios gu Bòraraig rinn e ’chumha so is sheinn e air a’ phìob i:—
“Tog orm mo phiob is theid mi dhachaidh,
’S duilich leam fhéin mo léir mar thachair;
Tog orm mo phiob ’s mi air mo chràdh,
Mu Ruairidh Mor, mu Ruairidh Mor.
Tog orm mo phiob—tha mi sgith,
’S mur faigh mi i theid mi dhachaidh;
Tog orm mo phiob—tha mi sgith,
’S mi air mo chràdh mu Ruairidh Mor.
Tog orm mo phiob—tha mi sgith,
’S mur faigh mi i theid mi dhachaidh.
Clàrsach no piob cha tog mo chridh.
Cha bheo fear mo ghràidh Ruairidh Mor.”
Do charaide,
M. MAC LAOMUINN.
Quincy , Mass.
AN DUTHAICH.
BHO chuan gu cuan eile tha iomradh air a dheanamh gun tàmh air Alasca ’s air a chall mhuladach a thàinig air Canada anns a’ chòrdadh a bha i iarrtuiseach a thabhairt mu ’n cuairt ann an dòigh laghail, fhìrinneach, cheart, mu dheibhinn Alasca ’s na caoil a tha eadar Clondaic agus an cuan mor, farsuing a tha air taobh thall Chanada. On tha Clondaic a nis co dichiollach, ’us on tha moran daoine air an tarrning g’a ionnsuidh do bhrìgh gu bheil an t-òr pailt, tha iad le aobhar gu leoir feargach gu tainig na Breitheamhan àrda gu codhùnadh a tha an aghaidh gach fianuis ’us teisteis a bha air an cur f’ an comhair. Bhuaidhich leis na Staidean anns gach cùmhnant a rinn iad riamh le Breatunn. Nam faigheadh Canada a coir fein, bhitheadh aice an diugh Staidean na h-àirde ’n iar ’us na Staidean a tha dlùth air Camus Mhecsico. Tha e co soilleir ris an latha nach tug na Breitheamhan aire cheart no éisdeachd chùramach, phongail do gach teisteas ’us eachdraidh ’us argumaid a bha air an cur gu glan, dìleas anns na h-òraidean a rinn na fir-lagha gheur, thapaidh, ionnsuichte ’n an làthair. B’ e beachd a Mhorair Albharstone gu buineadh e dhasan gu sònruichte ’bhi ’na fhear meadhoin eadar na Breitheamhan eile. Co nach fhaic nam bitheadh a’ chùis mar so gu bu chòir do ’n àireamh cheudna air a bhi air gach taobh—tri air gach taobh—agus esan an seachdamh fear le ùghdarras anabarrach réite ’dheanamh eadar na daoine eile. Tha e gle fhior nach do choisinn Albharstone moran cliù no cliù air bith dha féin agus do luchd-lagha àrda Shasuinn. Ged bha na Breitheamhan uile de ’n aon bheachd gur la Canada ceithir eileanan a tha ann an Caol Phortland, gun chead no comhairle Tetté ’s Ailsworth iarruidh no fhaotuinn thug Albharstone dithis de na h-eileanan do na Staidean, agus gus an latha ’n diugh cha d’ innis e c’arson a rinn e gniomh co cearr agus co mi-onorach. Cha ’n ’eil aig na Staidean ach fuaim eagalach a dheanamh agus ballsgaireachd àrd a thogail agus gheibh iad daonnan mar a fhuair iad riamh lamh an uachdair air Canada. Chosd cùmhnant Alasca, leis gach mi-onoir agus mi-cheartas a tha dlùth-cheangailte ris, da cheud mile dollar do Chanada—pris ro mhor da rireadh airson anaceartas follaiseach. Tha iadsan ann an Sasunn a tha ’cumail a mach gu bheil a’ chomhstri ’nis seachad eadar Breatunn agus na Staidean, agus air an aobhar so gu tig e do Chanada stad de ’seanachas mi thoilichte ’s aontachadh leis a chùmhnant a tha ’nis an làthair an t-saoghail. Gus an tig crioch air an t-saoghal, is coir do gach neach ’us dùthaich ceartas iarruidh no fhaotuinn, le dragh, no gu furasda, ealamh. An uair a chruinnicheas a’ Phàrlamaid a rithist ann an Ottabha bithidh deasboireachd chruaidh, sgairteil ann, mu dheibhinn an dòigh anns an do dhion ar luchd-riaghlaidh cùisean ’us coirean ’us fearann ’us eileanan Chanada ann an Alasca. Mur teid na Staidean a stigh le ’n innleachdan mosach do ’n fhairge reòta mu thuath, a dh’ fhaotuinn cuibhrionn de ’n fhearann reòta, cha ’n ’eil, a réir gach coslais, aite no talamh eile anns an urrainn doibh guth a thogail, no sealbh iarruidh le dòighean fiar no direach. Ma dh’ fhaoidte gu tig an latha anns an abair iad gur ann doibhsan a bhuineas mo charaid grinn, aosmhor, Mac-talla, ’tha ’tuineachadh a nis air mhodh sònruichte ann an Sidni. Bha guth Mhic-talla ard, farsuing, ceòlmhor, farumach am measg nan glinn ’s nan creag mu ’n d’ rugadh Albharstone ’s gach Breitheamh a bha ’n an suidhe maille ris, agus a rinn eucoir air Canada.
Tha ar luchd-dùthcha ann an Canada ’gabhail
[Vol . 12. No. 12. p. 3]
beachd ùr air cùmhnant Ashburton trid an do chaill sinn Stàid Mhaine, ’s mar so slighe dhìreach anns gach àm de ’n bhliadhna a dh’ ionnsuidh a’ chuain mhoir. Thainig car uamhasach anns a’ chrioch eadar sinn fein agus na Staidean, agus mar so thugadh Maine uainn agus comas imeachd tre ar dùthaich dhiongmhalta féin.
Bithidh cuimhne aig luchd-leughaidh MHIC-TALLA mar rinn long de na Staidean d’am b’ainm Trent eucoir air long Breatunnach. Bha aig an àm so cogadh fuileachdach a dol air aghaidh am measg nan Staidean féin. Thug luchd-riaghlaidh Bhreatuinn achmhasan geur, neo-sgathach do na Staidean mu thuath, iad a liubhairt suas gun dàil an da dhuine ’thugadh leis an lamh laidir as bàta na smùide ’n Trent. Aig a cheart àm chuir Breatunn le deifir anabarrach saighdearan dearga ’nall a dhion Chanada nam bitheadh na Staidean co amaideach ’s nach tugadh iad géill do ’n achmhasan chruaidh, gheur a thug Breatunn doibh. Is ann le dragh eagalach a thainig saighdearan ann am meadhoin a’ gheamhraidh bho ’n chuan gu baile-mor Chuebec agus àitean eile.
Chunnaic gach neach a bha ’gabhail beachd chùramach air tearuinteachd Chanada gu feumadh rathad-iaruinn a bhi againn duinn fein troimh roinnean iochdrach na dùthcha gus a’ chuan mhor. Is ann mar so ’thòisich anIntercolonial (mar their iad ris) air a bhi air a thogail. Is e rathad iarunn gasda ’tha ann. Ged tha e ’g imeachd gu tric troimh ionadan nach ’eil ach bochd ’us neo-thorrach, is e rathad grinn, sèamh a tha ann agus tha e air a ghleidheadh ann an òrdugh maith. Tha e ’ruigheachd a’ Bhaile-rioghail a nis, agus chosd e bho thoiseach gu deireadh deich agus tri fichead muillion dollar do ’n dùthaich. Tha moran seanachais air a dheanamh aig an àm so mu dheibhinn an rathaid iaruinn a tha ’nasgadh roinnean àrda ’s roinnean iosal Chanada ri chéile, am feadh tha iomradh air a dheanamh gu minic air an rathad ùr a tha ’dol gus a’ chuan air taobh an iar de Chanada. Ni mi luadh air an rathad ùr anns an ath litir.
CONA.
ROBINSON CRUSOE.
CAIB. V.
BEAGAN uine an deigh dhuinn tighinn air ais do Lunnainn, gu mi-fhortanach dhomhsa, dh’ eug mo dheadh charaid, sgiobair na luinge; ach o ’n a chuir mi romham seoladh a rithist gu ruige Guinea, a chum an tuilleadh malairt a dheanamh ann, sheol mi anns an luing air an robh mi roimhe. An deigh bas an sgiobair, rinneadh sgiobair dhe ’n fhear a bha ’na mhet air an luing roimhe sid.
B’ e sid an turus bu mhi-fhortanaiche air an robh mi riamh. Mu ’n d’ fhalbh mi, dh’ fhag mi mu dha cheud punnd Sasunnach dhe ’n airgiod a bh’ agam air curam na bantraich a dh’ fhag an seann sgiobair, agus bha i gle onarach agus ceart rium. Cha d’ thug mi leam ach mu cheud punnd Sasunnach dheth.
Mar a dh’ ainmich mi mar tha, thainig mi-fhortain eagallach ’nar rathad; agus so mar a thachair a’ cheud aon diubh: —An uair a bha ’n long a’ seoladh eadar Eileanan Chanari agus Africa, ann an soilleireachadh an latha thainig long Thurcach, creachadair-cuain a Salee, ’n ar deigh gus ar glacadh. Bha i fo lan-aodach. Chuir sinne an long againn fhin fo h-aodach cho math ’s a ghiulaineadh i feuch am faigheamaid teicheadh; ach bha ’n creachadair a’ sior dhluthachadh oirnn; agus an uair a thuig sinn gu ’n tigeadh i suas ruinn ann an da uair an uaireadair, rinn sinn gach deisealachd ’n ar comas a chum cath a dheanamh rithe. Bha dha-dheug de ghunnachan-mora againne air bord, ach bha h-ochd-deug acasan.
Mu thri uairean feasgar thainig an creachadair suas ruinn, agus le nadar de mhearachd tharruinn e suas mu choinneamh na cliathaich againn, an aite tarruinn mu choinneamh an deiridh mar a bha an sgiobair an duil a dheanamh. Mu ’n gann a chaidh e ’na fhaireachadh loisg sinne ochd urachraichean ris a’ chliathaich aige, agus thug so air tarruinn air falbh an deigh dha losgadh oirnn le feadhainn dhe na gunnachan-mor; agus loisg an da cheud fear a bh’ aige air bord oirnne leis na gunnachan-caola a bh’ aca. Ach air a shon sin cha d’ rinneadh dad air duine dhe na bha air bord againne, oir chum sinn sinn-fhin gu math ann am falach.
Rinn e deas a rìthist gus garbh ionnsuidh a thoirt oirnn, agus rinn sinne deas gus sinn-fhin a dhion; ach o’n a fhuair e cothrom air tighinn tuilleadh is dluth dhuinn air a’ chliathaich eile, chaidh aige air tri fichead dhe ’chuid daoine a chur air bord againn, agus anns a’ mhionaid thoisich iad air gearradh na dec agus nam ball a bha teannachadh nan crann, agus thoisich sinne air losgadh orra leis na gunnachau-caola, agus ri gabhail dhaibh leis gach maide, agus gach inneal-marbhaidh eile a thachradh a bhith deiseil dhuinn. Dh’ fhuadaich sin da uair bhar buird iad. Ach air a shon sin, o ’n a bha ’n long againn air a cur o fheum, agus triuir dhe ar daoine air am marbhadh, agus ochdnar eile air an leonadh, b’ fheudar dhuinn geilleadh, agus thugadh mar phriosanaich sinn gu ruige Sallee, baile-puirt a bhuineadh do na Mooraich.
Cha robh an doigh anns an do dh’ fheuchadh riumsa anns an aite ud cho eagallach ’s a bha mi ’n toiseach a’ smaointean, agus cha mho a thugadh suas an duthaich mi gu cuirt an Iompaire mar a rinneadh air cach. Chum sgiobair a’ chreachadair aige fhein mi mar a chuid dhe ’n chreich, a chum gu ’m bithinn ’nam thraill aige, o ’n a bha mi og agus fuasgailteach air son obair a dheanamh.
Bha mi ’g am fhaireachadh fhin ann an suidheachadh anabarrach mi-thoilichte an uair a thugadh mi o bhith ’nam mharsanta gu bhith ’nam thraill thruagh. Agus bha mi gu math tric a’ smaointean air na briathran a labhair m’ athair an uair a thuirt e gu ’m bithinn fhathast ann an suidheachadh truagh, agus gun duine sam bith ann a bheireadh fuasgladh dhomh; agus bha mi ’smaointean gu ’n d’ thainig an fhaistneach a rinn e gu teachd, agus nach b’urrainn gu’m bithinn gu brath tuilieadh na bu mhiosa dheth na bha mi; agus a nis gu ’n d’ fhuair lamh Nèimh greim orm, agus gu ’n robh mi air dol a dhith ’s gun neach ann a bheireadh fuasgladh dhomh. Ach, mo thruaighe! cha robh an so ach blasad beag dhe ’n eiginn ’s de ’n chruaidh-chas troimh an robh agam ri dhol, mar a chithear anns na tha agam fhathast ri innseadh dhe mo naigheachd.
O ’n a thug mo mhaighstir ur mi d’ a thaigh fhein, bha mi ann an dochas gu ’n tugadh e leis mi a’ cheud uair a rachadh e gu muir, agus bha mi ’toirt orm fhin a chreidsinn gu ’m faodadh gu ’m biodh e air a ghlacadh le luing-chogaidh a bhuineadh do ’n Spain, no do Phortugal, agus an sin gu ’m faighinn mo shaorsa.
Ach chaidh an dochas so buileach glan as an t-sealladh; oir an uair a chaidh e gu muir, dh’ fhag e aig an taigh mi, gus a bhith ’g obair anns a’ gharadh a bh’ aige, agus gus a bhith ’g obair air gach car beag suarach a bhiodh aig traillean ri dheanamh mu ’n cuairt an taighe aige. Agus an uair a thainig e air ais dh’ ordaich e dhomh fuireach anns a chaibin gus a bhith ’g amharc as deigh gach ni a bhuineadh do ’n luing.
Am feadh ’s a bha mi anns an t-suidheachadh so, cha robh dad a’ tighinn fo ’n ear dhomh ach ciod an doigh air am faighinn teicheadh; ach cha robh mi ’faicinn doigh sam bith leis an rachadh agam air so a dheanamh. Cha robh neach sam bith ann ris an cuirinn mo chomhairle agus a bhiodh deonach falbh comhladh rium. Cha robh Albannach, no Eirionnach, no Sasunnach am measg nan traillean a bha comhladh rium. Fad da bhliadhna, ged a bha mi ’g am thoileachadh fhin le bhith ’smaointean gu ’m faighinn cothrom air teicheadh, cha d’ fhuair mi riamh an cothrom, no a’ mhisneach bu lugha, gus teicheadh.
An uair a chaidh corr is da bhliadhna seachad, thachair rud annasach, a thug orm a bhith ’smaointean gu ’n rachadh agam air cothrom fhaotainn air teicheadh. Bha mo mhaighstir aig an taigh na b’ fhaide na bu ghnath leis, agus gun ghuth aige air an long a chur an ordugh. Chuala mi gur ann gann a dh’ airgiod a bha e. Bu ghnath leis a dhol da uair ’s an t-seachdain, no na bu trice, le geola bheag na luinge, a dh’ iasgach astar math o thir; agus o ’n a bha mise agus balach og do ’m b’ ainm Moresco comhladh ris an comhnuidh gus a bhith ’g iomradh na geola, bha sinn a toirt toileachaidh gu leor dha, agus bha mise gle mhath gu iasgach. Is minic a chuir e mise agus Moresco, agus aon dhe luchd-daimh a dh’ iasgach an uair nach b’ urrainn da fhein a dhol ann.
Aig am araidh, thachair dhuinn a dhol a dh’ iasgach air madainn gle chiuin. Ged nach robh sinn gle fhada o thir, an uair a thuit ceo trom, dumhail air a’ mhuir, cha robh fhios againn ciod e an taobh air an tugamaid ar n-aghaidh, oir chaill sinn gu buileach sealladh air a’ chladach. Thoisich sinn ri iomradh an duil gu ’n rachadh againn air an cladach a thoirt am mach air thuairme. Bha sinn ag iomradh fad an latha ’s na h-oidhche, agus an uair a thainig a’ mhadainn, thug sìnn an aire gur ann a bha sinn a’ sior dhol na b’ fhaide o thir an aite bhith ’tighinn dluth do thir, agus gu ’n robh sinn pailt sia mile o thir. Ach air a shon sin chaidh againn air tir a thoirt am mach; ach cha b’ ann gun sgios, gun chunnart, oir thoisich a’ ghaoth ri seideadh gu math laidir anns a’ mhadainn. Ach bu shuarach na bha oirnn de sgios an deigh dhuinn a bhith ’g iomradh fad an latha ’s na h-oidhche seach na bha oirnn de dh’ acras.
Ghabh mo mhaighstir rabhadh o ’n mhi-fhortan so a thachair dhuinn, agus chuir e roimhe gu ’n tugadh e an aire mhath dha fhein ’na dheigh sid. Bha ’m bata-fada a bha anns an luing againne air a gleidheadh gu curamach aige, agus chuir e roimhe nach rachadh e dh’ iasgach gu brath tuille gun chombaiste, agus biadh gu leor a bhith air bord aige. Mar so thug e ordugh do ’n t-saor a bha air bord na luinge aige—agus bu Shasunnach a bh’ anns an t-saor so, a ghlac e uair-eiginn an uair a chreach e long Shasunnach—thug e ordugh dha, tha mi ’g radh, taigh-giubhais beag, grinn a thogail ann am meadhain a’ bhat’ -fhada, agus aite fhagail anns an deireadh do fhear na stiuireach, agus do ’n fhear a bhiodh aig an sgod, agus aite fhagail mar an ceudna aig fear no dithis anns an toiseach gus na siuil a chur suas. Bha i air a cur an ordugh air son aon seol a bha coltach ri ceathramh toisich caorach, agus bha am bom cho ard ’s gu ’n rachadh e o thaobh gu taobh seachad os cionn an taigh-ghiubhais an uair a bhiodh sin feumail. Bha ’n taigh-giubhais so cho mor ’s gu ’n robh aite cadail aig triuir ann, aite air son buird air an gabhadh iad am biadh, agus aite air son biadh is deoch a ghleidheadh, gu sonraichte, aran agus rais, agus cofi.
Chaidh sinn gu math tric a dh’ iasgach anns a’
[Vol . 12. No. 12. p. 4]
bhata so, agus o ’n a bha mise anabarrach math gu iasgach, cha d’ fhalbh mo mhaighstir riamh a dh’ iasgach gun mi bhith comhladh ris.
Thachair dha lath’ araidh a shuidheachadh air son a dhol a dh’ iasgach, no greis a thoirt air seoladh, a chum e fhein agus a chairdean a thoileachadh. Bha dithis no triuir de Mhooraich a bha ann an suidheachadh gu math ard gus falbh comhladh ris, agus rinn e ullachadh neo-chumanta air an son. Am feasgar mu ’n robh duil aige falbh, chuir e pailteas de gach seorsa bidh is dibhe a b’ fhearr na cheile air bord, agus thug e ordugh dhomhsa tri gunnachan, agus fudar is luaidhe gu leor a chur air bord anns a’ bhata, gun fhios nach fhaigheadh iad cothrom air eoin a mharbhadh a bharrachd air iasgach a dheanamh.
Fhuair mi gach ni dhiubh so deiseil mar a dh’ iarr e orm; agus air an ath mhadainn an deigh dhomh am bata fhaotainn glan deiseil, agus ann an ordugh cho math ’s a b’ aithne dhomh, bha mi ’feitheamh gus an tigeadh mo mhaighstir, agus na h-aoidhean a bha gu bhith maille ris. An ceann beagan uine thainig mo mhaighstir air bord ’na aonar, agus dh’ innis e dhomh nach robh na h-aoidhean gu tighinn comhladh ris an lath’ ud, o ’n a thainig orra sealltainn as deigh gnothaichean araidh a bhuineadh dhaibh. Dh’ ordaich e dhomhsa agus do’n duine ’s do ’n bhalach a b’abhaist a bhith comhladh rium, a dhol am mach leis a’ bhata mar bu ghnath leinn feuch am faigheamaid iasg, o ’n a bha a chairdean gus an suipear a ghabhail anns an taigh aige air an fheasgar ud. Agus dh’ ordaich e dhuinn tilleadh dhachaidh cho luath ’s a gheibheamaid iasg; agus gheall mise gu ’n deanainn so.
(Ri leantuinn.)
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. XX.
AIR AN T-SLIGHE DHACHAIDH—NA CHUNNAIC ’S NA CHUALA EOBHAIN AN GLEANN DUIBHRE—MAR THACHAIR AIG A’ CHLADACH—A’ CHRIOCH.
DH’ FHAG sinn Eobhain bàn a fàgail Dhunéideann, is aghaidh air beanntan an fhraoich, a’ dol a’ dh’ amharc a chàirdean. Ged a bha Eobhain dreachar a fàgail na dùthcha, tha e na ’s deise ’s na ’s dealbhaiche gu mor a nis air thàille na saighdeireachd, a dh’ fhàg a phearsa gun mheang, air chor ’s gu ’n robh iomadh sùil maighdinn agus gach aon a bha tachairt ris air an t-slighe a’ tionndadh ’s a’ sealltainn na dhéigh. Rainig e mu dheireadh Bail’ -an-Iubhair, agus ann an sin chuir e dheth culaidh an t-saighdeir airson reusan àraidh, agus chuir e uime trusgan cumanta, mar b’ àbhaíst da bhi caitheamh ’san àite. Ged a bha ’m feasgar a tighinn chuir e roimhe aghaidh ’chur air a mhonadh gharbh an oidhche sin fhein, oir mar bu dlùithe bha e tighinn da sheann dachaidh ’s ann bu mhotha chabhag ’s a chùram. Gun a dhol an còir a charaide ’sa bhaile, air eagal ’s gu ’n cumadh e e, ghabh Eobhain an ceum garbh air an robh e gu math eòlach, a bha dol tarsuinn Ghlinn Duibhre, far an robh dùil aige anail a leigeil le ’sheann bhana-charaid, Ealasaid odhar, agus naigheachd fhaighinn air an fheadhainn a bha dlùth da chridhe.
Is e oidhche bhalbh, shàmhach a bh’ ann—aon de na h-oidhcheannan sin a shaoileas sinn a bhios Nàdar a cumail a h-analach ’s aig fois shèimh, ’s air an tig an fhuaim is faoine gu ’r cluais bhar astar gu soilleir, ’s air an cuir leum na h-uiseig á còs crith air a chuairtear, mar fhuaim gunna-mhóir. Bu lùthmhor ceum Eobhain a gabhail gach athghoirid air an t-slighe, a leum o ghnoban gu gnoban le cois chinntich nach robh gabhail òrdugh sam bith o’n cheann. Ràinig e mu dheireadh bruaich Ghlinn Duibhre, os cion a’ Mhuilinn Duibh, ’s a suidhe sios an tom raineach thòisich e feuch an deanadh e ’mach troimh ’n dorchadas, gach stùc is gleann air an robh e eòlach mu ’n cuairt. Bha ’chridhe ’s farum aige bualadh le toileachadh air dha ’chreag mhor ghlas ’s gach bearradh cas fhaicinn air an robh e eòlach, ’s air an robh e sealltainn mar sheann chàirdean gràdhach. Thionndaidh e sin a shùil sios an gleann duaichni, ach cha bu léir dha ni; bha brat trom, dorcha mar a b’ àbhaist ga ’fhalach, mar gu ’m biodh nàire air Nàdar as a h-obair, agus i, cleas cuid de na mnathan taighe, aig am bi seann bhrògan is luideagan fo chuibhrig bòidheach, gus an t-sùil a mhealladh. Ach chluinneadh Eobhain gu soilleir torman na h-aimhne ’sa ghleann, a toirt na ’chuimhne an oidhche mu dheireadh a chuir e seachad ’sa mhuileann dubh, ’s a ghàbhadh ann. Thainig fiamh gàire air a ghnùis, air dha smaointinn air a chleas a rinn e air an Osdair Dhubh ’s air Uilleam. “Cha rachainn an urras,” ars’ esan ris fhéin, “nach gabhadh iad— A Dhia beannaich mi! dé bha sud?” ars’ ar curaidh, ’s e aig a mhionaid ud, mu ’n do chuir e crioch air na briathran, air an aon sgriach bhàis—an aon sgriach a b’ eagallaiche ’chual e riamh, a dh’ aindeoin bhlàr is àr, a chluinntinn a tighinn a nuas as a Ghleann rathad an t-seann mhuilinn. Dh’ eirich e gu luath agus ruith e sios, ’s an uine gun bhith fada ràinig e ’s an anail an àirde ’chléibh. Fhuair e Ealasaid odhar na ’h-aonar aig an dorus fhosgailte, ’s a da shùil an impis leum as a ceann le eagal do-labhairt. Bha ’n crùisgein laiste na ’laimh ’s bha ’sholus buidhe, mùgach, gun ghluasad ’sa chiùine bha riaghladh ’s a fàgail gach ni bha ga ’chuairteachadh mi-nàdarra ’s air chumaidhean iongantach. An uair a nochd Eobhain ’s a chuairt sholuis, theab Ealasaid a dhol á cochull a cridhe, ach air dha labhairt ’s air dhi aithneachadh, leig i as an crùisgein ’s rinn i greim bàis air le ’da laimh.
“O, eudail, an oidhche bha ’n so an nochd! an oidhche bha ’n so an nochd!” ars’ ise eadar na deòir, a rithist agus a rithist, mu ’n rachadh aig Eobhain air facal fhaighinn aisde mu ’n chùis. Ach air dha an crùisgein a thogail agus sealltainn mu ’n cuairt air, chunnaic e iomadh comharradh ’bha ag innse dha gu ’n robh blàr fuilteach ’sa bhad beagan mhionaidean air ais. Air gach laimh bha botuil bhriste, is fuil, is stiallan aodaich, agus an aon àite fhuair e ciabh phabach ghruaige, a bha glé choltach ris a bhàrr a dh’ fhàg e ’fàs air crùn an Osdair dhuibh fhein. Thionndaidh e ri Ealasaid, a bha nis gu balbh ga ’leantuinn, “C’àit’ am bheil do mhaighstir agus Uilleam?” Ghabh i gu sàmhach ceum air adhart, ’sa tomhadh a corraig ris an luba dhuibh gun ghrunnd a bha dlùth, thuirt i, “Tha iad ann an sud.” Chaidh Eobhain thun na bruaich leis a chrùisgein agus ’san doimhne dhuibh, shalaich, am measg an duilleagan bàthte, chunnaic e ’n toll far an deach iad sios, ’s na glumagan fhathast an dràsda ’s a rithist a spreadhadh air uachdar. Fhuair e slat ’s ga ’cur sios cha do thachair ni ris, agus thuig e an uair sin gu ’n robh Osdair dubh Ghlinn Duibhre ’s a chompanach uilc air an réis a ruith ’san t-saoghal, agus gu ’n robh iad na ’n suain shiorruidh ’san leabaidh a dheasaich an droch ghniomharan fhéin dhaibh ré am beatha.
Is e ar n-obraichean fhein daonnan, biodh iad math no olc, a leanas sinn na ’s dlùithe na bràthair thun na crìche, ga ’r saoradh no ga ’r dìteadh. Agus mar sin an t-aon a ni chòir cheart, cha ’n ann air-son eagal ach air-son gaol Dé, bidh ionmhas aige aig crìoch a réis is fhearr na ’n t-òr, agus fianuis dhìleas a thagras a chuis air beulaobh a Bhreitheamh mhóir an cathair a’ bhreitheanais.
Fhuair Eobhain bàn a mach o bhriathran bristeach Ealasaid gu ’n do thòisich na seòid gu càirdeil, réidh air òl feasgar, ach ge air bith dòigh ’san do choisinn Uilleam teith diomb an Osdair, dhiult e boinne tuilleadh a thoirt dha de ’n stuth theinnteach bu mhiann leis, ged a bha e fhein, gus am barrachd dorrain a chur air a chompanach, ga ’òl mu choinneamh a shùilean ’s ga ’mholadh gu subhach, gach còrn a thràghadh e. Cha do sheas Uilleam so fada, ’s thug e ionnsuidh air a bhi na chuid a dh’ aindeoin an Osdair, is chaidh iad mar sin an gruagan a chéile gu nimheil. A dh’ aon rùin chaidh iad a mach do ’n fharsuinneachd, ’s cha bhi fios gu brath co aca dh’ fheuch ris an fhear eile ’chur do ’n luba dhuibh. Is e ’s docha gu ’n robh e na ’n aire le chéile, agus mar a chunnaic sinn, chaidh iad sios an greim bàis an glacaibh a chéile, ’s an sin fàgaidh sinn iad, oir cha ’n fhiach iad an toirt as.
Bha aig Ealasaid air chùl a cinn na chum gu co-fhurtail i fhad ’s bu bheò i. Agus na bothan beag, air falbh o chuairteachadh olc, bha ’cridhe ’s a laimh fosgailte, fialaidh ris an fheumach gu deireadh a làithean; ’s bidh dòchas againn gu ’n do rinn so suas air-son na bhatar a’ cur as a leth na ’h-òige. Agus aig fois fàgaidh sinn i ’s cha toir sinn luaidh air a h-ainm tuilleadh.
Bu bhrùite, goirt cridhe Eobhain bhàin, ’nuair a fhuair e ’mach mar a thionndaidh cùisean o’n a dh’ fhàg e. Dh’ fhàiltich iad e’ sa bhothan bhochd mar neach air tilleadh bhar an t-saoghail eile, ’s a mhàthair bhochd, cha ’n fhuiligeadh i idir as a sealladh e, air eagal ’s gu ’m fàgadh e i mar a rinn e roimhe. B’ aoibhneach, toilichte Mairi dhìleas, ’s na deòir le barrachd an t-sòlais le ’gruaidhean tana, agus bu phàigheadh dùbailte leatha air-son na rinn i briathran blàth Eobhain, agus a thaing dhi ’nuair a fhuair e ’mach o dhaoin’ eile na chaidh i roimhe agus a dìlseachd dha mhathair. An ùine gun a bhi fada bha iad air ais ’san Dùn, na seann dachaidh cho-fhurtail, agus gu math na b’ fhearr, le cuideachadh Eobhain, air an dòigh na bha iad ’sa bhothan thruagh ’s a mhonadh ùdlaidh. Bu mhor an gàirdeachas a nis a rinn a chàirdean maille ri Eobhain bàn mac an t-saighdeir, air dhaibh a chluinntinn cho math ’s a rinn e ’san arm, agus thàinig iomadh aon air adhart a thagairt càirdeis ’s a chrathadh a laimhe, a chumadh taobh fuar an cinn ris ’sna làithean a dh’ aom. Cha robh aig ar curaidh ach mios folaidh, agus mar sin cha robh dìnneir no cuirm thun nach robh e faighinn cuiridh, no air an cùnntas fasanta na ’m fuiricheadh e air falbh. A dh’ aon fhacal bha gach aon ’san àite ’seinn cliù Eobhain a chionn a chommission a chosnadh ’s a bhi nis na ofigeach am feachd Righ Deorsa, agus ri fàisneachd gu ’m biodh e fhathast, na ’m faigheadh e saoghal, na àrd-sheanalair. Cuid a chaidh cho fad air adhart leis a bheachd mhor so ’s gu ’n robh iad a tighinn (a gabhail fàth air a chéile) far an robh e, air-son ’s gu ’n toireadh e làmh-chuideachaidh (an uair a thigeadh an t-àm) do ’n cuid mhac suas fàradh nan àrd, ged a bha cuid dhiubh so air mhàgaran fhathast. Cha robh Eobhain ag radh a bheag, ach ag éisdeachd le fiamh gàire ris gach ni, oir bha e air an rathad a thaghadh roimhe so, ’s cha robh e ’n im-cheist da mhionaid mu ’n chùis, an uair a dh’ fhosgail an da rathad air a bheulaobh—an t-aon rathad, miann a chridhe, taitneach, ’s a triall gu àrdaibh glòrmhor ’san t-saoghal so; agus an t-aon eile, rathad a dhleasnais, an cùil bhig, chumhang, gun bhuaidh a triall ’sna h-iosail dhìblidh, ach aig am bi duais an taobh thall de ’n chrìch, air àrdaibh
[Vol . 12. No. 12. p. 5]
nach dìrich sùil chorporra no inntinn.
Bha gaol aig Eobhain do ’n t-saighdeireachd, ’s b’e miann a chridhe ’leantuinn, agus ged a bha gràdh aige air beanntan an fhraoich, dh’ fhàgadh e iad gu toilichte air-son an toileachadh do-labhairt a bhiodh aige tighinn ga ’n ceumaibh uair is uair á dùthchannan céin. Ach a mhàthair, cha’n fhàgadh e ’muigh no mach, ’s e faicinn cho toilichte ’sa bha i, na dòigh fhein, e bhi dlùth, agus cho beag fois ’sa bhiodh aice na’m biodh e beagan ùine as a sealladh. Mar sin gu bog, balbh, gun fhios do dh’ aon ach do Mhàiri, reic e ’chommission ’san arm, agus leis a ghniomh sin thug e stoirm fheargach mu cheann, an litrichean teinnteach o’n chòirneal Ghàidhealach ’s o na h-ofigich eile. “Amadain òig!” ars’ an Còirneal “smaointich fhathast dé tha thu ’deanamh, ’s na gabh an ceum air na chunnaic thu riamh, ’s posta caiptein ga d’ fheitheamh, oir dh’ eug Mac Leòid air thàille a lotan.” Gu nàdarra thug na litrichean so osna no dha á cliabh Eobhain, ach gu duineil mhùch e sios iad ’s ghabh e ’shlighe fhéin.
Bha Una fhathast maille riutha, agus ged a bha i nis air fàs gu math cha ’n fhuiligeadh iad di gluasad. Cha robh i doirbh a cumail air dhi ionnsuidh fhaoin a thoirt air falbh, nuair a dh’ fhàs i slàn, oir bha sùil aic’ air Eobhain bàn fhathast, agus is docha gu ’n do bheothaich dòchas ùr na ’com dha thaobh. Bha Màiri bheag mar an ceudna le gaol gun diobradh, dìleas dha ceud gràdh riamh, ach mar a bha i ’n dùil, gun fhios do neach eile. Daonnan a cumail a dòchasan ’s a miann fhein air chùl, na ’m biodh dad ri dheanamh a chum toileachadh a thoirt do dh’aon dhe na bha ga ’cuairteachadh, thòisich Màiri a nis le h-uile chridhe, ged a bha e goirt leatha, feuch an rachadh aice air Eobhain agus Una a tharruinn na bu dlùithe dha chéile, ’s i smaointinn gu ’m b’e sin am miann na ’n dithis. Ach cha robh Eobhain a gabhail nan cothrom a bha i toirt dha, no sanas sam bith, agus mu dheireadh smaointich i air bruidhinn ris mu ’n chùis.
Bha iad na ’n suidhe le chéile aon fheasgar Dòmhnach aig a’ chladach, toiseach an fhoghair—feasgar grianach, blàth, ’s na meanbh-chuileagan a’ dannsa le aoibhneas ’sa ghréin mu ’n coinneamh, ’s na faoileagan air sgéith gu réidh os cionn a bhàgh, ’s burbhuachaille aonaranach air uchd nan tonn dlùth dhaibh, a’ cumail sùil amhrusach air a chàraid agus sùil eile ’mach air-son meanbh iasg a chuireadh am fortan air. Dh’ fhàg Una iad beagan mhionaidean roimhe so, ’s a ceann air fàs goirt aig a ghréin, ’s mar sin ghabh Mairi an cothrom, ’s an déigh dhi bhi luaidh cliù Una le briathran blàth fad ùine, thubhairt i, “C’ar son, ’Eobhain, nach ’eil thu na ’s caoimhneile ri Una?”
“Tha thu ’cur ioghnadh orm, a Mhairi,” ars’ esan; “cha ’n fhiosrach mise gu ’n robh mi ach caoimhneil rithe riamh.”
“O, cha ’n e sin a tha mi ’ciallachadh idir! O, ach na fir! cho fior dhùinte ’sa tha iad!” arsa beul milis Mairi. “Cha tuig iad ni gus an innsear dhaibh e gu saor, soilleir seachd uairean, agus is gann na dhéigh sin nach fheumar a sgriobhadh dhaibh; agus tha thusa coltach ri càch. O’n is fheudar dhomh ’ràdh ’s e tha mi ’ciallachadh, c’ar son nach ’eil thu deanamh réit rithe, oir bha gaol agad oirre aon uair, agus, Eobhain, tha mise cinnteach gu bheil gaol aig Una ort fhathast.”
“A Mhairi,” ars’ Eobhain, “seall orm ’san da shùil, agus innis dhomh an toireadh e nis toileachadh mor dhut Una agus mise fhaicinn pòsda?”
Dh’ fhàs a gnùis bhòidheach cho dearg ris an sgàrlaid, ach gu tapaidh sheall i suas na ’shùilean agus thubhairt i, “Toilichte, ’Eobhain! dh’ fhàgadh e mise gun teagamh toilichte sibhse fhaicinn toilichte an gaol a chéile, agus—agus—”
Aig a so stad Mairi, oir ag amharc an doimhne sùilean a chéile—sgàthan ar fior bhith—chunnaic gach aon aca an dealbh fhéin air a ghràdhachadh agus saoghal ùr a fosgladh anns am biodh an cridheachan ’s an anamannan tàthte ri chéile an toileachadh do-labhairt gu dìlinn. An ath mhionaid chruinnich Eobhain ga ionnsuidh i, agus air a ghualainn chumhachdach shil a deòir aoibhneach gu frasach. An uair a bha iad greis sàmhach, oir cha robh feum air briathran, sheall Mairi suas ’s na deoir fhathast mar mheanbh neamhnaidean air a ruisg fhada, agus thubhairt i, “Am bheil da rireadh gaol agad orm, Eobhain?”
“Na cuir teagamh ann gu bràth, a ghaoil,” ars’ esan. “Is fhad o fhuair mi ’mach, a Mhairi, gur i d’ iomhaidh chaoin bu doimhne bha ’n tarruinn na m’ chridhe. Agus ged a bha, mar tha fios agad, mi ’smaointinn air Una aon uair, agus là ar pòsaidh air ainmeachadh, cha robh ann dhomh ach lasair bhras a thionndadh gu luaithre an ùine ghearr le ’teas fhéin. Agus ged a bhiomaid air pòsadh cha tàthamaid mar bu chòir, agus cha tuigeamaid fior rùintean a chéile gu bràth, agus mar sin tha mi toilichte gu ’n do thionndaidh cùisean a mach mar a thionndaidh iad.”
“Ach O,” arsa Mairi, “ciamar a dh’ innseas mise so do dh’Una? O, cha ’n urrainn domh! cha ’n urrainn domh!”
Thainig fiamh gàire air Eobhain, ’s e gu caoin a tarruinn falt mìn Mairi troimh mheòirean. “A Mhairi,” ars’ esan, “na cuireadh sin gruaimean ort; oir an dug thu idir an aire mar a thug mise—ged a bha thu ’g ràdh gu ’n robh na fir dall, dall, dùinte—an dug thu ’n aire cho tric ’sa tha Calum nan giomach a tighinn an rathad o chionn da sheachduin. Agus cha rachainn mionaid an urras nach ’eil e stigh aig a mhionaid so, oir chunnaic mi coltas na boineid aige ’deanamh dìreach air an taigh greiseag mu ’n do dh’fhàs ceann Una cho goirt.”
Mar dhuais air-son a sùilean fhosgladh do ’n fhìrinn so, chaidh da ghàirdean Màiri mu ’amhaich, agus an ath mhionaid chaidh am burbhuachaille gu grunnd an aigein le eagal, ’s e air fuaim air choireiginn a chluinntinn air nach robh e eòlach.
Mar a thubhairt b’ fhìor. Mu ’n do ruith da sheachdain bha Una dhonn a phìobaire na ’bana-mhaighstir an taigh bòidheach, sgiobalta Chalum nan giomach ri oir na mara, far an robh tomhas math de thoileachadh aice fad a beatha; ach bha i tuilleadh is eudomhain air-son blasad air fior thoil-inntinn na fior bhròn fhad ’s bu bheò i.
Mar an ceudna an ceann mios eile phòs Eobhain bàn ’s a leannan dìleas fhéin. Agus an uair a bha iad na ’n suidhe gu subhach aig bòrd na bainnse le ’n càirdean, thainig am posta ’stigh le da litir, is té dhiubh, air an robh seul eilthireach, shìn e do dh’Eobhain, ’s an te eile shìn e do bhean na bainnse. Le ’laimh fhein chuir Eobhain straic uair no dha le drùchd nam beann air corn na posta air-son a shaoithreach, agus an uair a dh’ fhàg e iad, a’ guidhe sonais agus sòlais do ’n chàraid òig, dh’ fhosgail iad le chéile le car de dh’ioghnadh na litrichean. Bha litir Eobhain á Staitean Aonaicht’ America, o Chaiptean Uilleam Adam, agus bha pàirt di mar a leanas:—
“A charaid ionmhuinn: chinn am fortan fàbharrach dhomh o’n a chunnaic mi thu mu dheireadh air latha ’n àir mhoir am Belgium, Thainig mi ann an so gu bràthair mo mhàthar, a rinn beairteas mor ’san dùthaich so, agus a bàsachadh gun oighre da sheachdain an déigh dhomh tighinn dh’fhàg e agam gach ni. Ach, a charaid, a charaid, cha mheal mis’ e fada, oir tha mi air leaba mo bhàis, ’s am bàrr a chuir mi na m’òige nis air e fhein a chur an géill na m’ phòraibh, agus theid mo mhùchadh leis is dòcha mu’n éirich grian eile. Mar sin tha mi ’cur mo thaighe ’n òrdugh mu ’m fàg mi slàn aig an t-saoghal, agus tha mi ’cur leth mo chodach gu m’aon phiuthair agus an leth eile ugad fhein, oir cha’n aithne dhomh aon is fhearr a ni feum dheth na thu. Gheibh thu e ri d’ chreideas ’sa bhanc am Bail’ -an-Iubhair. Slàn leat, a charaid. Tha ’m peann a fàs trom, trom, ’s i fàs dorcha, dorcha. Ach tha reul-iùil—”
Bha na deòir an sùilean Eobhain air dha an litir a chur an laimh Mairi, agus a breith air an litir aice fhein leugh e i mar an ceudna: Dìleab Mhurachaidh sgiobair na h-Iubhraich, a dh’eug latha roimhe sud—seachdain an déigh bàs a mhnatha. Ciod a b’ iongantaiche le Eobhain na fhaicinn gu ’n do dh’ fhàg e gach ni suas—mu chóig ceud punnd Sasunnach—aig Mairi, a toirt seachad mar reusan gu ’n robh ’shùil oirre fhad ’sa bha i na h-airc ’s nach do mheataich i, agus nach robh caraid no dàimheach aige, agus nach robh aon air thalamh aig am b’ fhearr leis e na ise—Màiri bheag, dhìleas.
Leis an uiread so de mhaoin cheannaich Eobhain oighreachd a’ Bheallaich, agus bha e fhein is Mairi iomadh bliadhna na ’ceann, am meas ’s an cliù aig gach aon, agus cha robh déirceach no bochd ’san sgìr air nach robh ’làmh fhad’, fhialaidh a taghal. Agus thun an latha ’n diugh tha iomadh aon air feadh an t-saoghail a cunntais mar an it’ a’s àirde na ’m boineidean iad a bhi càirdeach do dh’Eobhain Bàn Mac an t-Saighdeir.
Ach ann an suidheachadh na h-òigridh dhi-chuimhnich sinn a ràdh gu ’n d’fhuair a mhàthair a tùr ’s a ciall air ais, le barrachd an toileachaidh mar a thug barrachd a bhròin uaipe iad. Agus gu ’n robh i iomadh bliadhna maille riutha a’ milleadh nan oghachan.
(A’ chrioch.)
BUAIDH “COGADH A’ PHRIONNSA”
B’E so an dara h-ionnsuidh de’n t-seòrsa so a chaidh a thoirt air son a’ chrùin a spìonadh bho theaghlach Hanobher leis na Stiùbhardaich. Bha Gaidhealtachd na h-Alba uile—ach beag—air taobh Sheumais agus Thearlaich; agus ’se so, agus sùil ri còmhnadh fhaotuinn bho’n Fhraing, a thug do Thearlach misneach gu dol air aghaidh, agus dian strì a dheanamh air son faotuinn ’na righ. Bha ’Ghaidhealtachd uime sin, an còmhnuidh, ann an staid neo-shuidhichte. Cha robh fios aig an t-sluagh ’dé cho luath ’s a bhiodh iad air an gairm gu dol fo’n armachd, an gunna a chur air an guaillean agus an claidheamh-mòr iomchar agus a laimhseachadh ann an aobhar a’ Phrionnsa; agus cha robh an inntinnean air an socrachadh air nì a dheanadh an cor ni b’ fheàrr ann an dòigh sam bith.
Bha ’n talamh a’ dol a dholuidh le cion àiteach, agus bha ’n sluagh ag earbsa air son an teachd-an-tir as na b’ urrainn iad a ghoid air an coimhearsnaich, no a thoirt uapa le làmhachas-làidir. Cha robh e measail ceàird ’sam bith ionnsachadh ach a ghoibhneachd, oir is ann ’s a’ chèardaich a bha innealan cogaidh agus seilg air an deanamh, agus uime sin ’s e ’n gobhainn duine ’bu mheasaile ’s an àite. Bha na ceàirdean sitheil eile air sealltuinn sìos orra mar nach biodh iad urramach gu leòr air son duine coimhlionta, agus gheibhte am bitheantas iad air an leantuinn le daoine air an robh fàillinn no mì-dhreach air chor eiginn—mar a bha ’n “Grèasaiche Cam” no ’n “Tàillear Crùbach.”
Bha ùghdarras agus cumhachd mòr aig na Cinn-chinnidh os-ceann an t-sluaigh, agus bha iad aig gach àm ris gach cuideachadh is còmhnadh fhaotuinn bho’n luchd-cinnich, a bha ullamh gu cogadh
[Vol . 12. No. 12. p. 6]
a dheanamh ris an righ, air a’ chrùn no ri aon-a- chéile. An déigh “cogadh a’ phrionnsa” bha e soillear nach robh dòchas tuilleadh ann air son aobhar nan Stiùbhardach. Ged a lìon a bhuirbe agus an t-an-iochd a chaidh a chur an cleachdadh aig an àm fhuilteach sin cridheachan dhaoine le fuath do’n righ agus d’a luchd-riaghlaidh, lion iad iad mar an ceudna le eagal, nuair a chunnaic iad nach robh e comasach dhoibh a bhuaidh fhaotuinn; agus thionndaidh iad air falbh an inntinnean bho chogadh ’s bho airm; agus bha iad a’ leantuinn chleachduinnean bu shìtheile agus a bu bhuannachdaile. Shocraich iad an aire air àiteach an fhearainn, agus air cur air aghart obraichean de dh’ ioma gnè. Chaidh rathaidean-mòra, drochaidean, agus gearasdain a dheanamh le òrdugh agus air costas an Aird-riaghlaidh. Bha comas conaltraidh eadar a’ Ghaidhealtachd agus a’ chuid eile de’n rioghachd. Bha lagh is riaghailt air an toirt a stigh, agus bha beatha agus cuid neach ni bu shàbhailte na bha iad roimhe so. Bha’n sluagh òg a’ faotuinn teagasg is foghlum, ag ionnsachadh cheàirdean feumail; agus a’ togail orra gu cèarnan eile far an robh iad a’ tigh’n gu bhith nan daoine measail cliùthtach. Bha ùghdarras nan Ceann-cinnidh air a chur an lughad, agus thug iad uile géill do’n aon chumhachd, Crùn Bhreatuinn. Chaidh réisimeidean Gàidhealach a thogail a bha fo chomannd nan seann chinn-fheadhna; agus cha robh aig Righ Deòrsa saighdearan a bu ghaisgeile agus a bu dilse. Thainig e gu bhi na ni sàbhailte gu leòr do neach a bhi ’taghal agus a’ siubhal far an robh e roimhe so ’na ghnothuch cunnartach sin a dheanamh. Bha a nis eòlas sgriobturail air a theagasg gu dileas agus gu fallan anns gach sgireachd, agus a’ faotuinn roinn de gheill agus de dh’ ùmhlachd.
’Nuair a thuig daoine beartach anns a’ Ghalldachd agus ’an Sasunn gu’m biodh iad fhéin agus an cuid sàbhailte anns a’ Ghàidhealtachd, thoisich iad air tighinn agus air gabhail fearainn, agus air ceannach oighreachdan bho na h-uachdarain Gàidhealach, a bha am bitheantas bochd, agus a bha ro-dheònach an talamh a reic. Cha robh mòran spéis aig na sealbhadairean ùra do’n t-sluagh bhochd a bha mu’n timchioll; agus ghabh iad gach cothrom air an sgiùrsadh air falbh air son àite ’dheanamh do chaoirich agus do dh’ fhéidh. ’Se fìor bheagan de na seann uachdarain Ghaidhealach nach do reic an oighreachdan, air neo nach do chuir fo thuathanaich mhòra no fo fhéidh iad. ’Nuair a thàinig sìth agus suidheachadh thàinig mar an ceudna soirbheachadh, agus bha ’m barrachd pailteas is comhfhurtachd aig an t-sluagh na bha aca roimhe sin.
Tha mòran—a tha cumail a mach gu’m b’e na Stiùbhardaich oighreachan dligheach a’ chrùin—a’ gabhail ris gu’n robh e air son math na rioghachd gu’n deach buaidh a thoirt gu tur orra aig blàr fuilteach Chuilfhodair, agus gu’n d’ thàinig an dùthaich gu h-iomlan agus a’ Ghàidhealtachd gu sònruichte gus a bhi air an riaghladh ni b’ fheàrr na bhitheadh iad fo na Stiùbhardaich; agus ged a bha ’bhuille ’chaidh a thoirt ni bu chruaidhe ’s ni bu ghoirte na dh’ fhaodadh i bhi, gu’n d’ thàinig rath is sonas air a’ Ghàidhealtachd d’an robh i roimhe sin ’na coigreach. Thàinig, eadhon, muinntir a shaoileadh mide a bhiodh ag àrach droch rùin, naimhdeis agus dioghaltais, mar a tha sliochd Mhic Shimi, d’ an deach an ceann a chur air Cnoc-an-Tuir, air son a’ phàirt a ghabh e ann an “Cogadh a Phrionnsa,” agus Lochiall—gu bhi dileas agus treubhanta air taobh an righ agus an Aird riaghlaidh aige. Chog iad air a son aig an tigh agus ann an dùthchannan céin. Gheibhear, air oighreachdan nan daoine urramach so, na bailtean tuath mar a bha iad bho cheann nan ceudan bliadhna, sluagh òg sgairteil, eireachdail, stuama, calma agus beusach a’ fàs suas, agus na fir òga an diugh cho ullamh gus an cinn-chinnidh a leantuinn gu buaidh no gu bas ann an aghaidh naimhdean na rìoghachd agus a bha an sinnsir gus sin a dheanamh ann an aobhar a’ Phrionnsa. Tha eadhon aig an dearbh am so réiseimeid eugsamhail de luchd-sgrùdaidh air a togail le Ceann-cinnidh nam Friseileach anns an bheil dà-cheud-deug de ghillean òga smiorail gleusda as gach ceàrn de’n Ghàidhealtachd, agus fo chomanndairean Gàidhealach air son dion na rioghachd.
Tha daoine glice de’n bheachd gu’n robh e air son math na dùthcha gu h-iomlan gu’n deach uachdaranachd na Stiùbhardach bun-os-ceann ged a thàinig ioma cruaidh-chàs ’na lorg sin aig an àm, mar a bha mort is marbhadh air uaislean is ìslean a chog an aghaidh an righ—masladh is tàmailt agus ùbhla is ana-ceartas air fir, air mnathan agus air cloinn, as leth nach b’ urrainnear cionta ’sam bith a chur ach g’am bu Ghàidheil iad.
Tha daoine gabhail tlachd ann a bhi ’cumail air chuimhne treubhantas, dilseachd, agus gaisge, nan daoine o ’n d’ thàinig iad mar eisimpleir, ged a tha iad a’ creidsinn a nis nach robh na buadhan maithe sin air an cur an cleachdadh ann an aobhar a bha gus soirbheachadh sonas agus math na rioghachd aig am “Cogadh a’ Phrionnsa” anns a’ bhliadhna 1745.
[Aig Mòd a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an Inbhirnis, fhuair an sgriobhadh so an dara duais a b’àirde bha air a tairgse air-son rosg Gàilig. ]
BARDACHD NA FEINNE.
LAOIDH NAN CEANN.
ROIMH-RADH.
AIR bhith do Chuchullain ’na laoch cho treun ’s air am bheil cunntas no eachdraidh am measg Ghaisgeach na Feinne, am mach o Ghall agus o Oscar, bha e ’na dhalta do Chonull. Is cosmhail gu ’n d’ fhuair mòran dhaoine buaidh air Cuchullainn, agus gu ’n do mharbh iad e, cho treun ’s gu’n robh e. Chuala Conull, ’oide, gu ’n deachaidh a mharbhadh. Oir an uair a chaidh Cuchullainn a leonadh, thuirt e ris a’ ghille a bh’ aige dol gu Conull, agus innseadh dha gu’n do thog a dhalta taigh ùr. Dh’ fheoraich Conull dheth, ciod an àirde, am fad, agus an leud a bha ’san taigh? Thuirt an gille, an uair a laigheadh e gu ’m biodh a shròn ri druim an taighe, agus cùl a chinn ris an urlar, agus an uair a shìneadh e e-fhein gu ’m biodh a chasan aig ceann iochdrach, agus a cheann aig ceann-uachdrach, an taighe: oir chuir Conull bòidean air fhein, neach sam blth a bheireadh sgeul bais Chuchullainn d’ a ionnsuidh gu ’m marbhadh e an neach sin. An uair a chuala Conull so, thuirt e gu ’n robh a dhalta marbh; agus chuir an teachdaire fhianuis air fein, nach b’ esan a thug sgeul a bhais dha. Thug Conull agus caraid eile do Chuchullainn bòid nach stadadh iad gus an lionadh iad gad cho fad ’s a bh’ anns an dùthaich de chinn mhac righ a dhioladh éiric Chuchullainn. Thòisich Conull ri toirt dhiubh nan ceann, agus caraid Chuchullainn ri ’n cur air a’ ghad. Leig e ruith tri uairean do ’n t-suil a bha air a’ ghad, agus mharbh Conull a bhràithrean-céile am measg chaich.
A Chonuill sealbhaich na cinn,
’S deimhin leinn gu ’n dhearg thu d’ airm;
Na cinn sin a th’ agad air ghad,
An sloinntear leat air fad am faoibh?
A nighean dhoirbhcartaich nan cach,
Ainnir òg nam breith binn,
An éiric Chuchullainn nam cleas,
Do thugas leam o dheas na cinn.
Co e an ceann molach donn mòr,
Is deirge na ’n ròs a ghruaidh ghlan,
A chuir thu seachad air do thaobh cli,
A Chonuill mhòir, ’s ni’n d’atharraich dreach?
Maighre fabhartach nan each,
Mac Aoife le ’n creachteadh gach cuan;
Sgar mi dheth-san fein an ceann,
Is gur h-ann leam a thuit a shluagh.
Co e an ceann a chitheam thall,
Is fhalt fann gu molach slìom;
A rosg mar fheur, ’s a dheud mar bhlàth;
Is aille na càch cruth a chinn?
Mac Liuthaich o an ros ruadh,
Mac na h-uaisle thuit le m’ neart;
Mo dhoigh gur e sin a cheann,
Asd righ Laighinn nan lann breac.
A Chonuill mhòir le d’ ghaisge righ,
Co e ’n ceann eile do dhiol chàich,
Is fhalt or-bhuidh air dealradh a chìnn,
Gu molach sliom mar airgiod bàn?
Mac righ Fearaguis nan each,
Marcaich a chreachadh gach calla,
Mac mo pheathar o ’n tùr sheimh;
Gu’n do sgar mi ’cheann o ’chorp:
Is suarach an onair mic righ
Iomchair gu mìn air ’fholt.
Co ’n dà cheann air do laimh dheis,
A Chonuill nan cleasan àigh;
Aon dath air faltaibh nam fear:
O ’s meirg a’ bhean ’g am bheil am bàigh?
Cuthill agus Conull cruaidh
Dithis ’bheireadh buaidh le feirg;
Thugas leam an cinn air ais,
Is dh’ fhàg an cuirp fo ’n aon leirg.
Co ’n dà cheann air do laimh chli?
Is ro-mhaith slì ’s nior olc an dealbh.
Ceann Mhanuis is Bhuidhne mhòir
’S e mo dhòigh gur iad a th’ ann;
Aca fhuaras ceann a’ Choin
Air magh Theamhra nan sruth seimh.
Co na sia cinn a’s aille gne,
Chitheam dhiot an taobh mu thuath?
’S gorm an aodann, ’s claon an ruisg,
’S dubh am fuilt, a Chonuill chruaidh.
Seisear bhraithrean do bhith ann;
Sin iad marbh ’s an clab ri gaoith;
Clanna Chailedin nan cleas,
Dream nach robh air leas mo ghaoil.
Ceann thar fhichead ’s fichead ceud,
Gun aireamh air creuchd no lot,
De chlannaibh maithe mac righ
Thuit an eiric ceann a’ Choin.
Tha crìoch a tighinn anns an àireamh so air sgeul “Eóbhain bhàin mhic an t-saighdeir;” agus o na chuala sinn tha sinn a’ creidsinn nach robh moran sgeul air an aithris ’sa MHAC-TALLA a b’ fhearr a chòrd ris na leughadairean. Tha sinn toilichte bhi againn ri innse gu bheil sgeul gasda bho pheann “Iain” ri tòiseachadh an déigh na bliadhn’ ùire. ’Se ’s ainm do ’n sgeul so, “Am mac a b’ òige.” Tha sinn air ar mealladh mur bi gach neach a leughas e dhe ’n bharail gur h-e sgeul cho math ’sa thainig o’n t-sàr sgriobhadair sin fhathast.
Chaidh triuir Shineach a bha air am faotainn ciontach de bhàs companaich a dhìteadh gu bàs ann an Columbia Bhreatunnach. Chunnaic an t-àrd-riaghladh iomchuidh am beatha leigeil leotha a chionn nach robh fianuis sùla na’n aghaidh agus nach d’fhuaireadh corp an fhir a chaidh a mharbhadh. Bha sin na dheagh aobhar—na aobhar moran na’s fhearr na bh’ ann air-son cuid de na mathanais a thugadh seachad ré na bliadhna ’tha falbh. —Tha fear Cashell, a fhuaireadh ciontach de mhurt ann an Calgary, ri bhi air a chrochadh air a chóigeamh la deug de’n mhios so.
[Vol . 12. No. 12. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Mac Fhionghain, Fassifern , Ont.
Tormad Mac Rath, Alexandria , Ont.
I D Domhnullach, Alexandria , Ont.
I I Domhnullach, Alexandria , Ont.
Dughall Mac Mhuirich, Ceylon , Ont.
Domhull Mac Gilleain, McLennan P O, Ont.
Bean Ghilleasbuig Bhell, Wiarton , Ont.
Seumas Ailein Rothach, Moose Jaw, N W T
Iain Moireasdan, Cochrane , N W T
G Mac Aoidh, Thurlow , B. C.
D B Mac Amhlaidh, Milan, Cuebec
An t-Olla Zimmer, Berlin, ’sa Ghearmailt
Iain Domhnullach, Cnoc-nan-Torran, Uist
Iòsephin Nic Dhomhnuill, Lunnuinn
Iseabail Shiosal, Boston , Mass.
Domhnull Mac-an-t- Saoir, Ivanhoe , Mich.
D D Mac Gilleain, High Bank, . . . . E.P. I.
Iain MacMhanainn, Beinn ’Ic Mhanainn, E.P. I.
Bean Ghilleasbuig Dhomhnullaich, Stirling
Alasdair I Mac Aonghais, Glace Bay
Donnachadh Gillios, Glace Bay
Tearlach A Mac Leoid, Framboise Tuath
Domhnull I Caimbeal, an Abhainn Mheadhonach
Niall Stiubhart, Gabarus
Iain E Mac Aoidh, Dominion No. 1
M G Mac-a- Phearsain, Ceap Nor
Calum Mac Gillemhaoil, Aiseag Mhira
Steaphan Graham, Campbell ’s P O, Judique
Murchadh Domhnullach, Sidni Tuath
Mairi Dhomhnullach, Ceap Nor
Mairi A Nic-Iosaig, Inbhirnis
Iain Beutan, Ridge Mhabou
An t-Urr A L Domhnullach, Broad Cove
Alasdair Mathanach, Malagawatch
Iain Mac-an-Fhùcadair, Loch Ainslie
Seumas Mac Aonghais, Grand Mira Tuath
Bean Thormaid D MhicNeill, Marion Bridge
Iain A Domhnullach, Loch Bhlackett
Bha dròbhair air a Ghàidhealtachd uair aig air robh mar chleachdadh mu’n rachadh e gu féill a bhi guidhe nach toireadh duine an car as, agus nach toireadh esan an car a duine eile, ach na ’m biodh an car ri thoirt a duin’ idir gu’m b’esan a bheireadh as an duin’ eil’ e.
Chaidh Iùdhach uair a dheanamh ceannachd ann an Abaraidhean. Dh’ fhosgail e ’bhùth ach cha b’ fhad a dh’ fhuirich e. Air do chuid-eigin fheòrach dheth càr-son a dh’ fhàg e ’m baile—am b’ann a chionn nach robh ’Indhaich eile ’fuireach ann? —fhreagair e nach b’ann, ach a chionn gu’m b’Iudhaich iad uile gu leir.
Thig mac o dhroch altrum, ach cha tig e o’n eug.
Thoir do chuid do dhuine falamh, is gheibh thu air ais dùbailt’ e.
Cha robh naigheachd mhor riamh gun chall do chuideigin.
Thoir an tarbh do ’n taigh mhor is iarraidh e do ’n bhàthaich.
Beul sìoda agus cridhe cainbe.
AN TIR ’SAN D’ RUGADH MI.
LE IAIN CAMARAN.
LUINNEAG.
O chi, chi mi na mòr-bheannaibh;
O chi, chi mi na còrr-bheannaibh;
O chi, chi mi na coireachan—
Chi mi na sgoraibh fo cheò.
Chi mi gun dàil an t-àit’ ’s d’ rugadh mi,
Cuirear orm fàilt’ ’sa chainnt a thuigeas mi;
Gheibh mi ann aoidh is gràdh nuair ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.
Chi mi a ghrian an liath nam flaitheanas,
Chi mi ’san iar a ciar nuair luidheas i;
Cha ’n ionann ’s mar tha i ghnàth ’sa bhaile so
’N deatach a falach a glòir.
Gheibh mi ann ceol bho eoin na Duthaige,
Ged a tha ’n t-àm thar àm na cuthaige,
Tha smeoraichean ann is annsa guth leam
Na piob, no fidheall mar cheòl.
Gheibh mi le lìontan iasgach sgadain ann,
Gheibh mi le iarraidh bric is bradain ann;
Nam faighinn mo mhiann ’s ann ann a stadainn—
’S ann ann is fhaid’ bhithinn beò.
Chi mi ann coilltean, chi mi ann doireachan,
Chi mi ann màghan bàn’ is torraiche,
Chi mi na féidh air làr nan coireachan,
Falaicht’ an trusgan do cheò.
Beanntaichean àrd’ is àillidh leacainnean,
Sluagh ann an còmhnuidh ’s còire cleachdainnean,
’S aotrom mo cheum a leum g’am faicinn,
Is fanaidh mi tacan le deòin.
Fàgaidh mi ùpraid, sùrd, is glagaraich,
Dh’fhaicinn na tir an cluinnt’ a chagaraich,
Fàgaidh mi cùirtean dùinte, salach,
A dh’ amharc air gleannaibh nam bò.
Fàilt’ air na gorm-mheallaibh tholmach, thulachanach!
Fàilt’ air na còrr-bheanna mora, mullanach!
Fàilt’ air na coilltean! fàilt’ air na h-uile!
O! ’s sona bhith ’fuireach na ’n còir.
ORAN LEANNANACHD.
LEIS AN URR. A. STIUBHART, LL. D.
Tha Peigi ’sa mhonadh ag iarraidh a chruidh;
Saoil dé ’tha ga ’cumail cho anmoch?
Tha ’ghrian air dol fodha,
’S iad uile ri ’m bleodhan;
Saoil dé ’tha ga ’cumail cho anmoch?
Tha Peigi na ’cailin cho grinn ’s tha ’san dùthaich,
Ceanalt na ’nàdur, ’s i blàth-chridheach, sùnndach,
Cha d’ fhairich mi coire ann am Peigi co-dhiù; ach,
Saoil dé ’tha ga ’cumail cho anmoch?
B’ i màthair mo Pheigi ’bha labhairt nam briathran,
Saoil dé ’bha ga ’cumail cho anmoch:
A ghrian air dol fodha,
’S an crodh iad ri ’m bleodhan,
Saoil dé ’bha ga ’cumail cho anmoch;
Cha ruigeadh i leas ’bhi cho fada ga ’n sireadh,
Thuirt a màthair, ’s i càramh fòid mòin’ air an teine,
Cha robh iad tra-nòin ach air lon Dhail-na-mine,
Saoil dé ’tha ga ’cumail cho anmoch?
Bha mise le Peigi ag iomain a chruidh,
Cha robh cabhag no guth e ’bhi anmoch!
Gu ’n dug mi mo phòg dhi,
’S mo ghealladh a pòsadh;
’S e sud ’bha ’g ar cumail cho anmoch.
Mu dheireadh, nuair dh’fhàg mi mo ghràdh aig a chachaile,
Thuirt a màthair ri Peigi, Dé idir a thachair dhuit?
Mur biodh Cailein, am fleasgach òg, speiseald’ air tachairt ort,
’S e mo bheachd-sa nach biodh tu cho anmoch!
Air feasgar Di-haoine ’s ann rinn sinn an còrdadh:
B’ e mo bheatha ged dh’ fhan mi glé anmoch;
’S air an t-seachdain na dhéidh sin,
Gu ’n d’ fhuair mi dhomh féin i,
’S thug mi leam do Ghleann Eit’ i ’san anmoch.
Tha mi nise cho sona ri neach anns an dùthaich,
’S mo Pheigi ri m’ thaobh an àm cadail is dùsgadh;
’S mor gur fearr leam na stòras an Righ air a chrùn,
A bhith briodal ri m’rùn moch is anmoch.
Rugadh an t-Urr. Alasdair Stiubhart, LL.D. , aig Beinn-a- bhaoghla an Uidhist mu ’n bhliadhna 1829. Shuidhicheadh mar mhinisteir e an sgire Bhaile-Chaolais agus Airdghobhar an 1851. Chaochail e air an t-seachdamh la deug de’n Gheanair, 1901.
[Vol . 12. No. 12. p. 8]
ORAN
D’a mhnaoi goirid on déidh dhaibh pòsadh.
LE IAIN MAC DHUGHAILL.
’S ann aig an Dòirlinn thachair sinn
Nuair ghabh mi tlachd de ’n òigh;
Bean fiamh a gnùis cha ’n fhacas leam,
’S i snasmhor anns gach dòigh.
Ged cinn mi lag bha aiteas orm,
Is m’ air’ air guth a beòil,
B’e smuain mo chridh’ nam faighinn i,
Nach dìbrinn i ri m’ bheò.
Bha cuailein cuachach, bàn-bhuidhe,
’S e dearrsadh mar an t-òr,
Air sniomh a sios na ’dhualaibh,
Is bha gruaidh air dhath nan ròs.
Bha gorm-shuil làn de dh-aoidhealachd,
’S a mala chaol gun sgòd:
A beul bha tairis, tana, dearg,
’S bu bhinn a seanachas beòil.
Air imeachd air an t-slighe dhuinn
Mu thimchioll mìl’ no ’n còrr,
A chum na comhnuidh aobhaich sin
’San robh na daoine còir’
Gu’n d’ ghlac mi misneach ’s dh’ innis mi
Gu’n robh mi oirre ’ri tòir,
Is chuir mi ceist is mi fo gheilt,
’S bha ’m freagradh seirceil dhòmhs’.
Nuair dh’ aontaich i gu ’m pòsamaid
Le òrdagh dùthch’ is cléir
Cha deachaidh tàmh air m’ ìnntinn
Gus an d’ fhuair mi i dhomh féin.
’N sin dh’ imich sinn gu sòlasach,
’S bha cuid ri bròn na ’r déidh;
Is ghabh sinn còmhnuidh anns an Oban,
Toilicht’, sòmhail, réidh.
Mo bhean gur ulaidh phrìseil i
A’s fearr na ni no luach;
’S cha ghabhainn òr nan Innsean oirr’,
No rioghachd, deas no tuath.
Ma bhios i oidhch’ le càirdean bhuam
Cha ’n fhaigh mi tàmh no suain,
’S mi smaointeachadh le gràdh gu dian
Mu h-iomhaigh ’s i gun ghruaim.
Gur banail, beusach, aoibhinn i,
’S i rianail, caoibhneil, còir,
Gun chron, gun ghiamh, gun fhoill innte,
Gun mhaoim, gun sgaoim, gun bhòsd;
Le ciall is meas is irisleachd
A fiosrachadh an t-slòigh,
’S ga ’n aomadh chum na cuid a’s fearr
Nuair theid iad cearr na ’n dòigh.
Gach fasan ùr mu ’n cuala sinn,
A fhuaradh san Roinn-Eorp’
Gu’n gearr ’s gu’m fuaigh mo Mhairearad-sa
Gun chearbaiche le ’meòir.
Tha gniomh a làmh ro fhìnealta
’Measg lionmhoireachd nan sròl;
’S gur math air buain i air na cluain
Gu h-uallach gearradh dhlòth.
Gu’n sniomh i snàth gu earradh dhuinn
Nuair cheannaicheas mi dh’i clòimh,
’S bidh blàth na deagh bhean-taighe orm
’S gach àit ’san tachair slògh.—
’S e ’s aois dh’i bliadhn’ air fhichead,
Is ged ’s sine mis’ gu mòr,
Cha chluinnear i ri tàir no caoidh,
Ach mi bhith caoibhneil, còir.
Gu’n iarnaich i mo léintean dhomh,
’S bidh iad gu léir mar ’s còir;
Gu’m fóghnadh iad le ’m briaghad
Do mhac iarl air miad a phròis.
Nuair thig mi dhachaidh anmoch
Bidh an gealbhan aic air dòigh;
’S gur fritheilteach i ’ghnà do m’ fheum,
A cur a bhéidh air dòigh.
Ma bhios sinn slàn ’s gur maireann duinn,
Dad ghainne cha bhith oirnn;
Bidh tachdar mar’ is tìr againn
Fhad ’s mhaireas lùths nan dòrn.
’S ged bhiodht’ gu daor ga cheannach leinn,
Bidh beannachd na ’r cuid stòir,
Ma ghluaiseas sinn an neart an Ti
A rinn gach ni gu ’ghlòir.
Cha ’n fhaicear tuilleadh diomhain mi,
A falbh ’n déidh nionag og’
No cosd mo chuid gun fheum ann dhomh,
A ceannach sheud no ’g òl;
’S ma bhios mi ann an trioblaid
Gur a math dhomh is’ am chòir.—
’S beag ’s eol do dh-fhear nach do chuir snaoim
Mor chaoibhneas na mna-pòsd’.
Rugadh Iain Mac-Dhughaill ann an Ionar-Sannda an Aird-ghobhar mu ’n bhliadhna 1825. Bha e na sgoileir math. Bha e greis a cumail sgoil ’sa Mhorairne. Bha e a bheag no mhor de dh-ùine an Glaschu na gheardanach no na pholiceman. Bha e na dhuine mor, sgairteil, le pailteas de dh’ fheusaig ruaidh. Phòs e Mairearad Nic-Fhionghain ’sa Mhorairne ’sa bhliadhna 1861. Chuir e am mach a chuid oran an 1870. Bha e a fuireach ’san àm sin faisg air Ionar-Lochaidh.
ORAN GAOIL.
LE DOMHNALL RUADH MAC-FHIONGHAIN.
LUINNEAG.
Mo nighean chruinn, chuimir thu,
Mo nighean chuimir, ghuanach;
A ghruagach dhonn a’s bhòidhche,
Ri m’ bheò cha doir mi fuath dhuit.
Do chuailean riomhach, barranach,
Na ’chamagan ’s na ’dhualan,
’S gur bòidhche leam na sìod’ e,
’Nuair chìreas tu an cuaich e.
Do shùilean mar na h-airneagan,
Fo mhala tha gun ghruaimein,
Beul meachair fo ’n tig gàire—
Ged ’chaidh do thàladh uamsa.
Mo bheannachd-sa le dùrachd
A d’ ionnsuidh ann an uaigneas,
Na ’m faighinn fear a thaghladh
’Sa ghleann an taobh so ’n ghualainn.
’S truagh nach robh mi thall ud leat,
’San lagan sam bi ’n luachair,
’Sa ghleannan bhòidheach, bhadanach,
Fo dhubhar nan geug uaine.
Cha ’n iongantach, cha ’n iongantach
Mo chridhe-sa bhi luaineach,
A’ cuimhneachadh mar dhealaich mi
Ri ainnir a’ chùil dualaich.
Is ùr a’ choill o’n d’ fhàs thu,
Gun fhailinn, àlainn, uasal,
Gu h-ùrail, dìreach, dosrach,
’S cha dochair gaoth a’ chuain thu.
Cha ’n fhaicear air an t-sràid thu
’Measg ghuanag ghràisgeil, shuarach;
’S ann bhios ort sioda ’s fàinneachan
An seòmar àrd a’ fuaghal.
Rugadh Dòmhnall Mac-Fhionghain an Lochàluinn sa Mhorairne. Chaochail e nuair a bha e na dhuin’ òg, uaireigin an déidh na bliadhna 1858.
SEUD NAN GLEANN.
LE IAIN MAC-A- CHLEIRICH, M. D.
LUINNEAG.
Ha ho ró, mo chruinneag féin,
Dh’ fhàg mi thù ’s bu trom mo cheum;
’S tha mi ’n diugh air bheagan feum’,
A caoidh mar b’ fheudar dealachadh.
Shaoil leam uair mi bhith cho treun
Ri òg-chraoibh an cois an t-sléibh;
Ach nuair chuir mi cùl riut féin
Bha ’n cridhe treun a fannachadh.
’S iomadh uair am shuain an raoir
Chuala mi do dhuanag aosd’
’G ràdh, A rìs gu gleann nan craobh
O, till a ghaoil ’s mi fadalach.
Thillinn féin ri éigh an duain,
Mar eal’ fhionn ri glaodh a chuain;
Ach cha ’n fhaodar leam a luaidh,
Ge mór mo smuain ’s mi airsnealach.
’S ionndrain mhor an sùgradh blàth
Bho ’n òigh chiùin a fhuair mo ghràdh,
’S a sùil ghorm a shealladh tlàth
Ag innse gràidh nach d’ aidichear.
Ged bheir smeorach ceol o’n chrann,
’S uiseag fòs o cheo nam beann,
’S beag mo spéis diu anns am àm
Gun seud nan gleann bhith maille rium.
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Sydney & Louisbourg Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 12 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 12. %p |
parent text | Volume 12 |