[Vol . 12. No. 18. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 4, 1904. No. 18.
Chaochail an Seanair Hanna, duine bha glé iomraiteach ’sna Stàidean o chionn iomadh bliadhna agus gu àm a bháis. Fhad ’s bu bheò e bha e gabhail pàirt an cùisean-riaghlaidh na dùthcha; cha robh fear-stàite na’m measg bu mhò cumhachd na e. Bha e na ’dhuine teòma, làidir na inntinn, agus innleachadh air son cùisean a thoirt dh’ ionnsuidh na criche bu mhiann leis. Bha moran chàirdean aige, agus mar bu dual, moran naimhdean. Thainig bàs aithghearr air, agus mar sin tha cothrom aig daoine air moladh beò is moladh-mairbh fhaotainn air. Is iongantach cho ealamh ’s a theid car a chur ann an cliù duine le e-fein a bhi air a ghearradh as leis a’ bhàs. Tha daoine ’s paipeirean d’ am b’ àbhaist a bhi cur sios air an t-Seanair Hanna an diugh a’ toirt fa-near gu robh iomadh buaidh air d’ an robh iadsan gu ruige so dall. Cha’n eil an so ach aon dearbhadh eile air fìrinn an t-sean-fhacail: “Ma’s math leat do mholadh, faigh bàs; ma’s math leat do chàineadh pos.
Tha bàs an t-Seanair Hanna a’ deanamh cathair an Ard-Riaghladair gu math cinnteach do Theodore Roosevelt. Thainig Mr. Roosevelt gu bhi ’san inbhe ’sam bheil e le tuiteamas, no mar bu chòir a radh, le obair an Fhreasdail. Cha robh toil no dùil sam bith aig a phàirtidh d’ am buin e a chur air stiùir-riaghlaidh na dùthcha. Ceithir bliadhna ’n àma so bha e na Riaghladair air Stàid New York. Bha e anns an dreuchd sin a nochdadh gliocais agus ceartais, barrachd mor ’sa bha tighinn ri càil na feadhnach a bha air cheann na pàirtidh. B’ fhearr leotha duine bhi ’san dreuchd sin d’ am bu bhuaidh sònruichte a bhi leam-leat; fear a chumadh a mhor-chuid de gach seòrsa sluaigh air a thaobh, biodh an lagh air a choimhead no na bitheadh. Agus gu dé rinn iad ach an cinn a chur cuideachd agus ainmeachadh ’s a thaghadh mar iar-riaghladair do ’n dùthaich. Anns an dreuchd sin shaoil iad nach biodh na chomas moran math no uilc a dheanamh; agus b’ fhior dhaibh, oir cha’n eil a dh’ obair aig an iar-riaghladair ri dheanamh ach àite ’n àrd-riaghladair a ghabhail ma dh’ éireas dad dha. Sin rud ris nach robh dùil aca; ach sin rud a thachair. Bha Mac-Fhionnlaidh còir air a ghearradh as le làimh fir-millidh, coltach ri dithis no triùir a bha riaghladh roimhe; agus bu le Roosevelt àite. Uaithe sin tha a phàirtidh an im-cheist—cha’n eil fhios aca gu dé ’s fhearr dhaibh a dheanamh, Roosevelt ainmeachadh agus a bhi gu math cinnteach an taghadh a chosnadh, na fear eile ainmeachadh agus a bhi ’n cunnart call. Tha Roosevelt measail air feadh na dùthcha gu h-iomlan, agus tha e mar sin na neart dhaibh; ach air an laimh eile tha e gu mor an aghaidh nan cuideachdan a tha deanamh greim air malairt is gnothuch na dùthcha, cuideachdan a tha ann an luib a phàirtidh fein, agus mar sin tha e na chunnart daibh. B’e ’n Seanair Hanna an aon duine bha iad an dòchas a ghabhadh àite le coltas a bhi air a thaghadh, ach thug am bàs, nach amhairc air innleachdan dhaoine agus nach dean feitheamh ri taghadh no ni eile nuair a thig ’àm, air falbh esan mar an ceudna.
Cha chuireamaid os leth Roosevelt air chor sam bith gu bheil e toilichte bhi faicinn bàs nan daoine bha air an cur eadar e-fein ’s a shoirbheachadh. Cha duin’ e a dh’ iarradh beatha dhaoin’ eile iomlaid air-son a leas fein. Ach saoilidh sinn, nuair a smaoinicheas e air mar a dh’ fheuch “a chàirdean ’s a luchd-gaoil” ri chur fodha ’s mar a thainig e ’n uachdar, mar a dh’ fheuch iad ri sheise fhaotainn ’s a dh’ fhairtlich orra, gu’n tig fiamh a ghàire air a ghnùis, ’s gu ’n abair e gu beag, sàmhach ris fein, mar a thuirt Donnachadh Bàn:—
“ ’S iomadh car a dh’ fhaodas
Tigh’nn air na fearaibh,
Theag’ gu’n gabh iad gaol
Air an ni nach fhaigh iad.”
Tha moran naidheachdan ri ’n cluinntinn mu’n chogadh, cuid diù a tha fior ’s cuid nach eil. Anns na blàir bheaga bh’ann o chionn ghoirid tha gach taobh ag radh gu’n d’ fhuair iad buaidh. Cha’n eil na fiosan a thig á St. Petersburg no a Tokio ri bhi air an gabhail gun ghràinein salainn. Tha araon Ruisia is Iapan car coltach ris a ghille mhaol dhubh: cha “chiùrr e cogais” aon seach aon diù an fhirinn a chothlamadh a reir am mianna fein. Tha e gu nadurra doirbh leotha aideachadh gu’n deachaidh blàr na’n aghaidh, agus air an aobhar sin ni iad dichioll air a chleith. A bharrachd air sin tha iad a’ creidsinn gu’n cuidich e leotha fios a dhol fad is farsuinn gu ’n d’ fhuair iad buaidh. Cha’n eil againn air ach feitheamh le foighidinn gus an tig sgeul chinnteach. A h-uile sgeul a thig roimhe sin creideamaid na chi sinn iomchuidh; neach a ni sin bidh e cho faisg air a bhi ceart ri neach sam bith eile.
Cha’n ann nar duthaich fein a mhain a tha luchd-teagaisg nan sgoilean a gearain air an tuarasdal. Tha a cheart uiread aobhair ghearain aca anns an duthaich taobh thall na criche. Anns na Staidean gu h-iomlan, tha tuarasdail luchd-teagaisg, ri ’n gabhail bhar a cheile, na’s lugha na tri cheud dolair ’sa bhliadhna. Cha mhor gu bheil luchd-ceaird no obrach eile nach eil a faighinn barrachd airgid air son an saoithreach. Ann an Chicago, far am bheil tuarasdail na’s airde na ann am bailtean eile, coisnidh an saor eadar da cheann na bliadhna a dha uiread ’sa choisneas am maighstir-sgoile. Ann an Colorado, far am bheil maighstir-sgoile faighinn faisg air a dha uiread tuarasdail ’sa tha air a thoirt d’a sheorsa an Staidean eile, cha’n eil muinntir sam bith a’ faotainn na’s lugha tuarasdail na e, ach a mhain cleirich, luchd-frithealaidh is obraichean cumanta. Ann an caochladh bhailtean tha ’m fear a tha gabhail curaim de’n tigh-sgoile, ga sguabadh, ga sgùradh ’s ga chumail blath, a deanamh barrachd tuarasdail ’sa tha ’n t-ard-mhaighstir. Cha’n eil cuisean a bhi mar sin idir creideasach. Feumaidh Canada agus na Staidean barrachd meas a chur air dreuchd a mhaighstir-sgoile. Tha e gle cheart oil-thighean is ard-sgoilean a bhi air an suidheachadh anns am faigh daoine cothromach eolas air ealain, canainean is eachdraidhean; ach feumaidh a mhor-chuid de’n t-sluagh an cuid ionnsachaidh fhaotainn anns na sgoilean cumanta. Bu choir na sgoilean cumanta bhi air an deagh uidheamachadh agus fo churaim luchd-teagaisg sgileil, foghluimte, a chum gu’m fas an oigridh suas ann an eolas a bhios feumail dhaibh ann an cath na beatha. Cha’n fhaighear an seorsa luchd-teagaisg sin am bitheantas air na tuarasdail a thatar a’ tairsge air feadh na duthcha so.
Cleachdaidhean Co-cheangailte ri Bas.
’Nuair a gheibh duine bas anns a’ Ghaidhealtachd tha e air a shineadh air bord ris an abrar an eisinn, no an eislinn, ’s air a chuirneachadh le anart geal. Air uachdar an anairt so tha soitheach fiodha lan uire—no theagamh sgrath, air a chur, agus grainein beag saluinn. Tha an uir a’ ciallachadh a choluinn thruaillidh agus an salunn an t-anam neo-bhàsmhor. Ma thuit do dh’im a bhi ’san tigh ’san robh an corp na luidhe, chuireadh iad tarrung ann, ga chumail milis, “gun dol aog” mar theireadh iad, oir b’e ’n t-Aog am bas. Tha beachd agaibh air a phort:—
“A bhean a bh’aig an tàillear chaol
Thug an t-Aog an ceann dhi.”
Bha gach teine air a smaladh far an robh corp, agus bha e air a mheas cho mi-shealbhach cu no cat a ruith thairis air corp ’s gu’n robh iad a cur as do chu no cat a thuit leum thairis air a chorp. B’abhaist dhaibh cuirp fhaireadh, agus b’abhaist do na baird a bhi lathair a dh’aithris cliu an fhir a bh’air an eisinn, ann am marbh-rann. ’S ann mar so a dh’eirich an t-ainm “Moladh mairbh” air moladh sam bith a tha thar thomhas.
Cha robh e air a mheas sealbhach tòrradh air Di-haoine. O shean cha robh na mairbh air an cur ann an ciste mhairbh, ach air an suaineadh nam breacan ’s air an giulan air bord a dh’ionnsaidh a’ chladh. Air son nam bochd, bha anns gach sgireachd ciste mhairbh air a dheanadh de shlat, ris an abrar “caiseal chrò.” Bha màs na caiseil chrò air ludagain agus ’nuair a ruigeadh iad grunnd na h-uaigh bha am mas a fosgladh agus bha ’chaiseil chrò air a togail a nios as an uaigh agus deas air son na h-ath uair a bhiodh feum oirre. A chuirneachadh na caisil chrò bha anns gach sgireachd brata mor dubh ris an abradh “brat-nam-marbh,” agus air Galldachd “mortcloth.”
[Taobh -duilleig 139 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 18. p. 2]
Bha na Gaidheil a meas gu’n robh e cur dimeas air a mharbh ma bha tùrn obair air a dheanamh latha an torraidh. B’abhaist deur math a bhi dol aig tòrradh; ach tha sin seachad an nis, agus tha e cho math, ged a dh’fhaodas cuid de na seana bhodaich a bhi gearan nach fhiach do dhuine a nis dol gu torradh. Bho shean, b’abhaist do gach cladh a bhi air fhaireadh le cairdean an t-aon mu dheireadh a bha air a chur ’san uir, gus an robh h-aon eile air an cur fo’n fhoid. Ann an sgireachdan far an robh an sluagh gann agus fallain bha am faireadh-cladh so na uallach mor. Gheibheir gus an latha ’n diugh anns na seann chladhan bothain chaithris, ged nach ’eil iad a nis air an cur gu feum. B’abhaist do phiobaire a bhi aig torraidhean o shean, a cluich cumha an fhir a dh’fhalbh.
B’abhaist dhaibh cuirn a thogail os cionn nam marbh, agus ’s ann o’n chleachdadh so a dh’eirich an sean-fhacal, “Cuiridh mi clach ad charn,” ’nuair tha sinn toileach deagh run a nochdadh do neach. Tha cuid mhath de shean-fhacail againn mu’n bhas, mar a tha “Cha tig am bas gun leisgeul,” “Cha tig am bas gus an tig an t-am.”
FIONN.
Cuiridh an geamhradh so na’n tàmh iadsan a bhiodh ag radh gu robh sìde na dùthcha air atharrachadh. Tha e mairsinn gle fhada ’s a fuireach anabarrach fuar. Tha’n t-sìde cha mhor gun bhristeadh o thoiseach na bliadhna, le sneachda trom ’s cruaidh reothadh. Bha aiteamh mhor ann toiseach na seachduin s’a chaidh, a dh’ islich an sneachda ’s a bhogaich na ròidean, ach thainig tuilleadh sneachda ’s reothaidh deireadh na seachduin. Bha oidhche Di-sathuirne cho fuar ri latha no oidhche thainig ré a gheamhraidh. Ged tha’n t-sìde so car mi-thaitneach, tha i fallain, agus bidh i feumail do’n dùthaich: tha na deagh ròidean tarruinn ann agus mar sin tha cothrom aig tuathanaich ’s aig muinntir eile air obair a dheanamh, a bharrachd air sin tha’n sneachda na dhion do’n talamh, agus ma bhios sìde ’n t-samhraidh fàbharrach, bidh fàs math air feur ’s air bàrr.
Chaidh an taghadh Di-màirt s’a chaidh seachad gu sàmhach. Bha an t-ard-bhàillidh W. A. Richardson air a thaghadh gu h-aon-ghuthach, agus mar an ceudna da chomhairleach, Iain A. Young agus Calum H. Moireasdan. Anns an dara roinn de’n bhaile bha Tearlach Mac-Fhionghain air a thaghadh le 167 bhòt; fhuair L. X. Domhnullach 96 bhòt, agus J. W. Kyte 91. Anns an treas roinn bha Raonull Gillios air a thaghadh le 273 bhòt; fhuair Harry Morley 136 bhòt. Anns a cheathramh roinn bha Domhnull A. Mac-Coinnich air a thaghadh le 137 bhòt: fhuair Semuas A. Cléireach 80, agus A. D. Falconer 78 bhòt. Tha Mac-Fhionghain ann an Comhairle bhaile o chionn shia bliadhna. Bha’n Gilliosach anns a chomhairle fad da bhliadhna deug, agus air bòrd na sgoile ochd bliadhna deug. Bha a cheud choinneamh aig a chomhairl’ ùr oidhche Dior-daoin.
Ma’s fior na fiosan a thàinig ré an da sheachduin s’a chaidh, thug càbhlach Iapan a dha no tri dh’ionnsuidhean air Port Arthur. Is e so ceann-bhaile Ruisia ’san àird an ear. Air a cheud ionnsuidh, toiseach na seachduin s’a chaidh, dh’ fheuch na h-Iapanich ri àireamh de sheann soithichean, luchdaichte le cloich, a chur gu grunnd aig beul na h-acarsaid. Bha so air-son càbhlach Ruisia, a bha stigh ’san acarsaid, a chumail a stigh. Cha do shoirbhich leotha gu h-iomlan anns an ionnsuidh sin. Chuir peileirean nan gunnachan-mora Ruiseanach na seann soithichean gu grunnd mu ’n d’ fhuaireadh dh’ ionnsuidh an àite cheart iad, agus mar sin tha cothrom dol a mach is teachd a steach aig càbhlach Ruisia fhathast. Tha daingneach eile aig Ruisia tuath air Corea—Vladivostock—a tha ré a gheamhraidh air a chuartachadh le deigh. Tha càbhlach-chogaidh aice air acair an sin nach fhaigh cothrom dol a chogadh gu samhradh. Tha Iapan air-son Port Arthur a chìsneachadh an cabhaig a chum, nuair dh’ fhalbhas an deigh, nach bi aice ri h-aghaidh a chur ri Ruisia ach an aon àite. Tha muinntir na dùthcha bige sin a nochdadh moran gliocais is tapaidh. Cha’n eil teagamh, na’m faigheadh a mhor chuid de shluagh na Roinn-Eòrpa ’s America an dùrachd, nach i gheibheadh buaidh.
Seachduin gus an Di-luain s’a chaidh bha Padruig Walsh, fear-cumail an tigh-sholuis aig Lingan air a mharbhadh. Bha e ann an Dominion No. 1 ré an latha a coimhead a bhràthar. Thòisich stoirm feasgar nuair bha e dol dhachaidh. Tha ’n rathad an àiteachan a’ ruith glé fhaisg air oir na creige taobh a chladaich; chaidh o air chall le doirbhead na sìde, agus ’sa mhaduinn fhuaireadh e-fhéin ’s an t-each marbh aig bonn na creige, far an robh i mu dha fhichead troigh a dh’ àirde. Bha Mr. Walsh gun phòsadh agus mu dha fhichead is coig bliadhna dh’ aois.
CUISEAN CLEIREACH—Bha an t-Urr. Iain U. Mac Phàil air a shuidheachadh ann an eaglais Phort Morien Di-màirt an treas là fichead de ’n mhios a dh’ fhalbh. —Tha coithional Cléireach Sràid Falmouth ’sa bhaile so a’ toirt gairm do ’n Urr. Uilleam H. Smith á Summerside, E. P. I. —Tha Mr. Forbeis, ministeir St. Andrew’s a nis an tìr Phalestin. Fhad ’sa bhios e air falbh bidh seirbhis Ghàilig air a cumail mar a b’ àbhaist air a cheud ’s air an treas Sàbaid de ’n mhios, le fear mu seach de mhinisteirean Gàidhealach na clèire. Bha ’n t-Urr. Iain Mac Fhionghain, o Aiseag Mhira air cheann na seirbhis maduinn a cheud là fichead de Februaridh. B’e sin a cheud uair a chualas ann an Sidni e, agus thaitinn a shearmonachadh gu math ris na bha ga éisdeachd araon am Beurla ’s an Gàilig. —Tha’n t-Urr. Tearlach Mac-an-Tòisich, a bha’n droch shlàinte a chionn dha no tri mhiosan, air a dhol gu math am feobhas, agus tha dòchas aige bhi air ais aig obair an ùine ghoirid. Bidh a chàirdean uile toilichte nuair a chi iad air cheann a choithionail e na shlàint’ àbhaistich. —Tha’n t-Urr Domhnull Mac- ’Illemhaoil, ’sa Mhèinn a Tuath, a’ cur roimhe bhi air fhuasgladh o’n sgìreachd sin mu mheadnoin an t-samhraidh s’a tighinn.
Chaochail fear Iain Barkhouse ann an siorrachd Halifax aig aois ceud is coig bliadhna. B’e an t-aon bu shine de theaghlach anns an robh tri deug. Rainig gach aon diubh aois mhor, ach thug esan bàrr orr’ uile. Bha e o òige a’ tighinn beò air biadh cumanta, agus ag obair daonnan anns an àile fhosgailte. Cha’n eil lighichean ann a’s fhearr na àile glan is biadh fallain.
Bha taghadh ann am baile Dawson, ’sa Yukon, o chionn ghoirid, agus bha Seumas F. Domhnullach air a chur a stigh mar àrd-bhàillidh. Bha dithis eile ruith air-son na dreuchd, fear a mhuinn-Ontario ’s fear a mhuinntir Alberta, ach dh’ fhàg esan fad air deireadh iad le cheile. Fhuair an Domhnullach a bhreith is ’àrach ann a Hogamah, far am bheil a bhràthair, Iain K., na mharsanta. Is mac e do Phadruig Domhnullach nach maireann, ris an abradh daoine san t-seann dòigh Ghàidhealaich, “Pàdruig Mòr.” Tha MAC-TALLA guidhe soirbheachaidh dha, agus ag altrum dòchas gu’n lion e dreachd urramach na h-ard-bhàillidheachd air dhòigh a bhios a chum math a bhaile agus a chum tuilleadh cliù is urraim dha fein.
AM MAC A B’ OIGE.
Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.
CAIBIDEAL VI.
MU dheireadh thainig an latha air an robh agam ri falbh o’n taigh. Agus cha téid an latha sin as m’ aire fhad ’s a bhios mo thùr ’s mo chiall agam. Cha do dhùin mo shùil an oidhche roimhe sid leis na bha de smaointeanan ag éirigh suas ’na m’ inntinn mu dheidhinn a bhith ’fàgail taigh m’ athar far an robh mi ’faotainn a h-uile ceartas a b’ urrainn fear dhe mo sheòrsa ’fhaotainn. Thuirt mi rium fhin, nach robh fhios nach ann a bha mi ’ruith o theas gu fuachd. Agus leis na dh’ éirich de smaointeanan iongantach ’na m’ inntinn, cha mhòr nach do theab mi éirigh agus a ràdh ri m’ mhàthair gu ’m b’ fhearr leam fuireach far an robh mi na falbh. Ach bha e tàmailteach leam gu ’m biodh e ri ràdh gu ’n do ghabh mi an t-aithreachas. Mu dheireadh thuirt mi rium fhin gu’m falbhainn gun teagamh o’n a rinneadh a h-uile deisealachd air son mo thuruis.
Tha cuimhne mhath agam gu ’n robh mi glé bhalbh, agus glé neo-shunndach fad na madainn ud. Agus ged a shuidh mi aig a’ bhiadh maille ri càch, cha mhòr a ghabh mi dheth.
An uair a bha mi deiseil gu falbh, thuirt m’ athair gu ’n robh toil aige beagan fhacal a ràdh rium. Bha ’n teaghlach gu léir cruinn aig an àm. Thuirt e: “Tha thu nis a’ falbh, a Sheumais. Agus ged a tha thu ’falbh le ar n-aonta, b’ fhearr leinn thu dh’ fhuireach. Ach o ’n a chuir thu romhad falbh, tha e cho math dhuinn do thoil fhein a leigeadh leat. Tha ’chùis coltach nach bi thu ach a’ cur seachad na h-ùine gun fheum ged a dh’ fhanadh tu aig an taigh. Is olc an obair nach fhearr do dhuine na bhith ’na thàmh. Ach cuimhnich nach ionnan a bhith ann an taigh d’ athar far an robh tomhas mòr dhe do thoil fhein agad, agus a bhith fo chuing nan coimheach. Feumaidh tu ’bhith aig d’ obair air an uair, agus an aire mhath a thoirt air d’ obair, ciod sam bith obair a thachras dhut fhaotainn.
“Ma ’s math leat faotainn air aghart anns an t-saoghal so, agus anns gach ni a bhuineas do ’n t-saoghal a tha ri teachd, feumaidh tu do bheatha, ’chaitheamh gu measarra, gu cothromach, agus gu diadhaidh. Bi dìleas do d’ mhaighstir. Innis an fhìrinn an comhnuidh. An uair a theid thu cearr—agus theid thu cearr tric gu leòr mar a chaidh a h-uile duine a bha riamh air an talamh—aidich anns a’ mhionaid gu ’n deachdaidh tu cearr. Na tòisich idir ri gabhail leithsgeulan, agus ri innseadh nam breug a chum thu fhein a shaoradh. Thig a’ bhreug am follais air a’ cheann mu dheireadh a dh’ aindeoin gach oidhirp a bheir daoine air a cumail am falach. Bi duineil. Cha’n ’eil duine sam bith a’s fhearr duinealas na ’m fear a dh’ aidicheas gu ’n deachaidh e cearr.
“Na biodh comunn no compantas agad ris na sgaomairean spaideil, mòr-chuiseach a tha cho pailt anns na bailtean mòra. Truaillidh droch comhluadar deadh bheusan. Seachainn an t-òl mar gu ’n seachnadh tu ’phlàigh. Ma bhios tu ris a’ mhisg, bidh tu ri mi-bheus.
“Biodh meas agad ort fhein, agus bidh meas aig a h-uile duine ceart eile ort. Am feadh ’s a dh’ fheumas tu an aire mhath a thabhairt nach cum thu comunn ri daoine tha na ’s isle staid na thu fhein, feumaidh tu an aire mhath a thabhairt mar an ceudna nach cum thu comunn ri daoine a tha ann an inbhe ro àrd as do chionn. Tha clann nan daoine beairteach ag amharc sìos air clann nan daoine bochda, agus is ainneamh leotha meas mòr sam bith a bhith ac’ orra, eadhoin an uair a gheibh iad gu math air aghart anns an t-saoghal.
“Biodh meas agad air Lath’ an Tighearna, agus air facal an Tighearna. Seachainn gach aon a bhios a’ dol air chéilidh o thaigh gu taigh
[Taobh -duilleig 138 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 18. p. 3]
air Lath’ an Tighearna, oir, mar is trice, tha iad a’ cur seachad moran dhe ’n Latha Naomh le còmhradh amaideach, le baoth-shùgradh, agus le nithean nach ’eil iomchuidh. Cha ’n fhaca mi soirbheachadh spioradail aig a h aon riamh dhe ’n t-seòrsa,
“Tha thu ’falbh as ar sealladh-ne an diugh, agus cha ’n ’eil fhios nach e so an sealladh mu dheireach a chì sinn dhiot. Ach ged a tha thu ’falbh as ar sealladh-ne, cha ’n ’eil thu ’falbh á sealladh Dhé. Bha thusa, mar a bha na h-uile neach eile, a’ seachnadh iomadh ni olc agus toirmeasgte, cha b’ ann uile gu léir a chionn gu ’n robh fuath agad dhaibh, ach a chionn gu ’n robh eagal ort gu ’m faicteadh ris an olc thu. Ach cum ’nad’ chuimhne aig gach àm, agus anns gach àite gu ’m bheil suil uile-léirsinneach Dhé ag amharc ort, agus gur ann ’na làthair a dh’ fheumas tu cunntas a thoirt seachad.
“Chuir sinne eisimpleir cho math ’s a b’ urrainn duinn romhad. Theagaisgeadh dhut mar bu chòir dhut aoradh a dheanamh do Dhia gu diamhair agus gu follaiseach. Agus ged a tha thu ’n diugh ’g ar fàgail cha toir sin oirnn dichuimhn a dheanamh ort aig cathair nan gràs. Tha sinn ’ga d’ chur air curam Dhé, agus tha dòchas againn, ma ’s e a thoil e, gu ’n stiùir e thu, agus gu ’n glèidh e thu, agus gu ’g toir e dhut a’ bheatha mhaireannach, agus na nithean sin a bhios feumail dhut anns an t-saoghal so.
An uair a thuirt e so, lùb sinn uile ar glùinean, agus rinn e ùrnuigh ghoirid, dhùrachdach.
Cha ’n ’eil aobhar dhomh iomradh a thoirt air dad eile a thachair an lath’ ud. Foghnaidh dhomh a ràdh gu ’n robh sinn uile tùrsach gu leòr a’ dealachadh ri ’chéile. Ach cha robh mise fad’ air a dhol á sealladh an taighe an uair a thiormaich mi mo shùilean.
Lean mo bhràthair mi gus an d’ ràinig sinn an taigh air Fear Bhaile nan Slochd. An uair a ràinig sinn, thachair e ruinn, agus e deiseil gu falbh. Bha triùir de ghillean tapaidh an dèigh na h-aighean a thoirt as a’ bhuailidh, agus iad deiseil gu falbh leotha. Bha Fear a’ Bhaile ’marcachd air each beag tapaidh, glas, agus bha mise agus an triùir a bha ’g iomain na spréidhe g’ ar cois.
Gus an d’ fhuaradh na h-aighean astar math seachad air criochan a’ Bhaile, bha iad glé dhoirbh ri ’n iomain. Bha na gillean tapaidh a bha ’g an iomain a’ cur uamhais orm leis na bha iad a’ deanamh de mhionnan sgràthail do ’n spréidh, agus do na coin. Ach cha robh iad mòran air thoiseach anns an droch cleachdadh so air am maighstir. Ged a bha e ’na dhuine còir, measail, agus, ann an iomadh dòigh, cho tlachdar ri fear sam bith ach fear ainneamh, bha e ’na chleachdadh aige ’bhith ris na mionnan. Anns an àm ud bha daoine na bu trice ris na mionnan na tha daoine aig an am so. Ach thu aobhar eagail gu ’m bheil luchd nam mionnam tuilleadh is pailt fhathast.
Chuala mi duine còir, tuigseach, a thachair rium o chionn iomadh bliadhna a’ labhairt mar so mu dheidhinn nam mionnan: “Cha ’n ’eil aon pheacadh a tha daoine ’cur an gniomh nach ’eil, air aon dòigh no dòigh eile, a’ toirt rud eiginn de bhuannachd dhaibh anns an t-saoghal so ach na mionnan a mhàin. Ma bhios fear ri misg, no ri méirle, tha rud eiginn de riarachadh aige ’g a thoirt dh’ a chorp tuaillidh, eadhoin ged a tha e ’deanamh seirbhis do Shàtan, ach tha ’m fear a tha ris na mionnan a’ deanamh seirbhis do Shàtan gun uiread is fiach suip de bhuannachd aimsireil air a shon. Ged nach ’eil leithsgeul a’ pheacaidh ri ’ghabhail air chor sam bith, gidheadh tha sinn a’ tuigsinn gu ’m bheil iomadh neach ri breugan, a chum e fhein a thoirt á cunnart, mar a rinn cuid de dhaoine air am bheil iomradh againn ann am facal Dhé; agus tha cuid eile ri gadachd a chum iad fhein a chumail beò. Ach ciod a th’ aig fear nam mionnan air son a ’sheirbhis do Shàtan? Cha ’n ’eil dad. A réir ’s mar a tha mise ’tuigsinn facal Dhè, is e breugan agus mionnan an dà pheacadh a ’s uamhasaiche is urrainn neach a chur an gniomh. Cha ’n ’eil aobhar againn a bhith ’creidsinn gu ’m bi misg, no mi-bheus, no gadachd ann an ifrinn; ach tha sinn a’ creidsinn gu ’m bi breugan agus mionnan ann. Tha fear nam breug ’s nam mionnan, ma ta, a h-uile latha ’g ionnsachadh na foghlum sin a ’s àirde ’bhios ann an ifrinn. Ach cho luath ’s a thig atharrachadh nan gràs air fear sam bith, sguiridh e dhe na breugan, agus dhe na mionnan.”
Mar is dluithe ’ghabhas mi beachd air briathran an duine so, is ann a ’s mò ’tha mi’ faicinn cho glic agus cho tuigseach ’s a tha iad.
Ach bha fàilling mhòr eile anns an triùir a bha ’g iomain na spreidhe, agus b’ e sin, cho déidheil ’sa a bha iad air an òl an uair a gheibheadh iad an cothrom air òl a dheanamh. Bha Fear Bhaile nan Slochd a’ toirt dhaibh cuibheas ri òl; oir bha toil aige araon ainm duin’ uasail a ghleidheadh, agus a bhith gu math ri ’chuid seirbhiseach an uair a bhiodh iad sgìth agus gann de chadal ag iomain, agus a’ buachailleachd na sprèidhe air an t-slighe thun a’ mhargaidh. Ach, mar a chunnaic mise an uair a bha mi air mo thurus comhladh riutha, cha ’n fhoghnadh leotha na bha iad a’ faotainn o am maighstir, ach dh’ fheumadh iad tuilleadh òl anns a h-uile taigh-òsda thun an tigeadh iad, agus rud a thoirt leotha gus a bhith aca air taobh a’ mhonaidh an uair a leigeadh iad anail do ’n spréidh.
Cha chòir coire fhaighinn do dhuine sam bith air son ’fheumalachd a ghabhail de rud sam bith a tha feumail dha; ach tha tuilleadh ’s a’ choir, eadhoin dhe ’n bhiadh, a’ deanamh cron do dh’ iomadh neach. Ged bu mhise ’b’ òige na h-aon dhe ’n triùir eile, agus ged a bha mi cho trang ri h-aon dhiubh fhein a’ coiseachd agus ag iomain na spréidhe le mo mhàileid thruim air mo mhuin, sheas mi na b’ fhearr ris an uidil a bh’ oirnn na h-aon dhiubhsan, ged nach do bhlais mi air deur dhe ’n uisge-bheatha. Bha iad ’g am choiteach gu tric gus rud dheth a ghabhail uatha; ach o ’n a gheall mi do m’ athair nach blaisinn air chuir mi romham gu ’n seasainn ri m’ ghealladh.
Bhiodh Fear a’ Bhaile iomadh uair diùmbach dhiubh; ach cha b’ urrainn e mòran a ràdh riutha o ’n a ghabhadh e fhein smùid mhòr dhe ’n deoch an àm dha ’bhith ’reic agus a’ ceannach. Theireadh e nach b’ urrainn e reic is ceannadh a dheanamh, no ’àite fhein a sheasamh am measg dhaoin’ eile dheth ’sheòrs, gun deur math òl aig àm margaidh.
B’ e so an cleachdadh a bh’ aig maighisterean ’s aig seirbhisich ’s an àm a dh’ fhalbh, agus tha aobhar taingealachd againn nach ’eil e ’n diugh a leith cho cumanta ’s a bha e.
(Ri leantuinn.)
AN GILLE MAOL DUBH.
BHA ann air aon uair gille og ris an canadh an sluagh da ’m b’ aithn’ e “An Gille Maol Dubh,” bho ’n a bha e daonnan gun bhoineid, agus mar bu tric gun chasbheairt. Chaochail a mhathair mu ’n robh e ach og, agus phos athair bean eile. Tha e coltach nach robh a mhuime gle mhath dha ’n a’ ghille dhubh. Bha i ga ’chumail a mach a’ buachailleachd gu siorruidh, agus cha robh i ro-chaoimhneil dha leis a’ bhiadh. Latha dhe na laithean, an deigh moran chruaidh-chais agus fhulangais, ghabh an gille maol dubh na ’cheann gu ’m fagadh e a dhachaidh, agus gu ’n d’ thoireadh e an saoghal mor foidhe. Agus a’ cheud chothrom a fhuair e thug e na buinn as. Chuir e seachad an oidhche sin comhla ri ceannaiche paca, air airigh, ann an comunn dhithis chaileagan oga, agus tha an sgeulachd ag innseadh gu ’n robh an oigridh gle thoilichte, agus gle chridheil an cuideachd a’ cheile.
Thainig a’ mhaduinn ’s ghabh an gille dubh ’s an ceannaiche cead de na h-oighean. Ach tha e coltach nach robh an gille dubh leth sgith de chombanas na ’m boirionnach, oir tha e air innseadh gu ’n do ghabh e, goirid an deigh fhagail, am air dealachadh ris a’ cheannaiche, a chum pilltinn a dh’ ionnsuidh na ’n caileagan. Coma co-dhiu, cha deach’ e fada air a thurus gus an do thachair e ri aireamh dhaoine fiadhaich—robairean a bha daonnan ri mort is meirle feadh na duthcha. Dh’ iarr na robairean air a’ ghille mhaol dhubh an leantuinn, ach bho nach bu taitneach idir leis an dol a mach a bh’ aca, ghabh e a’ cheud chothrom a thainig an rathad air cul a chinn a chur riu. An uair a dh’ ionndrainn na robairean bhuatha fear a’ chinn duibh ghabh iad eagal gu ’n innseadh e orra, agus thug iad as air a thoir. Thuig an gille dubh mar a bha; agus bho ’n a chinn aige gu ’m marbhadh iad e na ’m faigheadh iad greim air, faodar a bhi cinnteach gu ’n d’ rinn e ’uile dhichioll air an seachnadh. Chaidh e an toiseach am folach ann an uaigh creige, ach air dha smaoineachadh nach robh e ro shabhailt ann an sin, thug e ’chasan as a rithisd. Tha e coltach gur e ’n oidhche a bh’ aige, agus na ’chabhaig a’ ruith ’s a’ leum a’ teicheadh, thuit e ann an cruibh-eisg, far ’n do theab e a bhi air a bhathadh. Cha robh e ach eigneach air faighinn as a’ chruibh-eisg an uair a bha a luchd-toireachd aig laimh. Theich e as a rithisd, agus an deigh dha a dhol troimh mhoran dhorainnean agus dhoilgheasan, thainig e gu seann sabhall, ann a’ monadh ard, fada, fada, bho thighean agus bho shluagh. Chaidh e a stigh agus dh’ fholaich e e fein air lobht a bha anns an t-sabhall.
Cha b’ fhada a bha e ’an sin an uair a thainig na robairean a stigh, agus beathach mairt aca a ghlac iad air an cuairt. Dh’ fhionn iad am beathach mairt, agus theann iad ri a rosdadh air teine mor a bheothaich iad ann an ceann an t-sabhail. Mar bha cuid dhiu ris a’ chocaireachd bha cuid eile dhiu a’ cunntadh airgid agus òir, air an t-seorsa buird a bh’ aca. Bhuail eagal mor an gille dubh. Thuig e le beag is beag, gu ’m b’e ’m bothan sabhail fear de dh’ aiteachan comhnuidh nan robairean, agus gu ’m biodh iad a’ tighinn a chodal far an robh e, ’s gu ’m faigheadh iad e. Bha e ro-choltach nach robh ann da ach bas aithghearra, sgreatail; ach thug e boid gu ’n deanadh e a h-uile dichioll a b’ urra dha air a bheatha fhein a shabhaladh.
Leis na smuainteanan sin air a bheachd, gu de da ’n d’ thug e an aire mu ’n cuairt da ach moran bhoicionnan is chraicionnan dhe gach seorsa, ’s ag eirigh air a chosan charaich e mu ’cheann ’s mo chorp de ’bhoicionnan ’s de ’chraicionnan na b’ urra dha a ghiulain; agus a’ dol gu braighe na staidhre bha eadar an lobht’ agus urlar an t-sabhaill, ghlaodh e le guth ard, garg: “Mo chlann, mo chlann ghaolaich fein, is maith a tha sibh a’ deanamh mo thoil, agus bithidh sibh ’n ur clann domh gu siorruidh. ’S ann a tha mi gu dearbh an dochas gu ’m bi sibh a nochd fein maille riumsa far am faigh sibh lan dhuais airson ’ur seirbhis.
Shaoil leis na robairean gu ’m b’ e am Fear-millidh fhein gun teagamh a bha a bruidhinn riu, agus b’ i ’chois bu luaithe cois bu dilse leis gach fear ’s a’ chomhlan, a’ teicheadh le a bheatha. Anns an upraid a thachair cha robh cuimhn’ air
[Vol . 12. No. 18. p. 4]
an airgiod na air an òr a bha na robairean a’ cunntadh, agus dh’ fhag iad a h-uile bonn diu air a’ bhord. Thainig an gille maol dubh a mhan air a sheachd socair, agus cha do chiurr e a chogais an t-airgiod agus an t-òr a chur na ’phoca. An deigh sin chaidh e dhachaidh gu duthaich athair ’s a mhuime. Phos e—cha ’n ’eil e air innseadh co-dhiu nighean righ na nighean duine bochd. Chuir e an corr de a laithean seachad ann an toil-inntinn agus an greadhnachas; ’s mar tha ’n seanfhocal ag radh, mar do chaochail e bho sin tha e beo fhathasd.
Robinson Crusoe.
CABIDEAL XII.
BHA ar suidheachadh a nis muladach da rireadh; oir chunnaic sinn uile gu soilleir gu ’n robh an fhairge ag eirigh cho fior ard ’s nach b’ urrainn gu ’n seasadh am bata rithe, agus gu ’n robh sinn uile gu bhith air ar bathadh cinnteach gu leor. Cha robh seol againn, agus ged a bhitheadh cha deanadh e feum sam bith dhuinn. Bha sinn ag iomradh gu tir cho math ’s a b’ urrainn duinn, ged a bha ar cridheachan cho trom ’s ged a bhiomaid a’ dol a dh’ ionnsuidh na croiche. Bha fhios againn uile gu ’n rachadh am bata ’na sgealban an uair a ruigeadh i an cladach. Ach air a shon sin, chuir ainn ar n-anamannan le mor dhurachd air curam Dhe, agus o ’n a bha ’n stoirm ’g ar n-iomain thun a’ chladaich, agus sinn fhin ag iomradh cho math ’s a b’ urrainn duinn, bha sinn a’ greasad thun a’ bhais le ar lamhan fhin.
Cha robh fhios againn ciod an seorsa cladaich a bha romhainn; co dhiubh a b’ e creagan no gainmheach a bh’ ann, no co dhiubh a b’ e cladach cas no cladach comhnard a bh’ ann. B’ e aon rud a bha toirt beagan misnich dhuinn gu ’m faodadh gu ’n tachradh dhuinn amas air bagh beag, no air bun animhne, no tighinn gu fasgadh an fhearainn far am biodh am muir rudeiginn lom. Ach cha robh aon seach aon dhiubh so ri ’m faicinn. Mar bu dluithe bha sinn a’ teannadh ris a’ chladach, bha sinn a’ faicinn gu ’n robh coltas an fhearainn na b’ eagallaiche na bha coltas na mara fhein.
An deigh dhuinn a bhi ’g iomradh, no mar a b’ fhearr dhomh a radh a bhith air ar n-iomain mu cheithir no coig de mhiltean mara, thainig stuadh cho ard ri beinn ’na deannaibh as ar deigh, agus bha i mar gu ’m biodh i ’g radh gu ’n robh i ’dol a chur crioch oirnn. A dh’ aon fhacal, thainig i oirnn le leithid de dhearg-chaoch ’s gu ’n do chuir i thairis am bata anns a’ mhionaid. Chaill sinn uile sealladh air a’ bhata agus air cach a cheile, agus is gann gu ’n d’ fhuair sinn uine air a radh, “Oh Dhe,” leis mar a shluig i suas sinn ann an tiotadh,
Cha ’n urrainn mi innseadh cho mor ’s a chaidh m’ inntinn troimh a cheile an uair a chaidh mi fodha anns an uisge. Oir ged a bha mi math gu snamh, cha b’ urrainn domh m’ anail a tharruinn, gus an tilleadh an stuadh air a h-ais an deigh dhi m’ iomain astar math thun a’ chladaich. Cha mhor nach robh a h-uile stuadh a thigeadh ’g am fhagail air talamh tioram an uair a bhuaileadh i suas thun a’ chladaich; agus bhithinn leith mharbh leis na bha dhe ’n t-saile a’ dol a steach air mo bheul. An uair a thilleadh an stuadh air falbh bha de neart annam na dh’ eireadh ’nam sheasamh, agus bha mi ’feuchainn cho math ’s a b’ urrainn domh ri greasad gu tir mu’n tigeadh an ath stuadh. Ach cha b’ urrainn domh an seachnadh; oir bha an fhairge ag eirigh cho ard ris na beanntan, agus a’ ruith ’nam dheigh le corruich mar namhaid, agus cha robh de neart annam na theicheadh, no chumadh rithe. Bha mi ’feuchainn cho math ’s a b’ urrainn domh ri m’ anail a chumail a staigh agus mi-fhin a chumail am barr, agus an uair a gheibhinn an cothrom bha mi deanamh buillean snamha, agus a’ cumail m’ aghaidh air a’ chladach. Bha eagal gu leor orm gu ’m faodadh an sruthadh mo thoirt am mach a rithist mar a bha ’n stuadh ’g am iomain gu tir.
Thainig an sin stuadh a bha uamhasach mor, agus an uair a leag i mi, tha mi creidsinn gu ’n robh eadar fichead troidh is deich troidhean fichead dhe ’n uisge os mo chionn. Bha mi ’g am fhaireachadh fhin air mo ghiulan le neart agus le luaths anabarrach thun a’ chladaich. Ach chum mi m’ anail a staigh; agus bha mi ’snamh air aghart mar a b’ fhearr a b’ urrainn domh. Cha mhor nach robh mi gu strachdadh a’ cumail m’ analach a staigh an uair a dh’ fhairich mi mi-fhin a’ tighinn an uachdar. Fhuair mi grad fhaothachadh an uair a thainig mo cheann ’s mo lamhan am barr. Agus ged nach robh mi mar so ach tiotadh, tharruinn mi m’ anail, fhuair mi faothachadh mor, agus ghabh mi misneach.
Thainig am muir thairis orm a rithist fad uine mhath, ach sheas mi ris; ach an uair a thill an sruthladh am mach bhuail mo chasan an grunnd. Sheas mi beagan uine a’ tarruinn m’ analach, agus an uair a dh’ fhalbh cuid mhor dhe ’n uisge uam, thoisich mi ri ruith gu tir cho math ’sa b’urrainn dhomh. Ach cha do shabhail so mi o chorruich na mara; oir thainig stuadh eile le cabhaig as mo dheigh. Thog na stuadhannan mi da uair eile, agus o ’n a bha ’n cladach tana chuir i gu math faisge air tir mi.
Cha mhor nach do chuir an stuadh mu dheireadh gu bas mi; oir bhuail i mi ri creig le leithid de neart ’s gu ’n do chaill mi mo mhothachadh cho mor ’s nach b’ urrainn domh dad a dheanamh air mo shon fhin. O’n a b’ e m’ uchd agus mo chliathach a bhuail air a’ chreig, thug a’ bhuille m’ anail uam. Agus nan do thill an stuadh anns a’ mhionaid, bha i air mo thachdadh. Ach chaidh mi beagan na b’ fhearr mu ’n do thill na stuadhannan, agus an uair a thuig mi gu ’n rachadh iad thairis orm, ghreimich mi gu teann ris a’ chreig, agus dh’ fheuch mi ri m’ anail a chumail a staigh gus an do thill an stuadh am mach.
A nis o nach robh na stuadhannan cho ard ’s a bha iad an toiseach, agus o ’n a bha mi faisg air tir, chum mi mo ghreim gus an do thill an sruthladh am mach gu math, agus ruith mi cho math ’s gu ’n robh mi dluth do thir mu ’n d’ thainig an ath stuadh. Ged a chaidh i thairis orm, gidheadh cha do chairich i mi as an aite ’s an robh mi. An ath uair a ruith mi rainig mi tir. Dhirich mi suas am measg nan creag agus mi gle thoilichte. Shuidh mi air an fheur, saor o chunnart, agus far nach ruigeadh an fhairge orm.
Bha mi nis gu sabhailte air tir, agus thoisich mi ri sealltainn suas agus ri taing a thoirt do Dhia air son mar a shabhail e mo bheatha dhomh, ged a bha mi beagan uine roimhe sud gun an dochas bu lugha agam gu ’m faighinn mo bheatha leam. Tha mi creidsinn gu ’m bheil e neo-chomasach cainnt a chur air an t-solas a th’ air anam duine an uair a tha e, mar gu ’m b’ eadh, air a shaoradh o ’n uaigh. Agus cha ’n ’eil an cleachdadh a tha ’measg dhaoine a’ cur ioghnaidh orm, sin ri radh, an uair a tha fear-droch-bheirt ceangailte, agus tobha na croiche m’ a amhaich, a’ cluinntinn gu ’m bheil e gus a bheatha fhaotainn leis, gu ’m bheil lighiche air a thoirt ’na lathair agus fuil a thoirt as air eagal gu’m faigh e grad bhas leis an aoibhneas a bhios air; oir tha ’n t-aoibhneas a thig le cabhaig, a cur na h-inntinn troimh a cheile.
Bha mi coiseachd mu ’n cuairt a’ chladaich agus a’ togail mo lamhan, agus m’ inntinn gu buileach air a lionadh le smaointean mu dheidhinn mar a shabhail Dia mo bheatha dhomh, agus mi ’g am ghluasad fhin ann am mile doigh air nach urrainn domh cainnt a chur. Bha mi ’smaointean gu dluth air mo chompanaich a chaidh a bhathadh, agus nach robh anam air a shabhaladh ach mi-fhin. Cha ’n fhaca mi riamh iad ’na dheigh sid, no dad a bhuineadh dhaibh ach tri adachan, aon churrac, agus da leith-bhroig.
Bha mi ’toirt suil an taobh a bha ’n long, ach an uair a dh’ eireadh na stuadhannan gle ard, agus a bhiodh sioban nan tonn gu tiugh, dumhail, cha ’n fhaicinn idir i. Agus bha mi ’g radh, “A Thighearna! cia mar a bha e comasach dhomhsa faotainn gu tir?”
An dheigh dhomh comhfhurtachd a thoirt do m’ inntinn a thaobh mar a fhuair mi mo bheatha leam, thoisich mi ri amharc mu ’n cuairt orm feuch am faicinn ciod an t-aite anns an robh mi, agus ri smaointean ciod bu choir dhomh a dheanamh. Thuig mi ann an uine ghoirid nach robh mo chomhfhurtachd ach beag, agus gu ’n do chuir mo shaorsa o chumhachd na fairge mi ann an suidheachadh eagallach. Bha mi fliuch, agus cha robh aodach tioram agam a chuirinn umam; cha robh dad agam a dh’ ithinn no dh’ olainn, agus cha robh mi ’faicinn gu ’n robh romham ach basachadh leis an acras, air neo bhith air m’ itheadh le fiadh-bheathaichean. Agus, rud a bha cur doilghios mor orm, cha robh arm sam bith agam leis am marbhainn creutair sam bith gus mi-fhin a chumail beo, no gus mi-fhin a dhion o chreutair sam bith a dh’ fheuchadh ri m’ itheadh. A dh’ aon fhacal, cha robh dad agam ach sgian, piob-thombaca, agus beagan tombaca ann am bocsa beag. B’ e so na bh’ agam ris an t-saoghal gus mo chumail beo, agus car uine bha mi ’ruith mu ’n cuairt mar gu ’m biodh duine a bhiodh air a’ chaoch.
An uair a thoisich an oidhche ri tighinn, bha mo chridhe gle throm, agus thoisich mi ri amharc air son aite anns an cuirinn seachad an oidhche, agus bha mi ’smaointean air an staid anns am bithinn ma bha beathaichean fiadhaich anns an duthaich, air dhomh fios a bhith agam, gur e an gnaths a bhith ’siubhal mu ’n cuairt air an oidhche feuch ciod a gheibh iad ri itheadh.
CAIB. XIII.
AN uair a bha mi anns an staid so, agus gun fhios agam c’aite am b’ fhearr dhomh an oidhche a chur seachad, smaoinich mi nach robh aite bu shabhailte dhomh a roghnachadh na craobh mhor, ard air an robh moran mheanglan a bha dluth dhomh. Bha ’chraobh so coltach ri craobh ghiuthais, agus bha i lan de dhrisean. Chuir mi romham gu ’n suidhinn anns a’ chraoibh so gus an tigeadh a’ mhadainn, agus gu ’n smaoinichinn an ath latha air ciod an doigh bais a gheibhinn; oir cha robh e coltach gu ’m b’ urrainn domh a bhith fada beo. Choisich mi mu dha cheud slat o ’n chladach feuch am faighinn uisge ri ol, agus bha mi gle thoilichte an uair a fhuair mi deoch de dh’ uisge glan blasda.
An uair a dh’ ol mi deoch chuir mi greim tombaca ’nam bheul gus an t-acras a chumail dhiom. Chaidh mi suas do ’n chraoibh, agus dh’ fheuch mi ri mi-fhin a chur ann an doigh nach tuitinn ged a thigeadh an cadal orm. Ach mu ’n deach-
[Vol . 12. No. 18. p. 5]
aidh mi suas do ’n chraoibh ghearr mi cuaile math cutach de bhata gus a bhith agam ’g am dhion fhin nan tigeadh creutair sam bith a chuireadh dragh orm.
Cha robh mi fada ’nam shuidhe anns a chraobh an uair a thuit mi ann an cadal trom, oir bha mi anabarrach claoidhte. Chaidil mi, tha mi ’creidsinn, cho comhfhurtail ’s a dheanadh neach sam bith a bhiodh anns an t-suidheachadh ’s an robh mi, agus thug an cadal so neart agus urachadh mor dhomh.
An uair a dhuisg mi bha ’n latha geal ann. Bha ’n iarmailt soilleir, agus bha ’n stoirm air stad; agus mar sin cha robh gluasad mor sam bith air an fhairge. Ach b’ e an rud a chuir ioghnadh gle mhor orm, gu ’n do thog an lionadh an long feadh na h-oidhche as an aite anns an robh i, agus gu ’n d’ thainig i cho faisge air tir ’s a bha a’ chreag, mar a dh’ ainmich mi mar tha, air ’n do bhuail an stuadh mi ’m feasgar roimhe sid. Bha mi mu mhile o thir, agus i ’na suidhe gu comhnard. Bha mi gu mor a’ miannachadh a bhith air bord innte feuch am faighinn rudeiginn a dh’ ithinn, no a bhiodh feumail dhomh.
An uair a thainig mi ’nuas as a’ chraoibh, bha mi ’g amharc mu ’n cuairt dhomh a rithist, agus b’ e am bata a’ cheud rud do ’n d’ thug mi an aire. Bha i na laidhe am braighe a’ chladaich far an d’ fhag a’ ghaoth agus am fairge i, mu dha mhile air mo laimh dheis.
Choisich mi gus a dhol far an robh i, ach fhuair mi gu ’n robh linne dhomhainn mu leith mhile air leud eadar mi ’s i. Thill mi air ais, oir bha mi na bu deonaiche faotainn thun na luinge far an robh mi ann an dochas gu ’m faighinn rud a chumadh beo mi.
Beagan an deigh mheadhain iatha bha ’m muir gle bhalbh, agus bha ’n lan air a dhol am mach cho fada ’s gu ’m faighinn a dhol cho dluth ri cairteal a’ mhile do ’n luing. Anns an am dh’ uraich mo bhron gu mor, oir bha e soilleir gu leor dhomh gu ’n robh sinn uile air a bhith sabhailte nan d’ fhan sinn air bord anns an luing, agus gu ’m faodamaid faighinn gu tir. Nan do thachair so, cha robh mi cho eiseil ’s cho aonaranach ’s a bha mi.
Thoisich mi ri sileadh nan deur; ach o nach robh so gu feum sam bith a dheanamh dhomh, chuir mi romham gu ’n rachainn do ’n luing nam b’ urrainn domh. O ’n a bha ’n t-side anabarrach teith, chuir mi dhiom pairt dhe mo chuid aodaich, agus chaidh mi air an t-snamh. Ach an uair a rainig mi an long, cha robh mi ’faicinn gu ’n robh doigh agam air faighinn gu bord innte. Bha i na laidhe air a’ ghrunnd, agus bha i gu math ard os cionn na mara, agus cha d’ thug mi an aire do rud sam bith air an deanainn greim.
Shnamh mi da thurus timchioll oirre, ach thug mi an aire an darna turus do ropa a bha ’n crochadh ris a ghualainn aice, agus chuir e ioghnadh orm nach fhaca mi e air a’ cheud turus. A dh’ olc no dh’ eiginn gu’n d’ fhuair mi rinn mi greim air; agus fhuair mi air bord.
An uair a sheall mi sios do ’n toil-thoisich, chunnaic mi gu ’n robh e lan uisge; oir thainig bulg air an toiseach aice. Bha i na laidhe air banca cruaidh gainmhich, agus bha a toiseach gu math na b’ isle na a deireadh; agus air an aobhar sin bha h-uile dad a bha ’na deireadh tioram gu leor.
Mar a dh’ fhaodar a bhith cinnteach, b’ e cheud obair a rinn mi sealltainn feuch am faicinn ciod a bh’ air a mhilleadh agus ciod nach robh. Chunnaic mi gu ’n robh na bha de bhiadh air bord sabhailte gu leor, agus o ’n a bha mi gle fheumach air biadh, chaidh mi do sheomar an arain agus lion mi mo phocaidean le brioscaidean. Agus bha mi ’g an itheadh fhad ’s a bha mi aig obair eile; oir cha robh uine agam ri chall.
Fhuair mi ruma anns a’ chabin, agus dh’ ol mi drama math dheth; agus bha feum mor agam air gu spreochain a chur annam air son na h-obrach a bha romham ri deanamh. A nis, cha robh dad a dhith orm ach bata gus iomadh rud fhaotainn a bha mi ’faicinn a bhiodh gle fheumail dhomh. Cha robh ann dhomh ach gnothach amaideach suidhe an sid ’nam thamh, agus a bhith miannachadh rud a bhith agam nach b’ urrainn domh faighinn. Chuir so gu smaointean mi feuch ciod a rachadh agam air a dheanamh.
Bha slatan-siuil againn an gleidheadh air bord gun fhios nach cuireamaid feum orra, agus a dha no tri de chabair mhora, agus a dha no tri de chroinn-arda air bord mar an ceudna. Chuir mi romham gu ’m feuchainn ri rath a dheanamh leotha so. Cheangail mi ropa ris gach fear dhiubh air eagal gu ’m falbhadh iad an uair a chuirinn leis a’ chliathaich iad. An uair a chuir mi ’mach thar na cliathaich a h-uile fear dhiubh a b’ urrainn domh a thogail, chaidh mi-fhin sios thar na cliathaich, agus cheangail mi a’ cheithir dhiubh cho teann ’s a b’ urrainn domh ri cheile aig na cinn, agus cheangail mi a’ dha no tri de plancannan goirid tarsuinn orra. Ged a chumadh so mi-fhin an uachdar math gu leor, gidheadh cha chumadh e an uachdar cudam mor sam bith eile, o ’n a bha na plancannan ro thana. Thoisich mi an sin ri gearradh nan crann-arda ’nan tri piosan, agus an deigh moran saoithreach a ghabhail, chuir mi ris an rath iad; ach bha leithid de thoil agam greim fhaotainn air gach ni a bhiodh feumail dhomh ’s gu ’n do ghabh mi misneach gus barrachd a ghabhail as laimh air na bhithinn comasach a dheanamh aig am eile.
Bha ’n rath a nis laidir gu leor gus cudam reusanta sam bith a ghiulan. B’ e an ath rud a bha ’cur curaim orm ciod a chuirinn air, agus cia mar a bheirinn sabhailte gu tir e. Ach cha robh mi fada ann an teagamh mu ’n ghnothach. An toiseach chuir mi a h-uile planca agus bord a gheibhinn air a mhuin, agus smaoinich mi an sin air ciod a b’ fhearr dhomh a thoirt leam. Fhuair mi tri de chisteachan nan seoladairean. Dh fhosgail mi iad, agus an uair a thug mi asda na bh’ annta, chuir mi air an rath iad. Lion mi te dhiubh le biadh sin ri radh: aran, rise, tri mulchagan caise, coig cheathrannan de dh’ fheoil gobhar air a tiormachadh—an fheoil a bhiodh againn mar bu trice, agus am beagan a bha gun chosg dhe ’n ghran a dh’ fhas anns an Roinn-Eorpa: bha e againn gus an eunlaith a bh’ air bord againn a bheathachadh, ach bha ’n eunlaith air am marbhadh. Bha gran eorna agus gran cruithneachd againn air bord mar an ceudna, ach bha mi air mo mealladh gu mor an uair a chunnaic mi gu ’n do chuir na rodain o fheum e.
Fhuair mi deoch air bord mar an ceudna: caochladh sheorsachan, agus bha mu shia gallainn ann gu leir. Chuir mi iad so ann an aite air leith; cha robh aobhar dhomh an cur anns na cisteachan, agus, a bharrachd air sin, cha robh aite anns na cisteachan dhaibh.
Am feadh ’s a bha mi ris an obair so thug mi an aire gu ’n robh an lionadh a’ tighinn, ged a bha ’n t-side gle chiuin. Agus bha dorran gu leor orm an uair a thug mi an aire gu ’n robh mo chota ’s mo shiosta-cot, agus mo leine a dh’ fhag mi air an traigh, a’ falbh leis an lionadh. O nach robh orm ach briogais de lion, agus i fosgailte aig a’ ghluin, shnamh mi thun na luinge innte; agus bha mo stocainean umam mar an ceudna.
Ach chuir so mi a rannsachadh air son aodaich. Fhuair mi aodach gu leor, ach cha d’ thug mi leam ach na bha feumail dhomh anns an am; oir bha iomadh rud eile ann a bha toil agam a thoirt gu tir, mar a bha iomadh seors’ acfhuinn a bhiodh feumail dhomh gus a bhith ’g obair air tir. Agus bha mi greis math a’ rannsachadh mu ’n do thachair cist-acfhuinn an t-saoir orm. Bha a’ chiste so anabarrach feumail dhomh, na b’ fheumaile na luchd na luinge de ’n or ged a bhiodh e agam anns an am. Fhuair mi a’ chiste so a chur air an rath mar a bha i. Cha do ghabh mi de dhragh na dh’ fhosgail i, oir bha beachd math agam air ciod a bh’ innte.
B’ e an ath rud a bha toil agam a thoirt leam, airm agus fudar is luaidhe. Bha da ghuna-eunaich mhatha anns a’ chabin, agus da dhaga. Thug mi leam iad so an toiseach, maille ri adhaircean-fudair, agus poca beag lan de fhras luaidhe, agus da sheana chlaidheamh meirgeach. Bha fhios agam gu ’n robh tri bairillean fudair air bord, ach cha robh fhios agam c’aite an do cuir an gunnair iad. Ach an uair a bha mi greis mhath a’ rannsachadh air an son, fhuair mi iad. Bha dha dhiubh tioram agus math gu leor, ach rainig an t-uisge air an treas fear dhiubh.
Chuir mi na dha a bha tioram air an rath, maille ris na gunnachan. Agus o ’n a bha mi ’smaointean gu ’n robh gu leor agam air an rath, thoisich mi ri smaointean cia mar a gheibhinn gu tir leis. Cha robh seol no ramh, no stiuir agam, agus chuireadh aon oiteag ghaoithe an rath thairis.
[Dealbh]
“THUG A’ BHUILLE M’ ANAIL UAM.”
[Vol . 12. No. 18. p. 6]
Bha tri nithean ann a bha ’toirt misneach dhomh. An toiseach, bha ’n t-side ciuin agus am muir lom; a rithist, bha ’n lionadh ag eirigh gu math agus bheireadh e thun a’ chladaich mi; agus anns an treas aite, am beagan gaoithe a bh’ ann, bha i seideadh thun an fhearainn. Air do ’n chuis a bhith mar so, agus air dhomh a dha no tri de raimh bhriste fhaotainn a bhuineadh do ’n bhata, agus da shabh, agus tuadh, agus ord fhaotainn a bharrachd air na bh’ anns a’ chist-acfhuinn a bhuineadh do ’n t-saor, thug mi m’ aghaidh air tir.
Bha mi ’faotainn air aghart gle mhath fad a’ cheud mhile dhe ’n astar, ach thug mi an aire gu ’n robh an rath beag air bheag air a tharruinn mu thuath seachad air an aite anns an deachaidh mi air tir an toiseach. Thuig mi gu ’n robh an sruth ’g a tharruinn, agus air an aobhar sin bha dochas agam gu ’m faighinn a steach do bhagh beag, no do bhun aimhne, a bhiodh freagarrach gus an luchd a bh’ agam air an rath a chur gu sabhailte air tir.
(Ri leantuinn.)
AM SEANGAN.
LE DOMHNULL MAC EACHARN, AN DUNEIDEANN.
DH’ iarr bean-an-taighe orm an là roimhe, rud-eigin a dheanamh air a son. Thuirt mi nach deanadh, gu’n robh droch ghréim de ’n lòinidh ’am dhruim. “Droch ghréim de’n leisg,” ars ise; “ma tha lòinidh ’ad dhruim, cha’n ann leis na tha thu ’deanamh de dh’obair.” “Gu freasdalach dhuitse,” arsa mise, “cha ’n ’eil de chnaimh droma agad na’s urrainn do’n lòinidh greim a dheanamh air.” Tha ise goirid ’s an druim ach cha mhath leatha sin aideachadh. An déigh dhomh giorrad a droma thilgeil oirre, smaointich mi gu’m b’ fhearr dhomh ceàrn eile de’n tigh a thoirt orm. Tha cùileag bheag sheòmair aig mullach an tighe anns am bi mi ’gabhail fasgath o’n stoirm, ’nuair a chi mi ’n deargan-doirinn ’san airde ’n ear. Tha mòran treallaich air bheag feum ’san t-seòmar so; seana bhrògan, seana phìoban, seana sporan air itheadh aig na leòmainn, ceann féidh no dhà, adharc neo-chumanta a cheannaich mi bho ablach cèaird, (chuir an slaightire mar fhiachaibh orm gur adharc càmhail a bh’ ann) earr-theine, eòlas an déididh, ’s goireasan beaga mar sin. Am measg a chòrr, tha seana bhroineagan leabhraichean a chaidh a thilgeadh as an rathad, ’s a thug mise leam do ’m gharadh. Tha mi ’m beachd gu ’m bheil cuideachd no dhà a’s miosa na cuideachd deagh leabhair, biodh e sean no ùr. Thog mi ’cheud fhear dhiubh a thainig gu’m laimh, ’s leugh mi aig fosgladh an leabhair na briathran a leanas:—
“Eirich a lunndaire gu grad,
’S thoir ort an seangan beag gun stad,” &c .
An saoil sibh nach do chuir so amhluadh nach bu bheag orm. Bha seòrsa de chomh-chòrdadh eadar suim nam briathra so agus am beum bearraideach a fhuair mi o bhean-an-tighe beagan mhionaidean roimhe. Feumaidh mi aideachadh gu’n do chuir an ni athadh orm. Chuir mi seachad an leabhar ag radh rium-fein nach robh e ceart dhomh gun bheagan cuideachaidh a dheanamh leis a’ chreutair bhochd ’s i ’ga sàrachadh. Bha mi tilleadh air m’ ais anns an rùn so ’nuair a chuala mi na fuirm ’s na cathraichean a’ gearradh leum feadh an tighe mar gu’m biodh iad a’ dannsadh righle Thullachain! Thuig mi nach robh feum dol na b’ fhaide ’san àm. Chunnaic mi Yarrow— ’S e sin ainm a’ choin—a’ spaisdireachd sa ghàrradh ’s e ’cumail sùil bhiorach air cearcan nan coimhearsnach. Sméid mi air, ’s thainig e ’na ruith ’s ’na leum. Chuir mi cagar ’na chluais mu’n stoirm a bha ’n ceann eile ’n tighe, ’s dh’ earalaich mi air gu’n smid a ràdh ach sèapadh a mach gun uidhir agus beannachd fhàgail aig bean-an-tighe. ’Nuair a fhuair sinn á sealladh an tighe, smaointich mi-féin air gach ni a thachair agus air comhairle ’n Duine Ghlic; ach cha robh e soilleir dhomh ciod a bha ceàrr, no c’arson a rachainn thun an t-seangain seach creutair ’sam bith. “An seangan!” arse mise rium féin, “creutair cho aingidh agus cho puinseanta ’s a ’s aithne dhomh idir!” Gu dearbh, na ’n deach iarraidh orm bean-an-tighe ’chur g’a ionnsuidh, cha chuireadh e na h-uidhir a dh’ iongantas orm! Ach tha amharus agam nach deach an Duine Glic e-féin thun an t-seangain, air-neo cha bhiodh e cho deas a sheòladh muinntir eile ’na rathad, ’s gu sonraichte cha d’ thugadh e a leithid so a theisteas da,—
“Fa chomhair geamhraidh ni e deas,
A’ cuimhneachadh gun tàmh a leas;
’S an t-samhradh trusaidh e a lòn;
’S an fhoghar iomlan tha a stòr.”
Cha truis esan lòn ’s cha chruinnich e stòr fa chomhair a’ gheamhraidh; cha’n ’eil feum aig’ air. Tha e ’cadal fad a’ gheamhraidh, ’s ged a chaidleadh e fad an t-samhraidh, seadh, ’s fad an fhoghair ’na dhéigh sin, so am fear nach cuireadh ionndrainn air. Theagamh nach e so an spiorad ’san robh mi aig an àm, ’s tha mi a’ cur sìos gach ni mar a thachair e.
Thachair ni eile a chuir uidhir iongantais orm ris a’ chòrr. Ged a chuir mi romham nach rachainn thun an t-seangain—co-dhiu air an turus so, thuit e ’mach gu’n robh mi ’dol g’a ionnsuidh, ’cheart cho dìreach ’s a bheireadh mo chasan mi. ’Nuair a fhuair Yarrow ’s mi-féin a mach as a’ bhaile, ghabh sinn an rathad a tha ’dol mu’n cuairt bonn nan creagan corrach sin ris an abair iadSalisbury Crags.Tha mi glé eòlach air na creagan sin; ’s ioma spealg a chuir mi asda le òrd beag a bhios mi ’giùlan ’am phòca, ’nuair a ghabhas mi ’m cheann teicheadh o’n tigh, mar a thachaireas air uairibh. ’Nuair a dh’ fhàg sinn na creagan so ’nar déigh, thug mi fainear clach mhòr chruinn air aodann a’ bhruthaich os ceann an rathaid. Thug mi ceum a leth-taobh dh’ fheuch ciod a bh’ aig a’ chloich so r’ a ràdh air a son féin. Shuidh mi sìos r’a taobh ’s luidh Yarrow air torran beag uaine air mo chùlaibh. Bha mi greis a’ ceasnachadh na cloiche, a’ farraid a h-aoise, cò as a thàinig i, c’àit an robh i dol, ’s co a sgròb a h-aodann, ’nuair a leum Yarrow air a bhonn le sgal ghointe. Rug e air leas-deiridh air féin ’s thug e greis air a cagnadh. Thug e an ath sgiamh as; chuir e car dheth air a’ ghrunnd, ’s thoisich e, a reir coltais, air e féin fheannadh. Chuir an gnothach a leithid de ghiorag orm ’s nach b’ urrainn domh greim a dheanamh air facal freagarrach a thilginn air, ’s bho nach b’ urrainn, thilg mi ’n t-òrd air. Bha mi ’trusadh mo chasan r’a chéile, ’s mi an ioma-chomhairle co-dhiu a theichinn le’m bheatha, no dh’ fheuchainn ri ciall a chur air a’ chù, ’nuair a fhuair mi sàthadh an caol na coise, ’s mu’n d’ fhuair mi amharc ciod a bh’ ann, bha sàthadh eile ’m bac na h-easgaid agam, a thug orm leum cho beòthail ’s ged nach biodh lòinidh ’san aon sgìreachd rium. Thug mi sùil le leathad ’s faicear mo bhrigisean còmhdaichte le seangain. Tha mi glé ealamh ’am dhoigh ’nuair a bhios feum air. Ann am prioba na sùl leum mi as a’ bhrigis, ’s bha mi g’a slachdadh ri aodann na cloiche, ’nuair a thug Yarrow fainear an cor ’san robh mi. Shaoil a’ bhrùid bhochd gu ’n do chaill mi gu buileach am beagan céill a bh’ agam. Thug e aona bhurrall tiamhaidh as is theich e. Thuit e mach gu’n robh bean-uasal stràiceil, le sgàileag-ghréine ’na laimh, a’ tighinn mu’n cuairt sròn na creige air an rathad a ghabh Yarrow. Chunnaic i ’tighinn e ’na dhian ruith; coltas fiadhaich air; cobhar mu ’bheul, ’s e toirt tiolam air féin an dràsd ’s a rithisd. Thuig i ’sa mhionaid gu’n robh e air a’ chuthach. Thòisich an amaid air sguidseadh an athair le a sgàileig, ’s air tìlgeadh chlach air a’ chù. Thàinig gach gnothach a bh’ ann cho obann air a’ chù bhochd ’s nach robh iongantas ged a chaidh e car ’na bhreislich ’s nach robh e soilleir dha ciod a bu chòir dha ’dheanamh. Na seangain ’ga léireadh; a mhaighstir, ann an staid nàduir, as a dhéigh leis an òrd, ’s am boirionnach so a nis a’ dol g’a chlachadh gu bàs. Smaointich e gu’n robh an t-àm air teachd anns an robh e ceadaichte dha e féin a dhion mar a b’ fheàrr a dh’ fhaodadh e; leis a sin, thug e cruinn-leum a dh’ ionnsuidh na sgàileig. Bha mise ’glaodhach ris roimhe so, ach ’nuair a chunnaic mi e’ toirt ionnsuidh air a’ mhnaoi-uasail, thug mi raoic asam cho cruaidh ’s ged a thigeadh e a sgòrnan aon de na tairbh ainmeil sin a bha aon-uair ’am Bàshan. Thug Yarrow sùil ’s chunnaic e tighinn mi, gun bhoineid, gun phìor-bhuig; mo luirgnean ris na feannagan, ’s mi ’crathadh mo bhrigisean ’sa ghaoith, mar gu’m bithinn a’ togail na brataich air faich Ionbharlòchaidh. Chunnaic a’ bhean-usual mi aig a’ cheart àm, ’s bu leòir an uidheam ’san robh mi ’thoirt làn dearbhadh dhi air mar bha’ chùis. Cò-dhiù a gheàrr an cù an duine, no ’n duine ’n cù, cha b’ fhios di; ach gu’n robh sinn le chéil air an dearg chuthach, cha robh teagamh ’sam bith aice. Rinn i mar a nì mnathan am bitheantas, ’na leithid a theinn. Thug i tiota beag a’ sgreadail ’s a’ breabadh a cas, ’s an sin, thuit i ann am paiseanadh. Dhinn mise mo chasan ’sna brigisean ’s ruith mi ’dheanamh còmhnaidh leatha, mar a b’ fheàrr a b’ urrainn domh. Chuir mi air a casan i, ’s thòisich mi air mo leisgeul a ghabhail, ’s air innseadh dhi mar thachair an tubaist dhuinn; ’nuair a thug am Mac-mallachd féin, no ’n seangan air a shon, sàthadh guineach dhomh ann an caol an droma. Thug so orm cruinn leum a ghearradh agus spadag a thoirt asam a chuir a leithid de gheilt oirre ’s nach d’ eisd i ri tuillidh de’m sgeul. Le luaths na h-earba ’na casan thug i ’m fireach m’a ceann ’s dh’ fhàg i mise ’m aonar a’ tachas mo dhroma ’s a’ bruidhinn rium féin, ’s a’ toirt sùil mhì-chiatach, an dràsd ’s a’ rithist air crannalach na sgàileig a dh’ fhàg an amaid ’na déigh.
Stiùir mi mo chùrs dhachaidh, a’ beachd-smuainteachadh air cho do-rannsachadh ’s a tha slighe an Fhreasdail. Cò a shaoileadh gu’n tigeadh a leithid de dh’ aimhreit an lorg ni cho suarach ri bean-an-taighe againne bhi air dhroch ghean an tùs an làtha? Ach faic ciod a thachair; mi féin agus mo chù neo-lochdach air ar sgiùrsadh le scorpionaibh. A’ bhean-uasal sin nach fhaca, ’s nach cuala riamh iomradh air a h-aon againn, air a cur ann an cunnart a beatha le h-eagal, as am faod i galar a bàis fhaotainn. Theagamh gu’n robh ise ciontach air dhòigh eile, ’s nach robh annainne ach am meadhon an làimh an Fhreasdail air son a smachdachaidh; ach shaoilinn nach ruigte leas seangain a chur ’am bhrigis-se air a shon sin. ’S coma leam féin sean-fhacail; gu sònraichte an fheadhainn sin a dh’ iarras orm dol a dh’ fhòghlum gliocais o chreutairean puinseanta mar a tha na seangain.
Tha Pòl Cruger dlùth do’n bhàs. Tha e fuireach ann am Mentone, ’san Fhraing. Cha’n eil ach duin’ ainneamh ga ’fhaicinn, agus cha dean e ach fior bheagan còmhraidh ri neach sam bith. Chuir an cruaidh fhortan a thainig air an Africa mu dheas gu trioblaid-inntinn ’s gu droch-shlàinte e, agus tha e ro choltach gu bheil a chuairt ’san t-saoghail so a teannadh gu crìch.
[Vol . 12. No. 18. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.
Litir a Bail’ an Iaruinn.
FHIR NA STIURACH, —Is fhad is cian o’n a bha dùil agam facal no dha a chur ugad. Cha ’n fhiosrach leam riamh fhathast aon litir fhaicinn ’sa MHAC-TALLA as an àite ’san d’ fhuair e ’bhreth is ’àrach; ach tha mi cinnteach gur iomadh caraid bhlàth-chridheach a th’ aige ann air a shon sin. Ged is iomadh atharrachadh mor is math a thàinig air priomh-bhaile Cheap Breatunn o’n a rugadh MAC-TALLA, is iomadh droch rud a thàinig na luib cuideachd ri linn gach atharrachadh a thainig air. Ach tha a’ Ghàilig beò, slàn ann an Sidni; agus gu ma fada bhitheas ise mar sin.
Chuala mi ministear a’ searmonachadh anns a’ Ghàilig o chionn ghoirid—agus b’e sin an searmonaiche fior chomasach—o’ n cheann-teagasg: “An sin thug Iacob do Esau aran, agus brochan de ghall-pheasair; agus dh’ ith e, agus dh’ òl e, agus dh’ éirich e, agus dh’ fhalbh e roimhe: mar so rinn Esau dìmeas air a chòir-bhreithe.” An nis, reic Esau ri Iacob a chòir-bhreith air son a shàth de bhrochan. Agus tha mi smaoineachadh gu bheil an earrann so dhe ’n Bhiobull a cheart cho firinneach a thaobh nithean aimsireil ’s a tha e a thaobh nithean spioradail. Ciod eile tha na Gaidheil a tha cur cùl ris a’ Ghàilig, agus a tha ’coimhead sios oirre mar chànain gun fheum, ach a deanamh dìmeas air an còir-bhreith? Nach i a’ Ghàilig—a’ chànain a dh’ ionnsuich an Gàidheal aig glùin a mhàthar—a chòir-bhreith? Cha ’n fhaca mi Gaidheal riamh, a b’ fhiach Gaidheal a ràdh ris, nach robh measail air a’ Ghàilig. Cùl mo laimhe ris a’ Ghaidheal gun diù a tha ’n comhnuidh ag radh, gach uair a bhruidhneas tu ris mu ’n Ghàilig, gu bheil i air leabaidh a bàis; Gaidheal a dhùirigeadh, mar a thuirt fear roimhe, “a’ Ghàilig a spadadh an cùl a chinn le aon bhuille.” Ach bidh esan air cnàmh ’san ùir fada, fada mu ’n tig tuilg ’sa Ghàilig.
Tha eagal orm gu bheil na Gaidheil ’s na bana-Ghaidheil ro phailt, gu h-àraidh ’sa bhaile-mhor, a tha ro dhéidheil air a’ Ghàilig a dhi-chuimhneachadh—sgaomairean truagha aig nach ’eil làn gucaig a dh’ eanachainn, iadsan a’ bruidhinn na Gàilig! mo nàire ’s mo shìoladh! cha bhi, cha bhì! —feadhainn nach urrainn dusan facal Beurla a chur ri chéile mar bu chòir dhaibh.
Ach ’s fhurasd’ an aithneachadh le chéile—na gillean ’s na h-igheannan—a tha ’cur cùl ris gach cleachdadh measail, cliùiteach a fhuair iad o na daoine còire o’n d’ thàinig iad. Ma chi thu seotaire gille air ais ’s air adhart sios is suas an t-sràid gus am bheil e dlùthachadh ri meadhain-oidhche, le coileir geal suas gu ’chluasan, fàinne mór, buidhe air a lùdaig, rud ris an canar ’sa Bheurlacigarette ’na bheul, ’s e leigeil am mach a’ cheò troimh chuinneinean a shròine, a leigeil fhaicinn do ’n t-saoghal cho tapaidh ’s a tha e—sin agadsa fear a “chaill a’ cheud ghreim” le cùl a chur ris a’ Ghàilig. Cha b’ ionnan ’s a sheanair, an uair a bha e ’na ghill’ òg, a choisicheadh astar dheich mile no còrr le bucaid shuibheagan ’na laimh, ’s e air a chasa-ris, agus a thilleadh a rithist feasgar gu sunndach, toilichte, gun ghuth air sgìos. Nach b’ e an caol-fàth fear nacigarettean coimeas ri sheanair!
Ma chi thu maighdeann òg—ach a bha uaireiginn dhe ’n t-saoghal na b’ òige—cho caol, fada ri slat-iasgaich, a cneas air a theannachadh cho dlùth le “cliabh-beag nan cnàmh” ’s nach urrainn di barr-iall a bròig a’ dhùnadh, a’ coiseachd na sràide ri taobh an fhleasgaich a dh’ ainmich mi, ’s an aon chab-bruidhne aca le ’chéile, ’s ged a bhiodh seachd teangannan na ’n cinn ’s ann ag innseadh uile chàich a bhiodh iad—ise le sgùlan mór de dh’ ada m’a ceann, a sròn ri adhar, oir fhuair i raglan (seòrsa de chòta fada) o’n fhear a tha ri ’gualainn. A’ ghalaghad bhochd! is beag a chosg do sheanamhair dhe na cotaichean fasanta sin. Mar a thuirt am fear a rinn “Oran nam fasan” :—
“Ged a theannainn ri àireamh
Na h-uile fasan tha ’n dràsd’ ac’,
Bho nach d’ ionnsuich mi gramar,
Cha dean Gàilig a’ chùis,
Air na h-ainmeanan neònach
A tha ’n diugh aig an òigridh
Air na h-éididhean bòidheach,
Tha ga ’n còmhdach as ùr.
Gu ma h-ànrach do mhuinntir òga ’n là an diugh. Tha an saoghal air a dhol bhuaithe. Ach bha là eil’ ann.
Am bheil muinntir òga ’n là an diugh cho firinneach, dìleas, seasmhach ris na daoine o’n d’ thainig iad? Saoilidh mi nach ’eil; no idir, idir (gu h-àraidh muinntir a’ bhaile-mhóir) cho caoimhneil, càirdeil. Ach cha robh anns na seann daoine ach bumalairean! ud, cha robh. Air mo shon fhìn dheth, b’ fhearr leam a bhith an comunn nan seann daoine uair sam bith na an comunn nan creutairean leibideach a tha cho siubhlach air feadh nam bailtean. Agus air son nam mnathan—cha ’n abair mi a’ bheag—bha meas agam riamh orra. Ma leanas guanagan Gàidhealach an àite eisimpleir am màthraichean, cha ’n eagal daibh.
Ach tha ’n t-àm agam an litir so a’ chriochnachadh. Na cuiribh m’ ainm rithe idir; oir, ma chuireas, bheirear an ceann as an amhaich agam.
BIORACHAN BEAG.
An là mu dheireadh dhe ’n Fhaoileach.
Laoidh.
Air d’ uile thròcair, O mo Dhia,
Trath dhearcas mi gu dlùth,
A’ mosgladh suas tha m’ anam blàth,
Le h-ioghnadh, gràdh, is cliù.
Cha’n urrainn domh le briathran beòil
An taing a chur an céill
’Tha ’lasadh ann am chridhe stigh,
Ach dhuits’ an sin is léir.
Do fhreasdal chum mo bheatha beò,
Gun uireasbhuidh gun dìth,
Ri àm domh bhith ’s a’ bhroinn am thosd,
’S an crochadh ris a’ chìch.
Ri m’ ghearan is ri m’ osnaidh mhaoth’,
Chrom thu gu caomh do chluas;
’S mu ’m b’ urrainn domh aon ùrnaigh dhealbh,
Do ’n bhalbh ghabh thusa truas.
Tiodhlacan lionmhor dheonaich d’ iochd
Gu tric do m’ anam maoth,
Mu ’n d’ thug mi riamh fainear co ’n ti
Thug seachad iad gu caoin.
Trath ruith mi dian, gun mhothachadh,
An ceuman sleamhain òig’,
Do làmh, nach facas, dhìon, is stiùir,
Is chum, gu so, mi beò.
Bho iomadh sloc do-léirsinn leam,
Bho rib is eangach bàis,
’S o bhuaireadh cealgach, blasd’, an uilc,
Thug thu mi tèaraint’, slàn.
Trath shearg mo ghruaidh fo anshocair,
Rinn thus’ i nuadh le slàint’;
’S ’nuair bha mi bàitht’ am peacadh ’s bròn,
Do m’ anam dheònaich gràs.
Shruth mile sochair shaoghalta
Bho d’ laimh ro fhaoilidh, chaoin;
Is ann an caraid dileas, dlùth,
Dhùblaich thu m’ uile mhaoin.
Deich mile mile comharr’ gràidh,
Fhuair mi o m’ Dhia gach là,
Is cridhe ait a mhealas iad,
Le buidheachas, a ghnàth.
Am fad ’s is beò mi molaidh mi
Ard-Rìgh mo bheatha ’s m’ iùl;
’S an déigh mo bhàis, an saoghal céin,
Cuiridh mi ’n céill a chliù.
Trath theirgeas nèamh, is muir, is tir,
’S ’thig crìoch air là is oidhch’,
Mo chridhe taingeil seinnidh cliù
Do Dhia nan dùl a chaoidh.
Feadh linntean bith-bhuantachd gu léir,
Togaidh mi òran binn;
Ach O ’s ro ghoirid bith-bhuantachd
Gu moladh Dhé a sheinn.
Iadsan a Phaidh.
Ailein Camaran, Abhainn Dhennis
I D Mac Fhionnlaidh, Whitney Pier
Mairi Cheanadach, Alba ’n Iar
Iain Mathanach, Carribou Marsh
Mairi Nic Gilleain, Gabarus
Seumas Mac Aoidh, Sydney Mines
Tormoid M Mac Leoid, Sgir Dhubh
Raonailt Mhoireasdan, Taobh an Loch
Bean Iain Dhomhnullaich, Glace Bay
Iain I Mac Fhionghain, Glace Bay
Domhnull Mathanach, Glace Bay
Iain Moireasdan, an Gut a deas
Bean Neill Mhic Leoid, Iubilee
A D Mac Cuthais, Salem Road
Uisdean Mac Leòid, Six Mile Brook, N. S.
Iain A Mac Gillebhràth, Dùn-glas N. S.
Donn. Mac Griogair, Abhainn a Deas, N. S.
Iain Ceanadach, Earraghàidheal, N. S.
Iain E Domhnullach, St George’s, . . E.P. I.
Domhnull Mac Calumain, Kinross , E.P. I.
Calum Caimbeal, Kinross , E.P. I.
Iain I Mac-a- Phi, Abhainn Mhoraidh, E.P. I.
Aonghas Domhnullach, Shamrock , E.P. I.
An t-Urr Seumas Phelan, Iona, E.P. I.
Domhnull Mac Laomuinn, Bail’ -an-tobair
An t-Urr G I Mac Gillfhaollain, Ch’town
Niall Bàn Mac Coinnich, Lucknow , . . Ont.
R I Domhnullach, Bridge End, Ont.
Calum Mac-an-Léigh, Duntroon , Ont.
Bean M Mhic-Gilleathain, Ailsa Craig, Ont.
Domhnull Mac-Gilleathain, McLennan, Ont.
Iain Mac Gillfhinnein, Desbarats, Ont.
Bean A Mhic-a- Bhiocair, Teeswater , Ont.
Iain Mac Thearlaich, Ottawa , Ont.
Padruig Cràbhart, Mitchell ’s Bay, Ont.
Barbara C Leitch, Lafontaine , Ont.
Iain Mac Calum, Walker ’s, Ont.
Iain Mac Cormaic, Earlswood , N. W. T.
A M Mac Dhomhnuill, Vancouver , B. C.
Ruairidh Mac Coinnich, Duluth , Minn.
Calum Domhnullach, Duluth , Minn.
Uisdean Mac Aonghais, Boston , Mass.
Caitriona Nic Leoid, Boston , Mass.
Ceit Nic Citheagain, Boston , Mass.
Domhnull Domhnullach, Springfield , Mass.
Tormoid Mac Fhearghais, Brookline , Mass.
U A Mac Gillfhinnein, Somerville , Mass.
Iain D Mac Gilleathain, Avalon , . . . . Cala.
D I Mac Pharlain, San Francisco, Cala.
Iain N Beutan, Coupertino , Cala.
Bean Iain Mhic Gilleathain, Los Angeles.
Iain Mac Leoid, Milton , No. Dakota
Iain Domhnullach, Topeka , Kansas
Niall Mac-a- Phi, Tobaronachaidh, . . Alba.
Iain MacRath, Fear-lagha, Innirfeorain, Alba
Domhnull Mac Coinnich, Glascho, Alba
Rob Turnbull, Brewarina , Australia
Alasdair A Mac Rath, Winton , N. Z.
Sgaoil pàrlamaid Nobha Scotia feasgar Dior-daoin, an deigh dhi bhi cruinn naodh seachduinean is tri latha. Chaidh 271billa thoirt fa comhair ’sa dheanamh na lagh.
Is lom gualann gun bhràthair, is lom, fardach gun phiuthar.
Is laidir luchag fo cruaich fheoir.
[Vol . 12. No. 18. p. 8]
Amhairc an So!
’san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.
Tuireadh.
LE IAIN MAC LEOID, LL. D.
SEANN IAIN.
Oh, nach bochd gur e tuireadh
Ceol an t-saoghail so uile,
Osnaich is bron agus mulad
Fonn gach maduinn is oidhch’—
Fonn aig toirmrich na linne,
Fonn mactalla ga thilleadh—
Fonn nan eun ’nuair is binn’ iad
Ann am badain na ’n coill’!
Cha’n ’eil aoibhneas gun bhròn ann,
Cha’n ’eil slàinte gun leòin ann,
Cha’n ’eil sonas na h-òige
Saor o acain is péin;
’S e mo bharail gu ’n cluinn thu
O bheatha dhiomhair na doimhne
Osnaich is tuireadh na duibhre
Mar aon mharbhrann gu léir!
IAIN OG.
Ged nach ’eil moran beairteas
Anns a’ bhaile ’n d’ rugadh sinn,
No tighean mor ri fhaicinn
Air an càradh os ar cinn;
Gidheadh tha saors’ is sonas ann
Bhi beò air tràigh Chulchinn,
Le beagan crodh is caoraich,
Agus sgadan anns na Glinn.
’S c’arson a bhios sinn muladach
Cur malaichean air spòrs,
Mar luchd-turuis aonarach
A dol troimh ghleann nan deòir;
Tha ’n saoghal mar a b’ àbhaist dha,
Lan cridhealas na h-òig’,
Ach thus’ tha fàs cho muladach,
’S e ’n aois a rinn do chlo.
SEANN IAIN.
Tha mi cinnteach gu dearbh
Gu’m bheil an aois a toirt caochla’ leath’
Air buadhan an anam gu léir,
Agus giulan gach creutair air leth;
Ach ma gheibh thu do sholus
’S a bheir dhut eolas air criochan na beath’,
’S ann dh’ fheumas tu bàs do ’n an olc,
Agus éiridh as ùr air do bhreth.
IAIN OG.
Cha thuig mi sin, ’s cha chreid mi e,
Oir ’s ann tha ’n oige fàs
O bheath’ gu beatha beothachadh,
’S cha ’n ann o bhàs gu bàs;
Mar sin tha ’n aois a meudachadh
Na buadhan is fhearr:
Sìth, creideamh, stuaim, is caomhalas,
Am fàs o ghràs gu gràs.
SEANN IAIN.
Tha mi toilicht’ a chluinntinn
Gu ’m bheil do thuigse ’s do thùr cho sèimh,
Mar bha ’n t-oganach maiseach
Nach ro fada o rioghachd Nèimh;
Is ma dh’ fhaoidte gu ’m fàs thu
Ann an gliocas is fàbhar Dhé,
Gu’n do dhearbhadh ’s an fhàsach
Le spiorad na h-àicheadh ’s na fàidhean breug.
Ach ann an diomhaireachd Freasdail,
’S ann an deiligeadh Dhé ri sluagh,
’S e chuid bu dlùith ann an daimh ris
Bha na’n coigrich agus luchd-cuairt;
’S iad bu tric bha ’s an amhuinn
A rinn an saoghal a lasadh le fuath,
Gus na dh’ ionnsaich iad fhoghlum
Gur h-ann tha ’n dachaidh ’s na nèamhan shuas.
Culkein, Assaint.
Oran a Moladh Otago, New Zealand.
LE ALASDAIR A. MAC RATH.
Air fonn:— “Mo rùn geal, dìleas.”
Tha ’n samhradh cùbhraidh a’ teachd gu dlùth oirnn,
’Cur dreach as ùr air gach lùb is gleann,
Gach raon is cluain ’dol nan éideadh uaine,
Gu bòidheach, snuadhmhor, gun ghruaim, gun mheang.
’S a mhaduinn shiobhalt’, ’s a’ ghrian ag éirigh,
’Crathadh eibhneas air eudainn thom,
’Cur neart is spéirid an luibhean ceutach,
Is anail speuran a’ séideadh mall.
’S gur h-e Otago am fearann prìseil,
Le cruithneachd fìnealt’ ’s e ’cinntinn ann,
Coirce ’s gràinnseach gu torach, lànmhor,
Is pòr gun àireamh a’ fàs air t’ fhonn.
Gur bòidheach, uallach a’ dìreadh suas iad,
Na treudan luaineach ri d’ chruach-bheann àrd,
Do chaoraich lionmhor le ’n olainn sgiamhach,
’S na h-uain a’ dian-chleas ri grian fo sgàil.
Tha ’n crodh cho uaibhreach cha teid do bhuaile,
Cha d’ chleachd iad buarach no gruagach dhonn:
Ach marcaich’ shiubhlach ga ’n ruith gu lùthmhor,
Ga ’n toirt gu dùlan air stùc nam beann.
Do ghlaicean fàsail is cùbhraidh’ fàile,
Is eoin gun àireamh a’ tàmhachd annt’,
’S gur binn’ ri éisdeachd na ceol nan teudan
An co-sheirm éibhinn air feadh nan crann.
Mactalla claistinn ’s na cnocan àrda
An ceolraidh àghmhor is àillidh fonn;
’S a *chearcag Mhaori le fead ga ’dùsgadh,
Is nead an † Tùi an dlùths nam meang.
Do chreagan corrach le ’n stacan garbhlaich,
’S gach gnè stuth talmhaidh air roinn a’d’ chòir;
Do ghrinneal cruadhlach gu mèineach, luachmhor,
Le éiteag chruaidh-gheal làn spuaicean òr.
Na sruthain fìor-uisge tighinn bho d’ stùc-bheann,
A’ ruith gu siùbhlach na ’n lùban cam,
Gu carach, cuairteach, a’ snàmh gu luaineach
A dh’ ionnsuaidh cuaintean is ualidh tonn.
* Cearcag Mhaori. The Maori hen. Eun gun sgiathan a’ bhuineas do New Zealand.
† Tui. An t-eun is binne ’s is bòidhche tha ’n New Zealand.
Posadh.
Ann an Creignish, ann an siorrachd Inbhirnis, aìr an t-siathamh latha deug de Februaridh, leis an Urr. Gilleasbuig Siosal, Raonull Mac-a- Mhaighstir a mhuinntirLong Pointri Mairi Dhomhnullach a mhuinntir Essex. Bha am meas mor a bha orra le chéile air a dhearbhadh leis na gibhtean fiachail a fhuair iad. A h-uile latha sona dhaibh ’s gun latha idir dona dhaibh. —Com.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh’
Airneis ’s de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.
Sydney & Louisbourg
Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 18 |
internal date | 1904.0 |
display date | 1904 |
publication date | 1904 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 18. %p |
parent text | Volume 12 |