[121]

[Vol . 12. No. 16. p. 1]

MAC-TALLA.

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARIDH 5, 1904. No. 16.


Leabhraichean Ura Gailig.

An Treòraiche,” leabhran-sgoil air-son na cloinne, air a chur ri cheile le Calum Mac-Pharlains air a chur a mach le Aonghas Mac Aoidh. Mar a thuigear oainm, than leabhran so air a chur a mach air-son leughadh Gàilig ionnsachadh don chloinn. Tha da fhichead taobh duilleig ann, agus an sgoilear òg a dhionnsaicheas gach facal a tha eadar a thoiseachs a dheireadh, tha e ceum math air adhart ann an leughadh cainnt a shinnsir, —moran nas fhaide na bhios e ann an leughadh cainnt nan Sasunnach nuair chuireas e crioch air a cheud leabhar Beurla. Na chruths na sheanachas tha e gle choltach ris na ceud leabhraichean Beurla air an robh sinn uile no uaireigin eòlach. a leughas, , , , , , .” aig toiseach anTreòraichenach cuimhnich airso, go, lo, no,” a bha cho dlùth-cheangailte ri ceud làithean àmhgharach a sgoileireachd fein. Chan eil teagamh nach bi an Treòraiche na chuideachadh mor anns na sgoilean anns am bheilear a teagasg Gàilig don chloinn, agus a mach as na sgoilean do phàrantan a thateagasg Gàilig dan cloinn fein. A phris, 3d.

Dain Eadar-theangaichte,” le T. D. Mac-Dhomhnuill. Tha an leabhar so air a chur a mach ann an uidheam cho gasda, —paipeir math, clò garbh soilleir, is còmhdach grinn aodaich le litreachadh òr-bhuidh, ’s gum bu duilich leinn dad a dheanamh air ach a mholadh. Thagh an t-ùghdar na deagh dhàin, ach chan eil an t-eadar-theangachadh a rinn e orra cho fior mhaths bu toigh leinn fhaicinn. Mur eil sinn air ar mealladh, dhionnsaich e Ghàilig an deigh na Beurla, agus air tàille sin tha anns an leabhar roinn de Ghàilig Ghallda, coltach ri pàirt den Ghàilig a bha rifaotainnsaBhàrd,” am paipeir beag spaideil sin air nach dfhuaireadh fios no forfhais on chuir am fear-deasachaidh roimhe pòsadh. Ma leanas an t-ùghdar roimhe, a meudachadh eòlais air cainnt a shinnsir, ’s aceartachadh nan dàn mar a bhios e dol air adhart, cuiridh e mach fhathast leabhar do nach faodar coire sam bith fhaotainn. Bfhearr gu robh na Gàidheil uile cho toileach air cur ri cruach litreachais an dùthcha. Pris an leabhair so 2s. 6d. Gheibhear e, cuide ris an Treòraiche, bhoEneas MacKay, 43 Murray Place, Stirling, Scotland.

Am Fear-Ciùil,” le Domhnull Mac-Eacharn, an Dunéideann. Chan eil an t-ùghdar, a reir a sheanachais fein, an dùil gun gabh daoine ra leabhar a cheart da-rìreadh. Le irioslachd ionmholta tha eg radh gu bheil e creidsinn gun leanadh a ghrian air eirighs air laidhe, àm curachds àm buain air tighinns air falbh mar a bàbhaist ged a ghleidheadh esan an leabhar so dha fein. Ach tha sinn toilichte, co-dhiù, gu face iomchuidh a chur a mach a dhaindeoin sin. Tha stòr math de dhàin, de dhòrains de sgeulachdan anns anFhear-chiùilris an dean leughadairean Gàilig toileachadh, agus than aon àbhachdas a ruith trompa uile. Am measg nan òran a thanns an leabhar tha ceithir ann mun chogadh a bhan Africa mu dheas. Tham fear mu dheireadh dhiu sin a criochnachadh leis an rann:—

Cuir fios-dealain thun mo mhùirneig,
Mi bhi tilleadh mar bu dùth dhomh;
S seachduin leam gach uair a dhùine
Gus am faic mi rùn mo chridh’ .”

A cheud rann de dhòran-gaoil Gàilig anns am faca sinn a bhi deanamh iomraidh air antelegraph .Tha aon bhuaidh air anFhear-chiùila tha dhìth air moran de na leabhraichean Gàiligdeagh litreachadh. Tha e air a chlò-bhualadh gu math, mar tha gach leabhar a thig o làimh Mhic-na-Ceardadh, an Glascho. Tha sinn an dòchas gun ceannaich na Gàidheil e gu pailt; ’s e sin an aon dòigh air misneach a thoirt do luchd-sgriobhaidh a tha comasach air cur ri àireamh nan leabhraichean Gàilig. Gheibhear e bhoArchibald Sinclair, 47 Waterloo Street, Glasgow, Scotland.


Side Cheap Breatunn.

Ged tha Ceap Breatunn air a shuidheachadh anns a chrios chiùin(temperate zone)tha an t-sìde comharraichte le anabarr teas is fuachd; ach a thaobh e bhi ua eilein alaidhe mach cho fada don chuan agus cho dlùth do Shruth aChamuis(Gulf Stream)chan eil an geamhradh cho cruaidh no an reothadh cho maireannachs a tha iad ann an Canada. Re air t-samhraidh chunnacas a mhercuri uair is uair cho àrd ri 92° , ach cha thric leis a dhol as cionn 75° . Anns a gheamhradh, cha do thuit e ach aon uair, an da fhichead bliadhna mu dheireadh, cho iosal ri 30° , ach chunnacas e gu tric cho iosal ri 20° fo séro. Tha sneachd air an làr bho Desember gu April, ach than t-adhar re na h-ùine sin glan soilleir. Anns an earrach than deigh mhor, air a turus a Camus Naoimh Labhruinn don chuan, gu tric air a cumail ris a chladach ear-thuathach leis a ghaoith an ear a tha daonnan aséideadh aig an àm sin den bhliadhna, afuarachadh an àiles a cumail air ais obair an tuathanaich, ach tha im bitheantas afalbh mu mheadhon April, ged tha i corra uair a fuireach gus a cheud seachduin den Mhàigh. Faodar samhraidhean Cheap Breatuinn, eadar April is October, a choimeas gu math ri samhraidhean dùthcha sam bith ann an criosan ciùinen t-saoghail. Fad na h-uine sin cha bhi ma dhfhaodte bhar deich làithean de shìde cheòthar an cearna sam bith den eilein ach an cois a chladaich a deas eadar Caol Chanso is Scatarie. Bidh làithean soilleir grianach, le gaoith chiùin on àird an iar, a leantuinn a cheile, seachduin an deigh seachduin, am feadhs a bhios teas a mheadhon-latha air fhionnarachadh le tlàth-ghaoith on chuan. De dhuisge is ainneamh a shileas gu leòir; is trice call air a dheanamh air bàrr le cion uisge na le tuilleadhs a chòir. Chan eil an aimsir fhluich, a tha tòiseachadh aig deireadh an t-samhraidh, a mairsinn ach ùine ghoirid; ’s ann gle ainneamh a leanas i thar meadhoin Nobhember; agus tha eadhoin an aimsir sin air a giorrachadh le seachduin no dha de shìde ghrianach bhlàth ris an canaran Samhradh Innseanach?”

Tha na briathran so air an eadar-theangachadh á Eachdraidh Cheap Breatuinn, a bha air a sgriobhadh le Ruiseart Browns air a clò-bhualadhsa bhliadhna 1869. Bha an t-eachdraiche comasach sin anns an dùthaich so dlùth air da fhichead bliadhna, agus na h-uine sin a gabhail beachd sònruichte air an t-sìde mar air gach ni eile bhuineadh don eilein. Is cinnteach mar sin gu bheil na tha eg radh làn-fhior mun da fhichead bliadhna sin air an robh e fein fiosrach. Ach chuireamaid mar cheist air achuid sin der leughadairean nach eil cho ògs a bha iad, am biodh na briathran ceudna fior mu na bliadhnachan a thainigs a dhfhalbh on chaidh an sgriobhadh; no faodar acur fan comhair ann an cruth eile agus fheòrach, am bheil an t-sìde da-rìreadh ag atharrachadh mar a chluinnear moransna bliadhnachan so ag radh?


Tha an Còirneal Lynch, a bha air fhaotainn cionntach de àrd-fhoills air a dhìteadh gu bàs, a nis air a leigeil ma sgaoil. Besan an duine chaidh do Africa mu dheas a chogadh an aghaidh Bhreatuinns an deigh sin a thainig air ais do Eirinn far an robh e air a thaghadh mar bhall pàrlamaid. An deigh a dhìteadh gu bàs, chaidh a bhinn atharrachadh gu prìosan ri bheò, agus a nis, ged nach eilear a toirt mathanais dha, tha e, air chumhachan àraidh, air a leigeil ma sgaoil. ’S e aon de na cumhachan sin nach bi e air a thaghadh mar bhall pàrlamaid no gu dreuchd earbsach sam bith. Tha cead aige, ma thoilicheas e, an duthaich fhàgail, agus cha biongantach ged ghabhadh en cead sins ged dhfhàgadh e i gu buileachs gu bràth.


Tha righ Pàdruig air fàs sgith de chrùn fuilteach Serbhia; thatar ag innse gu bhell e deònach a leigeil uaithe. Faodaidh e bhith gun cuir na rioghachdan mora an cinn cuideachds gun tagh iad fear a rìoghaicheas naàite. Ma thachras sin, faodar a bhi cinnteach gum bi iadsan a mhurt an righs a bhanrigh nach maireann air am peanasachadh.


MUINNTIR RUISIA.— ’S ann air an t-seachdain so a tha muinntir Ruisia agleidheadh na bliadhnuir a réir an t-seann chunntais mar bàbhuist a bhinar measg féin, agus mar a chithear ann an cuid do cheàrnan fathast. Tha ni no dhà eile a thanan seilbh choitcheann eadar Albainn agus Ruisia. ’S e ainm an naoimh chinneadail acasan Aindrea mar tha againn féin. Agus a thaobh cuid do



[122]

[Vol . 12. No. 16. p. 2]

chleachdaidhean, gu sònruichtenam measgsan a tha a tuineachadh fagus do chòrsan na Baltic, chithear mòran nitheannam measg a tha glé chosmhuil ri doighean na duthcha so gu àraidh am measg an t-sluaigh choitcheann. A thaobh nan daoine mòra tha iadsan aleantuinn fasanan na Fraing. Tha cuid dan ceòl cuideachd a bheir ar seann òrain Ghàidhealachnar cuimhne. ’S e duthaich anabarrach fharsuinn le lionmhorachd mhòr do shluagh a thann an Ruisia. Tha mòran righeachdan agus ioma seòrsa sluaigh fo ughdaraas a h-Impireachd. Tha mu mhuillean saighdeir aice fo armaibh; agus ma théid i gu cogadhs urrainn di tri muillean eile a ghairm a mach. —Oban Times, Jan. 16.


Naidheachdan.

Rinneadh droch ghniomh ann anNew Aberdeenfeasgar Di-màirt. Bha Eadailteach dam bainm Alessandro Zirpolo air a mharbhadh le Fernando Maderjio, Eadailteach eile. Chan eil fios cinnteach ciamar a bha cùisean eatorra, ach tha e air innse gu robh iad féin is grunn eile a cluich chairtean nuair a thòisich an aimhreit. Be chrioch a thainig air an aimhreit gu robh Zirpolo air a stobadh tri no ceithir a dhuairean leis an fhear eile, agus bha e marbh an ceann beagan mhionaidean. Theich am murtair do Sheana Bhridgeport, agus chaidh e gu tigh Gearmailteach dan ainm Graichen. Fhuair am fear sin a mach uaithe gu robh rud-eigin cearrs chaidh e do Ghlace Bay gun dàils dhinnis e do na maoir càiten robhm fear a bha dhìth orra. Chaidh a ghlacadh an oidhche sin fhein. Chan eil ann ach duin òg, mu choig bliadhna fichead a dhaois. Tha e nis anns a phriosansa bhaile so, agus tha e ri bhi air fheuchainn aig a Chùirt Mhóir a tha aig an àm na suidhe.

Bha na taghaidhean ann am baailtean Cheap Breatunn is Noba Scotia Di-màirt sa chaidh. A thaobh nam mayors cha deachaidh fear ùr a thaghadh ach ann an aon bhaile air an eilein—Port Hood—far an robh A. D. Mac-Iosaig air a chur a stigh. Chaidh an roinn bu mhò de na seann chomhairlich a chur a stigh cuideachd. Ann an Sidni Tuath, Sydney Mines, Glace Bayis Louisburg, bha Mac-Coinnich, Mac-Cormaic, Burchell is Lewis air an taghadh mar mhayors gun duine ruith nan aghaidh. A réir an lagha fom bheil Sidni on thàinig e gu bhi na bhaile-mhor, cha bhin taghadh bliadhnail ann gus a cheud Di-màirt den Mhàrt.

Chan eil abhreac aig an àm so air an taobh so den eilein, ach ann an Inbhirnis toiseach na seachduin bha sia duine fichead tinn leatha. Than Dotair Iain Camaran, amPort Hood,ag ràdh nach fior bhreac an easlaint a thann idir, ach chan eil dotairean eileg aontachadh leis. Tha e fior co-dhiù, agus is mnth gu bheil e fior, nach eil i na h-easlaint chunnartach.

Tha Cyrus D. Ryan, fear a mhuinntir Eileil aPhrionnsa, ann am prìosan am Boston. Tha amharus air gun do mhurts gun do spùinn e Sineach an tigh-nigheadaireachdsa bhaile sin. Fhuaireadh an Sineach marbh ann an tuba, agus tha e coltach gum besan am fear mu dheireadh a chunnacas còmhla ris.

Bha taghadh ann am Montreal Di-luain sa chaidh, agus a réir gach coltais fhuair an sluagh àrd-bhàillidh a réir an cridhe fein. Bha fear Laporte air a thaghadh le còrr is seachd mile deug bhòt. Bha dithis a ruith na aghaidh agus cha dfhuair iad eatorra ach beagan thairis air seachd mile.

Chan eil Iapan is Ruisia a faighinn a bheag nas dluithe air còrdadh na bha iad. Anns an fhios mu dheireadh a chuir Ruisia gu Iapan bha cuisean air an toinneamh air a leithid de dhòighs gum bi e doirbh do Iapan cogadh a ghairm, ged tha Ruisia aseasamh ris a mhor chuid de na bha ig agairt bho thoiseach.

Tha dealbh-chuimhne de Ioseph Howe ri bhi air a cur suas ann a Halifacs air chosd na roinne. Chaidh deich mile dolair a chur air leith air-son na h-obrach leis a phàrlamaid. Ma bha duine riamh ann an Nobha Scotia airidh airainm a chumail air chuimhne le mor-urram, ben duine sin Howe, agus bha e na ni gle iomchuidh do luchd-ionaid an t-sluaigh deanamh mar a rinn iad.

Bha taghadh an siorrachd Oxford Tuath, an Ontario, Di-màirt air an t-seachduin sa chaidh, a lionadh àite Mhr. Phatullo, a chaochail o chionn ghoirid. Chaidh an taghadh so leis an riaghladh le thairis air mile bhòt. Bheir so don Rosach ceathrar a bharrachd air na tha naaghaidh ann an tigh na pàrlamaid.

Bha fear Iain MacNeacail, Gulf Shore,N. S., air a mharbhadh o chionn ghoirid le tuiteam air deigh aig a thigh fein. Bhuail cùl a chinn ris an làr, agus cha robh e beò ach mu uair an deigh don sgriorradh tachairt.

Thachair droch sgiorradh air an rathad-iaruinn faisg air Halifacs maduinn Di-ciaduin. Chaidh trein bhar an rathaid; bha dithis air am marbhadh, ’s an àireamh bu mho de na bha air bòrd air an goirteachadh.


Litir a LArdoise.

A DHEAGH CHARAIDE, —Bhon a sgriobh mi ugad roimhe tha sinn air teachd gu starsnich bliadhna ùr eile, agus be sin an stairsneach fhuar ma tha againn ri seasamh fada air ris an t-sìde tha so. Tha e coltach gu bheil an aimsir air atharrachadh seach mar a bha i o chionn cunntas bhliadhnaichean. Tha bhliadhnan uiridh agus na thainig dhen bhliadhna so a cuir an cuimhnean tìm a bhann bho shean.” Chan eil na daoine thag eiridh suas an diugh cho fulangach ris na daoine còire a bha eolach air geamhraidhean moran na bu mhiosa nan seorsa tha toirt oirnne tha fàs suas san am so a bhi gearain. Tha e coltach gu bheil gach linn a fas nas laiges nas glicenam barail fhein co dhiu.

Tha mi duilich nach eil sibh a toirt àite do sgeulachdan goirid nar paipeir aig an am so. Bha uair eile ann. Aguss iomadh gàire cridheil a chaidh a dhusgadh le sgeulachdan àbhachdach MHIC-TALLA. Tha min dochas gu faic sibh freagarrach taobh duilleig a chur air leith airson sgeulachdan goirid. Tha mi toilichte fhaicinnsa paipeir gu bheilIaina brath an t-sreangthoirt bhar a phoca. ’S math an airidh Seumas N. còir air anail, ach bithidh sinn ag altrum dòchas gum bi Seumas coltach ris a sgalag a bha uair aig droch mhaighstir, a dhfeumadh a dhol a ghearradh chonnaidh fhads a bhiodh e leigeil analach. Saoilidh mi nach robh cus fois aig a sgalaig. Agus fhadsa bhiosSeumasa leigeil anail bithidh sinn a co dhunadh gum bi e cuir sgeul ur eile mun chrann nach bi air dheireadh air na thug e dhuinn mar thu. Than t-am sgur! A guidhe bliadhna mhath ur dhuit fheins dhan luchd leughaidh, ’s mi do charaid,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL IV.

AN uair a chunnaic muinntir an taighe gun deachaidh amharsantachdnam aghaidh, agus nach robh mi deònach a dhol a dhionnsachadh ceird sam bith dhe na bha cumanta anns an dùthaich, smaoinich iad gum bu cho math dhaibh mo thoil fhin a thoirt dhomh. “Leigibh leis a bhithfalbh,” arsa mo bhràthair bu shinne; “tillidh e dhachaidh an uair a bheir a shròn comhairlair.”

Cha do chòrd na briathran so rium idir. Ach ged nach dubhairt mi facal an aghaidh nam briathran a labhair mo bhràthair, thuirt mi rium fhin, “Ma dhfhalbhas mise, cha till mo chas dhachaidh gus an dean mi mfhortan. Ma bhios am mi-fhortan atachairt rium, is fhearr leam am bàs fhulang na tilleadh dhachaidhnam dhiol-déirce truagh.”

Cha robh mathair no mo mhàthair deònach mo leigeadh as an sealladh air chor sam bith. Bha iad, mar a tha gu leòr an diugh, asmaointean gun tigeadh iomadh galair-bàisnam rathad nam falbhainn on taigh nach tigeadh idirnam rathad aig an taigh.

Tha so, ann an seadh àraidh, fior gu leòr. Ach thig tinneas, trioblaid, bròn is bàs air daoine ged nach rachadh iad am mach air criochan abhaile anns an drugadh iad. Gun teagamh sam bith tha iomadh galair-bàis atachairt ri daoine anns na bailtean mòra nach tachair riutha ann an àite samhach, iomallach air an dùthaich. Feumaidh daoine falbh as an t-saoghal so an uair a thig an t-àm ge be air bith àite anns am bi iad acur seachad am beatha.

An uair a bhios rud ri tachairt, feumaidh gum bi màthair-aobhair air choireiginn aige. Thachair gun dthainig seann fhear-eòlais do mathair air chuairt don àite, agus bha e dlùth air seachdain afuireach anns an taigh againne. Bha ena dhuine fiosrach, tuigseach, tùrail. Agus bha meas mòr aig mathairs aig mo mhàthair air araon mar fhear-eolais, agus mar an ceudna mar dheadh chomhairleach. Mar a dhfhaodar a thuigsinn, bha efeòrach dhiubh ciod a bha misedol a dheanamh. Dhinnseadh dhanam éisdeachd fhin gun robh micur romhan falbh gu Galldachd, agus gun dfhosgladh bùth beag dhomh gus mo chumail o dhol don Ghalldachd, agus nach do shoirbhich leam mar mharsanta idir. Dhinnseadh dha mar an ceudna, gun robh mi na bu diorrasaiche na bha mi riamh ag iarraidh falbh as an dùthaich. Thuirt mathairs mo mhàthair ris á beul a cheile, gum bfhearr leotha gu mòr mi dhionnsachadh na ceirda bhaig mo bhràthair, no ceird sam bith eile a roghnaichinn, na falbh as an dùthaich far am faodadh mìle galair bàis tachairt rium. Cha robh iad idir afaicinn, bha iad ag ràdh, car son nach fhaodainn mo bheòlaint a chosnadh math gu leòr gun fhalbh as an dùthaich.

Bhan duine còir ag éisdeachd riutha le foighidinn agus le aire. Mu dheireadh thuirt e: “Ma ghabhas sibh mo chomhairle-sa, leigidh sibh leis falbh. Ciod e am fios a thagaibh nach ann air son e fhein a chothachadh ann an cearn eile dhen t-saoghal a chruthaich Dia e? Tha e soilleir gu leòr do dhuine sam bith a bheir fa near le aire agus le cùram gnothaichean an t-saoghal, gun dòrdaich Dia gum biodh mìltean dòigh ann air am faodadh daoine iad fhein a thoirt troimhn t-saoghal le fìrinns le onair. Cha bann gus earrann mhòr dheth a bhithna fhàsach ùdlaidh fo riaghladh fhiadh-bheathaichean is chinneach bhorba a chruthaich Dia an saoghal àillidh so air am bheil sinnnar comhnuidh.

Is iomadh uair a bha ioghnadh orm,” arsesans e dol air aghart, “an uair a smaoinichinn air mar a bhan àireamh bu mhò de shluagh an t-saoghail o thoiseach acheud latha adeanamh



[123]

[Vol . 12. No. 16. p. 3]

dearmad air beachd a ghabhail air acheud àithnethagainn anns aBhiobuillàithnethugadh don cheud dithis a bha riamh air an t-saoghal, agus àithne air nach tig atharrachadh gu latha deireannach an t-saoghail. So agaibh, ma ta, acheud àithne a thanns aBhiobull: “Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riutha: Siolaichibh, agus fàsaibh lionmhor, agus lionaibh an talamh, agus ceannsaichibh e; agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn iasg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach ni beò a ghluaiseas air an talamh?

An nis,” arsesans edol air aghart, “nacheil na briathran so a labhair Dia ris acheud fhear agus ris acheud mhnaoi a bha riamh air an talamh, agabhail a steach gu soilleir, nacheil e idir a réir toil Dhé gum biodh teaghlaichean afuireach rim beò anns acheart àite anns an drugadhs an do thogadh iad. Chan e mhàin gum bheil e air òrdachadh do dhaoine fàs lionmhor, ach tha e mar an ceudna air òrdachadh dhaibh an talamh a lionadh agus a cheannsachadh. Faodaidh daoine fàs lionmhor far an drugadh iad, ach feumaidh iad falbh astar fado àitem breiths an àraich mun urrainn daibh an talamh a lionadh agus a cheannsachadh.

Thugamaid fa near a rithist,” arsesan, “mar a thachair don t-sluagh a bhrist, ann an dòigh ro chomharraichte, air acheud àithne so a thug Dia don chinne-daon. Aireamh mhòr bhliadhnachan an déigh na tuile, an àite iad fhein a sgapadh mar a dhiarr Dia is ann a thòisich an sluagh, an uair a dhfhàs iad glé lionmhor, ri tùr mòr, àrd a thogail air comhnard Shìnair. Agus on a bha so an aghaibh toil Dhé, thug e breitheanas orra. Cha burrainn daibh a chéile thuigsinn, agus air an aobhar sin, bfheudar dhaibh sgapadhnam buidhnichean air feadh an t-saoghail. Feumaidh an ni a rùnaich Diana ghliocas siorruidh tachairt a dhaindeoin mar a bhios daoinecur an aghaidh a thoile.

Tha triuir mhac agaibhse,” arsesan;” tha fear dhiubhna thuathanach, agus fear eilena shaor, agus tha h-uile coltas gum bheil iadnan dithis aig an obair air son an do chruthaich Dia iad. Than treas mac ag iarraidh falbh as aso do dhàiteile dhen t-saoghal, agus tha sibhse an aghaidh dha sin a dheanamh. An do smoinich sibh idir gum faodadh gum bheil sibh afeuchainn ri bacadh a chur air ni a rùnaich Dia? Tha daoine air an cruthachadh air son a h-uile gairm laghail a thanns an t-saoghal, agus gu ma fadaghabhadh e uamsa agus uaibhse oidhirp sam bith a thoirt air bacadh a chur air rùintean diomhair Dhé.

Chan aill le bhur mac as òige lamh a chur ann an car dhen obair a thaig a bhràithrean. Thug sibh oidhirp air marsanta dheanamh dheth, ach cha do shoirbhich leibh. Am bheil a mhiann oirbh a chumailna thàmh aig an taigh? Ma tha, bidh aithreachas gu leor oirbh fhathast. Cha dòrdaich Dia do dhuine sam bith a bhithcur seachad a bheathana thàmh. Cha bhi fear sam bith fadana thamh gus an toir Sàtan obair gu leòr dha; agus chan i an obair as fhearr. Gabhaibh mo chomhairle-sa, agus leigibh leis falbh air feadh an t-saoghail ga chosnadh fhein mar is fhearr as urrainn da.”

Dhéisd sinn uile ris na labhair e leis acheart uiread a dhaire agus de chùrams ged a bhiomaid ag éisdeachd amhinistear anns an t-searmon. Ach an uair a chuir e crìoch air na bhaige ri radh, thuirt mo mhàthair, “Cha bhiodh mòran agamsan agaidh dha falbh mur be gum bheil eagal orm gun éirich beud dha, agus gum faod ebhith tuilleadhs achòir air a shàrachadh le obair thruim. Tha moran de mhaighstirean ann a tha tuilleadh is cruaidh air an luchd-muinntir ann an obair, agus nach toir ceartas dhaibh aon chuid ann am biadh no ann an leabaidh. Agus cha bu mhath leam gum biodh mo mhac fo mhuinntearras aig a h-aon dhen t-seòrsa.”

Tha e nàdarra gu leòr dhuibh a bhithg amharc air achùis anns an dòigh sin,” arsesan; “ach tha dòigh no dhà eilann air am feumar amharc air achùis mar an ceudna. Than t-olc an so mar a tha e ann an àiteachan eile. Ged a chumadh sibh an ceangal ri bhur glùin e, cha téid agaibh air an olc a chumail uaithe. Chan aithne dhomhsa gillòg eile an diugh anns an àite as an dthainig ni as lugha feum, agus as miosa gluasad na gille a bhana pheata aig glùin a mhathar riamh o rugadh e. An àite tomhas dhethoil fhein a leigeadh lemac, agus a bhithguidhe gu dùrachdach air Dia gun gleidheadh e o gach olc e, is ann a bhamhàthairn dùil gun deanadh an gleidheadh agus an comhairleachadh a bha i-fhein adeanamh air a chumail o dhroch ghniomharan, agus o dhroch cuideachd.

Chan urrainn sinn ar clann a chumail ann an sealladh ar sùl an comhnuidh, agus ged a rachadh againn air so a dheanamh, cha burrainn dhuinn an cumail on olc, no o thrioblaid agus o thinneas. Ach tha ar clann ann an sealladh Dhé aig gach àm, agus anns gach àite; agus, a bharrachd air so théid aigesan air an cumail o chunnartan aimsireil agus spioradail.

Leugh sibhse, mar a leugh na h-uilethacur meas air aBhiobull, eachdraidh Ioseiph. Ach is dòcha nach dthug sibh fa near, mar bu chòir dhuibh, na teagasgan a than eachdraidh so acur far comhair.

Be Ioseph aon dhen dithis mhac a bhaig Iacob on mhnaoi don robh tlachd mòr aige, agus bha tlachd mòr aige dha araon a chionn gun robh a mhàthair marbh, agus mar an ceudna, a chionn gun robh efaicinn ni-éiginn ann a bhag a dheanamh na bu tlachd-mhoirena shealladh na na mic a bhaige o na mnathan eile. Thug so air còta nan iomadh dath a dheanamh dhaseòrsa còta nach biodh duine sam bith acaitheamh ach prionnsachan òga. Cha bfheairrde Ioseph so ann an dòigh no dhà. An toiseach, bhan còta so aleigeadh ris do Ioseph nach robh car obrach aige ri dheanamh, agus bha e gu nàdarra airàrdachadhna shealladh fhein. So suidheachadh inntinn nacheil idir freagarrach air gillòg aig seachd bliadhna deug a dhaois. Bha e os cionn a bhith buachailleachd na spréidhe anns an fhàsach, ach cha robh e os cionn a bhithg innseadh dhachaidh a h-uile droch rud a chluinneadh no chitheadh e mu dheidhinn a bhràithrean. Is olc an obair do dhuinòg sam bith a bhithg innseadh dhroch naigheachdan air duine sam bith, gu h-àraidh air a bhraithrean fhein.

A rithist, ghabh a bhràithrean gràin air. Ged a bha iad fhein asaoithreachadh gu goirt, cha robh Ioseph adheanamh car; agus bhan còta a bha uime anochdadh dhaibh gun robh Ioseph gus a bhithna oighre air gach ni a bhuineadh dhaibh an déigh bàs an athar. Uime sin, chuir iad rompa gun cuireadh iad as dha.

Ach chi sinn nach robh e coltach gun tigeadh soirbheachadh sam bith air Ioseph fhads a dhfhanadh e ann an taighathar, agus gun char obrach aige ri dheanamh ach afalbh an dràsdas a rithist a dhfhaicinn ciod a bha bhràithrean adeanamh. Ach is ann an uair a thàinig e gu bhith fo chuing nan coimheach, mar a theirear, a thàinig soirbheachadhna rathad. Bu chruaidh a chàradh an uair a thilg a bhraithrean don t-slochd e; bu chruaidh a chàradh an uair a reic iad mar thraill e; agus cha bu mhath a shuidheachadh ann an taigh Photiphar; oir ged a bha maighstir math gu leòr air, bha fior dhroch bhana-mhaighstir air. Agus bha chàradh ro chruaidh buileach fad an bhliadhna a bha e anns aphriosan, ceangailte, mar a than salmadair ag innseadh dhuinn, ann an iarunn. Ach fhuair e as a thrioblaidean gu léir a chionn gun robh eagal Dhé air, agus gun robh eg iarraidh cuideachaidh agus neirt o Dhia do ghnàth. Cha burrainn e gu bràth faighinn air aghart mar a fhuair e, mur be gun deachaidh e troimh mhòran thrioblaidean. Agus chan eagal nach fhaigh a h-uile gillòg air aghart anns an t-saoghal, ma bhios e dìleas, fìrinneach, onarach ann an seirbhis a mhaighstir, ma chuireas eearbsa ann an Dia aig gach àm agus anns gach àite, agus ma sheachnas e gu buileach misg agus mi-bheus.”

(Ri leantuinn.)


TRATHAN NA BLIADHNA.

Rinn Thu an samhradh agus an geamhradh.” —Sailm 74: 17.

THAn Salmadair ann an àite eile, an déigh dha beachd shònruichte a ghabhail air an tuigse, air a mhaitheas, ’s air a chumhachd a tha air an nochdadh le dealbh sgiamhach, iongantach achruinne-, ag éigheach a mach: “Cia lionmhor doibrean, a Thighearna: ann an gliocas rinn thu iad gu léir. Than talamh làn de dshaoibhreas.” Is ann le bhirannsachadh gu dichiollach agus gu mionaideach gnèus feumus éifeachd nan nithean a chruthaich Dias a tha sgaoilten an uile àilleachdus maisealachd fa chomhair ar sùilean, a tha en ar comas dearbh bheachd as àirdes as soilleirethrusadh mu dheibhinn an Dia òirdheirc, glòrmhoir sin a ghairm air tùs gach neachus ni á neoni, agus anns am bheil againn uile ar bith, ar beatha, agus ar comas gluasaid. Ma dhearcas sinn air lòchran àghmhor nan speur leghnùis ghrianach, chàirdeil, agus ma bheir sinn fainear gur i aghrian a tha ruagadh air falbh dorchadais na h-oidhchema ghleidheas sinn air chuimhne gur ann bho mhac nan speur a tha blàthas atighinn, agus mar an ceudna an solus glan, aoidheil, aidichidh sinn air ball gu bheil na sochairean araon lionmhor agus prìseil a tha gathannan dealrach na gréine a frasadh air an t-saoghail. Tham buannachd féin aig an oidhches aig an dorchadas. Is ann an tràth a tha teasus treise na gréinefannachadh, agus i fein a deifireachadh a dhionnsuidh a leabaidh anns an àirden iar, a than driuchd abraonadh air gach leargus còmhnard, air gach lusus tom, air gach feurus fochann, air gach sliosus cladach.

Thashocair, a shùgradhus aighear féin aleantuinn gach trath den bhliadhna. Anns an earrach tha gach ni mar gum bann adùsgadh bho chadal fada, trom; than talamh ag ath-nuadhachadh a trusgain gu h-iomlan. Tha guirmeadus bòidhchead acur sgèimh air gach fonnus faiche, air gach gleannus glaic. Tha ùireadus àilleachd ram faicinn air gach coilles preasus magh. Tha dichiollus dealasus tapadh mor air an nochdadh leis na tuathanaich am feadh a tha iad adeasachadh an fhearainn airson an t-sìl. Tha eoin bhuchullach an adhair adeanamh gniomh gu dichiollachn an obair uaigneach, sheòlta féin, ann am mìle craobhus lonus creag. Thig an samhradh le greadhnachasus aoibhneas, agus thig gach geugus crann gu luath fo bhlàth. Comhdaichidh trusgan eireachdail ann an ùine ghearr na blàran a bha dubhach, gruamach roimhe. Cluinnear guth binn, ceileireach nan eun ag éiridh bho iomadh crannus preas, agus fàsaidh suas gu sgipidh toradh



[124]

[Vol . 12. No. 16. p. 4]

brioghmhor na talmhainn. Thig am fogharadh agus tha obair fein aige ra dheanamh. Than t-arbhar ann an deich mile achadh a nis abuich, agus tha na buanaichean le farum taitneachg a ghearradh sios. Is firinneach agus is foghainteach briathran an t-Salmadair: “Crùnaidh Thu, a Dhé, abhliadhna le dmhaitheas, agus silidh do cheuman saill. Silidh iad air cluainibh an fhàsaich, agus ni na cnuic gàirdeachas air gach taobh.” Ach anns an fhogharadh, ged tha broilleach na talmhainn sgeadaichte le culaidh riomhach, lurach, tha sanas air a thoirt seachad nacheil an ùine ach gearr gus an caill an snuadh dreachmhor so a shnasmhorachd. Tha na craobhan acrathadh an duilleagan gormas tha bàrr an fheòir aseargadh, oir than geamhradh fuar atighinn gun moilledheanamh. Is e so an tràth den bhliadhna anns am bheil dubhachas sgriobhta air aghaidh nàduir. Tha maise nam beanns nan còmhnardan air falbh. Tha na sruthan brasa fuaimneach air an cuibhreachadh le geimhlean cruaidh. Gidheadh thaàilleachduséifeachd féin aig agheamhraidh; oir nach en Dia a tha mòrus glicus tuigseach a rinn an samhradh agus a rinn an geamhradh mar an ceudna.

Rinn Thu an samhradh. Tha sinn mar so a tuigsinn gur ann bho Dhia a mhàin a tha sonasus soirbheachadh asruthadh. Is esan a dheasuich solus agus grian agus a shuidhich uile chriochan na talmhainn. Thug Dia dhuinn buaidhean inntinn leis am faod sinn toileachas nacheil gann no faoin fhaotuinn bho na seallaidhean gasda, ciatach leis am bheil an saoghal còmhdaichte. Tha gliocas mor ra fhaicinn leinn ann an trathan na bliadhna; oir nam bitheadh an geamhradh daonnan ann lereothadh cruaidh, lestoirmean beucachs leghaothan iargalta, dhfhàsamaid sgìth, airsneulach, agus bhitheadh ar comas air sonas saoghaltafhaireachduinns a mhealtuinn gu h-anabarrach air a lughdachadh. Tha againn ann an so féin dearbhadh làidir air cia co gràsmhor, glicus cothromachs a dhòrduich Dia gach ni. Rinn Dia an samhradh. Is e so an raidh anns am bheil tlusus tlàthsus àghmhorach a deanamh aghaidh nàduir suilbhir, aighearachus tlachdmhor, ann an tomhas sònruichte. Tha sunndus geanus subhachas alionadh an t-saoghail gu léir. Cha-neil e comasach do neach air bith, ged dhfhaodas e bhi air a chràdh le trioblaid no le euslaint, gun àgh, ’us tlachd, ’us faochadh a thrusadh agus fhaotuinn bho lionmhorachd nam beusan agus nam feartan a bhuineas don t-samhradh. Thaghrian anns an iarmailt shuas gun sgios adòrtadh a nuas a gathannan prìseil agus agiulan aiteis do gach neachus ni, do gach maghus aonach, do gach cnocus fàsach, do gach raonus àrd-bheann. Than cuan mòr, farsuing, luasganach gun ghruaim, gun stoirm. Thathorman, a stris a bheucaich a nis aig fois. Tha sobhraichean agus neonainean maiseach agus lionmhor anns na h-achaidhean. Tham fraoch gaganach, badanach asgeadachadh mullach nam beann le culaidh riomhach, agus acrathadh a chinns ag aomadh ann an osaig chiùin an anmoich, adeanamh gàirdeachas do bhrìgh gu bheil e féin co bòidheachco anabarrach bòidheach. Tha gach failleanus fiuran ùrail, dosrach, agus than òg-mhaduinn mar an ceudna boillsgeanta le drùchd a thadearrsadh ann an solus òg na gréine. Co a ghabhas beachd air an t-sealladh riomhach so nach aidich le ioghnadh gur e Diarinn an samhradh. Is e Diathug dhuinnena mhor-chaoimhneas comas air sonas bàigheil, gasdathrusadh agus a shealbhachadh. Ma dhfhaoidte gu bheil tlachd mor eadhon aig brùidean na macharach, am feadh a than samhradh blàthus carthannach. Tha iadn an dòigh bhalbh fein acoimhlionadh ruin an Tichruthaich iad; ach tha iad aineolach air fior-àilleachdus maisealachd nan seallaidhean a tha man cuairt doibh. Nam bitheamaid-ne as eugmhais nam buaidhean àrda, fiachail a thag ar togail os ceann ainmhidhean na macharach, cha bhitheadh comas againn air fiamhus grinneadus ciatachd an t-saoghail fhaicinn nomhealltuinn, no subhachas inntinn a tharruing asda. Ach chruthaich Dia sinnna dhealbh agus a réir a choslais fein, agus air an aobhar so, is urrainn duinn beachdachadh le tlachd air a liughad comharradh air gliocasus caoimhneas an Tighearnatha tràthan na bliadhnanochdadh.

Tha iomadh bliadhna on bha againn ann an Canada geamhradh co anabarrach fuar, reota ris agheamhradh a thanis againn. Thainig abhliadhna ùr a stigh le fuachd geur, cruaidh. Ged tham fuachd fallain agus atabhairt slàinte an uair nacheil e ro gheur, bithidh sinn shios agus a bhos glé thaingeil an tràth a thig aimsir as blàithes as ciùine.

CONA.


Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL IX.

GED a chuir mi am bata fo a lan aodach, chunnaic mi nach rachadh agam air a dhol am faigse air an luing, agus bha eagal orm gun rachadh i as an t-sealladh mun tugadh duine dhe na bha air bord innte an aire dhomh. Ach an uair a bha mi air thuar mo dhochas a chall, tha e coltaich gun dthug iad an aire dhomh leis na glaineachan, agus gun daithnich iad gur ann don Roinn-Eorpa a bhuineadh am bata. Bha iad asmaointean gum buineadh i do luing air choireiginn a chaidh a chall, agus mar sin, thug iad a nuas cuid dhe na siuil gus cothrom a thoirt dhomh air dlùthachadh riutha.

Thug so misneach dhomh, agus on a bha bratach mo mhaighstir agam air bord, bha mig a crathadh riutha mar chomharradh gun robh mi ann an eiginn. Loisg mi urachair mar an ceudna. Chunnaic iad araon abhratach agus ceo an fhudair, ged nach cualiad fuaim na h-urachrach. Chuir iad gu caoimhneil an long air a laidh-huige, agus ann an ceann thri uairean an uaireadair rainig mi iad.

Dhfheoraich iad dhiom ann an canain Phortugal, ann an Spainish, agus ann am Fraingis, co mi, ach cha burrainn domh an tuigsinn. Ach mu dheireadh bhruidhinn seoladair Albannach a bhair bord rium ann am Beurla, agus fhreagair mi e. Thuirt mi ris gum bu Shasunnach mi, a bhanam thraill aig na Mooraich ann an Sallee, agus gun do theich mi. An sin thug iad gu caoimhneil gu bord mi-fhin agus Suraidh, agus a h-uile rud a bhuineadh dhomh.

Mar a dhfhaodas neach sam bith a thuigsinn, bha aoibhneas do-labhairt orm gun dfhuair mi mar so saorsa as an t-suidheachadh thruagh agus eu-dochasach anns an robh mi, agus thairg mi a h-uile rud a bhuineadh dhomh do sgiobair na luinge air son mo shaorsa thoirt dhomh.

Ach thuirt e gu caoimhneil rium nach gabhadh e dad uam, agus gun libhrigeadh e gu sabhailte dhomh gach ni a bhuineadh dhomh an uair a ruigemaid Brasil: “Oir,” arsesan, “shabhail mi do bheatha air na ceart chumhnantan air am bu mhath leam a bhith air mo shabhaladh mi-fhin; agus faodaidh e bhith, gum bi mise, aig aon am, no am eile, anns a cheart shuidheachadh anns am bheil thusa. A bharrachd air aso,” arsesan, “an uair a bheir mi thu gu ruige Brasil, aite a tha cho fadair falbh a do dhuthaich, nan tugainn uat a h-uile rud a bhuineas dhut, gheibheadh tu bas ann leis an acras, agus cha bhiodh an sin ach abheathathug mi dhut a thoirt uat. Cha ghabh mi dad uat a Mhr. Sasunnach. Bheir mi gu ruige Brasil thu an nasgaidh, agus bidh na nithean so feumail dhut gus do chumail beo, agus gus do thurus dhachaidh a phaigheadh.”

Mar a nochd e a charantas dhomh leis an tairgse mhath so, mar sin mar an ceudna bha e cho math righealladh, oir dhordaich e do na seoladairean gun ghnothach sam bith a ghabhail ri dad a bhuineadh dhomh. An sin ghabh e seilbh air a h-uile rud a bhuineadh dhomh, agus an uair a sgriobh e air paipear iad, thug e dhomh am paipear gus a ghleidheadh.

A thaobh mo bhata, an uair a chunnaic e gun robh ina bata math, thuirt e rium gun ceannaicheadh e uam i air son feum na luinge, agus dhfheoraich e dhiom ciod a bhithinn ag iarraidh air a son.

Thuirt mi ris, on a bha e cho caoimhneil rium anns a h-uile doigh, nach cuirinn pris air a bhata, ach gum fagainn aphris guthoil fhein. Thuirt e rium gun tugadh e dhomh ceithir fichead bonn air a son an uair a ruigeamaid Brasil, agus nam faighinn tairgse na bairde oirre, gun deanadh e suas an t-suim dhomh.

Thairg e dhomh tri fichead bonn air son Shuraidh. Cha robh mi ro thoileach an tairgse so a ghabhail, cha bann a chionns nach robh mi deonach Suraidh a thoirt don sgiobair, ach cha robh mi toileach a shaorsa a thoirt on bhalach bhochd an deigh dha cuideachadh a thoirt cho dileas dhomh a chum gum faighinn fhin mo shaorsa. Ach, air a shon sin, an uair a leig mi ris an t-aobhar don sgiobair, dhaidich e gun robh mi ceart, agus thairg e cordadh a dheanamh rium mar so: thuirt e gun tugadh e a shaorsa don bhalach an ceann deich bliadhna, nan tionndadh e gu bhithna Chriosduidh. An uair a thuirt Suraidh gun robh e toileach a bhithna sheirbhiseach aig an sgiobair air achumhnanta so, thug mi dha e.

Fhuair sinn turus fabharrach gu ruige Brasil, agus ann an ceann da lathair fhichead rainig sinn Bagh nan Uile Naomh. A nis, bha mi aon uair eile air mo shaoradh on t-suidheachadh cho truagh anns am burrainn duine bhith, agus dhfheumainn smaointean air ciod bu choir dhomh a dheanamhna dheigh sid.

Chan urrainn domh gu brath caoimhneas an sgiobair a leigeadh air dichuimhn. Cha ghabhadh e dad uam air son mo thoirt gu ruige Brasil. Thug e dhomh fichead ducatbonn a bfhiach mu cheithir tasdainair son bian na leopaird, agus da fhichead ducat air son bian na leomhainn, a bha agam anns abhata.

Dhordaich e a h-uile rud a bhanns abhata a libhrigeadh dhomh, agus rud sam bith a bha mi toileach a reic, cheannaich e uam e, mar a bha acheis anns an robh botuil, a dha dhe na gunnachan, agus cnap dhen cheir-sheillean; oir rinn mi coinnlean air achuid eile dhe na thug mi leam. A dhaon fhacal, fhuair mi da cheud agus fichead bonn air na reic mi ris. Agus leis na bhan so a dhairgiod chaidh mi air tir ann am Brasil.

An uine ghoirid thug an sgiobair mi gu taigh duine choir, onaraich mar a bha e fheinduine a



[125]

[Vol . 12. No. 16. p. 5]

bha planndachadh siucair agus aig an robh taigh-siucair. Bha mi car uine afuireach comhladh ris, agus fhuair mi eolais air mar a bhithteadhplanndachadh agus adeanamh an t-siucair. An uair a thug mi fa near cho maths a bha na daoinebhaplanndachadh an t-siucair acaitheamh am beatha, agus cho goirids a bha iad afas beairteach, chuir mi romham, nam faighinn cead comhnuidh a ghabhail anns an aite, gun toisichinn ri planndachadh. Aig acheart am bha mi suidhichte gum feuchainn air aon doigh no doigh eile ris an airgiod a dhfhag mi ann an Lunnainn fhaotainn. Gus so a dheanamh, an deigh dhomh coir is cead fhaotainn ann an sgriobhadh, air tuineachadh anns an aite, cheannaich mi fearann fasail leis na bhagam de dhairgiod, agus bha mi gu curamach asmaointean air mar bu choir dhomh mo ghnothaichean a shocrachadh, a chum gum biodh iad freagarrach air na bha mi gus fhaotainn a Sasunn.

Bha nabuidh agam dom bainm Wells. Rugadh ann an Lisbon, am Portugal e, ach bann de ghnath mhuinntir Shasuinn a bha athairs a mhathair. Bha am fearann aige ri taobh an fhearainne agamsa, agus bha sinn gle mhor aig a cheile. Bha e cho bochd rium fhin; agus fad da bhliadhna, cha robh sinn adeanamh leis a phlanndachadh ach na bhagar cumail suas. Coma co dhiubh, thoisich cuisean air soirbheachadh leinn, agus bha ar cuid fearainn atighinn gu feum. Air an treas bliadhna thoisich sinn ri cur tombaca, agus dheasaich sinn pios mor an t-aon gus siucar a phlanndachadh an ath bhliadhna. Ach bha luchd-cuideachaidh a dhith oirnn; agus a nis thuig mi na bfhearr na rinn mi roimhe, gun drinn mi gnothach cearr an uair a dhealaich mi ri Suraidh.

Ach, mo thruaighe! cha robh ena ioghnadh mor gun deanainn-sa gnothach cearr, agus nach drinn mi gnothach ceart riamh! Cha robh leasachadh air achuis ach mi dheanamh mar a bfhearr a burrainn domh. Fhuair mi mi-fhin ann an ohair bha fado bhith a reir mo chomais, agus a bha calg-dhireach an aghaidh na beatha anns an robh migabhail toil-inntinn, agus air son an dfhalbh mi a taigh mathar, agus an do chuir mi cul ris a h-uile comhairle mhath a thugadh orm. Agus cha be sin a mhain, ach bha mi tighinn a dhionnsuidh na staide sin a bha mathair amiannachadh dhomh, eadhoin staid gun bhi bochd no beairteach. Agus nan do mhiannaich mi a dhol air aghart anns an staid so, bha e cho math dhomh a bhith air fuireach aig an tigh, agus gun mi-fhin a sharachadh anns an t-saoghal mar rinn mi. Agus bu tric a thuirt mi rium fhin gum faodainn so a dheanamh ann an Sasunn am measg mo chairdean acheart cho math ri tighinn air astar choig mile de mhiltean gus a dheanamh am measg choigreach agus dhaoine fiadhaich, ann am fasach, agus an aite cho fad air falbhs nach cluinninn uair sam bith a aon earrann dhen t-saoghal anns an robh abheag de dheolas orm. Anns an doigh so bu ghnath leam a bhith beachdachadh le mor-dhoilgheis air mo shuidheachadh. Cha robh duine agam a chumadh comhradh rium ach an nabuidh so an uair a thachramaid an drastas a rithist ri cheile. Cha robh obair ri dheanamh ach na dheanainn le mo lamhan fhin. Agus bu ghnath leam a bhithg radh, gun robh micaitheamh mo bheatha coltach ri duine bhiodh air a thilgeadh air eilean fasail far nach biodh neach sam bith ach e fhein. Ach nach bu cheart an gnothach e, agus nach bu choir de na h-uile dhaoine beachd-smaoineachadh air, an uair a tha iad acoimeas an suidheachaidh ri suidheachadh dhaoine a tha nas miosa dheth na iad-fhein, gum faod am Freasdal toirt orra tighinn gu suidheachadh as miosa nan suidheachdadh anns am bheil iad, agus mar sin, dearbhadh soilleir a thoirt dhaibh o am fein - fhiosrachadh, air cho sona agus cho math dheths a bha iad an uair a bha iad agearain air an suidheachadh. Tha mig radh, gum bu cheart an gnothach gun robh abheatha aonaranach ann an eilean fasail, uaigneach, iomallach, air an robh mise cho tric asmaoineachadh air a cur air leith dhomh ann an riaghladh an Fhreasdail, on a bha mi gu tric acoimeas mo staid, gun aobhar air a shon ri leithid sid de bheatha. Nan dfhan mi le inntinn riaraichte anns an t-suidheachadh anns an robh mi, bha h-uile coltas gum faodainn a bhith gle shoirbheachail agus gle shaoibhir.

CAIB. X.

Bha mi ann an tomhas an deigh cuisean a shocrachadh mu dheidhinn mar bu choir dhomh teannadh ri planndachadh mun robh mo charaid caoimhneil, sgiobair na luinge, a shabhail mo bheatha dhomh, deiseil gus tilleadh a Brasil. Bhan long fad thri miosan anns an acarsaid eadar a bhith cur am mach an luchd, agus an luchd bu mhiann leis a thoirt air falbh fhaotainn air bord.

An uair a dhinnis mi don sgiobair mun airgiod a dhfhag minam dheigh ann an Lunnainn, thug e dhomh achomhairle mhath agus chaoimhneil so:— “A Mhaighstir Sasunnach,” arsesan, oir is ann mar so bu ghnath ieis bruidhinn rium, “ma bheir thu dhomhsa litrichean, agus ordugh air gnothach a dheanamhna daite, maille ri ordugh a dhionnsuidh an neach aig am bheil do chuid airgid ann an Lunnainn, gus na bhuineas dhut a chur a dhionnsuidh nan daoine a dhainmicheas mise ann an Lisbon, ann am bathair a bhios freagarrach air son na duthchadh so, bheir mi gad ionnsuidh e, mas toil le Dia, an uair a thilleas mi. Ach on a tha uile ghnothaichean na beatha so buailteach do chaochlaidhean agus do thubaistean, bheirinn de chomhairlort gun ach fiach ceud punnd Sasunnach, sin ri radh, leith na tha thug radh a dhfhag thu ordachadh an toiseach. Ma ruigeas so thu gu sabhailte, faodaidh tu achuid eile ordachadh a rithist air acheart doigh. Agus ma chailleas tu so, faodaidh an leith eile bhith agad air son dfheumalachd.” Bhachomhairle so cho fallainn, agus air a toirt seachad ann an doigh cho caoimhneils nach burrainn domh gun a bhith dearbhte gum be mo ghliocas a gabhail. Mar sin sgriobh mi litir thun na mna-uasail aig an dfhag mi an t-airgiod, agus thug mi ordugh don sgiobair gach gnothach feumail a dheanamhnam aite, mar a dhiarr e orm. An uair a sgriobh mi gu bantrach an sgiobair Shasunnaich, thug mi dhi mion-chunntais air a h-uile car mar a thachair dhomh, mar a ghlacadh mis a rinneadh traill dhiom, mar a theich mi, mar a thachair an sgiobair a Portugal rium aig muir, an caoimhneas a nochd e dhomh, agus an suidheachadh anns an robh mi, agus dhinnis mi dhi mar a chuireadh i do mionnsuidh a h-uile rud a bha dhith orm.

Agus an uair a rainig an sgiobair coir, onarach Lisbon, fhuair e doigh, tre chuideachadh mharsantan Sasunnach a bhanns abhaile, chan e mhain an t-ordugh a thug mi dha a chur gu ruige Lunnainn, ach mar an ceudna lan-chunntas air mar a thachair dhomh a chur gu marsanta ann an Lunnainn, a dhinnse mar a thachair dhomh don mhnaoi-uasail aig an robh mo chuid airgid. Cha be mhain gun dthug i seachad na bha mig iarraidh dhe mo chuid airgid, ach as a pocaid fhein chuir i suim mhath a dhionnsuidh an sgiobair ann am Portugal air son cho caoimhneils cho caranachs a bha e riumsa.

Cheannaich am marsanta a bhann an Lunnainn fiach ceud punnd Sasunnach dhen bhathar a dhordaich an sgiobair ann am Portugal dha, agus chuir e gu ruige Lisbon e, agus thug an sgiobair do mionnsuidh-sa e gu ruige Brasil. On a bha mise og, aineolach anns an obair a bhagam, thug an sgiobair ordugh a h-uile seorsa innealan a churg am ionnsuidh a bhiodh feumail dhomh aig an obair a bhagam, agus rinn iad feum mor dhomh.

An uair a rainig am bathar mi, bha min duil gun robh mfhortan deante, oir bha mi anabarrach aoibhneach. Agus an aite na coig puinnd Shasunnach a chuir mo bhanacharaid ga ionnsuidh air son cho caoimhnails a bha e riumsa a chur gufheum fhein, is ann a cheannaich agus a thug e do mionnsuidh-sa seirbhiseach a bha gus a bhith air fastadh agam fad shia bliadhna, agus cha ghabhadh e uam ach beagan tombaca a thug mi air a ghabhail, a chionn gur ann air an fhearann agam fhin a dhfhas e.

Cha be so a mhain na thainig de shoirbheachadhnam rathad. Bu bhathar Sasunnach a thainig ugam gu leir, mar a bha clo agus iomadh seorsa aodaich eile, nithean a bha ro luachmhor agus feumail anns an duthaich. Chaidh agam air an reic air buannachd gle mhor. Faodaidh mi radh gun robh corrs a cheithir uiread agam de dhairgiods a fhuair mi air son na reic mi ris an sgiobair an toiseach. Bha mi moran na bu bheairtiche na mo nabuidh, tha miciallachadh gun robh mi air thoiseach air ann am planndachadh; oir be cheud rud a rinn mi, duine-dubh a cheannach, agus mar an ceudna seirbhiseach fhastadh a thainig as an Roinn-Eorpa; agus bhan dithis so agam a bharrachd air an fhear a thug an sgiobair gam ionnsuidh a Lisbon.

Ach on a tha soirbheachadh gu tric air a dheanamhna mheadhain air daoine thoirt gu trioblaid, bann mar sin a thachair dhomhsa. Shoirbhich leam anabarrach math air an ath bhliadhna. Bha leith cheud rodha tombaca agam a dhfhas air mo chuid fearainn fhin, a bharrachd air na reic mi ris na nabuidhean air son rudan a thigeadh a chum mfheumalachd fhin, agus bha corr is ceud punnd anns a h-uile rodha dhiubh. Bha iad air an deadh ghiollachd, agus chuir mi seachad iad gus an tilleadh na loingeis a Lisbon. Agus a nis, air dhomh a bhith soirbheachadhnam ghnothach agus afas beairteach, thoisich iomadh smaointeanan ri eirighnam cheann mu dheidhinn ghnothaichean a bha fadas mo chionn; smaointeanan, cinnteach gu leor, a tha gu tric atoirt deadh luchd-gnothaich gu bochdainn.

Nan do lean mi romham anns an t-suidheachadh anns an robh mi, bha mi air cothrom fhaotainn air na nithean sin gu leir a shealbhachadh a bha mathair amoladh dhomh, a chum gun caithinn mo bheatha gu socair, agus air an robh e gu tuigseach alabhairt mar nithean a bha rim faotainn gu pailt aig amhuinntir nach robh aon chuid bochd no beairteach. Ach bha nithean eile atogail maire, agus bha mi gus a bhith, le mo lan-thoil fhin, ’nam mheadhain air mi-fhin a chur gu trioblaid agus gu truaighe. Agus gu sonraichte, gus mo choire a mheudachadh, agus an tuilleadh aobhair a thoirt dhomh gus a bhith smaointean air mo ghoraichena dheigh sid an uair a gheibhinn uine air aithreachas a ghabhail. Bha h-uile mi-fhortan a thainignam rathad ag eirigh on mhiann laidir a bha agam air a bhith falbh o aite gu aite. Bha mi ro dheidheil air a bhith leantuinn mo thoile fhin, a dhaindeoin cho soilleirs a bha e dhomh gum faodainn feum math a dheanamh dhomh fhin le dhol air aghart anns achursa a bha am freasdal gu nadarra a



[126]

[Vol . 12. No. 16. p. 6]

comharrachadh am mach dhomh gus a leantuinn. Mar a lean mi mo thoil fhin an uair a dhfhalbh mi a taigh mathar, mar sin mar an ceudna cha burrainn domh a nis a bhith riaraichte le fuireach far an robh mi, ach dhfheumainn falbh agus an deadh choltas a bha agam air fas beairteach far an robh mi fhagailnam dheigh. Cha robh de dhaobhar agam air so a dheanamh ach am miann gun chiall a bha agam air fas beairteach ann an uine na bu ghiorra na bha freagarrach dhomh gu nadarra. Air an doigh so thilg mi mi-fhin sios a dhionnsuidh doimhneachd truaighe cho mors a thachair ri duine riamh. Bheir mi nis seachad, ma ta, beag air bheag, mion-chunntais air achuid so dhe mo naigheachd. Bha mi nis mu cheithir bliadhna ann am Brasil, agus bha am planndachadh air toisicheadh ri dhol leam gle mhath. Cha be mhain gun dionnsaich mi canain na duthchadh, ach bha eolas agus cairdeas air fas suas eadar mi-fhin agus na daoineile a bhaplanndachadh anns an aite. Chuir mi eolas air na marsantan a bhann an St. Salvador mar an ceudna. Be so am baile-puirt a bhanns an aite.

An uair a thachradh dhomh a bhith ann an cuideachdnam marsantan, agus acomhradh riutha, is minic a thug mi cunntais dhaibh mu dheidhinn an da thuruis a thug mi gu corsa Ghuinea, mun doigh anns an deanteadh malairt ris na daoine-dubha a bhanns an aite, cho furasdas a bha e or, gran, fiaclan elefant, agus daoine-dubha a cheannach faisge air a chladach, air son rudan suarach mar a tha griogagan, deideagan, sgionan, siosair, tudhannan, bideagan de glaine, agus an leithidean sin. Chomharraich mi am mach dhaibh gum biodh e furasda gu leor moran de dhaoine-dubha fhaotainn gle shaor anns an aite ud, agus gun deanadh iad feum mor ann am Brasil.

Dheisd iad an comhnuidh le deadh aire ris na naigheachdan a bha mig innseadh dhaibh gu h-araidh ris na bha mig innseadh dhaibh mu dheidhinn ceannach nan daoine dubha. Aig an am ud cha robh reic is ceannach dhaoine-dubha ach air ur-thoiseachadh, agus dhfheumteadh cead fhaotainn o righrean na Spainne agus Phortugal, agus an gnothach a bhith air a chur ann an sgriobhadh. Air an aobhar sin, is e fior bheagan dhaoine-dubha a bha air an ceannach, agus bha iad gle dhaor.

Thachair dhomh air feasgar araidh a bhith ann an cuideachd feadhainn dhe na marsantan agus dhen luchd planndachadh air an robh mi eolach, agus thug sinn greis air comhradh mu dheidhinu nan nithean so. Air an ath mhadainn thainig triuir dhiubh far an robh mi, agus thuirt iad rium gun robh iad asmaointean gu dluth air na bha mig innseadh dhaibh an oidhche roimhe sid, agus gun dthainig iad far an robh mi gus tairgse a chur gu diomhair fa mchomhair. Agus an deigh dhaibh geasan a chur orm nach tugainn guth air aghnothach, thuirt iad rium gun robh iad asmaointean air long fhaotainn deiseil gus a dhol gu ruige Guinea. Bha fearan planndachaidh aca gu leir mar a bhagam fhin, agus thuirt iad gun robh iad gle eiseil a chion sheirbhiseach. Agus o nach be malairt a bhann a burrainn daibh a chumail air aghart, o nach fhaodadh iad na daoine-dubha a reic gu follaiseach an uair a thigeadh iad dhachaidh, cha robhnam beachd a dhol a dhiarraidh nan daoine-dubha ach an aon turus, agus an uair a bheirteadh gu falachaidh air tir iad, bha iad gus an roinnnam measg fhein. Agus, a dhaon fhacail, dhfheoraich iad dhiom an rachainn comhladh riutha gus amhalairt a ghabhail os laimh, on a bha mi eolach air mar a ghabhadh achuis deanamh ann an Guinea. Bha iad fhein gus na daoine-dubha a cheannach, agus bha iad gus lan-earrann dhiubh a thoirt dhomhsa air so mo dhragha.

(Ri leantuinn).


BARDACHD NA FEINNE.

CUCHULLAINNNA CHARABAD.

ROIMH-RADH.

AIR bhith do Chuchullainnna ghaisgeach treun agus buadhach, air chor is nacheil eachdraidh againn air aon de ghaisgeich na Feinne bu mhò treuntas na e, ach a mhàin Goll agus Oscar, deirear mar shean-fhacal, an uair a bhios duine làidir ann, nach gabh eagal roimh ni sam bith, gum bheil e cosmhail ri Cuchullainn. Thàinig Fionn a chuideachadh Chuchullainn ann am blàr a bha eadar es an Garbh mac Stairn. Chuir an Garbh mac Stairn teachdaire a ghabhail beachd air coslas Chuchullainn atighinnna charabad, agus an uair a thill an teachdaire, labhair an Garbhs e fhein ri chéile mar so:—

Cia fàth do thuruis, no do sgéil?
Fàth mo thuruis is mo sgéil,
Feara Eirinn sud mar chimear,
Air teachd chugaibh as amhagh,
N carabad air am bheil dual fiodharra fionnduinn.
Air a dheanamh gu lùthar, làmhach, tachdail,
Far am bu lùthars far am bu làidir,
S far am bu làn-ghlic am pobull ùr.
S achathair fhrasanta, rannduidh,
Caol, cruaidh, clocharra, colbhuidh,
Ceithir eich chliabh-mhòrs achaomh charabad sin.
Ciod a chimears acharbad sin?
Chimears acharabad sin,
Na h-eich bhalg-fhionn, chalg-fhionn, chluas-bheag,
Slios-tana, bas-tana, eachmhor, steudmhor,
Le sreunaibh chaola, lainnire, limhor,
Mar leug, no mar chaoir-theine dearg;
Mar ghluasad laoidh creuchda maoislich;
Mar fharum ghaoith chruaidh gheamhraidh,
Teachd chugaibh anns acharabad sin.
Ciod a chimears acharabad sin?
Chimears acharabad na h-eich liath,
Lughor, stuadhmhor, làidir, threismhor,
Stuaghmhor, luathmhor, thaghmhor,
A bheireadh sparradh air sgeiribh na fairge as an caraigibh,
Na h-eich mheargantach, tharagaideach, threiseadach,
Gu stughmhor, lughor, dearrsa-fhionn,
Mar spuir iollaire ri gnùis an ana-bheathaich,
Den goirear an liath-mhor mhaiseach,
Mheachtruidh, mhòr, mhùirneach.
Ciod a chimears a charabad sin?
Chimears acharabad sin, na h-eich
Chinn-fhionn, chrodh-fhionn, chaol-chasach,
Ghrinn-ghruagach, stobhradach, cheann-ardach,
Srol-bhreideach, chliabh-fharsuinn,
Bheag-aosda, bheag-ghaoisidneach, bheag-chluasach,
Mhor-chridheach, mhor-chruthach, mhor-chuinneanach,
Seanga, seudaidh, ’s iad searachail,
Breagha, beadarra, boilsgeanta, baoth-leumnach,
Den goirear iad an Dubh-seimhlinn.
Ciod a bhiodhna shuidhes acharabad sin?
Bhiodhna shuidhes acharabad sin an laoch
Cuaimiseach, cumhachdach, deadh-fhaclach,
Liobharra, loinearra, deadh-mhaiseach.
Tha seachd seallaidh air a rosg;
S ar leinn gur math am fradharc dha.
Tha sia meòir chnamhach reamhar
Air gach laimh tha teachd o ghualainn;
Tha seachd fuilteana fionn air a cheann;
Falt donn ri toinnte a chinn,
S falt sleamhuinn dearg air uachdar,
Is falt fionn-bhuidh air dhath an òir,
S na faircill air abharrga chumail,
Don ainm Cuchullainn, mac Seimh-Suailte,
Mhic Aoidh, mhic Aigh, mhic Aoidh eile.
Tha aodann mar dhrithleanna dearg,
Lughmhor air leirg mar luath-cheathach sleibhe,
No mar luathas eilde-faonaich,
No mar mhaigheach air machair-mail.
Gum bu cheum tric, ceum luath, ceum muirneach,
Na h-eacha ateachd chugainn,
Mar shneachd air snoighead nan sliosaibh
Ospartaich agus unaghartaich
Nan eachaibh ga t-ionnsuidh.


Litir a Boston.

FHIR-DEASACHAIDH, —Ged nach eil mi fhein gle eolach air sgriobhadh na Gàilig, tha mi dol a thoirt oidhirp air beagan fhacal a sgriobhadh aig an àm so, bhon tha an t-àm a bhi cur dolair gu MAC-TALLA air ùr-thighinn gu ar n-ionnsaidh. Chaneil mi faicinn a bheag de litrichean á Bostondol gu MAC-TALLA ged is iomadh facal Gàilig a tha air a labhairt ann, eadar da cheann na bliadhna. Tha mi tuigsinn gu bheil an sneachda pailt ann an Ceap Breatuinn aig air àm so; agus gu dearbh tha sinne faighinn ar roinn fhein dheth an so. Tha seann luchd-àiteachaidh a bhaile ag radh nach fhaciad uiread sneachda còmhladh air na sràidean bho chionn àireamh bhliadhnaichean, agus be sin an sneachda nach bi fada geal an deigh dha tuiteam. Bha mi còmhradh ri aon de sheann luchd-leughaidh MHIC-TALLA bho chionn ghoirid, agus thuirt e gum bfhearr leis gun cuireadh sibh ann an clò aon uair eile, Sgeulachd Dhaibhidh Ghrannd agus Pàruig òg agus an déile. Thainig i anns a MHAC-TALLA bho chionn beagan bhliadhnaichean ach chaneil mi cinnteach gur e so an tiodal ceart. Ach bhithinn gle thoilichte a leughadh aon uair eile. Tha mi toilichte an deagh luchd-sgriobhaidh tha cur litrichean ugaibh bho àm gu àm. Ach cait an deachaidh Micheil? chan eil mi cluinntinn guth uaithe. Mo bheannachd agad a Choinnich Mhic Fhearghuis; cha robh fios agam gu robh thu cho maith air a Ghàilig. Is ann rium a chord an dàn molaidh a fhuair sinn bhuat a rinn thu do luchd-sgriobhaidh a phaipeir bhig ghrinn is toil leinn air fad. Ach facal beag dhuit mun dùin mi mo litir

A Choinnich choir, gu robh thu beachdmhor,
S gun sgriobh thu sios am briathran tlachdmhor,
Gach aon bha sgriobhadh gu Mac-Talla,
Bhon ears bhon iar;
Ach càit an dfhàg thu mo sheann charaid,
Don ainmCeann Liath?”

Nis gheibh sibh tri dolair anns a litir so, aon bhuam fhìn agus aon an neach bhon da charaid a tha mig ainmeachadh.

Bidh mi nise co-dhùnadh le bhi guidhe bliadhna mhath ur do MHAC-TALLAs do chàirdean. Bho aon do luchd-leanmhuinn dileas.

N. L.


Ann am Brixton, an Sasunn, cha mhor gu robh latha turaidh aca on thainig a bhliadhnùr. Tha inneal-thomhais an deigh a nochdadh gun do thuit còrr is sia òirlich dheug air fhichead a dhuisge re a mhios; se sin ri radh, nan robh an t-uisge afuireach air uachdar an talmhainn mar bha etuiteam, gum biodh e nis còrr is slat air dhoimhnead.


Chaidh Cashel, am murtair a theich á priosan Chalgary a ghlacadh a rithist, agus bha e air a chrochadh a reir na binne Di-màirt sa chaidh. An deigh dha teicheadh chuireach dàilsa chrochadh, oir nan robh an latha chaidh a shònrachadh an toiseach air a dhol seachad, gun sin a dheanamh, bhiodh esan marbh ann an sealladh an lagha, ’s cha ghabhadh e cur an greim tuilleadh.



[127]

[Vol . 12. No. 16. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Plaigh nan Radan.

Tha cuid don Ghalldachd làimh ri Dunéideann am an eigin mhòir anns na laithean so le plàigh radan a tha air tighinn orra. Is mòr an t-eòlas a tha ri fhaotainn an diugh air gach taobh; ach a réir coslais chan fhaighear ìnnleachd eifeachdach air bith a chuireas às do na radain far an tòisich iad air tuineachadhnan lìonmhoireachd mar tha ann an ceàrnan Lothian an diugh. Tha na creutairean fiadhaich smiorail so adeanamh sgrios mòr anns na h-àitean so; agus tha coin is cait gun fheum ann a bhigam marbhadh. Ach chan anns aGhàidhealtachd a mhàin a gheibhear an creutair so gu tric abuadhachadh. Tha iad adeanamh sgrios mòr aig an àm so ann an Lunnuinn agus ann an àitean eile ann an Sasunn; agus tha Mr Seòras Malcolm Ionarghairidh ag ìnnseadh dhuinn gun do lean no gun dfhoillsich radain iad fèin suas mu thrì mìle troigh air taobh beinne far an robh luchd-obair adeanamh ghàraidhean crìche. Ach cha robh fhios às a thàinig iad. Marbhaidh puinnsean iad gun teagamh; ach tha so car cunnartach a thaobh bheathaichean eile. A rèir coslais bith iad a ghnàth dlù do àitean far am bheil còmhnuidh is tàchar aig daoine. Bàbhuist do na bàird Ghàidhealach a bhigan cur air theicheadh o bhaile le bhi deanamh aoirean dhaibh. Tha eagal oirnn gun do chaill bàird an lathan diugh an seann chomas so.


An Cu.

Is e an gun amharus am beathach is dilse don duine. Ged a bhiodh gu nadurra fiadhaich, gidheadh tha e cho umhal damhaighstirs is urrainn a bhith, gu toigheach a frithealadh gach gluasads gach guth, ’s agràdhachadh eadhon an lamh a smachdaicheas e.

Tha mor eadar-dhealachadh eadar cuid do choin, mar tha an t-abhag agus am miol-chu; gidheadh theireadh neach sam bith gur e coin a tha annta. Buinidh na coin don aon treibh gu nàdurra ris na cait; ach tha na cait air an ceangal gu h-àraidh ri àiteans ri tighean sònraichte, ach leanaidh an cu mar is tric amhaighstir. Tha mar an ceudna gliocas sònraichte aig achù; cha mhor nach saoileadh neach gun tuigeadh cuid de choin na h-uile facal a rachadh a ràdh riù. Tha sgeul air innseadh mu dheidhinn da chù a bha aig duine uasal àraidh, ’s nuair a theireadh e ri aon diubh eirigh agus coiseachd, agus ris an aon eile ruith, dheanadh gach aon diubh an ni a rachadh iarraidh air mar gum be creutairean reusanta a bhiodh annta. Tha an cu mar an ceudna gle luath, agus tha fàile ro mhath aige; ’s mar is tricsann ri fhàile a dhearbhas e mar tha e air lorg ni sam bith.

Tha cuid de choin a tha feumail ann an iomadh dòigh; mar a tha an chaorach, an seorsas pailtes an taobh tuath, ’s cha mhor nach faicear fear dhiubh aig (no anns) a h-uile tigh croitear. Tha e gle iongantach gum biodh an air ainmeachadh ann an doigh cho suarach; mar a their iadChaneil ann ach cu,” ’sChaneil beatha a choin aig,” ach thainig na facail so air tùs on Eiphit far an robh an cu air a mheas gle shuarach. Gidheadh tha na coin measail aig a chuid is agus is maith is fhiach iad e.


Cosdas an Lagha.

Nuair a thuiteas daoine bochda ann an làmhan an lagha tha fhios aig amhuinntir ghleusda thuigseach ciod a thachras. Dhfhàg fear Ruairi MacNeill ann an Girvan, an Alba, corr is mìle punnd Sasunnachna dhéigh gu bhi air a roinn am measg nan càirdean, agus às a sin bha cheud gu leth ri dol gu làimh Fionnaghal nic Neill no nicIlleathain. Dheirich connspoid mun te so, agus chaidh iad gu lagh mun cheud gu leth. Ach cha do chunntais iadnam measg fein gu de a chostadh an lagh dhaibh. Cca robh na bu lugha na seachd fir-lagha anns achùis, aguss e a thuirt am breitheamh gun dith iad suas an dileab gu leir eatorra fein. Thuirt e mar an ceudna gum feumadh e amharc a steach anns achùis so. Ach feudar a ràdh gun dfhalbh an t-airgiod, agus nach bi e gle fhurasda sgillin dheth so fhaotainn air ais. On ghnothuch to tha e soilleir ri fhaicinn gum bheil achuid as motha a tha dol gu lagh uailleil amaideach. Tha a mhuinntir ud glic a ghleidheas iad fein as na làmhan cruaidh greimeil so. Bidh gloichdean adeanamh uaill mu dhol an deigh ceartais; ach gle thric chan fhaigh iad ceartas anns na cùirtean lagha. Anns na ceàrnan ud chan fhaic thu gu tric ach ròpaichean fada do laghan eucorach. Tha eadar-dhealachadh mòr eadar lagh agus ceartas. Agus thigeadh do chàirdean glic gleusda so achuimhneachadhnuair a smuainicheas iad gluasad a mach gu sunntach gu cùirtean an lagha.


Thachair sgiorradh uamhasach ann am mèinn-ghuail am Pennsylvania air an t-seachduin sa chaidh. Bha an sgiorradh air aobharachadh le spraidheadh. Cha deachaidh ach gann duine de na bhag obair anns a mhèinn aig an àm a shàbhaladh. Tha dlùth air naodh fichead corp air a thoirt aisde cheana, agus tha tuilleadh gun fhaighinn fhathast.

Bann oidhche Di-sathuirnes maduinn na Sàbaid sa chaidh a thainig an reothadh bu truime bhagainn am bliadhna. Tha cuid ag radh gu robh am fuachd ma bu mhò na bha e o chionn deich bliadhna fichead. Bha ant-airgiod-beòa seasamh eadar 13 is 16 fo sero. Ach bha side chiùin ann, agus mar sin cha robh am fuachd air fhaireachadh cho morsa bha e làithean eile air a gheamhradh so fhein.

Chaidh Amede Bourgeois, Frangach òg a mhuinntir Cheticamp, a mharbhadh aig naCoke OvensDi-luain sa chaidh. Bha e air a bhualadh le cnaig a dhfhàg e fein le dearmad ann an roth inneil mun robh eg obair. Bàbhaist a bhi tionndadh an roth leis a chnaig so nuair bhiodh an inneal na tàmh, agus bhiodhtega toirt as cho luathsa chuirten inneal a dhobair. Bhan anail ann nuair a fhuaireadh e, ach chaochail e mun robh ùine air a thoirt air falbh. Bha eg obair aig cuideachd an iaruinn o chionn thri bliadhna, sia miosan den ùine sin aig an obair ris an robh e nuair chaidh a mharbhadh. Bha e sia bliadhna fichead a dhaois.


An Sruthan.

(OnFhear-chiùil. ”)

Chuanaic min sruthan
Ag éiridhs a mhunadh,
S atriall air a thurus,
Feadh ghlumag achàir;
Afiaradh amhullaich,
S asiaradh na tulaich,
Ag iarraidh le bruthaich,
S a thurus gu tràigh.

A shruthain air an tathais,
Nach dean thu rium mailis,
aobhar do chabhaig?
Fan tamull martha;
Na cluanagan uaine,
An achlais nam fuar-bheann,
Car cagar adchluasan,
Thughluasad gu fàil.

Chunnaic min sruthan,
Atearnadh abhruthaich,
Gu mear acur chuir dheth,
S na buinneachan blàth;
Aruith mu na stacain,
Aleum bhàrr nam bacan,
Is eóin bheagna h-ealtainn
Ri caiseamachd dha.

A shruthain, a shruthain,
Nach dean thu rium fuireach,
S gur goirid an turus,
O mhunadh gu tràigh;
Nùair ruigeas tun réidhlean,
Cha bhi thu cho éibhinn,
Theid moillesa cheum sin
Tha eutrom an dràsd.

Chunnaic min sruthan,
Gu cianail asiubhal,
Achuing air a mhuineal,
S e umhal air fàs;
Agluasad gu dubhach,
An amar dubh giubhais,
A thionndaidh na cuidheall,
Aig muileann aghràin.

A shruthain, a shruthan,
Gur misetha duilich,
Asealltainn na buile,
Gun dchuireadh thun dràsd;
Do bhùrn àir a thruailleadh,
Do shruth air a bhuaireadh,
Is barrag na druaipe
Mu dbhruachan asnàmh.

Chunnaic min sruthan,
Seach baile nan turaid,
Agiulan nan luingeas,
Bu truime gu sàil’;



[128]

[Vol . 12. No. 16. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Air caochladh cho buileach,
An aogasgs an cruitheachd,
Bhon chaochan a chunnaic
Misruthadh troimhn chàr.

A shruthain, a shruthain,
Mo bheannachd adchuidéachd,
Chan fhada ceann-uidhe
Nan uile bho dchàs:
Tha fuaim achuain bhith-bhuain
Adchluasan adinneadh,
Gur suarach an t slighe,
S in giorrad afàs.

Tha feasgar an latha,
Atarruing am fagus,
An calasan t-sealladh,
S an gabh thu gu tàmh;
Ach faicear thu fhathast,
Air sgiathan na maidne,
Gun smùr no gun smal ort,
Mar chanach achàir.


Aisling Dhomhnuill Bhain.

LE IAIN MAC PHAIDEIN, AN GLASCHO.

Tha Dòmhnull bàn an Lagan Dùrain,
Mar is nòs, gu grunndail ciallach,
Bheir e comhairles a mhionaid
S chan fheum thusireadh na a h-iarraidh;
Nochdaidh e gu toileach dhuit,
An dòighs an dian thu ruc, ’s cruach-mhòna,
Mar a stiùrar long no bàta,
S mar a chàras tu do bhrògan,—
S a h-uile dad.

Gur h-iomadh bliadhna tha eg altrum
A bheachd, ’s a bheil e cinnteach.
Se so am beachd, ’s cha suarach e,
A thaig air uachdar inntinn;
Se sin nan dfhuair e còmhradh,
Ris aBhan-rìgh chóir, mar theireadh e,
Gun ceartaicheadh e h-uile ,
San rìoghachd so, ’s do dh-eilthirich;—
Air bheagan dragh.

Nach eil mun Chùirt, cha dian e àicheadh,
Neach, a bheag nis fheàrr na burraidh.
S gum bfheàrr don dùthaich iad bhi às
A chionn cha dian iad math do dhuine;
Moran fòghlum còmhradh riaspach
S ailis-bhialain aotrom,
S gun eanachainn anns na cinn aca,
Ni mo na chitsan aotroman
Thig as a mhart.

Tha Dòmhnull rud beag ceann-laidir,
Thig pàirt da chainnt gun fhiosdair,
Chaneil moran maoin aige,
Oir bfheàrr leìs daonnan gliocas.
Ach oichche shònraicht, chaidh a ràdh,
Mun deach e tàmh, bhamhisg air,
Ach gabh e shuipeir fallain slàn
De dheadh bhuntàtas piocach
Mun dthug e srannd

Mu mheadhon oìdhche thug e leum ás
S dh-éirich e on chluasaig
Na shuidhe dìreach anns an leabaidh
S fhallas air aghruaidhean,
Dùisgus éisd mo dhìomhaireachd,
Mun toir an dìchuimhn uam e.
Iseabal, a ghràidh mo chridh,
An toir thu brìgh a bruadar,—
An cluinn thu so?

Thainig teachdaire on Bhan-righ,
Nallna dheann ga miarraidh,
Litir shéilichtena phòca,
S briathran beòil bha briagha.
Dhfhalbh mi ged nach fios dhomh ciamar,
Mur robh mi air sgiathan,
Bha mi taobhstigh na cachla,
Mun dfhairich mi gun thriall mi,
Gun robh min sud.

S e chuir spleumas air mo shùilean,
Na bha mheas a lùbadh gheugan,
Chan fhacas riamh a leithid de dhàite,
On bha Adhamh an Gàradh Eden;
Bha gach rathad morus bealach,
S firg am faire mar a dhfheumadh.
S mun drainig mi dorus achadha
Chosd mi na bhagam de Bheurla,—
S cha bfheairrd mi sud.

Bha gillaig gille, air feadh an aite,
Us fhreagradh iad le meur a ghluasad,
Am fear a fhuair comannd air càch ann,
Gun robh a shròn cho àrd ri Cruachan;
Com na spaglainn, stràiceil, pròiseil,
A chionn a chòta bhi cho briagha;
S ged bha na botuil air a bhòrd,
Ri Dòmhull cha duirt e, “a bheil beul ort,
Nom blais thu so.”

Bha cam-chraos gàirair seorsa duine,
S ena shuidhe thall mum choinneamh,
Dhaithnich mi gun drinn mi di-chuimhn’,
Saoil an tug mi dhiom mo bhoineid,
Chuir mi suas mo làmh gu spìonadh,
Bhàrr mo chinns ga cuir am phòca,
An tubaist cha deach mfhalt-sashlìgeadh,
Cha robh cìr ann o Dhi-dòmhnuich,
S bha sud mar sud.

Dhfhosgail dorus, rinn e diosgan,
Bha fuaim an t-sioda tighnn troimhn trannsa,
So i tighinn tha mi cinnteach
S an sturraicean grìsfhionn so mu mcheann-sa;
Leis amhiapadh dhfhag mo thùr mi,
S bhuail mo ghlùinean air a chéile,
S truagh nach robh mim feachd righ Pharaoh,
S anns gach plàigh a bhanns an Eipheit,
Mun robh mi so.

Dhiùc i stigh, mar reul aboillsgeadh,
Com na loinn is aoibheil gàire,
S chaneil mo bhan-charaidsan sgìreachd
Bhiodh rium fhìn a leith cho càirdeil,
Rinn sinn crathadh làmh cho caoimhneil
S ged a boighre mi air fortan,
S mun robh i tiota anns an t-seòmar
Rug i air sgòrnan air botul
Us lion i mach.

Lion i glaine mor denTòiseach
Thug seachd bliadhnas còrrsa bhuideal,
S dhat mo chridhe le toil-inntinn
N uair a bhuail e shios mo shlugan;
Ach ged thòisich mi air seanachas,
Rinn mi dearmad air na cùisean,
S le càsd a reiteachadh mo mhuineil,—
Fàth mo dhunach, ’s ann a dhùisg mi,
Mo challs mo chreach!

Thuirt a bhean, “Leig leamsa cadal,
S beag mo thlachd de leithid a dhùpraid,
Chuala mise o chionn fada
Muaisling caillich mar a dùrachd.’
Chaneil brigh bheir neach tha beò as
A ni do threòrachadh gu gliocas,
S ann a dh ith thu ghràidh a Dhomhnuill
Tuilleadh mors achòir den phiocach
Mar thuirt mi riut.”

Cuist a chaillich, tog de dchrìocan,
An en spìocairaachd thair daire;
Chaneil breithneachadh ad inntinn,
Thuigeas ni den tha mi cantainn.
O nach gabh thu suim dem bhriathran,
Ach mar ni nach bfhiach leat aithris,
Ithidh mi na bheilsa chliabh ud,
S chi mim bruadar ciadnan ath-oidhch;
Na abair diog.”


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 16
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 16. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page