[145]

[Vol . 12. No. 19. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, AM MART 18, 1904. No. 19.


Litir a San Francisco.

FHIR DEASACHAIDH:— ’S fhad on da latha anns an drinn mi suas minntinn gu sgriobhainn ugad uair no uaireiginn, ach, bho nach do leugh mi facal Gàilig riamh gus na thòisich mi ri gabhail do dheagh phaipeir, chaneil mi air an sgriobhadh ach coltach ri bodach crùbach air naskates.” Cha mhò tha mòran cothrom agam air Gailig a bhruidhinn. An drasdas a rithist tachraidh mi-fhin is Domhnull Mac Phàrlain (mac Iain Mhòir o Bhaddec, agus Gaidheal guchùl) air a chéile, agus sin an uair a chluinneas luchd na Beurla a chànain cheòlmhor, bhinn, nach bàsaich gu latha luan; ’se sin, ma bhios sliochd ar sinnsear cho dìleas dhis as coir dhaibh.

Tha seana-ghille a tuath air a so a tha dlùth chàirdeach dhomh: Uilleam Mac Iain, is Iain Gobha, on dfhuair mi litir Ghailig an lathroimhe, a chuireas mi gad ionnsaidh gus a leughadh do dchuid leughadairean, cleachdadh bu choir a bhith aca, ma tha iad airson an cainnt bhlasda a chumail suas.

Tha anns a bhaile-mhor so faisg air 400,000 pearsa as gach dùthaich fon ghréin. Tha mi bho chinn dusan bliadhna fuireach faisg air Bealach an Oir, (Golden Gate) ;ach chan eil uiread de dhor agams bha agam an uair a bha mi fuireach ann a Hogamah.

Cuir gam ionnsaidh beagan àireamhan de MHAC-TALLA gus an leig mi fhaicinn iad do luchd na Gàilig a bhios a tachairt orm corr uair. Tha mòran ann so a mhuinntir Eilein aPhrionnsa, agus iomadh neach bho Cheap Breatuinn àlainn. Gach bliadhna tha mi cur mo MHAC-TALLA fhinna leabhar, agus ga chodach le leathar is aodach. Gu soirbhich leatfeins le MAC TALLA. Ah-uile latha chis nach fhaic. Air mo shloinneadh ann an làithean moige

IAGAIN MAC A MHAIGHSTIR-SGOIL MHOIR.


Litir aBritish Columbia.

FHIR MO GHRAIDH, —Tha micreidsinn gum bheil thusmaointean gum bheil an cunntas a bha mi gus a thoirt dhut air Columbia Bhreatunnach fada atighinn, ’s cha ioghnadh dhut. Agus tha an duthaich ro mhor air son min-chunntas a thoirt oirre.

Ach faodaidh mi radh gur e beanntaichean a chuid is motha dhi. Agus ged a tha earrannan de dhfhearann math ann an cuid dhe na glinn, ’s e meinneadaireachd agus obair fiodha gnothuichean is mo a chuireas a stigh ri muinntir na tire. Tha moran de na glinn cho domhains nach fhaicear asda moran den ghrian feadh a gheamhraidh, agus, a theagamh, feadh an t-samhraidh. Far am bheil mi-fhin tha e, mar a bha na seann sgeulachdan, “air aghaidh greines air chul gaoithe.”

Le firinn chaneil a bheag de ghaoith idirsan tir, gu h-araidhs a gheamhradh. Tha an sneachda domhain gu leor an corr aite, bho dha no tri troighean gu fichead troigh no corr air na beanntan. Ach chaneil an sneachda a cathadh idir mar a tha es an airdan ear, agus is mor an aobhar thaingealachd sin. Tha achoille afas gle ard, agus leis cho beags a thann de shoirbheas cluinnidh mi craobhan atuiteam feadh na bliadhnanuair nacheil deo soirbheas ann.

Tha mi leitheach eadar druim naSelkirksagus namBeanntan creagach,” a tha an so mu thri fichead mile bho cheile.

Tha a chuid is motha dhe so fo choilles fo fhiadh-bheathaichean. Thacariboofeadh moran dheth, achs efiadh muileadis pailte, agus tha cuid dhiubh afàs faisg air cho mor ricariboo.” Tha mathain de gach seorsa pailt, agus angobhar fhiadhaich,” a tha coltach ri caora mhor gheal air am bheil cloimh gle fhada, —ach tha adhaircean caol, dubh, biorach air gach aon dhiubh. Tha pailteas de dhiasg anns na h-aibhnichean agus na lochan. An corr aite chithear loch beag am mullach nam beann a tha lom-lan de bhric, agus bidh iad daonnan fuasach acrach. Fagaidh mi an corr gu uair eile. Is coir dhut tighinn uaireiginn gam choimhead.

UILLEAM IAIN OIG.


Chaneil ceistnar latha is motha a tha cur trioblaid air muinntir smuainteachail na acheist so: gu a nithear ris an fhearann? Tha an sluaghga thréigsinn agus aruith air gach taobh do na bailtean mòra; agus chaneil obair no saothair rim faotainn air an fhearann. Bidh e soilleir dhaibhsan uile aig am bheil tuigse nacheil cùisean mar so mar bu chòir dhaibh a bhi. Tha aobhar no dhà ann a tha toirt air an luchd-obair a bhi fàgail an fhearainn. Tha aon aobhar ann co-cheangailte ris na laghan. Tha na laghan so an aghaidh malairt shaor a bhi ann eadar fear-reic is fear-ceannaich. Tha costuis mhór co-cheangailte ri ceannach fearainn; agus uime sin chaneil mirean beaga dheth ach annamh air an reic. Mar so bidh e duilich don uachdaran reic agus don iochdaran ceannach. Anns na facail so féin gheibh sinn tomhas don chnap-starra ud a tha acumail air ais àiteachadh an fhearainn,— “uachdarainisìochdarain.” Ann a bhi ceannach no a reic fiodh no iarunn chaneil na facail so idir air an cleachdadh. Tha an t-ám a nis atighinn dlùth anns am bi treabhadh, cur is cliathadh air an deanamh; ach nach lìonmhor na raointean farsuinn ud feadh Bhreatuinn anns nach fhaicear crann no greallag, agus a tha ann an staid fhiadhaich aonaraich as nach tig maitheas no toradh is fhiach a chionn gum bheil saothair an duine air eadar-sgarachadh uatha. —Oban Times.


Tha e coltach gu bheil an geamhradh air bristeadh, ’s gu bheil an t-earrach a tòiseachadh. O chionn seachduin than t-sìde nas blàithe, agus than sneachda leaghadh gach latha le teas na gréine. Tha daoinaig am bheil cuimhne cho fad sin air ais ag radh nach robh leithid agheamhraidh sosan dùthaich o chioim da fhichead bliadhna.

Chaochail an t-Athair Urramach Seumas Quinan ann am Montreal seachduin gus an Di-luain sa chaidh, aig aois tri fichead is ochd bliadhna deug. Bha e air a choisrigeadh gu dreuchd na sagartachd annssa bhliadhna 1853. Tri miosan an deigh a choisrigidh thainig e do Shidni, farn do shaothraich e gu dìleas mar shagart gu deireadh an fhoghair 1900, nuair a bfheudar dha le dìth slàinte am parraist a leigeil uaithe. Bha e o chionn àireamh mhios ann an tigh-eiridinn am Montreal. Bha e na dhuine bha measail, chan ann a mhàin aig a choithionail fein, ach aig muinntir a bhaile gu h-iomlan agus na dùthcha mun cuairt. Nochdadh sin Di-sathuirne sa chaidh, nuair bha e air a thiodhlacadh: bha àireamh mhor sluaigh cruinn a nochdadh spéis is urraim da. Bha an t-Easbuig Camaran air cheann na seirbhis, agus an deigh na h-aifhrinn, shearmonaich an t-Urr. Dr. Thompson. Bha Maighstir Quinan air a chur fon fhòd air a cheart la den mhios air an robh e air a choisrigeadh mar shagart leth-cheud bliadhnas a h-aon air ais. Bidh e-fein agus a shaothair air chuimhne ann an Sidnis ann an siorrachd Cheap Breatunn gu ceann iomadh la agus bliadhna.

Mar a chaidh innse do ar leughadairean roimhe, chaidh togalach a chur suas ann an Sidni an uiridh air-son toiseachadh ri deanamh beoir. Than togalach so direach air chul na h-ard-sgoile, agus air an aobhar sin thog bord na sgoile, comhairlebhaile agus na h-eaglaisean an guth an aghaidh cead laghail a thoirt don chuideachd toiseachadh. Chaidh an cead a dhiultadh dhaibh leis an ard-riaghladh, agus tha chuideachd an diugh duilich nach do chuir iad a chuis an cead sluaigh a bhaile mun deach iad mun obair. Tha an cairdean aglaodhaich nach eil e ceart uiread airgid a bhi dol a dholaidh ann an togalach a tha le cion cead on riaghladh gun fheum sam bith, ach chan eil a mhor chuid de mhuinntir a bhaile atoirt eisdeachd don glaodh; tha iad a meas gur fhearr call airgid na call stuaime.

Chaochail an t-Urr. Coinneach Mac Coinnich ann am baile Halifacs oidhche Di-sathuirne sa chaidh. Bha e ann an droch shlàinte o chionn deich no dusan bliadhna, nuair a chaidh e dhfhuireach don bhaile sin. Chuir e seachad an roinn bu mhò de bheatha ann am Baddeck, farn do shaothraich e mar mhinisteirsan Eaglais Chléirich seachd bliadhndeug air fhichead. Bha e na shearmonaiche math, grunndail, araon am Beurlas am Gáilig. Bha e àireamh bhliadhnachan na chléireach don Chléir, agus na fhear-coimhid thairis air na sgoilean ann an siorrachd Victoria. Dhfhàg e bantrach agus aon mhac ann am baile Halifacs: chan eil dechloinn beò ach am mac sin agus aon nighean a tha pòsda faisg air Montreal.

O chionn beagan is mios gu leith air ais bha Deorsa E. Hutchinson, ’sa bhaile so, air fhaotainn ciontach de airgiod fhaighinn le slaightearachd. Bi bhinn a thugadh a mach air mios den phrìosan. Air an dara dhen Mhàrt, bhaùine thairis, agus chaidh a leigeil ma sgaoil. Tri uairean an déigh dha a shaorsfhaighinn, thainig fios á Ottawa o Mhinisteir aCheartais dhionnsaidh an t-siorraim ag àithne dha am priosanach ceudna a leigeadh a mach gun dàilnach robh an fhianuis a thugadh naaghaidh a dearbhadh na cionta bhatar acur air, agus air an aobhar sin nach robh a bhreith ceart.



[146]

[Vol . 12. No. 19. p. 2]

Guth a Duneidionn.

FHIR CHRIDHE, —Gheibh sibh sia tasdain ann am broinn na litreach so, agus cuiridh sibh ri mo chreideas iad air son MAC-TALLA fa chomhair na bliadhna so. Ged a tha am MAC-TALLA agam, chaneil mi buileach cinnteach air an dearbh shuim bu chòir dhomh a chur ugaibh air son na bliadhna. Ach chaneil sin a so nosid. Cuiridh sibh fhéin ceart an gnothuch.

Tha sibh riur moladh air son an oidhirp urramach a tha sibh adeanamh air aGhàidhlig a chumail ann an inbhe uasal. Tha sinne, a h-uile mac màthar againn, atoilltinn ar toirt suas don t-seisein air son ar moineiss ar mi-chùram mun chànain as fhearr is aithne dhuinn.

Tha againn cànain a tha urramach le aois, agus a tha luachmhor ann am measg uile chànainean an t-saoghail, agus tha ena mhasladh dhuinn cho beag diùs a thagainn dith. Tha sinn afàgail aig sgoileirean Frangach, agus Gearmailteach, a h-ionmhasan falaichte a thoirt don t-saoghal. Nacheil sin nàr?

Chan e nacheil othail gu leòrn ar measg, thalls a bhos, a dhaona ghnothuch, mas fhior, air son còraichean na Gàidhlig a thoirt a mach. Ach tha dithis ann a tha ann an suidheachadh luach na h-othail sin a mheas aig nas fhiach i, co dhiubh bheir iad seachad am barail no nach toir, ’s e sin, fear-deasachaidh paipeir Gàidhlig, agus ministeir Gàidhlig ann am baile-mòr.

A h-uile lathachis nach fhaic,” ’s lathabharrachd.

CALUMCILLE.
Dunéidionn, 19, 2, ’04.


A Bailan Tobair.

FHIR-ULLACHAIDH, —Do bhrìgh gu bheil MAC-TALLA daonnan atighinn gur n-ionnsuidh, ann an ainm mathar, nach maireann, is cinnteach gu bheil sùil agad ri cuideiginn air son a dhioladh. So, ma ta, da dholar. Be mo dhleasdanas an cur gu dionnsuidh fada roimhn àm so. Achs fhearr tighinn anmoch na gun tighinn idir.

Tha geamhradh stoirmeil, fuar againn air an Eilean, a tha na mhathair-aobhair air moran tinneas is bàis am measg dhaoine breòite.

Tha cuid mhor den chloinnsan sgìreachd so air an cumail bhon sgoil leis an triuthaich, galair nacheil ro mharbhteach, ach a tha màirnealach, sgìtheil.

So a cheud oidhirp a thug mise air Gàilig a sgriobhadh. Air an aobhar sin is tìm dhomh sgur, air eagal gun abair thu gu bheil mo litir coltach ris an triuthaich. Do charaid

DOMHNULL MAC MHURACHAIDH.
Bailan Tobair, E.P. I., 16, 2, ’04.


Bha stoirm thàirneanach ann air a cheathramh la den mhios. Cha robh i gle throm an cearna sam bith de Cheap Breatunn, ach taobh an iar Nobha Scotia bha i doirbh. Ann an Ohio, an siorrachd Yarmouth, bha sabhal air a bhualadh leis a bheithir. Ann an Pubnico, ’san t-siorrachd cheudna bha tigh air a bhualadh. Cha robh seòmarsan tigh sin air nach drinneadh milleadh, ach gu h-iongantach, cha robh duine bha stigh air a ghoirteachadh. Bha pàisde na chadal an creithil aig de na h-uinneagan: chaidh an uinneag a chur na spealgan, ach cha drinneadh sion air a phàisde ged bha mìrean glaines fiodha air an tilgeadh ceithir-thimchioll air.

Tha togalach ri bhi air a chur suas ann an Sidni air-son a bhi càramh charaichean an rathaid-iaruinn. Bidh e 175 troidh air fhad agus 45 troidh air leud. Thatar atòiseachadh air gun dàil, agus bidh e ullamh mu thòiseach Iulaidh. Bidh an togalach so nas mòthas an uidheam nas fhearr na aon dhe sheòrsa an taobh so de Mhoncton. Bidh obair ann do àireamh mhath de luchd-ceairde.

Thatar ag iomradh gu bheil Sir Tearlach Tupper adol a ghabhail pàirt Chamberlain ann am feuchainn ri luchd-taghaidh Bhreatuinn iompachadh gubharailean fein air laghannan-malairt na dùthcha. Ged tha Sir Tearlach gu math fad air adhart am bliadhnachan, tha e fhathast slàn, fallain, agus a mealtuinn tomhas mor de thapadh làitheanòige.

Toiseach na seachduin sa chaidh bha na h-uighean acreic an so air leth-dolar an dusan. Bha iad beagan roimhe sin acreic air 54c an dusanceithir sentichean gu leth a t-ughach a nise tha phrìs atuiteam. Than t-sidefàs blàth, ’s an ùine ghoirid gheibhear am pailteas dhiu air prìs reusonta.

Tha sia ceud tri fichead is deich de luchd.pàrlamaid ann an Tigh nan Islean am Breatuinn-Aig an àm so chan eil ach aon àite-suidhe falamh; cha luaithe bhios àite air fhalamhachadh na chuirear mu dheidhinn a lionadh le taghadh. Chan eilear uair sam bith acur dàil ann an taghadh mar is tric a bhithearsan dùthaich so.

Air a choigeamh la den mhios chaochail Mairi OBrien anns an Sidni Tuath aig aois ceithir fichead is coig bliadhndeug. Bha i ann an deagh shlàinte gus o chionn glé ghoirid. Bha i na bantraich o chionn da fhichead bliadhnas a dha. Tha sianar pheathraichean is triùir bhraithrean dhi beò fhathast; tha an t-aon as òige dhiu tri fichead is seachd bliadhndeug a dhaois. Bha deichnar chloinne aice, agus tha ochdnar dhiu beò. Aig aon demic tha naodh duine deug cloinne.

Thug an sneachda tàire mhor do mhuinntir a chladaich an iar air a gheamhradh so. Bha sia seachduinean den da mhios a dhfhalbh gu sònraichte doirbh. A chuid mhor den ùine sin bha bailtean Inbhirnis is Phort Hood air an dùnadh a mach o cheile agus on t-saoghal. Bha an rathad-iaruinn an àiteachan air a thiodhlacadh gu domhain fo chuitheachan mora sneachda, agus an àiteachan eile air a chòmhdach le deigh. Caochladh uairean bfheudar namailsa ghiùlain o Chaol Chanso le eich is sleigheachan.

Bha crith-thalmhainn ann am Peru, an ceann a deas America, air a cheathramh la den mhios. Rinneadh call mor ann am baile Lima agus ceithir thimchioll air, barrachds a rinneadh le crith-thalmhainn anns a chearna sin o chionn dheich bliadhna fichead.

Chaidh àireamh thogalaichean a losgadh gu làr ann am baile Halifacs oidhche Di-haoine, an ceathramh la den mhios. Am measg thogalaichean eile bha da thigh-òsda, air sraid a chladaich. Than call air a mheas aig coig mile fichead dolair. Bha Padruig Shelly, seann fhear-teine air a chlaoidh cho mor acathachadh an losgidhs gun do chaochail e air an làraich.

Chaidh Caiptean Seumas Mac-Gilleathain air chall ann am Boston o chionn ghoirid, agus gu ruige so cha dfhuaireadh sgeul air. Tha a chàirdean adeanamh dheth gun do chuireadh crioch air a bheatha: bha roinn mhath airgid air a shiubhal nuair a chunnacas mu dheireadh e. Bhuineadh e do Cheap Breatunn, ach bha e fuireach ann an Gloucester o chionn fichead bliadhna. Bha e na h-ùine sin a seoladh mar sgiobair air soitheach-iasgaich.

Tha còmhstri nach beag adol air adhart am pàrlamaid nan Stàidean aig an am so mu thimchiollReed Smoota tha tagradh àite suidhesan t-seanadh. Buinidh am fear so do eaglais nam Mòrmonach, muinntir dan cleachdadh a bhi pòsadh barrachd mhnathans a tha lagh na dùthcha aceadachadh. Air an aobhar sin thatar afeuchainn ri chumail as an àite-shuidhe air-son an deach a thaghadh; agus mum bi an càs seachad chan eil teagamh nach cuirear solus ùr air creud is cleachdadh na h-eaglais Mhormonaich, gu h-àraidh a thaobh ioma-phòsadh.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL VII.

CHUIR mi seachad acheud oidhche ann an taigh-òsda beag a bhann am bràighe glinne troimh robh againn ri dhol. Bha e dlùth air àm cadail an uair a ràinig sinn e. Bha mi cho diùid aig an àms nach robh de thapachd annam ach gann na dhiarradh mo bhaidh. Ach on a bha mi ann an cuideachd Fir Bhaile nan Slochd, bha migam fhaireachadh fhin tapaidh gu leòr.

Dhiarr e anns amhionaid biadh a dheanamh deas dhuinn le chéile, agus dhòrdaich e biadh is deoch a chur thun nan seirbhiseach a dhfhàgadh agleidheadh na spréidhe; agus bha muinntir an taighe cho umhail dhasa bhiodh na seirbhisichs na searbhantan a bhanns an taigh aige fhein.

Chuir so car de dhannas orm aig an àm, oir cha robh mi idir atuigsinn car son a bhiodh duine cho dàna sid ann an taigh duineile. Bha e air a theagasg dhomh gum bu chòir dhomh a bhith glé mhodhail, iomchuidh an uair a rachainn do thaigh duine sam bith; agus ged a bha fhios agam gum feumadh daoine biadh is leaba iarraidh ann an taigh-òsda, gidheadh, cha robh mismaointean gum bu chòir dhaibh a bhith cho dànasa bha Fear Bhaile nan Slochd an oidhchud. Ach mun dfhalbh sinn an la-iar-na-mhaireach thuig mi car son a bha e cho dàna; oir fhuair mimach gun robh e glé eòlach air muinntir an taighe fad iomadh bliadhna roimhe sid.

An deigh dhuinn ar suipear a ghabhailoir ghabh mise mo shuipear aig an aon bhòrd ris an duine chòir fheinthuirt e: “A Sheumais, tha misedol a thoirt comhairlort mun teid sinn a laidhe; oir chaneil thu ach òg, agus tha thu fhathast aineolach air achuid as dhe na h-uilc a tha ri tachairt ri daoinedol throimhn t-saoghal. Is i achomhairle a tha midol a thoirt ort an nochd, fios a bhith agad air àireamh nan notaichean a thair do shiubhal. Chaneil fhios agad ciod an seòrsa dhaoine a dhfhaodas tachairt riut air do thurus. Loisg càl teith mise roimhe; oir thugadh uam làn an dùirn de notaichean. Agus o nach robh fhios agam air àireamh nan notaichean, cha burrainn mi mo mhionnan a thabhairt gum bu leam iad, ged a bha fhios is cinnt agam gur a h-iad a chuireadh fa mchomhair, agus gur e am fear aig an dfhuaradh iad a ghoid as mo phòcaid iad, agus minam chadal comhladh ris anns an aon t-seòmar. Riamh on lathud, chuir mi sios aireamh nan notaicheannam leabhar pòcaid. Mun teid thusalaidhe dean mar a tha miseg iarraidh ort, agus cha bhi aithreachas ort.”

Thug mi taing dha air son a dheadh chomhairle, agus sgriobh mi sìos àireamh nan notaichean a bhagam mun deachaidh mi laidhe.

Ged a bhi mi sgìth gu leòr an dèigh na rinn mi de choiseachd, agus de ruith an déigh na sprèidhe an uair a bhristeadh iad air falbh bhar an rathaid, cha do chaidil mi toiseach na h-oidhche cho maths a bha min dùil a dheanainn an uair a bha mi greisnam shuidhe anns an taigh-òsda.

Be sid a cheud oidhche dhomh a bhith riamhnam laidhe ann an taigh sam bith ach ann an taigh caraid. Cha bhithinn ach tiotadhnam chadal an uair a dhùisginn le car de chlisgeadh, agus mibruadar gun robh mèirleach air tighinn a steach don t-seòmar a ghoid mo chuid airgid. Ach mu dheireadh na h-oidhche, thuit mi ann an cadal trom, agus bfheudar mo chrathadh air ghualainn mun do dhùisg mi anns amhadainn.

Bha e suas ri meadhain-latha mun do chairich sinn leis an spréidh, oir bha Fear aBhaile an comhnuidh an aghaidh cas-choiseachd a thoirt asda. Bha toil aige gum biodh iad ann an deadh choltas an uair a ruigeadh iad am maragadh. Agus on a bhan latha glé theith, cha do chuir sinn astar mòr sam bithnar dèigh. Air



[147]

[Vol . 12. No. 19. p. 3]

an aobhar sin, cha burrainn duinn ar ceann-uidhe ruighinn ann an àm mar a bha dùil againn. Cha robh againn ach an oidhche chur seachad air taobh amhonaidh far an robh an crodh ag ionaltradh. Gu fortanach bhan oidhche ciùin, tioram, blàth; agus on a bha i cho goirids a bhitheadh i, cha dfhairich sinn fad i.

Mharcaich Fear aBhaile air aghart beagan mun deachaidh aghrian fodha, agus ged a dhiarr e ormsa leantail romham gus an ruiginn an taigh-osda anns an robh e-fhein gus an oidhchechur seachad, bfhearr leam gu mòr an oidhche chur seachad air taobh cnuic comhladh ris na gillean air an robh mi eòlach na falbhnam ònar ann am beul anamoch na h-oidhche troimh àite fàsail anns nach robh mi eòlach, agus far am faodadh droch dhaoine mo spùinneadh.

Cha robh sinn ach gann gu leòr de bhiadh, ach ann an glasadh an latha thainig biadh gar n-ionnsuidh o Fhear aBhaile; agusna dhèigh sin chosich sinn air aghart leis an spréidh a chum nach biodh uiread de choiseachd againn ri dheanadh an uair a thigeadh teas an latha.

Cha ruig mi leas mion-chunntais a thoirt seachad air mar a bha sinn afaotainn air aghart air ar turus. Foghnaidh dhomh a ràdh gun dthug sinn uine mhath air an rathad, agus gun robh migabhail fadachd gu leòr nach robh miruighinn mo cheann-uidhe.

Mu dheireadh ràinig sinn aite anns an robh agamsa ri dealachadh ri Fear aBhaile, agus ris na companaich a bhagam air mo thurus. Ged a bha mi fhins iad fhein réidh, companta gu leòr fad ar turuis ann an cuideachd a chéile, gidheadh bha mifás sgìth dhen dòigh a bhaca. Ged a bha tomhas math de dheòlas agam orra mun dfhalbh mi á taigh mathar, gidheadh cha robh fhios agam gu ro mhath ciod an seòrsa dhaoinebhannta. Mar a than seanfhacal ag radh: “Cha bhi fhios agad ciod e duine gus am bi do ghnothach ris.”

Chuir sinn seachad an oidhche ann an tigh-osda a bha aig snaim rathaid. Bhamheur dhen rathad a bhationndadh a dhionnsuidh na laimhe deise, atreorachadh a dhionnsuidh na h-Eaglaise Brice, far an robh Fear abhaile gus an spréidh a reic; agus bhamheur dhen rathad a bha tionndadh a dhionnsuidh na laimh clìthe, atreorachadh gu ruige Baile Shruidhleidh, far an robh agamsa ri dhol.

On a ghabh Fear abhaile os laimh mfhaicinn sàbhailte ann an Struidhleidh, thuirt e rium gur docha gum bu cho math dhomh fuireach anns an taigh-òsda gus an tilleadh e on mhargadh an dèigh dha an spréidh a reic, nas lugha na thachradh gum biodh duine fior earbsach agabhail an rathaid gu ruige Struidhleidh a chumadh cuideachd rium air an t-slighe, agus a chitheadh sàbhailte don Bhaile mi. Agus bhruidhinn e ri fear an taigh-òsda mu dheidhinn so; agus thuirt fear an taigh-òsda risnam éisdeachd fhìn, nach leigeadh e air falbh mi nas lugha na chitheadh e duine ris am faodadh e mearbsa.

Bha mi latha anns an taigh-òsda. Bha fear an taighe glé chaoimhneil rium. Ged nach robh facal Gàiligna cheann, bha eg ràdh gun robh Gàilig gu lèor aigathairs aig a mhàthair. Ach an uair a bha esanna phàisde beag, dhfhalbh iad as aGhàidhealtachd; agus ged a bhiodhathairsa mhàthair alabhairt Gàilig gu math tric, cha do chum e facal dhi air chuimhne. Bi aBheurlabhiodh ecluinntinn an comhnuidh anns an sgoil agus aig na companaich a bhaigena bhalach òg, agus an déigh dha tighinn gu aois.

Bha e cho caoimhneil riumsas ged a be fior dhlùth charaid dhomh a bhiodh ann. An uair a bha mifalbh, cha ghabhadh e sgillinn uam air son mo bhéidhs mo leapadh. “Tha mi glé eolach air Fear Bhaile nan Slochd,” arsesan, “agus on a tha mituigsinn gum bheil meas mòr aigortsa, cha ghabh mi sgillinn uat. Cha do ghabh mi sgillinn riamh fhathast o fhear-dùthchadh dhe do sheòrsa-sa air son greim béidh agus fasgadh na h-oidhche a thoirt dha. Bidh mi cheart cho beairteach an ceann na bliadhnas ged a ghabhainn pàigheadh air son na chosg thusa.”

Thug mi taing dha air soh a chaoimhneis, agus o nach robh mo sporran trom, bha mi glé thaingeil da rìreadh air son cho caoimhneilsa bha e rium.

Bann air cùram duine air an robh coltas a bhith earbsach, onarach a dhfhalbh mi as an taigh-osda gu ruige Struidhleidh. Ged a bha beagan eòlais aig fear an taigh-òsdair is e mo mhòr-bharail nach do thuig e ciod an seòrsa duinebhann. Nan do thuig, tha mi cinnteach nach robh e air mise leigeadh air falbhna chuideachd, oir dhearbh e nach robh ann ach an dearg shlaoightire.

Bha àird-fheasgair ann mun dfhalbh sinn, oir cha robh cabhag sam bith airsan gu falbh. Bha eg ràdh gur ann air an oidhche a bfhearr a choisicheamaid on a bhan t-sìde cho teith agus cho tioram. Ach mar a than seanfhacal ag ràdh: “Bhaghnothach fhein fa near don tuathanach.”

Cha burrainn duine sam bith companach-siubhail bu tlachdaire na e bhith aige. Bha e cho comhraideach agus cho mòr fiosrachadh mu iomadh rud ri duinethachair riamh rium. Cha robh mifaireachadh na h-ùinedol seachad leis na bha eg innseadh de naigheachdan taitneach dhomh. An ceann gach greise bheireadh e uam amhàileid a bha migiùlan, agus ghiùlaineadh e i fad mìle no da mhìle.

Cha mhath leam do shàrachadh,” theireadh e; “tha astar mòr againn richoiseachd mun ruig sinn ar ceann-uidhe. Ged a tha thusa aotrom, òg. agus glè mhath gu coiseachd, chaneil thu cho fulangach air mòran coiseachd a dheanamhs a tha mise. Ach an uair a leigeas sinn ar n-anail gu math anns an taigh-òsda as fhaisge dhuinn, bidh sinn nas sunndaiche gus a dhol air aghart. Tha mise gu math eòlach air gach rathad a thadol troimhn dùthaich, agus is aithne dhomh rathad aithghearr troimhn mhonadh a chuireas a staigh còig mìle air achuid as lugha ruinn. Bidh an oidhche móran nas fionnaire nan latha, agus coisichidh sinn mòran nas fhearr. A bharrachd air a so, chan fhaodamaid a dhol tarsuinn phàirceannan feòir is arbhair aig an àm so dhen latha, no aig àm sam bith anns am bi muinntir an àite nan dùsgadh. Ach air an oidhche, an uair a bhios iad uilenan cadal, faodaidh sinn a h-uile aithghearrachd a thogras sinn a ghabhail.”

(Ri leantuinn.)


MAC IAIN DIRICH.

BHA uaireiginn righ agus bànrigh ann, agus bha aona mhac aca, ach shiubhail abhànrigh agus phòs an righ bean eile. Be an t-ainm a bhair mac na ceud bhànrigh Iain Direach. Bha ena ghille dreachmhor. Bha ena shealgair, agus cha robh eun air an tilgeadh e a shaighead nach leagadh e, agus mharbhadh e na féidhs na h-earbaichean astar mor uaithe. Cha robh latha a rachadh e a mach lebhoghas a dhòrlach nach tugadh e dhachaidh sithionn.

Bha e aon latha anns abheinn sheilg a sealg, agus cha dfhuair e sithionn air bith, ach thàinig seabhag ghorm seachad airs leig e saighead rithe, ach cha do rinn e ach aon iteag a chur as a sgiath. Thog e an iteag agus chuir e na bholg-seilg i agus thug e dhachaidh i, agus an uair a thàinig e dhachaidh thuirt a mhuime ris, “Càitam bheil do shithionn an diugh?” Chuir esan a làmh a stigh na bholg-seilg agus thug e a mach an iteag agus thug e dhi i.

Ghabh a mhuime an iteagna laimh, sheall i oirre agus thuirt i: “Tha misecuir mar chroiseans mar gheasans mar easan na bliadhna ortsa, nach bi thu gun loba adbhròig, agus gum bi thu fliuch, fuar, salach, gus am faigh thu dhòmhsa an t-eun as an dthàinig an iteag sin.”

Agus thuirt esan rimhuime: “Tha misecuir mar chroiseans mar gheasans mar easan na bliadhna ortsa, gum bi thu adsheasamhs an darna cas agad air an tigh mhors a chas eile air achaisteal, agus gum bi daodann ri aghaidh nan siantan, ge be gaoth a shéideas, gus am pill mise air mais.”

Dhfhalbh Mac Iain Dirich cho luathsa burrainn da a dhiarraidh an eòin as an dthàinig an iteag; agus bhamhuimena seasamh, ’s an darna cas aicair achaisteals a chas eile aicair an tigh mhor, gus an tigeadh e air ais, agus, cuideachd, bha a h-aodann ri aghaidh nan sian, ge be àird as an séideadh a ghaoth, gus an tigeadh esan air ais a rithist, cia air bith cho fadas a bhiodh e gun tighinn.

Bha Mac Iain Dirich air falbh asiubhal nam fàsach, a sheall am faiceadh e an t-seabhag, ach an t-seabhag cha burrainn da fhaicinn, agus moran na bu lugha na sin cha burrainn da fhaotainn. Bha e afalbh leis fhein air feadh nam fàsachs e tighinn dlùth air an oidhche. Bha na h-eòin bheaga bhaidealach adol o bhàrr nam preas, o dhos gu dos, ’s gu bun nan dris, adol gu tàmh, is ged a bha cha robh esan adol ann, gus an dthàinig an oidhche dhall dhorcha, is chaidh ena chrùban aig bun pris. Co thàinig an rathad ach an gille-màirtein, agus thuirt e ris: “Beul sios ort! a Mhic Iain Dìrich; is olc an oidhchan dthainig thu. Chaneil agam fhéin an nochd ach aon spàg muilts aon leth-cheann caora, ach is éiginn a bhith a deanamh leis.”

Bheothaich iad gealbhans ròsd iad feoil, agus dhith iad an spòg muilts an leth-cheann caora. Aig amhaduinn, thuirt an gille-màirtein ri mac an righ: “A Mhic Iain Dìrich, tha an t-seabhag a tha thug iarraidh aig famhair mor nan coig cinn, nan coig mill, ’s nan coig muineal. Leigidh misfhaicinn dhut far am bheil an tigh aige, aguss e mo chomhairle-sa dhut thu a dhol gu bhith na dghille aiges a bhith gu easgaidh, ealamh a deanamh gach ni a theid iarraidh orts gach ni a theid earbsa riut, agus bi ro mhath ris na h-eoin aige, ’s ma dhfhaoidte gun earb e riut an t-seabhag a bhiadhadh. An uair a gheibh thusa an t-seabhag ribiadhadh bi ro mhath rithe, gus gum faigh thu fàth, an uair nach bi am famhair aig an tigh, ruith air falbh leatha. Ach thoir an aire nach bean uibhir is aon ite dhi do ni air bith de na tha air taobh a stigh an taighe, ar neo ma bheanas cha teid leat.”

Thuirt Mac Iain Dìrich gun tugadh e aire air sin, agus dhfhalbh e a dhionnsuidh tigh an fhamhair. Rainig e, agus bhuail e aig an dorus.

Ghlaodh am famhair: “Co a thann an sin!”

Tha mise,” thuirt Mac Iain Dìrich, “fear a tha tighinn a sheall am bheil feum agad air gille.”

an obair is urrainn dut a dheanamh?” arsam famhair.

Ma ta,” arsa Mac Iain Dìrich, “is urrainn domh eunlaiths mucan a bhiadhadh, agus , no



[148]

[Vol . 12. No. 19. p. 4]

gabhair, no caoirich a bhiadhadhsa bhleoghann.”

Is e do leithid a tha dhìth orm,” arsam famhair.

Thàinig am famhair a machs chuir e tuarasdal air Mac Iain Dìrich. Agus bha e atoirt aire ro mhath air gach ni a bha aig an fhamhair, agus bha e ro mhath ris na cearcans ris na tunnagan, agus thug am famhair an aire cho mathsa bha e deanamh, agus thuirt e gum bu mhath a bhòrd on a thàinig Mac Iain dìrich seach mar a bha e roimhegum bfhearr leis aona chearc de na bha e faotainn an nis na dithis do na gheibheadh e roimhe. “Tha mo ghille cho maths gum bheil dùil agam gum faod mi earbsa ris an t-seabhag a bhiadhadh.” Agus thug am famhair an t-seabhag do Mhac Iain Dìrich ri biadhadh, agus thug e an aire shònruichte air an t-seabhaig. An uair a chunnaic am famhair cho mathsa bha Mac Iain Dìrich atoirt aire air an t-seabhag, bha leis gum faodadh e a h-earbsa ris an uair a bhiodh e fhein on tigh. Thug am famhair da an t-seabhag rigleidheadh, agus bha Mac Iain Dìrich atoirt aire shònraichte air an t-seabhaig.

Bha leis an fhamhair gun robh gach ni adol gu ceart agus dhfhalbh e on tigh. Smaoinich Mac Iain Dìrich gum be sin an t-àm gu ruith air falbh leis an t-seabhag, agus bheir e air an t-seabhaig gu falbh leatha. An uair a bha e afosgladh an doruis, is a chunnaic an t-seabhag an solus, sgaoil i a sgiathan gu leum agus bhean bàrr aon de ua h-itean aig aon de na sgiathan aice do aon de ursainnean an doruis, agus leig an ursainn sgriach as. Thainig am famhair dhachaidhna ruith, agus bheir e air Mac Iain Dìrich agus thug e uaithen t-seabhag, agus thuirt e ris: “Cha tugainnsa dhut mo sheabhag, mur faigheadh tu dhomh an claidheamh geal soluis a tha aig seachd mnathan mora Dhiùrath.” Agus chuir am famhair Mac Iain Dìrich air falbh.

Chaidh Mac Iain Dìrich a rithist troimhn fhàsaich, agus choinnich an gille-màirtein air, agus thubhairt e: “Beul sios ort! a Mhic Iain Dìrich; cha do rinns cha dean thu mar a dhiarras mise ort. Is olc an oidhchan dthainig thu an nochd. Chaneil agam ach aon spòig muilt agus aon leth-cheann caora, ach is éiginn a bhith deanamh leis.”

Bheothaich iad gealbhan agus rinn iad deas an spàg muilts an leth-cheann caora, agus ghabh iad biadh is cadal. An ath latha thuirt an gille-màirtein, “Theid sinn gu taobh achuain.” Chaidh iads ràinig iad taobh achuain, agus thuirt an gille-màirtein: “Cinnidh mise ann am bhàta, agus rach thusa air bòrd orra agus bheir mi a null gu Diùrath thu. Rach a dhionnsuidh seachd mnathan mora Dhiùrath agus iarr seirbhis gu thu a bhith na dghille aca. An uair a dhfharraideas iad dhiot gu is urrainn dut a dheanamh, abair riutha gum bheil thu math air glanadh iarunn agus stàilinn, òr agus airgiod, agus gun dean thu gu glan, soilleir, dealrach iad. Agus thoir an aire shònruichte gun dean thu gach ni gu ceart, gus gun earb iad an claidheamh geal soluis riut, agus an uair a gheibh thu fàth ruith air falbh leis. Ach thoir an aire nach bean an truaill do ni air bith air taobh a stigh an taighe, ar neo ni e sgreads cha teid do ghnothach leat.”

Chinn an gille-màirteinna bhàta agus chaidh Mac Iain Dìrich air bòrd oirre, agus thainig i air tìr aig creagan nan deargan aig taobh mu thuath Dhiùrath. Leum Mac Iain Dìrich air tìr agus chaidh e a ghabhail muinntireas aig seachd mnathan mora Dhiùrath. Rainig e, is bhuail e aig an dorus. Thainig na seachd mnathan mor a mach, agus dhfharraid iad gu a bha e ag iarraidh. Thuirt e gun dthainig e a sheall an robh feum aca air gille. Dhfharraid iad deth ciod a burrainn da a dheanamh. Thuirt e gum burrainn da òr is airgiod, no iarunn no stàilinn a ghlanadh, ’s an deanamh gu soilleir, geal, dealrach. Thuirt iad: “Tha do leithid a dhìth oirnn.” Agus chuir iad turasdal air.

Bha e ro dhìchiollach sia seachdainean, agus chuir e na h-uile ni ann an òrdugh anabarrach. Thug na mnathan mor an an aire dha, agus bha iad ag ràdh ri chéile, “Is e so an gille is fhearr a bha againn riamh. Faodaidh sinn an claidheamh geal soluis earbsa ris.”

Thug iad da an claidheamh geal soluis ri ghleidheadh an ordugh, agus bha esan atoirt aire shonruichte air achlaidheamh gheal sholuis, gus aon latha nach robh na mnathan mor aig an tigh. Smaoinich esan gum be sin an t-àm dhàsan gu ruith air falbh leis achlaidheamh gheal sholuis. Chuir e anns an truaill e agus thog e air a ghualainn e; ach an uair a bha e adol a mach air an dorus bhean bàrr an truaill don àrd-dorus agus thug an t-àrd-dorus sgread. Ruith na mnathan mor dhachaidh agus thug iad uaithen claidheamh, agus thuirt iad ris: “Cha tugamaid dhut ar claidheamh geal soluis, mur faigheadh tu dhuinn an fhalaire bhuidhe aig righ Eirinn.”

Dhfhalbh Mac Iain Dìrich gu taobh achuain agus choinnich an gille-màirtein air, agus thuirt e ris, “Beul sios ort! a Mhic Iain Dìrich; cha do rinns cha dean thu mar a dhiarras misort. Chaneil agam an nochd ach aon spòg muilts aon leth-cheann caora, ach is éiginn a bhith deanamh leis.”

Bheothaich iad gealbhan is ròsd iad feòil, ghabh iad biadhs bha iad subhach. An ath latha thuirt an gille-màirtein ri Mac Iain Dìrich: “Cinnidh mise ann am bhàrca, agus rach thusa air bòrd oirre agus theid mi a dhEirinn leat. An uair a ruigeas sinn Eirinn rach thusadhionnsuidh tigh an righ agus iarr seirbhis gu bhith ann adghille stàbuill aige. Agus an uair a gheibh thu sin bi gu easgaidh, ealamh a deanamh gach ni a tha ri dheanamh, agus gléidh na h-eich agus an usair ann an òrdugh ro mhath, gus gun earb an righ an fhalaire bhuidhe riut, agus an uair a gheibh thu fàth ruith air falbh leatha. Ach thoir an airenuair a bhios tuga toirt a mach, nach bean mìr air bith dhi do ni air bith air taobh a stigh agheata, ach bonnaibh nan cas aice, ar neo cha soirbhich do ghnothuch leat.”

Agus an sin chuir an gille-màirtein e fhein ann an riochd bàrca, chaidh Mac Iain Dirich air bòrd agus sheòl abhàrca leis do dhEirinn. An uair a rainig iad tir na h-Eirionn, leum Mac Iain Dìrich air tir agus chaidh e gu tigh an righ. An uair a rainig e an geata, dhfharraid fear-gleidhidh agheata dhe càitan robh e adol, agus thuirt esan gun robh e dol a shealltainn an robh gille stàbuill a dhìth air an righ. Leig fear-gleidhidh agheata seachad e, agus ràinig e tigh an righ agus bhuail e aig an dorus. Thainig an righ a mach agus thubhairt e: “ a tha thu ag iarraidh ann a so?”

Thuirt esan: “Ler cead, is ann a thainig mi a shealltainn an robh feum agaibh air gille stàbuill.”

Ciod is urrainn dut a dheanamh?” arsan righ.

Thuirt esan: “Is urrainn mi na h-eich a ghlanadhs am biadhadh, ’s an usair acaghlanadh, agus an obair airgiods an obair stàilinn a ghlanadh agus an deanamh dealrach.”

Chuir an righ tuarasdal air agus chaidh e don stàbull. Agus chuir e gach ni an ordugh math: thug e aire mhath air na h-eich, bhiadh e gu math iad agus ghléidh e glan iad, ’s bha an craicionn aca ag amharc slìom, agus an obair airgiods an obair stàilinn gu dealrach ag amharc, ’s chan fhaca an righ iad cho math an òrdugh riamh roimhe. Agus thubhairt e: “Is e so an gille stàbuill is fhearr a bha agam riamh. Faodaidh mi an fhalaire bhuidhe earbsa ris.”

Thug an righ an fhalaire bhuidhe do Mhac Iain Dìrich ri ghleidheadh, agus thug Mac Iain Dìrich an aire shonruichte air an fhalaire bhuidhe: bhiadh e is ghléidh e glan i, gus an robh an craicionn aice gu slìom, sleamhainn, ’s i cho luaths gum fàgadh i an darna gaoths gum beireadh i air aghaoth eile. Chan fhacan righ i riamh cho math.

Chaidh an righ aon latha don bheinn sheilg; agus smaoinich Mac Iain Dìrich gum be sin an t-àm gu ruith air falbh leis an fhalaire. Chuir ena h-uidheam i, le srian is diollaid, agus an uair a thug e a mach as an stàbull is a bha ega toirt a mach troimhn gheata, thuig i sguaise leh-earball agus bhean bàrr a h-earbaill do ursainn agheata agus leig i sgread aisde. Thainig an righna ruith agus thug e o Mhac Iain Dìrich an fhalaire, agus thuirt e ris: “Cha tugainnsa dhut an fhalaire bhuidhe, mur faigheadh tu dhomh nighean righ na Frainge.”

(Ri leantuinn.)


Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL XIV.

THACHAIR direach mar a bha mismaointean, bha bagh beag ann don robh an sruth atarruinn an rath. Dhfheuch mi cho maths a burrainn domh ris an rath a chumail ann am meadhan an t-sruth. Ach cha mhor nach deachaidh an rath thairis, agus nan deachaidh bha mo chridhe air a bhristeadh. O nach robh eolas sam bith agam air achladach, chaidh aon cheann dhen rath air tanallach, agus cha mhor nach do thuit na bhagam air am mach air acheann eile. Ach rinn mi na burrainn domh gus na cisteachan a chumailnan aite fhein le mo dhruim a chur riutha. Air a shon sin cha robh de neart annam na chuireadh an rath bhar an tanallaich, agus cha burrainn domh carachadh as an aite anns an robh mi. Bha mi fad leith uair acumail nan cisteachan gun charachadh far an robh iad. On a bhan lionadh atighinn beag air bheag, thog e an rath bhar an tanallaich, agus fhuair mi as aghabhadh anns an robh mi, agus mar sin fhuair mi steach gu math do bheul na h-aimhne.

Bha sruthg am tharruinn a steach gu math don amhuinn. Bha mig amharc air gach taobh dhiom air son aite freagarrach anns am faighinn an luchd a chur gu sabhailte air tir.

Cha robh toil agam a dhol fada suas anns an amhainn, oir bha toil agam a bhith ann an sealladh achuain, gun fhios nach tachradh dhomh long fhaicinn aseoladh seachad faisge air achladach, agus mar sin chuir mi romham a dhol gu tir cho faisge air achuans a burrainn domh.

Mu dheireadh thug mi an aire do gheodha beag air mo laimh dheis, agus an deigh moran saoithreach agus dragha fhuair mi an rath a chuir a steach ann. Ach an so theab an rath a dhol thairis a rithist; oir bhan cladach car cas, agus nan cuirinn toiseach an rath air tir thuiteadh an luchd a bhagam air am mach air an deireadh aige.

Cha burrainn domh dad a dheanamh ach



[149]

[Vol . 12. No. 19. p. 5]

feuchainn ris an rath a chumail far an robh e gus am biodh e muir-lan an dochas gun rachadh bad beag comhnard dhen chladach a bha fa mchomhair fodha, agus gum faighinn an rath a chur air. Gu fortanach chaidh e fodha, agus cho luaths a shaoil mi gun robh troidh uisge airuachdar, chuir mi an rath air. Chuir mi an da bhlaigh raimh a bhagam anns an talamh, fear dhiubh air gach taobh dhen rath, agus an uair a cheangail mi e gu math teann ris na raimh, stad mi far an robh mi gus an deachaidh an traghadh am mach, agus an dfhag e an rath agus na bhair uachdar gu sabhailte air achladach.

Be an ath obair a rinn mi sealltainn air feadh an aite feuch am faicinn aite freagarrach gus comhnuidh a ghabhail ann, agus gus na thug mi gu tir a thasgaidh seachad gu sabhailte o gach cunnart a dhfhaodadh tighinn an rathad. Aig an am cha robh fhios agam co dhiubh a bha mi air tir-mor, no air eilean. Agus cha mho a bha fhios agam co dhiubh a bha mi ann an cunnart o bheathaichean fiadhaich no nach robh.

Bha beinn chorrach, ard mu mhile on chladach, a bha a reir choltais na bairde na h-aon eile dhe na beanntan a bhanns an aite, agus a bha an taobh atuath dhiom. Thug mi leam fear dhe na gunnachan, daga, agus fudar is luaidhe, agus dhfhalbh mi gus a dhol gu mullach na beinne so. Fhuair mi deuchainn agus saothair gu leor mun drainig mi mullach na beinne. An uair a rainig mi, thug mi an aire gun robh mi air eilein, agus nach robh ploc fearainnnam shealladh air taobh seach taobh, ach beagan sgeirean a bha astar mor air falbh, agus da eilean bheaga a bha mu naodh mile an iar orm.

Thug mi an aire mar an ceudna gun robh an t-eilean air an robh mina fhasach; agus cha robh aobhar sam bith agam a chreidsinn gun robh daoinefuireach ann, no creutair sam bith ach ma dhfhaoidteadh beathaichean fiadhaich. Ach chan fhaca mi creutair ann ach eunlaith; agus bha am pailteas dhiubh sin ann. Cha robh fhios agam ciod e an seorsa eunlaith a bhannta, no an robh iad math rin itheadh no nach robh. An uair a bha mi tilleadh air ais, loisg mi air eun mor a chunnaic mina shuidhe air craoibh an iomall na coille. Tha mi creidsinn gum be sid acheud urchair a loisgeadh riamh air an eilean. Cha bu luaithe a loisg mi an urchair na dheirich aireamh mhor de dheoin dhe gach seorsa bhar nan craobh air feadh na coille gu leir, agus thoisich iad ri sgreachails ri glaodhaich gu h-uamhasach. Ach bha an t-eun a mharbh mi ann an dath coltach ri seabhac, agus bha gob crom air mar gum biodh air seabhac, ged nach robh spuirean air. Cha ghabhadh an fheoil a bhair itheadh idir.

An uair a thill mi air ais thun an rath, thoisich mi ris an luchd a bhagam air a chur air tir. Chuir mi seachad na bha romham dhen latha ris an obair so. Cha robh fhios agam ciod a dheanainn rium fhin an uair a thigeadh an oidhche, no caite an caidlinn. Bha eagal orm laidhe air an talamh gun fhios nach tigeadh beathaichean fiadhaich a dhitheadh mi mun tigeadh a mhadainn. Na dheigh sid fhuair mi a mach nach robh beathaichean fiadhaich idir air an eilean, agus nach robh aobhar sam bith dhomh a bhith fo eagal mar a bha mi.

Ach air a shon sin dhfheuch mi cho maths a burrainn domh ri bothag bheag a dheanamh anns an cuirinn an oidhche seachad gu sabhailte. Rinn mi so leis na cisteachans leis na deileachan a thug mi gu tir air an rath.

Agus a thaobh cia mar a gheibhinn feoil sithionn air an eilean, chan fhaca mi ach a dha no tri de chreutairean coltach ri maigheach a leum am mach as achoille an uair a loisg mi an urchair agus a mharbh mi an t-eun.

Thoisich mi nis ri smaointean gum faodainn iomadh rud a bhiodh feumail dhomh a thoirt as an luing, mar a bha feadhainn dhe na siuil agus rudan eile de dhacfhuinn na luinge, a ghabhadh toirt gu tir, agus chuir mi romham nach deanainn car dhen obair a bhagam ri dheanamh air tir gus am faighinn na burrainn dhomh a thoirt gu tir as an luing.

Bha mi greis adol fo msmaointean feuch co dhiubh a bfhearr dhomh an rath a thoirt leam thun na luinge na falbh uice mar a rinn mi roimhe. Thuig mi nach robh rathad agam air an rath a thoirt leam. Mar sin chuir mi romham gun rachainn air bord innte mar a rinn mi roimhe, an uair a bhiodh am muir traigh ann.

Dhfhag mi mo chuid aodaich far nach ruigeadh an lan air. Chuir mi dhiom mo chuid aodaich gu leir ach leine shecer, drathais a dhanart, agus da bhroig.

Fhuair mi air bords an luing mar a fhuair mi roimhe, agus thoisich mi ri rath eiledheanamh. Agus on a bha mi na beolaiche air mar bu choir dhomh rath a dheanamh, cha drinn mi e cho mor ris acheud rath, agus cha mho a chuir mi luchd cho mor air. Ach thug mi leam cuid mhath de nithean a bha gle fheumail dhomh.

An toiseach fhuair mi a dha no tri de phocannan lan de thairnean agus de speicean, inneal-togail, dusan no dha de thuadhannan, agus, rud a bha na bfheumaile dhomh gu leir, clach-liomhraidh. Chuir mi na nithean so gu tearuinte air an rath, agus caochladh de nithean eile a bhuineadh don ghunnair, gu sonraichte a dha no tri de gheimhleagan iaruinn, agus da bharailte de pheileirean mhosgaidean, seachd mosgaidean agus gunn-eanaich, maille ri tuilleadh fudair, agus poca mor lan de fhras-luaidhe, agus siota mor luaidhe. Bhan siota so cho troms nach burrainn domh a thogail gus a chur thar cliathach na luinge.

A bharrachd air na nithean so thug mi leam na fhuair mi de dhaodach nan seoladairean, seol-ard nach do chuireadh riamh am feum, hamac, agus aodach leapadh. Leis aso luchdaich mi an dara rath, agus fhuair mi gu sabhailte gu tir leis an luchd, rud a thug misneach agus toileachadh mor dhomh.

Fhads a bha mi air bord na luinge, bha car de dheagal orm gum faodadh creutairean tighinn an rathad agus a h-uile greim dhe na dhfhag mi de bhiadh air tir itheadh. Ach an uair a thainig mi air ais, chunnaic mi nach dthainig creutair sam bith an rathad ach creutair a bha coltach ri cat fiadhaich a bhana shuidhe air te dhe na cisteachan. An uair a chaidh mi dluth dha ruith e astar beag air falbh, agus shuidh e gun eagal fa mchomhair, agus sheall e orm anns an aodann mar gum biodh toil aige am barrachd eolais a chur orm. Chuir mi an gunna ri mo shuil gus losgadh air, ach an uair a chunnaic mi nach robh ecarachadh as abhad an robh e, smaoinich mi gum bu pheacach dhomh cron a dheanamh air. Thilg mi bìdeag bhrioscaid ga ionnsuidh, agus an uair a chuir eshron air thoisich e ri itheadh; agus bha coltas toilichte air mar gum biodh eg radh gum bu mhath leis tuilleadh fhaotainn. Ach thug mi taing dha, agus thuirt mi ris, nach burrainn domh an corr a thoirt dha; agus an sin dhfhalbh e.

An uair a fhuair mi an darna luchd air tir, bha toil agam na barailtean fudair a thoirt gu aite sabhailte, ach bha iad cho troms nach burrainn domh an giulan. Thoisich mi ri tent a dheanamh leis na siuil agus le maidean a ghearr mi air son aghnothaich.

An uair a bhan tent deiseil thug mi ann a h-uile rud a ghabhadh milleadh le uisge no le grein, agus chuir mi na cisteachan falamha agus na barailtean falamha mun cuairt air an tent gus gach duine agus ainmhidh a thigeadh an rathad a chumail air falbh.

An uair a rinn mi so, dhuin mi dorus an tent le buird on taobh a staigh, agus chuir mi chiste fhalamh air a ceann anns an dorus. Sgaoil mi an leabadh air an lar. Chuir mi da dhaga aig mo cheann, agus an gunna ri mo thaobh, chaidh milaidhe, agus chaidil mi gu trom fad na h-oidhche; oir bha mi anabarrach sgith agus claoidhte. An oidhche roimhe sid cha robh mo chadal ach bristeach, bruailleineachnam shuidhe anns achraoibh; agus eadar a dhol don luing agus na thug mi aisde a chur air tir sabhailte, bha mi aig obair gle thrang.

CAIB. XV.

Tha mi creidsinn gun robh barrachd de rudan dhe gach seorsa agam air a chur air tir na bha aig aon duineile riamh roimhe; ach cha robh mi riaraichte leis na bhagam. Fhads a bhan long afuireachna suidhe gu comhnard air an traigh bha mismaointean gum bu choir dhomh feuchainn ris ah-uile rud a burrainn domh a thoirt aisde. Agus ah-uile latha aig amhuir-traigh bha midol air bord innte agus atoirt rudeiginn gu tir.

Ach air an treas uair a chaidh mi air bord thug mi leam na burrainn domh dhen riginn, agus mar an ceudna ah-uile ropa caol is garbh a

[Dealbh]
FHUAIR MI GU SABHAILTE GU TIR.”



[150]

[Vol . 12. No. 19. p. 6]

fhuair mi. Thug mi leam an canabhas a bhinnte gus a bhithcaradh nan seol, agus am barrailte de dhfhudar fliuch. A dhaon fhacal, ghearr mi na siuilnam piosan, agus bha mig an toirt leam mar a dhfhaodainn ah-uile turus a bha midol gu bord.

An deigh dhomh a dhol acoig no sia de thurusan gu bord, agus mismaointean nach robh dad a bfhiach an t-saothair air bord tuilleadh, fhuair mi toileachadh mor an uair a thachair tosgaid mhor lan arain rium, tri barrailtean mora lan ruma, bocsa siucair, agus barrailte fluir. Chuir so ioghnadh orm, a chionn gun robh mismaointean nach robh dad de bhiadh air bord ach na chaidh a fhliuchadh leis an t-saile.

Rinn mi suas na bha dharan anns an togsaidna phasgain ann am piosan a bha migearradh as na siuil. Agus fhuair mi ah-uile dad dhe so a thoirt gu tir gu sabhailte mar an ceudna.

Air an ath latha chaidh mi rithist don luing, agus on a thug mi leam roimhe sid ah-uile rud a ghabhadh giulan agus a bha deiseil do mlaimh, thoisich mi ri gearradh nan cablachannam piosan cho mors a rachadh agam air a thogail. Thoisich mi an sin ri deanamh rath mor air na slatan-siuil agus air gach maide eile a burrainn domh a chur an sas, agus an uair a bha e deas agus a luchdaich mi gu math trom e leis na cablachan agus leis ah-uile iarunn a burrainn domh a thoirt leam, dhfhalbh mi gu tir leis. Ach chaidh an gnothach nam aghaidh air an turus so; oir bhan rath cho mor, agus an luchd cho troms cho neo-sgiobaltas nach robh e furasda dhomh an rath a chumail comhnard, no idir a stiuireadh. An deigh dhomh a thoirt a steach don gheotha bheag anns am babhaist dhomh a bhithcur an luchd air tir, cha burrainn domh a laimhseachadh cho faicleachs a babhaist, agus gu tubaisteach chaidh e thairis, agus chaidh mi fhin agus an luchd gu leir am mach air a’ ’mhuir. Do mthaobh fhin, cha deirich dad cearr domh, oir bha mi faisge air tir. Ach chaill mi achuid bu mho dhen luchd, gu h-araidh an t-iarunn, ged a bha min duil gum biodh e gle fheumail dhomh. Ach an uair a thainig an traghadh fhuair mi greim air achuid bu mho dhe na cablachan, agus air beagan dhen iarrunn mar an ceudna; ach cha bann gun mhoran saoithreach is dragha. Bfheudar dhomh a bhith dol fon uisge gu tric gus greim fhaotainn air. Agus dhfhag an obair so gle chlaoidhte mi. ’Na dheigh so chaidh mi gu bord ah-uile latha, agus thug mi gu tir a h-uile rud a bha mi faotainn.

Bha mi nis tri latha deug air tir, agus bha mi aon turus deug air bord anns an luing fad nan laithean ud. Thug mi leam aisde a h-uile rud a burrainn mo dha laimh a thoirt a greim. Agus nan robh an t-side air mairsinn ciuin, tha mi lan-chinnteach gun robh mi air an long gu leir a thoirt gu tirna piosan. Ach an uair a bha mideanamh deas gus a dhol gu bord innte an dara turus deug, chunnaic mi gun robh aghaoth atoiseachadh ri beothachadh. Ach air a shon sin, an uair a bha e muir-traigh, chaidh mi air bord, agus ged a bha min duil gun do rannsaich mi an cabin cho maths a ghabhadh deanamh, fhuair mi aite-glaiste ann anns an robh drathraichean. Ann an te dhiubh fhuair mi dha no tri de rasairean, siosair math, mor, agus mu dhusan sgian is forc. Ann an drathair eile fhuair mi airgiod a bhuineadh do rioghachdan na Roinn-Eorpa, agus do Bhrasil. Bha ena bhuinn bheaga agusna bhuinn mhora. Bfhiach na bhann gu leir mu shia puinnd deug air fhichead Sasunnach.

An uair a chunnaic mi an t-airgiod so, thainig fiamh gaire orm, agus thuirt mi, O, a rud gun mhath! Ciod am feum a thannad? Chan fhiach e an t-saothair dhomhsa do charachadh as abhads am bheil thu. Is luachmhoire aon dhe na sgionan so dhomhsa nan torr airgid so gu leir. Chaneil feum air an t-saoghal agam ort. Fan far am bheil thu, agus rach don ghrunnd mar ni anns nacheil feum sam bith.”

Ach an uair a smaoinich mi uair no dha air achuis thug mi as an drathair e, agus phaisg mi gu curamach e ann am breid canabhais, agus thoisich mi ri deanamh rath. Am feadhs a bha mi gu trang ag obair air deanamh an rath, chunnaic mi na speuran adubhadh, agus gun robh aghaoth asior eirigh, agus ann an ceathramh na h-uarach dheirich aghaoth cho ards nach burrainn domh an rath a chur gu tir on a bha aghaoth aseideadh bhar an fhearainn. Ghrad smaoinich mi gum be mo ghliocas feuchainn ri dhol gu tir munn eireadh an lionadh ro ard, air neo is docha nach fhaighinn gu tir gu brath. Air an aobhar sin leig mi mi-fhin sios don mhuir, agus shnamh mi gu tir, ach cha bann gun stri gun chunnart; oir eadar aghaoth a bhith laidirnam aghaidh agus cudram nan nithean a bha mi giulan, theab nach tugainn tir am mach idir.

Ach fhuair mi dhachaidh do mo bhothaig bhig, far an do laidh mi gu samhach agus mo cuid saoibhreis gu leir mun cuairt dhomh.

Sheid an stoirm gu math cruaidh fad na h oidhche ud, agus an uair a sheall mi mach anns a mhadainn cha robh sealladh ri fhaicinn air an luing. Chuir so beagan ioghnaidh orm, ach bha de thoileachadh agam gun do rinn mi feum dhen uine, agus gun robh mi gle dhichiollach gus a h-uile rud a bhiodh feumail dhomh a thoirt aisde, agus nach robh abheag air fhagail air bord innte a bhiodh feumail dhomh ged a bhiodh am barrachd uine agam gus a dhol air bord a dhiarraidh tuilleadh.

Leig mi nis an long as maire, agus a h-uile dad a dhfhaodadh a bhith innte. Ach na dheigh sid chuir am muir gu tir piosan dhi, ach cha robh iad a chum moran feuma dhomh.

Shuidhich mi nis minntinn gu buileach air ciod an doigh a bfhearr anns an rachadh agam air mi-fhin a dhion o dhaoine fiadhaich, nan tigeadh a h-aon dhiubh nam choir, agus o bheathaichean fiadhaich, ma bha a h-aon dhiubh air an eilean. Bha iomadh doigh atighinn fa chomhair minntinn araon do thaobh so, agus mar an ceudna do thaobh an seorsa taigh-comhnuidh a bfhearr dhomh a dheanamh. Cha robh fhios agam co dhiu a bfhearr dhomh uamh achladhach anns an talamh, no tent a dheanamh. Mu dheireadh shuidhich mi gun deanainn an da chuid, agus cha bhiodh e mi-iomchuidh dhomh cunntas a thoirt seachad an so mun deidhinn.

An uine ghoirid chunnaic mi nach robh an t-aite anns an robh mi freagarrach air son aite-comhnuidh a thogail ann, gu sonraichte on a be talamh iosal, tais a bhann a bha faisge air achladach. Agus bha micreidsinn nach biodh ena aite fallainn; agus gu h-araidh a chionn nach robh uisge faisge air. Air an aobhar sin chuir mi romham gum feuchainn ri aite bu deiseile ri uisge, agus a bfhallaine fhaotainn.

Bha caochladh nithean ann a thug mi fa near a thaobh mar bu choir dhomh aite-comhnuidh freagarrach a dheanamh. An toiseach, bu mhath leam an t-aite bhith fallainn, agus uisge math a bhith dluth dhomh; a rithist, bu mhath leam gum biodh ena aite fusgach o theas na greine; ’s an treas aite, bu mhath gum biodh e furasda ri dhion o dhaoines o bheathaichean fiadhaich; agus anns acheathramh aite, bu mhath leam gum biodh e ann an sealladh na mara, a chum, nan tachradh gun cuireadh Dia long an rathad, gum faicinn i, agus nach caillinn cothrom air mi-fhin fhaighinn as an daorsa anns an robh mi, o nach do chaill mi mo dhochas gum faighinn as.

An uair a bha mig amharc air son aite dhen t-seorsa, fhuair mi comhnard beag ri taobh beinne a bha cho cas ri balla taighe, air chors nach burrainn duine no creutair sam bith eile tighinn a nuas orm on mhullach aice. Aig bonn na beinne so bha toll astar beag a staigh mar gum biodh dorus uamha; ach cha robh uamha no fosgladh sam bith fada staigh fon chreig so.

Shuidhich mi gun togainn an tent air achomhnard bheag a bha air beulaobh an tuill so. Bhan comhnard so mu cheud slat air leud, agus mu dha cheud slat air fad, agus bha e mar aillean boidheach mu choinneamh an doruis agam, agus leathad neo-shocrach sios uaithe a dhionnsuidh achladaich. Bann air taobh a tuaths an iar-thuath na beinne a bhan t-aite, agus mar sin bha e fasgach o theas na greine gus am biodh aghrian anns an aird-an-iar, sin ri radh, gus am biodh e faisge air dol fodha na greine anns an aite ud. Mun do chuir mi suas an tent, chomharraich mi am mach an t-aite anns an deanainn callaid mhath, laidir gus an tent a dhion. Bha gach ceann dhen challaid ri bonn na creige caise a dhainmich mi mar tha. Bhachallaid so gu bhith leith-chruinn. Bha mu dheich slatan eadar a meadhain agus bonn na creige far an robh an toll, agus bha mu fhichead slat eadar an da cheann aice.

Chuir mi da shreith de phuist mhatha, laidir anns an talamh. Bha an da shreith so mu shia oirlich o cheile, agus bha na puist mu choig troidhean a dhairde. Rinn mi na cinn aca biorach an deigh dhomh an cur gu math domhain, teann anns an talamh. ’N a dheigh sin chuir mi na piosan chablachan a thug mi as an luing eadar an da shreith phostachan, on talamh suas gus am barr; agus gus achallaid so a dheanamh laidir gu leor, chuir mi maidean-taic ris na puist a bha air taobh a staigh na callaid; agus bha i cho laidirs nach burrainn duine no ainmhidh faighinn thairis oirre.

Chosg mi saothair agus uine mhor mun do ghearr mi na puist anns achoille, mun do tharruinn mi iad a dhionnsuidh an aite, agus mun do bhuail mi sios gu math teann anns an talamh iad.

(Ri leantuinn).


Facal a LArdoise.

A DHEADH CHARAID, —Ged a thog mi mo pheann gu beagan fhacal a chur sios aig an àm so, chaneil fhios agam gu ro mhath ciod a sgriobhas mi. Ged a bheirinn mo bheachd mun t-sìde, is docha gum bi mim mearachd; oir tha i caochladh cho trics nach urrainn do neach beachd cheart a thabhairt. Ach tha na h-uilen dòchas gu bheil a chuid as miosa seachad.

Is cinnteach gur e cho fior fhuarsa bhan t-sìde bu choireach gun do bhual fiabhrus pòsaidh na Frangaich an taobh so. Chaidh innse dhomh gun do chuir còrr is fichead snaim mun dthainig an Carghas. Cha do thachair ach aon phòsadh Gaidhealach: Iain Mathanach áGrand Riveris Flòiri Mhathanach a mhuinntir an àite so. Tha sinn a call nan nigheanan Gaidhealach le tapachd fleasgaich bhailtean eile; agus ma leanas gnothuichean dhen t-seorsa moran nas fhaide cha bhi caileag air fhàgail againn ris an dean sinn briodal. Ach on is e bliadhna leum a thann, agus cead laghail aig na caileagan air a’ “cheisd a chur,” dhfhaodadh gun òl sinn deoch slàinte càraid òg air choireiginn mum bibhliadhna seachad.

COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.

An naodhamh latha dhen Mhàrt.



[151]

[Vol . 12. No. 19. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


An t-Earrach.

LEIS AN URR. DONNACHADH MAC-GILLEATHAIN, NACH MAIREANN.

Is maiseach an t-earrachnuair thig ena thràth,
S is maiseach an caochladh a thig air a shàil;
Am fuachd gheibh e bàirlinn is fàgaidh en tir,
S ge leisg e mu imeachdse imeachd a ni.

Thig caochladhs cha bheag e, ’s cha bheag idir oirnn,
S cha luaithe nas maith leinn, is maith air gach dòigh;
Gheibh nàdar grad fhuasgladh, gheibh fuasgladhna feum,
S thig saorsa on cruaidhchàs don tuath is don spréidh.

Bidhghrian dol an àirde, a blàths dol am mòid,
Ged robh a sùil silteach, ’s ged diadh oirre neòil;
Geds mall leinn a h-éiridh, ’s geds gearr leinn a cuairt,
Gidheadh théid an giorrad a cadals a suain.

Tha na glasan alasach’, than t-earrach air teachd,
Tham fonndol an taisead, aleaghadh than sneachd,
Tha gach allt agus lochan tighinn am follais a rìs,
S cha diol iad don reodhadh bonn cuspainn no cìs.

Than eigh orra géisgeils ag éigheach gu h-àrd,
A spionnadhga tréigsinn, ’s in éiginns an càs,
Tha ibristeadhsa bruanadh, air ghluasad gun taing,
S cha ghabhar bonn truas dith, ’s cha truagh leinn a cainnt.

Tha gach bith agus creutairbha éisleineach, trom,
Fàs misneachail, treubhach, las éibhneasnan com;
Nan crùban chaneil iad am fasgadh nam bruach,
S ged ri àm thigeadh fras cha mheath iad le fuachd.

Tha mèilich nan caorach asgaoileadh mun cuairt,
Ach chan ann mar a bha e fann, cràiteach, is truagh,
Ach guth na caomh mhathar làn blàiths agus gaoil,
Acuireadh a h-àlaich grad thàradh ra taobh.

Is tosdach chaneil i gus an tarruing iad dlùth,
Amireadhs a cleasachd, ’s a beadradh le sunnd,
Gus an tig iadnan deannaibhs an tàrr iadna còir,
S an tràigh iad na cìochan tha lìontach gu leòir.

Tha trusgan agheamhraidh atuiteam gu làr,
S tha trusgan is grinne atighinnna àit’;
Tham fuachd adol seachad, thig teas agus blàths,
On thàinig an t-earrach, an geamhradh fhuair bàs.

Than treabhaichadùsgadh gu sunndachs gu moch,
Lechaib’, is léin’, ’dhol a reubadh nan cnoc:
Chaidh an t-seisreach an òrdughs gur bòidheach don t-sùil
Na thaiges an amharc an dòchass an dùil.

Than sgrìob air a leagadh gu dìreachs gu réidh,
An sìol air a churs achliath air a dhéigh;
S is sunndach is ceòlmhor an t-òrans na fuinn
Tha tighinn adchòmhailn àm treabhadh an fhuinn.

Than saoghal adùsgadh on dùiseals on t-suain,
A bhuadhaich car ùinged nach dfhaod e bhith buan;
Tha beatha, is gluasad, is luasgans gach àit’—
Tha othail is ùpraid gach taobh agus àird.

Nuair dhearrsas a ghrian air, ’s a shileas gu sèimh
An drùchd a bheir cinneas is grinneas o nèamh,
Na dhìthreabh nis fhaide cha bhi e mar bha,
Ach fàsaidh gach luibh ann is maisiche blàth.

O! dùisg sinn or cadal, is iompaichna thràth,
Chaomh Athair ar spioraid, le anail do ghràidh,
Mun crannar an dorus nach fosglar rir glaodh,
S a bhitheas ar n-aidmheils ar n-athchuinge faoin.


Nis than Latha Seachad.

Nis than latha seachad
S feasgarciaradh nuas,
S neula tiugh na h-oidhche
Anns an iarmailt shuas.

Nis than dorchalaighe,
S rionnag air an speur;
S tha luchd-tàimh na coille
Dol mu thàmh gu léir.

Iosa, thoir don ànrach
Cadal fallain, ciùin;
Sùilean beagdo leinibh,
Le do bheannachd dùin.

Aislingean gun bhuaireas
Deònaich fhéin do duain;
Coimhid an luchd-mara,
Mach air uchd achuain.

Beannaich dream tha faire
Muinntir thinns fo phian;
Dream than air droch-bheart,
Gleidh om peacadh dian.

na h-oidhche faide,
Sgaoileadh dainglean naomh
Sgiathan geala tharainn,
S faireadh iad rar taobh.

Snuair a thig amhadainn,
Eiream leis aghréin,
Urail, glan, ’s neo-lochdach
Ann ad shùilean fhéin.


Mairi Ghreannar.

SEISD.
O shaorainn, shaorainn, shaorainn i,
Air mfhacal fhéin gum faodainn sin;
S ged bhiodh cuid nach saoileadh e,
Gun saorainn Mairi Ghreannar.

Shaorainn fhein gun teagamh i,
Ged bha mi tric abeadradh rith’,
Nach diarr mi ni mi-dhleasanach,
S nach freagradh dhomh bhi cainnt air.

Shaorainn fhein gu deònach i,
S cha beagal leam gedbhòidichinn,
Nach dfhuair mi bheag de dhfhòtus innt
On ghabh mi eòlas cainnt oirr’.

Ma tha cron ri leughadh ort,
An gniomh, non gne, cha léir dhomh e;
S a dhaindeoin beachd an t-saoghail so
Is tusa daonnan mannsachd.

Tha suairceas, tlachd is siobhaltachd
Astri co dhiubh is dilse dhut;
Tha maise, cliù is finealtachd
Ag imeachd air gach laimh dhiot.

Gur modhail, socrach, briathrach thu;
Gur aoidheil, caoimhneil, ciallach thu;
S nam biodh gach cùis mar dhiarrainn iad,
Bu tu mo cheud bhean bainnse.

Dfhalt bòidheach, cam-bhuidh’, dualagach,
S a bhàrr afàs gu dcruachanan:
Do phòg mar mhil nan cuachagan,
S do shnuadh air dhreach an t-samhraidh.

Gur soitheamh, banail, beusach thu;
Gur geanail, sunndach, eutrom thu;
Gur connar, fonnar, spéiseil thu,
Gu h-aoidheil, céillidh, greannar.

Cha mhol mi thu, chan urrainn mi,
Chaneil mo bhriathran ullamh dhomh,
Do bheusan thug min t-urram dhaibh,
S iad chuir mi uilen geall ort.

Ach dhinnsinn fhìn gu soilleir dhuibh
Co i, ’s co bhuaitheshloinneadh i,
Mur bhi gun dfhuair sibh coire dhomh
Air son na rinn mi chainnt oirr’.


Doire Gheala-bhuinne.

EADAR. LE IAIN MAC COINNICH, UGHDARSAR OBAIR NAM BARD.”

Gu doire Gheal-bhuinnfalbhamaid, ainnir mheachair, O,
Trid a lubaibh cama, gorm, ainnir mheachair, O,
Far am fàs an ròs na uaill,
Chuireas maisair dreach gach cluain,
S am bi sithichean air chuairt, ainnir mheachair, O.

Theid sinn sios seach am muileann, ainnir mheachair, O,
Thun na h-uaimhtaobh an t-sruthain, ainnir mheachair, O,
Far am freagair guth nan gleann
Fuaim steallaireach nan allt,
Teachd o sheomraichibh nam beann, ainnir mheachair, O.

Theid sinn do bhad nan geug, ainnir mheachair, O,
Far an tric a laidh sinn fein, ainnir mheachair, O,
G éisdeachd oranaich nan craobh
Ri seinn da chéilair gaol,
Fighe lus-chrun taobh ri taobh, ainnir mheachair, O.

Ah! ’s gearr gus an cuir mi cùl, ainnir mheachair, O,
Ris an tir sos riutsarùin, ainnir mheachair, O,
Ris an t-sruthan chuairteach, ghrinn,
Is fàile cùbhraidh na coill,
Is riut fein a ghaoil gun fhoill, ainnir mheachair, O.

Tha gruaim an fhortain cruaidh, ainnir mheachair, O,
Air do leannan-sa, ’san uair-s’ , ainnir mheachair, O,
Seal mun éirich grians na speur
Dhùsgadh coisridh bhinn nan geug,
Falbhaidh mise do thir chéin, ainnir mheachair, O.

Nuair a bhios min dùthaich chéin, ainnir mheachair, O,
Na mlaidh am blàr ban creuchd, ainnir mheachair, O,
Eilidh, ’nuair chluinneas tu
Gum bi do ghaolsan ùir,
Bidh na deoir a ruith o dshùil, ainnir mheachair, O.



[152]

[Vol . 12. No. 19. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Fear air bith chan aill Leam

SEISD.
A dhfhear air bith chan àill leam,
Air bith, air bith chan àill leam;
A dhfhear air bith chan àill leam.

Chan àill leam gobha dubh aghuail,
No isean suarach tàilleir.

Chan àill leam fhein an tuathanach:
Bidh ruaig air son amhàil air.

Chan àill leam saor nan locraichean:
Gur h-aotrom bochd acheaird-san.

Chan àill leam fhein an greusaiche,
S na breugan aco-fhàs ris.

Chan àill leam fhein am breabadair
A bhios agoid an t-snàth oirnn.

Chan àill leam fhein an seòladair
Bhios eòlach air na sràidean.

Gum bfhearr leam fhein an saighdear,
Bhiodh oidhche anns gach àite.


Sean-fhacail agus Comhadan.

LE DONNACHADH LOUDUINN.

N uair a chailleas neach a mhaoin,
S gnothuch faoinbhig iarraidh meas,
Ge do labhair e le céill
S beag a gheibh edhéisdeas ris.

S beag sgoinn do mhòintich am monadh;
S beag sgoinn do choille am fàsach;
S lugha meas thadhuine falamh,
N uairtha earras an deigh fhàgail.

S iomadh caraidthaig fear saibhir;
Tha daoine bochda gun phrìs;
S gann a dhaidicheas an càirdean
Gum buin iad daibh is iad bhin dìth.

Than fhirinn gu cliùiteach sona,
Cha chron air duinebhi fial:
S fearr beagan anns an onair,
Nan donas agus ceithir chiad.

Is ainmig a dhéireas fortan,
Le fear crosdabhios gun chéill;
S fearr do dhuine fuireach sàmhach
Na droch dhàn a chur an céill.

Eiridh tonn air uisge balbh;
Gheibhear cearb air duine glic;
Eiridh gnothach le fear mall;
Bristidhm fear tha call gu tric.

Thaghaineamh fhein anns gach sruthan;
Chaneil tuil air nach tig tràghadh;
S donan càirdeas gun a chumail,
S chan fhaighear duine gun fhàiling.

Is coltach feartha ris an fhoill,
S nacheil sgoinn aige den chòir,
Ris an duinethaisg an luaidh,
Agus a thilg uaithen t-òr.

S dona thig maighdean gunbhi beusach;
Cha dean fear gun ghéire dàn;
Cha dean fear gun fhoghlum leughadh;
S cha tig léigh gu duine slàn.

S mathbhi siothail anns gach ball;
Caillidh daoine dall an t-iùl;
Is sona neach a bhios gun bheud,
Ach caillidh luchd nam breug an cliù.

Smaoinich mun dean thu labhairt,
Mas àill leat do ghnothuchbhi réidh;
S fearr dhut sealltuinn beagan romhad,
Na sealltainn fada air do dhéigh.

Cha trom leis an loch an lach,
Cha trom leis an each an t-srian,
Cha trom leis a chaora h-olainn,
S cha truimid acholuinn a ciall.

Cha trom leis an fhiadh a chabar,
Cha trom leis a choileach a chìrein;
Ni a mheasas aon neach mar leth-throm,
Chi neach eile mar thoilinntinn.

Than neachtha gleidheadh seanachais dhiomhain,
S a leigeas diadhaidheachd fobhonn,
Mar a bhan a thog a chàth,
S a dhfhag an cruineachd air an tom.

Far am bi bidh bean,
S far am bi bean bidh buaireadh;
Far am bi fearg bidh bruidhinn,
Is as abhruidhinn thig tuasaid.

Am fear a bhrathass emharbhas;
Cha deanar dearbhadh gun deuchainn;
S gann a dhaithnicheas tu do charaid,
Gus an tachair dhut bhithd éiginn.

S math caraid anns achùirt,
Ma thig neach gu trioblaid;
Achs fearr euns an laimh
Na dha air iteig.

Leig deallach air làr mun lag thu,
Ma dhaithneas tu deallach trom;
Is mòr gur fearr an a ruitheas,
Nan a shuidheas air tòm.

Bean thlachdmhor, gun ghniomh, gun ghleidheadh,
Ge do thaitinn i ri dshùil
Ciod am feum a ta an lann,
Mur bi làmh air a cùl?

Pigheid chaileig air bheag céill,
Gedrobh feudail aicus stòr,
Chan fhaod a fear a bhì sona,
Ma bhios i gnogachs an t-sròin.

Bean gun nàire, gun ghliocas,
Bean mhisgeach, gun bheusaibh
Bfhearr dhut chur mu damhuich,
Na do cheangal ri dhiubh.

Bean ardanach, labhar,
Bean ghabhannach, chéilidheach,
Is tùs trioblaidus aimbeairt
Dol ga dcheangal ri dhiubh.

Am fear a gheallass e dhiocas,
S em fear a dhiarras a phàidheas;
Cha choir do neach a bhi ullamh
Gu dolan cunnart non gàbhadh.

Am fear nach dean àrri latha fuar,
Cha dean e buain ri latha teth;
Am fear nach dean obair no gniomh,
Chan fhaigh e biadh feadh nam preas.

S fearr sìth á preas na strìth ri glais;
Bi faicilleach mu dghiulan,
S furas seasamhn gnothach ceart.
Ge dtheid gach cùis gun dùbhlan.

Is tùs aghliocais eagal ;
Cha dean encoir do chur suas,
Co dhiubh is math nos olcthadchré
S ann doreir a gheibh thu duais.

Is fearr an ceartas glan nan t-òr;
Is beag air duine còir an fhoill;
An neach a charas thu o dchùl,
Chuir edhùil an cuid an doill.

Is ciatach gnothach follaiseach,
Achs dona comunn cealgach;
An rud a gheibhear aig ceann an deamhain
Caillear e aigearball.

Is olc an toiseach cogaidh geilt;
Chan ionann sgeul don chreichs don tòir;
Is searbh gloir an fhir a theich,
S am fear a dhfhuirich ni e bòsd.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 19
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 19. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page