[Vol . 12. No. 17. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, FEBRUARIDH 19, 1904. No. 17.
Rinneadh barrachd marbhaidh le sgiorraidhean air roidean-iaruinn nan Staidean an uiridh na rinneadh ann an cogadh Africa mu dheas bho thoiseach gu dheireadh. Ann am Breatunn tha cuid de bhliadhnachan a’ dol seachad gun aon bheatha bhi air a call le sgiorradh rathaid iaruinn: ’s ann uair anabarrach ainneamh a nithear call mor. Tha so a nochdadh gu bheil an t-sith na’s marbhtaiche anns na Staidean na tha ’n cogadh ann am Breatunn.
Thuirt breitheamh araidh ’s e ’cur càs fa chomhairjuryanns a bhaile so, “nach robh e uair sam bith a leughadh phaipeirean-naidheachd Shidni, agus gu robh e creidsinn nach bu mhisd e sin idir.” Is briathran iongantach iad so a beul fir-sgoltaidh ceartais. Na ’m biodh e gu riaghailteach a leughadh phaipeirean a bhaile so—agus gu sonraichte MAC-TALLA—cha’n eil fhios am bbiodh e cho ullamh gu cur sios orra. Agus faodar gu h-iomchuidh fheòrach am bheil e na chomharradh air inntinn bhreithneachail ann an duine a bhi diteadh ni no neach air am bheil e le dheoin fein aineolach?
Bha taghaidhean air-son na h-àrd-phàrlamaid ann an deich siorrachdan Di-mairt s’a chaidh, —sia an Cuebec, a dha an Ontario, aon an New Brunswick ’s aon an Eilein a’ Phrionnsa. Bu Chonservatives a bha roimhe so anns an da shiorrachd a bha fosgailte ’n Ontario, agus bu Liberals a bha ’sna h-ochd siorrachdan eile. Fhuair dithis Liberals a stigh an Cuebec gu h-aon-ghuthach, agus chaidh sia de na siorrachdan eile leotha. Choisinn na Conservatives an da shiorrachd a bh’ aca roimhe, agus fhuair iadSt . John’s, N. B. ,as ùr. Tha na taghaidhean mar sin a’ fagail taobh an riaghlaidh aon duine na’s laige na bha iad. B’ ann anSt . Johna bha ’n t-Onarach A. G. Blair gus ’n do ghabh e dreuchd o’n riaghladh mar cheann-suidhe Comhairle ’n Rathaid Iaruinn.
Bha luchd-riaghlaidhSydney Mines,ris an abrar ’sa Ghàilig Baile na mèinne, no a Mhèinn a Tuath, air-son ainm ur fhaotainn. Thug iad cuireadh do’n t-sluagh ainmean a bhiodh freagarrach a chur a stigh gu cléireach a’ bhaile. Thainig corr is ceud ainm a stigh, agus as an aireamh sin thagh a chomhairle le bhot a chinn-suidhe “Stahlburg,” facal Gearmailteach ’tha ciallachadh “baile ’n iaruinn.” Bha moran an aghaidh an ainme sin, a chionn nach robh ceangal aig a Ghearmailt riamh ris an dùthaich so, agus gu ’m b’ fhearr, ma bhatar a’ dol a thaghadh ainm ùr, facal Beurla, no Gailig, no Fraingis no Innseanach a ghabhail. Bha coinneamh aig muinntir a’ bhaile an oidhche roimhe, agus thainig iad dh’ ionsuidh a cho-dhùnadh gu’m b’ fhearr an t-olc eòlach na ’n t-olc aineolach, nach gabhadh iad “Stahlburg” mar ainm air chor sam bith, agus gu ’n gleidheadh iad an t-aimn a bh’ aca.
Tha e ro-choltach nach teid moran ùine seachad gus am bi Baile na Meinne agus Sidni Tuath air an aonadh ri cheile, agus cha bhiodh e na bhuanachd mhor ainm aon seach aon dhiu atharrachadh gus an tig sin gu crich. Nuair a thig, tha sinn fein an dochas gu’n taghar ainm a chumas air chuimhne gur sliochd Ghaidheal an roinn mhor de shluagh a bhaile-mhoir ùir agus na duthcha tha g’a chuairteachadh.
Cha’n eil ach aon tigh-cluich fosgailte ann an Chicago o’n thachair an sgiorradh uamhasach an aon diu toiseach na bliadhna. Tha luchd-ceartais a’ cur coire air an ard-bhàillidh Harrison ’s air ofaigich a’ bhaile a chionn nach do ghabh iad curam de na tighean-cluich roimhe, gus an deanamh sàbhailte. Ach tha Harrison ag radh nach robh sin na’n comas: nach bu luaithe rachadh iadsan a chur an lagha dh’ obair na thigeadh sgaoth de dhaoin’ inbheach a bhaile a ghuidhe gu’n sguireadh iad. Air an aobhar sin bha na tighean-cluich air am fàgail cho mi-shàbhailte ’s a bha iad, agus bha na ceudan air an cur a dhith nuair a bhrist a cheud teine a mach.
Tha Donnachadh C. Friseil, a bha o chionn àireamh bhliadhnachan na fhear-pàrlamaid do shiorrachd Ghuysboro, air a dheanamh na Bhreitheamh do Ard Chùirt Nobha Scotia. Tha Mr. Friseil na dhuine comasach, mar fhear-lagha ’s mar fhear-pàrlamaid. Cha’n eil òraidiche ’sna Roinnean Iochdrach a’s taitniche r’a éisdeachd. Bheir an sgeul gu bheil e nis air cathair a’ bhreitheanais toileachadh mor d’a chàirdean aig am bheil earbsa gu’m bi e cho math mar fhear-ceartais ’s a bha e gu ruige so mar fhear-stàite. Cuide ri bhuadhannan eile tha ’m Breitheamh Friseil na Ghàidheal gu chùl aig am bheil meas mor air eachdraidh, cliù is cainnt a shìnnsir. Gu ma fada beò e is ceò as a thigh!
Tha na stoirmeannan a bh’ann o chionn dha no tri sheachduinean a cur gu dona ris na roidean-iaruinn. Ann an siorrachd Inbhirnis bha ’n trein a tha ruith eadarBroad Coveis Hastings, pàirt de’n ùine air a cur na tàmh gu buileach. Thatar ag ràdh gu ’n d’ rainig duine Sidni an là roimhe a thug naodh latha a’ tighinn áBroad Cove.Tha ’n sneachd an iomadh àite na chuitheachan cóig troighean deug a dhoimhnead. Eadar so is Halifacs tha na treineachan a ruith gu math riaghailteach, ach an trein bu chòir a bhi ruigheachd Shidni mu mheadhon-oidhche Di-luain, cha d’rainig i gu oidhche Di-màirt. Air an trein sin bha ’m Breitheamh Meagher a tighinn dh’ionnsuidh na Cùirte Moire. Bha i ri fosgladh maduinn Di-màirt, ach a chionn am breitheamh bhi air a chumail anmoch cha d’ fhosgail i gu Di-ciaduin. B’e so a cheud uair air am fiosrach sinn a chuir sìde Cheap Breatunn maille air ceartas.
Tha Ruisia is Iapan a nis a’ cogadh. Air an t-siathamh là de’n mhios ghairm Iapan a teachdaire air falbh á Ruisia, agus air an ochdamh là bha cheud bhlàr air a chur. Tràth maduinn Di-luain thainig cabhlach-chogaidh Iapan guPort Arthur,far an robh cabhlach aig Ruisia air acair. Anus a bhlàr a thòisich an sin bha tri de shoithichean cogaidh Ruisia air an cur o fheum. Feasgar an latha sin fhein bha dha eile de shoithichean-cogaidh Ruisia air an cur do’n ghrunnd faisg air Chemulpo, air cladach Chorea. Tha àireamh de shoithichean eile aig Ruisia ann a Vladivostok, ach a réir coltais cha’n fhaigh iad as gu samhradh, oir tha ’n acarsaid reòta. Tha Iapan mar sin air a cheud bheum buadhach air a mhuir, agus feumaidh Ruisia an deigh so an cogadh a chur air adhart bho thìr. Tha iomadh naidheachd a tighinn do nach faodar moran creideis a thobhairt. Cha robh call beatha glé mhor air taobh seach taobh. ’S e call nan soithichean a’s mò a dh’ fhairicheas Ruisia na call beatha, mor ’s g’am bitheadh e. Tha gu leòr de shluagh aice a ghabhadh àite na feadhnach a rachadh a mharbhadh; ach cha’n urrainn dhi call nan soithichean a leasachadh, oir cha’n eil port aice anns am faigh i an càradh.
Tha daoin’ is mnathan ann fhathast a ghabhas mar fhirinn gach ni a chi iad ann an clò. Tha lan earbsa aca anns na paipeirean-naidheachd. Cha’n eil toil againn idir an cur as an earbsa sin; ach feumar aideachadh gum bi na paipeirean uair is uair ann am mearachd. Bha sgeul bheag a dhearbhas sin ann an caochladh phaipeirean o chionn ghoirid, ag innse mar a choisinn Sir Cailein Caimbeul a chommission ’san arm. Bha ceannard airm Breatunnach—Diuc Wellington, ma’s math ar cuimhne, —a’ cur seisd ri baile-mor anns na h-Innsean. Thug e ’n aire do dhuineachan beag air an robh coltas fior thapaidh a streap a bhalla, ach cho luath ’sa rainig e mhullach chaidh a thilgeadh air ais, ’s thainig e car m’a char dh’ ionnsuidh an làir. Cha bu luaithe rainig e ’n làr na dh’ eirich e ’s a thug e oidhirp eile; air an turus sin chaidh leis, agus chòrd a thapadh cho mor ri Wellington ’s gu’n d’ fhuair e commission dha. B’e ’n duineachan tapaidh sin Cailein Caimbeul. Is sgeul gle bhòidheach so, gun choire sam bith ach nach eil facal dhi fior. Cha bu Chaimbeulach Sir Cailein idir; bhuineadh e do Chloinn Iomhair. Cheannaich brathair a mhathair commission dha nuair ghabh e ’san arm. Le mearachd chaidh ainm a chur sios mar Chaimbealach, ’s mar sin chaidh fhagail. Tha de thapadh ’s de threunas a churaidh so air innse ann an eachdraidh fhirinneach na dh’fhoghnas gus ainm a chumail air chuimhne fhad ’s a bhios muinntir a dhuthcha ’gabhail tlachd ann an cliu nan daoine o’n d’ thainig iad. Cha’n eil a dheagh ainm a’ cur feum sam bith air sgeul de’n t-seorsa chaidh aithris, sgeul anns nach eil firinn a dhluth no dh’ uachdar.
[Vol . 12. No. 17. p. 2]
Naidheachdan.
Chailleadh àite-suidhe eile do Chamberlain ’sa phàrlamaid Bhreatunnaich Di-haoine s’a chaidh. Tha fiosan dh’ ionnsuidh nam paipeirean-naidheachd o àm gu àm ag innse gu bheil beachdan Chamberlain air cùisean stàite a faighinn buaidh mhor. Ach tha na taghaidhean a reir coltais ag innse sgeul eile.
Air tàille a chogaidh tha ’m flùr ’s an ti air éirigh am prìs. Tha barailte flùir an diugh dolair no dolair gu leith na ’s daoire na bha e, agus an ti sent no dha am punnd. Tha na h-uibhean daor aig an àm so cuideachd, 40c. an dusan, ach cha’n eilear a cur a choire sin air a chogadh. ’Se ’s coireach ris fuachd a gheamhraidh a bhi cur tilleidh air na cearcan.
Bhuail da threin na cheile aigSand Point,tri fichead mile ’n ear air Ottawa, seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh. Bha ceithir duine deug air an grad mharbhadh agus fichead air an leòn. Bha aon de na treineachan a dol an iar ’s an tè eile tighinn an ear nuair a bhuail iad na cheile, an comhair an cinn. Bha an sgiorradh air aobhachadh le sgioba h-aon dhiu a dhol bhar an òrduigh a thugadh dhaibh.
Bha taghadh ann anCape Colonyo chionn ghoirid. Fhuair na Breatunnaich an àireamh bu mhò de ’n daoine chur do ’n phàrlamaid, agus tha an Dotair Jamieson ri bhi na phriomh mhinisteir. Cha d’ fhuair Sir Gordon Sprigg, am fear a bha air cheann an riaghlaidh roimhe so, do ’n phàrlamaid idir air an turus so. Bha Jamieson dlùth-cheangailte ri ionnsuidh mhi-shealbhach a thugadh air an Transvaal a thoirt fo chìs àireamh bhliadhnachan mu ’n do thoisich an cogadh.
Is ann an Canada a tha ’m fear-pàrlamaid a’s sine air am bheil iomradh. Air a cheart latha so, Di-haoine an naodhamh la deug de Februaridh, tha an Seanair Wart ceud bliadhna dh’ aois. Tha e gu glàn, fallain a dh’ aindeoin aoise, agus bidh e na àite-suidhe ’san t-Seanadh air an earr-so mar a b’ àbhaist. An uiridh, thairg an riaghladh càr a chur g’a ghiùlan o ’dhachaidh anNew Brunswickgu Ottawa. Dhiùlt an curaidh tapaidh an tairgse sin a ghabhail: an càr a dh’ fhoghnadh do dhaoin’ eile, dh’fhoghnadh i dhàsan.
Bha da mhile sia ceud tri fichead is naodh pòsadh ann an Nobha Scotia air a bhliadhna chaidh seachad. Dhe ’n àireamh sin cha robh ach tri cheud ’s tri fichead “air an eigheach ’san teampull Di-dòmhnaich,” réir an t-seann chleachdaidh. Ann an siorrachd Cheap Breatunn, bha 411 pòsadh; ann an Victoria, 10; ann an Richmond, 20; ann an Inbhirnis, 52. Tha ’n cùnntas so a’ nochdach gu ’m b’ann ’sna siorrachdan bu mhò an soirbheachadh bu mhò àireamh nam posaidhean. Tha an ni ceudna cheart cho fior mu na siorrachdan a ar tha air taobh thall a’ chaolais.
Oidhche Di-ciaduin, an treas la de’n mhios, thachair gnothuch muladach ann an Montreal. Chaidh tigh fir Crawford Lapine ’na theine, agus bha ceathrar de na bha stigh air an losgadh—bean an tighe, dithis chloinne is fear Tomas Hare, nach buineadh do’n tigh. Bha ceathrar eile anns an tigh a fhuair teicheadh le leum a mach air uinneig. Bha Lapine fhein air falbh air cheann turuis an oidhche thachair an sgiorradh uamhasach so da theaghlach. Bha teine eile anns a bhaile Di-sathuirne s’a chaidh leis an deachaidh triùir a chur gu bàs agus seachdnar a dhroch leòn. Tha teintean ann an togalaichean móra anabarrach cunnartach.
Tha baile-mor Shidni ri àrd-bhàillidh is coignear chomhairleach a thaghadh air a’ cheud la dhe ’n mhàrt. ’Se Di-màirt s’a tighinn la an ainmeachaidh. Aig am sgriobhaidh cha ’n eil a tairgse air-son na h-àrd-bhàillidheachd ach aon duine, W. A. Richardson, agus tha e coltach gu ’n teid e stigh gu h aon-ghuthach. Air-son chomhairleach, cha ’n eil fhathast a ruith anns a’ cheud roinn de ’n bhaile ach Iain A. Young, no ’sa choigeamh roinn ach Calum H. Moireasdan. Anns an dara roinn tha triùir a ruith: —Tearlach Mac Fhionghain, J. W. Kyte, agus L. X. Domhnullach. Anns an treas roinn tha dithis a ruith: —Raonull Gillios agus Harry Morley. Anns a’ cheathramh roinn tha triùir a riuth: —A. D. Falconer, Domhnull A. Mac Coinnich, agus Seumas A. Cléireach. Fo ’n lagh ùr tha an taghadh mios na ’s anmoiche na b’àbhaist fo sheann lagh a bhaile.
Tha ’n cogadh beag a tha Breatunn a cur air adhart ann an Somaliland an deigh muillion gu leith dolair a chosd dhi cheana. Tha gach mios a tha ’dol seachad a cosd cairteal muillion eile dhi. Cha chluinnear iomradh air a chogadh so ach uair ainneamh.
Tha mèinn Bhridgeport na tàmh agus ri bhi mar sin mios no dha eile. Tha mu thri ceud duine air an fàgail gun obair air tàille sin. ’Se ’s aobhar do ’n mheinn a bhi air a dunadh nach eil uiread guail ga ’reic ’sa chumas na mèinnean uile ag obair. Bidh i air a fosgladh a rithist cho luath ’sa bhristeas an t-earrach ’sa thòisichear ri cur guail do Chuebec ’s do Mhontreal.
Bha na ròidean-iaruinn ann an Ontario air an dùnadh suas le sneachda toiseach a mhios so. Bha na treineachan a ruith, ach bha gach aon diu ruigheachd a cinn-uidhe anmoch. Bha cuid diu gu tric ceithir uairean fichead air deireadh. Bha moran de na bailtean a’ fulang le cion guail air tàille sin, oir leis cho doirbh ’s a bha e na treineachan a chumail air obair cha robh e comasach gual gu leòr a ghiùlain d’ an ionnsuidh.
Tha sia fichead is aon òsdair a creic dibhe làidir le cead laghail ann am baile Halifacs. Tha an àireamh am bliadhna na ’s mò na b’ àbhaist. Cha’n eil cùnntas air an àireamh a tha creic an aghaidh lagha, ach thatar a meas gu bheil eadar da cheud gu leith is coig ceud eile ris. Chuir comhairle a bhaile bill fa chomhair na pàrlamaid air-son lagh ùr a dheanamh a thaobh reic deoch làidir, lagh a bhiodh moran na b’ fhàbharraiche dha na ’n lagh a th’ ann. Chaidh am bill sin a thilgeadh a mach leis a phàrlamaid.
Am measg nan dannsairean a bh’ aig banais an Grand Mira seachduin gus an Di-màirt s’a chaidh bha: —Lachuinn Gillios, aois 79 bliadhna; Peigidh Chaimbeul, aois 73; Calum MacFhionghain, aois 76; agus Peigidh NicFhionghain, aois 83. Dhanns a chreathrar so ruidhle Ghàidhealach ri ceòl fuarmeara na pioba-moire; cha chuireadh ceòl bu lugha binneas air ùrlar idir iad. Chòrd an ruidhle gu sàr-mhath ris gach aon a bha làthair, agus tha iad a guidhe saoghal fada do ’n cheathrar a ghluais iad fein cho foghainteach ’san t-seann dannsa Ghaidhealaich.
Anns an sgiorradh a bha air an rathad-iaruinn aigMilford , N. S. ,air an treas la dhe’n mhios, bha dithis air am marbhadh, agus ochd deug air fhichead air an goirteachadh. Cha d’ fhuair as gun ghoirteachadh beag no mor ach ceathrar. Cha’n eil fhios gu ceart ciod a dh’ aobharaich an sgiorradh, ach chaidh coig càrachan bhar an rathaid ’s a thilgeadh do’n chlais. Bha’n trein a dol timchioll lùb a bh’ anns an rathad, agus tha cuid a deanamh dheth gu robh cuid de narailsair an cur beagan as an àite leis an reothadh. Ge b’e dé bu choireach tha aobhar a bhi taingeil nach robh an sgiorradh moran na bu mhiosa na bha e.
Bha teine mor ann am Baltimore, ’sna Stàidean toiseach na seachduin s’a chaidh. Thòisich e mu aon uair deug maduinn Di-dòmhnaich, agus lean e gu feasgar Di-luain. Chaidh seachd fichead acaire de thogalaichean a losgadh, cuide ris a mhor chuid de’n bhathar a bh’ annta. Bu thaighean-gnothuich iad uile, agus tha mu leth-cheud mile pearsa air am fàgail gun obair. Tha an call air a mheas timchioll air ceud muillion dolair. Bha aon duine air a losgadh no air a mharbhadh; ach ’s ann tha e iongantach an call beatha bhi cho beag. O’n chaidh so a sgriobhadh thainig fios ag radh gu robh an call moran na bu lugha na bha cheud fhios ag radh. Tha luchd-urrais de’n bharail nach bi e thairis air coig muillion fichead dolair.
Bha Fernando Maderjio, an t-Eadailteach a mharbh fear dhe ’luchd-dùthcha ann anNew Aberdeen,air a thoirt dh’ ionnsuidh na Cùirte Mòire ann an Sidni Di-haoine an ceathramh la de’n mhios. Aig meadhon oidhche, an deigh fianuisean a chluinntinn, thug anjuryseachad mar bhreith gu robh Maderjio ciontach, ach gu’m b’ ann ’ga dhion fein a bha e. Dhiùlt am breitheamh Meagher a bhreith sin a ghabhail uatha, ag radh ma bha iad a’ creidsinn gu’m b’ ann ga ’dhion fein a bha’n duine gu’m bu chòir dhaibh a shaoradh. Chaidh iad an sin air ais d’ an seòmar fein, far an robh iad gu da uair ’sa mhaduinn, nuair thug iad a mach nach b’ urrainn daibh aontachadh. Tha Maderjio, air an aobhar sin ri bhi air fheuchainn a rithist aig cùirt an t-samhraidh. Tha na fianuisean a bha gu ruige sin air an cumail sa phriosan air an leigeil a mach air urras.
MAC FHIONGHAIN AN T-SRATH.
CHA ’n urrainn sinn, le mor chinnt, dol air ais an eachdraidh na fineachan Gàidhealach na ’s fhaide na ’n treas linn deug. Na ’s tràithe na sin cha ’n ’eil againn ach beul-aithris air a chuid mhor de na tha air a thoirt dhuinn mu eachdraidh ar cinnidh. Ach, ged tha sin mar sin, tachraidh cuid de dh’ ainmean ar cinn-cinnidh ruinn anns na linntean roimh sud. Nam measg sin tha ’n t-ainm Mac Fhionghain. Anns a’ bhliadhna 976 bha aon de ’n ainm sin na Mhaormór an Alba, ni tha nochdadh gu ’n robh Clann Fhionghain aig an àm ud am measg nam feadhnach a bha ann an àrd inbhe anns an rioghachd. A rìs, tha Lachlainn Mac Fhionghain ’na fhianuis ri Bann Sgriobhte a thugadh do Dhòmhnallach nan Eilean air mìr fearainn anns a’ bhliadhna 1409. Tha fior sheann charragh-cuimhne ann an I Chalum Chille a bhuineadh do Chloinn Fhionghain. Bha e air a ghearradh le mor chùram agus maise. Tha e, tha mi ’m beachd, ri fhaicinn fhathast. B’e ’n t-Srath ’san Eilein Sgitheanach oighreachd Mhic Fhionghain. ’S e Mac Fhionghain an t-Srath an tiodal aige. ’S e Srath Mhic Fhionghain a theirear ris a phàirt ud de ’n eilein gus an là an diugh. Bha da chaisteal aig Mac-Fhionghain anns an t-Srath, Caisteal Dhun-Ringhill agus Caisteal Dhun-Achduinn. Tha làrach an fhir mu dheireadh a dh’ ainmich mi ri fhaicinn fhathast. ’S e Caisteal Maol is ainm dha an diugh. Bha e air a thogail air creig ri oir a chladaich, beagan an ear air aiseag a chaoil. Tha e air aithris gur e nighean righ Lochlann a thog an daingneach ud, agus gur ann gu bhi togail cìs o gach long is curach a readh troimh ’n chaol a bha e air a thogail. Tha cnoc air cùl a chaisteil air am biodh fear faire ’cumail sùil air gach taobh sios is suas an caol, agus is e Cnoc an fhaireachaidh is ainm dha fhathast.
A bharrachd air na bha de dh’ fhearann aig Mac Fhionghain anns an Eilein Sgitheanach, bha stiall mhor fearainn agus caisteal aige ann am Muile, far am biodh e le ’theaghlach a cur seachad greis de ’n ùine o àm gu àm.
Bha Clann Fhionghain agus na Domhnallaich daonnan na’n deagh chàirdean do chàch a chéile. ’S iomadh cath cruaidh agus fuilteach anns an do sheas iad guala ri guala. Nuair a bha Domhnallach nan Eilein aig ’àirde ’s e Mac Fhionghain a bha na ’àrd-cheannard airm aige; agus a réir gach teist a th’ againn air a chinneadh ud, cha bu dona thigeadh sin da. Ged nach robh Clann Fhionghain cho cumhachdach, a thaobh nach robh iad cho lionmhor, ri cuid eile de na fineachan Gàidhealach, bha iad glé iomraideach air son cruadail agus gaisge. ’S iomadh blàr teth a thug iad an aobhar muinntir eile cho math is nan aobhar fhéin. ’S e fear de ’n chinneadh so a bha na fhear-brataich aig Morofhear Dòmhnallach Shléibhte. Bha ’n dreuchd a leantuinn o linn gu linn ’san aon teaghlach, agus bu leis an Fhear-bhrataich, mar dhuais air son na dreuchd, baile Dhuisdalebeg, faisg air eilein Diarmaid an Sléibhte. ’S e Clann Aonghais a bha nam fir-bogha aig Mac Fhionghain anns an aimsir o shean mu’n robh gunna is fùdar air an cleachdadh. Bhiodh freiceadan de Chlann Aonghuis aige mu ’n cuairt d’a phearsa, agus a thuille air sin bha aig an fhear-bogha ri ionnsachadh ann an laimhseachadh bogha-saighde, agus ann an cuspaireachd, a thoirt do na daoin’ òga a bha gu bhi na’n saighdearan. Bha baile saor aig an fhear-bhogha o Mhac-Fhionghain, baile d’ am b’ ainm Dail na Saighdearan. Bha e aig an aon teaghlach de Chloinn Aonghais fad iomadh linn, a thaobh ’s gu ’n robh
[Vol . 12. No. 17. p. 3]
dreuchd an fhir-bhogha ’ruith ’san aon teaghlach, am mac an déigh an athar ’s an t-ogha an déigh a mhic.
Tha iomradh againn air iomadh treun laoch de Chloinn Fhionghain, ged nach urrainn sinn a chur sios anns an litir ghoirid so. Am measg chàich tha eachdraidh a’ toirt cliù air gaisge agus deagh bheus Sir Lachlainn, a bha ann ’san aon àm ri Dòmhnall Gorm Shléibhte agus ri Ruairidh Mór Dhunbheagain. Bha iad na’n triùir a tuineadh air an aon eilein agus cha robh na’n déigh no romhpa cinn-feadhna aig an robh barrachd urram o’n daoine ’s o’n luchd-eòlais, no am barrachd cliù air son gaisge, onair, agus fialaidheachd. Rinn Righ Seumas VI. ridire de Lachlainn air son a threubhantais agus air son a dhìlseachd do ’n chrùn. Bha Clann Fhionghain gu math treun air taobh nan Stiubhartach. Anns a’ bhliadhna 1650 thog Mac Fhionghain reisimeid de ’chinneadh féin gu cuideachadh le Righ Tearlach II., agus bha e leò ann am blàr Worcester, far an d’ rinneadh ridire dhe. Bha ceud gu leth saighdeir de Chloinn Fhionghain ann am blàr Sliabh an t-Siorra, a cogadh fo bhratach Sir Dòmhnull Sléibhte. Ann am bliadhna Thearlaich bha Mac Fhionghain a mach leis a’ Phrionnsa agus sia fichead de a chinneadh féin aige fo ’chomannd. An déigh Chuilfhodair rinn e gach dichioll, mar a rinn iomadh fear eile, air a’ Phrionnsa fhalach. ’Nuair a dhealaich Flòiri Dhòmhnallaich ris a’ Phrionnsa aig Port-righ chaidh e do ’n t-Srath agus chaidh Mac Fhionghain le sgioba bàta a null gu Cnoirdan leis, far an robh e fo ’n choill gus an do thàr e as do ’n Fhraing. Nuair a bha Mac Fhionghain a tilleadh dhachaidh an déigh dha dealachadh ris a’ Phrionnsa, fhuair na saighdearan dearga greim air. Thugadh do Lunnainn e, far an robh e air a chumail na ’phriosanach faisg air da bhliadhna. Nuair a bhatar ga chur ma sgaoil, thuirt ofigeach Sasunnach ris: “ ’S ann duit bu chòir a bhi ’n comain an righ a tha ga d’ leigeil dhachaidh.” “Ma ta,” ars’ an seann laoch ’s e freagairt, “nam biodh an righ na m’ laimhsa mar tha mise an laimh an righ, chuirinn a chomain cheudna airsan—chuirinn dhachaidh e gu ’dhùthaich féin.”
Thainig iomadh caochladh o’n uair sin air Srath Mhic Fhionghain. Coltach ri iomadh ceann-cinnidh eile anns a’ Ghàidhealtachd, chaill an teaghlach oighreachd an sinnsre, ’s tha iad an nis air an sgapadh air feadh an t-saoghail. Ach ged tha sin mar sin tha iomadh aon diubh a deanamh deagh ainm dhaibh féin ann an caochladh chearnan, le bhi leantuinn dlùth ri cliù an sinnsre. Tha e fior d’an taobh ann an tomhas mór gu bheil iad na’n cliù do thir an dùthchais.
Anns an eaglais ’s anns an stàit
’S leis na Gaidheil urram àrd;
’S mor an onair sin a ghnàth
Do ’n tir a dh’ àraich og iad.
Is mise do charaid an là a chi ’s nach fhaic.
C. C.
AM MAC A B’ OIGE.
Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.
CAIBIDEAL V.
CHA d’ éisd mi riamh roimhe cho dlùth agus cho foighidneach ’s a dh’ éisd mi ris na labhair an duine còir tùrail, tuigseach ud. Thuig mi gu ’m b’ ann gus a leigeadh ris do m’ athair ’s do m’ mhàthair gu ’m bu chòir dhaibh mo leigeadh air falbh a labhair e riutha. Bha m’ athair ’na dhuine cho measail air teagasg a’ Bhìobuill ri duine a chunnaic mi riamh. Agus air an aobhar sin, dhrùigh na briathran a labhair an duine còir ’na éisdeachd anabarrach trom air an inntinn aige. Ghabh e ioghnadh gu leòr nach d’ thug e riamh fa near ciod a bha na briathran ud anns a’ Bhìobull, air an robh e cho eòlach, a’ teagasg do dhaoine. Agus an uair a thug e fa near iad, dh’ aidich e gu ’n robh reusonachadh an duine ceart agus cothromach gu leòr. Bha mo mhàthair, agus a’ chuid eile dhe ’n teaghlach, ann an tomhas a’ faicinn gu ’n robh na beachdan a bh’ aig an duine chòir coltach ri bhith fallain gu leòr.
Air mo shon-sa dheth, bha aoibhneas nach bu bheag orm; oir thuig mi gu ’n robh an rathad réidh dhomh. Cha robh mi ach gann a’ faotainn leith mo chadail leis mar a bha mi ’smaointean air na bha romham. Ged a chuala mi iomadh uair roimhe sid mu na tubaistean, agus mu na trioblaidean a bha ’tachairt ri iomadh fear a bha ’falbh as an dùthaich aig an àm ud, is gann a chreidinn gu ’n robh gnothach mi-fhortanach sam bith gu tachairt rium fhin ré mo chuairt troimh ’n t-saoghal. Agus bha sin a’ cheart cho math. Nan robh fhios agam aig an àm ud air na bh’ agam ri dhol troimhe mu ’n ruiginn an aois aig am bheil mi ’n diugh, cha chuireadh bata á taigh m’ athar mi.
Tha iomadh amaideas a’ co-fhàs ri daoine, agus is ann dhiubh a tha ’n t-iarrtus làidir a th’ aig òg is sean air fios ’fhaotainn air na nithean a tha gu tachairt dhaibh a’ dol troimh ’n t-saoghal. Ach am measg nam beannachdan lionmhor a tha Dia a’ buileachadh air daoine anns an t-saoghal so, cha ’n ’eil a h-aon a bhuineas do ghnothaichean na beatha so a chuirinn air thoiseach an diugh air mar a tha e ’cumail am falach oirnn nan trioblaidean, nan deuchainnean, nan cunnartan, agus nam meallaidhean lionmhor a tha gu tighinn ’n ar rathad ann an cùrsa an fhreasdail. Chuala sinn uile—agus chunnaic sinn e—mar a tha daoine dhe gach inbhe agus staid a’ creidsinn gu ’n téid aig daoin’ eile air am fortan innseadh dhaibh. Gu muladach, tha ’n àireamh a tha cho faoin ’s gu ’m bheil iad a’ toirt géill do ’n bheachd amaideach so tuilleadh is lìonmhor. Ged a tha facal Dhé agus lagh na rioghachd a’ labhairt gu làidir an aghaidh luchd na fiosachd, gidheadh, tha eadhoin daoine a tha ’g aideachadh na diadhachd gu tric a’ nochdadh gu ’m bheil tomhas beag no mòr fhathast dhe ’n t-saobh-chreideamh so a’ riaghladh annta. Ach, buidheachas do Dhia, tha solus an t-soisgeil a’ fuadachadh nam beachdan dorcha so beag air bheag air falbh. Thig an t-àm, ged nach ann ri ar latha-ne, anns am bi sluagh Dhé gu léir a’ cur cùl ris na beachdan amaideach a bha na daoin’ o’n d’thainig sinn ag àrach.
Ged bha mo mhàthair fhin fo ainm a bhith ’na boirionnach diadhaidh—agus cha ’n ’eil teagamh agamsa nach b’ airidh i air an ainm—cha robh i falamh dhe na beachdan amaideach a bha cumanta anns an àm. Bu tric le m’ athair a bhith comhairleachadh dhi cùl a chùr riutha; ach ged a bha i ’g aideachadh nach robh e ceart dhi a bhith ’g an àrach, gidheadh, cha robh e furasda dhi dealachadh riutha.
Gun dàil sam bith thòisich mo mhàthair ri deanamh clò gus deise mhath, ùr a bhith umam a’ falbh. Thug mi ’n aire gu ’n robh i ’gabhail beachd gu dlùth air mar a bha cuisean a’ dol leatha. An àm a bhith deanamh nan dathan, bha eagal gu leòr oirre gu ’n rachadh iad ’na h-aghaidh; oir nan rachadh, bhiodh i ’toirt oirre fhein a chreidsinn gu’n robh mi-fhortan àraidh gu tachairt dhomhsa mun caithinn an deise. Ach chaidh a h-uile car dhe ’n obair leatha cho math ’s bu mhiann leatha.
Mu dheireadh, an uair a bha ’n clò air fhigheadh ’s air a dheadh luadh, chuireadh fios air an tàillear. Ghrad thainig e, agus bha mo mhàthair ’g a mheas so mar chomharradh math. Ghabh an tàillear mòran a bharrachd saoithreach ri deanamh na deise na ghabh e ri deise riamh roimhe. Is e sin a bha e fhein ag ràdh co dhiubh, agus cha ’n ’eil aobhar agamsa air teagamh a chur anns na thubhairt e.
Ged a chuir mi romham gu ’m falbhainn as an dùthaich, cha robh fhios agam fhin, no aig mo phàrantan cò ’n rathad a ghabhainn. Cha robh càirdean againn anns a’ Ghalldachd ach bràthair mo mhàthair ann an Inbhirnis. Agus o nach d’ thug e misneach dhomh gus a dhol an taobh a bha e, cha robh mi deònach a dhol ’na chòir, ged a bha mo mhàthair is m’ athair a’ smaointean gur ann far an robh e a b’ fhearr dhomh a dhol anns a’ cheud dol am mach.
Thachair gu ’n deachaidh mo bhràthair a bha ’na shaor a dh’ obair do dh’ Fhear Bhaile nan Slochd. Thachair dha innseadh gu ’n robh mise ’cur romham falbh gu Galldachd. Dh’ fheòraich Fear a’ Bhaile dheth, an robh àite cosnaidh sam bith air sgeul agam, agus thuirt mo bhràthair ris, nach robh.
“Ma ta,” arsa Fear a Bhaile, “cha dean do bhràthair dad a’s fhearr na falbh comhladh riumsa an uair a théid mi leis na h-aighean gu feill na h-Eaglaise Brice. Tha caraid còir agus deadh fhear-eòlais dhomh ’na mharsanta mòr ann an Struidhleidh, agus mur bi obaìr aige do d’ bhràthair, is docha gu ’n teid aige air obair fhaotainn dha ann an àite math eile. Bidh sùil agam fhin air fad an rathaid, agus mur fhaigh mi cothrom air mo charaid ’fhaicinn, bheir mi litir do d’ bhràthair g’a ionnsuidh, agus theid mi ’n urras gu ’n dean e na ’s urrainn da air a shon.”
An uair a thainig mo bhràthair dhachaidh, agus a dh’ innis e so, bha muinntir an taighe toilichte gu leòr. Bha iad a’ creidsinn gu ’n d’ fhosgail am freasdal dorus math dhomh anns a’ cheud dol am mach.
O nach robh rathad agam air imrig throm a thoirt leam a chionn gu ’n robh agam ris an rathad a choiseachd gu léir gus an ruiginn mo cheann-uidhe, thugadh dhomh barrachd airgid air na phàigheadh mo rathad, agus air na chumadh suas mi anns a’ bhaile-mhor, na ’n tachradh dhomh a bhith ann beagan ùine mu ’m faighinn obair. Ged a bha cnapach math de chistidh agam a rinn mo bhràthair dhomh gus mo chuid aodaich a chumail innte, cha robh rathad agam air a toirt leam air an t-slighe ’bha mi gus a ghabail.
O nach robh dòigh eile ann air an tugainn leam am beagan imrig a bhiodh feumail dhomh, rinneadh màileid dhomh air canabhas math làidir a thachair a bhith ’staigh. Ghabhadh i am beagan a bha mi gus a thoirt leam, mar a bha léintean is stocainnean is beagan de rudan eile a dheanadh an gnothach dhomh gus an ruiginn. Agus bha mi gus gach ni eile ’bhiodh a dhìth orm a cheannach an uair a ruiginn am baile-mòr.
B’ e ’n t-éideadh anns an robh mi gu falbh: deise mhath de chlò trom-ghlas, boineid bhiorach, deadh bhrògan, agus breacan glas.
Mar a dh’ ainmich mi mar tha, bha daoine gu cumanta ’creidsinn ann am fiosachd agus ann an
[Vol . 12. No. 17. p. 4]
gisreagan. Agus thàinig té dhe na ban-nàbuidhean do ’n taigh againn, agus chomhairlich i do m’ mhàthair “frìgh” a dheanamh dhomh; agus thuirt i gu ’m b’ i-fhein an aon té anns an àite do ’m b’ aithne “frìgh” a dheanamh. A nis, b’ e so aon dhe na dòighean leis an robh daoine aig an àm ud a’ feuchainn ri fios fhaotainn cia mar a shoirbhicheadh le ’n càirdean an uair a dh’ fhalbhadh iad as an dùthaich gu cosnadh.
Bha “frìgh” air a deanamh mor so: bha ’m boirionnach a’ dol a steach do sheòmar uaigneach, agus a deanamh ùrnuigh air a glùinean ri Dia gu ’n deònaicheadh e soirbheachadh mor a thoirt do ’n neach a bha gu falbh as an dùthaich, agus a thoirt air ais gun bheud a dh’ ionnsuidh a chàirdean ann an àm iomchuidh. Agus an sin, bha i ’dol am mach as an taigh, agus thuigeadh i air a’ cheud chreutair bheò a chitheadh i, cia mar a shoirbhicheadh leis an neach air son an robh i ’deanamh na “frìgh.” B’ e eunlaith an adhair a b’ fhearr leatha ’fhaicinn na ainmhidhean an achaidh. Nam faiceadh i uiseag, no calaman, no faoileag, no eun glan sam bith eile, bhiodh e ’na deadh chomharradh. Ach nam faiceadh i fitheach, no feannag, no seobhag, no clamhan, cha chòrdadh e idir rithe. Ach bhiodh i toilichte gu leòr nam faiceadh i caora, no uan, no creutair sam bith eile a bhiodh a chum feum do dhaoine, gu sònraichte creutair a bha air a mheas glan.
Nam biodh aghaidh a’ cheud chreutair a chitheadh i rithe, bhiodh sin ’na chomharradh leatha gu ’n tilleadh an neach air son an robh i ’deanamh na “frìgh” dhachaidh beò, slàn. Ach ciod sam bith creutair a chitheadh i, cha robh i gus aon fhacal a ràdh m’ a dheidhinn aig an àm nam biodh e neo-fhabharrach, air eagal gu ’n cailleadh daoine am misneach. Air a shon sin, dh’ aithnich mise gu ’n robh aobhar misnich do m’ thaobh an uair a thug mi ’n aire cho toilichte ’s cho sunndach ’s a bha muinntir an taighe gu léir an àm dhomh a bhith falbh. Ach ged a thug mi iomradh air a’ bheachd so a bha aon uair cho cumanta ann am measg dhaoine, agus ged a bha mi, mar a bha gach aon dhe mo sheòrsa, ’g a chreidsinn an uair a bha mi òg, gòrach, is fhad o’n a thuig mi nach robh ann ach beachd amaideach.
Bha beachd amaideach eile ann air am faod mi iomradh a thabhairt, agus b’ e sin, gu ’n robh na càirdean, an àm do dhuine ’bhith falbh o ’n taigh, a’ gabhail beachd air co dhiubh ’shealladh e air ais thar a ghuaille dheis no thar a ghuaille. chlì, an àm dha ’bhith ’gabhail an t-seallaidh mu dheireadh dhe ’n dachaidh anns an deachaidh a bhreith is ’àrach. Na ’n sealladh e air ais thar a ghuaille dheis, bha sin leotha ’na chomharradh gu ’n tilleadh e air ais a dh’ ionnsuidh na dachaidh as an d’ fhalbh e, an déigh dha ’fhortan a dheanamh. Ach na ’n sealladh e air ais thar a ghuaille chlì, bha sin leotha ’na dhroch comharradh; agus bha iad a’ creidsinn nach soirbhicheadh an saoghal leis, agus nach tilleadh e air ais gu bràth tuilleadh. Bha fhios agamsa gu ’n robh daoine ’toirt geill do ’n bheachd so, agus gu toileachadh is misneach a thoirt do na h-uile a bha ’g am chaoidh an latha dh’ fhalbh mi a taigh m’ athar, sheall mi gu tric as mo dheigh thar mo ghuaille dheis. Ach cha robh mi ’creidsinn gu ’n cuireadh e soirbheachadh sam bith ’nam rathad ged a rinn mi e.
(Ri leantuinn.)
Gheibh duine bochd tri miosan priosan air son bonnach a ghoid. Gheibh duine saibhir a chronachadh air son tri muillion a ghoid. Is cam ’s is direach an lagh.
AN AIMSIR.
ON thòisich an geamhradh a tha nis againn, tha ’m fuachd cruaidh, geur, deuchainneach. Cha-n ’eil cuimhne aig duine air bith ’s an tir air fuachd eagalach a lean co fada ’s a tha fuachd nimheil a gheamhraidh so ’leantuinn. Is éiginn gu robh agus gu bheil fulangas goirt am measg daoine bochd ann am bailtean mora na dùthcha ’s ann an ionadan iomallach na tìre. Tha dòchas làidir againn uile gu bheil crioch an fhuachd oillteil so am fagus agus gu bheil aimsir cniùin, bhlàth a’ tighinn oirnn ann an ùine ghearr. Tha na sreathan de ’m bheil an talamh air a deanamh suas, a’ nochdadh gu soilleir gu robh anns na linntean a tha ann an sàmhchair na dichuimhne teas anabarrach far am bheil fuachd geur a nis, agus fuachd cruaidh far am bheil a’ ghrian an diugh a’ frasadh a nuas a gathan bòidheach, blàth. Ach tha e air innsidh dhuinn gur e Dia ’rinn an geamhradh agus an samhradh: “an Dia bith-bhuan, an Tighearn, Cruithfhear chriocha na talmhainn. Cha-n fhannaich agus cha sgìthich e. Cha-n fheudar a thuigse ’rannsachadh.” On thòisich an cinne-daoine air sealbh a ghabhail air an t-saoghal, bha ceann mu thuath agus ceann mu dheas na talmhainn làn sneachd ’us fuachd ’us reothaidh, agus dorchadais ré cuibhrionn mor de ’n bhliadhna. Tha gaisgich churanta, chruadalach a’ dol bho àm gu àm gus na h-ionadan uaigneach, dorcha, fuar, a tha aig da cheann an t-saoghail. Tha moran gliocais ann am beachd nan daoine ’tha ’creidsinn agus a cumail a mach nach ’eil ach amaideachd bhochd ann a bhi ’dol gus na h-àitean duaichni ud, far nach ’eil lus no feur no fochann a’ togail a chinn, agus far nach faighear gu bràth ni air bith a bhitheas feumail no maith do ’n chinne-daoine. Tha curaidhean treubhach a’ tionndadh an aire ’nis gu ceann mu dheas an t-saoghail. Thainig fios bho cheann ghoirid bho Lochlannach aghartach, agus, tha e ’g ràdh ged tha moran fearainn ma dh’fhaoidte anns na h-ionadan iomallach ud, nach ’eil ni r’a fhaicinn anns am bheil tairbhe no buannachd. Tha e fior gu leoir gu bheil air an dòigh so eòlas beag no mor air fhaotuinn air criochan iomallach na talmhainn; oir gun teagamh tha na h-aitean fuara, dorcha ud a’ comhlionadh crich àraidh ann am freasdail an Tighearna. On tha e daonnan fior gur Esan a rinn an geamhradh, agus air an aobhar so gu bheil maith ’us tàbhachd air choireiginn air am buileachadh air an t-saoghal leis gach fuachd ’us sneachd a bhuineas do na h-ionadan ud far nach ’eil mart no fiadh.
Is ann bho ghnothuichein féineil tha glé thric anns gach tìr daoine deonach agus iarrtuiseach air sonas sòghmhor a’ shireadh agus fhaotuinn. Tha iomadh dearbhadh muladach agus cianail againn nach ’eil ach faoineas agus amaideachd uamhasach a bhi ’g iarruidh sonais ann an gnàthachadh no ann an gniomh air bith a tha ’deanamh dimeas air reachdan naomha ’n Tighearna. Is e so aideachadh muladuch Sholaimh, an deigh dha imeachd ’na ruith ’us ’na dheann-ruith anns gach ruidhtearachd ’us mi-bheus ’us ana-measarrachd nach robh ach diomhanas ’s an iomlan agus buaireadh spioraid, agus nach robh tairbhe ann fo ’n ghréin. Saoilidh daoine gu minic gu bheil àgh is sonas fior ’us cinnteach aca, an uair a tha iad air an cuartachadh le saoibhreas, le urram ’us le onoir. Ach ciamar a’s urrainn do ’n spiorad neo-bhàsmhor a bhuineas duinn a bhi air a riarachadh no air a shàsachadh gu buileach leis gach ni ris an canar aighear saoghalta. Is ann bho Dhia a mhàin a tha gach sonas glan ’us maith ’us ceart a’ tighinn. Is e féin an tobar siorruidh, bho ’m bheil gach slàinte ’s sonas ’us seasgaireachd a’ sruthadh le fonn milis, ceòlmhor, diadhuidh. Ni esan da rireadh samhradh grianach doibhsan a choimhideas a reachdan gu dichiollach agus gu faicilleach.
Rinn Thu an samhradh. Is e Dia mar an ceudna ùghdair gach soirbheachaidh. Ged dheasaicheas an tuathanach am fearann agus a chuireas e an sil ann, cha tig fochunn no toradh trom, liontach, tiugh as eugmhais nam frasan blàtha, ciùine. Ni dichioll ’us dealas ’us dùrachd moran gun teagamh ann an gnothuichean saoghalta, agus is tric a tha daoine làmhach, easguidh, aghartach, a ruigheachd air inbhe uasal ’s air soirbheachadh pailt, gidheadh cha-n ’eil ach sonas mealltach a’ tighinn bho aimhnichean truaillidh an t-saoghail so. Thugamaid fainear a’ chrioch thruagh, nàrach gus an d’ thàinig righrean amaideach nan Eabhruidheach, a shaoil ann an àrda an spioraid, agus ann am mòrachd an neirt féin, gu robh gach eòlas ’us tuigse aca féin as eugmhais stiùraidh an Tighearna Dia. Nach minic a dh’ eirich gu h-olc doibh an uair a dh’inntrig iad truscan ciar a’ chòmhraig an aghaidh feachdan meamnach an naimhdean? Nach iomadh bròn ’us tuireadh ’us iarguin chràiteach a thug baoghaltachd nan uachdaran air na h-Eabhruidheach bhochda? An uair a rinn iad dearmad air stiùradh an Tighearna iarraidh ’s a leantuinn, cha do bhuaidhich iad thairis air an naimhdean, ni mò a phill iad gu’n ionadan còmhnuidh féin le caithream ’us iolach àrd nan laoch. Le comhluadar mi-naomha, mi-bheusach ’us àrdanach, cha soirbhich Dia am feasda. An dream a ghluaiseas gu geamnuidh, direach, còir, meallaidh esan soirbheachadh bunaiteach, tlachdmhor, oir rinn Dia samhradh do ’n duine ionraic, umhail, stuama.
Tha na deuchainnean leis am bheil sluagh an Tighearna gu minic air am fiosrachadh, a coimhlionadh crich àraidh ann an rùn diomhair an Tighearna; oir is e Dia a rinn an geamhradh. Is i so an raidhe de ’n bhliadhna anns am bheil dorchadas ’us dubhachas duaichni air sliabh àrd ’s air ailean iosal, air sgairneach nan clach ’s air traigh nan tonn. Tha caochladh tiamhaidh a’ tighinn anns a’ gheamhradh air gach aighear ’us gean ’us toileachas a bhuineas do blàthas mìn ’us malda ’n t-samhraidh. Tha gach lus a’ seargadh agus a’ crionadh. Tha na craobhan a bha còmhdaichte le deise co lurach ré ùine co fada ’crathadh an duilleach diubh, ’us a’ còmhdachadh an làir leis na nithean ùrail, grinn a thug doibh bòidhchead roimhe. Na sruthan a bha le torman ceòlmhor a’ ruith bho na h-aonaichean agus ann an slighean camlubach ag imeachd air feadh nam fonn ’s nan achaidhean, tha iad anns a’ gheamhradh a’ fàs mall ’nan gluasad, agus gu minic tha ’n réis air a stad gu buileach. Air magh, air cluain ’s air achadh cha ’n ’eil feur no arbhar, cha ’n ’eil asbhuain no pailteas r’am faicinn. Tha nàdur féin sprochdach, smalanach, an deigh pailteas mor an fhogharaidh agus gnùis thaitnich an t-samhraidh. Anns an t-sealladh so féin, anns an atharrachadh mhor a tha teachd a’ gheamhraidh fhuair ag oibreachadh air feadh an t-saoghail gu léir, tha samhladh làidir againn aia sean aois maille ri trioblaid agus deuchainn. Ged tha ’m bàs, an teachdaire cruaidh-chridheach, neo-bhàigheil, nach gabh lethsgeul no diùltadh, a’ gearradh sios gun truas, gun acarachd àireamh mhor de ’n t-sluagh anns gach mios; gidheadh is ann an uair a tha ’n geamhradh am fagus ’s a tha ’m bòidhchead a’ tréigsinn nam beann ’s nan achaidhean, ’s a tha guirmead grinn nam blàr ’s nan raon a’ gabhail seachad, agus duilleagan nan craobh ’s nan doire ’tuiteam thun an làir, a’s lionmhoire ’tha na braighdean a tha air an tasgadh ann an cuibhrichean an-iochdmhor a’ bhàis.
[Vol . 12. No. 17. p. 5]
Tha anns a’ gheamhradh cumhachd làidir, dubhach, mar gum b’ann, a’foluch nan speuran gorma, ’deanamh a’ chuain luasganach, a’ glaodhaich a mach ann an gaoth stoirmeil na h-oidhche, a’ goid ’s a’ spionadh air falbh gu h-obann blàth an t-samhraidh bho ghruaidhean an leanaibh, agus a’ toirt air sean aois féin criothnachadh; oir tha corran geur a’ bhàis siubhlach agus guineach aig an àm so. Tha comh-chòrdadh eadar an geamhradh, a tha ’giùlan dreach ’us aogais, mar gu bitheadh nàdur féin air call a threòir ’s a shuaicheantais, agus eadar an duine aosmhor, liath a tha aig ceann a thurus talmhaidh, a chiabhan geal le sneachd nam bliadhnachan, oir chunnaic e cheana tri fichead bliadhna ’s a deich. Teagaisgidh solus ar n-inntinn agus ar coguis féin duinn, co fada ’s urrainn da imeachd, na nithean ceudna ’tha solus dealrach a’ Bhiobuill a buileachadh oirnn. Am bheil Dia ’na fhocail ag iarruidh oirnn maith a dheanamh agus cùl a chur ri aingidheachd ’us ri anameasarrachd; am bheil e ’g innse dhuinn gur ann a dh’ ionnsuidh bochdainn agus truaighe ’tha ruidhtearachd ’us peacadh a’ treòrachadh—tha na firinnean ceudna air an teagasg dhuinn le solus Naduir féin. Tha dearbhadh diongmhalta againn mar so gur e ’n aona ghliocas a dhealbh maise ’s riaghailtean iomadach na talmhainn agus a thug seachad le fàidhean ’us filidhean, a fhuair còmhnadh on Spiorad Naomh, foillseachadh air a chaithe-beatha a tha taitneach ann an sùilean an Tighearna. Co fada ’s is urrainn do sholus nàduir cuideachd a ghleidheadh ri solus maiseach a’ Bhìobuill, cha-n ’eil dealachadh eadar iad. Mar so chi sinn gu bheil an geamhradh a tha ’g éideadh na talmhainn le trusgan sneachdach, reothach, a’ giulan samhlaidh làidir air làithean liatha a tha ’g innse gu bheil an duine deas airson na h-uaighe, amhuil mar tha ’n t-arbhar craobhach a’ fàs deas airson corrain a’ bhuanaiche. Ach ged is e dubhachas an sgàile a chithear air tùs anns a’ gheamhradh, ged a shaoileas sinn nach ’eil brìgh no sunnd no comhfhurtachd idir ann an luib a’ gheamhraidh, is éiginn gu bheil an raidhe so ’coimhlionadh aobhair sònruichte; oir nach ’eil fios againne gur e Dia ’rinn an geamhradh.
CONA.
Robinson Crusoe.
CAIBIDEAL XI.
FEUMAR aideachadh gu ’n robh an tairgse so math nan robh i air a cur fa chomhair fir aig nach robh fearann agus planndachadh dha ’m feumadh e curam a ghabhaìl. Bha mo chuid fearainn-sa air thuar toradh math a thoirt seachad, agus bha moran barra agam air a’ bhliadhn’ ud. Ach air mo shon-sa dheth, a bha anns an t-suidheachadh mhath a dh’ ainmich mi, agus nach ruigeadh a leas dad a dheanamh ach leantail romham mar a bha mi deanamh fad tri no ceithir de bhliadhnachan eile, agus an ceud punnd Sasunnach a bh’ agam ann an Lunnainn a chur gu feum, cha robh ann ach gnothach cho beag tuir ’s a rinn duine riamh smaointean air falbh air a leithid de thurus. Nan robh mi air leantail romham mar a bha mi ’deanamh, agus an aire mhath a thoirt air mo ghnothach, bhiodh mo storas ann an uine ghoirid cho math ri tri no ceithir de mhiltean punnd Sasunnach.
Ach bha mi air mo bhreith gu bhith ’g am sgrios fhin, agus cha b’ urrainn domh an tairgse a dhiultadh na ’s mo na b’ urrainn domh stamhnadh a chur orm fhin o fhalbh a taigh m’ athar a dh’ aindeoin a h-uile comhairle mhath a thugadh orm. A dh’ aon fhacal, thuirt mi riutha gu ’m falbhainn le m’ uile chridhe, nan gabhadh iad os laimh sealltainn as deigh mo ghnothaichean fhad ’s a bhithinn air falbh, agus a h-uile rud a bhuineadh dhomh a thoirt seachad a reir mar a dh’ ordaichinn dhaibh, nan tachradh nach tillinn air ais gu brath.
Gheall iad uile so a dheanamh, agus gus an gnothach a dheanamh cinnteach chuireadh na cumhnantan a bha eadrainn sios ann an sgriobhadh. A bharrachd air a so, rinn mi mo thiomnadh, agus rinn mi m’ oighre dhe ’n sgiobair a shabhail mo bheatha dhomh, nam b’ e ’s nach tillinn air ais gu brath. Bha aige ris a h-uile rud a bhuineadh dhomh a reic. Dh’ ordaich mi dha an darna leith dhe ’n airgiod a chumail aige fhein, agus an leith eile dhcth a chur gu ruige Sasunn. A dh’ aon fhacal, rinn mi gach ni a bha comasach a chum an aire mhath a thoirt do gach ni a bhuineadh dhomh, agus a chum gu ’m biodh am fearann a bh’ agam fo phlanndachan air a chumail ann an deadh ordugh. Na ’n do ghnathaich mi a leith uired de ghliocas ann a bhith ’g amharc as deigh nan nithean a thigeadh a chum mo bhuannachd, agus na ’n do smaoinich mi le curam air ciod bu choir dhomh a dheanamh, agus ciod nach bu coir domh a dheanamh, cha robh mi air falbh air an turus mhi-fhortanach ud gu muir, agus an obair a bha ’dol leam cho math, agus a bha air thuar a dhol leam na b’ fhearr, fhagail uam; gun ghuth a thoirt air na h-aobhair a bh’ agam a chreidsinn gu ’m faodadh iomadh mi-fhortan tighinn ’nam rathad.
Ach bha mi air mo ghreased air aghart, agus bu mho a thug mi geill do mhiannan m’ inntinn na do mo reusan. Agus, uime sin, air do ’n luing a bhith deiseil, agus an luchd air bord innte, agus cordadh air a dheanamh eadar mi-fhin ’s mo chompanaich a thaobh gach gnothaich a bha mise ’g earbsadh riuthasan, agus a bha iadsan ag earbsadh riumsa, chaidh mi air bord ’s an droch uair air a’ cheud latha de Sheptember, ’s a’ bhliadhna 1659, co-ainm an latha air an d’ fhalbh mi a taigh m’ athar ’s mo mhathair ann a’ Hull ochd bliadhna roimhe sid, gus eas-umhlachd a thaisbeanadh do ’n deagh chomhairlean, agus gus cul a chur gu h-amaideach ris gach ni a thigeadh a chum mo bhuannachd.
Bheireadh an long a bh’ againn leatha mu shia fichead tunna. Bha sia gunnachan mora air bord againn, agus ceithir duine deug a bharrachd air an sgiobair, air a’ ghille a bha ’frithealadh dha, agus orm fhin.
Cha robh an luchd a bh’ againn air bord ach aotrom; oir cha robh ann ach rudan a shaoileamaid a bhiodh freagarrach air son malairt a dheanamh ris na daoine-dubha, mar a bha deideagan is griogagan is bideagan glaine, agus rudan beag ’eile mar a bha sgathain bheaga, sgionan, siosair, tuadhannan, agus rudan beaga suarach eile dhe ’n t-seorsa.
Sheol sinn air a cheart latha air an deachaidh sinn air bord. Leag sinn ar cursa ris an aird a’ tuath, agus bha sinn gus an cursa so a leantuinn gus an ruigeamaid aite araidh a bha direach mu choinneamh an aite sin de dh’ Africa anns an robh ’n ar miann a dhol gu tir; oir tha e coltach gu’m b’e so an doigh a bha maraichean a’ cleachdadh anns an am ud. Bha sinn a’ cumail gu math dluth ri fearann Bhrasil.
Bha side mhath againn, ach gu ’n robh e gle theith fhad ’s a bha sinn faisge air an fhearann againn fhin gus an d’ rainig sinn rudha St Agostino. An sin chum sinn am mach cho fad o ’n fhearann ’s gu ’n do chaill sinn sealladh air. Shuidhich sinn an sin ris an tuath ’s an ear-thuath mar gu ’m biomaid a’ dol gu ruige eileanan Fernando de Noronha, agus bha eileanan eile air an taobh an ear dhinn. Lean sinn romhainn mar so fad dusan latha, agus bha sinn air a dhol astar math seachad air meadhainn an t-saoghail. Anns an am sheid stoirm a bha uamhasach laidir, agus thainig i oirnn le leithid de chabhaig ’s nach d’ fhuair sinn ach gann a dhol ’nar faireachadh. Sheid i an toiseach o ’n earra-dheas, agus thainig i mu ’n cuairt thun an iar-thuath, agus mu dheireadh stad i aig an ear-thuath. Lean i air seideadh o ’n aird so fad dusan latha. Cha robh againn ach leigeadh leis an luing a bhith ruith roimh ’n ghaoith fad na h-uine. Agus fad an dusan latha so, bha sinn uile, faodaidh mi radh, ann an duil a h-uile mionaid gu ’m biomaid air ar slugadh suas leis an fhairge.
Anns an eiginn chruaidh so, thainig rudan ’nar rathad a chuir dragh mor oirnn a bharrachd air uamhas na stoirme. Dh’ eug fear dhe na seoladairean ann am fiabhrus, agus thug an fhairge bhar buird fear eile dhiubh agus am balach a bhiodh a’ frithealadh do ’n sgiobair.
An ceann an dusan latha thoisich an stoirm air a dhol beagan an laigead. Dh’ fheuch an sgiobair cho math ’s a b’ urrainn da ri dheanamh am mach c’aite an robh sinn, agus a reir a bharail bha sinn air ar fuadach cho fada thun na h-aird an iar-dheas ’s gu ’n robh sinn dluth air corsa Ghuiana, faisge air ceann a’ tuath Bhrasil. Bha sinn air a dhol seachad air amhainn Amason, agus a’ tarruinn faisge air amhainn Orinoco, ris an cainte gu cumanta, an Amhainn Mhor. Chuir e a chomhairle riumsa feuch ciod a b’ fhearr dhuinn a dheanamh. Bha ’n long air fas ao-dionach, agus bha iomadh rud air bristeadh le neart na gaoithe agus le ainneart nan tonn, agus bha toil aige tilleadh air ais gu corsa Bhrasil.
Bha mise tur an aghaidh dha so a dheanamh; agus an uair a bha sinn le cheile ag amharc air a’ chairt-iuil anns an robh cladaichean America air an comharrachadh, thuig sinn nach robh aite san bith romhainn anns an robh daoine ’fuireach gus an ruigeamaid Eileanan Charribee, agus air an aobhar sin chuir sinn romhainn gabhail direach gu ruige Barbados. O ’n a dh’ fheumamaid cumail am mach ris a’ chuan air eagal gu ’n deoghladh neart an t-sruth a steach sinn do Bhagh Mhexico, bha sinn a’ deanamh dheth gu ’n ruigeamaid Barbados ann an coig latha deug seolaidh. Agus bha fhios againn nach robh e comasach dhuinn a dhol gu ruig’ Africa na ’s lugha na gheibheamaid cuideachadh do ’n luing agus dhuinn fhin.
A chum so a dheanamh dh’ atharraich sinn ar cursa, agus stiuir sinn an iar ’s an iar-thuath, an dochas gu ’n ruigeamaid cuid dhe na h-Eileanan a bhuineadh do Shasunn, far an robh sinn an duil gu ’m faigheamaid cuideachadh.
Ach bha e air ordachadh gu ’n tachradh cuisean air dhoigh eile; oir ann an ceann beagan laithean thainig an dara stoirm oirnn. Bha i ’cheart cho laidir ris a’ cheud stoirm, agus thug i le luaths ro mhor air falbh bhar ar cursa sinn cho fada do ’n aird an iar ’s nach robh sinn faisge air aite sam bith anns am bu ghnath le daoine bhith ri seoladh anns an am ud. Ged a bhiomaid air ar beatha a shabhaladh o ’n fhairge, agus a bhith air a dhol gu tir, bhiodh e na bu docha gu ’m biomaid air ar n itheadh leis na daoine-fiadhaich na gu ’m faigheamaid gu brath air ais do ar duthaich fhin.
An uair a bha sinn anns an eiginn so, agus an
[Vol . 12. No. 17. p. 6]
stoirm dhearg ann, ghlaodh fear dhe na seoladairean moch ’s a’ mhadainn gu’n robh fearann air tighinn ’na shealladh. Agus mu ’n gann a chaidh sinn am mach as a’ chabin gus sealladh a ghabhail dhe ’n fhearann, bhuail an long air banca gainmhich. Anns a’ mhionaid stad i. Bha ’n fhairge ’bristeadh thairis oirre air a leithid de dhoigh ’s gu ’m b’ eiginn duinn fasgadh a ghabhail mar a b’ fhearr a b’ urrainn duinn, agus bha sinn an duil a h-uile mionaid gu ’n robh sinn gu bhith air ar grad bhathadh.
Cha ’n ’eil e furasda do neach sam bith nach robh ’na leithid sid de shuidheachadh, an staid mhuladach agus an t-uamhann anns an robh na daoine a ghabhail a steach, no eadhoin cunntas a thoirt seachad m’ a dheidhinn. Cha robh fhios againn c’aite an robh sinn air ar fuadach, co dhiubh a b’ e eilean a bh’ ann, no tir-mor, co dhiubh a bha daoine ’fuireach ann, no nach robh. Agus o ’n a bha ’n stoirm gle mhor, ged nach robh i cho mor ’s a bha i, bha sinn a’ smaointean gu ’n rachadh an long as a cheile ann am beagan mhionaidean, na ’s lugha na thionndadh a’ ghaoth anns a’ mhionaid mu ’n cuairt ann an doigh mhiorbhuillich. A dh’ aon fhacal, shuidh sinn ag amharc air a cheile, agus sinn an duil a h-uile mionaid gu ’n tigeadh am bas oirnn. Uime sinn bha h-uile duine ag ullachadh air son an ath shaoghail; oir cha robh dad tuilleadh ann a b’ urrainn duinn a dheanamh anns an t-saoghal so. B’ e an aon rud a bha ’toirt beagan comhfhurtachd dhuinn, gu ’n robh an long fhathast a’ fuireach slan—rud nach robh duil againn ris—agus gu ’n robh an sgiobair ag radh, gu ’n robh a’ ghaoth a’ dol na bu lugha.
A nis, ged a bha sinn a’ smaointean gu ’n robh a’ ghaoth a’ dol beagan na bu lugha, gidheadh bha ’n long air stad cho teann anns a’ ghainmhich ’s nach robh duil sam bith againn gu ’m faigheamaid as i. Bha sinn ann an suidheachadh eagallach da rireadh, agus cha robh e ’n comas dhuinn dad a dheanamh ach a bhith ’smaointean cho math ’s a b’ urrainn duinn air ciod an doigh a b’ fhearr dhuinn a ghabhail gus ar beatha shabhaladh.
Mu ’n d’ thainig an stoirm bha bata againn an crochadh ri deireadh na luinge, ach chaidh a bristeadh, agus thug am muir air falbh i. Bha bat’ eile againn air bord, ach cha robh fhios againn cia mar a rachadh againn air a cur am mach; ach dh’ fheumamaid rudeiginn a dheanamh o ’n a bha sinn a’ smaointean a h-uile mionaid gu ’n robh an long a’ dol ’na piosan, agus bha cuid dhe ’n sgiobadh ag radh gu ’n robh i air toiseachadh ri dhol as a cheile.
An uair a bha sinn anns an eiginn so chuir am met agus feadhainn dhe na seoladairean am mach am bata thar na cliathaich. Fhuair sinn uile a dhol mnte. Bha sinn ann aon-duine-deug. Chuir sinn sinn-fhin air curam Dhe agus garbh thonnan na fairge. Ged a bha ’n stoirm air a dhol gu math na bu lugha, gidheadh bha ’n fhairge ’na culaidh-uamhais a’ bristeadh air a’ chladach mu ’r coinneamh.
(Ri leantuinn.)
BARDACHD NA FEINNE.
DAN A’ CHONLAOICH.
ROIMH-RADH.
THA eachdraidh Chuchullainn ’na charbad a’ toirt dearbhaidh dhuinn gu ’n robh e ’na fhear-cogaidh curanta, crodha, calma, treun. Bha mac aige ri leannan a bh’ aige ann an Alba do ’m b’ ainm Aoife. Thug a mhàthair Conlaoch mar ainm air. Gheall Cuchullainn do Aoife, air dha bhith ’na Ard-cheann-feadhna air armailt na h-Eirionn, gu’n tilleadh e do Alba aig àm araidh, agus gu ’m biodh Aoife mar mhnaoi aige. Ach cha do thill e. An uair a thainig Conlaoch gu aois,chaidh fearas-ghaisge fhoghlum dha ann an Dun-Sgathaich ’s an Eilean Sgitheanach, an t-aite a b’ ainmeile ’s an àm air son foghlum a thoirt seachad do threun-laoich anns gach cluich rioghail a dheanadh feumail iad ann an latha ’bhlàir. Fhuair Aoife air ’fhoghlum d’a mac gach luth-chleas a b’ fhiosrach i a bh’ aig Cuchullainn ’athair, ach aon chleas do ’m b’ ainm an gath-bolg. Bu tric le gaisgich ’s an àm sin an gath-bolg a chleachdadh an uair a bhiodh iad a’ gleachd le saighdibh ann an uisge. An uair a bha Conlaoch air tighinn gu lan spionnadh, chuir a mhàthair fo bhòidean e, gu ’n rachadh e do Eirinn, nach innseadh e co e-fhein, agus gu ’n tugadh e ’athair ceangailte leis do dh’Alba. Bha fios aig Aoife gu’m marbhadh Cuchullainn a mhac leis a’ ghath-bholg, agus rinn i so mar dhioghaltas air son a’ mheallaidh-dochais a rinn e oirre.
Dh’ fhalbh Conlaoch do Eirinn. Chaidh e ’n toiseach far an robh Conull, agus cheangail e Conull, oide Chuchullainn. Chuir Conull fios gu Cuchullainn gu ’n robh e ceangailte. Thainig esan a sgaoileadh chuibhrichean ’oide; agus an uair a dhiùlt Conlaoch innseadh co e, ghleachd ’athair ris, agus mharbh e a mhac féin.
Chualas, is cha ’n fhad’ o sin,
Sgeul a bhuineas d’ar cumha:
Nior aithrisear leinn ach gu trom,
Am fear sin o Innis-Phail.
Clanna righrean nam breth mall,
O Dhun-sgathaich gu tir Chonuill,
Le ’n ùr-chlannaibh òg’ ’s a’ mhagh,
’S iad a staigh air urlar Chuig-ulla;
Gu ’n d’ thainig oirnne borb-laoch,
An curaidh calma Conlaoch.
Bearta treuna ghnàthaicheadh leis,
O Dhun-Sgathaich gu h-Eirinn.
Bhuail e beum sgéith’ air an fhaiche,
Agus ghearr e fòid còmhraig;
’S cha’n fhac’ an righ no ’chuid gaisgeach,
A leithid an còig-chòigeamh na h-Eirionn.
Labhair Conachar ri càch,
Co rachas an dàil an òig-fhir,
A ghabhail sgéil a mhuinntir dheth,
’S gun eura a ghabhail uaithe.
Dh’ imich Conull le ’threun laimh,
A ghabhail sgeula de ’n ghaisgeach;
’S gu’m b’ann de thoradh nan laoch
Gu’n cheangladh Conull le Conlaoch,
Is ceud fear treun os barr air.
B’ ioghnadh sud ’s bu mhor ri aithris;
Thuirt bean Chonuill ’s i an làthair:
“ ’S tu chaith an tàir air mo ghaisgeach:
Gu ’m faigh mise dhut Cuchullainn,
’S gu ’n toir e dioladh am mach dhiot.”
“Thoir fios uamsa gu Cuchullainn
Gus an Dun ud, Aoibhinn àluinn,
Gur iomadh mac a th’ anns a’ mhagh,
Ceangailt’ air urlar Choig-Ulla.”
Chaidh teachdaire gu Cu nan con,
Gu àrd-righ Alloil Ulla,
Gu Dun-dealain, dealbhach, grianach,
Gu seann tùr ciallach nan Gaidheal.
Labhair Conachair ri Cuchullainn:
“ ’S fhad tha thu gun teachd ’chum cobhair,
Is Conull sùireach nan steud seanga
An laimh agus ceud de ’mhuinntir.”
“Gur olc leams’ e bhith fo bhraighde,
An ti a dh’ fhuasgladh air mo mhuinntir;
’S ni ’n soirbh dol a dh’ iomairt nan lann,
Ri gaisgeach a cheangail Conull.”
Bean Chuchullainn:— “Na smaoinich gun dol ’na dhàil,
A laoich nan gorm shùile glana,
A lamh threun gun eagal roimh neach,
Cuimhnich air d’ oide ’s e ’n cuibhreach.”
Cuchullainn nan glas lann nach sliom,
’Nuair chuimhnich e air cuibhreach Chonuill,
Ghluais e, ’s bu dàna ’dhol ann,
A dh’ fhaotainn sgeoil o’n treun laoch.
Cuchullainn:— “Nis o ’n thàrladh dhomh teachd ’nad dhàil,
’S mi mar chù nach ob an t-eugbhoil,
A mhacain réidh an òrain ghlain,
Co thu fhéin, no co do dhùthaich?”
“Tha geasan ormsa o mo theach,
Gun mo sgeul a thoirt do neach;
’S nan tugainn e do neach fo ’n ghréin,
Gu ’m b’ ann do fhear d’ aogaisg àraidh.”
“Comhrag ’s fheudar dhut thoirt uat,
No sgeul innseadh mar charaid:
Gabh do roghainn, a laoich òig;
Cha chiall dut togradh do m’ chòmhrag.”
“Do chluich nan lann theid mi leat,
Chuchullainn o Dhun nan Gaidheal;
Ach ’s deurach ’bhios tusa là eile,
Ma lotar leat mac an treun-laoich.”
Chaidh na laoich an dàil a chéile,
’S bu gharbh samhal an ana-méine;
’S gu’n d’fhuair am macan a lot,
Leis a’ ghath-bholg a bhith dhìth air.
“A mhacain, innis dhuinn do sgeula,
O tharladh dhomh fein do dhiobhail,
’S gearr gus an togar do leac:
Na ceil a nise do dhùthaich.”
“Tog thusa leat mo shleagh,
O’n a bhuin thu ’n sgeul-sa dhiomsa;
Mar sin ’s mo chlaidheamh cruadhach,
Lann a fhuair mi air a liomhadh.
“ ’S mise Conlaoch mac a’ Choin,
Oighre dligheach air Dun-dealgain,
An rùn a dh’fhàg thus’ am bruid,
Ann an Dun-Sgathaich g’am fhoghlum.
“Seachd bliadhna bha mi ’n Dun-tairbhe,
A’ foghlum chleas agus ghaisge:
An cleas le ’n do thoirchear mi leatsa,
Cha robh ach e dh’easbhuidh air m’fhoghlum.
“Ach c’uim’ nach tuigeadh tu uamsa,
Athair uasail ana-meinnich,
’N uair thilginn ort gu fanna fiar
An t-sleagh an coinneamh a h-earra?
“Chuchullainn a’s caomh-gheal cneas,
Leis am bristeadh gach bearn gàbhaidh,
Nach amhairc thu ’s mi gun aithne,
Is feuch co ’m meur a lion am fàinne.
“Ach thoir mo mhollachd do m’ mhàthair,
O ’s i chàirich mi fo gheasaibh,
Air chor gu ’n deachaidh mi gu ’m fhulang,
A Chuchullainn fo do chleasaibh.”
“Bheir mis’ do mhollachd chum do mhàthar,
Gu Dun-Sgathaich làn de cheilge:
’S e mheud ’s a bh’ innte de gheasaibh,
A dh’ fhàg d’ fhuil ’na sruthaibh dearga.”
Thuit Cuchullainn air a’ bhlàr
Gun lùth an cois no an laimh,
’S bha iad thall air a’ mhagh:
Gu ’m b’ e sgiath is claidheamh Chonlaoich.
“ ’S mis’ am fear a mharbh a mhac,
’S nior chath mi sleagh no lùireach:
An lamh so fein gu’m faigheadh cràdh,
O ’s i an lamh a rinn do lotadh.
“Gur math do Laoire buadhach,
’S cha mheasa dh’uaislibh na Fainge;
’S gur math do’n liath mhac Daoire,
Nach e bu bharanta do mharbhadh.
“Gur math do Chormac nan long
Nach e rinn do thaobh a leòn;
Ar neo thuiteadh leams’ a’d’ eiric,
Ceud d’a chuideachd ’s mi a’m’ aonar.
“Och-oin! Conlaoch treun mo mhac-sa,
Is mairg mise ghiorraich do shaoghal!
Nam biodh tus’ is mise maireann,
Cha bhithinn-sa nochd a’m’ aonar?
“Nam bithinn-sa ’s Conlaoch slàn
A dh’ iomairt nan cleas lamh air laimh,
Bheireamaid geill o thuinn gu tuinn
Do fhearaibh Alb’ agus Eirinn.
“Och! is mise th’ air mo ruigheachd,
’S an t-sleagh nimh air dol troimh m’chridhe!
Cladhaich thusa leac m’ uaighe
Air an tulaich fheur-ghlais uaine.
“Thog mise leam sleagh mo mhic
Sgiath agus claidheamh Chonlaoich,
Is thug mi greis air caoidh mar sin,
Mar mhnaoi gun mhac gun bhràthair.
“Och nan och! is och eile!
’S mi ’direadh ri mullach beinne,
Airm mo mhic ’s an dara laimh
Agus fhaoibh ’s an laimh eile.”
[Vol . 12. No. 17. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.
Mo Chuilean Aosda.
A DHEAGH CHARAID, —Tha mo chù laghach, bòidheach air fàs cho sean ’s nach ’eil dad a dh’ fheum ann gu tathunnaich, agus air dhomh a bhi ga ’choimhead an là roimhe, rinn mi na rannan a leanas. Ma ’s fhiach iad an cur an clò bu ghlé thoil leam am faicinn ’sa phaipeir.
Is mi ’ur caraid,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
L’Ardoise, Feb. 10, 1904.
Tha mi aig an àm neo-shunndach,
’S cha tog guth mo chuilein m’ inntinn;
Ged bha uair ’s ann bhithinn diombach
De cho tric ’sa bhiodht’ a cluinntinn
Tathunn ealamh, fonnmhor, gleusda
’Tighinn o d’ bheul, ’s tu furachair, seòlta,
’S nuair a rachainn fhéin a dh’ amharc
Bhiodh tu stigh na d’ dheann troimh ’n chòmhla,
Mo chuilean bochd.
Ach ’s fhad is cian o’n dh’ fhalbh an là sin,
’S tha thu ’n dràsd air caochladh coltais,
Tha d’ earball sios ris an làr,
’S tha do spuir cho maol ri coltair,
Tha do bhian, bha bòidheach donn,
Air fàs ciar bho d’ bhonn gu d’ mhullach,
’S mur biodh fios a’m gur tu th’ ann
Cha ’n aithnichinn do chom air tullach,
Mo chuilean bochd.
’S math mo chuimhne air an là sin
Bha mi ga do ghiùlan dhachaidh,
’S mi cho pròiseil gu ’m bu leam thu
’S ged a b’ oighre mi air faiche;
Fhuair thu do thogail gu dòigheil,
’S bha thu seòlta mar an sionnach,
’S thug sin cothrom dhut bho d’ òige
Gu bhi ’n còmhnuidh ’tòir air bonnach.
Mo chuilean bochd.
Bha sinn greiseag ann an imcheist
Ciod an t-ainm a bhiodht’ ag éigheach
Air a chuilean bhòidheach, ghrinn ud,
A bhiodh binn, le ’chluasan geura;
’S air do chaileag laghach, mhalda
A bhi teagasg anns an sgireachd,
Thug sinn cuireadh dhi gu ’bhaisteadh,
’S fhuair thu Frisk mar ainm o’n ribhinn,
Mo chuilean bochd.
Ged ’s e ’n cuilean fhéin a bh’ annad,
Bha thu ’d eisimpleir do ’n òigridh,
Cha do ghluais thu riamh o’n dorus
Gu bhi falbh ri obair ghòrach;
’S ged bhiodh coin eile na tire
Sios is suas air feadh an àite,
Bhiodh tusa cuir seachad d’ ùine
’S tu gu sunndach far an d’ fhàs thu,
Mo chuilean bochd.
Ach na ’n tigeadh cù an rathad,
Bha thu dàna mar bu chòir dhut:
Sud an t-sitig a bhiodh foirmeil
’Nuair a leigeadh tu do spòg air;
Ged nach d’ rinn thu bòsd a d’ thapachd,
Cha robh gealtachd na do phòraibh,
’S chuireadh tu gach cù ’san àite
’Mach a d’ fhàrdaich is iad leònta,
Mo chuilean bochd.
Ach tha thu nise air fàs aosda—
Tha thu dlùthachadh ri fichead—
’S cinnteach mi nach fhada beò thu,
Ged nach deònaich mi do ghreasad;
Ged nach ’eil annad ach costais,
Tha cuimhn air a mhath a rinn thu,
’S mar sin bithidh mi ga d’ fhàgail
Gus am faigh am bàs a ghreim ort,
Mo chuilean bochd.
Oran Iomraidh.
Agus O théid i!
Hó ró, mo ghillean gramail,
Agus O théid i!
Suidhibh oirre, fheara gaolach;
Suas a’ bhirlinn chaol ’na deannaibh.
Càireamaid ar guala rithe;
Ar lamhan fhéin bheir fuasgladh dhuinne.
Bithibh briosgarra ’san linne;
’San tuinne leigibh éirigh leatha.
Còmhla fheara, iomramaide;
Fuaim an aona-mhaide, ’thig rithe.
Sud am fèath, is so an t-iomramh,
Sud ’nuair shiùbhladh i le farum.
Théid i mar an t-eun air iteig,
Théid i mar am miol-chu ruithteach.
Chlisg i mar na gathan-gréin’
’Tha ’n sud ’na déidh a’ mireag rithe.
Hùg so, fheara! chi mi shuas ud
Fadadh-cruaidh: tha fuaradh-frois’ air.
Suas i, suas i, rudha ’n fhuaraidh,
’S càiridh sinn a cuallach oirre.
’S ann an sin a thig i beò,
’S a sheinneas i dhuinn crònan laghach.
Leumaidh i thar bhàrr nan stuadh
Mar eilid ruadh thar luachair mhonaidh.
Sgobadh dhi, is biomaid dìleas,
Daoin’ air tìr is iad ’gar feitheamh.
Biodh e ac’ r’a ràdh r’a chéil’,
“A bhirlinn threun, gur math do ghabhail!”
Théid i ged tha ’n sruth ’na chaoiribh,
’Taomadh a nuas m’a claigeann.
Théid i ged a chit’ a’ lasadh,
Builgean-fala air ar basan.
Théid i, théid i! fheara, éighibh,
Théid i, théid i, ’dheòin, no dh’ aindeoin!
Agus O théid i!
Hó ró, mo ghillean gramail,
Agus O théid i!
Oran an Iasgair.
Hó mo bhàta laghach,
’S tu mo bhàta grinn;
Hó mo bhàta laghach,
’S tu mo bhàta grinn;
Hó mo bhàta laghach,
’S tu mo bhàta grinn;
Mo bhàta bòidheach, lurach,
’Thogadh taobh Loch-Fìn’.
Sud a’ chungaidh ’chàireadh
’M bàta ’choisinn buaidh—
Druim de’n leamhan righinn,
’N sàs san darach chruaidh;
Fiodhannan is ùrlar,
Sùighte, fallain, buan,
Giuthas glan na Lochlainn,
Fuaight’ le copar ruadh.
B’ àlainn air an tràigh i
Mu’n deach’ i air sàil—
A leagail cho bòidheach
Air gach dòigh sam b’ àill—
Urlar glan gun chaise,
Saoibhir, làn, m’a bràigh;
Sùidhean dlùth ’ga dùnadh
Cuimir, cruinn, gu h-àrd.
B’ àlainn i ’na h-uigheam,
Mach ’sa chaladh chiùin—
Fèath-nan-eun mar sgàthan
D’ a croinn àrd’ ’s d’ a siùil;
Eoin na mara aoibhinn,
’S mar le farum ciùil,
’G itealaich mu’n cuairt di,
’Cur an céill a cliù.
Bu togarach mo bhàta,
Mach air aghaidh cuain,
Nuair thigeadh oirnn, le caitein,
A’ ghaoth sgaiteach, chruaidh;
’S ann an sin air thoiseach
’Choisneadh tusa buaidh;
’G iarraidh suas ri fuaradh,
’S crònan binn fo d’ chluais.
Nuair dh’ éireadh i ’na meallaibh
’S thigeadh oirnn le gàir
Na cnapan àrda, geala,
’S cìrein air am bàrr,
’S tusa thilleadh uait
Na stuadhan ribeach, àrd’,
Rathad aca ’s agad,
’S cha fhliuchadh tu clàr.
Nuair thigeadh i na grìosaich
Nuas o shliabh nam beann,
Sìobain gheal ag éirigh
Suas mu bhàrr nan crann,
’S tusa ’n sin nach géilleadh,
Ach ’ga h-iarraidh gann,
Shadadh i fo chéil
Na caoirean dearg mu d’ cheann.
Sud an té nach diùltadh
Tilleadh nuair a b’ fheum;
’S tu thigeadh le sìnteig,
Nuair a dh’ iarrainn fhéin—
Do sheol-cinn mu d’ chluais,
Mu’n cuairt bhiodh tus’ ad leum,
Cliathach eile fothad,
’S cuartag chruinn ad dhéidh.
Fhad ’s is mairean dòmhs’,
Mo bhàta bòidheach, grinn,
’S fhad ’s a chaomhnar slàn
Na gillean gleusd tha innt’,
Ged a tha mo dhachaidh
Taobh a’ chladaich luim,
Gheibh mi lòn is stòr
A grinneal gorm Loch-Fìn’.
Rinneadh an da oran so, “Oran an Iasgair,” agus “Oran Iomraidh,” leis an Olla Urramach Iain Mac-Leoid, nach maireann. Bha e na mhinisteir an sgìreachd Mhor-bheinn. Bu bhràthair e do Thormoid, “Caraid nan Gaidheal,” agus coltach ris-san bha e na dheagh sgriobhadair Gàilig. Tha iomadh sgeul agus eachdraidh thaitneach o ’pheann ri’m faotainn ’sa “Chuairtear” agus ’san “Teachdaire Ghàidhealach.” Tha ’n da oran so a nochdadh gu robh aige tomhas nach bu bheag de ghibht na bàrdachd.
Iadsan a Phaidh.
Domhnull I Domhnullach, Stewartdale
Lachuinn Mac Gilleain, Fourchu
Coinneach C Mac Leoid, Fourchu
Bean Dhomhnuill Mhic Philip, St Esperit
Gilleasbuig Mac Fhearghais, M . B. Road
N A Domhnullach, Ceap Nor
Anna Chaimbeul, Ceap Nor
Iain D Dùghallach, Grand Mira
Alasdair Mac Fhearghais, Carribou Marsh
Bean Thormaid Mhic Aonghais, Ingonish
Bean Iain Mhic Citheagain, Horne ’s Road
Gilleasbuig Mac-a- Bhiocair, Catalone
Domhnull A Mac Fhearghais, Glace Bay
An t-Urr. D. M. Gillios, Glace Bay
Aonghas Mac Amhlaidh, Glace Bay
Aonghas Mac Fhearghais, Glace Bay
Aonghas Domhnullach, Glace Bay
R H Domhnullach, Sgir Dhubh
Domhnull I Mac Neill, Sidni
Iain L Mac Fhionghain, Sidni
Mrs Nic Rath, an Abhainn Mheadhonach
Donnachadh Moireasdan, New Harris
Ioseph I Mac Neill, am Pon Mor
A V Mac Gillebhràth, Seana Bhridgeport
D I Mac Ascuill, L’Ardoise
Iain Moireasdan, Framboise
Bidh tuilleadh ’san ath àireamh.
Bas.
Aig a Mhèinn a Tuath, air a cheud latha de ’n mhios, Oighrig, bantrach Dhomhnuill Mhic Aoidh a bha chòmhnuidh aig Beinn a Mhàrmoir. Bha i ceithir fichead bliadhna ’s a deich a dh’ aois, agus na mnaoi chliùitich air an robh meas aig luchd a h-eòlais. Bha i o chionn aireamh, bhliadhnachan a leughadh MHIC-TALLA, paipeir ’san robh ùigh mhor aice. Bha i air a tiodhlacadh aig Beinn a Mhàrmoir air an treas latha de ’n mhios.
[Vol . 12. No. 17. p. 8]
Amhairc an So!
’san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.
Oran an Tombaca.
LE “D. D.”
FONN.
Tombaca na smùid a thogadh mo shùnnd,
’Sa chuireadh air chùl gach òinsealachd;
Tombaca na smùid a thogadh mo shùnnd.
An tombaca th’ aig Iain, ’s e leighseadh mo chridhe,
’N uair rachadh fo m’ chiobhal-sa gòmag dheth.
Cha ’n fhaighinn cho blasda an diugh air a mharcaid;
Gu leigheas gach aiceid ’s e ’mboye.
A phronnadh gu mìn, ’sa chàradh am pìob,
Gur àlainn leam fhìn an ceò thig as.
Ged bhiodhte ga m’ thachdadh le tùchadh is casdaich,
Gu ’n leighis da bhlast dhe mo sgòrnan-sa.
Gun smoc dhe ’sa mhadainn, ’n àm éirigh a leabaidh,
Gu deimhin cha’n fhaicear na brògan leam.
Gu’n caill mi mo fhradharc, mo thuigse ’s mo mheomhair
Mur bi e ri fhaighinn ’s na stòraichean.
Gur truagh bhios a’ chlann ’s an té ’tha na ’n ceann,
’S nach gabh anns an àm sin còrdadh rium.
’Nuair lionainn T D gu dòigheil dhomh fhìn,
Cha bhitheadh an rìgh cho sòlasach.
Cha’n fhairich mi sgios, cha ghearain mi ni,
Ma thachras pios bhi ’m phòca dhe.
’S ann theid mi gu luath am baile mu ’n cuairt,
Gu h-iorramach, duanach, òranach
Na cailleachan ’s glice gu ’m bheil iad am meas air,
Gur toil leothapinchna ’n srònan dhe.
Gur suarach an ni, luchd-riaghlaidh na tìr
’Bhith maoidheadh air cìs a dhòrtadh air.
Di-moladh an Tombaca.
LE AONGHAS BEAG.
FONN.
Tombaca na smùid ’ga mholadh as ùr,
’Se dh’fhàg mi gun sùnnd, ’s cha neonach e;
Tombaca na smùid ’ga mholadh as ùr.
Tombaca neo-bhlasda, ged bhiodh agam sac dhe,
Gur mise nach blaiseadh air òirleach dhe.
Na duilleagan sgaiteach gu teann air am pasgadh,
Gur tric iad ’cuir aiceid ’s na h-òigearan.
Fear cha bhi buidheach, gun phasgan de’n luibh ud
Fo ’fhiaclan buidhe— ’s cha bhòidheach iad.
Cha bhi e ’san fhasan gun phiob ’na phoc’ -achlais,
’S a spliùcan tombaca ’bhith còmhla rith’.
Ged tha cuid anns an dùthaich an dràsda ’toirt cliù air,
Gur trom tha e spùilleadh am pòcannan.
Ach ma ni mise tachairt ri pàirt diubh ’s e aca,
Maoidhidh mi racaid ’s an t-sròin orra.
Tha bodaich na sgìre ro dheisail, da rireadh,
Gu tairgse na pìoba do ’n òigridh.
’S tric luchd an tombaca gun bhiadh, ’s iad air acras,
Gun aodach no caiseart—gur brònach iad.
’S truagh nach robh ’chis air braidean tri fillt’,
’S nach faighte làn pìob ’sa phrovince dhe.
Gu’m faighinn am bàs na’m faicinn an tràs
Na cailleachan curchargena’n srònan dhe.
Seann Oran mu’n Tombaca.
Chuala sinn beagan rann de dh’ òran a rinn cuideigin uair no uaireigin a moladh an tombaca, a b’ fhior thoigh leinn fhaotainn gu h-iomlan. ’S iad so na rainn air am bheil cuimhn’ againn.—
O, phiob thombaca
Leig a mach do cheò;
Seall am faic thu tighinn
Fear a chridhe chòir?
Marbhaisg air na daoine!
Nach do dh’ fhag iad saor e;
Nuair a b’ fhearr an saoghal,
Bha e daor air gròt!
Ma tha tuilleadh dheth aig aon sam bith a leughas so, bidh sinn glé thoileach fhaotainn.
Slan le Mac Coinnich.
EADARTHEANGAICHTE LE ALASDAIR A. MACRATH AN NEW ZEALAND.
Slàn le Mac Coinnich mor Iarla ’n taoibh tuath,
Morair Loch Carrunn ’s Ghleann-Sheile nam buadh;
Ceann-feadhna deas, sgairteil, a sheol uainn air chuairt,
Le ’bhàta mar eala air bharraibh nan stuadh,
Dol gu tir fada thall thog e suas a chuid siùil;
Slàn le Mac Coinnich, Ceann-feadhna ar dùthch’.
Gu ma luath bhios do bhàt’ anns gach gàbhadh toirt buaidh,
Do sgiobair bhi allail ’s do mharaichean suairc,
Ann an cunnart neo-ghealtach, gun tais’ ri fal uair,
Ged a shéideadh gaoth làidir, ’s ged a bhàrcadh an cuan.
Air clar-uachdar a daraich mi ’g òl a dheoch-slàint’;
Slan le MacCoinnich, Ceann-feadhna Chinntàil’.
Dùisg as do sheòmar ’ghaoth mhòthar bho dheas,
’S mar dhurachd a chinnidh gu dileas bi leis,
Bi fad-fhoighidneach, bàigheil, mar ghràdh a luchd-dùthch’,
Gu dìleas na aobhar gun aomadh an tùirn;
Séid gu sèimh, socrach, a chaomh oiteag bi tlàth
A giulan Mhic Coinnich, Ceann-feadhna Chinntàil’.
Gu’m bi t-iùl-fhear féin eòlach, làn earbsach le céill,
Gu tomhas na fairge ’s gu cnuasachd nan speur,
Le chainb geal ga ’sgaoileadh bho bhrataich gu clàr,
Ach ’n àm tilleadh le sìth tog tri-fillt’ i na’s àird,
Gus an cuir creagan Sguir-Uirean is Brathainn nan sàr
Fàilt’ air Mac Coinnich, Ceann-feadhna Chinntàil’.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh’
Airneis ’s de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
Sydney & Louisbourg
Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Mac -Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 17 |
internal date | 1904.0 |
display date | 1904 |
publication date | 1904 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 17. %p |
parent text | Volume 12 |