[Vol . 12. No. 13. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, DESEMBER 25, 1903. No. 13.
Tha e tachairt air an turus so gu bheil MAC-TALLA tighinn a mach air La Nollaig. Ruigidh e moran de ’luchd-gabhail mu’n bi an latha sin seachad, an àireamh a’s mo eadar sin is deireadh na bliadhna, agus cuid a tha astar mor uaithe cha ruig e gu’n deigh na Bliadhn’ Uire. Bidh e mar sin aig an aon àm a’ guidhe Nollaig Chridheil agus Bliadhna Mhath Ur dhaibhsan uile tha ga dhì-beathachadh na’n dachaidhean. Is e dhochas gu bheil iomadh latha sona soirbheachail eile fa’n comhair agus gu meal iad uile iomadh bliadhna de’n bheatha so fhathast.
AIG DEIREADH NA BLIADHNA.
Aig deireadh na bliadhna tha gach duine glic am measg luchd-gnothaich an t-saoghail a’ cur cunntaisean na bliadhna air doigh feuch am faic e cia mar a shoirbhich a ghnothaichean leis re na bliadhna. Tha e mar so a’ nochdadh gur duine glic e, agus gu’m bheil suim aige dhe ’ghnothach. Ma shoirbhich gu math leis, bidh e toilichte, agus cuiridh e roimhe gu ’n lean e re na bliadhna ’tha gu tighinn air a ghnothaichean a ghiùlan air aghart anns an dòigh àbhaistich, na ’s lugha na gheibh e ’mach gu ’m bheil dòigh eile ann leis an soirbhich leis mòran na ’s fhearr.
A nis, cuiridh gach duine turail ’aonta ris gu ’m bheil so ceart gu leòr; agus their e gur duine amaideach da rireadh an duine a tha, a reir choltais, coma co dhiubh a shoirbhicheas a ghnothaichean leis no nach soirbhich.
Ma tha e feumail agus glic dhuinn beachd a ghabhail le cùram air mar a tha sinn a’ soirbheachadh ann an gnothaichean an t-saoghail so, tha e moran na ’s feumaile agus na ’s glice dhuinn beachd a ghabhail le cùram air co dhiubh a tha no nach ’eil sinn a soirbheachadh gach bliadhna anns na nithean a bhuineas do ’n t-saoghal a ta ri teachd. Tha sinn uile ag aideachadh nach ’eil againn an so baile ’mhaireas; ach tha aobhar eagail nach ’eil an àireamh a’s mò dhinn ag amharc, anns an dòigh cheirt, air son aoin a tha ri teachd.
Tha na h-uile a chuala mu shonas agus mu bhròn siorruidh ann an dòchas gur e sonas siorruidh a bhios aca anns an ath shaoghal; ach tha mòran dhiubh nach do chuir riamh fhathast de dhragh orra fhein na chosg uair an uaireadair ’g an ceasnachadh fhein feuch am bheil iad anns a’ chreideamh. Tha iad a’ dol troimh ’n t-saoghal mar gu ’m faiceadh tu long a’ seoladh gun stiùir gun chombaiste, agus gun seoladair air bord innte aig am bheil suim no cùram co dhiubh ’ruigeas i calla sabhailte no nach ruig. Co ’nar measg a bhiodh deonach a thurus a ghabhail ’na leithid so de luing?
Ceasnaicheadh daoine iad fhein. Is e so an t-àm. Cha ’n ’eil fhios co bhios beò mu ’n àm so an ath bhliadhna. Is iomadh neach a bha beò, slàn mu ’n àm so an uiridh a tha nis a’ crionadh anns an ùir. Agus faodar a bhith cinnteach gu ’m bi iomadh neach a tha ’n diugh gle dhòchasach gu ’m faic iad iomadh latha ’s bliadhna, a bhios air an sìneadh anns an uaigh mu ’n am so an ath bhliadhna. Air an aobhar sin, is còir do na h-uile, cha ’n e mhàin creidsinn ann an Criosd, ach umhlachd a thoirt dha mar an ceudna. Is e an dleasdanas a tha Dia ag iarraidh air an duine, umhlachd a thoirt d’a thoil fhoillsichte. Tha ’thoil air a cur fa ’r comhair anns a’ Bhiobull; agus iadsan a tha ’gabhail barrachd tlachd ann am briathran dhaoine na tha iad a’ gabhail ann am facal Dhe, bidh iad gu nadarra aineolach air toil fhoillsichte Dhe, agus mar sin neo-chomasach air a thoil a chur an gniomh.
Cha ’n aidich a h-aon dhinn gu ’n robh sinn cho glic anns an àm a dh’ fhalbh ’s nach ruig sinn a leas oidhrip a thoirt air fàs na ’s glice ’san àm a tha ri teachd. Tha h-uile duine anns am bheil gliocas ag aideachadh gur e a dhleasdanas oidhirp a thabhairt air fàs na’s glice o bhliadhna gu bliadhna.
Tha sinn uile ag aideachadh gu ’n tig crioch air ar beatha; ach tha aobhar eagail nach ’eil sinn ’g a ghabhail gu cridhe mar bu chòir dhuinn. Sean ’s mar a bha Metuselah, fhuair e bàs. Is iomadh ceann a chaidh an currac o’n a thainig a’ bhliadhna so a steach; agus o nach ’eil fhios againne c’ uin a thig an cuireadh oirnn is e ar gliocas a bhith deas a chum nach glacar sinn ann an staid neo-iompaichte.
Tha h-uile bliadhna ’toirt iomadh atharrachadh air gach ni fo ’n ghrein. Cnàmhaidh an t-uisge na cnuic, agus crionaidh an t-uisge, agus a’ ghaoth, agus an reothadh na creagan a’s cruaidhe a th’ air an talamh.
Tha na daoine a tha làidir, treun, a’ call an spionnaidh beag air bheag, o bhliadhna gu bliadhna. Ged a tha so a’ tachairt, cha ’n ’eil an àireamh a ’s mò de shluagh a t-saoghail ’g a thoirt fa near.
Tha ’n ùine a fhuair sinn gu bhith beò anns an t-saoghail so a’ sior thriall, agus ged a dh’ aidicheas sinn uair is uair gu ’m bheil so mar so, gidheadh cha ’n ’eil sinn ach ro ainneamh ’g a thoirt fa near le cùram.
Is e so am mios mu dheireadh dhe ’n bhliadhna, agus bu chòir dhuinn sinn fhin a cheasnachadh a thaobh iomadh ni. Tha dà dhleasdanas ro shònraichte againn ri ’n cur an gniomh—ar dleasdanas do Dhia, agus ar dleasdanas do dhaoine. An àm a bhith cur nan dleasdanasan so ann an gniomh, tha iomadh ni ann a dh’ fheumas sinn a dheanamh, agus mar an ceudna, iomadh ni a dh’ fheumas sinn a sheachnadh.
A charaid, cia mar a chuir thu seachad a’ bhliadhna so? Feumaidh gu ’m bheil fhios agad air mar a chuir thu seachad i. Cuimhnich air so: ma tha no nach ’eil fios aig daoine air do smaointeanan, air do chainnt, agus air do ghnìomharan, tha fios aig Dia orra. Cha ’n urrainn dut rud sam bith a chumail an cleith airsan. Agus, air son na bheil a dh’ fhios agad, faodaidh gu ’n gairm Dia gu cunntais thu mu ’n tig crioch air bliadhn’ eile. Ged a tha thu fhathast a sealbhachadh tomhas mòr de mhathas Dhe ann an tir nam beo, cha ’n ann a chionn gu ’m bheil thu airidh air a’ mhathas a tha e ’buileachadh a mhathais ort, ach a chionn gu ’m bheil e fad-fhulangach do d’ thaobh. Nach bu choir do mhathas Dhe do threorachadh gu aithreachas?
IAIN.
Tha luchd-teagaisg air-son nan sgoilean a’ fàs gann anns gach àite. Tha so tuilleadh is fior mu Cheap Breatunn ’s mu Nobha Scotia, anns am bheil ficheadan de na taighean-sgoile dùinte agus a’ chlann a’ fàs suas gun fhoghlum no bheag de dh’ eolas sam bith. Ann an Ontario cluinnear an gearain ceudna, agus eadhon anns an t-seann dùthaich. Ann an Lunnuinn o chionn ghoirid bha bord na sgoile ag iarraidh tri fichead is deich de luchd-teagaisg; chuireadh sanas anns na paipeirean, ach cha d’ fhuaireadh ach aon fios-freagairt. Ma tha sluagh an latha ’n diugh gu soirbheachadh an am foghlum, feumar dreuchd a mhaighstir-sgoile chur air bonn ùr. Cha’n fhoghainn e idir ionnsachadh na cloinne earbsa ri oigridh nach eil ach a’ gabhail teagasg sgoile mar cheum gu obair a’s fhearr. Is airidh am fear-obrach air a thuarasdal, agus ma thatar gu bhi faighinn an toraidh a’s fhearr de theagasg nan sgoilean feumar tuarasdal a mhaighstir-sgoile àrdachadh gus nach leig e leas a bhi ’g amharc airson obair a’s fhearr a phàidheas, ach gu lean e rithe re a bheatha mar a leanas daoin’ eile ris an lagh, ris an dotaireachd agus ri searmonachadh an t-soisgeil. An uair a chuirear meas ceart air saothair a mhaighstir sgoile agus duais iomchuidh fa chomhair, faodar amharc air-son adhartas ann am foghlum ar duthcha. Gus an an deanar sin ’s ann a bhios cuisean a dol na’s miosa an àite bhi dol na’s fhearr.
AM MORAIR STRATHCONA—Thug an duine ainmeil comasach so sgriob do dh’ Albainn air an t-seachdain so chaidh, agus chuir muinntir Dhunéideann fàilte chridheil air. Rinn iad e ’na bhuirdeasach mar a theirear, mar so a’ toirt dha na h-onoir is motha a tha ’nan comas. Tha am Morair a nis aig aois mhòr, tri agus ceithir fichead bliadhna; ach tha e anabarrach greimeil gluasadach ann an corp agus ann am buadhan inntinn eadhon gus an latha ’n diugh. Labhair e òraid no dhà a rinn so glé shoilleir. Cha bhuin esan do ’n t-seòrsa ud a dhì-chuimhnicheas an tir ’s an dream o’n d’ thàinig iad nuair a ruigeas iad air inbhe àrd anns an t-saoghal. Rinn e beairteas agus tha e a’ deanamh feum math dheth araon anns an dùthaich so agus ann an Canada far an do shoirbhich leis. Tha taobh blàth aige ris na Gàidheil ’s r’a luchd-dùthcha gu léir; agus ’s e a thlachd gu tric a bhi deanamh sgeòil air an cliù, ’s an comasan ann an strith na beatha. Tha Gàidheil Chanada gle eòlach air, agus tha an gràdh ’s am meas air a shubhailcean òirdhearc ro mhòr. Tha e an dràsd ann an Lunnuinn ag amharc an déigh cùisean Chanada. —Oban Times.
[Vol . 12. No. 13. p. 2]
NAIDHEACHDAN.
Rinneadh sia fichead is cóig murt ann an Chicago an uiridh, agus cha deach aon de na ciontaich a chrochadh. Ma leanas so beagan bhliadhnachan eile cha bhi beatha sàbhailte anns a bhaile mhor sin ach beatha ’mhurtair.
Bha ’n obair-iaruinn ’s na h-obraichean eile bha air an cur air adhart anns an t-Soo air an creic an la roimhe air $4 ,500,000. B’e earras na cuideachd d’am buineadh na h-obraichean sin roimhe so (ma’s fhior) $90 ,000,000. A thaobh moran de chuideachdan làidir nam bliadhnachan so, cha ’n fhaighear a mach fior luach an earrais gus an teid an creic aig rup. Ach saoilidh sinn gu’n d’ fhuair iadsan a cheannaich obraichean an t-Soo air ceithir gu leith millein dolair an deagh chùnnradh.
Bha bean Thomais Andrews, seana bhean a tha fuireach aig Loch Phottle an Sidni Tuath, air a droch losgadh Di-màirt s’a chaidh. Bha i stigh leatha fein, agus air dhi bhi timchioll an teine ghabh a cuid aodaich. Rainig cuideachadh mu’n deach a losgadh ro dhona, agus tha deagh dhòchas aig na dotairean gu’m faigh i thairis air. Tha i mu cheithir fichead bliadhna dh’ aois. —Bha gille beag d’an ainm Ryan, aois choig bliadhna, air a sgàldadh ann an Sidni Tuath air an latha cheudna. Thuit e ann an tuba de dh’uisge goileach agus ged chaidh a thoirt as gu grad cha’n eil mor dhùil gu’n sàbhalar a bheatha.
Thainig iomadh atharrachadh air an t-sìde o chionn cho’ -la-deug. An deigh cunntas làithean de shileadh uisge bha an t-seachduin s’a chaidh tioram agus fuar gu Di-sathuirne. An sin thainig stoirm shneachda a mhair fad an latha ’s a thug tàire nach bu bheag do chàrs na sràide. Cha robh na càrs eadar Sidni isGlace Baya ruith a chuid bu mhò dhe’n latha. Di-luain bha stoirm mhor eil’ ann, stoirm uisge; an deigh sin thainig tiormachd is beagan reothaidh a mhair gu àm sgriobhaidh. Faodaidh e bhith gu bheil cearnan dhe’n t-saoghal a’s fhearr na Ceap Breatunn ann an dòigh no dha, ach cha’n eil moran àiteachan ann a bheir bàrr air ann an caochlaideachd sìde.
Tha duin’ iomraiteach a tha dol fo ’n ainmKid Seelyaig an àm so fo ghlais ann a Halifacs air-son mèirle. Buinidh e do’n dream sin ris an canar na bocsairean. Cha Sineach idir e, agus ged is bocsair e cha’n ionann a cheaird is ceaird na feadhnach a tha air an cur fo’n ainm anns an dùthaich sin. Is duine dubh e a fhuair a bhreith is àrach am measg dhaoine geala, agus is i ’obair a bhi deanamh fearas-chuideachd do na Philistich le bhi feuchainn ri fear sam bith dhe ’sheòrsa a sheasas mu choinneamh a chur bhar a chasan leis na dùirn. Is obair uasal da-rireadh sin, agus bu mhor am beud a chur na thàmh le chur an greim mar mhèirleach. Na’n tigeadh e do Shidni chuirte fàilte chridheil air, agus rachadh na ceudan a dh’amharc air a bhlàr-bhocsaidh nach rachadh a dh’éisdeachd an òraidiche a’s fhearr an Canada—mur rachadh iad ann a dheanamh troimhe-chéile. Faodar a radh gu robh am “meann” ann an Sidni roimhe, ’s gu’m b’ann an so a rinn e pàirt de’n mhèirle air-son am bheil e ’n diugh fo ghlais ’s fo iuchair.
A BHREAC—Cha ’n eil a’ bhreac air dhol bàs fhathast. Ré an da sheachduin s’a chaidh bhrist i mach an caochladh àiteachan: ann an Sidni, anns a’ Phon Mhór, ’sna h-Eileinean Dearga, am Beinn a Mharmoir agus am baile Inbhirnis. ’S e aon duine air am bheil i ann an Sidni, fear-obrach air an rathad-iaruinn. Fhuair esan i aig Acarsaid Chloinn Fhionghain, far an robh fear-na-cala tinn leatha. Air an t-seachduin s’a chaidh bha sianar na’n laidhe leis a’ bhric ann an Inbhirnis. Cha’n eil an easlaint fior dhona air neach sam bith, agus tha sin coireach ri i bhi sgaoileadh. Cha ’n eil moran dhiùsan air am bheil i a’ creidsinn gur h-i bhreac a th’ ann idir. Mar bu chòir a dheanamh o chionn fhada tha luchd-riaghlaidh na dùthcha ’s nan siorrachdan a nis a’ gabhail cheumannan gus an easlaint a chasg air eagal gu sgaoil i air fad ’s air leud an eilein, agus is còir dhuinn uile gach ni na’r comas a dheanamh gu cuideachadh a thoirt dhaibh feuch am faighear an dùthaich a ghlanadh de’n easlaint mhi-shealbhaich. Tha òrdugh air tighinn á Ottawa gu feum seirbhisich an rathaid-iaruinn a bhreac a chur orra a chum nach bi iad féin buailteach air a gabhail no air a toirt do mhuinntir eile. Cha’n eil teagamh nach e ’n gluasad air ais ’s air adhart a tha air sluagh o’n thòisich an obair-iaruinn is coireach ris a bhreac a bhi fuireach na’r measg cho fada.
Bha taghadh ann an Australia air an 16mh là dhe’n mhios so. Fhuair pàirtidh an luchd-obrach barrachd dhe’n daoine fein a thaghadh ’sa fhuair aon de’n dà phàirtidh eile. Tha a phàirtidh so gu math làidir o chionn iomadh bliadhna, ach cha robh i riamh cho laidir ’s a tha i an dràsda.
Di-sathuirne s’a chaidh bha Ruairidh Mac-Fhearghais air a mharbhadh ’sa Mhèinn a Tuath le meall cloiche thuiteam air ’s e aig ’obair ’sa mhèinn. Bha e deich bliadhna fichead a dh’ aois. Dh’ fhàg e bantrach is dithis chloinne. Bha e na dhuine air an robh deagh chliù agus a bha gle mheasail am measg a luchd-eòlais am baile na mèinne. Bha e na eildear anns an eaglais Chléirich. Tha ’njurya bha rannsachadh mu aobhar a bhàis a’ coireachadh ofigich na mèinne. Tha e coltach nach robh iad a’ deanamh na dh’ fhaodadh iad air-son tearuinteachd beatha dhaoine.
Chaidh fear Uilleam O’Toole fhaotainn marbh aig a Mhèinn a Tuath maduinn Di-màirt s’a chaidh. Dh’ fhàg e dhachaidh feasgar an la roimhe sin agus chunnacas beò mu dheireadh e ann an tigh-òil faisg air far an d’ fhuaradh a chorp. Tha amharus aig cuid gu ’n d’ fhuair e ’n dochann a thug a bhàs ann an sabaid mu ’n tigh sin, ach tha cuid eile deanamh dheth gur ann a chaidh a mheileachadh. Bha e leth cheud is tri bliadhna dh’ aois, agus na dhuine singilte. Bha e fuireach còmhla ri piuthair, agus bha e air a dheagh dhòigh, air dha fearann a chreic ri cuideachd na mèinne o chionn ghoirid air an d’ fhuair e suim mhath airgid.
Aig toiseach na Bliadhn’ Uire cha b’ urrainn neach gniomh a b’ fhearr a dheanamh na bliadhna dhe’n MHAC-TALLA chur gu caraid a tha e air-son a chuimhneachadh. Bidh e na ’ghibht a mhaireas fad na bliadhna, agus nach bi air a thilgeadh an cùil eadhon an uair sin, ach a bhios air a ghleidheadh gu cùramach. Tha àireamh de Ghàidheil na dùthcha so ag òrdachadh dhuinn am paipeir a chur gu càirdean a th’ aca anns an t-seann dùthaich. Cha’n eil e cosd dhaibh a chur a null ach dolair ’sa bhliadhna; agus tha iad ag ùrachadh a chàirdeis, agus a tarruinn muinntir na da dhùthcha na’s dlùithe ri chéile na bha iad—ni a’s luachmhoire gu mor taobh air thaobh na gibht òir no airgid.
Cha’n fhada gus am bi na dh’ fhóghnas de bhailtean ann an siorrachd Cheap Breatunn. A bharrachd air Sidni, a tha gu bhi na bhaile-mór no na chathair an déigh na Bliadhn’ Uire, tha anns an t-siorrachd mar tha, Sidni Tuath, Sidni Mines, Glace Bay,is Louisbourg. Agus a nis tha an Reserve is Seana Bhridgeport a’ cur mu dheidhirm a bhi air an corpachadh mar bhail’ eile. Ma thig sin gu crìch bidh aon bhaile-mór agus sia bailtean corpaichte anns an t-siorrachd, àireamh na’s mo, tha sinn a’ creidsinn, na tha ann an siorrachd eile ’sna Roinnean Iochdrach. Tha Bridgeport air dhol a stigh riGlace Bay.Mar sin an ùine ghoirid bidh na bailtean mèinne uile air an corpachadh ach a mhàin Port Morien.
Tha Cuideachd an Iaruinn is Cuideachd a’ Ghuail a nis air an sgaradh o chéile ’s gach aon ag obair air a bonn fein. Is e barail an luchd-riaghlaidh gu’m bi sin moran na’s fhearr taobh air thaobh. Bidh cuideachd a’ Ghuail, le bhi fuasgailt’ o’n chuideachd eile na’s comasaiche air an obair a chur air adhart le neart, agus barrachd guail a chur os cionn talmhainn ’sa bhatar a’ deanamh riamh roimhe. Agus leis an airgiod a fhuair Cuideachd an Iaruinn mar dhuais an sgaraidh theid aca air muileannrailsa thogail is ni no dha eile a chur an uidheam a bhios a chum feum is probhaid daibh. Tha ’n t-eagal a bh’air daoine gu robh ’n obair-iaruinn ri bhi air a cur na tàmh a nis air dealachadh riutha. Tha iad a’ creidsinn gu facas na làithean a’s duirche tha Sidni gu fhaicinn an da latha so—nach bi ’n geamhradh so cho cruaidh ’s a bhatar an dùil, agus gu’m bi an samhradh s’a tighinn cho math ri aon a chaidh seachad. Tha na ceannaichean a’ deanamh gu math aig an àm so. Tha cuid diu ag radh gu bheil malairt na’s fhearr aca na bha aca mu’n àm so an uiridh.
SUIL AIR AIS.
THA ’n samhradh seachad agus am foghar air criochnachadh agus tha sinn a’ dol a stigh do gheamhradh eile. Is àm so de ’n bhliadhna anns am bi e iomchuidh sùil a thoirt air ais agus beachd a ghabhail air maitheis an Fhreasdail dhuinn ré na bliadhna ’tha tighinn gu ceann. Ann am mor-roinn Chanada ’s e mo bheachd nach ’eil aobhar gearain no talaich ann. Bha àm sìl-chur agus àm buana ann. Tha nise toradh na talmhainn ’sna taighean-tasgaidh, agus tha sinn a fòghlum gu bheil gu leòr agus ri sheachnadh anns an tir air-son duine agus ainmhidh. Tha farsuinneachd neo-chumanta againn anns an Iar-Thuath, agus ged tha luchd-imrich a’ dòrtadh a stigh innte as gach cearn de ’n t-saoghal cha ’n ’eil fhathast ach roinn bheag de ’n dùthaich sin air a h-àiteach. B’ fhearr leinn gu ’n tigeadh tuilleadh de luchd-imrich ugainn á Gàidhealtachd Alba. Tha talamh gu leor agus saor againn dhaibh, agus tha sinn cinnteach gu ’m biodh iad fhein ni b’ fhearr dheth ann am beagan ùine na tha iad ann an tìr am breth. Tha moran sluaigh a tighinn do ’n dùthaich nach ’eil sinn ag iarraidh a muigh no ’mach, ach air-son sin cha ’n ’eil math an dorus a dhùnadh air na daoine bochda. Ri ùine faodaidh iad tighinn gu bhi na’n sluagh math gu leor. Cha robh riamh uiread sìl, de gach seorsa, coirce, eorna agus cruithneachd, anns an dùthaich ud ’sa th’ ann am bliadhna, ged tha an cruithneachd beagan air ais. Bha ceud muillion buiseal aca an uiridh: tha ceud is da mhuillion aca am bliadhna. Na’n robh an cruithneachd air fàs cho math ’sa dh’ fhàs e ’n uiridh, is beag nach biodh an àireamh bhuiseal air a dhùblachadh. Ach tha gach cùis gu math; tha phris na’s fhearr am bliadhna agus ni sin suas an call. Bha ’n uiridh 24 buiseal de chruithneachd air an acaire thar a chéile. Am bliadhna cha robh ann ach 16 buiseal an t-acaire; ach tha moran a bharrachd acraichean fo chruithneachd am bliadhna na bh’ ann an uiridh. Ged is mor na tha de shluagh air tighinn do ’n dùthaich o cheann deich bliadhna agus còrr, tha fathast da cheud gu leth muillion acaire (250,000,000) de ’n fhearann àitich a’s fearr, no co-dhiù cho math, ’sa th’air an t-saoghal, fàs agus a feitheamh ri bhi air a chur gu feum ann an Aird’ an Iar-Thuath. Cha ’n ’eil fios aig an t-saoghal, agus cha ’n ’eil sinn féin a tuigsinn, cho luachmhor ’sa tha an tìr mhath so a thugadh dhuinn mar àite-còmhnaidh. Biomaid a’ cur luach air ar tìr agus ga ’moladh do mhuinntir eile.
Tha sinne bhos aig cladach na h-Atlantic gu math dheth air a’ bhliadhna so mar an ceudna. Tha cosnadh pailt aig muinntir a tha ag iarraidh cosnaidh. Bha ’n runnach pailt agus rinn na h-iasgairean feum math air. Ma bha ’n trosg gann bha prìs mhor air na bh’ ann. Bha iasgach nan giomach gle mhath air an t samhradh a dh’ fhalbh.
Tha cuid a’ cumail a mach gu bheil e na ’chleachdadh aig na tuathanaich a bhi ’gearain, biodh a’ bhliadhna math no dona, ach cha ’n ’eil sin uile na fhìrinn. Cha ’n ’eil mi ’cluinntinn dad de ghearan aig tuathanaich Cheap Breatuinn air an fhoghar so. Tha ’m feur cuimseach math aca. Dh’ fhàs an t-arbhar anabarrach math, ach cha do dh’ abaich e idir ro choimhlionta. Bha ’n samhradh fuar agus tioram na thoiseach, agus ged a dhòirt uisge ann am pailteas an déigh sin, a thug fàs gu leòr, cha robh mor theas gréine ann. Ged bha “samhradh breac, riabhach” againn cha robh “foghar geal, grianach” ann idir. Lean i car fliuch agus dh’ fhàg sin an t-abachadh air ais agus a bhuain fadalach. Ach tha gach cùis gu
[Vol . 12. No. 13. p. 3]
math. Tha ’m buntàta pailt agus tioram. Tha prìs chuimseach air gach ni a th’aig an tuathanach ri chreic. Im 20c; mairt-fheòil 6c.; muic-fheòil 8c.; buntàta 40c. am buiseal; uighean 20c.; feur 60c. an ceud; flùr $5 .00 am barailte; agus mar sin sios.
Tha mi ’cluinntinn gu robh toradh trom mar is àbhaist an Eilein a’ Phrionnsa air a’ bhliadhna so. Tha cruithneachd agus gach pòr eile pailt anns an eilein thorach sin. Tha so uile na aobhar taingealachd Dhàsan o ’m bheil gach maitheas a sruthadh.
“Mu ’n bhliadhna coran tha thu cur
Le d’ mhaitheas fein a Dhé;
Tha saill a’ sileadh anns gach àit’
O d’ cheumannaibh gu réidh.”
Thuirt sinn gu ’n robh so na àm freagarrach gu bhi sealltainn air ais. Is iomadh àm anns am bi sinn a sealltainn air ais agus a’ cuimhneachadh air nithean a chaidh seachad. Tha cuid de nithean ann agus bu cho math dhuinn féin agus do mhuinntir eile gu ’m biodh dichuimhne dol orra. Bha duine ann uair, ma ’s fior an sgeula, a bha dol air thurus. Chunnaic e òg-bhean a thaitinn ris a’ dol tarsuinn na slighe beagan air thoiseach air. Bha toil aige gu ’n gabhadh iad a chuid eile de ’n t-slighe cuideachd, o’n bha iad le cheile na’n ònrachd. Ach bha aicese ri a slighe fein a leantuinn agus aigesan a shlighe féin. Ged nach d’ fhuair e ach an aon sealladh di cha b’ urrainn e, ma b’ fhior, a cur as inntinn tuille. Bha sin gòrach dha. Ach tha iomadh ni coltach ri sud a tachairt do mhuinntir anns an t-saoghal: nithean taitneach agus nithean neo-thaitneach, a coinneachadh riutha air an t-slighe agus a deanamh làrach air clàr na cuimhne nach gabh toirt as tuille. Faodaidh gu bheil cuid a’ dol troimh ’n t-saoghal gun mhoran smaointinn aca air ni sam bith. Ach cha chùis fharmaid iad sin idir. Thugadh dhuinn cuimhne agus tuigse maille ri buadhan inntinn eile gu bhi deanamh feum dhiu. Ann a bhi ag amharc air ais, biomaid a foghlum ùmhlachd agus ag altrum spiorad taingealachd, agus a tuigsinn gu bheil na h-uile ni ag obrachadh chum a chuid a’s fearr do ’n dream a tha ’g earbsa an cùisean uile ri Aon a’s àirde na iad fein.
Beannachd ugad fhein agus gu d’ luchd-leughaidh uile. Do charaid
C. C.
Gabarus, C. B., Dec. 3, 1903.
FACAL BHO SHEUMAS N.
A DHEAGH CHARAID, —Bheir sibh moran, moran taing uamsa gu “Leughadair Gàilig” nan tri sùilean, air-son cho innleachdach, cho teòma, agus cho geur ’sa bha e an latha, no ’n oidhche, ’chuir e air dòigh a mhearachd mhor a rinn mi mu “Eóbhain bàn mac an t-saighdeir.” Cha do smaointich mise riamh air tri lamhan a chur air a’ churaidh chòir, agus ged a sheall mi meadhonach math geur mu ’n cuairt air pearsa dhàicheil Eóbhain, cha tug mi an aire riamh gu ’n robh tri lamhan air. Ach is olc an galair cion an fhradhairc. Is mor m’ eagal gu ’m feum mi iasad fhaighinn de na glaineachan cumhachdach aig ar caraid mu ’m faic mi an treas làmh a dh’ fheuch e ri shealltainn dhuinn le ’leithid de shaothair, agus a fhuair bith na inntinn dhealbhach, bheartach fhéin, far am faod e adhlacadh sàmhach a thoirt di, no gleadhrach, mar a thogras e fhein.
A nis, gabhaidh sinn an t-iomaire anns an robh ar caraid a ruamhar ’nuair a thachair an lamh iongantach ud ris, agus cuiridh sinn a rithist an t-sluasaid ann.
“Le so a radh leum e thun an Fhrangaich, ’s a breith le ’lamhan iarnaidh air chìbhlean air, tharruinn e ’dheud cho farsuinn o chéile ’s gu ’n rachadh cù sios, agus dhòirt e glaine bhinigir sios na ’sgòrnan.”
Sin agaibh e. Nach iomadh uair a dh’ fhosgail ar caraid a chiste le ’dha laimh—agus is dòcha bheireadh e ’shàth dha sin a dheanamh—ach ’nuair a gheibheadh e fosgailt’ i, chumadh e mar sin i le aon laimh, agus chuireadh e ’chòta, no léine gheal (a bha làmh ris) innte leis an te eile. Agus cha ’n ’eil teagamh nach b’ ann mar sin a rinn Eobhain air an Fhrangach. Co dhiù, b’ ann mar sin a thuig mis’ e, agus tha mi smaointinn a thuig càch e; oir ma theid sgriobhadair a shloinneadh gach facail a sgriobhas e cha bhiodh loinn no tlachd air a shaothair, agus thig air iomadh uair ’fhàgail aig tùr is tuigse leughadair, sealltainn eadar na sreathan gus iomadh bearna bheag a lionadh suas.
Ach tha daoin’ ann agus cha ’n fhoghainn leotha fhaighneachd dhiot, cia mar a tha thu, ach feumaidh iad fhaighinn a mach agus fhaighneachd cia mar a tha do cheann, agus an sin do chasan, agus gu h-àraidh do lamhan, mu ’m bi iad riaraichte. Agus tha e furasd’ fhaicinn gur ann diu sin ar caraid, oir cha ’n fhóghnadh leis e fhein a chur sios mar “Leughadair,” ’s e chuir e ann “Leughadair Gàilig.” Nach fhaodadh e bhith cinnteach nach ann ’san Eabhra, no ’n Greugais, no ’san Laidionn, a gheibheadh e tri lamhan air “Eobhain bàn mac an t-saighdeir?”
’Ur caraide dìleas,
SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
ROBINSON CRUSOE.
CAIB. VI.
ANNS a’ mhionaid bhuail e anns a’ cheann agam gu ’n robh cothrom agam air teicheadh na b’ fhearr na bh’ agam riamh roimhe, oir chunnaic mi gu ’n robh bata gasda agam fo mo riaghladh. An uair a dh’ fhalbh mo mhaighstir, thoisich mi ri deanamh deiseil, cha b’ ann air son iasgaich ach air son turus cuain a dh’ fhaodadh a bhith fada. Cha robh fhios agam, agus cha mho a smaoinich mi air, co dhiubh a b’ aithne dhomh stiuireadh a dheanamh no nach b’ aithne; oir bha mi coma c’ aite an rachainn nam faighinn air falbh as an aite an robh mi.
B’ e a’ cheud rud a bhuail anns a’ cheann agam gu ’n iarrainn air a’ Mhoorach tuilleadh de bhiadh ’s de dheoch fhaotainn air bord; oir thuirt mi ris nach freagradh e dhuinn am biadh a chuireadh air bord do ar maighstir ithe. Thuirt e gu’n robh sid fior; agus mar sin thug e bascaid mhor lan de bhrioscaidean gu bord, agus tri pigeachan lan uisge. Bha fhios agam far an robh a’ cheis bhotul aig mo mhaighstir an gleidheadh, agus bha e soilleir o ’n chumadh a bha air na botuil gu ’m b’ ann a luing Shasunnaich a ghlac e a thugadh iad, agus thug mi do ’n bhata iad am feadh ’s a bha am Moorach air tir, mar gu ’m biodh iad anns a’ bhata roimhe air son ar maighstir. Thug mi mar an ceudna cnap mor de cheir-sheillean, anns an robh corr is leith-cheud punnd de chudam, do ’n bhata, agus pasgan de shnath laidir, agus tuadh, agus sabh, agus ord. Bha na nithean so uile gle fheumail dhuinn ’na dheigh sid; gu h-araidh a’ cheir gus coinnlean a dheanamh.
Dh’ fheuch mi cleas eile air agus gu neo-chiontach rinn e mar a dh’ iarr mi air. B’ e ’ainm, Ismael, agus b’ e Moley a theirteadh ris gu cumanta.
“A Mholey,” arsa mise, “tha na gunnachan aig ar maighstir air bord a’ bhata, an urrainn dut beagan luaidhe is fudair fhaotainn? Faodaidh e bhith gu ’m faigh sinn cothrom air guilbnich a mharbhadh dhuinn fhin, oir tha fhios agam gu ’m bheil fudar is luaidhe anns an luing.”
“Is urrainn,” ars’ esan; “theid mi dh’ iarraidh rud dhiubh.”
Uime sin thug e do m’ ionnsuidh poca mor leathair anns an robh da phunnd gu leith fudair, no corr, agus poca eile anns an robh mu choig no sia de phuinnd luaidhe, agus peilleirean, agus chuir e anns a’ bhat’ iad. Aig a’ cheart am fhuair mise fudar anns a’ chabin mhor aig mo mhaighstir, agus lion mi botul mor a fhuair mi dhe ’n fhudar so; agus an uair a chunnaic mi gu ’n robh a h-uile rud a bha feumail dhuinn againn, thog sinn an seol, agus dh’ fhalbh sinn a dh’ iasgach. Bha fhios aig an fheadhainn a bh’ anns a’ chaisteal a bh’ aig beul a’ phuirt co sinn, agus mar sin, cha do chuir iad dragh sam bith oirnn.
An uair a sheol sinn mu mhile am mach as a’ phort, thug sinn a nuas an seol, agus shuidh sinn gu teannadh ri iasgach. Bha ’ghaoth o ’n tuath ’s o ’n ear-thuath, calg-dhireach an aghaidh mar bu mhiann leam; oir na’n robh i ’seideadh o ’n deas, bha mi cinnteach gu ’n deanainn corsa na Spainne dheth, agus air a’ chuid bu lugha, gu ’n ruiginn Bagh Chadis. Ach chuir mi romham, ciod sam bith rathad a sheideadh a’ ghaoth, gu ’m falbhainn as an aite oillteil anns an robh mi, agus gu ’m fagainn an corr ann an lamhan an fhreasdail.
An deigh dhuinn a bhith feuchainn car uine ri iasg a ghlacadh, agus sinn gun deargadh fhaotainn—oir an uair a dh’ fhairichinn iasg air an dubhan cha tugainn an nios e air eagal gu ’m faiceadh cach mi, agus thuirt mi ris a’ Mhoorach: “Cha dean so an gnothach idir, cha ’n fhaigh sinn iasg do ar maighstir; feumaidh sinn a dhol na ’s faide am mach o thir.
Cha do smaoinich esan gu ’n robh olc sam bith fa ’near dhomh, agus dh’ aontaich e gu’m bu choir dhuinn an seol a thogail; agus o ’n a bha mise aig an stiuir, sheol sinn am bata mu thri mile na b’ fhaide o thir na bha sinn roimhe. An sin leag sinn an seol, agus dh’ fheuch sinn ri iasg a ghlacadh.
An ceann beagan uine, thug mi an stiuir do ’n bhalach, agus chaidh mi suas far an robh am Moorach, agus air dhomh a bhith leigeadh orm gu ’n robh mi ’g iarraidh rud eiginn a bha dhith orm, chrom mi air a chulaobh, agus gun fhaireachadh dha, chuir mi mo lamhan fodha, agus thilg mi am mach air a’ mhuir e.
Ged a chaidh e fodha, thainig e an uachdar mar gu ’m biodh arc ann, agus ghuidh e orm a thoirt air bord, agus thuirt e rium gu ’n siubhladh e an saoghal comhladh rium. Shnamh e cho laidir an deigh a’ bhata ’s gu ’m beireadh e oirrre ann an uine ghoirid, o nach robh an soirbheas ach lag.
An uair a chunnaic mi so, chaidh mi do ’n chabin, agus thug mi gunna as. Chuir mi ri mo shuil e, agus thuirt mi ris, nach d’ rinn mi cron sam bith air, agus nach mo a dheanainn cron air nam fanadh e samhach. “Ach,” arsa mise, “tha thu ’nad shnamhaiche cho math ’s gu’n teid agad air an cladach a ruighinn gu sabhailte. Tha am muir lom; feuch cho math ’s is urrainn dut ris a’ chladach a ruighinn, agus cha dean mise cron sam bith ort; ach ma dh’ fheuchas tu ri tighinn na ’s dluithe do ’n bhata, cuiridh mi peillear troimh ’n cheann agad; oir tha mi suidhichte gu ’m bi mo shaorsa agam.”
An uair a chual’ e so, thionndaidh e air falbh, agus shnamh e thun a’ chladaich, agus cha’n ’eil teagamh agam nach d’ rainig e gu sabhailte, oir bha e ’na dheadh shnamhaiche.
Bhithinn toilichte gu leor am Moorach so a thoirt leam, agus am balach a bhathadh; ach bha eagal orm nach biodh e sabhailte dhomh m’ earbsa a chur ann.
[Vol . 12. No. 13. p. 4]
An uair a dh’ fhalbh am Moorach o ’n bhata, thionndaidh mi ris a’ bhalach, agus thuirt mi ris: “Ma bhios tu dileas dhomhsa ni mi duine mor dhiot; ach mur toir thu sgriob air d’ aodann le do laimh mar chomharradh gu ’m bi thu dileas dhomhsa, sin ri radh, mur mionnaich thu air Mahomet, agus air feusag ’athar, tilgidh mi am mach air a’ mhuir thu mar an ceudna.”
Sheall am balach orm anns an aodann, agus labhair e cho neo-chiontach ’s nach b’ urrainn domh an-earbsa a chur ann; agus mhionnaich e gu ’m biodh e dileas dhomh, agus gu ’n siubhladh e an saoghal comhladh rium.
Fhad ’s a bha mi ann an sealladh a’ Mhooraich ’s e ’snamh gu tir, chum mi toiseach a’ bhata am mach ris a’ chuan, agus chum mi ris an fhuaradh i gu math, a chum gu ’n saoileadh neach sam bith a bha ’g ar faicinn gu ’n robh mi air son a dhol troimh ’n chaol a tha eadar Africa agus an Spainn (mar a shaoileadh neach sam bith anns an robh tur gu ’n robh mi dol a dheanamh). Oir co shaoileadh gu ’n robh ’nar beachd seoladh mu dheas, gu corsa nan daoine borba, far an robh sinn cinnteach gu ’n tigeadh na daoine dubha le ’m bataichean mu ’n cuairt oirnn gus ar sgrios; far am biomaid air ar n-itheadh le fiadh-bheathean, no le daoine fiadhaich, nan rachamaid gu tir.
Ach cho luath ’s a thainig dubhar an fheasgair, dh’ atharraich mi mo chursa, a’ cumail ris an aird a’ deas ’s an earra-dheas, a chum gu ’n cumainn dluth air a’ chladach. Agus o ’n a bha soirbheas math fabharrach agam, agus muir lom, sheol mi cho math ’s gu ’m bheil mi ’creidsinn gu ’n robh mi mu thri uairean feasgar an ath latha, mu cheud gu leith mile a deas air Sallee; fada seachad air rioghachd Iompaire Mhorocco, agus fada seachad air rioghachd righ sam bith eile, oir cha robh sinn a’ faicinn duine sam bith.
Ach air a shon sin, bha leithid de dh’ eagal agam roimh na Mooraich, agus de dh’ uamhas orm gu ’n tuiteam ’nan lamhan, ’s nach stadainn, ’s nach mo a rachainn gu tir, no gu acaire, O’n a bha ghaoth fabharach, lean mi romham air seoladh fad choig laithean. Ach an uair a dh’ atharraich a’ ghaoth thun na h-airde deas, thuirt mi rium fhein ma bha aon de shoithichean mo mhaighstir air mo thoir, gu ’n leigeadh iad a nis dhiubh a bhith ’g am leantuinn. Mar so, ghabh mi de mhisnich acrachadh aig beul aimhne bige. Cha robh fhios agam c’aite an robh mi, no ciod an duthaich no ’n cinneach do ’m buineadh an t-aite.
Cha ’n fhaca mi daoine agus cha mho na sin a bha mi ’g iarraidh am faicinn. Cha robh dad a dhith orm ach uisge fuar.
Thainig sinn gu beul na h-aimhne anamoch feasgar, agus bha sinn a’ smaointean gu ’n snamhamaid gu tir feasgar, agus gu ’m faigheamaid am mach ciod an seorsa duthchadh anns an robh sinn. Ach cho luath ’s a dh’ fhas e dorcha, chuala sinn fuaim a chuir eagal oirnn—comhartaich, agus buirean agus donnallaich bheathaichean fiadhaich. Cha robh fhios againn ciod a’ ghne bheathaichean a b’ annta. Bha am balach a bha comhladh rium gus a bhith marbh leis an eagal; agus ghuidh e orm gun dol gu tir gus an tigeadh a’ mhadainn. “Seadh, a Shuraidh,” arsa mise, “cha teid mi gu tir, agus faodaidh e bhith gu ’m faic sinn daoine anns a’ mhadainn a bhios a’ cheart cho cunnartach ris na leomhainn so.”
“Loisgibh urchair orra, ma ta,” arsa Suraidh, ’s e deanamh gaire, “agus bheir sin orra ruith air falbh. .”
Ach air a shon sin bha mi toilichte gu ’n robh am balach cho aoidheil, agus gus an tuileadh misnich a thoirt dha, thug mi drama dha as a bhotul a dh’ fhag ar maighstir air bord.
An deigh a h-uile car, bha ’chomhairle a thug Suraidh orm ceart, agus ghabh mi i. Leig mi am mach an t-acaire, agus dh’ fhan sinn far an robh sinn fad na h-oidhche. Ach cha d’ fhuair sinn norradh cadail.
Mu dha no tri uairean an deigh dhuinn acrachadh, chunnaic sinn creutairean mora (cha robh fios againn ciod an seorsa chreutairean a bh’ annta) de dh’ iomadh gne a’ tighinn a nuas thun a’ chladaich. Chaidh iad do ’n mhuir, agus bha iad ri donnalaich cho eagallach ’s a chuala duine riamh. Bha eagal uamhasach air Suraidh, agus bha eagal orm fhin cuideachd. Ach bha ’n tuilleadh eagail oirnn le cheile an uair a chunnaic sinn aon dhe na creutairean mora so a’ snamh thun a bhata. Cha b’ urrainn duinn fhaicinn, ach dh’ aithnich sinn air an fhuaim a bha e deanamh anns an uisge, agus air an t-seatail a bh’ air gu ’n robh e ’na bheathach mor, fiadhaich. Bha Suraidh ag radh gur e leomhann a bh’ ann, agus faodaidh gur e, air son na bheil a dh’ fhios agamsa. Ghuidh e orm an t-acaire a thogail agus iomradh air falbh.
“Cha tog mi an t-acaire idir,” arsa mise. “Leigidh sinn am mach an cabla, agus buta air a cheann, agus bheir sinn an cuan oirnn far nach urrainn iad ar leantuinn.
Cha bu luaithe a thuirt mi so na chunnaic mi an creutair (ciod sam bith creutair a bh’ ann) mu dha fhad an raimh o ’n bhata; agus chuir e car de chlisgeadh orm. Ach air a shon sin chaidh mi gun dail do ’n chabin, agus thug mi gunna as, agus an uair a loisg mi urachair air thionndaidh e ’aghaidh gu tir agus shnamh e air falbh.
(Ri leantuinn.)
LITIR A SIDNI A TUATH.
A CHARAID, —Cha ’n ann aon uair a shuidh mi sios a chum sgriobhadh a d’ ionnsuidh o chionn àireamh mhiosan, ach do bhrìgh ’s nach robh a dol agam air litir a chriochnachadh ’san aon suidhe ’s ann a dh’ fhàs iad cho sean orm ’s nach b’ fhiach iad an cur air adhart. Ach a nis o’n tha ùine gu leor agam aig an àm so, leigidh mi beagan fhacal gu MAC-TALLA mar a’s fearr a dh’ fhaodas mi.
Tha e ’toirt toileachadh nach beag dhuinn a bhi ’faicinn aghaidh MHIC-TALLA cho dreachmhor leis na tha thu fein agus do dheadh sgriobhadairean a toirt dhuinn o àm gu àm. Sheas “Cona” agus thu fein suas gu foghainteach air taobh Shir Eachainn Dhomhnullaich o chionn ghoirid. Is bochd da rireadh gu ’n robh beatha laoich a bha cho treun, misneachail, agus cho dìleas d’a dhùthaich air a giorrachadh le tuaileis bhréige cheannardan farmadach, gun diù.
Cha ’n urrainn sinne thuigsinn ciod cho mor ’sa bha Sir Eachann air a theannachadh ’na inntinn mu’n do rinn e mar a rinn e. Cha ’n ’eil teagamh nach robh eagal air ged dheanadh e ’uile dhìchioll air e fein a dhearbhadh neochiontach an làthair an t-saoghail, gu’m biodh na ceannardan truaillidh ud, mic Bhelial, tuilleadh is cruaidh air a shon. Is math an ni gu bheil e nis air a dheanamh soilleir do ’n t-saoghal leothasan a chuireadh a rannsachadh mu na h-uilc a bha air an cur as a leth, gu ’n robh e saor o gach aon diubh. Gidheadh tha e da rireadh leibideach gu ’m faigheadh an luchd mi-ruin as gun an an ainmean a bhi air an toirt am follais, agus iad fein air a deadh pheanasachadh.
Tha ’bhliadhna so gu bhi nis ri àireamh nam bliadhnachan a dh’ aom; agus tha so ’na dheadh àm dhaibhsan nach ’eil a faotainn MHIC-TALLA gu cur ga iarraidh. Cha chòir do neach sam bith a mheas gu bheil a phrìs as an rathad, nuair a bheirear fa near gu bheil e air a dheasachadh an deadh Ghàilig, agus ged nach ’eil e tighinn a mach ach uair ’sa cho’ -la-deug, deanadh eadhon Gàidheil Chanada féin an dleasdanas d’a thaobh, agus cha ’n fhada gus am faic sinn e tighinn ugainn gu seachduineal mar an tùs a làithean.
Gun teannadh ri sodal tha e soilleir ri fhaicinn bho na tha tighinn o pheann an fhir-dheasachaidh gur ann a’ sior thighinn air adhart a tha e an co-cheangal ris a phaipeir. Agus a bhàrr air sin ’nuair a tha àireamh de dheadh sgriobhadairean a’ cur uige gun tàmh, bu choir gu ’m biodh na Gàidheil uile air an dùsgadh suas gu bhi cur tuilleadh ùigh anns a’ MHAC-TALLA, ’s anns a’ chànain mhilis, bhlasda a dh’ ionnsuich iomadh aon dhinn mu chloich-an-teinntean.
Gheibh thu da dholair ’san litir so. Air son aon diubh biodh MAC-TALLA air a chur ugam féin bliadhn’ eile; agus air son an aon eile, leanaibh air a chur ré bliadhna eile gu mo mhàthair “anns a ghleann ’san robh mi òg.”
M. D.
SEOL-MARA.
LE “LONACH.”
O’N uair a bha ar n-aithrichean a’ gabhail comhnuidh ann an còsaibh nan creag, agus air an sgeadachadh ann am béin nam fiadh-bheathaichean a bha iad a’ marbhadh air son an lòin, agus air sgàth gaoil na seilge, dh’ ionnsaich sinne rud no dha. B’ ann diubh so eòlas air seòl-mara.
B’e aon dhe na nithean sin a bha na daoine o shean lan-chinnteach a bha do-rannsaichte, an t-aobhar, no ’n ceann-fath, a bha ’toirt an t-siùil-mhara mu ’n cuairt, agus biodh iad a’ bruidhinn air mar “uaigh an fhiosrachaidh thalmhaidh.”
Cha robh an ùine fada gu deardh gus an d’ thug an sluagh a bha ’gabhail comhnuidh ri taobh na mara, agus iadsan a bha ’nam maraichean, an aire do ’n cheangal iongantach a bha eadar siubhal làthail na gealaich agus lionadh is tràghadh na mara. Ach dh’ fhan e ’na dhubh-dhorchadas am measg dhaoine co dhiubh a bha buaidh aig a ghealaich air na siùil-mhara no aig na siùil-mhara air a’ ghealaich, air neo nach robh ’s an aogasg ceangail a bha eatorra ach co-chòrdadh tuiteam ach.
Chaidh solus a thilgeadh air so le Newton air dha amas air an reachd, no ’n riaghailt àraidh sin a th’ aig gach ni air tuiteam sios, nogravitation ,mar a theirear ris ’s a’ Bheurla. Fhuaradh mar sin an iuchair, mar gu ’m b’ eadh, air so, cho math ri iomadh ceisd eile a bhuineas do nàdar a chruthachaidh.
Is e th’ anns na siùil-mhara, ma ta, ceann-criche a tha air a thoirt gu buil leis a’ chomas tarruinn a tha eadar a’ ghealach agus a’ ghrian. A’ labhairt gu coitchionn, faodar a radh gu ’m bheil a’ ghealach a’ tarruinn an uisge air falbh o’n t-saoghal air an taobh a’s fhaisge dh’ i, agus aig a’ cheart àm a’ tarrainn an t-saoghail air falbh o ’n uisge air an taobh a’s fhaide uaithe, a’ toirt mu ’n cuirt ’s an dà chùis bòrcadh, no at-mara air an dà thaobh dhe ’n chruinne-ché a tha mu choinneamh a cheile le leagadh, no lag, a réir sin ’s na h-uisgeachan eatorra.
Tha ’ghrian mòran na’s fhaide air falbh o’n talamh na ’ghealach, agus ged a tha i mòran na ’s dòmhla, cha ’n ’eil buaidh a neirt a leith cho làidir ris a’ chuairt-reul a bhuineas do ’n chruinne-ché—a’ ghealach. An uair a thàirneas na soluis na ’s mò agus na ’s lugha na cheile comhladh, no aig an aon àm, mar a ni iad aig amannan sònruichte, ’s e sin aig àm na gealaich ùire, agus an uair a tha ghealach làn, tha ’n tràghadh ’s an lionadh le chéile air am meudachadh gu mór, a’ toirt mu’n cuairt, mar is aithne dhuinn, an reothairt.
[Vol . 12. No. 13. p. 5]
Air an laimh eile, an uair a tha iad ag oibreachadh an aghaidh a chéile, sin ri radh, an uair a bhios, mar a dh’ fhaodas sinn a chur, àm tràghaidh na gréine a’ co-chordadh ri àm lìonaidh na gealaich—agus air a’ chaochladh; mar a thachras an uair a bhios a’ ghealach ’na ceud cheathramh agus ’na ceathramh mu dheireadh; an sin tha ’n tràghadh ’s an lìonadh air an lughdachadh a réir sin, agus thig a’ chonntraigh.
Cha ’n ’eil a’ ghealach ’na cuairt mhiosail a’ gleidheadh an aon astair o’n talamh. Tha i aig aon àm a’ tighinn sia air fhichead mile de mhiltean na ’s fhaisge oirnn na tha i aig àm eile. Mar is fhaisge thig i air an talamh is ann is treise nochdar a cumhachd thar na siùil-mhara.
Tha ghrian mar an ceudna na ’s fhaisge air an talamh ri àm a’ gheamhraidh na tha i ri àm an t-samhraidh; agus mar sin tha siùil-mhara na gréine na ’s treise ann an ceud mhios na bliadhna na ann am mios deireannach an t-samhraidh.
Chithear mar sin gu ’m bheil mòran de chaochladh nithean a bhuineas do Speuradaireachd, no Reul-eòlais a’ measgachadh leis gach cunntas a thatar a’ toirt air na siùil-mhara. Is e an co-dhùnadh a th’ ann, gu ’n tig na làin a’s àirde leis a’ cho-chòrdadh a’s mò de staidean a tha fàbharrach; mar eisimpleir, an uair a thàirneas a’ ghrian ’s a’ ghealach comhladh aig an aon àm agus iad le chéile ’s an àite a’s fhaisge do ’n t-saoghal na ’n cùrsa fa leith.
Is e so a tha gu tric a’ toirt air na tuiltean millteach tighinn thar roinnean àraidh dhe’n Tir-mhòir. Bhiodh iad sin na ’s trice agus na ’s milltiche mur b’e ’ghaoth a bhith seideadh aig an àm an aghaidh an t-sruth.
An uair a chithear gu ’m bheil— ’s a’ cheud àite co dhiubh—na siùil-mhara air an toirt mu’n cuairt tre oibreachadh chumhachdan a tha ’n taobh am muigh dhe’n t-saoghal so, dh’ fhaodamaid tighinn gu co-dhùnadh gu ’n robh na cumhachdan sin ag oibreachadh gu cunnabhalach air uachdar an domhain air fad. Cha’n ’eil so mar so idir; oir tha cuid de mharannan cha mhòr gun seòl-mara idir. Agus air an làimh eile, tha na siùil-mhara ’g atharrachadh ann an àirde o sheachd troidhean gu tri fichead troidh ’s a seachd ann an iomadh àite dhe ’n aon oirthir.
Is e am mineachadh a th’ air so gu ’m bheil na siùil-mhara aìr an stiùradh gu cumhachdach leis gach gnè suidheachaidh a bhuineas do ’n àite mu ’m bheil iad ag iathadh, mar chumadh no dealbh an oirthir, mùthadh doimhneid an uisge, agus neart is iùil na gaoithe. Mar sin is ann an caolais, camuis is òban is àirde ’gheibbear na siùil-mhara air oirthir sam bith; agus an fheadhainn a’s isle ’s an dùthaich eatorra sin far am bheil am fearann a’ seasamh am mach. Is anns na caolais fhada phìobach a tha direach mu choinneamh sruth an lìonaidh, a tha na làin a’s àirde, far, ma dh’ fhaoidte, an èirich iad o thri fichead troidh ’s a’ deich gu ceud troidh, mar a ni iad air cladach an iar Nova Scotia.
Am mach anns a’ chuan mhòr cha ’n ’eil an seòl-mara so faicsinneach; bidh an t-uisge direach ag éirigh ’s a’ laidhe, agus cha ’n ’eil an gluasad so, a tha mar gu ’m bitheadh e ’siubhal, na ’s fior na tha ’n gluasad a chithear air bharr na diasan anns an achadh choirce an uair a shéideas a’ ghaoth thairis air. Cha’n ’eil ann ach samhladh ’s an dà àite.
Ann an caolas teann is inbhir aimhnichean ged tha, is e an t-uisge fhein a tha air a ghluasad, agus air iomain air aghart, agus tha ’n seol-mara a’ fàs na shruth aig am bheil a shiubhal luath no mall a réir mar a thig ’na rathad.
Chaidh mòran a sgriobhadh air gné nan seol-mara, agus nan sruthan a tha ’g oibreachadh ’s a’ chuan mhor an aghaidh a chéile air nach ruig sinn a leas iomradh a thoirt an so. Ach ged a tha iad so a’ sior chnàmh na talmhainn, agus a’ bristeadh sios nan creagan le ’n spionnadh maireannach tha iad aig an aon àm, ann an iomadh àite, ro fheumail gu caolais is puirt a dheanamh agus a chumail fosgailte. Far nach ’eil seòl-mara cha ’n ’eil e comassch, no soirbh co dhiubh, beoil aimhnichean a chumail fosgailte agus glan o sprùilleach a chruaidheachas ri ùine gu bhith ’na sgeir-bhaithte.
Tha daoin’ ionnsaichte, a tha sàr-eòlach air deanamh solus an dealain anns na laithean so, dhe ’n bheachd gu ’m faodamaid neart nan seòl-mara ’cheangal agus a chur gu feum, ach cha d’ thainig sin fhathast.
Aon ni eile feumaidh sinn innseadh gu h-aithghearr, agus is e sin, gu ’m bheil daoine foghluimte ’g innseadh dhuinn gu ’m bheil a ghealach sia uairean na’s fhaide o’n t-saoghal so na bha i an uair a thòisich an cruthachadh; agus air an aobhar sin bhiodh neart nan seòl-mara dà cheud agus sia uairean deug na’s treise na tha e ’nar latha-ne.
Beachdaicheamaid ma ta air an neart uamhasach a bha ’n sin gu creagan a chnamh air falbh seach mar a tha e’n diugh, mòr ’s mar a tha e. Suarach mar a tha obair nan seòl-mara an diugh seach mar a bha i mu thoiseach an t-saoghail. Tha so so-fhaicsinneach do neach sam bith a tha eòlach air ar cladaichean agus air oirthir an fhearainn mar a tha ’n obair a’ dol air aghart o bhliadhna gu bliadhna. Cha ’n ’eil e cho so-fhaicsinneach, ged a tha e ’cheart cho cinnteach, mar a tha obair nan seòl-mara ’meudachadh fad an latha. Ged is i ’ghealach a tha cur nan seòl-mara air siubhal, is ann o neart a tha ’tighinn o’n talamh, no ’n cruinne-cé so againn ’na dhol mu ’n cuairt a tha iad ag oibreachadh. Mar sin tha neart na talmhainn ’g a sìor thoirt air falbh no ’dol an lughad; agus o nach ’eil dòigh air an call sin a dheanamh suas, tha ’n neart a tha ’tighinn o roladh na talmhainn a’ dol na’s lugha uidh air n-uidh. Tha roladh laitheil na talmhainn air a’ mhul mar so air a bhacadh, no, tha maille air a chur air, agus mar sin, tha ’n latha air a dheanamh na ’s fhaide. Direach mar a tha ’ghealach a’ dol na ’s fhaide ’s na’s fhaide o’n t-saoghal, tha ’n latha ’dol na ’s fhaide ’s na ’s fhaide, ach cho mall ’s gur gann a chithear atharrachadh ri linn fir a bhiodh cho sean ri Metuselah. Ann am mile bliadhna cha ruigeadh e ach gu bloigh tiotaidh, ged a chìteadh mùthadh a b’ fhiach ann an deich ceud mile bliadhna is corr.
An uair a bha ’n talamh ’na làn neart, agus mu ’n do thòisich na siùil-mhara air suathadh ris, agus mar sin ’ga bhacadh, no ’cur maille air, tha e air a ràdh gu’n robh e ’dol mu’n cuairt air a mhul, uair ’s na trì uairean an àite uair ’s na ceithir uairean fichead mar a tha e ’n ar latha-na. Cha b’ urrainn an uine bhith na bu ghiorra, oir cha leanadh bith an t-saoghail so ri chéile ri leithid de dh’ astar. B’ e so an t-àm anns an robh a’ ghealach a’ cuartachadh dlùth air an talamh, mar a tha daoine ’smuaineachadh, agus an uair a bha i ’ruith a réis timchioll air ann an tri uairean.
Is ann an uair a thòisich na siùil-mhara, ma ta, a thòisich an talamh air dol mu ’n cuairt beagan na ’s maille, gus am bheil e nis a’ gabhail ceithir uairean fichead an àite trì uairean aig toiseach a’ chruthachaidh.
Mar sin, fhad ’s a mhaireas na siùil-mhara theid an latha, no cuairt an t-saoghail, na ’s fhaide ’s na ’s fhaide, agus ma mhaireas an cruinne-cé fada gu leòr thig an t-àm anns am bi an latha co-ionnann ann am fad ri mios, sin ri ràdh, an uair a ghabhas an talamh a’ cheart uiread a dh’ uine a’ roladh air a mhul aon uair ’s a ghabhas a’ ghealach a’ dol timchioll ’na cuairt fein.
Tha e air a rádh gu ’n tachair so an uair a shìneas an latha ’mach gu ceithir cheud deug is dà uair fhichead. Agus an sin bheir suathadh nan seòl-mara air an t-saoghal an aon taobh dheth a thionndadh daonnan ris a ghealaich. Bidh an sin muir-làn an comhnuidh ann, no, ann am briathraibh eile, thig stad air traghadh is lionadh. Mar sin fàgaidh sinn an dràst’ e. —Beatha ’s Obair.
Innleachd Shasunn agus neart Alba.
[Dealbh]
CARDADH IS SNIOMH.
Tha sinn an so a toirt fa chomhair ar leughadairean dealbh dithis de na mnathan a bha air an Iubili, ann an Waipu, New Zealand, air an treas là deug de Februaraidh s’a chaidh. Dh’ fhàg iad so Ceap Breatunn leth-cheud bliadhna air ais, anns an imrich a bha ’n Iubili a dh’ ainmicheadh a cumail air chuimhne. Cha ’n ’eil fhios againn có iad, ach gu bheil an té a th’ aig a chuibhill pòsda aig fear Mac Aonghais, agus an té a tha càrdadh aig fear Gill. Tha e coltach gu bheil an càrdadh ’s an sniomh a dol á fasan an New Zealand mar a tha tachairt ann an Ceap Breatunn; oir tha sinn a tuigsinn gu robh obair nan dithis mhnathan còire so na sheòrsa de dh’ ioghnadh do ’n mhor chuid de na bha làthair aig nach robh eòlas sam bith air calanas.
[Vol . 12. No. 13. p. 6]
FACAL A L’ARDOISE.
A DHEAGH CHARAID, —O’n tha ’n là an diugh neo-fhreagarrach gu dad a dh’ obair a dheanamh air taobh a mach an doruis, air do ’n uisge bhi sileadh, smaoinich mi nach bu mhisd’ an gnothuch beagan fhacal a chur gu MAC-TALLA; agus ged a shìn mi air sgriobhadh cha ’n ’eil fhios agam ro mhath ciod a bheir mi dhuibh aig an àm so, oir cha ’n eil ni annasach sam bith a dol air adhart ’san àite so.
Tha “C. C.” ag innse dhuinn mu na h-ainmean Frangach a th’ air cuid de na sgìreachdan a tha an ear oirnn, agus mar an ceudna nach ’eil aon Fhrangach a còmhnuidh annta aig an àm so, ged a bha iad uaireiginn air a chaochladh. Cha ’n urrainn mise sin a radh mu ’n àite so. Tha e giulan ainm Frangach, agus cha rachadh neach fada cearr ged a bhruidhneadh e ’san Fhraingeis ris na h-uile a thachradh ris. Agus mar sin tha mi ’creidsinn nach bi moran de luchd-gabhail aig a’ phaipeir Ghàilig an da latha so ’san earrann so de Cheap Breatunn. Faodaidh mi radh gur e gle bheag de Bheurla a thatar a labhairt ’san àite so. Tha na Frangaich gu bitheanta glé mheasail air an cànain; agus air-son am beagan Ghàidheal tha còmhnuidh ann ’s i Ghàilig a th’air a cleachdadh le sean is òg. Ach cho gann ’s gu bheil luchd na Gàilig dh’ fhaodadh barrachd a bhi ’gabhail MHIC-TALLA ann ’sa tha.
Tha mi ’faicinn gu bheil “Leughadair Gàilig” a faotainn coire do sgeulachd Mhic Fhionghain, “Eobhain bàn mac an t-saighdeir.” Cha ’n ’eil mi ’g radh gu robh ’n gniomh a rinn Eobhain cho fior dhoirbh ’sa shaoileas neach. Tha mi ’smaointinn nach cuireadh e moran spàirn air té de lamhan Eobhain a ghlaine ’chumail agus greim a bhi aige air a chraos aig an àm cheudna. Is ann mar so a shaoileas mise ’chaidh aige air an deoch mhilis ud a thoirt do ’n Fhrangach. Agus fiachadh “Leughadair Gàilig” an dòigh so an ath turus a bhios e ’g òl fìon, no bhinigir, no eadhon uisge, gun a bhi air ghoil. Agus ged nach do thachair do ’n ùghdar a dheanamh gle shoilleir dhuinn, dh’ fhaodadh na’n robh “Leughadair Gàilig” faisg air gu’n sealladh e dha mar a rinn Eoghain bàn.
Tha ’n t-àm sgur. Cluinnidh sibh uam roimh ’n bhliadhn’ ùir fhathast.
Is mi ’ur caraid,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
L’Ardoise, Dec. 4, 1903.
LITIR A TAOBH NA H-AIBHNE DEAS.
A CHARAID RIOGHAIL, RUNAICH, —Bho ’n tha càirdean agus luchd-gabhail a’ phàipeir ghasd’ sgad a sgriobhadh á moran chearnachan dhe ’n t-saoghal bho àm gu àm, tha mi ’dol a chur sgrìobag de litir ga d’ ionnsuidh as a chearna so. ’Nuair a bhios mi gu trang ag obair air a bhaile no ’sa choille leam fhéin bidh iomadh ni a tighinn fa chomhair m’ inntinn, agus ’se aon ni ’tha cur bochdainn orm cho suarach ’sa tha òigridh an àite so mu ’n Ghàilig. Tha e gun teagamh na ni taitneach a bhi ’g éisdeachd ri fear labhairt a tha math ’sa Bheurla, agus gur ainneamh ni a tha cho taitneach ris, ach cha chuir mi ’n coimeas e ri fear labhairt Gàilig ghlan, shnasail, mar a chluinnteadh as a’ chùbaid, no aig mòd, far am biodh òraidean air an toirt anns na làithean a dh’ aom.
’Nuair a bha mi na m’ ghiullan òg, chaidh mi còmhladh ri m’ athair a dh’ éisdeachd searmonaiche a bha air ùr thighinn a mach á Albainn, agus tha cuimhn’ agam air na ceud fhacail a labhair e as a’ chùbaid moran na ’s fhearr na tha agam air an t-searmon, agus so iad: “Tha e feumail a bhi toirt fa near gu bheil an geamhradh air tighinn, agus gu bheil e iomchuidh na dorsan a chumail dùinte a chum agus gu ’n téid am fuachd a chumail am mach.” Cha ’n ’eil cuimhne agamsa air facal de ’n t-searmon; ach, air leam nach cuala mi riamh fear labhairt bu toilicht’ a bhi ga ’éisdeachd, leis cho gasda ’sa bha ’Ghàilig.
Ni eile tha soilleir ri fhaicinn mu fhear labhairt math Gàilig gu bheil e math ’sa Bheurla mar an ceudna. Dh’ fhaodainn moran dhaoine ainmeachadh mar dhearbhadh air a so. C’àit an cluinnear fear labhairt Beurla a’s fhearr na an t-Urr. A. Mac-Gilleathain Sinclair, a tha cho ainmeil a bhos is thall air-son feobhas a Ghàilig.
Bha mi bho cheann ghoirid a seanachas ri gosgaig de bhan-sgoilear, a bha ga ’cunntas fhein meadhonachsmart ,ach gu bochd cha robh smid aice ach Beurla, ged nach robh facal Beurla aig a seanamhair no idir aig a seanair. Bha mi ’feuchainn ri innseadh dhi cho feumail ’sa bhiodh e dhi Gàilig a thuigsinn ’sa labhairt, an àm a bhi feadh na dùthcha a cumail sgoile. Bha mi ag innseadh dhi pàirt de na seanfhacail Ghàilig a bhiodh iad a cleachdadh ann an Albainn bho sean. Dh’ ainmaich mi fear no dha, agus am measg chàich, “Trod nam ban mu ’n sgarbh ’s an sgarbh air an loch.” Dh’ fhaighneachd mi dhi am bu mhath leatha fios a bhi aice dé bu chiall da, agus ’se thuirt a’ bhan-sgoilear rium, “I wouldn’t be bothered with such insignificant language. ”Ged a chuir i beagan tàmailt orm cha do chuir mi uiread coire oirre ’sa chuir mi air a pàrantan a thog i, agus a’ Bheurla gun a bhi tuilleadh is pailt aca féin.
Bheir mi a’ chomhairle so air Gàidheil òga a tha ’togail teaghlaich (ged a bhiodh uiread aca ’sa bh’aig a’ chaillich a bha fuireach ’sa bhròig): ionnsaichibh Gàilig dhaibh, bidh i feumail dhaibh ge b’e cearna dhe ’n t-saoghal am bi iad; biobh a gabhail MHIC-TALLA, ionnsaichibh a’ chlann a’ leughadh, agus cha ’n abair iad“insignificant language”rithe, ach an cànain is mìlse ’s is brìghmhoire air thalamh. Is mi do sheann charaid,
AN TUATHANACH RUADH.
Taobh na h-Aibhne Deas, Dec. 15, ’03.
BARDACHD NA FEINNE.
DAN A’ CHOIN DUIBH.
ROIMH-RADH.
THA Dun air oighreachd Sheumais Chaimbeil, Tighearna an Duin-mhoir, an Earraghàidheal, ris an canar Dun a’ Choin duibh gus an latha ’n diugh. Tha e cosmhail gur iad cuideachd Fhinn a thog an Dun so far an deachaidh an Cu dubh a mharbhadh, mar a tha ’n eachdraidh timchioll an Duin so a’ taisbeanadh; oir tha faiche aig dorus an Duin do ’n ainm Faiche na Ban-righ gus an latha ’n diugh. Agus tha ’n t-aite san robh an Dun freagarrach do thaobh mara ’s tire, do laoich threuna a bhiodh a’ dion an rioghachd o an naimhdibh. Agus mar an ceudna, tha e freagarrach do dhaoine aig an robh tlachd ann an sealg agus anns gach cluich rioghail a bheireadh toil-inntinn daibh. Agus do thaobh na togail a tha air an Dun so, tha i ’na dearbhadh gu’n robh gaisgich na Feinne ’nan spionnadh cosmhail ris a’ chliu a thug Oisian orra; oir tha clachan ann a chuireadh iongantas air neach sam bith an togail le daoine. Agus tha cinnt againn nach robh innleachd air bith ’san àm sin ach spionnadh dhaoine.
Air bhith dhuinn latha ’sa bheinn-sheilg,
B’ ainmic leinn a bhith gun choin,
Ag éisdeachd ri ceilear eun,
’S ri buirich fhiadh agus lon.
Rinn sinn àr ann gun cheilg,
Le ’r conaibh ’s le ’r n-armaibh nimh,
Is tharruinn sinn d’ ar teach tràth noin
Gu subhach, ceolmhor, le gean.
Moch-eirigh rinn flath nam fiann,
Seal mu ’n d’ eirich grian air magh;
’S e chunnaic e air an leirg,
Fear earradh dheirg is choin duibh.
Thainig ugainn gu mor chràdh
An laoch grinn a bha mar sin:
Air ’urla cha laidheadh sgàth,
’G iarraidh air cach comhrag chon.
Bu ghile na gath grein’ a shnuadh,
’S a dha ghruaidh air dhath nan suth;
Bu ghile na gach sneachd’ a chorp,
Ged thachair dh’ a fholt bhith dubh.
Leig sinn thuig’ an tus a’ bhlàir,
Gach greigh a b’ fhearr bha ’nar taigh;
An cu dubh bu gharg ’s a’ ghreis,
Mharbhadh leis ar caogad cu.
Ann an sin do labhair Fionn,
’S i so an iorghuill nach beag:
Thionndaidh e chul ris an t-sluagh
’S thug buille le gruaim do Bhran.
Dh’ amhairc airsan Bran buadhach,
Is b’ ioghnadh leis e ’g a bhualadh:
An lamh sin leis ’n do bhuail mi Bran,
Is truagh o m’ ghualainn nach do sgar.
An sin chrath Bran an t-slabhraidh oir,
’S am measg an t-sloigh bu chruaidh a sgal,
Las a dha shuil ’na cheann
Is dh’ eirich greann air gu cath,
Buinibh an iall o m’ chu gun dail:
Bu mhath a sta gus an diugh;
S gu ’m faiceamaid sgainneart ghlan,
Eadar Bran is an cu dubh.
Is math an cumadh bh’ air mo chu:
Bha ’fhalt luthaidh fad o ’cheann;
Meadhain leathainn, leoghar cliabh,
Uilinn fhiar agus speir cham.
Casan buidhe bha air Bran,
Da thaobh dhubh agus tarr geal;
Druim uaine mu ’n suidheadh sealg,
Cluasan corrach cro-dhearg.
Leig iad na coin sron ri sroin,
’S am measg nan slògh gu ’n dhoirteadh fuil;
’S b’e sin an comhrag laidir, garg,
Mu’n d’ fhagadh leis marbh an cù dubh.
Shaoil mi nach robh anns an Fheinn,
Deir Eubhann-Oisein o stolb nan con,
Aon chù air meud a threubhachd,
A bheireadh creuchd air Foir.
’S mur bhiodh gach seòl agus car
A bh’ aig Bran, ’s ro mheud a luith,
Cha robh cù mu ’n dùineadh iall,
A dh’ fhàgadh Foir shiar mu ’n Dùn.
’S iomadh gruagach dheud-gheal òg,
Is binne glòir ’s is deirge suil,
Tha chomhnuidh an tir mhic Torc,
A bheireadh biadh an nochd do m’ chù.
Thiodhlaic am fior laoch fial,
An leabaidh chaoil chriadh a chù;
Is thiodhlaiceadh leis an Fhiann
’S an Dun ud shiar tri caogad cu,
Chaidh sinn le mac Cumhail nan còrn òir
A dh’ iomairt ’s a dh’ òl do ’d Dun:
Righ, b’ aoibhinn ’s bu làn ar teach,
Ged nach ’eil neach dhiubh nochd ’san tur,
An oidhche sin dhuinn an taigh Fhinn,
Ochoin, bu ghrinn ann ar cor,
Air dhuinn a bhith ’cluich air ceòl,
’S ri caitheamh eun is fhiadh is lon.
PEARSANTA—Dh’ fhalbh Iain Mac Amhlaidh, Eildear, Pt. Morien, air an t-seachduin so ghabhail cuairt do bhailtean nan Staidean far am bheil moran chàirdean aige. Bidh e air falbh mios no sia seachduinean. Tha MAC-TALLA ’guidhe turus math is tilleadh fallain dha.
[Vol . 12. No. 13. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
LITIR A LAG AN T-SLOCAIN.
FHIR A’ PHAIPEIR, —Bliadhna Mhath Ur dhut fhéin agus do d’ leughadairean lionmhor ann an “ceithir ranna ruadh’ an t-saoghail.” Is e mo ghuidhe gu ’m bi a’ bhliadhna a tha tòiseachadh ann am beagan làithean ’na bliadhna shona, shoirbheachail do na Gàidheil uile—gu h-àraidh an fheadhainn a tha ’leughadh MHIC-TALLA. Ged a tha a roinn fhéin de thrioblaidean na beatha so aig gach mac màthar a tha falbh an fheòir; gidheadh an uair a sheallas sinn air ais air a’ bhliadhna ’dh’ fhalbh, chi sinn gu ’n do shealbhaich sinn barrachd mór de làithean soilleir, grianach na de làithean dorcha.
B’ fhearr leam na rud sam bith gu ’n robh mi an nochd air chéilidh ann an taigh Sheumais A. Mhic Gillemhaoil, an Gàidheal gasda a tha ’còmhnuidh ann an Eilean a’ Phrionnsa. Is fhad o’n a chuir mi eòlas air a chuid litrichean. Ged is docha nach fhaic mise Seumas còir gu bràth, is e mo dhùrachd gu ’m faic e iomadh Nollaig is Bliadhn’ Ur, agus gu’n sgriobh e gu math tric gu MAC-TALLA, mar is math is aithne dha.
Tha M. Mac Laomuinn, á Quincy, Mass., ag iarraidh orm “Oran a’ mhàgain” a chur gu MAC-TALLA. Feumaidh gur ann ’san dùthaich so a rinneadh an t-òran; oir, ma tha na chuala mise fior, cha ’n ’eil màgan idir aca ’san t-seann dùthaich.
Tha e air innseadh gu ’n robh Gàidheal ann aon uair a ghabh droch dhaorach. Bha ’n t-sìde gu math blàth, agus chaidh e ’na shìneadh aig bruaich locha agus chaidil e. An uair a dhùisg e ciod a b’ iongantaiche leis na cuideigin a chluinntinn, mar a shaoil e fhéin, a bruidhinn ris am mach as an loch agus ag ràdh, “Grig! grog! dram!” Bhuail e an inntinn a’ Ghàidheil gur e creutair a bh’ ann a bha ag iarraidh na searraig a bh’ aige de mhac-na-braiche. A’ sparradh a laimh ’na phòcaid gun tuilleadh dàlach thilg e’n t-searrag ’san loch ag ràdh, “So dhut e, a mhic an fhir ud!” aig a cheart àm ’ga thoirt fhéin as cho luath ’sa bha ’na chasan. Cha chuala mi co dhiubh a fhuair gus nach d’ fhuair e am mach co ’bh’ ann.
Chruinnich mi port no dha o’n a sgriobh mi ugad mu dheireadh. Ma bha gus nach robh iad ’sa MHAC-TALLA roimhe cha ’n ’eil mi glé chinnteach. Cha ’n ’eil fhios agam có a rinn iad. Coltach ris na h-òrain a’s fhearr a th’ againn, cha ’n sgeul air na h-ùghdair aca. So agad, mata, a’ cheud fhear. Tha e air a dheanamh mar gu ’m biodh sreath air a thoirt as gach port. Cha ’n ’eil agam ach bloigh dheth:—
’S e mo leannan Rob-a- lìn,
Dìthein nan ceannaichean;
Mac an isein chlobhdaich;
Nighean donn ’s a bhanarach;
A’ Thearlaich ’nan tigeadh tu;
A’ Mhaol tha mi ullamh dhiot,
O lughdaich mi ’n uiridh thu;
Chaidh mi ’null air Tullochgorm;
Dhiùlt am bodach fodar dhomh;
Briogais lachdann Dhonnachaidh ruaidh;
Biodag Dhomhuill ’ic Alasdair;
Biodag Dhomhuill ’ic Thòmais
Air Mór nion a’ Ghiobarlain;
Far am biodh na féidh a’ fuireach;
Seann triubhas Uilleachan.
Bheir mi dhut na puirt eile mar a leanas, agus faodaidh tu fhéin striach a chur eatorra:—
Rìdhle nan coilich dhubha
’S dannsa nan tunnagan;
Rìdhle nan coilich dhubha
Air a’ bhruthach shuas ud.
Ite rìomhach a’ choilich
Ann an cìrein a’ choilich,
Ite rìomhach a’ choilich
Ann am boineid Thearlaich.
Suidhidh mi air cnocan biorach
’S teannaidh mi ri caoineadh,
Suidhidh mi air cnocan biorach
’S teannaidh mi ri caoineadh,
Suidhidh mi air cnocan biorach
’S teannaidh mi ri caoineadh
A chaora dhubh, ’s a chaora ghlas
’S a chaora lachdann, chibhleach.
Am amadan, am amadan a bha mi riamh,
Far am bi na caileagan a ghabhas mi mo bhiadh;
Am amadan, am amadan a bha mi riamh,
A’ mireadh ris na caileagan a chaill mi mo chiall.
A’ Dhomhuill bhàin an ith thu rud,
A’ Dhomhuill bhàin an ith thu rud;
A’ Dhomhuill bhàin an òl thu càil,
Cha ’n ’eil buntàta bruich agam.
A toirt nan gabhar as a’ chreag
’S e ’n t-fhéile-beag bu docha leam;
A toirt nan gobhar as a’ chreag
’S e ’n t-fhéile-beag a b’ fhearr leam.
An t-fhéile, an t-fhéile,
’S e ’n t-fhéile-beag bu docha leam;
An t-fhéile, an t-fhéile,
’S e ’n t-fhéile-beag a b’ fhearr leam.
’Dhiùlt am bodach fodar dhomh,
Dhiùlt am bodach fodar dhomh;
Dhiùlt am bodach luideach, odhar,
Anns an t-sabhal fodar dhomh.
Féile-beag is sporan donn,
Cota goirid as a chionn;
Sid an rud a thogadh fonn,
Biodag Dhomhuill ’ic Alasdair.
Biodag Dhomhulll ’ic Alasdair
’Ga bhualadh ris na ballachan.
Calum crùbach as a’ bheinn,
Bha e ’raoir ag iarraidh mnatha;
Calum crùbach as a’ bheinn,
Am bliadhna ’bràth air pòsadh.
Calum crùbach as a’ bheinn,
Cuir a nall na caoirich ugam;
Calum crùbach as a’ bheinn,
Cuir a nall na caoirich.
Is fhad’ o gheall Domhull Mathanach a Bogadh nam Fiadh litir a chur gu MAC-TALLA. Is math a dh’ fhaodas e deadh litir a chur ugad. Cha b’ urrainn dha a’ bhliadhn’ ùr a thòiseachadh na b’ fhearr. Bha mi am bliadhna ’san taigh aige—duine còir, gasda. Mar a tha ’n seanfhacal ag ràdh: “Duin’ a sheasadh an gràpa ’na dhùnan.” An là a’ chi ’s nach fhaic.
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.
RANN CALLUINNE.
LE MARTAINN CAMARAN, MARTAINN SHIM.
Thainig mis’ a baile ’n lòin
An uair bu chòir dhomh fuireach ann.
Tha mi crùbach leis an lòinidh,
’S cha dean ceòl mo chur a dhanns’.
Tha mi nis an Doch-an-fhasaidh
On a b’ ait leam a bhith ann,
’S bhon chleachd Eimilidh bhith fialaidh
Bheir i dhòmhsa biadh is dram.
SEAMRAG.
ORAN.
LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN, NACH MAIREANN.
’S trom, tiamhaidh mo chridhe ag imeachd troimh ’n ghleann,
Gun chòmhail, gun choinneamh, ged ’s i ’n Nollaig a th’ ann,
Le m’ shùil air an fhàsach, ’s na làraichean lom,
Far am faca mi ’n Gaidheal ri àbhachd le sunnd.
Cha ’n fhaic mi ann duine, ach cluinnidh mi ’n Gall
A’ sgriachail r’a chuilein air a’ mhullach ud thall,
Is chi mi na caoirich, ’s muilt mhaola nach gann,
An àite nan curaidh, ’s nan cruinneagan donn.
Cha chluinn mi ’s cha’n fhaic mi na b’aithne dhomh uair,
Ach na cnocan ’s na h-easan, ’s na creagan ud shuas;
Bu chaomh leam an sealladh aon choileach air dùn,—
Ged a b’ éigin domh ’bhreabadh, cha bu bheag orm an cù.
[Vol . 12. No. 13. p. 8]
Ag ionndrainn nam feara, a’ cheathairne chòir,
A bheireadh dhomh cuireadh le furan gun ghò;
Cha chluinn mi ’s cha ’n fhaic mi na fleasgaichean òg,
’Dol cruinn air an achadh le ’n camain na’n dòrn.
’S iad a chuireadh an iomain ’s a leanadh i teann,
Cho luath ri buic earba feadh gharbhlach nam beann,
A bhuaileadh na buillean gu curanta, cruaidh,
A’ còmhstri ri ’chéile gun bhréine, gun ghruaim.
’N uair a sgaoileadh an comunn an deighinn tra-nòin,
’S a shuidheadh gach buidheann gu subhach mu ’n bhòrd,
Bhiodh seanair an taighe, na mnathan ’s a’ chlann,
A’ còmhradh ri chéile, gun éislean, gun ghreann.
Am sonruicht’ de ’n oidhche ’n uair rachadh iad cruinn,
Bu shunndach ’s bu chridheil an fhidheall a’ seinn;
Na gruagaichean teisteil, ’s na fleasgaichean treun,
A’ dannsadh gu h-innealt, ’s ri mireag gun bheud.
Greis roimh dheireadh na h-oidhche ’nuair a sguireadh a’ chuirm,
’S a shuidheadh an còmhlan gu stòld’ air na fuirm,
Gu ’m b’ éibhinn ’bhi ’g éisdeachd nan éideagan grinn,
’Togail nan luinneag cho milis ’s cho binn.
Tha mise ’n so ’m ònrachd ag imeachd troimh ’n ghleann,
Mo shùil air an fhàsach le làraichean lom,
B’e ’n t-ioghnadh na’n cinneadh mo chridhe cho fuar,
’S nach tigeadh a’ mhuinntir am chuimhne ’san uair.
AN IARRAIDH DHIOMHAIN.
LE MAIRI NIC-EALAIR.
Fonn: —“Flow gently sweet Afton. ”
O c’ait a bheil fois, agus c’ait a bheil tàmh?
O c’ait a bheil fois, agus c’ait a bheil tàmh?
O c’ait a bheil iocshlaint do chridhe fo phràmh?
No c’ait a bheil suaimhneas o naimhdean ’s o chràdh?
Mar thonnan na fairge a bualadh gu dlùth,
’S ri nuallan is monmhur mu oirean nan stùc,
Tha luasgan is gluasad ’san t-saoghal mu’n cuairt,
’S gach ni cho beag socair ri broilleach nan stuadh.
Chuir mi flùr, ’s rinn e fàs ann an gàrradh ri deas,
’S nuair shaoil mi e cùbhraidh le drùchd agus teas,
’S ann thainig gaoth reor’, ’s air mo ròs thàinig bàs,
’S bha dhuilleagan caoin’ a dol aog air a bhàrr.
Thug mi ian as a choill ’dheanamh seinn domh gu binn,
’S nuair shaoil mi bhith ’g eisdeachd a cheileiridh ghrinn,
’S ann shuidh e air géig, ’s e gu h-éisleineach, trom,
Gu marbh-shuileach, tùrsach, ’s e tùchte gun phong.
Thug mi suil anns a ghleann airson fois agus tàimh
Ri latha geal samhraidh ’s a ghrian anns an àird’;
’ mu ’n deach i ’san iar, gu ’n robh ’n iarmailt fo ghruaim,
Is beithir ’s beum-sléibhe a reubadh nam bruach.
Dh’ iarr mise gu fois agus dh’ iarr mi gu sìth,
Is dh’ iarr mi gu teicheadh o chogadh ’s o strì;
’S nuair shaoil mi gu ’n d’ fhuair mi gu cala nam buadh,
’S ann bha mi gu h-ànrach air taisdeal nan stuadh.
Och, dh’ iarr mi gu fois, is gun fhois air an t-saogh’l,
Is leag mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil;
’S bha ’chluasag ud làn de chaoin-dhuilleach nan ròs,
Ach, ochan! nam measg gu ’n robh dris mar bu nòs.
O, ciamar bhiodh fois ann an àraich nan tuagh,
’S gur cruaidh bhios an cogadh mu ’n coisinn sinn buaidh;
Bidh leagadh, is leonadh, is dòbheirt ’san strì;
’S ged ’s truagh e, gur diomhain bhith ’g iarruidh na sìth’.
Nuair choisneas sinn buaidh mar is dual do gach sonn,
Air a gheal-ghainnimh airgid ’tha thall thar nan tonn,
Gheibh sinn àgh a bhios buan thar gach uamhunn is strì,
’S bidh sinn crùnte le gaol an taigh aobhach na sìth’.
Rinneadh an t-oran bòidheach so le Mairi Nic-Ealair, bana-bhàrd Chlann Chamaroin.
Iadsan a Phaigh.
Mairi Nic-Pheitiris, Grand River
Pàdraig Mac Neill, Tuairnear, Piper ’s Cove
Aonghas D Beutan, Mabou Coal Mines
Domhnull I Mac Neill, Cùl Iona
Alasdair Dick, Sidni
Aonghas I Mac Neill, Gillis Point
A W Mac Dhùghaill, Eilean Christmas
Mairi Nic Aonghais, Mineral Rock
Iain F Domhnullach, Dominion No. 1
Mìcheal D Caimbeul, Boisdale Chapel
Bean Iain Bheutan. Leitches ’ Creek
I I Johnston, Glenville
A I Domhnullach, Big Glen
Gilleasbuig Mac Fhearghais, M . B. Road
Eoghain Mac-a- Bhiocair, Big Glen
Steaphain N Mac Fhionghain, Shunacadie
B Mac Neill, Taobh na h-Aibhne Deas, N S
Beitidh Nic Neachdain, Taobh na h-Aibhne Deas, N S
Ailein Domhuullach, St . Andrew’s, N S
Bean Iain Mherlin, Springhill , N S
Aonghas D Mac Iosaig, Lakedale , N S
Uilleam D Camaran, Heatherton , N S
Euphemia C Rothach, Lorne Valley, P E I
Murchadh Mac Leoid, Brookside , Assa
Domhnull Dùghallach, Verna , Assa
Murchada Mac Gillinnein, Lochaills , Ont
Iain Mac Fhearghais, Port Arthur, Ont
Iain Mac Gillfhaolain, Gagetown , Mich
Domhnull D Camaran, San Francisco
M D Mac Neacail, Graniteville , Vt.
Seumas Siosal, West Newton, Mass
E C Quiggin, Cambridge, Eng
Aonghas Domhnullach, Cairinis, Alba
Theodore Napier, Dunéidionn, Alba
Tha e glé nàdarra do’n duine bhi fialaidh mu chuid dhaoin’ eile. Bha fear aig an robh barail gu’m bu chòir saibhreas an t-saoghail a bhi air a roinn na’s fhearr na tha e, a’ cur an géill a chreud do aon de ’choimhearsnach. “Na’m biodh da each agad,” ars’ a choimhearsnach ris, “an toireadh tu fear dhiu dhòmhsa?” “Bheireadh, gu dearbh,” ars’ am fear fialaidh. “Agus na’m biodh da mhart agad, an toireadh tu dhomh té dhiù.” “ ’S mise dheanadh sin, gu toileach,” ars’ esan. “Agus na’m biodh da mhuc agad, bheireadh tu dhomh té dhiu?” “Gu dearbh, ’s mi nach toireadh,” ars’ am fear a bha cho fialaidh mu’n spréidh nach robh aige; “tha’n da mhuc a th’ agamsa beag gu leòr dhomh fhin.”
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
Sydney & Louisbourg Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 13 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 13. %p |
parent text | Volume 12 |