[105]

[Vol . 12. No. 14. p. 1]

MAC-TALLA.

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARIDH 8, 1904. No. 14.


Thuirt an t-Onarach Deòrsa E. Fosters e labhairt aig coinneamh stuaime ann an Toronto o chionn ghoirid: “Feuch dhomh aon ghinealach de mhuinntir a tha tur-sheachnadh an òil, agus bheir mi dhuibh cìsean moran nas lugha na tha agaibh aig an àm so, cuide ris an t-soirbheachadh as a chunnacas riamh ann an Canada.” Tha sinn acreidsinn gu bheil so cho fior ris an t-soisgeul; ach tha eagal oirnn nach faigh Mr. Foster no fear-stàite eile an cothrom a tha eg ainmeachadh an da latha so. Tha muinntir Chanada ged is iad, rin gabhail thar a cheile, sluagh as stuaime tha air an t-saoghal, afas nas truime air an òl gach bliadhna. Dhòl iad air a bhliadhnan uiridh, a bharrachd air beòir, glé fhaisg air coig muillion galan de stuth làidir, còir is muillion galan a bharrachd air na dhòl iad air a bhòn-uiridh. Chan eil teagamh nach robh roinn dhen òl sin air aobharachadh le soirbheachadh na bliadhna. Bha cosnadh furasdfhaotainn air deagh thuarasdail, agus mar is aithne dhuinn uile tha àireamh nach beag ullamh gu beagan no moran òil a dheanamh a reir an cosnaidh. Chan eil e na aobhar uaill dhuinn idir uiread òil a bhidol air adhart nar measg; agus bu chòir dha bhi dol na bu lugha gach bliadhna an àite bhi dol na bu mhotha. Is e dleasanas gach aon aig am bheil gràdh da dhuthaich feuchainn le chomhairles le chleachdadh ri àireamh nan tur-sheachnaichean a mheudachadh, oir cha mhair soirbheachadh an duine no an t-sluaigh a bhios trom air an òl.


A reir fhiosan a tha tighinn thar a chuain, tha e ro choltach gum bi cogadh eadar Ruisia is Iapan. Tha iad a bagairt cogaidh air a cheile o chionn treis a dhùine, ach bha dòchas gun rachadh aca air tighinn gu còrdadh sìtheil. Tha e coltach co-dhiu nach eil an còrdadh sin furasda dheanamh. Tha Ruisia ro-dheidheil air greim fhaotainn air Sinas air Corea, agus tha i a lion beagan is beagan ag obrachadh a cuid armailtean gan ionnsaidh. Tha Iapan a faicinn sin agus a tuigsinn ma theid a cheadachadh nach bi an ùine fada gus an toirear ionnsaidh oirre fein. Chan eil i deònach leigeil le cuisean a dhol mar sin, mas urrainn dhise bhacadh, agus is fhearr leatha feuchainn ris tràth na fuireach gus am bi e tuilleadh is anmoch. Tha a sluagh anabarrach beothail, adhartach, agus chan eil toil aca an t-àite ghabh an dùthaich o chionn bheagan bhliadhnachan anns an aird an ear a thoirt suas do Ruisia no do dhùthaich Eòrpach eile. Is dùthaich òg Iapan am measg dhùthchannan an t-saoghail; ged a tha i a thaobh bhliadhnachan nafior sheann dùthaich, chan eil an ùine gle fhada on dhùisg i a clò-chadal nan linntean anns am bheil Sina agus na rioghachdan eile tha timchioll oirre nan laidhe fhathast. Ach on dhùisg i tha i gach bliadhnagabhail neart, agus tha i cheana fad air thoiseach air cuid de na rioghachdan Eòrpach. Ach ma gheibh Ruisia an làmh an uachdar air na dùthchannan as faisge oirre, chan eil an t-am fad as anns an toir i Iapan fo chis cuideachd. Chan eil e mar sin na ioghnadh sam bith Iapan a bhi deonach a a dhol a chogadh a roghainn air aontachadh ri uachdaranachd Ruisia a bhi air a neartachadh na coimhearsnachd. Faodaidh aon ni an da chumhachd so a chumail o chogadh, ’s e sin cion an airgid. Bha Ruisia o chion ghoirid ag iarraidh iasaid anns an Fhraing, agus Iapan ann am Breatunn; dhfhairtlich orra le chéile, oir chan eil luchd an earrais deònach an cuid airgid a thoirt seachad a chur air adhart cogaidh a ni call mor do mhalairt an t-saoghail. Ma mhaireas iad sin dhen bharail sin faodaidh e tachairt gum bi an t-sith air a gleidheadh; aig an àm so chan eil moran dòchas gum bi i air a gleidheadhair-son aobhar sam bith eile.


Ann an Renfrew Tuath an Ontario bha taghadh aca air-son pàrlamaid na roinne air an t-siathamh la fichead den mhios sa chaidh. Aig an taghadh roimhe sin bhaliberalair a chur a stigh le ceithir cheud gu leith bhòt a bharrachd air an fhear a ruith na aghaidh. Bha an t-siorrachd air an turus so gun fhear-pàrlamaid dluth air da bhliadhna, agus bhatar acoireachadh an Rosaich gu mor air-son a bhi gacumail mar sin cho fada. Air lathan taghaidh bha anconservativeair a chur a stigh le còrr is coig ceud bhot a bharrachd. Tha an tigh ri suidhe air Dior-daoin sa tighinn. Chan eil taobh an riaghlaidh ach a dithis no triuir nas treasa na an taobh a tha na aghaidh, agus faodaidh e tachairt nach teid moran gnothuich a dheanamh. Chan eil taghaidhean nam pàrlamaidean, àrd is iosal, fad air falbh, agus than da thaobh air bhoil air-son gach cothrom is urrainn dhaibh fhaotainn a ghabhail.


Than riaghailt a tha Chamberlain deònach a dheanamh air-son cothrom a thoirt do nacoloniesann an margaidhean Bhreatuinn nach bi aig dùthchannan eile mar a leanas: Air cruithneachd a thigeadh á dùthchannan céin chuireadh e cìs da thasdan air gach tomhas ochd buiseil; cruithneachd a thigeadh as nacoloniesleigeadh e stigh saor. Chuireadh e cìs choig sentichean air gach luach dolair de dhfheòil, de chaises de dhìm a thigeadh á duthchannan céin, agus leigeadh e stigh feòil, càises ìm as nancoloniessaor. Bhiodh sin gun teagamh na mheadhon air pris nan nithean sin àrdeachadh ann am Breatunn, ach airson an call sin a dheanamh suas bheireadh e a chìs gu buileach bhar ti, cofi is coco. Le sin a dheanamh tha emeas gum biodh cosdas gach teaghlaich air a lughdachadh mu choig senticheansan t-seachduin. Ma theid aige air toirt air muinntir a dhùthcha sin a chreidsinn, chan eil teagamh nach toir e buaidh. Tha meas mor aig sluagh nan eileinean Breatunnach air nacolonies ,agus tha iad deònach gabhail le riaghailt reusonta sam bith a theannaicheas am bann a tha gan ceangal ris an duthaich mhàithreil. Ach chan eil iad deònach an aran làitheil fein a dhaoradh, ’s cha chuirear coire orra air-son sin, oir chan eil còir sam bith aig muinntir nancoloniesa bhi deanamh beirteis air chosdas muinntir na duthcha màithreil.


Thainig abhliadhnùr a stigh le aon de na laithean bu bhriagha chunnacas air a gheamhradh so. Bha de shneachd air an làr na dheanadh deagh ròideans cha robh an còrr. Bha an t-sìde blàth, soilleir, agus chaidh an cothrom sin a ghabhail oirre; bha na sleigheachan air an t-siubhal, air dùthaichs am baile, o mhoch gu dubh. Nam biodh na h-uile la den bhliadhna so cho briagha a reiraimsir feins a bha a cheud latha, bhiodh againn bliadhna bhiodh ainmeil ann an eachdraidh ar dùthcha. Ach ma dhùisg la na bliadhnùire ann an cridheachan dhaoine dòchas dhen t-seòrsa sin, cha bfhada gus an dfhuair iad aobhar air an dòchas sin a leigeil air chùl. Maduinn Di-dòmhnaich thòisich an curs an cathadh bu mhiosa bhagainnsa chearna so o chionn bhliadhnachan. Mhair an stoirm fad an lathas gu maduinn Di-luain. Thuit còrr is da throidh de shneachda air achòmhnard, ach chan eil na h-àiteachan airn do thuit e còmhnard ach ainneamh. Tha e nachuitheachan móra air na ròidean, agus cuiridh e maille mhór air siubhal gus am faighear am bristeadh ceart. Tha leith shean-fhacal ag radh nach gabh an geamhradh cumail bho Cheap Breatunn. Ma bha sinn acur an teagamh bu lugha ann am fìrinn an fhacail sin roimhe so, is cinnteach an ni nach cuir sinn teagamh sam bith ann air a bhliadhna so tuilleadh.


Thachair sgiorradh uamhasach ann an Chicago air an deicheamh la fichead den mhios a chaidh. Bha eadar coig ceud gu leith is sia ceud pearsa air am marbhadh no air an losgadh gu bàs ann an tigh-cluich. Thatar a meas gu robh mu thri ceud deug anns an tighs an cluich adol air adhart nuair a bhrist an teine mach. Thòisich e cho grad agus sgaoil e le leithd de luathss gun deach an sluagh gu h-iomlan air bhoil. Dheirich iad uile cearta còmhla, agus bhrùchd iad dhionnsaidh nan dorsan air dhòighs gun do theannaich iad annta, agus bha iad an sin air am prannadhs air am mùchadh gu bas nan ceudan. Nam biodh iad air tòiseachadh ri dhol a mach gu riaghailteach, thatar ag radh nach robh cron sam bith air a dheanamh, gu robh iad uile air faighinn as gun dochann; faodaidh gu bheil sin fior, achses docha nach eil; bhiodh e gle iongantach sluagh cho mor a dhfhaighinn sàbhailte á togalach a bha na theine. Bha moran dhiusan a fhuair bàs air an losgadh anns na h-àiteachan-suidhesan robh iad ag amharc air a chluich; thainig an teine orra cho grads nach dfhuair iad cothrom carachachadh. Bhan tigh-cluich so air a mheas mar aon cho sàbhailtes a bhair an t-saoghal, ach cha robh e buileach crioch-



[106]

[Vol . 12. No. 14. p. 2]

naichte, agus bha slighean-teichidh as àbhaist a bhi air tighean dhe sheòrsa gun chur air. Mur bhiodh sin dhfhaodadh iomadh beatha bhi air a sàbhaladh a chaidh a chall.

Chaidh seana bhean dam bainm Carty a losgadh gu bàs ann anDigby , N. S. ,Di-sathuirne sa chaidh. Bha ig obair timchioll an teine agus ghabh a cuid aodaich. Bha i na h-aonar aig an àm, agus nuair a thainig a fear-pòsda, a bha air a dhol a mach beagan mhionaidean roimhe sin, fhuair e i na laidhe marbh air an urlar.

Bha fear Cashel fo bhinn bàis air son murt air a chumail am prìosan anCalgary , N. W. T.Beagan làithean mun robh e ri bhi air a chrochadh, fhuair e teicheadh, agus cha dfhuaireadh sgeul air bhuaithe sin ged chaidh gach dichioll a dheanamh leis na maoir. Tha duais mile dolair air a tairgsinn do neach sam bith a gheibh a mach àite-falaichsa ghlacas e.

Thachair sgiorradh muladach ann amParrsboro , N. S. ,air la Nollaig. Bha dithis ghillean le fear Beverly Robinson a sceatadh air loch a bha faisg air an tigh aige, nuair a bhrist an deigh fopa. Chaidh fear dhiu fodha air ball, agus cha dthainig en uachdar; ghreimich am fear eile ris an deigh, agus air dhaathair fhaicinn, chaidh e dhfheuchainn ri shàbhaladh. Ach dhfhairtlich air sin a dheanamh, agus bhan t-athair air a bhàthadh cuide ridhithis mhac.

A reir lagh a chaidh a dheanamh leis an àrd-phàrlamaid an uiridh, tha aig gach Sineach a thig do Chanada o so a mach ri cìs coig ceud dolair a phaidheadh. Dhaobharaich sin àireamh mhor dhiu a thighinn roimhn bhliadhnuir. Thainig mu thri ceud dhiu an October, tri ceud eile an Nobhember, agus mu mhile ann an Desember. Chan eil teagamh nach bi achìs na meadhon air moran dhiu a chumail nan duthaich fein an deigh so. Is fear ainneamh a bhios comasach air coig ceud dolair a phàidheadh.

Tha Graham Friseil a nise air cheann cuideachd an iaruinn. Ghabh eàite mar sin air an dara la den bhliadhna. Tha riaghladh na h-obrach folaimh gu buileach, agus tha dòchas aig daoine gum bi cuisean adol gu math am feobhas air taille a shaothair. Tha iad acur earbsa ann a chionn gun do dhearbh e a chomasan anns an obair cheudna roimhe so. Be a chuir air chois an obair-iaruinn a tha dol air adhart faisg airNew Glasgowo chionn àireamh bhliadhnachan, agus den bheil meur a nise ag obair aig a Mheinn a Tuath. Dhobraich e-fein suas on innein, agus mar sin tha eòlas aig air obrachadh iaruinn nach robh aig aon dhiusan a bha air cheann na cuideachd roimhe.

Tha a bhliadhna naodn ceud deugs a ceithir na bliadhna leum, agus thug Sidni, acheud latha dhith, cruinn leum o bhi na bhaile gu bhi na bhaile-mor no na chathair. Gu ruige so chan eil atharrachadh mor sam bith ri fhaicinn anntha gach ni fhathast mar bha roimheach chan eil teagamh nach faicear atharraichean feumail mar bhios an uine dol seachad. Tha sinn gun amharus uailleil mun chathair uir, ach tha sinn an dòchas gun cum sinn an uaill aig rian agus nach bi sinn ag amharc sios air bailtean eile a chaidh fhàgail nar déigh. Ach thugadh muinntir bhailtean eile an ceart aire gach uair a ni iad luaidh air Sidni gun abair iadcityris anns a Bheurla, aguscathairnobaile-moranns a Ghàilig. Chan eil àm dhe bheatha as deidheile neach airduineràdh ris na dìreach an deigh dha sgur a bhi na ghille; agus chan eil baile air atharrachadh dòigh; oir ciod a thann am baile nom baile-mor ach cruinneachadh mor de dhaoine tha deanamh an dachaidh ann. Biladhna no dha an déigh so, faodaidh e bhi sàbhailte gu leòr do mhuinntir nach buin do Shidni mearachd a dheanamh a thaobhainme, ach aig a cheart àm so ma chluinnear a bhi ga ainmeachadh an dòigh sam bith achsan dòigh cheart gabhaidh iadsan a tha chomhnuidh am baile-mor iaruinn na h-àirden ear gu donasan t-sròin e.

Tha fear no dha de dhaoinòga mhuinntir Cheap Breatuinn a cosnadh ainm dhaibh fein mar bhocsairean. Bfhearr le Ceap Breatunn iad a bhi cosnadh ainme air dòigh bu chliuitiche. Tha ceaird a bhocsair na ceaird shuarach air nach eil meas aig an t-sluagh as fhearr an àite sam bith.

Thatar a meas gu robh duinair fhichead air am marbhadh le sgiorradh ann an Sidni an uiridh. Chaill a mhor chuid dhiu am beatha timchioll na h-obair-iaruinn. Air a bhòn-uiridh bha dithis air fhichead air am marbhadhsan aon dòigh. Bitheamaid an dòchas gum bin àireamh a theid a mharbhadh le sgiorraidhean am bliadhna gle bheag.

Tri bliadhnan ama so cha robh de chloinn a frithealadh sgoilean Shidni ach beagan a bharrachd air naodh ceud. Am bliadhna tha mu dha mhiles da cheud a faotainn teagaisg o sheachd deug air fhichead maighstir is bana-mhaighstir-sgoile. Agus chan eil gu leòr sgoilean ann fhathast; tha cearnan dhen bhaile anns am feumar sgoilean ura fhosgladh air an earrach so.

Bha reothadh mor ann toiseach na seachduin so; bha an inneal-thomhais cho iosal ri 10° no 12° fo sero. An iar oirnn bhan reothadh gu math na bu mhotha na bha en so. Ann aWoodstock , N. B. ,bha e 44° fo sero. Ach chan eil iad gafhaireachadh cho fìor fhuar air tàille an t-sìde bhi féathail. Nan tigeadh reothadh cho mor ri sud cuide ri gaoith làidir mar bhios gu tric a séideadh againne so, ’s gann gum fàgadh e duine beò a dhinnseadh sgeul air.

Deireadh a mhios sa chaidh thachair sgiorradh air rathad-iaruinn ann am Michigan. Bha stoirm mhor ann agus chaidh comharradh soluis a bha gu trein àraidh a chumail air ais a chur as. Lean i roimpe agus choinnich i trein eile. Bhuail iad na cheiles bha da dhuinair fhichead air am marbhadh agus naodh air fhichead air an leòn. Di-luain sa chaidh thachair sgiorradh dhen t-seòrsa cheudna ann a Willard, an Kansas, leis an deachaidh àireamh de luchd-turuis a mharbhadh. Tha call beatha uamhasach air a dheanamh le sgiorraidhean mar so na h-uile bliadhna.


LITIR A ALBA.

FHIR MO CHRIDHE, —Tha greis mhath on a sgriobh mi an litir mu dheireadh ugad. Agus feumaidh mi aideachadh gum faodainn cothrom iomadh uair fhaotainn air sgriobagan a chur ugad, ged nach drinn mi e. Mar a thuigeas mòran dhe do chàirdean air feadh an t-saoghail, an uair a bhios daoinefàs sean bidh iad afàs dichuimhneach. Agus ma thachras gum bi seann daoine air an oibreachadh gu cruaidh, goirt, is ainneamh leotha, eadhoin ged a bhiodh iad gle mhath gn sgrìobhadh a bhith toileach suidhe aig bòrd a sgrìobhadh litreach. Ach chuir mise romham nach leiginn seachad an t-seachdain so gun oidhirp a thoirt air beagan fhacal a chur an altaibh a chéile.

Tha mi tuigsinn o na tha mileughadh anns aMHAC-TALLA gur math leis na tha beò fhathast dhe na seann daoine a dhfhalbh á Alba, fios fhaotainn an dràstas arithist mu dheidhinn mar a tha gnothaichean adol air an aghart anns an t-seann dùthaich. Tha e soilleir dhomhsa, o na bha mileughadh, gum bheil taobh-ghabhail aig Gaidheil Chanada, agus aig a h-uile Gaidheal a thann anCeithir Ranna Ruadhan t-Saoghail,” ris an dùthaich anns an do rugadhs an do thogadh na daoine on dthainig iad. Agus air don chùis a bhith mar so, tha mismaointean nach bu mhisde leotha am barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu dheidhinn iomadh rud a thatachairt anns an t-seann dùthaich.

Mun ruig an litir so thu, bidh abhliadhna air a dhol as an t-sealladh, agus bidh toiseach na bliadhnùire air tighinn.

A nis, a charaid, is e àm gu smaointean a tha ann an toiseach agus an deireadh bliadhna. Agus mar a thuigeas gach seann duine a than diugh adol fosmaointean mar bu choir dha, thig na bliadhnachan a dhfhalbh gu aire sheann daoine mar a tha mise gun iarraidh gun sireadh.

Tha mise ann an so an diugh ann an tomhas math slàinte ged a thamo cheann air liathadh, agus mo chiabhagan air tannachadh.” Ach caite am bheil na seann daoine air an robh mi eòlach ann an làithean mòige? Ach caite am bheil na daoine òga a bha anns an sgoil còmhladh rium an uair a bha mi òg?

A thaobh nan seann daoine, ged a bhios sinng an caoidh, chaidh iad as an t-sealladh a réir cùrsa nàdair. Ach a thaobh nan companach a bhagam o chionn corr is leith-cheud bliadhna, cha mhór a than làthair dhiubh an diugh.

Tha iomadh bliadhna on a dhfhalbh mi as an àites an drugadh mi. Agus an corr uair a theid mi an rathad, cha bhi sunnd no gean orm an uair a chi mi nacheil na seann daoine còire, ceanalta air an robh mi aon uair eòlach nas rim faicinn.

Mar a thuirt am bàrd:—

Càita nis bheil an triall?
Chaidh iad seachad mar niall,
Ged than talamhs aghrian
Amaireachdainn.”

Chaneil agadsa agus agamsa, a charaid, ach ar dichioll a dheanamh air gach obair a fhuair ar lamh ri dheanamh, a dheanamh le ar n-uile dhichioll. Tha crìoch ar n-ùine an so a bhos air a suidheachadh, agus chan fhada gus an gairmear gu cunntais sinn uile.

On a thainig cuimhne ugam, is iomadh uair a sheas mi aig bruaich na h-uaghach, agus a shil mi deòir acho-fhaireachadh maille riuthasan aig an robh an cridhe air an lotadh gu goirt leis abhàs. Ach dhimich mi air falbh on uaigh, mar a rinn gu leòr a bharrachd orm, agus dhichuimhnich mi ciod aghnè dhuine a bha annam. A nis, a charaid,

Ged than smuaintean so trom,
Cha dfhàg i sinne gun bhonn,
Air an gramaich an long,
S cha charaich i.”

Aig deireadh na bliadhna, is e ar dleasdanas gu léir sealltainn romhainnsnar déigh, agus gliocas fhoghlum o na chunnaic, na chuala, ’s na thachair dhuinn. Ann am beagan bhliadhnachan, ma dhfhaoiteadh, ann am beagan sheachdainean, no ann am beagan làithean, siubhlaidh sinn air an t-slighe thar nach till sinn.

Their iomadh neach nach fheairrde sinn dad a bhithg àrach smaointeanan dhen t-seòrsa so; ach iadsan uile a tha glic, bidh iad asmaointean air na tha aca ri choinneachadh araon anns an t-saoghal so, agus anns an ath shaoghal.

Tha cor dhaoine an diugh, ann an iomadh dòigh, mòran nas fhearr na bha cor dhaoine an uair a bha misenamDhonnachadh òg.” Tha taighean dhaoine nas fhearr, tham biadh nas grinnechan abair mi gum bheil e dad nas fhallainne, no gum bheil e eadhoin cho fallainns a bham biadh a bhaig daoine ri mo cheud chuimhne-sa.

Tha am barrachd saorsa aig daoine fo lagh na rioghachd. Ged nacheil na laghannan cho maths bu mhath leinn, tha iad mòran nas fhearr na bha iad ann an laithean mòige. Ach tha aobhar eagail nacheil daoine dad nas fhearr na bha iad. Tha iad air fàs tuilleadh is Gallda ann an iomadh dòigh. Ged a fhreagras fasan nan Gall air na Gaill, cha fhreagair e cho math air na Gàidheil. Mar a thuirt an seanfhacal: “Cha tig an còta glas cho math do na h-uile fear.”



[107]

[Vol . 12. No. 14. p. 3]

Is e mo bharail fhin air cùiseanach faodaidh mi bhith mealltanam bharailgur còir dhuinn iomadh rud fhoghlum o na Gaill, ach aig acheart àm nach còir dhuinn dubh-chùl a chur ris na nithean Gàidhealach sin a tha measail, cliùiteach, ceart, agus cothromach.

Tha na Gaill fhein an diugh toileach a bhith foghlum iomadh rud o na Gàidheil. Tha min déigh eòlas a chur air iomadh aon dhe na Gaill, agus thuig mi gum bheil ioghnadh mòr orra a chionn na Gàidheil a bhith cho mi-mheasail air aGhàilig.

Is gann gun tachair ministear Gàidhealach rium an diugh a bhios toileach còmhradh a dheanamh rium ann an Gàilig! Ann an taighean mhinistearan a thasearmonachadh anns aGhàilig a h-uile Di-dòmhnaich, cha chluinnear ach ainneamh facal Gailig. Is dòcha gun labhair na ministearan agus an cuid mhnathan Gàilig ris na seirbhisich agus ris na searbhantan, ach cha chuireadh iad de mhi-mheas air an cloinn gun labhradh iad aon fhacal Gàilig riutha!

Tha min dòchas nacheil Gàidheil Chanada cho fad so air ais. Saoilidh mi nacheil, on is ann an Canada a than aon phaipear-naigheachd Gàilig a thair an t-saoghal air a chur am mach.

Tha e dlùth air deich uairean a dhoidhche, agus on a tha toil agam an litir so a chur air falbh leis acheud phosta, chaneil ùine agam a deanamh cho fadsa bha min dùil a dheanainn i an uair a thòisich mi air a sgrìobhadh.

Ach cabhagachs mar a tha mi, feumaidh mi taing a thoirt do gach aon a tha sgriobhadh ugad. An uair a thig am MAC-TALLA thun an taighe, is ann air a bheir mi lamh an toiseach. Tha a chuid naigheachdan taitneach atogail sunnd air mo chridhe, ged a bhithinn gu h-airsneulach, sgìth, mar is tric leam a bhith.

Bliadhna mhath ùr dhut fhéin agus do dchàirdean gu léir, ge be air bith co iad, no ciod an earrann dhen t-saoghal ann am bheil iad agabhail còmhnuidh. Is mi do charaid

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, 15/12/ ’03.


AM MAC A BOIGE.

Le Iain.

CAIB. I.

RUGADH mise ann am baile beag tuatha a tha faisge air achladach ann an taobh an iar-thuath na h-Alba. Bha mathairna thuathanach cho maths a bhanns abhaile. Bha ena dhuine glic, cùramach a bhatoirt an aire air a ghnothach, agus asaoithreachadh gu dìchiollach gus a theaghlach a chumail ann am biadhs an aodachs an caiseart cho maths a bha aig an leithidean eile anns an dùthaich.

Bann de ghnath-mhuinntir an aite a bha e. Phòs e mo mhàthair an uair a bha e mu dheich bliadhna fichead a dhaois. Bhuineadh ise do dhearrann eile den dùthaich. Bha ise mar an ceudna pailt cho math gus a taobh fhein dhen taigh a chumail suass a bha esan. Cha robh car anns an cuireadh boirionnach a lamh aig an àm ud nach deanadh i.

Bha sinn ann coignear de theaghlach; triuir ghillean agus dithis nighean. Bu mhise an aon a bòige dhen teaghlach. Fhuair mi sgoil cho math ri fear sam bith dhe mo sheòrsa a bha anns an dùthaich. Gu fortanach cha robh an taigh-sgoile fado thaigh mathar, agus bha deadh mhaighstir-sgoilagainn.

Bha mo bhràthair bu shinne ag obair air saoithreachadh an fhearainn comhladh ri mathair. Bha mo bhrathair eilena deadh shaor. Cha be mhain gun deanadh e cairtean is croinn, ach thogadh e bàtaichean mar an ceudna. Bha mo pheathraichean, gus an do phòs iad, a staigh, agus adeanamh gach obair a bhiodh aig nigheanan tuathanaich ri dheanamh.

Tha e gu tric atachairt gum bheil an aon as òige dhen teaghlach afaotainn mòran dhethoil fhein. Ach cha déirich a leithid sin dhomhsa. Ged a bha meas gu leòr aig mo bhràithreans aig mo pheathraichean orm, cha robh iad adeanamh tuilleadhs achòir dhiom. Ged a bhiodh toil aca mòran a dheanamh dhiom, cha leigeadh mo mhàthair is mathair leotha.

Tha mi cinnteach nach robh mi dad na bfhearr no na bu mhiosa na mo leithid eile. Ach bhiodh cuid dhe na càirdean, an uair a thigeadh iad thun an taighe, ’g am moladhna mlàthair fhìn. Cha leigeadh mo mhàthair leotha mo mholadh idir. Theireadh i nach robh dad bu luaithe a chuireadh an dunaigh mu mcheann na bhithg am mholadhna mlàthair fhìn. Agus mar is eòlaiche a tha mifàs air gnothaichean an t-saoghail is ann is fhearr a tha mituigsinn gum faodar toirt air daoinòga fas mór asda fhein ma bhithear tuilleadh is tricg am moladh an uair a bhios iad fhein an làthair. Leis an eagal a bhair mo mhàthair gun deanadh moladh cron dhomh, bainneamh leatha mo mholadh idir. Agus biomadh uair a dhfhaodadh i mo mholadh ged nach drinn i e. Tha riaghailt dhe na h-uile rud mathna àite fhein, agus an uair a ni duine an obair a dhearbar ris cho maths is aithne dha, bheir beagan molaidh misneach dha.

An uair a bha mi eadar deich is dusan bliadhna thachair gun robh coimhearsnach againn aig an robh fìor dhroch mhac. Mar a thachair dhomh fhin, be am mac a bòige a banns an teaghlach. Fhuair e tuilleadhs achoir dhe thoil fhein. Ghabh e gràin air an sgoil, mar is minic a thachair anns an àm ud. Agus bu tric a thug e ormsa fuireach as an sgoil gus a dhol a chluich comhladh ris air feadh nan cnocs nan gleann. Ach cha dfhuair mi an obair so fada leam. Air aon dòigh no dòigh eile fhuair mo mhàthair am mach an obair a bhagam. Agus ma fhuair, cha robh e nasgaidh dhomh. Cha leig mi as mo chuimhne gu bràth na briathran a labhair i rium. Is ethàinig as achuis nach fhuilingeadh mo mhàthair do mchompanach tighinn am faisge an taighe.

Bha mi air mo chumail fo smachd glé mhath. Chan fhaighinn cead a dhol do dhàite sam bith ach an t-aitecheadaicheadh mo phàrantan dhomh. Air Di-domhnaich, chan fhaodainn a dhol do thaigh sam bith air chéilidh, agus cha mhò a dhfhaodainn a dhol astar mòr sam bith on taigh. Bu tric a bha mi aig an àm ud tùrsach gu leòr, a chionn nach fhaighinn cead falbh air Di-domhnaich ann an cuideachd nan gillean a bha mun aon aois rium fhìn. Ach is iomadh lathon uair ud a bha mi glé thaingeil do mphàrantan, a chionn gun robh iadg am chumail cho math fo smachd. Theirteadh rium an uair a bhithinn ag iarraidh falbh a dhàite sam bith ann an cuideachd nan gillean òga, gòrach gun smachd a bhiodh am muigh ris an olc air an oidhche, agus a bhiodh afalbh o àite gu àite air an toil fhein fad an latha Di-domhnaich, gun truailleadh droch comhluadar deagh bheusan. Ged nach robh mi anns an àm atoirt géill no creideis do na briathran fìrinneach so, thuig mi gu mathna dheigh sin gun robh iad fìor gu leòr. An uair a sheallas mi air mais air na làithean a dhfhalbh, chi mi gu soilleir nach robh rath no buaidh air fear, ach fear glé ainneamh, a bhafaotainn cead a bhith falbh mar a thogradh e fhein air oidhches air latha.

Theagaisgeadh dhomh ann an tùs mo làithean meas a bhith agam air facal Dhé, air latha Dhe, agus air taigh Dhé. Gach madainn is feasgar, an uair a bhiodh mathair aleughadh cuibhrionn de dhfhacal Dhé, agus na thachradh a bhith staigh dhen teaghlach mun cuairt an teinenan suidhe gu stòlda, bhiodh ar cluas fosgailte ris gach facal a leughadh e. Cho luathsa rachadh againn air beagan leughaidh a dheanamh, bhiodh am Biobull ann an laimh gach aon dhinn. Cha bhiomaid aleughadh earrann ma seach, ach bhiodh ar sùil air gach facal is earrann a bhiodh esan aleughadh. Bha ena fhear-leughaidh glé mhath. Leughadh e gu socrach, poncail, agus dhainmicheadh e earrann an déigh earrann mar a bhiodh edol air aghart, a chum nach cailleamaid sealladh air an earrann a bhiodh eleughadh. Mar so dhionnsaich sinn beag air bheag gun dragh gun fhaireachadh dhuinn fhìn, Gàilig a leughadh.

A bharrachd air so, fhuair sinn air an dóigh so tomhas mòr de dheòlas air facal Dhe: eolas a thadeanamh feum dhomhsa gus an lathan diugh, agus a bhios adeanamh feum dhomh ri mo bheò. Is fhearr a tha cuimhnagam air cuid dhe na h-earrannan a bha mathair aleughadh an uair ud na tha agam air cuid dhe na h-earrannan a bha mi fhìn aleughadh on a thainig mi gu aois. Bha Lathan Tighearna air a choimhead cho naomhs a ghabhadh deanamh. Bha gach ulluchadh a ghabhadh deanamh air a dheanamh mun robh an teaghlach agabhail mu thàmh oidhche Shathurna. Chan fhiosrach mi gun dthugadh a steach saoitheach uisge no fàd mònadh riamh air Lath an Tighearna ann an taigh mathar. Agus cha mhò is fhiosrach mi gun do dheasaicheadh greim arain ann.

Cho luaths a rachadh againn air coiseachd don eaglais, thoisich sinn ri dhol innte. Agus an latha nach fhaigheamaid a dhol innte, cha bhiomaid toilichte. Ach bainneamh leinn gun dol don eaglais an uair a bhiodh sìde mhath ann. Ach an àm agheamhraidh, cha bhiodh e idir furasda do chloinn oig a dhol ceithir mile air astar don eaglais troimh mhonadh bog. Agus ged a rachadh iad air an astar ud, cha bhiodh e sàbhailte dhaibh suidhe ann an eaglais fhuair le aodach is caiseart fliuch.

Mar is sinnetha mifàs is ann is fhearr a tha mituigsinn cho feumails a tha e gum biodh achlann air an toirt don eaglais. Ged a tha na Sgoiltean Sabaid adeanamh feum mor, tha aobhar eagail gum bheil iad adeanamh tomhas de chron le bhithcumail na cloinne gun dol don eaglais. Agus tha e tric atachairt nacheil an teagasg a thachlann afaotainn ann an cuid dhe na Sgoiltean Sabaid atoirt orra tlachd a ghabhail ann a bhithdol don eaglais an uair a thig iad gu aois. A bharrachd air so, tha moran dhe na pàrantan adeanamh dearmad air a bhithteagasg na cloinne aig na taighean, a chionn gum bheil iad air an teagasg anns na Sgoiltean Sabaid. Ach tha e ro fheumail don chloinn gum biodh iad air an teagasg araon aig na taighean, anns na Sgoiltean Sabaid, agus mar an ceudna gum biodh iad adol gu riaghailteach don eaglais air Lathan Tighearna.

Tha moran dhaoinecumail am mach nach tog achlann abheag dhe na chluinneas iad anns an eaglais, agus air an aobhar sin, nacheil a bhithdol don eaglais a deanamh feum sam bith daibh. Ach chaneil am beachd so a réir na firinn. Tha cuimhnagamsa an diugh air moran de na bha micluinntinn anns an eaglais o chionn leith cheud bliadhna, fada nas fhearr na tha cuimhnagam air na bha micluinntinn an uiridh. Agus chaneil mise ach mar a tha mo leithidean eile. “Is e an t-ionnsachadh og a ni



[108]

[Vol . 12. No. 14. p. 4]

foghlum gun taing.” Nach ann an uair a tha sinn og is fhearr a dhionnsaicheas sinn a h-uile rud as fhiach ionnsachadh? Chaneil foghlum diadhaidh anns an doigh so eadar-dhealaichte o fhoghlum sam bith eile. Agus mur bi daoine ag ionnsachadh amhath an uair a tha iad og, faodar a bhith cinnteach gum bi iad ag ionnsachadh an uilc. Obair sam bith a chumas daoine, biodh iad og no sean, o bhith deanamh an uilc, tha e ro fheumail agus iomchuidh a gnàthachadh. Mar a tham biadh làidir, fallain a bha sinn agabhail an uair a bha sinn og adeanamh feum dhuinn gus an lathan diugh, mar sin mar an ceudna, than t-eolas a fhuair sinn mu thimchioll ar dleasdanas do Dhia agus do dhaoine, an uair a bha sinn og, adeanamh feum dhuinn gus an lathan diugh; agus bithidh gu bràth.

A h-uile tuathanach leis am math stochd math a bhith aige air achuid fearainn, bheir e an aire mhath gum bi an t-àlach og air am beathachadh gu math. Na h-uain nach fhaigh bainne gu leor, cha dean iad caoirich mhatha gu bràth.

Agus air acheart doigh, mur faigh achlann og, uain an treud aig an Ard Bhuachaille, am feumalachd debhainne fìorghlan an fhacail,” bidh iad beag, lag, meata gu latham bàis. Agus nach ann aig na pàrantan a tha coiracheud choirair an sàth a thoirt daibh dhen bhainnes dhen bhiadh a ni feum dhaibh. Ach ma bhios na pàrantan aineolach air nithean spioradail, tha e soilleir dhuinn nach urrainn daibh moran de dheolas spioradail a thoirt don cloinn. Bidh uain nan caorach a bha beag, lag, meata gu nàdarra beag, lag, meata. “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an coir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean, cha treig e i.”

(Ri leantuinn).


AN DROBHAIR CRUINN.

LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASCHO.

ANNS na laithean a dhfhalbh, ’nuair a bàbhaist do na Gàidheilagus do na Goill cuideachda bhig iomain nan dròbh, o gach cearn den dùthaich, gu margadh ainmeil na h-Eaglaise-Brice, ’s iomadh tearnadh caol troimhn dthàinig cuid deth na dròbhairean, air an rathad eadar an Eaglais-Bhreac agus an dachaidhean féin.

Is iomadh duine ainmeil a bhann am measg nan dròbhairean a bhann an sud, agus ainmeil, ann am measg dhaoine ainmeil, bhan Dròbhair Cruinn. Cha bann ainmeil air son meud a dhròibh, mar a bha Coire-Choillidh, a bhan Dròbhair Cruinn; oir tha e air a ràdh gun deach Coire-Choillidh a stigh don Eaglais-Bhric air latha sònraichte, agus bhan dròbh a bhaigecrodh agus caoiricha còmhdachadh seachd mìle den rathad-mhor; agus bha e air a ràdh cuideachd, gun robh seachd pìobairean air ceann an dròibh, a dol a stigh don mhargadh. Ach chaneil na làithean sin cho fada bhuainnsa tha na làithean anns an robh an Dròbhair Cruinn beò, agus cha chuala sinn m fad a bhanns an dròbh a bu mhodha bhaig an Dròbhair Chruinn riamh, ged a chuala sinn gun robh ena dhuine smiorail, gaisgeil, faicilleach, cùramach, anns an robh neart anabarrach air réir a mheud, a chionn cha robh e ach iosalna phearsa, cho leathunnsa bha e cho fad, mar a theireadh iad, ’s e sin a chuir gun dthug iad an Dròbhair Cruinn mar ainm air. ’N uair a ghabhadh tarbh no damh an caothach, rud is minig a rinn iad aig na h-aisig, nam faigheadh an Dròbhair Cruinn greim air a h-aon aca, laimhsicheadh e an damh mar gum bi othaisg a bhiodh aige. Fhuair aon tarbhs e air an dearg chaothach as a lamhan aon uair, ach dhfhàg eadhaircean ann an làmhan an Dròbhair. Ach coma co dhiu, cha be sud idir an ni air an daithriseadh an sgeul.

Dhfhàg an Dròbhair baile na h-Eaglaise-Brice air feasgar sònraichte ann an dol fodha na gréines em beachd an oidhche sin a chur seachad ann an tigh òsda anns an Lairbeart, tigh anns am bàbaist moran de na dròbhairean oidhche chur seachad. Bha cuideachd còmhla ris an Dròbhair ach ghabh iadsan ceum air thoiseach, ann an dùil nach biodh an Dròbhair fada as an déidh, ach chum a ghnothuch an Dròbhair beagan ni bfhaide na shaol e, agus bha e fàgail a bhaile-mhargaidh gun neach gun chreutair beòna chuideachd ach a dheadh chù, nach biodh uair sam bith fada oshàil. Le ceum beòthail, aotroma chionn bha margadh math, agus bha achlasan dùmhail de chùinneadh Shasunn aige air a shiubhalbhan Dròbhair a toirt ceum as agus aghaidh air a dhùthaich. Bhan t-anmoch a tighinn, ’s cha bann air a shocair. Mar a thuirt an seanfhacal, “Mar chloich aruith le gleann, feasgar fann foghair.” Ach mun dthàinig an dorcha uile gu léir air, chuale fuaim chasan eich a tighinn as a dhéidh, agus ann an tiotadh rinn marcaiche, coltas duin’ -uasail, a suas air, agus tharruing en Dròbhair, agus thòisich iad air seanachas ri chéile, agus bu mhath a baithne don duin’ -uasal seanachas a dheanamh, agus bha e cho eòlach air treudan agus air dròibhsa bhan Dròbhair e fhéin, agus cha robh dròbh no buaile ainmeil eadar Tigh Iain Ghròids aChrìoch Shasunnach noch baithne don duin’ -uasal. ’S ann a bhan Dròbhairga mheas fhéin fortanach, a leithid de chompanach a thachairt ris air an rathad. Thàinig an duin’ -uasal a nuas as a dhìollaids thilg en t-srian thar a ghàirdeans choisich e ri taobh an Dròbhairs lean iad air seanachas car tacain. An déigh dhaibh a bhi greis mar so, sheas an duin’ -uasal agus thuirt e gum feumadh esan siubhal air adhart, a chionn gun robh àireamh mhath mhìltean aige ri chur seachad mun ruigeadh e a cheann-uidhe, agus an uair a bha e gu leum anns an dìollaid thionndaidh e agus thubhairt e ris an Dròbhair: “Nach neònach leamsa duine mar a tha thusa a bhi gabhail an rathaid leis fhéin, ’s gun neach na chuideachd a tighinn bhar amhargaidh. Nacheil fhios agad gum bheil daoine gu minig air an robadh air an rathad so?”

Ma ta,” arsan Dròbhair, “cha robh fiughair agam a bhi leam féin a nochd, ged a thuit dhomh a bhi ann. Ach co dhiu than is fearr an Albainn agam, agus thaAndrew Fararaair mo leis, ged nach fhaic neach eile e gus an dthig feum air, agus ma thig feum airs aithne dhomh chluich.”

Andrew Farara! ”arsan duin’ -uasal; “ ’s e sin a h-aon de na claidheamhan ainmeil. Tha mi acluinntinn iomradh orra on as cuimhne leam, ’s chan fhaca mi sealladh air a h-aon dhiu riamh, ged a bheirinn rud math air son sin fhaodainn.”

Cha ruig sibh a leas a bhi nis fhaide mar sin,” arsan Dròbhair, ’s e tarruing achlaidheamh a bha sios ann an osann na briogais aige, ’s a cheann am falach fochòta os cionn a chruachan. Shìn e an claidheamh ann an laimh an duin’ -uasail, mar nach biodh e toirt dha ach a chuach-theines an spor.

Ach O, ciod en laigse thubaisdeach a thàinig air an Dròbhair Chruinn aig an uair ud: duinebha cho seòlta, sicire, faicilleach, ’sa sheas riamh air margadh na h-Eaglaise-Brice, a dhol a shìneadh na bha de dhairm air ann an laimh coigrich, ann an dorcha na h-oidhche. Ach deruigeas sinn a leas a bhi bruidhinn? Nacheil eachdraidh làn deth leithidean so, riamh on latha shònraichte ud anns an do thachair gun do chuir an duine bu chiùine a bha riamh air an t-saoghalMaoisann am buaireadh braise na feirge, na deich Aithnteannan criomagan leis an aon bhuille? Aguss minig bhuaithe sin a thachair e gun do thuit am fear làidir agus aig uair chiogailteach gun dfhàilnich e gu buileach, anns an ni sin anns an robh e air a chùnntas barraichte. Mar a thuirt an seanfhacal: “Is minig a thàinig fo laimh an deadh stiùireadair.”

An uair a fhuair an duin’ -uasalan robairs e bhanns cha be duin’ -uasal— ’na laimh an claidheamh, thug e tacan air a mholadh. Sheas en sin ceum air ais on Dròbhairs bha e cur caran den chlaidheamh mun cuairt a chinn. Thog en sin an claidheamh cho àrdsa burrainn e, agus thug enuas e le uile neart, agus chuir en ceann den chù, agus mun gann a bhan gniomh ud deanteadh, bha rinn a chlaidheamh féin ri broilleach an Dròbhair bhochd agus briathran an robairna chluais, “Liubhair do sporan!” Ach cha dfheum an Dròbhair briathran sam bith air son a thuigsinn, agus bfheudar dha a h-uile peighinn a bhaige— ’s bha sin aige sporan troma liubhairt thairis don robair, agus bhadheadh chù agus a chlaidheamhga dhìth còmhla ris a sin. Mun do dhealaich iad, thubhairt an Dròbhair: “Thug thu bhuamsa na bhagam, agus ged is duilich leam mo chuid féins e cuid chàich is duilighe leam. Tha mi còrr agus fichead bliadhna adolsa tighinn air an rathad so, agus ged is iomadh neach a dhearb a chuid rium anns an ùine sin, cha do chaill neach peighinn riamh orm; ach an uair a theid mi dhachaidh, agus a dhinnseas mi gun deach mo robadh, bidh cuid ann a chreideas mi ach bidh moran dhiù nach creid. Ach, co dhiù, cha teid mi dhachaidh gu bràth gun leòn orm. So agad stoc craoibhe, agus cuiridh mi mo làmh chlì air, agus gearr dhiom leis achlaidheamh o chaol an dùirn i.”

A dhuine ghòraich,” arsan robair, “nach foghainn leòn as lugha na call an laimhe uile leat. Cuir an lùdag agus a mheur as fhaisge dhi air an stoc agus gearraidh mise dhiot iad, ’s gléidh an còrr den laimh; bidh feum agad fhathast oirre.”

Mar sin fhein bitheadh e,” arsan Dròbhair, ’s e gabhail a null far an robh stoc na craoibhe, a chaidh a shàbhadh tri no ceithir de throidhean on talamh, agus chuir edha mheur sìnte air an stoc, agus thuirt e ris an robair, “A nis, buail grad agus buail glan.”

Thog an robair an claidheamh cho àrdsa burrainn e, ’s an sin bha ega thoirt a nuas le uile neart, an uair a thiolp an Dròbhair a mheòir bhar an stuic, agus chaidh an claidheamh an sàs gu domhain anns an fhiodh, agus mun dfhuair an robair ùine gu sealltainn no gu smaointinn, bha meòir an Dròbhair Chruinn ateannachadh gu cruaidh mun sgòrnan aige. Gun teagamh rinn an robair sporgail gu leòir gu faotainn ma réirdheanadh uan sin, nam faigheadh e e-féin ann an spògan an leóghainnagus bhiodh e a cheart cho furasda don uan faotainn as on leóghannsa bha e don robair faotainn á lamhan an Dròbhair, ged a ben robair duine moran bu truime nan Dròbhair. Co dhiu, cha bfhada gus an robh an robairs a dhruim ri talamh, agus fhuair an Dròbhair a chuid fhein air ais agus dòrlach math a bharrachd air, agus le iall na cuip a bhaig an robair, chaidh a lamhan fhein a cheangal air a chùlaobh, agus bfheudar dha coiseachd ri taobh an Dròbhair gus an Lairbeart. An uair a ràinig an Dròbhair an tigh-òsda, anns an robh e dol a chuir seachad na h-oidhche, ’sa chunnaic a chàirdean fein e tighinn agus each aige anns an dàrna



[109]

[Vol . 12. No. 14. p. 5]

laimh agus duine anns an laimh eile, cha robh fios aca ro mhath am mineachadh a thigeadh as achùis. Ach an uair a thainig fear-an-taighe air lom, ’sa sheall e mun cuairt air, thuirt e: “Mo laochain thu, ’Dhròbhair! Rinn thusa obair mhath air an oidhcha nochd. Ghlac thun robair mor, agus tha ceud punnd Sasunnach air a cheann, agus ma bheir thu do Shruithlamàireach e, gheibh thu sin agus taing.”

Aguss e sin a rinn an Dròbhair. Gu math tràth anns amhaduinn thug en robair do Shruithla, agus ged a chuir an robair casaid na aghaidh ag ràdh gun do rob an Dròbhair esan, cha bu mhiann leis an luchd ùghdarrais ann an Sruithla sealltainn a stigh anns a chùis sin. Fhuair an Dròbhair a cheud punnd Shasunnach le moran molaidh agus taing air son ebhi cho smiorail; fhuair e cead each an robair a ghleidheadh dha féin, aguss minig a chluinnteg ràdh as a dhéidh sud: “Ged a chaill mi mo dheadh chù, fhuair min deagh each.” Aguss iomadh latha as a dhéidh sud a bhan Dròbhair agus an t-each aithnichte anns na h-eileanan an Iar.


ROBINSON CRUSOE.

CAIB. VII.

ACH tha e neo-chomasach dhomh cainnt a chur air an staid inntinn anns an robh mi an uair a chuala mi am fuaim eagallach, agus aghlaodhaich oillteil, agus an donnalaich a thoisich araon faisge air achladach, agus mar an ceudna shuas air feadh na duthchadh, an uair a chualas fuaim na h-urachrachfuaim. tha micreidsinn, nach cuala na creutairean ud riamh roimhe. Thug so orm a thuigsinn gu lan-mhath nach robh e glic dhuinn a dhol gu tir an oidhchud. Ach bi acheist, cia mar a ghabhamaid de mhisnich na rachadh gu tir re an latha; oir bhiodh e cheart cho cunnartach dhuinn coinneachadh ris na daoine fiadhaich fhein ri coinneachadh ris na leomhainns ris na tigearan. A dhaon chuid bha eagal oirnn rompa le cheile.

Bhiodh cuisean mar a thachradh iad, dhfheumamaid a dhol gu tir an aiteiginn a dhiarraidh uisge; oir cha robh pinnt againn anns abhata, agus cha robh fhios againn cait am faigheamaid e.

Thuirt Suraidh, nan leiginn leis a dhol gu tir le fear dhe na pigeachan gum feuchadh e ri uisge a thoirt thugam ma bha deur ri fhaotainn.

Dhfheoraich mi dheth, car son a bha eg iarraidh a dhol gu tir? Car son nach rachainn fhin gu tir, agus nach fhanadh e-fhein anns abhata? Thug an doigh chaomhaill anns an do fhreagair e mi orm gun robh tlachd mor agam dheth gu brath tuilleadh. Arsesan: “Ma thig na daoine fiadhaich, ithidh iad mise, agus faodaidh tusa thu fhein a thoirt as.”

Ma ta, Shuraidh,” arsa mise, “theid sinn le cheile gu tir, agus ma thig na daoine fiadhaich, marbhaidh sinn iad, agus chan ith iad fear seach fear dhinn.”

Thug mi brioscaid dha, agus drama as acheis bhotul aig mo mhaighstir, a dhainmich mi mar tha

Tharruinn sinn cho dluth do thìrs a burrainn duinn. Ghrunnaich sinn gu tir agus cha dthug sinn dad leinn gu tir ach gunna am fear, agus da phige gus uisge a thoirt air bord.

Cha robh toil agam a dhol a sealladh abhata air eagal gun tigeadh daoine fiadhaich len cuid chanodhachan a nuas an amhainn. Ach thug am balach an aire gun robh aite iosal mu mhile on chladach agus choisich e suas ann air a shocair fhein.

An ceann uine chunnaic mi etighinnna ruith an rathad a bha mi. Shaoil mi an toiseach gun robh na daoine fiadhaich air a thoir, no gun do ghabh e eagal roimh aon dhe na fiadh-bheathaichean, agus ruith mina choinneamh gus comhnadh a dheanamh leis. Ach an uair a rainig mi faisgair, thug mi an aire gun robh rudeiginn an crochadh thairis air a ghuaillean. Ciod a bhann ach creutair coltach ri gearr a mharbh e, ach a bha air atharrachadh dath, agus na bfhaide anns na casan. Air a shon sin, bha sinn gle thoilichte gun dfhuair sinn e; agus bha feoil gle mhath air. Ach be an t-aoibhneas bu mho a bha air Suraidh, gun dfhuair e uisge math, agus nach fhacas nach dfhairich e daoine fiadhaich idir.

Ach an deigh sid fhuair sinn am mach nach ruigeamaid a leas sinn fhin a chur gu moran saothreach a dhiarraidh uisge; oir bha uisge gle mhath ann am braighe achladaich an ceann abhaigh anns an robh sinn air acaire. Lion sinn na pigeachan leis an uisge, agus bha feusd againn air aghearr a mharbh sinn. O nach fhaca sinn dad a bheireadh oirnn a chreidsinn gun robh daoine afuireach anns achuid ud dhen duthaich, rinn sinn deiseil gus gabhail romhainn air ar turus.

On a bha mi aon uair roimhe air turus air achorsa so, bha fhios agam gle mhath nach robh eileanan Chanari, agus mar an ceudna eileanan Cheap de Verd, gle fhadair falbh o chladach Africa. Ach o nach robh inneallan sam bith agam leis an rachadh agam air acheart aite anns an robh mi a dheanamh am mach, cha robh fhios agam caite an seallainn air an son, no cuin a thogainn am mach o thir gus a dhol don ionnsuidh; mur be gun robh so mar so, dhfhaodadh e bhith furasda gu leor dhomh amas air feadhainn dhe na h-eileanan so. Ach bha min dochas, nan leanainn romham air seoladh faisge air achladach gus an ruiginn an t-aite anns an robh na Sasunnaich ri malairt, gum faodadh gun tachradh te dhe na loingeas aca rium, agus gun tugadh iad air bord sinn.

Cho fads a burrainn domh a dheanamh am mach, feumaidh gun robh an t-aite anns an robh mi nis eadar am fearann aig Iompaire Mhoroco, agus an t-aite anns an robh na daoine dubhafuireach. Than t aite sona fhasach tioram gun fheum, far nacheil creutair sam bith afuireach ach fiadh-bheathaichean. Chuir na daoine-dubha an cul ris, agus chaidh iad mu dheas leis an eagal a bha orra roimh na Mooraich, agus bha na Mooraich asmaointean nach bfhiach e an t saothair dhaibh a dhol a dhfhuireach ann, o nach robh ann ach fasach tioram gun fheum. Agus on a chuir daoine gu buileach an cul ris, thainig e gu bhithna aite-comhnuidh do dhaireamh mhoir de leomhainn, ’s de thigearan, ’s de liopaird, ’s de chreutairean fiadhaich eile. On a bha chuis mar so, bhiodh na Mooraich adol a shealgaireachd ann, agus iad ann an ordugh mar gum biodh armailt ann, a dha no tri de mhiltean dhiubh comhladh aig an aon am.

Fhads a bha sinn aseoladh mu cheud mile ri cois achladaich, cha robh ri fhaicinn re an latha ach fasach tioram gun fheum, agus re na h-oidhche gu leir cha robh dad ri chluinntinn ach donnalaich, agus buirean bheathaichean fiadhaich.

Uair no dha re an latha air leam gun robh mifaicinn mullach beinn Tenerif, abheinn as airde a thann an eileanan Chanari, agus bha fior thoil agam seoladh am mach an dochas gun ruiginn an t-aite. Ach an deigh dhomh da oidhirp a thabhairt, bfheudar dhomh tilleadh air ais. Bhaghaothnam aghaidh, agus bhan fhairge ag eirigh tuilleadh is ard air son abhata. On a bhachuis mar so, chuir mi romham gun leanainn romham mar a runaich mi an toiseach, agus gun cumainn faisgair achladach.

An deigh dhuinn falbh as an aite so, bfheudar dhuinn a dhol caochladh uairean gu tir a dhiarraidh uisge. Agus gu math moch air madainn araidh thainig sinn gu acaire ann am fasgadh gob rudha bhig a bha gu math ard os cionn na mara. Bhan lionadh air toiseachadh, agus bha sinn afeitheamh gus am faigheamaid a dhol a steach na bfhaide.

Bha suil am mach aig Shuraidh gu math na bfhearr na bhagamsa, agus thuirt e rium gu beag, gum bfhearr dhuinn a dhol am mach o thir na bfhaide. “Seall an uile-bhiast mhor udna cadal gu trom air taobh achnoic ud thall.”

Sheall mi far an do chomharraich e mach dhomh, agus chunnaic mi gur e uile bhiast uamhasach a bhann gu dearbh, oir be leomhan mhor eagallach a bhanns ina laidhe os cionn a chladaich fo bhearradh na creige.

A Shuraidh,” arsa mise, “theid thu gu tir agus marbhaidh tu i.”

Thainig dreach an eagail air Shuraidh, agus thuirt e: “Miseg a marbhadh! Dhitheadh i mi a dhaon ghreim.”

Ach air a shon sin cha duirt mi facal tuilleadh ris abhalach, ach gun diarr mi air laidhe gu socrach far an robh e. Rug mi air aghunna bu mho a bhagainn. Bha e, cha mhor, cho farsuinn ri mosgaid. Chuir mi gu leor a dhfhudar ann, agus da chnap luaidhe, agus chuir mi ri mo thaobh e. Chuir mi urachair mhath fhudair anns an ath fhear, agus da pheillear, agus an uair a chuir mi fudar anns an treas gunna, oir bha tri dhiubh againn, chuir mi coig peilleirean beaga ann.

Dhfheuch mi cho maths a burrainn domh gus ceann na leoghainn a chuimiseachadh leis acheud ghunna a lion mi, ach on a bhan spog aice thairis air a sroin, an uair a loisg mi oirre, cha drinn mi ach achas aice a bhristeadh os cionn na gluine. Thug i leum aisde, agus thoisich i ri dranndan an toiseach, agus an uair a fhuair i a cas briste, thuit i rithist. An sin dheirich i ar thri chasan, agus thug i glaodh aisde cho eagallachs a chuala mi riamh.

Bha car de dhioghnadh orm nach do chuimisich mi anns acheann i; ach air a shon sin, ghrad rug mi air aghunneile, agus ged a bha idol ceum beag na bfhaide uam, loisg mi oirre, agus chuir mi na peilleireans acheann aice, agus bha mi toilichte an uair a chunnaic mi tuiteam i, gun ghlaodhaioh sam bith, ged a bha i ri osnaichs ri spairn.

An sin ghabh Shuraidh misneach, agus bfheudar dhomh a leigeadh gu tir. “Bi falbh, ma ta,” arsa mise. Leum e don uisge, agus thug e leis an gunna beag anns an dara laimh, agus shnamh e gu tir leis an lamh eile. An uair a chaidh e dluth don leomhainn, chuir e an gunna ris achluais aice, agus ghrad mharbh e i.

Rinn sinn sealg gun teagamh, ach cha deanadh an t-sealg a rinn sinn biadh dhuinn. Bha dorran orm a chionn gun do chosg mi tri urchraichean air rud nach robh a chum abheag a dhfheum dhomh. Ach bha Shuraidh ag radh gun itheadh e rud dhen fheoil, agus thainig e air bord a dhiarraidh na tuaidhe.

Car son a tha thug a h-iarraidh,” arsa mise.

Tha midol a thoirt achinn dhith,” arsesan. Cha burrainn Shuraidh an ceann a thoirt bhar na leomhainn; ach thug e cas dhith, agus thug e gu bord i, agus bha i anabarrach mor.

Smaoinich mi gum faodadh an t-seice tighinn gu feum dhomh air aon doigh no doigh eile, agus chuir mi romham gum feannainn an leomhann nam burrainn domh. Thoisich mi-fhin is Shur-



[110]

[Vol . 12. No. 14. p. 6]

aidh rifeannadh; ach bha Shuraidh fada na bfhearr aig an obair na bha mise, oir cha robh eolas sam bith agam air a leithid a dhobair. Thug sinn fad an latha air a feannadh, ach chaidh againn air crioch a chur air. Thug sinn an t-seice gu bord, agus sgaoil sinn i air mullach achabin, agus taobh na feola am muigh dhi. Thiormaich teas na greine i ann an da latha, agusna dheigh sid bha i feumail dhomh gus mi-fhin a leigeadhnam shineadh oirre.

(Ri leantuinn.)


LITIR ON CHUAIRTEAR.

IS iomadh rud a chìs a chluinneas am fear a bhios tric adol air chuairt feadh na dùthcha. Tha roinn mhor den fhiosrachadh a gheibh e mar so a thig gu feum dha fheins do dhfheadhainn eile air iomadh dòigh, uair no uaireiginn; achs fheudar aideachadh, aig an àm cheudna, gum faics gun cluinn e iomadh ni nacheil gu mor bhuannachd do neach sam bith.

Tha deagh chothrom aig cuairtear air eòlas fhaighinn air nàdar agus cleachdannan a mhor chuid den t-sluagh, gu h-àraidh an fheadhainn sin a tha e gle thric nam measg, agus ris am bi a ghnothuch. Tha mi làn chreidsinn gum bheil daoine ann a mheallas oirnn, cho eòlachs gum bi sinn orra; bhachùis mar so riamh, agus tha mi cinnteach gur ann mar so a bhitheas a chùis gu deireadh an t-saoghail. Chan e sin a mhàin, ach faodaidh sinn air uairean a thoirt a chreidsinn oirnn fhìn gum bheil sinn a làn thuigsinn inntinn an fhir air am bheil sinn glé eòlach; ach an uair a mheòraicheas sinn beagan mun chùis, chi sinn gu soilleir nach léir do dhuine sam bith cridhe neach eile gu h-iomlan ach am Fear a chruthaich e. Air an aobhar sin feumaidh sinn a bhi daonnann ar faicill nach toir sinn breith ro chabhagach air neach sam bith, cho earbsachs gum bi sinn as an fhiosrachadh a thagainn mu dheidhinn.

Tha beagan beò fhathast an suds an so de dhfhàs na seann dùthcha. Bidh mi taghal orra so an dràsdas a rithistn uair a fhreagras e dhomh, oir is taitneach le mchridhe tacan a thoirt a còmhradh riutha. O, ach a bhàigh a thaig a h-uile aon diubh fhathast ris an t-seann dùthaich, agus am meas a thaca air a bhi bruidhinn oirre. Tha gach beinn, gleann, màm, sruth, eas, creag, caol agus òb, an dùthaich an òige, cho soilleir, tha agus moran nas soilleire nan inntinn na na bailtean réidhe, còmhnard air an do shaothraich iad cho goirt on a thàinig iad don dùthaich so. Is gle thoigh le cuid diubh bhig aithris sgeulachdan na Feinne, a bhi seinn òran nam bàrd, ag innse mu PhrionnsTearlach, mu ghaisge Shir Eoghain, agus iomadh laoch ainmeil eile. Tha feadhainn dhiubh leis an toil a bhig innse mu dhròbhaireachds mu fhéilltean mora aig an robh iad, mu iasgach an sgadain, agus mu shealg nam fiadh. O, chan fhada bhios a h-aon de na seann daoine còire son ar measg, agus an uair nach maireann iad, ’s ann a thuigeas sinn da rireadh gu cho fiachailsa bha e tacan a thoirt nan cuideachd.

Tha roinn mhath ann de sheann daoine de dhfhàs na dùthcha so fhéin aig am bheil seanachas gle thaitneach. Is toigh leis an òigridh a bhi cluinntinn mun dol a mach a bhaig ar n-athraichean bho chionn tri fichead agus ceithir fichead bliadhna air ais, an uair a bhan dùthaich so ùr, gun rathaidean mora, gun mhuillnean, agus gun innealan as fhiach ainmeachadh. Is donathuigeas gillean òg an lathan diugh de am miomhaigh a bhaig an athraicheannuair a dhfheumadh iad sac mine no buiseal salainn a thoirt dachaidh deich mìle troimhn choille, gun cheum rathaid ceart fon cois. Ach cha chluinnta gearain iad. Dhannsadh iadGille Caluman deigh tilleadh mu choinneamh teinan t-similear gu sunndach, aotrom, agus a bhean gu laghach a seinn a phuirt da. An diugh, ma theid fear don bhaile-mhor an carbad iaruinn, O! ’s esan a bhios sgìth, brùite am beul na h-oidhche; cha mhor nach fheumar am biadh a chumail ris, agus a thogail a stigh don leabaidh. An nighean òg udtha na suidhe aig an inneal-fhuaidheal, no an ud tha cluich a phiano, is beag a dhfhiosraich i de dhànnradh nan làithean sin anns an robh a màthair a cur abhuntàtasa choille dhuibh fad an latha, achreathall a muigh an oir na pàirce; agusnuair a thigeadh an oidhche, a shuidheadh sios gu aon-uair-deug air a chuibhle-shniomh no air a bheairt-fhighe.

Am measg gach seòrsa a dhamaiseas ris an fhear-chuairte, cha bhi aon diubh as annasaich’ ’s as éibhinnleis a bhig éisdeachd nan fheadhainn aig am bi seanachas car mar a leanas:—

An cuala tu gun robh Aonghas Ruadh agus Mairi Eoin adol a phòsadh an déigh na bliadhnùire? Nach iongantach gun gabh Mairi fear cho aineolach ris? Chuala mi gun do dhiùlt Peigi Sheumais Aonghas Bàn. An òinseach bhochd! chan fhaigh i nas fhearr. Thainig Domhull Uilleam dhachaidh. Chan eil curam gun teid e a dhàite Ruairidh air an turus so. Nam biodh beairteas aig Aonghas beag, gheibheadh e IseabailIlleasbuig air acheud fhacal. Tha iad sud coma ma bhios airgiod aig duine an coltas a thair.” Agus mar sin sios.

Chan abair mi tuilleadh aig an àm so, ’chionn tha mo litir mar tha tuilleadh is fada.

CUAIRTEAR.


An Duine Leisg.

Thabhith diomhanach atruailleadh agus aseargadh nàdar an duine. Mar a mheirgeas an t-iarunn an uair a dhfhagar fadana shineadh am muigh e fo ghaoiths fo uisge, agus a theid e o fheum air acheann mu dheireadh, mar sin mar an ceudna, tha buadhan an duine a thana sheasamh fad an latha diomhanach acnàmh air falbh gun fheum dha fhein, no do neach sam bith eile.

Rinn gobha araidh choltair do thuathanach. Be an t-aon seòrsiarunn a bhannta, agus rinneadh iad anns an aon latha. An uair a thug e dhachaidh iad, chuir e fear dhiubh gu feum gun dàil, agus dhfhàg e am fear eilena thamh anns an t-sabhal, far an robh e meirgeadh fad na bliadhna. An ceann bliadhna thainig feum aig an tuathanach air coltair, agus thug e lamh air acholtair mheirgeadh a bhanns an t-sabhal. An uair a chuireadh anns achrann e, thuirt e ris acholtair eile: “Cia mar a tha thusa cho briaghas cho dearrsach seach mise? Tha mig aideachadh gum bheil nàire orm mi fhin fhaicinn ri do thaobh.”

Ah!” fhreagair an coltair eile, “is e bhithg obair gu trang a chum mise gun a bhith meirgeach mar a tha thusa. Bha thusa acur seachad na h-ùine diomhanach, agus is e sin a dhfhag thu mar a tha thu; ach an uair a bhios tu greis ag obair, falbhaidh amheirg dhiot, agus bidh tu a cheart cho briaghas cho geal riumsa.”

Is ann air son a bhicaitheamh na h-ùine gu diomhanach, an uair bu chòir dha an tàlann a fhuair e a chur gu feum, a thugadh a bhinn eagalach am mach an aghaidh an duine leisg. “A sheirbhisich uilc agus leisg, bha fhios agad gum buaininnsasan àite anns nach do chuir mi agus gun tionailinn as an ionad anns nach do sgaoil mi. Bu chòir dhut, uime sin, mairgiod a thabhairt don luchd-malairt, agus air dhomh teachd, gheibhinn mo chuid fein maille ra riadh. Tilgibh an seirbhiseach mi-tharbhach so do dhorchadas iomallach: an sin bithidh gul agus gìosgan fhiacal.”

Tha daoine ann a tha, mar is trice, anabarrach trang aig obair nach dean feum sam bith aon chuid dhaibh fein, no do neach sam bith eile. Tha iad mar gum faiceadh tu roth muillinn asior dhol mun cuairt, agus gun dadg a bhleith. Tha iad mar gum faiceadh tu achlann bheag ag obair gu trang atogail thaighean air an tràigh an uair a theid an làn am mach; ach an uair a thig an lionadh, sguabaidh e leis an obair aig an robh iad cho trang fad na h-ùine.

An dthug sibh an aire gur iad na firionnaich agus na boirionnaich a tha caitheamh am beatha gu diomhanach, as neo-shunndaiche, agus as muladaiche coltas? Tha iad so ag imeachd air aghart troimh chùrsa na beatha so, agus, riamh fhathast, cha do chuir iad ceisd orra fhein a thaobh an aobhair air son an do chruthaicheadh iad, no ciod an dòigh anns am bu chòir dhaibh am beatha chriochnachadh. Their iad riut: “Nach fhaod mise mo bheatha agus mo mhaoin a chaitheamh mar a thogras mi fhin? Ma tha mise adeanamh an uilc, tha gu leòr adeanamh an uilc a bharrachd orm, agus, air a cheann mu dheireadh, cha mhiosa dhomhsa na dhaibhsan.”

Is e reusanachadh truagh agus aineolach a than so, agus cha chluinnear a ach aig amhuinntir a thacaitheamh am beatha gu diomhanach araon ann an seadh aimsireil agus spoiradail.

IAIN.


Cha Chuirear Feich air Beul Duinte.”

Than àireamh as de shluagh an t-saoghail mall a chum éisdeachd, agus ealamh a chum labhairt, agus, tha aobhar eagail gum bheil iad mar an ceudna ealamh a chum feirge. Tha Solamh ag ràdh, gum bheilàm gu bhith tosdach, agus àm gu labhairt,” ann. Ach conar measg a thag a thoirt so fa near?

Tha cuid de dhaoine ann nach urrainn fuireachnan tosd ged a gheibheadh iad an saoghal mun iath aghrian. Feumaidh an teangadh bhithg obair gun fhois gun diobradh. Chan fhaciad ni no neach riamh nacheil iad deas gus coire fhaighinn da. Cha bhiodh iad beò mur biodh iad abruidhinn air rud eiginn. Agus mar is trice, is ann afaotainn coire do ni no do neach eiginn a bhitheas iad. Is gle bhithdheanta leotha a bhith faotainn coire do gach ni agus neach a tha math. Chan urrainn daibh cumail o bhithfaighinn coire don dòigh anns am bheil an Ti a tha uile-ghlic, agus uile-mhathasach ariaghladh air nèamh agus air an talamh. Chan ioghnadh ged a thuirt an t-abstol gum bheil an teangadh air a lasadh o ifrinn.

Their daoine ruinn, nacheil e furasda dhaibh fuireachnan tosd an uair a chluinneas iad daoineilelabhairt bhriathran nacheil aon chuid iomchuidh no fior. Feumaidh iad greis a thoirt air connsachadh mu nithean nacheil a chum feum sam bith; oir cha dfhoghlum iad fhathast a bhithealamh a chum éisdeachd, mall a chum labhairt, mall a chum feirge.”

Feumar aideachadh gur e so leasan as doirbhe dhuinn ionnsachadh a chuireadh riamh far comhair; ach is leasan e cho cudthromachs a burrainn duinn ionnsachadh. Bha cuid dhe na seana Ghàidheil comasach air an leasan mhath so ionnsachadh, mar a dhfhaodar a thuigsinn on t-seanfhacal a leanas: “Is searbh aghloir nach fhaodar eisdeachd.” Chuala sinn iomadh duine glic, tùrail ag radh; gum bainneamh leotha bhith diumbach dhiubh fhein air son fuireach samhach an uair a chluinneadh iad briathran, nach robh acòrdadh riutha, ach gum bu tric leotha bhith gle dhiumbach dhiubh fhein an uair a thachradh dhaibh labhairt anns an àm anns am bu chòir dhaibh a bhithnan tosdCha chuirear féich, air beul dùinte.”



[111]

[Vol . 12. No. 14. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Am Mod.

Is ann am Baile Inbhirnis a bhan dara Mod deug air a ghleidheadh am bliadhna. Buinidh don bhaile so àite àrd, measail ann aGaidhealtachd Albainn. Is anns abhaile sothan Comunn Gaidhealach as fhearrs as modha cliù air feadh an t-saoghail gu léir. Tha daonnan Gàidheil dhìleas, fhoghluimte anns aChomunn so, ’s is iomadh leabhar làn eolais a chuir e a mach. Tham Mod a trusadh ainmus onoir mar tha na bliadhnachan a a gabhail seachad. Tha daoine uasail na dùthchanochdadh moran aires càirdeisus caoimhneis don Mhod. Is e Marcus Thullibardinetha na cheann suidhe air aMhod am bliadhnaduine uasal eireachdail aig am bheil cliù mhor ann am feachd a dhùthcha. Is e Gàidheal urramach, bàigheil a bhana athar, Diuc Athoill. Labhraidh mic agus nigheanan an Diuc Gàidhlig gu fileanta, pongail. Cha-n ann gun aobhar, ma ta, ’tha na Gàidheil fior mheasail air an Diuc so, on tha e co measail air canain agus air abhaistean nan Gaidheal. Thugadh moran duaisean seachad airson gach nitha taitneach ann am beachd nan Gaidhealsa thagealltuinn maith mor a dheanamh. Is ann an Grianaig a bhitheas am Mod air a ghleidheadh an ath bhliadhna. Tha coire airfhaotainn nacheil sgoilearan comasachn am breitheamhan air gach ceolus oraidus seanachas aig aMhod. Tha mi gle chìnnteach nacheil iarrtus air bith aig càirdean moras bàigheil aMhoid ach gu bi gach ceartasus caoimhneas air am fadadhs air an nochdadh leis gach neach a bhuineas don Mhod. Bithidh breitheamhan ùra gu buileach aig an ath Mhod, agus bithidh ochd ceud dollar air an tabhairt seachad ann an duaisean. Bitheadh gach fior Ghaidheal dìleas don Mhod agus daonnan measail air.

CONA.


Seann Eachdraidh.

Thig latha no dha fathast mum faigh sinn a steach gu fior ghnè eachdraidh na h-Alba. Uige so bha i air a sgrìobhadh ann an tomhas mor le feadhainn a bha araon aineolach agus cam-chridheachnan leabhraichean; ach bha gathan soluis air iomadh dòigh abrùchdadh a mach o cheann ghoirid air raointean eachdraidh. Dhfhuiling na Gàidheil barrachds na thoill an gniomharan anns na cùisean so a bhuineadh do ghluasaid is do adhartais na dùthcha. Bha iomadh drochbheairt air a chur as an leth agus tha fathast. Ach tha leabhraichean ùra atighinn a mach a tha afoillseachadh gnè nan daoine on dthàinig sinn. ’S ann den t-seòrsa a tha an leabhar mu Chlann Chattain, ged nacheil fhios aig an ùghdar chomasach, chothromach, Mr. A. M. Mac-an-tòisich, co am freumh as an dthàinig a ghineal, an Gille-Cattan Mor, no fear no sliochd ainmeil eile. Tha an leabhar so den t-seorsa a tha feumail ann a bhi deanamh eachdraidh. Bha am Morair Rosebery ag iomradh air na gnothuichean so mu leabhraichean agus mu sgriobhaidhean a bu choir a bhi air an cur a mach air an t seachdain a dhfhalbh. Ma theid an obair so air a h-aghaidh gu h-ionraic thig an latha anns am faigh na Gàidheil cuid dan còirichean féin air an ais a thaobh an cliù agus an euchdan. —Oban Times.


Iadsan a Phaigh.

Donnacha MacFhionnlaidh, LArdoise Iosal
Eobhain A Mac Eachairn, am Bàgh an Iar
R R MacFhionghain, Abhainn nam Bradan
Gilleasbuig N Domhnullach, Abhainn nam Bradan
D D Mac Pharlain, S W Margaree
Rob Moireasdan, am Bàgh an Ear
Iain E Mac Leoid, Ingonish
Domhnull I Mac Leoid, Sidni
T C Harold, Sidni
Raonull Mac Coinnich, Eilein Christmas
A I Mac Coinnich, Eilein Christmas
R I Mac Neacail, Acarsaid Bharrachois
R N Mac Gilleain, am Bagh an Iar
M L Mac Fhionghain, Point Clear
Ailein Moireasdan, Baile nan Gall
Domhnull Moireasdan, Ceap Nor
Niall I Mac Neill, Rudha Ghilliosa
M S Mac Neill, Gleann Bharraidh
Seumas Mac Aonghais, Grand Mira
Mairi Mhartuinn, Glace Bay
Domhnull Mac Gillemhaoil, New Aberdeen
Iain Mac Coinnich, na h-Earradh Ur
Niall F Mac Neill, na Narrows Mhora
Calum Mac Ruairidh, Louisbourg
Iain Domhnullach, Antigonish , N S
Lachuinn Camaran, Antigonish , N S
An t-Urr S D Mac-a- Phì, Loch Katrine, N S
Aonghas Mac Cuithein, Orwell , E P I
Donnachadh Mac Gillemhaoil, Brodie , Ont
Iain Mac Artair, Ivan , Ont
Mairi Nic Calamain, Lucknow , Ont
Tigh nan Cumantach, Otrawa , Ont
Tormad P Mac Leoid, Steornabhagh, Que.
Murcha Mac Gillaolain, Bradwardine , Man
Ruairidh Mac Iosaig, Wapella , N W T
Domhnull Mac Fhionghain, Earlswood
Aonghas Mac FhearghaisPort Haney, B C
Bean Uilleim Mhathanaich, Graniteville , Vt
A Mac Coinnich, San Francisco, Cala


AN CIOBAIR DONN.

LUINNEAG.
S gur s gur thair maire,
S gur s gur thair maire,
S tu fhéin, a rùin, gur thair maire,
S tu mo chuid-sa de dhfhir abhaile.

Nàile, ’s e mo cheist an cìobair,
Fearchùil dualaich nach cosd na cìrean,
Beul na stuaime fo bhuaidh luchd -ruin,
S e do ghaol nach fhagadh shios mi.

Dhiùlt mi diùc, agus dhiùlt mi bàillidh,
Gheibhinn tighearnagus fear no dha dhiù;
S e mo roghainn de na dhfhàg mi,
Cìobair donn nan caoirich bhàna.

N oidhchebha sinn anns amhonadh,
S e bu bhiadh dhuinn bun an t-seilich,
Bàrr an fhraoich air son coinnlean geala,
S na h-eòin fhiadhaich air son luchd-faire.

N oidhchebha sinn ris na h-uanaibh,
Thog na nìgheanagan oirnn mar thuaileas
Gun robh misann adbhreacan suainte;
Cha robh, a ghaoil, O, gum bfhada bhuait mi!

Thug thun ear dhiom, thug thun iar dhiom,
Thug thughealach ghealsa ghrian dhiom,
Thug thun cridhe a bhann am chliabh dhiom,
Cha mhor, a ghaoil, nach tugs mo chiall dhiom.

Ged bu leamsa fhads a chì mi,
Agus uiread eile mhìltean,
Leiginn dhiom a h-uile sgrìl dheth,
Air sonbhi uair ann an cainnt achìobair.

Ged a bhithinn-sa marbh am màireach,
S air mo chur sios fo leacan bàna,
Thiginn beò agus gheibhinn slàinte,
Ach an cìobair a bhi làmh rium.


DUANAG DO CHEAP BREATUNN.

LE ALASDAIR DOMHNULLACH, AM PAINTEIR MOR.

Air fonn:— “Fhir abhàta.”

LUINNEAG.
An tir a dhfhàg mi, na ho ro éile,
An tir a dhfhàg mi, na ho ro éile,
S na fir a dhfhàg mi, na ho ro éile,
Mo shoraidh slàn leibh gach dhuibh éiridh

Tha laoghan plaosg-shuileach, maolan àlainn,
S e air an daoraich ri taobh a mhàthar,
S ged is laogh e far aois de dhfhàs dha
Gheibh biadh is aodach do h-aon ni àrach.

Than t-uainein biodach na stiall gu mhàthair,
Bho faigh e mhilseachd bheir sith is fàs da,
S mun ruig an ùine a null gu ràithe,
Bidh cloimh as ùr annsan dùthaich làn dhi.

Than t-iasg cho fiachails bha riamh an sàile
Tighinn gu tiochdar bho bhial an làin ann,
S an t-allt bho dchliabh a dol sios gu tràigh ann,
S am breac nach meath e air sgiath gu bhràighe.

Ged tha e fiadhaichs deagh sgiath gu snàmh air,
Cha ruig e shiorruidh gu mhianns abhràighe,
Than t-seann t-slat iasgaich ag iarraidh fàth air,
S na dubhan iarainn am biadh bheir bàs da.

Bheir long a chuain dhut a nuas aRoyal -
Top gallantsguabach bha suathadh neoil leis,
Thig slabhraidh iaruinn o chrioch a sgòrnain
Le acair diorrais nach spliachd na sheòmar.

Ged thigeadh gailbhaich le fearg Æolas,
A sradadh soirbheas gu cainb a shròiceadh,
Bidh i mar dhealbh a fhuair ainm air bhòidhchead,
Fo dhion do gharbh-chrioch gun chearb air seòl dhi.

Rug an cuan thu mun dfhuaireadh Adhamh,
An t-ugh is uaisle air uachdar sàile;
Chan ionann sìth dhuts do righrean Fàro,
S ann bhios tud rioghachd aig righ na Gàilig.


BAS.

Ann am Pomona, Ontario, air a chóigeamh de mhios deireannach an t-samhraidh, 1903, Catriona, nighean Dhonnachaidh Mhic Mhanainn. Rugadh i ann am Beinn-a- bhaoghlasa bhliadhna 1810. Bha i posda ri Ioseph Mac Illedhuibh, agus thainig i do Chanadasa bhliadhna 1851. Dhfhàg i sianar de chloinn beo, coig deug air fhichead de dhoghaichean, agus da fhichead de dhiar-oghaichean. Bha ina boirionnach slàn fallain, agus chaidh i fon talamh le deud slàn, gun aon fhiacail ga dìth. Cha do chuir i glaineachan air a sùilean riamh, agus chuireadh i snàthlein anns an t-snathaidnuair a bha i ceithir ficheadsa dha dheug. Chaochail a companach corr is ochd bliadhna mun do chaochail i féin.



[112]

[Vol . 12. No. 14. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


LAOIDH.

Tha thucrunadh na bliadhna le dmhaitheas.

EADAR. LEIS AN URR. IAIN MAC RUAIRIDH.

Air son do thròcairs do ghràis,
Re gach dhen bhliadhna thréig,
Eisd rir taingealachd le bàigh;
Athairs a Shlànuigheir, éisd!

N ar laigse mhoirsnar cruaidh-chàs,
Carraig ar slàint’! cum sinn suas!
Stiùir ar ceum o gu
Ag imeachd troimhn fhàsach chruaidh!

Conar measg a bhlaiseas bàs
Mun tig crioch air is bliadhn’?
Cum-sa suas e, ’Dhé nan gràs,
S aig uair a bhàis big a dhion!

Cum sinn dìleas, cum sinn naomh,
Cum sinn ri do thaobh gu dlùth!
Thoir dhuinn foighidinn maraon,
S deònaich do gach aon dhinn crùn!

Mar sin bheir sinn dhutsa shuas
Moladh buan air clàrsaich òir,
Dhutsa, ’Thriath a tha bith-bhuan,
Righ nan righs a Thighearnna glòir!


ORAN DO DHFHEAR HUSABOST.

LE IAIN MAC LEOID.

Chaneil mo chainnt ach gann leam
Gus mo rann a chur an ceòl,
Don phrionnsa thair na h-uachdarain
Than Eilein uaina Cheò;
Tha minntinn leis na chuala mi
Toirt gluasad do mo mheòir,
Mun òganachthan Hùsabost,
S a chliù air feadh gach mòid.

Cha tomhais bàrdachd duabhar,
Ged is suairc thu na do dhòigh:
Bha coir agad le dualchas
Air do bhuadhan a bhi mòr;
S ard a chraobh on bhuaineadh tu,
Bu luachmhor h-uile pòr,
Bho shinnsireachd tha uaislannad
Nach fuadaichear as dfheòil.

Mar tha gach buaidh a dòrtadh ort,
Bha còir agad bhith treun,
S deas do phearsa mhòralach,
Gun fhòtas fon a ghréin,
S maiseach thu ri sealltainn ort
Air cabhsair no air féill,
Nuair bhios na h-uaisleancampachadh,
S tun ceannard am measg cheud.

Chaneil uachdaran an stàit’,
O Loch a Bhàigh gu Rudha Shléibht,
Cho gibhteil riut an tàlantan,
S do chliù cho àrd da réir;
Is iomadh maighdeann airgiodach
Than Alba, glanna beus,
Dom biodh an saoghal sòlasach
Le pòsadh riut le cléir.

Ged is fior dhuin’ -uasal thu,
Le dualchas agus còir,
S tu caraide nan truaghanan,
Cha dean thu uaill á pròis:
Tha dionnsachadhs do ghluasad,
Air an tuath nom baile mòr,
Nis airde na na h-iarlachan,
Nach iarr ach cluich is ceòl.

Nuair theid thu mach a shealgaireachd
Do gharbhlach nam beann àrd,
Co than diugh cho dearbhte riut
Gu earb a chur gu bàs?
Bidh do mhial-choin ionnsaichte
G am fliughadh ri do shàil,
Gus an leig do ghunna dùbailt
As am fùdar nach dean dàil.

Ged tha do ghaisge anamhuineach,
Nan lasadh dfhearg le càs,
Tha aoigh is ciùin a Chriosdaidh ort
Ri tiochdarain a ghnàth,
Tha ùrnuigh bhochdan lionmhor dhut
Nuair thig crioch do ;
Gun toir Righ na diadhaidheachd
Airson gniomh dhut cathair àrd.

Nam faighinn-sa dhut niiarratas,
Cha bhiodh na dhiarrainn gann:
Dheanainn diuc no morair dhiot
Cho ainmeilsa bhiodh ann;
Bhiodh gearasdan le arm agad,
Gun cuirtan ainm don Fhraing,
Le dghillean a tha calma,
S cuip na h-Albaig do chomannd.

Chan ioghnadh ged a dhéirich leat
Gach éifeachd agus buaidh,
S i achaine nan daoine dhut
Gum bi do shaoghal buan.
Fhir a theid gu mdhùthaich
Thoir mo dhùrachd thar achuan,
Gu Maighstir Neacail Hùsabost,
A thoilleas cliù mo dhuain.


ORAN

Mar gum bann eadar bàrd agus màgan.

FONN— “Smeòrach Chlann Domhnuill.”

AM BARD.

Fàiltort fhéin, a chreutair ghasda,
S tu leat fhéin fo gheug an tasgaidh;
Bhon chaidh Eirionnaich air astar,
Càit bhon ghréin an dfhuair thu fasgadh?

AM MAGAN.

S annsa phòn so thogadh mise,
Nuair bha mi òg a lòn cha tiginn;
Le mcheann tiugh mòr, ’s mo shròn cho sligneach,
Sshapemo spòig; cha chòrdadh sid ruibh.

AM BARD.

S fear mi-fhein tha tighinn an taobh-sa,
Thoir dhomh sgeula mu na daoine,
An gnàthss am beusan a thoirt saor dhomh;
S creid bhuam fhéin nach téid achluinntinn.

AM MAGAN.

Is rud an innse sin nach toil leam,
Cha robh mo shinnsre riamh ann coireach;
Ach bi dìleas anns gach coinneamh,
S ni min fhìrinn dhut gu soilleir.

S e duine còir a thann a Harridh,
S an Iain Mooren a tha thall ud;
Na fir òga dhòladh drama,
Ni sibh còrdadh còmhla ro mhath.

S e duine direach thann an Dàibhidh,
Tha e firinneachs e pàrtach;
Ceil gach ni dhe sin air càch,
Gur fheairrd an tir mur till ann Tearlach.

S e àite snàmh a bhan so aon uair,
Cho math am Màbu cha robh ri fhaotainn;
Ach bhon àm sin rinn e caochladh,
Tha e làn de chnàmhan chaorach.

Nuair thigeadh oirnne blàths na gréine,
S sinn asnàmh air feadh a chéile,
Thigeadh claigionn as na speuran,
S tric a spad e fear dhen treud oirnn.

Rinneadh an t-òran so le Aonghas Domhnullach, Aonghas mac Alasdair. Bha e a fuireach aig an Amhainn a Deas am Mabù.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 14
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 14. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page