[113]

[Vol . 12. No. 15. p. 1]

MAC-TALLA.

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IANUARIDH 22, 1904. No. 15.


Tha mu choig ceud de mhuinntir Chanada toileach gabhail an arm Iapan cho luathsa thòisicheas cogadh eadar an dùthaich sin is Ruisia. Thatar ag radh co-dhiu nach urrainnear an gabhail, nach ceadaich riaghailtean Iapan do choigrich a bhi nan saighdearan dhi. Mur eil so fior, agus gun gabhar na Canadaich, faodaidh gum buailear a mhor chuid dhiù leis an aithreachas nuair a chi iad am biadh air a bheil Iapan a beathachadh nan saighdearan—riceagus iasg tiormaichte. Tha eagal oirnn nach bfhada chumadh ar luchd-dùthcha suas cogadh no sìth air biadh dhen t-seòrsa sin.


Tha fios a thainig á Lunnuinn Di-sathuirne sa chaidh ag radh gun cuir Breatunn grad bhacadh air cabhlach-chogaidh Ruisia ma dhfheuchas i ri tighinn troimh chaoil Dardanelles. Tha moran shoithichean cogaidh aig Ruisia air a Mhuir Dhuibh, ach chan eil còir aig soitheach cogaidh a bhuineas do dùhthaich sam bith a dhol troimh na caoil a tha ceangal na mara sin ris a Mhuir Mheadhon-thireach. Ach aig Ruisias ann a bhios a chòir mar a chumar i. Tha e ro choltach gu robh deagh bharail aig an riaghladh Bhreatunnach gu robh fa-near dhi a cuid shoithichean a chur troimh na caoil gu cuan mor cho luathsa bhristeadh cogadh a mach eadar i-fein is Iapan. Bheir bacadh Bhreatuinn an cothrom sin uaipe, agus cha bhi i cho buailteach air buaidh fhaotainn air Iapan nuair nach urrainn dhi a cabhlach gu h-iomlan a chur a dhobair.


A leigeadh fhaicinn na dòigh a tha cuid de na Gàidheil a gabhail a chumail beò na Gàilig bheir sinn do ar leughadairean litir bheag a rainig sinn maduinn Di-luain sa chaidh. Tha sinn duilich a bhi againn ri innse gun deach a sgriobhadh anns an t-seann dùthaichair a Ghàidhealtachd.

FHIR-DEASACHAIDHTha mi aig an àm so ann an dùthaichsam faigh mi gu leòr de leughadh Gàilig, agus air an aobhar sin tha mi cur romham gun sguir mi ghabhail MHIC-TALLA. Tha mismaoineachadh gu bheil mi pàidhte dhionnsaidh na bliadhnùire so. Is mi, &c .”

Nam bitheamaid an dùil gu robh am fear so na aonar, cha chuireamaid a litir an clò; ach tha fios is cinnt againn gu bheil a sheòrsa lionmhor. ’S e iad a bhi cho lionmhors a tha iad is coireach leabhraichean Gàilig a bhi cho gann. Gheibh ar caraid gu leor Gàilig ri leughadh as eugmhais MHIC-TALLA; ’s esan a gheibh sin. Gabhaidh e gach leabhar Gàilig a thasan sgìreachd an iasad, fear ma seach. Dhfhaodte gu bheil deich no dusan bliadhna air dhol seachad on cheannaicheadh am fear as ùire dhiù, ach nach fhaod esan a bhi coma co-dhiù, ’s e faighinn a leòr leughaidh. Ach ma dhfhàsas an òigridh coma den cànain, ’s ma theid i mar sin á cleachdadh, crathaidh am fear so a cheanns thig gruaim air aghaidh leis an tuig sinn gu bheil na Gàidheil gu h-iomlan a dol bhar an dleasanais, agus gu bheil esan, eadhon esan naaonar, a deanamh a dhìchill air bhi cumail suas cainnt agus cliù a shìnnsir.


Tha ceann a tuath Africa air àiteach le Arabaich, agus chithear nam measg an diugh dòigheannan is cleachdaidhean a bha aig an sinnsir ri linn righ Haron al Raschid, mum bheil sinn a leughadhsna sgeulachdan Arabianach. Tha an sluagh acaitheamh am beatha gle shocair, a tighinn beò air biadh simplidh fallain, agus a cosg an aon seorsaodaichs a bhan athraichean. Tha cuid dhiu a ruigheachd aois mhor; chan ainneamh an ni tachairt air duine tha bho sheachd gu ochd fichead bliadhna dhaois. Cha bhithear agabhail ioghnadh sam bith mu aois duine gus an teid e thairis air ceud gu leith bliadhna. Nuair tha duine tri ficheads a deich aidichear nach duinòg e nas fhaide, ach cha tòisichear ri urram na h-aoise thoirt dha gus am bi e dlùthachadh ris a cheud bliadhna. Eadhon an uair sin chan ionann an t-urram a bheirear dhas a bheirear dhaibhsan a tha thairis air a cheuds a tha fhathast slàn fallain. Bheir a bhi leughadh mun t-sluagh fhad-shaoghalach so gur cuimhne an aois mhor a bha air a ruigheachd le daoine an ceud linntean ar n-eachdraidh, nuair bha daoine caitheamh am beatha cho nadàrra agus cho saor bho easlainteans bho theas-chabhaig an lathan diughs nach robh moran dhiu air an cur fon fhòd gus an robh iad thairis air seachd, ochd, is eadhon naodh ceud bliadhna.


Cha robh an saoghal riamh as eugmhais luchd-fiosachd no faisneachd, cuid gun teagamh nam fàidhean firinn, ach a mhor chuid nam fàidhean bréige. Tha na fàidhean bréige a bharrachd air bhi nas lionmhoire, gu math nas buaine nan fheadhainn eile. Tha iadsan a bhios ri fàisneachd fhìrinneach air an clachadh no air am pianadh gu bàs air aon dòigh no dòigh eile; ach na fàidhean breige, tha iad a riugheachd aois mhor, agus afàgail ginealach lionmhor a leanas air an fhàisneachd nan deigh. Chan eilear ag radh gur daoine ro-aingidh no ro-olc iadnam beadh bhiodh ionnsuidh air a thabhairt roimhe so air cùram a ghabhail dhiùach is daoiniad a tha fior dhraghail don t-saoghal. Bidh cuid dhiu adeanamh fiosachd mun t-side, cuid mu sgiorraidheans mu thachartasan mora tha gu àite ghabhail an caochladh chearnan, agus cuid eile tha cho dalmas gun cuir iad an geill gur aithne dhabh cuin a thig crioch air an t-saoghal. Bhitheamaid deònach cur suas leis na mìltean do-àireamh a bhios ri fiosachd mun t-sìdetha iad sin ro-chàirdeach dhuinn fein agus cha dean e math a bhi tuilleadh is trom orraach be ar dùrachd dealachadh riuthasan dan ceaird is obair a bhi daonnan ri fiosachdan mu sgiorraidheans mu ghniomharan oillteil a tha gu tachairt, agus mu la deireannach an t-saoghail. Aig an àm so tha reuladaireansan Fhraing acur moran uilc air mhanadh don bhliadhna 1904. Mas fior dhaibh tha aimhreit mhor ri bhi eadar na Stàidean agus aGhearmailt, trioblaid o luchd-ceannairc anns an Spàin, call do Bhreatuinn ann an Thibet, ionnsuidh air beatha Sàr Ruisias Riaghlair nan Stàidean, murt is marbhadh, call beathas call airgid ann an iomadh àite, ’s crithean-talmhainn ann an àite no dha. Chan eil teagamh nach robh iad air la a bhreitheanais a shuidheachadh air a bhliadhna so cuideachd mur be gu bheil an t-eagal orra fein roimhe. Theid a bhliadhna seachad gun mhoran dhen fhàisneachd so fhaicinn air a coilionadh, ach aig toiseach na h-ath bhliadhna bidh iad a cheart cho deiseil gu fàisneachd ùr a dheanamhs a bha iad aig toiseach na so. Tha aon ni ri thoirt fa-near, ’se sin nach eil na reuladairean Frangach so acur olc no sgiorradh sam bith air leith dan dùthaich fein; tha na droch nithean a tha tighinn ri bhi air an roinn air dùthchannan eile. Tha atharrachadh riaghlaidh ri bhi aig an Fhraing, ach mas call sin tha e ri bhi air a dheanamh suas le breith leinibh a tha gu bhi nalathas na linn fein cho iomraiteach riJoan of Arc. nach cualiomradh air a chaillich a bhag aisling air a dùrachd? Cha chuir reuladairean na Frainge cùram sam bith air daoine glice len cuid fiosachd. Chan eil iad nas fiosraiche mu nithean a tha gu tachairt na tha sinne mu shìde na seachduin sa tighinn. Faodaidh iad deagh amas a dheanamh an rud no dha achse sin fhein na bhios ann.


Tha daoine thagabhail orra bhi fiosrach mu bharailean sluaigh Newfoundland ag radh gu bheil iad acreidsinn nach ruith moran ùine gus an aontaich iad a dhol a stigh ri Canada. Roimhe so bha an àireamh bu mhotha dhiu gu mor an aghaidh gnothuch sam bith a ghabhail ri riaghladh Chanada, ach a reir sgeul na feadhnach a dhainmicheadh tha iad ag atharrachadh am barail. Bu ghasdan gnothuch e gach mìr de dhfhearann Breatunnach a than ceann a tuath America a bhi air aonadh fon aon riaghladh. Bhiodh e na bhuanachd mhor do Newfoundland a crannchur a thilgeadh cuide ri Canada; bhiodh e na bhuanachd nach bu bheag do Chanada cuideachd. Cha robh muinntir Newfoundland riamh na bfhaiden aghaidh aonadh ri Canada na bha muinntir Nobha Scotia nuair chaidh an t-aonadh a dheanamh anns a bhliadhna 1867. Bha iadsan a bha leagta ris anns an roinn so air an cur sios mar naimhdean don dùthaich. Gidheadh tha eachdraidh nam bliadhnachan a shiubhail uaithe sin anochdadh gu soilleir gu robh soirbheachadh air Nobha Scotia anns an aonadh nach burrainn a bhi oirre nan robh i air fuireach mar a bha i roimhe sin, leatha fein. Tha e ri chreidsinn



[114]

[Vol . 12. No. 15. p. 2]

gum biodh an ceart ni fior a thaobh Newfoundland, gum biodh soirbheachadh air an eilein sin mar aon de roinnean Chanada nach robh air riamh fhads a dhfhan ena aonar.


Naidheachdan.

Tha Comhairle na Siorrachd na suidhe on dara la deug. Chaneil moran nithean ùra no annasach fan comhair, ach tha cùisean air feadh na siorrachd glé shoirbheachail.

Chaidh soitheach-smùide, anClallama long-bhristeadh faisg airSeattle , Wash. ,air an deicheamh la den mhios, agus bha leth-cheud is aon duine dhe na bhair bòrd air an call.

Bha fear Uisdean Mac Gille-Mhaoil a chuireadh an greim air-son bristeadh a stigh do stòr ann am Bridgeport air fhaotainn ciontachs air a chur don tigh-obrach. Tha e ri bhi ann gu ceann sheachd bliadhna.

Tha moran fiabhruis ann am baile-mor Montreal aig an àm so air tàille droch uisge. Tha an sluagh a nis air an comhairleachadh gun boinne uisge ol gun a ghoil an toiseach. Marbhaidh an goil na meanbh-chreutairean a thag aobharachadh an fhiabhruis.

Bha làn dhùil aig moran gu robh taghadh gu bhi ann air-son na h-àrd-phàrlamaid air an earrach so. Tha e coltach co-dhiù nach eil an taghadh gu bhi ann gu meadhon an t-samhraidh. Tha a phàrlamaid air a gairm gu bhi cruinn air an deicheamh la den Mhàrt.

Chaidh Gearmailteach dam bainm Johnson a mharbhadh an aon de mhèinnean Ghlace Bay air an dara la deug. Bann le gual a thuit as a mhullach a chaidh a mharbhadh. Bha e da fhichead bliadhna dhaois, agus na dhuine singilte. Bha eg obairsa mhèinn o chionn da bhliadhna.

Thug buidheann den arm Bhreatunnach buaidh mhor air armailt de naDervishesann an Somaliland. Bha iad mu chóig milen àireamh agus na Breatunnaich mu thri mile. Chaidh mu mhile de naDervishesa mharbhadh. Cha drinneadh ach call beag air taobh nam Breatunnach. Chaneil Breatunn ach glé ainneamh saor o chogadh. Tha cuid diù mu nach cluinnear moran gus am bi iad seachad, ach tha gach cogadh beag a bhios air laimh aice ameudachadh a cuid fearainns a cuid iochdaran.

Bha an da phairtidh o chionn mios no dha ag ullachadh air-son taghaidh. Ann an aireamh nach beag de na siorrachdan bha na daoine tha gu ruith taobh air thaobh air an ainmeachadh, ach a nise cha chuirear feum orra sin gu uaireiginsan t-samhradh. Ann an Ceap Breatunn a deas bha an Dotair Uilleam Mac Aoidh air ainmeachadh leis naconservatives ,agus Alasdair Johnston leis naliberals .Ann an siorrachd Richmond dhainmich naliberalsDonnachadh MacFhionnlaidh. Gabhaidh an da thaobh a chùis air an socair a nis gus an deigh sgaoileadh an tighe.

Chaidh fear Micheal MacFhionghain a mharbhadh ann am mèinn Bhridgeport Di-mairt an dara la deug dhen mhios. Bha e aig obair nuair a thuit meall guail air a ghrad mharbh e. Bu mhac e do Iain Mac Fhionghain air Rathad Bhridgeport, agus be an treas mac a thugadh air falbh an taobh a stigh de dhochd miosan deuga. Cha robh e ach coig bliadhna fichead a dhaois. Thatar ag obrachadh na mèinne so o chionn corr is da fichead bliadhna agus be so an ceathramh bàs a chaidh aobharachadh innte le sgiorradh. Bu bhalaich òga an triuir a chaidh a mharbhadh roimhe so.

Thachair sgiorradh aigSydney Mines,feasgar Di-haoine sa chaidh, leis an deachaidh dithis dhaoine mharbhadh agus triùir eile a dhroch leòn. Bha iad air sgàlan àrd atogail leacan iaruinn dhionnsuidh an luchd-obrach aig fear de na fùirneis. Bhrist an t-slabhraidh agus thuit an leac a bha iad aig an àm atogail, adol troimhn sgàlans gan leagail uile gu làr. Bha aon duine, Frangach dam bainm Ioseph Ehirn, air a ghrad mharbhadh, agus chaochail fear eile, Seumas Colburn, maduinn an ath latha. Bha triùir eile air an leon gu dona, agus fhuair aon fhear den chuideachd as gun dochann sam bith. Be so a cheud sgiorradh a thachair timchioll nam fùirneis so on thòisicheadh rin togail.

On thoisich an imrich as na Staidean do Chanada tha mu thri mile tuathanach air tighinn thar na crìche. Bfhiach an cuid imrich mu fhichead muillion dolair. Tha muinntir nan Staidean an iar an deigh fhaotainn a mach gur ann air taobh Chanada den chrìch a thatir agheallaidh.”

Air a bhliadhnan uiridh bha 8,976 murt air a dheanamh anns na Stàidean. Dhiùsan a bha ciontach den àireamh mhor mhurt sin, cha deach a chur gu bàs laghail ach sia ficheads a tri. Chan ioghnadh droch-bheairt a bhidol am meud nuair nach eil na ciontaich air am peanasachadh.

Fhuair Sir Wilfrid Laurier fios bho Seddon, Priomhair New Zealand, ag iarraidh gun cuireadh Canada an aghaidh a bhigabhail Shineach mar luchd-obrach ann am mèinnean Africa mu dheas. Fhreagair Sir Wilfrid gum bu chùis sin a bhuineadh do Africa mu dheas, agus ris nach gabhadh Canada gnothuch sam bith. Bha so na fhreagradh glic, dìreach a reir comhairle clag sgàin: “An rud nach buin dhut na bean dha.”


Litir a Riplidh, Ontario.

A DHEASAICHE IONMHUINNBliadhna mhath ùr dhuibh agus do uile luchd-leughaidh a MHIC-TALLA. Is math a fhuaras sibh fein agus na h-uile a tha gar cuideachadh lem pinns len cuid air son comasan litreachais agus soirbheachadh a MHIC-TALLA anns na bliadhnachan a chaidh seachad. Is feairde na h-uile a leugh ur comhairlean glice anns a MHAC-TALLA ron fhear mu dheireadh. Tha aig gach bliadhna a sgeul féin ri innseadh airdaoine acur ruinn an cùlagus mar sin is e gliocas gach neach a bhi ullamh.

Tha sinn anns a chearn so de Chanada air moran de stoirmean fhaotainn on thainig an geamhradh. Chan fhacas ons cuimhne le daoine barrachd de shneachda. Tha e cho àrd ris na h-uinneagan againn. Tha biadh gu leòr aig duines ainmhidh ach tha an connadh anabarrach daor. ’S bochd nach robh coille an uillt mhòir no beanntaibh na h-Aimhne Meadhanaich laimh ruinn. ’S mise an nach biodh le mo làmhan dubh gu muillibh le gual mar a tha iad gu tric nam biodh sin mar sin. ’S ann agam a tham farmad ri luchd mo dhùthcha aig na Caolais Chumhang no Bheaga(Little Narrows)air son cho deiseils a than connadh dhaibh— ’s be sin an connadh glan taitneachs cha ben gual dubh granda a tha cumail obair rium anigheadh phreisean is choireachan bho mhoch thràth gu feasgar.

Tha ar ministeir ag innseadh dhomh nan sgriobhadh sibh gu Tiridhe gus an Urr. D. T. MacAoidh agus feòrach dheth air son gille òg nachothional a rinn grùnd de laoidhean agus orain Ghaidhlig gun cuireadh e dorn ionnsaidh iad. Chuala e fein an gille og so gan gabhail air an t-samhradh a chaidh agus shaoil e tòrr dhiubh. Tha mi acur durn ionnsaidh da dhollar an dòchas gun ruig iad sibh gu sàbhailte aguss math an airidh orra sibh.

Is miseur bana-charaid,
CAIRISTIONA NIC AOIDH.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL II.

BHA brathair-màthar dhomh ùine fhada ann am baile Inbhirnis. Chaidh e ann an uair a bha ena ghillòg. Bhithinn gu math tric acluinntinn mo mhàthair abruidhinn ma dheidhinn. Bainneamh leis sgrìobhadh dhachaidh thun nan càirdean. Aig an àmsan dfhalbh e á taighathar, dhfheumadh daoine sia sgillinn a phàigheadh air son litir a chur do Inbhirnis as an aitesan drugadh mise. Agus mar a dhfhaodar a thuigsinn, cha robh na sia sgillinnean cho pailt ann an lamhan dhaoines a tha iad aig an àm so agus bha so air aon dhena h-aobhair a bhacumail dhaoine o bhithsgriobhadh gun càirdean cho trics bu chòir dhaibh. Ach bha aobhar eile ann a bhacumail bhràthar mo mhàthar o bhithsgriobhadh guchàirdean. An uair a bha e glé òg air son a dhol ann an ceann teaghlaich, thòisich e ri cur roimhe gum pòsadh e. Cha robh mo sheanair, no mo sheanamhair, no a h-aon sam bith eile dhe na càirdean, air son dha iomradh a thoirt air aleithid de ghnothach gun tùr, gun choltas. Cha robh e ach mu fhichead bliadhna aig an àm, agus cha robh taigh, no fearann, no rud sam bith eile aige. Ach ben t-aobhar bu mhò a bhaca an aghaidh dha pòsadh, nach robh an a bha e toileach a phòsadh, ged a bha i bòidheach, glan, sgiobalta gu leor, o dhaoine cho measailsa bhanns an àite. Bha e air fhàgail air cuid dhe na daoine on dthainig i, gun robh iad, mar a theirteadhs an àm ud, glé fhad-lamhach; sin ri ràdh, gun tugadh iad leotha rudan nach buineadh dhaibh. Is tric a bha mismaointean air na briathran a labhair mo sheanair, an uair a chuale gun robh bràthair mo mhàthar ag iarraidh gu pòsadh: “An uair a thig an t-àm dhut pòsadh a laochain, tha min dòchas gun toir thu eun á nid ghlain, agus nach smaoinich thu gu bràth tuilleadh air eun a thoirt á nead achlamhain.”

Cha duirt mo sheanair an corr ris, agus cha mhò a thug bràthair mo mhàthar freagairt dha, ged a bha e aig an àm suidhichte gum pòsadh e Mairi Bheag cho luaths a rachadh aige air bothan beag taighe a chur os cionn a chinn.

Ach is iomadh rud a bhios daoinòga an dùil a dheanamh nach tachair gu bràth. Is ann mar sin a dhéirich do bhràthair mo mhàthar. Cho luaths a chunnaic e nach tugadhathair dha cead an a bha e fhein aroghnachadh a phòsadh, chuir e roimhe gum falbhadh e as an duthaich. Dhfhalbh e gu ruige Inbhirnis, agus chuir e seachad anns abhaile sin a chuid bu mhò dhebheatha.

An ceann àireamh bhliadhnachan phòs bràthair mo mhàthar te ann an Inbhirnis. Bha i gu math na bu shinne na e fhein. Gu mi-fhortanach cha robh teaghlach aca. Agus tha e air aithris nach robh meas mor aig a mhnaoi air. Bu leatha an taigh, agus cha robh ig amharc airsan ach mar sheirbhiseach. Cha chualas e-fhein riamh ag ràdh nach robh e toilichte leis aphosadh a rinn e. Ma bha no nach robh e toilichte, chum e air fhein e. Ach chualas fathunn mu dheidhinn mar a bha na coimhearsnaich abruidhinn eatorra fhein ma dheidhinn. Is e, “am fear a bha fuireach ann an taigh bean Eoghainn,” a theirteadh gu cumanta ris. A reir mar a chualas, cha robh egabhail mòran gnothaich ri rud sam bith a bhuineadh don taigh, ged a be fhein, le còirs le ceart, fear an taighe.

An uair a bha ena fhior sheann duine, thainig e air chuairt don dùthaich, ged a bhòidich e, an lathadhfhalbh e á taighathar nach tilleadh e gu bràth gus an tigeadh e dhiarraidh Mairi, mar a bha en duil a dheanadh e an uair a dhfhalbh e. Is dòcha gun robh e air tighinn ga h-iarraidh nan dfhan i a bheag a dhùine gun phòsadh. Ach an uair a fhuair Mairi tairgse



[115]

[Vol . 12. No. 15. p. 3]

pòsaidh, cha robh guth no iomradh aice air Eoghainn. Tha e air aithris gun robh Eoghainn suidhichte gum pòsadh e i gus an cuale gun do thòisich i ri deanamh suas ri fear eile cho luathsa dhfhalbh e as an dùthaich.

Bha e leith-bhliadhna anns an dùthaich acur seachad na h-ùine ann am measg nan càirdean. Bha e mios dhen ùine sin anns an taigh againne. Bhithinn-sana chuideachd, faodaidh mi radh, o àm èirigh gu àm laidhe. Bha ena sheann duine cho fiosrach, cho glicna chomhradh, agus cho tùrail anns gach dòigh ri duine a thachair riamh rium. Bha cuimhne anabarrach math aige, agus dhinnseadh e na naigheachdan lionmhor a bhaige ann an dòigh cho soilleirs cho taitneachs nach burraiun duine gun a bhithna chuideachd.

O nach fhaca mise baile mòr riamh, bhithinn gu math tric afeòrach dheth mudheidhinn iomadh rud dhe na bhithinn aleughadh mu thimchioll nam bailtean mòra, agus suidheachadh nan daoine a bhanan comhnuidh annta. Agus thug na bha eg innseadh dhomh orm gun do thòisich mi ri smaointean nach robh dad a bfhearr dhomh na togail orm gun dàil agus a dhol don bhaile mhòr. Bha mi anns an àm atoirt orm fhin a chreidsinn gun rachadh agam air mfhortan a dheanamh anns abhaile mhòr ann an ùine gun bhith fada.

Beagan mun dfhalbh bràthair mo mhàthar as an taigh againn, on a bha mi air fàs gu math dànair, thuirt mi ris gun robh fìor thoil agam a dhol don Ghalldachd, agus dhfheòraich mi dheth, an rachadh aige air àite math fhaotainn dhomh ann an Inbhirnis.

Bha e greisna thosd, ach mu dheireadh thuirt e: “Ma ghabhas tu mo chomhairle-sa, fanaidh tu far am bheil thu gus am bi thu nas sinne, nas treise, agus nas glice na tha thu. Chaneil thu fhathast làidir gu leòr gus a dhol gu cruaidh-chosnadh. Agus ged a ni thu sgriobhadh is leughadh is cunntais cho math ri h-aon sam bith a thanns an sgoil maille riut, chaneil do Bheurla cho maths a dhfheumadh tu ann am baile mòr sam bith. Tha micreidsinn gur gann a gheibheadh tu de thuarasdal mar chléireach na chumadh biadh riut, gun ghuth a thoirt air do sheòmar a phàigheadh, agus thu fhein a chumail ann an aodach mar a dhfheumadh do leithid. Cùimhnich thusa nach ann air aran is bainne, agus air buntàtas iasg a dhfheumas tu tighinn beò ann am baile mòr sam bith. Cha bhi meas aig do mhaighstir ort mur cùm thu thu-fhein gu grinn, glan. Mur bi meas aig duine air fhein, cha ruig e leas dùil a bhith aige gum bi meas aig daoineile air. Agus their mi so riut: am feadhs a dhfheumas tu an aire mhath a thabhairt nach dean thu ana-caitheamh air do chuid airgid, co dhiubhchoisneas tu e le do shaothair fhein, no gheibh thu e o dhaoineile, thoir do cheart aire nach bi thu spiocach, oir cha bhi meas aig duine sam bith ort. Mar a thuirt duine glic, tuigseach riumsa, an uair a dhfhalbh mi as an dùthaich: “Na chùmhnas tu ann an airgiod, caillidh tu ann am meas.”

Bha mi gu mòr air mo mhealladh anns an àm an uair a chunnaic mi nach dthug bràthair mo mhàthar misneach sam bith dhomh gu falbh as an dùthaich. Cha robh mi idir atuigsinn car son nach dthug e misneach dhomh. Bha mi uine roimhe sidg am dheanamh fhin cinnteach gun tugadh e leis mi gu ruige Inbhirnis, agus, mar a theirteadh, gun deanadh e duinuasal dhiom. Ach thuig mina dheigh sid, ged a bhiodh e araon deònach agus comasach air duinuasal a dheanamh dhiom, nach leigeadh a bhean leis; oir an uair r dheug i, dhfhàg i a h-uile bonn a choisinn esan gu dìchiollach, agus a bha i-fhein acùmhnadh gach seachdain, aig a càirdean fhein.

Bha mi iomadh uair asmaointean gur ann aig mathairs aig mo mhàthair bhachoire nach dthug e misneach dhomh gu falbh as an dùthaich. Gun teagamh sam bith bha mi òg gu leòr gu falbh air murradh fhin don Ghalldachd. Agus aig an àm ud bha daoine agabhail barrachd de dhragh-inntinns de dhuilichinn an uair a rachadh an càirdean do Ghlasacho, no do Dhuneidionn, na ghabhas daoine an diugh an uair a theid an càirdean do na cearnan as iomallaiche dhen t-saoghal. Bhiodh eagal air iomadh màthair is athair aon dhen cloinn a leigeadh as an sealladh nas lugha na ghabhadh iad fastadh aig maighstir dlùth do laimh. Agus on a bu mhise bòige dhen teaghlach, bha eagal air a h-uile aon a bha staigh gun éireadh beud dhomh nam falbhainn don bhaile mhòr. Air an aobhar sin chan fhuilingeadh iad dhomh guth no iomradh a thoirt air falbh gu Galldachd.

An lathabha bràthair mo mhàthar afalbh, chomhairlich e dhomh an aire mhath a thoirt air gach obair a gheibhinn ri dheanamh anns an sgoil gu ceann bliadhna, agus gu sònraichte a h-uile leabhar a gheibhinn a leughadh gu cùramach. Agus gus misneach a thoirt dhomh, gheall e gun cuireadh e paipear-naigheachd gam ionnsuidh a a h-uile seachdain. Agus rinn e mar a gheall e.

Thug leughadh aphàipear toileachadh mòr dhomh, agus cha bann dhomhsa mhain, ach mar an ceudna don àireamh bu mhò dhe na coimhearsnaichs dhen luchd-eòlais. Fad agheamhraidhna dhéigh sid, bhiodh làn an taighe de dhaoine anns an taigh againn a h-uile oidhche ag éisdeachd nan naigheachdan a bhanns aphàipear, Anns an àm bha cogadh adol air aghart, agus ged nach robh na naigheachdan aon chuid cho fada no cho mòr fiosrachadh ris na naigeachdan a tha sinn a nis aleughadh mu chogadh bha iad air an leughadh, agus air an aithris o bheul gu beul, le aire agus le cùram a chuireadh ioghnadh air daoine air an lathan diugh.

Mun deachaidh an geamhradh seachad, dhfhàs mo mhàthair seachd sgìth de leughadh nam pàipearan. Bhiodh am taigh cho làn de luchd-céilidhs nach fhaigheadh i air aghart le snìomhs le càrdadh cho maths bu mhath leatha.

CAIB. III.

Mun deachaidh an ath shamhradh seachad, bha minntinn cho togarrachs a bha i riamh gu falbh as an dùthaich a shiubhal an t-saoghail, agus a dhiarraidh an fhortain. Chuir na bha mileughadhs na pàipearan mu dheidhinn na Galldachd, agus mu dheidhinn an fhortain a bha daoinedeanamh anns narioghachdan thalla leithid de bhrosnachadh air minntinn gu falbh as an dùthaichs nach robh an gnothach adol as maire a latha no dhoidhche. Thoisich mi ri cur romham gum falbhainn as an dùthaich ciod sam bith mar a thachradh dhomh. Bha mig am dheanamh fhin cinnteach gun rachadh cùiseam leam mar nach bolc.

Mun dinnis mi do mmhàthair gun robh mi acur romham am muighs am mach falbh as an dùthaich, sgriobh mi litir gu bràthair mo mhàthair a bhann an Inbhirnis agus thuirt mi ris, gun robh mi suidhichte gum falbhainn as an dùthaich, agus nan saoileadh e gum faighinn àite cosnaidh freagarrach ann an Inbhirnis, ged nach biodh an tuarasdal mòr, gum bfhearr leam a dhol ann na dhol do aon sam bith eile dhe na bailtean mòra.

Ann an ùine ghoirid fhuair mi fios-freagairt na litreach a chuir mi ga ionnsuidh, ach ma fhuair, cha be taghadh na taing a thug mi dhanam inntinn. Tha cuimhne glé mhath agam air an staid inntinn anns an robh mi an uair a dhfhosgail min litir. Mun do leugh mi an treas cuid dhi, thuig mi nach robh itoirt misneach sam bith dhomh. Stob minam phòcaid i, agus thug mi an cnoc orm. Ach ma thug, cha robh minntinn aig fois. Chàin is mhàb mi brathair mo mhàthar thun a bhròg. Chan fhaigheadh e ainm a bfhearr uam nam bodach mosach, spiocach, suarach.

An uair a bha mi seachd sgìthg a chàineadh, thug mi an litir as mo phòcaid, agus thòisich mi rileughadh a rithist. Sin an uair a thug min aire nach be brathair mo mhàthar a sgriobh idir i, ged a bha i air a sgriobhadhna ainm. Chaneil teagamh agam nach e lamh-sgrìobhaidh na mna a bha ann; oir bhan sgrìobhadh biorach mar bu ghnàth le boirionnaich a bhithsgrìobhadh anns an àm ud.

Ghrad ghabh mi an t-aithreachas a chionn mar a bha mig àrach smaointeanan searbha, agus mi-iomchuidh an aghaidh bhrathar mo mhàthar. Ach o nach robh fhios agam aig an àm gum feumadh ebhith cho umhail don mhnaois a bhiodh an luch fo spògan achait, bha micur barrachd coire air na bu chòir dhomh.

Bha mi iomadh lathon uair ud asmaointean air cho cunnartachs a tha e do dhaoinebhith dìteadh dhaoineile gus am bi iad làn-chinnteach gum bheil iad ciontach. Mar a than seanfhacal ag radh: “Cha dearbhadh air duinamhrus.” Agus feumaidh miràdh, gun robh mi na bu diùmbaiche dhiom fhin, a chionn gun robh mi-fhin agus brathair mo mhàthar glé mhòr aig a chéile fhads a bha efuireach anns an taigh againn. Thuig mi on uair ud gur e comhairle ghlic a thugadh orm anns an litir, ged nach do chòrd i rium.

Mar is sinnetha mifàs is ann is soilleiretha e dhomh, gum bheil na comhairlean cho glics a thugadh riamh seachad, fado bhi a réir beachdan agus smaointeanan dhaoine gu nàdarra. Agus tha so gu sònraichte fior a thaobh dhaoinòga. Than duinòg, mar is trice, glè bhuailteach air a bhith fadana bharail fhein. Tha e gann dhen fhoghlum luachmhor sin nach urrainn a bhith aig neach sam bith gus am bi e greis mhath acothachadh ri duiligheadasan an t-saoghail so. Feumaidh an duine gu nàdarrabhith air a dheanamh, ann an seadh aimsireil, foirfe tre fhulangasaibh, mar a bhan duine sin a thainig a chur eisimpleir fa chomhair sluagh an t-saoghail. Tha aig an duine, mar nacheil aig creutair sam bith eile anns achruthachadh, ris a h-uile ni a bhios feumail dha fhoghlum on lathabheirear e gus an latham bàsaich e.

Fhuair mo mhàthair am mach o chuid dhe na coimhearsnaich gun robh mi suidhichte gum falbhainn as an dùthaich gun dàil, agus mur faighinn obair a bfhearr a chòrdadh rium, gun robhnam bheachd gabhail anns an arm, nodhol gu muir. Tha e fior gu leòr gun robh enam bheachd so a dheanamh, ach bha eagal orm guth a thoirt air ri duine de mhuinntir an taighe; oir bha fhios is cinnt agam nach leigteadh air falbh as an taigh mi air aleithid de chumhnanta. Cha bu luaithe fhuair mo mhàthair fios air an rud a bhanam bheachd a dheanamh na fhuair a h-uile neach a bha staigh fios air mar an ceudna. An uair a dhfheòraich iad dhiom an robh aleithidnam bheachd, thuirt mi riutha gun robh. Thuirt iad uile rium gum bfhearr dhomh mo bheachdan amaideach a leigeadh as mo cheann, agus ceird a roghnachadh leis an cumainn mi fhin suas mar a bha gu leòr eile deanamh anns an duthaich.

Thuirt mi riutha gun robh mi suidhichte nach bithinnnam thaillear, nonam ghreusaiche, no



[116]

[Vol . 12. No. 15. p. 4]

nam ghobha, agus gun robh gu leòr aon saor a bhith ann an taigh sam bith.

Thuirt mo mhàthair gum feuchadh iad ri marsantadheanamh dhiom nan geallainn gun tugainn an aire mhath air mo ghnothach.

An uair a chuala mi so bha mi toilichte gu leòr, agus leig mi as mo cheann falbh don Ghalldachd.

Ann an ùine ghoirid chuir mo bhràthair fear dhe na seòmraichean a bhanns an taigh ann an ordugh air son bùthadh. Fhuaradh dhachaidh beagan de gach seòrsa bathair a bha freagarrach air son an àite. Agus, mar a tha gu tric atachairt, thainig mòran de luchd-ceannaich far an robh mi. Bha cuid dhiubh aig an robh airgiodnan laimh, agus bha cuid eile aig nach robh.

Neo-ar-thaing nach robh mi math gu leòr gu reic aig achunntair; ach an àm togail nam fiach cha robh feum sam bith annam. Ghealladh na droch phàighearan mo phàigheadh aig aleithid sos aig aleithid sid a dhàm; ach mar a than seanfhacal ag ràdh, cha robh ann achgealltanas math is droch phàigheadh.” Thuig na bha de dhroch phàighearan anns an àite gun robh mi cho bogs cho socharachs gum faodadh iad brath a ghabhail orm. Agus rinn an àireamh bu mhò dhiubh sin; oir tha mòran dhe na fiachan gun togail fhathast, agus bithidh gu bràth.

An uair a a thigeadh na cunntaisean dhachaidh o mharsantan Ghlasacho, dhfheumteadh am pàigheadh. Mur biodh agamsa na phàigheadh iad, bheireadh mathair, no mo bhràthair a bhana shaor, airgiod an iasad dhomh. Ach tha amhrus làidir agam nach do phàigh min t-iasad dhaibh mun do sguir mi dhen mharsantachd.

An ceann bhliadhna thuig sinn uile nach deanadh amharsantachd feum dhuinn. Tha micreidsinn gun do chuir i call oirnn ann an dòigh no dhà. Anns acheud àite, bha na fiachan a bha muigh gu math na bu mhò na na rinneadh de bhuanachd. A rithist dhfheumadh an tomhas a bheirteadh seachad a bhith mòr. Dhfheumadh an smèideadh a bhiodh le ceathramh an unnsa dhen a bhith cho mòr ris an smèideadh a bhiodh leis achairteal . An uair a thigeadh bean a cheannach beagan shlatan anairt, dhfheumadh i leith-chromadh, air achuid bu lugha, ’fhaotainn leis an tomhas. Agus bha gach rud eile a bha mireic ri bhith air a reic anns an dòigh cheudna.

Rud iongantach, thòisich an àireamh bu mhò dhe na seana mhnathan a bhiodh atighinn a cheannach don bhùthaidh ri sloinneadh achàirdeis a bhaca ri mo mhàthairs ri mathair. Mas fhior na bha iad ag ràdh, bha iad uile anns na h-iar-oghachan dhuinn. Agus an uair a thòisicheadh iad mar so ri sloinneadh achàirdeis, dhfheumteadh a dheanamh dhaibh. Ged nach robh mo mhàthair acreidsinn an dàrna leith dhe na bha iad ag radh rithe, bu leasg leatha facal a chur nan aghaidh. Agus an uair a gheibheadh iad an ri h-òl, dhfheumadh iad làn an duirn fhaotainn gus a thoirt leotha a bharrachd air na cheannaicheadh iad uamsa.

Tha aon rud sònraichte ann air an do ghabh mi beachd, agus a dhfheumas mi innseadh mun tèid mi nas fhaide air aghart le mo sgeul. Is iomadh uair a bha mismaointean air on a thainig mi gu aois, agus tha amhrus làidir agam gum bheil acheart leithid atachairt aig gach àm agus anns gach àite. Be so e: a h-uile fear is bu chràbhaiche na chèile, biad bu charaichenan dòighean, agus bu mhiosa gu pàigheadh. Leis acholtas dhiadhaidh a bhiodh orra, shaoileadh fear a beòlaiche air gnothaichean sluagh an t-saoghail na mise, gum faoidteadh rud sam bith earbsa riutha, agus am facal a chreidsinn. Ach air mo chosg fhin, fhuair misemach nach ann rim faicinns rin cluinntinn is còir daoine ghabhail idir. Aig an àm ud, cha robh mi comasasach air dealachadh a chur eadar cràbhadh agus fìor dhiadhachd. Ach tha min diugh beagan nas glice agus nas eòlaiche air nàdar dhaoine na bha min uair ud. Mar a than seanfhacal ag ràdh: “Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein.”

Thug mi aire on uair ud nacheil seòrsa dhaoine ann as mealltaiche na na daoine air am bheil cleòchda na diadhachd. Air sgàth deadh choslais, ni iad altachadh agus ùrnuigh nas fhaide na daoineile; labhraidh iad mòran mu dheidhinn iomadh gnothach a bhuineas don bheatha spioradail, am feadhs a tha iad fhein tur falamh dhi. Tha iad ann an iomadh dòigh coltach ris na Pharasaich o shean. An àite èisdeachd a thoirt le aire agus le cùram do bhriathran nan daoine naomha sgrìobh o shean mar a bha iad air an teagasg leis an Spiorad Naomh, is fhearr leotha geill a thoirt do bhriathran nan daoine a tha gu tric ag iarraidh an glòir fhein a mheudachadh, agus chan i glòir Dhé.

Is tric a bha mismaointean air dòigh nan daoine cràbhach so. Tilgidh iad dhiubh air feasgar na Sàbàid cleòca na diadhachd, dìreach mar a thilgeas iad dhiubh an deise ghrinn, ghlan a bhios orra anns an t-searmon. Anns amhadainn Di-luain, chan aithnichear orranan cainnt nonan gniomh, ann an co-cheangal ri gnothaichean an t-saoghail so, gun do leugh iad riamh facal an Tighearna, no gun cualiad e air a shearmonachadh. Tha iad cho gionaich gus iad fhein a riarachadh agus a shàsachadh le nithean toirmeasgte na beathas ged nach cluinneadh iad leughadh, no ùrnuigh, no searmon riamh. Achna dhéidh so gu léir, an uair a thachras dhaibh a dhol do thaigh na trioblaid agus abhròin, cuiridh iad aghaidhean fadorra fhein; ni iad osnaich is ochanaich gu leòr, agus leis na labhras iad de bhriathran cràbhach, shaoileadh daoine nach robh glé eòlach air an dòighean, agus aig nach robh ri bhithdeanamh gnothaich riutha, nach robh daoine eile anns an dùthaich a leith cho math riutha.

(Ri leantuinn.)


Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL VIII.

AN deigh dhuinn an stad so a dheanamh, ghabh sinn romhainn mu dheas gun stad fad deich no dusan latha. Bha sinn acaomhnadh abheidh cho maths aburrainn duinn, on a bha na bhagainn air bord afas gu math beag. Agus cha robh sinn adol gu tir ach an uair a bhiodh feum againn air uisge.

Bha mi cur romham gun ruiginn amhainn Ghambia, no amhainn Shenegal, sin ri radh, aiteiginn dluth air Ceap de Verd, far an robh min dochas gun tachradh long rium a bhuineadh don Roinn-Eorpa. Mur tachradh long rium, cha robh fhios agam ciod an taobh air an tugainn maghaidh, mur feuchainn ri amas air na h-eileanan, ar neo basachadh am measg nan daoine-dubha. Bha fhios agam gun robh a h-uile long a bhaseoladh as an Roinn-Eorpa gu ruige Guinea, nodol do Bhrasil, no do na h-Innsibh an Ear, adol seachad air aCheap so, no air na h-eileanan. Agus a dhaon fhacal, bha migam dheanamh fhin cinnteach, mur cuireadh am fortan longnam rathad, nach robh romham ach am bas an uine gun a bhith fada.

An deigh dhomh a bhith seoladh mu dheas fad dheich latha, mar a thubhairt mi, thug mi an aire gun robh daoinefuireach anns an aite. Agus a dha no tri dhuairean mar a bha sinn aseoladh seachad, chunnaic sinn daoinenan seasamh air achladach ag amharc oirnn. Mhothaich sinn gun robh iad cho dubh ris an fhitheach, agus gun robh iad cho ruisgtes a rug am mathair iad.

Bha car de thoil agam a dhol gu tir far an robh iad; ach is ann aig Shuraidh a bhachomhairle a bfhearr, agus thuirt e: “Cha teid, cha teid.” Ach air a shon sin, chaidh mi cho dluth don chladachs gun robh mi an aite bruidhne riutha, agus thug mi an aire gun robh iad aruith ri cois achladaich, mar a bha sinn aseoladh gu socrach air aghart.

Thug min aire mar an ceudna nach robh airm sam bith acanan lamhan, ach aig aon fhear aig an robh rud coltach ri bata fada caolna laimh. Thuirt Shuraidh rium gur e bhann sleagh, agus gun tilgeadh iad i air astar fada, agus gun cuimisicheadh iad gle mhath leatha. Mar so, chum mi na bfhaide air falbh o thir. Ach bha mifeuchainn cho maths a burrainn domh ri thoirt orra a thuigsinn le bhith smeideadh orras adeanamh samhlaidhean le mlamhan, gun robh feum agam air biadh. Thuig iad mi, agus smeid iad orm, stad leis abhata gus an tugadh iad biadh ugam. Thug mi nuas an seol beagan, agus stad mi. Ruith dithis dhiubh suas an duthaich, agus an ceann leith uair, thainig iad air ais agus da phios de dhfheoil thiormaichte aca, agus beagan dhen t-seorsa grain a thafas anns an duthaich. Cha robh fhios againn ciod e an seorsa bhann a h-aon dhiubh; ach air a shon sin, bha sinn toileach an gabhail. Ach bi acheisd, cia mar a gheibheamaid air bord iad; oir cha robh mise toileach a dhol gu tir far an robh iad, agus bha iadsan acheart cho mor fo eagals a bha sinne. Ach ghabh iad doigh a bha gle shabhailte dhuinn taobh air thaobh, oir thug iad am biadh ugainn gu oir na tuinne, agus an uair a chaidh iad astar math suas on chladach, sheas iad gus an dthug sinn am biadh gu bord, agus an sin thainig iad dluth dhuinn a rithist.

Dhfheuch sinn ri thoirt orra thuigsinn gun robh sinn gle thaingeil dhaibh, oir cha robh rathad againn air dad a thoirt dhaibh mar phaigheadh. Ach fhuair sinn cothrom anns acheart am air comain mhor a chur orra. Am feadhs a bha sinn dluth air achladach, thainig da chreutair mhora nan cruaidh dheann a nuas o na beanntan thun na mara. Bha aon diubh aruith an deigh an aoin eile, bha sinn asmaointean. Co dhiubh a bha iad ri cluich, no ann am feirg, cha burrainn duinn a radh. Agus cha mho a bha fhios againn an robh e cumanta do chreutairean dhen t-seorsa bhith ruith an deigh a cheile, no nach robh. Ach tha mi creidsinn nach robh; do bhrigh, anns acheud aite, nach tric le creutairean fuileachdach dhen seorsa tighinn am follais, ach air an oidhche; agus, anns an dara aite, thug sinn an aire gun do ghabh an sluagh eagal mor rompa, gu h-araidh na mnathan. Theich na h-uile air falbh uapa, ach am fear aig an robh an t-sleagh.

Cha dthug an da chreutair so suil air na daoine dubha, ach leum iad am mach air amhuir, agus shnamh iad mun cuairt mar gum biodh iadg an toileachadh fhein. Mu dheireadh, thoisich aon dhiubh ri tighinn gu math dluth air abhata, ach bha mise deiseil air a shon, oir chuir



[117]

[Vol . 12. No. 15. p. 5]

mi urchair anns aghunna cho cabhagachs a burrainn domh, agus dhiarr mi air Shuraidh urachair a chur anns an da ghunna eile. Cho luaths a thainig e dluth gu leor dhomh, loisg mi air, agus chuir mi am peilleir anns acheann aige. Chaidh e fodha anns amhionaid, ach ann an uine ghoirid, thainig e an uachdar, agus bha edol fodhas atighinn am barr mar gum biodh e stri ri a bheathaghleidheadh. Thug e anns amhionaidaghaidh air achladach; ach eadar cradh an lot bhasmhor a fhuair e, agus mar a bhan t-uisgega thachdadh, fhuair e bas beagan mun drainig e tir.

Tha e neo-chomasach dhomh cainnt a chur air an uamhann a ghabh na creutairean bochda an uair a chualiad fuaim na h-urachrach. Bha cuid dhiubh fo eagal cho mors gun do thuit iad sios mar gum biodh iad marbh leis an eagal. Ach an uair a chunnaic iad gun robh an creutair marbh agus air a dhol fodha, agus gun robh mi smeideadh orra gu tighinn thun a chladaich, ghabh iad misneach, agus thainig iad thun achladaich, agus thoisich iad ri sireadh air son achreutair. Fhuair mi dhaibh e leis mar a bhan fhuil atighinn gu barr an uisge. Chuir mi ropa timchioll air, agus an uair a thug mi ceann an roip do na daoine dubha, tharruinn iad gu tir e, agus chunnaic iad gur e liopard a bhann, agus gun robh e cho briaghas cho ballachs a burrainn a bhith. Thog iad suas an lamhan mar chomharradh gun robh ioghnadh orra cia mar a mharbh mi e.

Ghabh an creutair eile eagal an uair a chunnaic e lasag an fhudair agus a chuale fuaim na h-urachrach, agus an uair a shnamh e gu tir ruith e suas do na beanntan as an dthainig e, agus cha burrainn domh a dheanamh am mach ciod an creutair a bhann.

Thuig mi gun dail gun robh na daoine dubhadol a dhitheadh feoil achreutair so, agus mar sin bha mi toilichte gun gabhadh iad uam e mar fhabhar. An uair a leig mi ris dhaibh gum faigheadh iad e, bha iad gle thaingeil.

Anns amhionaid thoisich iad rifheannadh, agus ged nach robh na bfhearr de sgionan aca na bioran biorach maide, cha robh iad fada atoirt dheth abhein. Bha iad na bu ghiorra ris na bhiomaide le sgionan.

Thairg iad pairt dhen fheoil dhomhsa, ach cha ghabhainn i. Bha mileigeadh orm gun robh mig a thoirt dhaibh mar ghean-math. Ach leig mi ris dhaibh gun gabhainn am bian uapa; agus thug iad dhomh e gu toileach. Thug iad cuid mhath de bhiadh do mionnsuidh; ach ged nach burrainn domh adheanamh am mach ciod an seorsa beidh a bhann, ghabh mi uapa e.

An sin leig mi ris dhaibh, le aon dhe na pigeachan a chur air a bheul fodha, gun robh sinn air fas gann de dhuisge, agus gum bu math leam gun lionadh iad dhomh e. Ghairm iad anns amhionaid air cuid dhen cairdean, agus an uine gun a bhith fada thainig dithis boirionnach le soitheach mor creadha, agus a bha a reir choltais air a thioramachadh le teas na greine. Chuir iad an soitheach so aig achladach dhuinn, mar a rinn iad roimhe, agus chuir mi Shuraidh gu tir leis na pigeachan, agus lion e na tri. Bha na boirionnaich dearg ruisgte mar a rugadh iad.

Bha nis pailteas agam dhen t-seorsa beidh a thug na daoine dubha gu caoimhneil do mionnsuidh. Sheol mi air aghart fad aon latha deug gun dol an coir cladaich. Mu dheireadh thug mi an aire gun robh am fearann aruith am mach don chuan cho fada ri dusan no coig mile deug. Agus on a bhan t-side ciuin, agus am muir lom shuidhich mi mo chursa air gob an rudha so mu shia mile o thir, agus thug mi an aire gu soilleir gun robh fearann an taobh am muigh dhiom. Agus thuig mi gum be Ceap de Verd an rudha mor a bhair mo laimh chli, agus gum be am fearann a bha mifaicinn air mo laimh dheis Eileanan Cheap de Verd.

Ach bha na h-eileanan so astar mor air falbh, agus cha burrainn domh a radh ciod a bfhearr dhomh a dheanamh; oir nan eireadh aghaoth tuilleadh is ard, is docha nach burrainn domh tir a dheanamh dheth air aon taobh no taobh eile. O nach robh fhios agam ciod a dheanainn, bha mi gle dhubhach. Thug mi an stiuir do Shuraidh, agus chaidh mi don chabin, agus shuidh mi. Cha robh mi fadanam shuidhe an uair a chuala mi am balach aglaodhaich. “A mhaighstir, a mhaighstir, long agus seol rithe!” Bham balach bochd gus a bhith marbh leis an eagal, oir bha e smaointean gur e te de loingeis ar maighstir a bhann atighinn air ar toir. Ach bha fhios agamsa gun robh sinn far nach ruigeadh iad oirnn.

Leum mi am mach as achabin, agus anns amhionaid chunnaic mi an long, agus dhaithnich mi gur e long a bhinnte a bhuineadh do Phortugal, agus bha mismaointean gun robh idol gu ruige Guinea a dhiarraidh dhaoine dubha. Ach an uair a ghabh mi beachd ceart air achursabha i gabhail, thuig mi gun robh i dol rathad eile, agus nach tigeadh i na bu dluithe orm na bha i. Thog mi am mach ris achuan cho maths a burrainn domh, agus chur mi romham gun ruiginn iad agus gum bruidhninn riutha nan rachadh agam air.

(Ri leantuinn).

[Dealbh]
CRUSOE AGUS SHURAIDH ATEICHEADH A SALLEE.


Tha obair-iaruinn Londonderry air a cur a dhobair a rithist an deigh dhi bhi na tamh còrr is seachd bliadhna. Chaidh leaghadh beag a dheanamh air an deicheamh latha den mhios; rinneadh an leaghadh mu dheireadh roimhe sin ann an September 1896. Tha muinntir a bhaile agus na dùthcha mun cuairt gle aoibhneach, agus chan ioghnadh, oir thainig air iomadh teaghlach an dachaidh fhàgail nuair chaidh an obair a chur natàmh.


COINNEAL.

Cia minic a chuirear coinneal nan aingidh as?”

Ann an aon seadh, faodar beathan duine air an talamh a shamhlachadh ri coinneil. Chunnaic sinn uile iomadh seòrsa choinnlean; agus tha fhios againn gum bheil cuid dhiubh beag, agus cuid eile mor. Mairidh cuid dhiubh nas fhaide na cuid eile, ach teirigidh iad uile luath no mall. Is iad an fheadhainn as fhearr stuth dhiubh gu nàdarra as fhaidemhaireas. Ach mar a tha fhios againn gu léir, bidh an ùine a mhaireas na coinnlean a réir acheartais a gheibh iad. Ma gheibh achoinneal as fhearr a rinneadh riamh droch ceartas, cha mhair i cho fads bu chòir dhi. Ma bhios tufalbh leatha air feadh an taighe le cabhaig, no ma chuireas tu i ann an àite anns am bi aghaoth acur tuilleadhs achòir de dhragh oirre, cnàmhaidh i mòran nas luaithe na chnàmhadh i nam biodh i air a fàgail gun charachadh ann an àite anns nach cuireadh aghaoth dragh sam bith oirre. Ach ciod sam bith cho math agus cho sabhailtes gum bi an t-àite anns an cuir thu i, tha fhios agad gun teirig i an uair a thig an t-àm, agus nacheil e an comas do chumhachd air an t-saoghal a cumail beò eadhon tiotadh nas fhaide.

Faodaidh achoinneal bheag nacheil air a deanamh de stuth a tha buan gu nàdarra, mairsinn nas fhaide nan te a tha nas agus nas fhearr stuth na i, ma gheibh i aire mhath. Agus rud eile dheth, faodar coinneal sam bith a shéideas as le anail duine, no le oiteag làidir dhen ghaoith, fada roimhn àm anns an tigeadh crioch oirre gu nàdarra. Tha sinn uileg a thuigsinn agusg a chreidsinn so, agus a nis bheir sinn fa near ciod a dhfhaodas sinn fhoghlum uaithe mu thimchioll buantas beathan duine air an talamh. Tha mòran dhaoine anns an t-saoghal a thacreidsinn gum bheil a h-uile neach a tha falbh as an t-saoghal, afalbh as air acheart mhionaid a dhòrdaich Dia gun tigeadh crioch air a bheatha. Chaneil facal Dhé ateagasg dhuinn geill a thoirt don bheachd so idir. An uair a chruthaich Dia sinn, shuidhich e latha air an robh ar beatha gu tighinn gu crìch, agus thairis air an latha sin cha teid sinn. Ach ged nach dòrdaich Dia gum falbhadh daoine as an t-saoghal gus an tigeadh an t-àm a shuidhich e fhein, gidheadh, cheadaich e do dhaoine am beatha fhein agus beatha dhaoin eile thoirt air falbh roimhn àm a shuidhich e. Chan abair duine sam bith anns am bheil tur is tuigse gur e Dia a dhòrdaich do na mortairean beatha dhaoinethoirt air falbh, agus cha mhò na sin a dhòrdaich e do dhuine sam bith lamh a churna bheatha fhein. Tha dealachadh mòr eadar òrdachadh agus ceadachadh. Cheadaich Dia don pheacadh tighinn a steach don t-saoghal, ach cha dòrdaich e idir e.

Tha iomadh dòigh ann leis am faod daoine am beatha fhein a ghiorrachadh, direach mar a tha iomadh dòigh ann leis am faodar achoinneal a chur as, ar neo a cosg ann an ùine gle ghoirid. Tha beatha dhaoine air a giorrachadh le fliuchadh, le fuachd, le biadh mi-fhallainn, le taighean mi fhallainn, le misg, le mi-bheus, agus le iomadh gné ana-miann sgriosal eile. Ach mar is trice, is fhearr le daoine achoirechur air freasdal Dhé, agus air olcas dhaoìneile, na orra fhein.



[118]

[Vol . 12. No. 15. p. 6]

Ann an seadh spioradail tha mòran dhaoine mar an ceudna, ’cur na coinnle as le mi-chùram. Theid achoinneal as mur bi an t-àile glan anns am bi i. Agus na daoinetha air an cuartachadh le neo-ghlaine, le truaillidheachd, agus le iomadh olc eile, tha iad ann an seadh aimsireil agus spioradail abasachadh beag air bheag len coire fhein. “O Israeil, sgrios thusa thu-fhein, ach annamsa tha do chobhair.”

Oir an taobh am muigh tha madraidh, agus luchd-draoidheachd, agus luchd-strìopachais, agus luchd-mortaidh, agus luchd-iadhol-aoraidh, agus gach neach a ghràdhaicheas agus a ni breug.”


OIDHCHIASGAICHSA CHAIRIDH.

LE AONGHAS MAC FHIONGHAIN.

Air feasgar breagh foghair thainig Dòmhnull mac Eoghainn far an robh aon dhechoimhearsnaich, Ailean mac Dhonnachaidh, a dhiarraidh iasaid a dhiasg-ùir air. Thubhairt Ailean nach robh deargadh de iasg-ùir taobh a stigh a thighe bho cheann iomadh latha. Ben cleachdadhs aGhàidhealtachd aig an àm ud a bhig iarraidh iasad de rud sam bith, mar a bha min, iasg, im, feòil, salann, tea, agus siùcar, gus am pàidheadh iad air ais e an deigh-làimhe.

Thubhairt Domhnull ris gun robh e mach ag iasgach leis na lìn bheaga dhà no tri lathaichean air an t-seachduin a chaidh seachad, agus nach dfhuair e ceann éisg; “ach,” arsesan, “tha mi faicinn comhlan mòr de dheòinan ceann an loch fad an latha so ag eirigh àrd air an sgiathan, ’s adol fodha domhains amhuir; feumaidh gum bheil iasg air chor-eigin annsgadan, tha mi dearbh chinnteachoir cha ghabh sgadain air dubhain oir nam bitheadh iasgs am bith eiles an loch, bha mi cinnteach air rud-eigineach fhaotainn dheth. Ciod e do bharail Ailein, an téid sinn don Chairidh an nochd?”

Cuin a bhios achairidh traighte, a Dhonnachaidh?” thubhairt Ailean.

Stad gus an smuainich mi,” thubhairt Dòmhnull. Thug e sùil air achladach, a bha dlù orra, agus thubhairt e, “Tha en drasda dlù air muir-tràigh; bithidh achairidh ris air an ath mhuir-tràigh, aig , uairs amhadainn.”

Thubhairt Ailean, “Tha mi aonaichte ri dhol leat; achs còir dhuinn iarraidh air cuid dhe na coimhearsnaich a dhol còmhruinn.”

Tha mi glé dheònach,” thubhairt Dòmhnull. Aguss ann mar sin a rinn iad. Chaidh iad chum nan coimhearsnaich. Chaidh an dream òg gu toileach leo. Chruinnich còrr as dusan aig tigh Dhòmhnuill, mu uairs amhadainn. Bha mu dhà mhile ri choiseachd gu ceann an loch. Tharruing iad air falbh còmhla, gach aon le sgùlan aige, a bhair a dheanamh le slatan calltainn, agus seann phoca mine no seann phoca anns am biodh gràn.

Chum iad air an aghaidh le cridhealas am measg a chéile, gu h-araidh an òigridh, gus an dràinig iad mullach abhruthaich, mu mhile bhon bhaile. Thug mi sùil am dhéigh air na tighean, oir bha mi-fhein air aon den chuideachd. ’S e àm gealaich a bha ann. Cha robh neul dubh no geal air na speuran fad mo sheallaidh, air chors nach mòrs nach robh e cho soilleir ris an latha. Cha robh solus ann an uinneag no ceò bhàrr tighe, ’s cha robh ach beagan a dhùin na dorsan. Bha h-uile creutairs an àite marbh ann an suain-chadail. Cha robh aon tinn, euslainteach, no ciùirrte; cha robh fiamh roimh reubainn no roimh mhéirleach; cha ruigeadh iad a leas, oir cha robh eòlas aca air a leithid de rud ach caoimhneas agus neo-chiontas measg a chéile, meas air soisgeul agus fìrinn. Bha aoradh-teaghlaich a h-uile oidhche aig achuid a bu mhotha dhiubhg a chumail.

Ràinig sinn, mu dheireadh, ceann an loch; shuidh sinnam bràigh achladaich; cha robh balla na cairidh fhathastam fradharc; thòisich sinn air sgeulachdan agus òrain, acur na tìm seachad. “Siuthad, ’Anna, gabh òran!” thubhairt aon de na gillean ri dhe na h-igheanan. Thubhairt Anna, ’s itoiseachadh

Fhir nan calpannan troma,
Chum thuchoinneamh glé òg rium;
A fhleasgaich ùir, leanainn thu,
Fhir achùil bhòidheich,
A fhleasgaich ùir, leanainn thu!

S mi gun rachadhn ad choinneimh
Air mo bhonnan gun bhrògan.
A fhleasgach ùir, &c .

Fhir nan calpannan gle gheal,
As do dhéigh tha mi brònach;
A fhleasgaich ùir, &c .”

An uair a bha Anna deas dheh-òran, dhiarr h-aon den chuideachd air Iain beag mac Lachlainn òran a ghabhail, ’s ghabh en seann oran a leanas:—

Shaorainn, shaorainn, shaorainn i,
Air mfhacal fhéin gum faodainn sin,
Ged theireadh cuid nach saoileadh e
Gun saorainn Màiri ghreannmhor.

Gun saorainn fhein gun teagamh i,
Geds tric a bha mibeadradh rithe
S nach diarr mi ni neo-fhreagarrach
Nach freagradh dhomhbhicainnt innt’ .”

S gann a bhan t-oran deasnuair a ghlaodh Dòmhnull mac Eòghainn gu robh balla na cairidham fradharc. Thòisich iad air iad-féin a sgioblachadh gu dol a machsan t-sàl, na boirionnaich acrioslachadh an aodaich mam meadhoin le crios no sreangg an cumail suas. “Bheil thufaicinn sud?” thubhairt Dòmhnull le cabhaig.

Ciod e a thann?” thubhairt h-aon eile.

Thà, sgadan acluich gu tiughs achairidh thubhairt e;” oirs ann air a chairidh agus an sgadan a bha aire Dhomhnuill, ’s chan ann air an cuid ciùil.

A mach ghabh h-uile h-aon diubh len cuid sgùlan cho luaths a bhaca. ’S ann an sud a bhan ùbraid, acoiseachd, acumail nan sgùlan fodha rompas an t-sàl, agus an sing an togail gu h-ealamh le lain sgadain, ’s a sin aruith gu tir, ’s adeanamh dùin dhaibh-fein air leth, air an fheur ghlas.

Leanadh iad mar sin gus mu dheireadh a bha iad asmuaineachadh gun robh gu leòir aca dheth. Bhiodh iad an sin fad na madainng a ghiùlan dhachaidh anns na pocannan air an druim. ’S ann an sin a bhiodh an obair fad latha no dhà, aglanadh agus asailleadh. ’S docha gum bitheadh aig a h-uile teaghlach dheth na dheanadh dhaibh gu deireadh an Earraich. ’Nuair a bhiodh iad deas dhen glanadh agus an sailleadh, bha iad an sin aleaghadh nam mealgan, air son ùilleidh a chumail ris na crùisgeinean ri oidhcheanan fada agheamhraidh.

Cha bhiodh a leithid so a dhiasgach acag a fhaotainn ach ainmig— ’s dòcha uair no dhàsa bhliadhna. Bhan dòigh-iasgaich so gun bhacadhs an àm ud. Bhan sluagh na bu lìonmhoire, air chors gun robh am Freasdal caomh féin adeanamh an ullachaidh so dhaibh. Tha en diugh an aghaidh an lagha a bhi togail chairidhean nobhig iasgach orra. Tha e coltach an uair a dhfhalbh an sluagh gun dfhalbh an sgadan o iomadach aite dhen Ghàidhealachd, gu h-àraidhs na lochan beaga. Tha còrra àite anns am bi e ra fhaotainn ann am pailteas, ach ann an doimhneachd cuain far nach urrainn na daoine leis na sgothan beag fhaotainn le dhà no tri de lìn.

Cho luaths a tha na bàtaichean mòra atogail na lìn, tha iad atarruing air falbh leis an sgadan gu cala far am bheil bataichean na smùide non t-each-iaruin gu tarruing air falbh leis gu bailtean mòra na h-Alba agus Shasuinn. ’S ann glé ainmig a gheibh bochdan na dùthcha e nise, ach nach tròcaireach gum bheil stòr mòr achuain saor do na h-uile creutair!


LITIR A CUL NA BEINNE.

Bliadhna mhath ùr don MHAC-TALLA. Air dhomh a bhi gu tric a leughadh an aon phaipeir naigheachd Gàilig is aithne dhomh agus agabhail mór thlachd anns na litrichean a tha nochdadh bho àm gu àmsan deagh phaipeir, bha maire air a glacadh gu sònruichte le Peigidh Phabach, chan ann a chionn gum bheil mi am barail gum bheil a cuid litrichean nas fhearr no nas bochda na feadhainn eile, oir chaneil migabhail orm fhein a bhith am bhreitheamh air daoine a tha moran nas fhearr na mi fhein. ’S e an ni gu sònruichte a tharruing maire ann an litrichean Peigidh an t-iomradh a bha ideanamh air mo sheann charaid Donnachadh Ruadh.

Saoilidh mi gum bheil e nàdarra do dhuine, ’nuair a thig e gu bhi aosda, a bhi araon a cuimhneachadh air na daoine a dhfhalbh agus a bhi gabhail beachd air a mhuinntir a tha òg. Seadh, ma ta. Tha Peigidh ag radh gur math a baithne dhise Donnachadh còir. Cha baithne do dhuine riamh gu done. Be sin an duine aoidheil, toilichte, air nach fhacas riamh ach ainneamh gruaim. Dheanadh e òran, ged nach robh iarraidh sam bith aigair ainm am measg nam bàrd. Bha iomadh latha trioblaideach aigena bheatha, ach cha bann gearaineach no frionasach a bha e. Bha creideamh aige ann an Dia, agus bha e creidsinn gun oibrich na h-uile nithean chum math don dream aig am bheil gràdh do Dhia.

Ach càit an robh Donnachadh Ruadh a chòmhnuidh? Mata innsidh mi dhuibh càit an robh efuireach. Mar a thig neach a mach as a bhaile mhor (Sidni) air an rathad ris an canar rathad Charibu Marsh, mu cheithir mìle gu leth a mach as a bhaile thig e gu rathad a tha dol an earsan ear-dheas. Leanaidh en rathad sin mu mhìle. Thig en sin gu maoladh àrdgleann sios don àirde deasloch bhriaghaig bonn a ghlinne. Stad air mullach an aonaich. Tha sinn a nis air Cnoc Cuithein. Co an tigh a tha shios air a chòmhnard taobh an ear an rathaid? Sin an tigh anns an do chriochnaicheadh laithean Dhonnachaidh. Tha bantrach Dhonnachaidh an sin fhathast, na seana mhnaoi air am bheil mor mheas aig na coimhearsnaich. Tha a mac a fuireachsan tigh agus e fheinna Dhonnachadh Ruadh. Co an tightha air taobh an iar an rathaid? Sin mac eile de Dhonnachadh. Thall mu ar coinneamh tigh mic eile. Aireamh de thighean thallsa bhos, co tha fuireach annta? Tha iad uile air an àiteachadh le clann is oghachan Dhonnachaidh Ruaidh. Ciod a tha air, a charaid, ach an sgoil a thasa choimhearsnachd anns am bheil àireamh mhath de chloinn, tha iad uile nan oghachans nan iar-oghachan do Dhonnachadh Ruadh, ach a mhàin aon teaghlach.

Mur be cho fadasa tha mo litir, chuirinn ugaibh cuid de chuid òran. Ach innsidh mi dhuibh duan calluinn a rinn e:—

Cia mar a ni misan Nollaig
Mar thoileachadh do mo phàisdean?
S gun teid an stòiri feadh na dùthcha,
S theid i null an Nor’ -west-arm:
Cluinnidh Donnachadh bàn, an Ceisteir,
S nuair thig ethigh Illeasbuig Phàdraig,
Is a chi e Donnachadh Ruadh,
S dualach gum faigh echàineadh.

Is mi bhur caraid,
BODACH CUL NA BEINNE.
An cóigeamh latha de Ianuari, 1904.



[119]

[Vol . 12. No. 15. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Mar is àirde suidheachadh duine anns an t-saoghal is ann is a tha cùram agus iomaguin an t-saoghail acur dragh air. Is glé ainneamh leis cadal sèimh fhaotainn air an oidhche. Ach than duine bochd a thag obair gu trang fad an latha acadal gu socrach, sàmhach, ma bhios slàinte aige fheins aig a theaghlach. Is fior an seanfhacal a thag ràdh: “Mar is lugha do chuid, is ann is lugha do chùram.”

An uair a than droch nàdar ariaghladh air cathair a chridhe, tha tùr is reusan air an saltairt fo na casan. Agus tha e gu tric atachairt gum bheil daoine air am brosnachadh nas gu feirg an uair a thoisichear ri reusanachadh riutha; agus an rud nach urrainn daibh a dheanamh le còir, feuchaidh iad ri dheanamh leis an eucoir.

Chaneil dòigh sam bith as fhearr gu casg a chur air corruich dhaoine na labhairt riutha gu ciùin, sìobhalta. Tha e sgrìobhte gun till freagradh mìn corruich. Ma fhreagras sinn le corruich an duine a thalabhairt ruinn le corruich, tha sinn coltach ri duine a bhiodh afeuchainn ri teine bhàthadh le bhithdòrtadh olla air, no ri duine a bhiodh afeuchainn ri teine a chur as le bhithga shior shéideadh.

Ge be neach leis an àill ionnsachadh a bhith math gu labhairt, feumaidh en toiseach ionnsachadh a bhith math gu éisdeachd.

Ma tha daoinenochdadh caoimhneis agus fàbhar dhuinn, is còir duinn ar taingealachd a nochdadh dhaibh anns gach dòighnar comas. Tha moran ann a ghabhas fàbhar aig gach àm, ach nach nochd an taingealachd aig àm sam bith.

Bu choir an t-iasad a chur dhachaidh agaireachdaich.

Bu dual do isein an ròin a dhol thun na mara.

Bonnach air bois, cha bhruichs cha loisg.

Di-luain abhreabain.

Eadar fheala-dhas a rìreadh.

Eirigh tonn air uisge balbh.

Fad a choise don laogh, ’s fad an taoid don chuilein-choin.

Faodaidh car sealltainn air righ.


POSADH.

Aig a Bhras dOr Mhor, air an dara la deug den mhios so, leis an Urr. D. Drummond, Caiptean Domhnull Caimbeul is Barbara Anna, nighean Chaiptein Uilleim Mhic-an-leigh.


Iadsan a Phaidh.

Micheal I Mac Neill, Baoghasdal
Caitriona Nic Iomhair, na Caoil Bheaga
Bean Dhughaill Bheutoin, Eas Ghlinnóra
Lachuinn Mac Cuaraidh, Abhainn Mheadhonach
Alasdair Beuton, N E Mabou
Anna S Nic Fhionghain, Inbhirnis
Aonghas Mac Gilleathain, Catalone
Tormaid Mac Leoid, Bàgh Hogamah
Uisdean Mac Leoid, am Bàgh an Iar
Ailein Domhnullach, Abhainn a Bhradain
Aonghas Mac Risdnidh, Baile nan Gall
Bean Ailein Mhathanaich, Sidni
Seumas I Mac-an-t- Saoir, Sidni
Domhnull Mac Neill, Gleann Ainslie
Coinneach A Mac Fhearghais, LArdoise
D B Mac-an-t- Saoir, Baoghasdal
Ceit Mhoireasdan, an Gut a Tuath
Mairearad Mhathanach, Rudhan Rothaich
Bean Iain Mhic Gilleathain, Pictou , N. S.
Iain Moraidh, Pleasant Valley, N. S.
Iain R Siosal, Londonderry , N. S.
D. Mac Fhionnlaidh, Braidalbainn, E.P. I.
An t-Urr. Alasdair S Mac Neill, Orwell , E.P. I.
Eoin Mac Gilleathain, Glenmartin , E.P. I.
S M Martuinn, Heatherdale , E.P. I.
Iain A Caimbeul, Heatherdale , E.P. I.
Aonghas A Stiubhart, High Bank, E.P. I.
Iain A Stiubhart, Belle Creek, E.P. I.
Domhnull I Friseil, Vankleek Hill, Ont.
Dughall Mac Gilleathain, Priceville , Ont.
Domhnull Mac Gillemhaoil, Priceville , Ont.
Cairistine Nic Aoidh, Ripley , Ont.
Mairi Stevenson, Shipka , Ont.
D. Mac Aonghais, McIntyre P O, Ont.
Domhnull E Mac Cuithein, Stayner , Ont.
Ailein Mac Gilleain, Stayner , Ont.
Bantrach Mhic Risdnidh, Scotsburn , Que
Bean R. Dhomhnullaich, St . Andre, Assa
Ailein A Dughallach, Bhàllaidh, Assa
Calum Dughallach, Earlswood , Assa
Domhnull Mac Fhionghain, Riga , Assa
Bean Dhomhnuill Dhùghlaich, Red Jacket
Uilleam Urchadan, Vancouver , B. C.
Nial Caimbeul, Vancouver , B. C.
Ailein Domhnullach, Hastings , B. C.
I A L Mac Fhionghain, San Francisco
Cailein Mac Risdnidh, Holeb , Maine
Seonaid Ros, Roxbury , Mass
Cairistine NicFhionghain, Shoal Lake, Mass
Domhnull Mac Shimidh, Manachainn, Alba
Raonull U Domhnullach, Chiromo , Africa


Tha mi Troms Duilich Leam.

LUINNEAG.
Tha mi troms duilich leam,
S muladach mar thà mi,
On chuir mo leannan cùl rium,
Cha téid fear ùrna àite.

Nuair chaidh mi thun a chladaich leat,
S a dhamhairc mi adbhàta,
Gun robh mo chridhecaoineadh,
Gedrinn mi faoin an gàire.

Bha uair a bha mi cuireadach,
Mar uiseagan an fhàsaich,
Nuair chuimhnichinn do shùgradh,
A fhleasgaich ùir nam blàth-shùil.

Ach on a rinn thu caochladh,
Air faoin-tragh rinn thu mfhàgail;
On mheall thu le do ghaol mi,
Chan fhaod mi bhi mar bhà mi.

Chunnaic min raoir bruadar,
A dhfhuasgail as gach càs mi,
Gun robh thu rium ri suairceas,
Cho uasals a bu ghnàth leat.

N uair dhfhosgail mi mo shùilean,
N àm dùsgadh as a phràmh sin,
Bu mhuladach mo smaointean
Gur aisling faoin a dhfhàg mi.

Ach soraidh le do leannanachd,
On dhaithnich mi do nàdar;
Nuairs in lùisbach, riabhach
A mhiannaich thu na màite.

Cha bhi mi féin an diomba riut,
A rùin, mas ises fearr leat;
S gur h-i do rogha céile
Ni éiridh leat am màireach.


A PHOLAIDH GHRINN.

LUINNEAG.
air son an t-slòigh sin,
air son an t-slòigh sin,
A thàinig thar nam mòr thonn
A chòmhnuidh don tìr s’.

Be sud an mi-shealbhach
Do thir nan Gaidheal calma,
S an dfhuair na triathan dalma,
Nan seilbh is fo chìs.

Chaidh bàillidheans luchd-oighreachd
Gu dàn ri obair oillteil,
Le uabhar is lon saibhreis,
S gach aingidheachd cridh.

Air falbh chuir iad na treun fhir
Bu mhath, len clàidhean geura,
A dhol a sios don teugmhail,
Nuair shéideadh a phiob.

Chuir iad gun iochd nan smàlaibh
Gach bothan is gach bàthach,
A bheireadh dion do mhàthair,
S do phàisdean gun chli.

Chuir iad na coins na caoirich,
S na ciobairean neo-fhaoilidh
An àite nam fear aoidheil
A shaothraichsna glinn.

Ach moladh gun robh Dhàsan,
Tha riaghladh anns na h-àrdaibh,
Gun tug e nall don àit so
Na Gàidhil bhan dìth.

Thug E á tir na daorsiad
Do dhùthaichsa bheil saorsa,
Is thug E biadh dhaibhs aodach,
Is aobhachd is sith.

Na daoine fearail, còire,
Na mnathan laghach, bòidheach,
Bu taitneach air gach dòigh iad;
Nan còmhradh bhiodh brigh.

Ged bha iad greis fo ghruaman
Bha misneach laidir bhuan ac’,
Is neart a sheasamh cruadail,
S tha buaidh leosan stri.

Than clann an diugh gu dòigheil,
Tha fearann saor an còir ac’,
Tha taighean farsuinn mor ac’,
S gu leoir de gach ni.

Sa chaoidh cha déid án cuimhne
Am fiachan do na suinn sin,
A bhair a Pholaidh ghrinn
Tighnn troimh thuinn o Phort-Righ.

Ged dhfhògair Breatunn bhuaipiad,
Theid carragh-cuimhna suas daibh,
A dhinnseas mun deagh bhuadhan
Do shluagh anns gach linn.

A. M. S.
August 7, 1903.


ORAN AN LATHAN DIUGH.

LUINNEAG.
Ho , mo dholar gaolach,
Ho ri, mo dholar gaolach,
Mo dholar laghach, gaolach,
Co thaobhainn ach thu?

A dholair, ’s e mo shòlas
Bhith breith ort ann am chrògan;
Gur cumadails gach dòigh thu,
S gur bòidheach do ghnùis.

Thug mi le mchridhe gaol dhuit,
Nach dealaich rium ri mshaoghal;
S nam burrainn mi gun slaodainn
Ri mthaobh thu don ùir.

Biodh amadain gun stòldachd
A ruith an déidh nan òighean;
Ach cumaidh misan còmhnuidh
Do ghlòir-sa roimh mshùil.

Biodh daoinair bheagan léirsinn
Ri duanagan ag éisdeachd,
Achs mise nach doir spéis dhaibh;
S leat féin mi gu mchùl.

A. M. S.



[120]

[Vol . 12. No. 15. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


CAIRISTIONA CHAIMBEUL.

Thug mi gràdh dhuit thar gach nionaig,
Chairistiona Chaimbeul,
S posaidh mi thu air an t-samhuinn,
S fad on tha min geall ort.
Dhaindeoin co a thigsan rathad,
Bheir mi dhachaidh leam thu.
Tha thu bòidheach, tha thu laghach,
S tu mo roghainns mannsachd.

S taitneach leam do chruth is tiomhaigh,
Chairistiona Chaimbeul;
S binne leam do ghuth nan fhiodhull,
Nuair a bhios tu teann orm.
Tha do ghruaidhean mar na dearcan
S deirge dreachsan t-samhradh,
S tha do mhuineal mar an sneachda
S gilair stacsa gheamhradh.

Thig an t-samhuinn an ceann miosa,
Chairistiona Chaimbeul;
Theid an t-snaoim an sin a cheangal,
Cha déid la air chall oirnn.
Ni sinn banais chridheil, thaitneach,
Cha bhi neach fo champar;
Bruichear tunnagan is geòidh dhi,
S cluinnear ceòl is dannsaic’.

Bidh ar cuim le sonas lionte,
Chairistiona Chaimbeul;
Ged bhiodh againn deichnear chloinne,
Cha dig gainne teann oirnn.
Gheibh sinn aodach dhaibh is caiseart,
Aran blasd is annlann;
Chi sinn againn na nin gnothuch,
S bidh sinn toilicht’, taingeil.

A. M. S.
Feb 3, 1903.


ORAN BROSNACHAIDH

Don Chomunn Ghàidhealach anSouthland , New Zealand.

LE ALASDAIR A. MAC RATH.

A Chomuinn Ghaidhealaich mo ghaoil,
Geds cians ge fad bho thìr an fhraoich,
Cumaibh cuimhnair euchd nan laoch,
Is cumaibh suas bhur cànain aosd’ ,—
A chainnt ionmholta, bhlasda, chiùin,
A labhair Oisein, Goll, is Fionn;
A chainnt bhinn bhuadhmhor bhaig na bàird
As tric a dhùisg an smuain gu dàn.

Deanaibh stri ricumail suas
Is le sar dhichioll bheir sibh buaidh;
Is ged a bhiodh ur n-àireamh gann
Sgaoilibh bratachs cruinnichidh chlann:
Thig na laoich tha sgairteil cruaidh,
A chumail cainnt am màthar suas,
S gach cleachdadh gasda bhaig na sàir
A bha nan cuspair dha na bàird.

S ged their luchd-fuath gun dfhàs i gann,
S nach coir a foghlum dha bhur clann,
Na toiribh géills na creidibh drannd,
An diugh gur h-uallach àrd a ceann;
Tha ig ath-nuadhachadh a beus
An Alb’ ’s an iomad dùthaich chéin,
Is i gach latoirt buaidh le céill,
S nas tréinen diugh na bha in .

Is mairidh i mar sin a chaoidh,
S na leigibh leis an nàmh a claoidh,
A chainnt a bhaig ur sìnnsear riamh,
As tric a dhoirt am fuil gadion;
Nuair sgaoileadh iad am bratach àigh,
Garg leoghann beucachs cluaran àrd,
Bhiodh aobhar eagail aig an t-sluagh
A dhùisg le olc am fearg a suas.

Sheas iad mar charraig dhainginn, bhuain,
A chaoidh nach meathaich teas no fuachd,
A cur nan eilthireach air ruaig,
A dhfheuch rin cainnts rin saors thoirt uath’.
S iad fein bha arm-chleasachsan streup,
S a phiob gam brosgadh suas gu euchd;
Mar bheithir laist’ ’s e sracadh speur
Bhiodh colg nan laoch cur nàmh fo chreuchd.

S i piob nan dos le muineal crom
A dhfhògradh bròns a thogadh fonn;
Bu bhìnn a toirm an cùirt nam flath,
S i colgant borb air raon a chath;
Is iomad blàr don deach i sios,
A gluasad laoch gu euchdan dian;
Mhair i beo bho lìnn gu lìnn,
Is cha dug nàmh i riamh fo chìs.

Cumaibh suas, a Chomuinn chòir,
Gach ni tha dualach dha ur seòrs’,
Gach ni tha dùthchasach is ceart,
Cumaibh suas ler n-uile neart:
S an fhuil uasal thann ur cré,
Duineil, fearail, measail, treun,
Faiceadh an saoghal gu bheil i beò;
Buaidh is piseach leibhs gach dòigh!

1898.

Rugadh an duine a rinn na rannan so aig Loch Monair an sgìre Loch Aillse. Is e Alasdair Mor mac Iain Bhàin a theirteadh riathair. Bu nighean a mhàthair do dh-Uisdean Friseal an Strath-Ghlais. Tha e a còmhnuidh mu shia mile bho Chnoc na Frìth, noForest Hill,an Southland, New Zealand. Ma tha a choimhearsnaich nan Gaidheil cho dileas duineil ris fein is còir dha a bhith toilichte lechrannchur.

GLEANN-A- BHAIRD.


IORRAM NAM FOGARACH.

Eisdibh ri mdhàn-sa mar a dhéisd sibh riusan
A sheinn le sunnd dhuibh ann an tìr nam beann;
An luinneag thùrsach togaibh suas gu làidir,
S biodh neart nan làmh a cur a bhàtna deann.
Than talamh fials gur briaghna coilltean aosd’,
Achs fògraich sinn bho thìrs bho shluagh ar gaoil.

Eadar am fonn sos bothain chaoin ar càirdean
Tha beanntan àrdas fàsach de thuinn dhoirbh,
Ach tha ar cridheachansan tìrthog suas sinn,
S gur tric nar bruadair sinn mucluaintibh gorm’.

A chaoidh chan fhaic sinn glinn is cnoic na h-àilleachd,
Len uillt ghlan ghàireachruith a sios gu réidh;
Chan fhaic sinn sluagh le uaill mun triath an òrdagh,
No leac nan seòdbu dìleas, teòm’ ’san streup.

Nuair bha ar sìnnsre, iomad linn roimhn so,
A dion len clàidhean àite taimh na saors’,
Cha robh acsmuain gun cuirtan clann án dùthaich,
Gu tuilleadh bhrùideanthoirt do dh-uachdrain bhaoth’.

Ma chruinnicheas feachd an aghaidh Bhreatuinn mhòrail,
Bidh feum air connspuinn chròdha, dhian, nach géill;
Ach càit am bi iad anns an tìr ram faotuinn,
S na Gaidheil aobhach thar nan cuan gu léir?


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 15
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 15. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page