[Vol . 12. No. 2. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IULAIDH 24, 1903. No. 2.
Thug an cònsachadh a bha air a chumail air adhart o chionn ghoirid le “Mac Eanruig,” “Iain,” is “Cona” toileachadh nach bu bheag dhuinn. Bhiodh e na ni ciatach na’m faighte aon riaghailt air-son sgriobhadh na Gàilig, agus cha’n eil teagamh againn nach deanadh tuilleadh cònsachadh dhe ’n t-seòrsa so cuideachadh le sin a thoirt gu crìch. Tha an caochladh dhòighean a tha sgoilearan a’ cleachdadh a’ litreachadh na Gàilig a’ toirt am misnich o fhoghlumaichean òga, agus na aobhar air moran dhiu a bhi sgur dhe ’sgriobhadh. Tha àireamh mhor de na facail air an sgriobhadh ’san aon dòigh leis gach sgriobhadair Gàilig air am bheil eòlas againn; ach a thaobh moran eile de na facail tha gach sgriobhadar a’ deanamh an ni sin a chi e-fein iomchuidh. Gheibhear giorrachadh air “agus” ann am barrachd ’s an da chruth mu’n robhas a’ cònsachadh. Chithear air uairean “a’s” air a chleachdadh mar gu’m bu litrichean-meadhoin an fhacail a bhiodh air am fàgail as. Tha gach aon diù so ceart gu leòr, a reir barail an neach do’n tachair a bhi ga ’n sgriobhadh; ach bhiodh e moran na b’ fhearr do’n chainnt na’n aontaicheadh na sgriobhadairean uile air aon litreachadh a leantuinn.
Tha facail eile tha cheart cho tric ri “is” air an litreachadh air caochladh dhòighean. Chithear an da fhacal, “cha’n eil” ann an iomadh cruth, “cha’n eil,” “chan eil,” “chan fheil,” agus “cha’n ’eil.” “Agus tha am facal “air-son” air a sgriobhadh “airson,” “air-son,” agus “air son.” Cha’n eil iad so uile fad o’n aon rud, ach tha iad fada gu leòr gu sgriobhadairean òga a chur air aimhreit, agus eadhon sgriobhadairean a tha ’n deigh làithean an òige chur seachad. Tha cho liutha facal ann air bheil cho liutha seòrsa litreachaidh ’s nach eil e furasd’ eadhon do neach a tha daonnan a’ sgrìobhadh riaghailt sam bith a leantuinn gun a bristeadh.
Bhiodh moran doirbheadais air a sheachnadh ann an sgriobhadh Gàilig na’m biodh na sgoilearan deònach na bu lugha feuma dheanamh de’napostrophe .Tha ’m punc beag sin a’ deanamh culaidh-eagail de litreachadh Gàilig. Tha e feumail gu leòr ann an àiteachan, ach thatar ga chur ann an iomadh àite anns nach eil e deanamh feum sam bith, ach cron. Theirear gu bheil e nochdadh na dòigh air an robh a’ chainnt aon uair air a labhairt. Tha sin ceart gu leòr ach ’se tha leughadair an la an diugh ag iarraidh cainnt an la an diugh, agus is coma leis dhe bhi cumail a sìnnsireachd daonnan fa chomhair. Ma bheir an litreachadh dha ainm facail, fóghnaidh sin leis; cha’n eil e ’g iarraidh a shloinnidh.
Ann am baile-mor Philadelphia tha miltean de chloinn eadar ochd is deich bliadhna dh’ aois ag obair còir is deich uairean de na h-uile latha. Tha an lagh a’ bacadh gille no nighean a chur ri obair-latha gus am bi iad tri bliadhn’ deug a dh’ aois; ach tha ’n lagh air a chur an neo-bhrìgh. So ann an “tir an t-sluaigh shaoir agus dachaidh nan treun”! Na’m b’ ann an Canada no am Breatunn a bhiodh a leithid, nach bu tric a ghabhadh ar cluasan teas ag eisdeachd ris na bhiodh aig na paipeirean Geancach ri radh mu dheidhinn.
Chaidh an soitheach-smùide Monterey a bhristeadh faisg air St. Pierre. Bhuail i an creig ’s i air a dhol air seacharan ann an ceò. Bha i ’seòladh eadar Montreal is baile-mor Bhristol, an Sasuinn, agus bha thairis air mile ceann cruidh air bòrd aice.
Chaochail am Pàp Leo XIII feasgar Di-luain s’a chaidh, aig aois ceithir fichead is tri bliadhn’ deug. Cha robh a bhàs gun dhùil ris. Bha e tinn o chionn beagan ùine air ais agus o chionn seachduin no deich latha cha robh dòchas ri e dhol am feobhas. Bha e na phàp beagan thairis air coig bliadhna fichead is coig miosan. Re na h-ùine sin nochd e gliocas agus géiread inntinn a choisinn cliù mor dha. Nuair chaidh a thaghadh, cha robh cùisean anns an Ròimh ach gle thrioblaideach, agus b’ esan a bha na mheadhoin air an toirt gu bhi cho sìochail agus cho réidh ’s a bha iad o chionn aireamh bhliadhnachan air ais. Mar ard-cheann na h-Eaglais Chaitlicich, bha e riamh iarrtach air sìth is deagh-ghean a bhi eadar na dùthchannan a bha ’g aideachadh a chreidimh Chriosduidh; agus bha luchd-ionaid as gach dùthaich gu tric ga thadhal. Mar dhuine bha e iriosal, càirdeil, agus daonnan deas gu caoimhneas a nochdadh ri bochd no ri beartach. Bidh ionndrain mhor air anns gach cearna de’n t-saoghal.
Tha sinn a’ cluiuntinn gu bheil fear Caiptein Blackburn a’ cur bheannachdan gu muinntir Shidni, agus ag radh nach eil e dol a dheanamh turus-fairge gu bràth tuilleadh. An e so an seòd air an d’ thug sinn iomradh roimhe, a bha anns a bhaile fad seachduin ag iarraidh tasdain air gach aon aig an robh toil sealladh fhaotainn de’n bhàta anns an robh e dol a sheòladh do’n Roinn-Eòrpa? Faodaidh an Caiptean a bhi dhe’n bharail nach eil MAC-TALLA ga ’dheanamh fein cho fiosrach mu ghniomharan euchdach ’s mu dhaoine mora an t-saoghail ’s bu chòir dha; ma thòisicheas e ri tilgeadh an aineolais oirnn feumar gabhail ris. Tha fios againn ciod is ainm do Iompaire na Gearmailt, do Righ Bhreatuinn, agus do Riaghladairean na Frainge ’s nan Stàidean; ach ainm a’ churaidh a dh’ fhàg Sidni le bàta beag gu dhol thairis an cuan-mor, agus a ràinig cho fada ri Sidni Tuath, gu dearbh ’s gu deimhin tha sinn air a thur dhiochuimhneachadh.
Air a’ bliadhna a chriochnaich leis a mhios a dh’ fhalbh, b’e teachd-a- steach Newfoundland da mhuillion is da cheud gu leth mile dolair. B’e so an t-suim bu mhò a thainig a stigh ris an dùthaich an aon bhliadhna riamh; bha e leth-cheud mile dolair os cionn teachd-a- steach na bliadhna roimhe sin. A dh’ aindeoin àireamh mhor dhe’n t-sluagh a bhi ’fàgail Newfoundland ’sna bliadhnachan so, tha soirbheachadh mor air an dùthaich. Tha an t-iasgach air an t-samhradh so gle ghealltannach.
Tha a bhreac fhathast ann anSydney Mines,ach tha i nis air sgur a sgaoileadh ’s iadsan a bha tinn leatha air dhol am feobhas. Bha aon duine tinn leatha ann an Sidni Tuath air an t-seachduin s’a chaidh. Tha àireamh na’n laidhe tinn leis an easlaint cheudna ann an Amherst, N. S. Tha i na h-easlaint a tha doirbh a cur as gu buileach, ach gu fortanach cha’n eil timchioll an àite so ach meur gle aotrom dhi.
Tha an t-Onarach A. G. Blair an deigh a dhreuchd san àrd-riaghladh a leigeil bhuaithe. Cha robh e còrdadh ris na ministeirean eile a thaobh nan cumhachan air an robh iadsan deònach an rathad iaruinn ùr a thogail o thaobh gu taobh de’n dùthaich, agus air an aobhar sin dh’ fhàg e iad.
Bha an duine comasach a tha ’na Cheann-Suidhe air co-fhlaitheachd na Fraing anns an dùthaich so air an t-seachdain so; agus fhuair e fàilte is furan nach dìochnichear ré ioma latha. Tha sinn a’ tuigsinn gu’m bi an fhàilte so ’na tlachd anns an Fhraing; agus ’na bann càirdeis eadar i féin agus Breatunn. Thug na Frangaich fàilte chridheil do ar Rìghne; agus is ann an lorg sin a tha an Ceann-Suidhe Loubet a’ tighinn thar a’ chaoil a dh’ fhaicinn sluagh na dùthcha so agus a bhi a’ nasgadh boinn cairdeis is malairt eadar an dà rìgheachd. Ann an làithean roimhe so bha cùisean a nis agus a rithist glé shearbh eadar iad féin agus sinne. Thàinig Diùc Frangach a nall o cheann córr is ochd ceud bliadhna; is ’na lorgsan thàinig gràisg uaislean is laghan ùra a tha ’nan trioblaid gus an latha ’n diugh. O’n àm ud chaidh na Breatunnaich a null uair no dhà; agus bha còmhstri gu leòir eatorra. Tha iad eòlach gu leòir air a chéile a nis no bu chòir dhaibh a bhi. Bha a ghnàth barrachd droch mhunadh eadar Sasunn agus an Fhraing, na bha eadar an Fhraing agus Albainn. Tha sinn duilich a thuigsinn nach urrainn M. Loubet tighinn a dh’ Albainn air an turus so a chur ’nar cuimhne nan ceangal blàth a bha eadar an dà dhùthaich ioma lìnn roimhe so. Ach bidh deagh run nan Gàidheal ’s nan Albannach an coitcheannas a’ leantuinn an Ard Riaghlair so agus a luchd-dùthcha ’nan oidhirpean anmadail air son math an rìgheachd agus an t-saoghail gu léir. Oban Times, July 11.
Tha da phaipeir ann an siorrachd Inbhirnis aig an àm so a’ cur a mach air a cheile gu dona. Cha’n eil coire sam bith ri fhaotainn do phaipeirean a thig gu connsachadh geur mu chùisean-riaghlaidh, no mu ni sam bith eile bhuineas do leas na dùthcha; cha’n eil sinn uile dhe’n aon bharail, agus fhad ’s nach eil, bidh àite connsachaidh ann. Ach is gnothuch mi-dhòigheil do fhear-deasachaidh a bhi ’gabhail ainmean air a cheile, ’s gach fear a bhi ’g aithris a h-uile ni a shaoileas e bheir mi-chliù air an fhear eile. Bha sinn an dùil gu robh la a chàinidh ’s an droch bheòil air a dhol seachad do phaipeirean-naidheachd na duthcha so, ach tha e gle choltach nach eil.
Tha righ Iomhar agus a Bhanrigh Alexandra air an t-seachduin so a’ cur cuairt air Eirinn. Rainig iad Bail-a- cliabh Di-màirt; tha iad ri fuireach an sin gu Di-sathuirne, nuair a theid iad gu Belfast. Bha ullachadh mor air a dheanamh fa ’n comhair, agus chuireadh fàilte chridheil orra. Tha muinntir na h-Eirinn a’ faotainn an dòigh fein gu math a thaobh cùisean fearainn air a’ bhliadhna so; tha iad a’ toirt creideis do’n righ ann an tomhas mor air-son sin a bhi air a thoirt daibh, agus air an aobhar sin tha iad ga ’fhàilteachadh na’s fhearr na rinn iad riamh roimhe.
Tha dòchas againn nach tig oirnn a bhi cur an cuimhne luchd-gabhail MHIC-TALLA gu bheil dolair ’sa bhliadhna ri phàidheadh air; agus nach eil àm dhe’n bhliadhna a’s fhurasda pàidheadh a dheanamh na na miosan so fhein nuair tha airgiod pailt; agus gu’n toir na dolair fhaicinn a’ tighinn a stigh gu pailt misneach mhor do’n fhear-deasachaidh ’s do’n chlòdhadair; agus gu’n dean iadsan a tha ’g obair air a bhi toilichte feum nach beag do’n phaipeir.
[Vol . 12. No. 2. p. 2]
Naidheachdan.
Bha spraidheadh ann am mèinn ghuail an stàid Wyoming o chionn da sheachduin air ais leis an robh tri cheud is ceithir deug air fhichead de na mèinneadairean air am marbhadh.
Chaochail an Onorach R. B. Dickey ann an Amherst, N. S., Di-màirt air an t-seachduin s’a chaidh, aig aois ceithir fichead is da bhliadhn’ deug. Bha e na ’bhall de Shenate Chanada on chaidh na roinnean aonadh ’sa bhliadhna 1867.
Bha crith-thalmhainn ann anCape Town,an Africa mu dheas, air an naodhamh la dhe’n mhios so. Cha’n eil crith-thalmhainn na ni neo-àbhaisteach ’san dùthaich sin, ach b’i sud aon cho trom ’s a dh’ fhairicheadh ann o chionn fichead bliadhna.
Tha an t-Urr. Alasdair Ros, ministeir Hogamah, an deigh am parraist a leigeil uaithe. Tha e nis a’ fàs sean, agus tha ’n obair ro-throm air a shon. Tha meas mor aig muinntir a’ pharraist air, agus tha iad duilich e bhi ga ’m fàgail. Tha sinn a cluinntinn gu bheil an coithional a toirt gairm do’n Urr. Alasdair Mac Gillfhinnein am Boston.
Thachair sgiorradh bàthaidh aig mèinn an Reserve Di-sathuirne s’a chaidh. Bha Ambrose, mac do Niall Mac Gillemhaoil air a bhàthadh ann an amar-uisge na méinne. Bha e fein is gille òg eile a buain shuibheag mu bhruachan an amair nuair a thuit esan ann, agus cha d’ rainig cuideachadh gus an robh e ro-anmoch. Cha robh an gille ach na ’thri bliadhn’ deug a dh’ aois. Bhuineadh a phàrantan roimhe so do thaobh a deas a Bhagh an Ear.
Tha an t-uisge ’s an t-side bhlàth a th’ againn o chionn da sheachduin air ais an deigh feum mor a dheanamh do’n fheur ’s do gàch seòrsa barra. Tha am fàs anabarrach bras anns an dùthaich so, agus tha na tuathanaich a nise gabhail dòchais nach bi cùisean cho fior dhona ’s a bha eagal orra bhitheadh iad. Ma bhios a chuid eile dhe’n mhios so agus toiseach an ath mhies fàbharrach, faodaidh e bhith nach bi am feur ’s am bàrr fad air deireadh air mar a b’ àbhaist.
Bha teas anabarrach ann an New York air an deicheamh la dhe’n mhios so. Bha ceithir fichead is tri air am bualadh leis a’ ghréin, agus dhe ’n àireamh sin fhuair a sia deug air fhichead bàs. Ann an Canada bha teas mor an cuid de na bailtean, ach cha robh bàs air aobharachadh leis. An àm a bhi gearain air fuachd na dùthcha so, bu chòir dhuinn a chuimhneachadh gu bheil cearnan dhe’n t-saoghal anns am bheil deagh reusan aig an t-sluagh air bhi gearain air an teas.
Ann an Somaliland, air taobh an ear Africa, tha cogadh beag air làmhan Bhreatuinn o chionn àireamh mhios. Tha ceann-feadhna tapaidh ris an canar am “Mullach Caothaich” a’ deanamh ceannairc na h-aghaidh agus a’ cur trioblaid mhor air a h-arm. Bha blàr air a chur o chionn ghoirid anns an deachaidh còrr is mile de luchd-leanmhuinn a chinn-fheadhna sin a mharbhadh, ach fhuair e fein teicheadh. Tha Somaliland na àite iomallach fad as, agus air an aobhar sin tha na naidheachdan a tha tighinn as air uairean neo-chinnteach.
Ann am Baile-Shearlot, air an ochdamh la dhe ’n mhios, bha Joseph Carver air fhaotainn ciontach de mhurt Alasdair Stiùbhairt, agus thugadh a mach binn bàis air. A reir na binne sin tha e ri bhi air a chrochadh air a cheud la de dh’ October. Rinneadh am murt air an naodhamh la de dh’ April. Bha Carver na sgalaig aig an Stiùbhartach, agus chaidh iad bhar a chéile chionn Carver a bhi fàgail ’obrach gun chead fhaotainn. An deigh na h-aimhreit, fhuair e gunna an iasad o fhear de na coimhearsnaich ’s thainig e air ais ’s thilg e a mhaighstir, ga ’ghrad mharbhadh.
Bha stoirm mhor thàirneanach is dealanach ann an siorrachd Inbhirnis da sheachduin air ais. Ann am Mabou bha da mhart le Domhnull Domhnullach air am marbhadh; bha an sabhal aig Murchadh Mac-a- Phearsain, air cùl Phort Hood air a bhualadh leis an dealanach; agus rinneadh milleadh mor air sabhal Iain Mhic-Fhionghain ann an Roseburn. Bha na tàìrneanaich na bu truime na chualas o chionn iomadh bliadhna ’sna cearnan ud. Bha uisge trom a’ sileadh leis na tàirneanaich. Bha stoirm thàirneanach is dhealanach an taobh so dhe’n eilein cuideachd, ach cha robh i ach aotrom ’s cha d’ rinneadh call sam bith.
Chaochail am Breitheamh Armour ann an Sasunn o chionn ghoirid. Bha e air aon de na h-uaislean a bh’ air an sònrachadh air-son cùisean a réiteach mu chrioch Alasca. Bidh a chorp air a thoirt a nall do Chanada gu bhi air adhlacadh gu follaiseach air chosdus na dùthcha.
Chaidh seana bhean a losgadh gu bàs faisg air Digby, N. S., air an naodhamh la dhe’n mhios. Thug i stigh ultach de shliseagan ’s nuair bha i ga ’n cur air an teine ghabh a h-aparan: bha a cuid aodaich uile air a losgadh dhith, agus mu’n d’ ràinig cuideachadh bha i marbh. Bha i pòsda aig fear Padruig Therieau; agus bhi i tri fichead is da bhliadhna dh’ aois.
Chaochail an t-Urr Domhnall Mac-Griogair ann an Amherst, N. S. feasgar Di-sathuirne s’a chaidh. Bha e leth-cheud is tri bliadhna dh’ aois. Fhuair e bhreith is àrach aig Loch Ainslie, ’san eilein so. Bha e suidhichte mar mhinisteir ann an Amherst o chionn fichead bliadhna. Bha meas mor aìg a choimhthional air agus bidh e doirbh dhaibh duin’ fhaotainn a lionas àite.
COLLA CIOTACH MAC GHILLEASBUIG. *
LEIS AN OLLA MAC FHIONGHAIN AN DUNEIDEANN.
(Air a leantuinn).
BIODH sin mar dh’ fhaodas. ’Nuair a thainig a’ chomhstri eadar a’ cheud Tearlach ’s an sluagh gu h-aona-cheann, sgaoil Montròs bratach an righ an Albainn ’s a’ bhliadhna 1644, agus fhuair Colla Ciotach ’s a dhithis mac an saorsa air doigh air chor-eigin. Thog Iarla Antruim mu dhà mhile saighdear an aobhar a’ chrùin agus chuireadh mu choig-ceud-deug dhiubh do dh’ Albainn a chuideachadh Mhontròis. Fhuair Alastair Mac Colla comannda an fheachd so, agus tha Tormod Mac Leoid ag innseadh dhuinn ’s an Teachdaire Ghaidhealach ciamar. “ ’Nuair a chruinnich Maithean na tìre a shomachadh cò a rachadh air ceann an Airm, bha dà fhlath uasal Eirionnach aig an robh fiughair ris an urram sin, a thaobh meud an càirdean aig a’ choinneamh. “Bu chòir,” a deir ceann-mhath na cuideachd, “an t-urram a thoirt do’n ghàirdean as tréine an Eirinn, nam biodh fhios có e.’
‘So e,’ deir Alastair, ’s e tarruing a chlaidheimh, ‘a dh’aindeoin cò theireadh e.’ ‘C’aite bheil an t-ath-ghàirdean,’ a deir an Ceann suidhe? ‘So e,’ deir Alastair, ’s e tilgeadh a chlaidheimh ’n a làimh chlì. Cha do chuir duine ’n a aghaidh, agus fhuair Alastair a bhi ’n a cheann-feadhna air a’ chuideachd.” Is docha gu’n robh cainnt de’n t-seorsa so am beachd Diorbhail Nic-a- Bhrithuin nuair a sheinn i:
“Alastair, a laoigh mo chéille,
Cò chunnaic no dh’ fhàg thu ’n Eirinn?
Dh’ fhàg thu na miltean ’s na ceudan,
’S cha d’ fhàg thu t’ aon leithid fhéin ann!
Buinidh cogadh Mhontròis is Alastair Mhic Colla do dh’ Eachdraidh na h-Alba ’s gu sonruichte do dh’ Eachdraidh na Gaidhealtachd, agus cha’n e mo ghnothach sgeul a chur orra. Dhearbh Alastair a ghaisge ’s a theòmachd ’s a’ chogadh so, agus bha a’ bhuaidh aige gus an do shàth e a bhratach ann an Gocam-gò. Ma’s e farmad-cùirt is mi-run a thug air Montròs dol troimh mhonaidhean Pheairt is Earraghàidheal an dùbhlachd a’ gheamhraidh a thoirt sgrios air dùthaich Mhic-Cailein, bu shuarach an t-aobhar e. Bha leithsgeul a b’ fhearr aig Alastair Mac Colla. Cha bu ruith leis-san ach leum dol latha sam bith de’n t-seachduin air an turus cheudna. Agus feumar aideachadh gu’n robh ainfhiach trom aig na Domhnallaich, agus gu sonruichte aig càirdean Alastair, air na Caimbeulaich ’s air Mac Cailein, ged nach cuir sinn ar n-aonta ris an dòigh ghairisnich air an d’ thug ‘fear tholladh nan tighean’ a mach dioghaltas.
Tha e air a radh gu’n robh Colla ’s a dhithis mac, Gilleasbuig is Aonghus, anns gach blàr a chuir Alasdair le Montròs. Cha’n ’eil dearbhadh agam nach ’eil so fìor. Ach dh’ iarrainn dearbhadh gu bheil, mu’n làn-chreidinn e. Co-dhiù tha seanachas air gu’n d’ fhuair iad ùine is cothrom air cogadh ’s air creachadh anns na h-Eileanan ’s air Tìr-mòr ’s na bliadhnachan so. Ghabh Mac Cailein seilbh an Colasa, gun chòir sam bith ’s a’ cheud dol a mach, cho fhad ’s is léir dhomh, ach an làmh-làidir. Chuir e, ma’s fhìor seanachas an Eilein, fear Domhnall Ballach Mac Eòghain ’n a fhear-ionaid do Cholasa. Bha ‘reachd a’ Bhàillidh’ cruaidh da rireadh an Colasa ri linn Dhomhnaill Bhallaich, gu sonruichte air bochdan, air bantraichean, ’s air dilleachdain. Eadar màl is mòd, càin is cìs cha robh a bhi beò aig an t-sluagh. Chuir am fhear-sàrachaidh so càin air maorach a’ chladaich. Chaidh Aonghus Mac Colla ’s a dhaoine air sgriob do’n Eilean, cha’n ’eil iomradh có bhliadhna, ach b’ ann ri linn cogadh Mhontròis. Thachair bantrach bhochd orra ’s a h-aona mhart aice an ceann taoid, a’ dol a phaigheadh an daimh-ursann ri Domhnall Ballach. Dh’ innis i a sgeul. “Till thusa dhachaidh,” ars’ Aonghus, “socraichidh mise chùis ri Domhnall Ballach.” Ràinig e fhéin ’s a ghillean Orasa, far an robh am Bàillidh a’ fuireach. Chaidh iad a steach, Thairg Domhnall Ballach snaoisean do dh’ Aonghus. “A bheil iteag agad?” [ ’s e sin, air son an t- snaoisein] , ars’ Aonghus. “Cha’n ’eil iteag agam” [ ’s e sin, comas itealaich] , fhreagair Domhnall Ballach, “na’m bitheadh, cha robh mi romhadsa an so an nochd.” Cha robh tuilleadh seanachas eatorra. B’ fhearann-eaglais Orasa, ’s bha tearmunn aig a’ chiontach a bu duibhe aon uair ’s gu faigheadh e seachad air Crois-an-tearmuid a bha ’n a seasamh iomadh linn am meadhon na faodhlach eadar Colasa is Orasa. Ach cha shàbhaladh adharc na h-altarach fhéin Domhnall Ballach. Cha chuireadh na daoine an-iochdmhor gu bàs an Orasa e. Thug iad thar na faodhlach e, cheangail iad e ri carragh cloiche a tha fhathast ’na sheasamh air Leana-na-Eaglais ann am Baile-raomuinn-mòr, chuir iad seachd peileirean ann ’s chuir iad fios gu Mac Cailein nan cuireadh e leithid Dhomhnuill Bhallaich a rithisd do Cholasa gu’n deanadh iad an aon ghiullachd air. Rinn Aonghus ’s a chuid daoine creachadh is milleadh mòr an Ile. Bha athair is Gilleasbuig a bhrathair an neo-ar-thaing cho dian ’s cho dioghaltach air Tir-mòr.
Cha ’n eil fios ro chinnteach ciod e a ghluais Alastair Mac Colla ’nuair a dhealaich e ri Montròs mar a rinn e. Is dòcha nach robh e fhathast sgìth de chasgradh nan Caimbeulach. Co-dhiu ’s ann air fearann Mhic Cailein a thug e aghaidh. Is ann air an turus so a bha e aon mhaduinn bhòidheach chéitein ’nuair a stad e fhéin ’s a chuid daoine gus an deantadh deas am biadh-maidne. Shàth e a bhratach ann an cnocan gorm, agus dh’ fheoraich e cia b’ ainm dha. “Gocamgò,” thuirteadh ris. Thainig fàisneachd a mhuime ’n a chuimhne, agus tuilleadh fuireach cha deanadh e. Dh’ fhàs cridhe a’ ghaisgich nach d’ thug a chùl riamh ri nàmhaid mar chridhe leinibh. Cha robh sùil air creachadh; cha robh feitheamh ri Leslie a bha nis air a shàil. Troimh Chinntire ghabh e. Dh’ fhag e cuid d’ a dhaoine an Dùn-àbhartaidh, ’s thug e Ile air. Dh’ fhàg e mu dhà cheud saighdear an Dùn-naomhaig fo chomannda athar, Colla Ciotach, ’s chaidh e thairis do dh’ Eirinn. Mu’n gann a ruith am foghar chaidh a
* Leughadh am paipeir so do Chomunn na Gàidhlig an Lunnainn air an aona-la-fichead de’n Chéitein, 1903.
[Vol . 12. No. 2. p. 3]
mharbhadh am blàr Chnoc-nan-os. Bha Alastair Mac Colla pòsda air aon de nigheanan Mhic Alastair, Tighearna nan Lùb. Dh’ fhàg e teaghlach, ’s tha a shliochd fhathast maireann, cuid diubh an inbhe urramaich.
Lean Leslie is Mac Cailein air luirg Alastair Mhic Colla troimh Chinntire. Gheill caisteal Dhùn-àbhartaidh le cion uisge. Chuireadh na saighdearan gu bàs gu h-an-iochdmhor, air comhairle ministeir Gallda bha leantainn an airm, their cuid, ’s le deòin Mhic-Cailein, their cuid eile. B’e oighre Tighearna nan Abhanna [Sanda] aig an robh comannda a’ chaisteil. Chaidh e fhéin is athair, a bha leis ’san Dùn, a mharbhadh, ach fhuair a bhan-altruim comas teicheadh leis an leanabh-oighre do dh’ uamha an aodann Maol Chinntire, far an d’ fhan i gus an robh an tòir seachad. O Dhùn-àbhartaidh chaidh Leslie ’s Mac-Cailein gu Dùn-naomhaig a bha fo dhìon Cholla Chiotaich. Ghéill Colla air chùmhnanta gu faigheadh na bha ’san Dùn an saorsa. Dh’ aontaich Leslie. ’Nuair a bhatar a’ sgriobhadh nan cumhachan, thainig Colla mach as a’ chaisteal a chainnt ri Mac Aonghuis an Dùin( ’s e sin Dùn-sta’innis), fìor-charaid dha, ged bu Chaimbeulach e. Rinn Leslie gu grad greim air Colla, ’s chuir e an làimh e, “gnìomh,” thuirt Turner,” a chuir smal air cliù Leslie.” “Bha eilean sgreabach eile an Ile,” tha Turner ag ràdh, “fo chomannda mac dìolainn do Cholla, ach leig sinn leis-san a bhi dol.” B’ e so Eilean Locha Guirm. Ghlacadh Gilleasbuig Mac Colla an Sgibnis agus Aonghus Mac Colla an Dùn-naomhaig, ma tha ’n fhirinn aig Hill; agus chaidh an dithis a chrochadh. Cha’n ’eil iomradh gu’n robh aon diubhsan pòsda.
Tha cunntas na’s cinntiche mu chrioch Cholla. Thugadh thairis ’na phrìosanach e d’a charaid, Mac Aonghuis an Dùin. Nochd an Caimbeulach uasal so gach uile chaoimhneas do’n t-seann laoch, ’s thug e cead do Cholla bhi dol mu’n cuairt, air fhacal nach teicheadh e. Fhuair Mac Cailein rabhadh mar bha cùisean. Thuit do Mhac Aonghuis a bhi an Inbher-aora, agus dh’ fheòraich an t-Iarla dheth an robh Colla fo gheimhlean. Thuirt Mac Aonghuis gu’n robh. Fhreagair Mac Cailein, “Ma gheibh mise mach nach ’eil, dìolaidh tusa air.” Chaidh teachdaire á Inbher-aora a dhearbhadh a’ ghnothaich. Ach chuir Mac Aonghuis air falbh a cho-dhalta fhein, Mac-Philip, le òrdugh teann e ghabhail gach ath-ghoirid a los a bhi air thoiseach air teachdaire an Iarla. Ràinig Mac Philip an Dùn-beag ’s ghlaodh e, airde chinn, thar an locha “Colla fo gheimhlean, Colla fo gheimhlean.” ’S e latha sèimh, grianach foghair a bha ann. Bha Colla a mach air an achadh bhuana, gu dichiollach ag adagachadh an déigh nam buanaichean. Chuala e an glaodh, ’s thuig e e. Dh’ fhàg e an t-achadh air a shocair. Chaidh e steach d’ a chùil; chuir e na geimhlean air a chasan le a dhà laimh fhéin; ’s bha e ’na phrìosanach daingean, tearuinte, an iaruinn, ’nuair a rainig teachdaire Mhic-Cailein. Thugadh binn a bhàis a mach. B’ e Tighearna nan Ard ceann-suidhe na cùirt; ’s cha bhiodh fuighair ri tròcair uaithe-san.
Agus tròcair no tròcair cha ’n iarradh Colla air. Bha bàs an t-seann duine an dlùth-chòrdadh r’a bheatha, riasgail, doirbh; gun fhiamh, gun sgàth. “An-robh thu aig Inbher-lòchaidh?” dh’ fheoraich Mac-Mhic-Eoghain dheth aig a’ chùirt. “Air mo bhaisteadh, a bhodaich, ’s mi bha, agus rinn mi barrachd sgath ’san teugbhail na rinn thu fhéin,” fhreagair Colla le spìd. Bha e riamh ro dhéigheil air snaoisein, agus b’ e aon iarrtas gu’n adhlaichteadh e cho dlùth do dh’ uaigh Mhic Aonghuis, ’s gu’m biodh snaoisean aca le chéile air uairean, ’nuair a rachadh a sheana charaid fo’n fhòid. ’S e seanachas na dùthcha gu’n do chrochadh Colla ri crann a bhirlinn fhéin a chaidh a shineadh eadar dà chreig thar geodha cùl caisteal Dhùn-sta’innis, ’s gu’n do thiodhlaiceadh e mar dh’ iarr e ann an Eaglais bhig a tha nis comhdaichte le eidhinn ann an tom coille dlùth do’n t-seana chaisteal, far a bheil àite-adhlacaidh teaghlaich an Dùin.
’N ar latha-ne choisneadh an duine treubhach so cliù dha fhein is urram d’a dhùthaich. ’N a latha fhein fhuair e an t-ainm, ach gun an tairbhe. Dalta mhòran eile cha robh cliù a dhùthcha ro thric ’n a aire bheachd. Cothrom dhaibh fhéin ’s d’ an càirdean; anacothrom d’an naimhdean, b’e sin an creud uile. Thoill gniomharan Cholla Chiotaich peanas trom; ach bha bhàs, ’n a sheann aois, ’na mhasladh mòr d’a naimhdean. Chaill e a bheatha a chionn gu’n do chuir e earbsa ann an onoir Leslie ’s Mhic-Cailein.
(A’ chrioch.)
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. X.
AN T-OSDAIR DUBH FO EAGAL A THIONNDAIDH GU AOIBHNEAS—MALAIRT AN DROCH MHARGADH—AS AN TEINE DO ’N GHRIOSAICH.
MADUINN ghreannach ’sa mhios Mhàrt. Tha gaoth làidir fhuar a séideadh o’n ear-thuath a fuadach nan neul ghlasa, thiugha na ’n armailtean a nuas bhar mullach nam beann. Tha nàdar ri osnaich bhrònach troimh bhàrr nan craobh, ’s am fraoch crasgach, tioram, donn ’s am feur seacte a’ cromadh an cinn fo anail iùnnraiseach nan speur. Tha na beanntan mora air faireadh, ag amharc na ’s ìsle na b’ àbhaist, mar gu ’m biodh iad ga ’n clùthadh fhéin ’s ag amharc air-son fasgaidh o na siantan faoillich so. Gun teagamh cha robh ’n latha taitneach air-son cuairtearachd, ’s cha bhiodh fear sam bith a’ triall a phuill ’s an eabair ga ’dheoin.
B’ ann mu dheich uairean air an latha so a chì sinn triùir mharcaichean a tearnadh Ghlinn Duibhre air an rathad á Bail’ -an-iubhair. Ràinig iad mu dheireadh dorus a’ mhuileann duibh, ’s a tighinn gu làr thug am fear a bh’ air thoiseach dararaich le làimh na cuipe air an dorus a thug an t-òsdair dubh fhéin ga ’ionnsuidh. Amhrusach, eagallach daonnan, chuir e nis a shùìl ris an toll, ach o’n a bha ’n duine cho faisg cha ’n fhaiceadh e mòran, ’s mar sin dh’ fhosgail e ’n dorus gu fàillidh. Dh’ fhàs a bhilean glas agus chrithnich e, an uair a chunnaic e ’n àireamh, ’s bha e gu cabhagach a dol ga ’dhùnadh, an uair a chuir am fear a bhuail a ghuala mhor eadar an dorus ’s an ursainn.
“Air do shocair, a charaid; air do shocair! Tha mi smaointinn nach cleas Gàidhealach an dorus a dhùnadh an aodann a choigrich; agus ma theid agad air biadh a thoirt dhuinn fhìn ’s dha na h-eich, pàidhidh sinn gu math thu ’s cha chuir sinn an còrr dragha ort.”
Cha robh an t-òsdair dubh ag amharc toilichte, ach o nach b’ urrainn dha an còrr a dheanamh dh’ éibh e air Uilleam gus cùram a ghabhail dhe na h-eich, agus thug e gu h-aindeonach cuireadh dha ’m maighstirean tighinn a steach. A faicinn an ceann ùine nach e fhein an cuspair a bh’ air an aire, dh’ fhàs e na b’ fhosgarra, is na bu dàine air an cuideachd. Thuig e gu ’m bu mhaoir iad, agus o ’m briathran gu ’n robh rudeiginn aig an turus ri dheanamh ri Caiptean Adam. A leigeil fhaicinn dhaibh nach robh moran gaoil aig’ air a’ chaiptean, an uair a thuig e beagan mu cheann an turuis, fhuair e a mach an còrr mu ’n chùis.
Thachair beagan ùine roimhe so gu ’n d’ thàinig uasal òg air chuairt do Bhail’ -an-iubhair, aig an robh, a réir choltais, barrachd de dh’ òr na bh’ aige de dh’ eanachainn. Fhuair Caiptean Adam greim air, agus ’s e am bun a bh’ ann, reic e oighreachd a’ Bheallaich ris an amadan bhochd, a toirt dha còraichean bréige air an fhearann, air an deanamh suas gu laghail le companach a bha ma b’ fhior na fhear-lagha. Fhuair e suim mhor airgid uaithe, ’s chaidh e an uair sin á sealladh mar gu sluigeadh an talamh e. Ach an uair a rinn an luidealach air-son seilbh a ghabhail air an oighreachd, fhuair e a mach gu ’n robh e air a spionadh ’s air fheannadh gu tapaidh, oir bha ’m fearann ’s gach ni air uachdar seachad air an luach an ainbheach, ’s cha robh sian a chòir aige fhein no aig a’ chaiptean chòir orra. B’ ann a dol a sheuladh nan dorsan an ainm an lagha a bha na fir, ’s a dol a chuir air falbh an luchd-muinntir truagh nach d’ fhuair riamh air-son an seirbhis ach geallaidhean bòidheach, briathrach.
Faodar a thuigsinn dé ’n toileachadh a thug so do ’n òsdair dhubh. Thug e nuas am fìon a b’ fheaar agus lion e glaineachan nam maor a rithist agus a rithist, a’ cur ioghnadh nach bu bheag orra le ’fhialachd an déigh na chual iad mu dheidhinn air an rathad. Chaidh an ioghnadh an àm falbh thar tomhais, oir cha ghabhadh e sgillinn—cha ghabhadh, cha ghabhadh. O’n a bha e cho coimhneil, am biodh e cho math ’s gu ’n cuireadh e air an rathad dhòigheil iad? O, is ann a dh’ fhalbhadh e ga chois còmhla riutha, troimh ’n pholl ’s troimh ’n eabar, gus am fàgadh e aig na geatachan iad— ’s ann gu dearbh—car bu docha leis a rinn e o chionn fada, ged a ruigeadh am poll bann na briogais dha! ’S e sin a rinn e. Dh’ fhàg e na maoir air a chnoc mu choinneamh taigh a’ Bheallaich, agus air dhaibh sealltainn na ’n déigh, bha e mar bhodach-feannag eadar iad is leus, gu h-aotrom a’ dannsa ’sa gearradh staileagan ris na speuran iùnnraiseach.
An uair a chaidh na maoir á sealladh, shuidh an seann òsdair air a chnoc ged a bha e fliuch, oir bha e sgìth le thurus, ’s cha do chuidich an dannsa leis, ach bha e subhach, fior shubhach, ’s cha b’ urrainn dha ’chumail sios. Rinn e gàire mor tùchanach, agus bha e tarruinn analach gus fear na bu mhotha dheanamh, an uair a chual’ e gàire cridheil air a chùlaobh.
“Ha, ha! a Dhùghaill, a charaid, nach sinn a tha subhach! Feumaidh gu ’n cual’ thu naigheachd bàis cuideiginn! Ha, ha, ha! An ann a tighinn air chéilidh orm a bha thu? Is bochd nach rachadh agam air cuirm a dheanamh dhut na ’m chaisteal, a dheagh charaid! Bu tu fhéin an dannsair aotrom! Cha ’n fhaca mi riamh d’ àicheadh! B’ fhearr leam an sealladh agus a choinneamh so na oighreachd a’ Bheallaich!”
Chruinnich aodann an òsdair gu chruth àbhaisteach gu luath, ’s a tionndadh a chinn mar gu ’n deanadh ian, chunnaic e le uamhas Caiptean Adam mu choinneamh, agus leis an ioghnadh cha do smaointich e air éirigh, ach chum e ’shùil air gun bhriobadh fhad ’sa bha e bruidhinn ris mar so.
“Ha, ha, ’charaid, tha mi faicinn gu bheil ioghnadh ort, oir bha thu smaointinn gu ’n robh thu cuibhteas mi gu bràth. Ach bheir so rabhadh dhut gu ’n gu bràth iollach ait a dheanamh gus am bi thu mach as an dris.”
Dh’ fhosgail an t-òsdair a bheul agus ghlaodh e àird a chlaiginn, ach am briobadh na sùla bha daga aig Adam ri clàr aodainn.
“Fosgail do bheul a rìthist agus bidh tu an àite na ’s dorcha na chunnaic thu riamh, ged a tha e na ’fhacal mor, mu ’m bi thu cóig mionaidean na ’s sine. Ach eirich, a charaid, agus cuir d’ aghaidh air Gleann duibhre, agus leanaidh mis’ thu, oir tha mi dol ga ’m chuireadh fhìn còmhla
[Vol . 12. No. 2. p. 4]
riut dhachaidh, agus an uair a ghabhas sinn deagh bhiadh, gabhaidh mi an t-each donn a chuala mi a cheannaich thu o chionn ghoirid, ’s cha chuir mi ’n còrr dragha ort. Agus ma thogras tu an uair sin faodaidh tu ’n gàire chriochnachadh air an do thòisich thu ’sa chaidh a thachdadh cho sgiobalta.”
Dh’ eirich an seann òsdair agus ghabh e air thoiseach mar a dh’ iarr an caiptean air. An uair a thainig iad gu Allt-nam-breac bha ion-thuil air, ’san t-uisge a sior éirigh na b’ àirde a h-uile mionaid. Bha ’n t-òsdair a’ dol a ghabhail a mach, ach chuir a chompanach a làmh air a ghualainn.
“A nis, a charaid,” ars’ esan, “cha ruig sinn a leas ar casan a fhliuchadh le ’chéile, agus mar sin bheir mi dhut a dh’ urram mo ghiulan air do mhuin thun an taoibh eile.” Le so a ràdh chaidh e air muin an òsdair, agus ars’ esan, air dha e fhein a shocrachadh ’sa chasan a chrupadh gu math, “A nis, a’ sheann eich, cuimhnich air a chuip,” ’s e aig a cheart àm a’ cur na daga fo shròin an òsdair.
Ghabh e mach gu fàillidh air a chlachan chorrach. Bha cleòca sgaoilte m’a ghuaillean, air a chumail dùinte le aon phutan mor fo sgòrnan. Sheas e am meadhain an uillt. “ O,” ars’ esan, “tha thu ga ’m thachdadh!” ’sa cur suas a laimhe dh’ fhuasgail e am putan, ’s am briobadh na sùla, mu ’n do smaointich a mharcaiche gu ’n robh dad fa near dha, leig e e-fhéin le plumadh sios far am bu doimhne an t-uisge. An uair a dh’ fhairich Adam an t-uisge fuar m’a cheann a dùnadh, rinn e greim bàis air a cheud rud air an do ghreimich ìnean, ’s an ath mhionaid bha e air fhàgail, agus seann chleòca an òsdair aige ’san doimhne. Mu dheireadh fhuair e greim air cloich mhoir chorraich, agus ga ’tharruinn fhéin suas sheall e mu ’n cuairt, ach cha robh sealladh aige air an òsdair, agus cha robh fios aige co-dhiù bha e marbh no beò, ged a shaoil leis, air dha bhi greis ag éisdeachd, gu ’n cual e fuaim mar ghàire magaidh a tighinn uige thar bhàrr an fhraoich. Bha Adam ann an so ùine mhor. Bheireadh e ionnsuidh an dràsda ’sa rithist air eirigh, ach gach uair a bhiodh e dol ga ’dhìreadh fhein rachadh a chlach air chrith ’s bha e crùbadh sios gu fàillidh a rithist. Mu dheireadh dh’ eirich an t-uisge cho àrd ’s gu ’m b’ fheudar dha ’n teicheadh a ghabhail ge b’ oil leis, agus fhuair e a mach gur a miosa ’n t-eagal na ’n cogadh, agus nach robh stri chruaidh sam bith ann a faighinn gu talamh tioram. Air an ath mhaduinn bha ’n stàbull falamh aig an òsdair dhubh, ’s an t-each donn, am bargan a fhuair e o’n chuairtear, a dhìth air, agus ged a ghreas e leis a bhrath thun nam maor, cha robh sgeul shios no shuas air a’ chaiptean.
Aig an àm so bha féill mhath air gillean òga coltach air feadh Bhreatuinn thun na saighdearachd, agus Boni a rithist a feuchainn ris an Roinn-Eòrp’ a chìosnachadh. Ann an cearnan car iomallach bhiodhte ga ’n toirt air falbh le làmhachas làidir an ainm an rìgh, gun am faighneachd. Bhiodh ofigich sheòlta falbh mu ’n cuairt a briagadh òganach aineolach mu na taighean-òsd’, agus ga ’n ceangal ris an arm, le airgiod an righ a chur na ’n laimh, agus le iomadh beirt eile. Ann an àiteachan bha loingeas aca ris na cladaichean ga ’n togail ’s ga ’n toirt o’n chrann, no o obair sam bith aig am faight’ iad; agus gu h-àraidh na ’m faiceadh na h-ofigich sheòlta so gill’ òg mor, coltach, agus coltas air a bhi gealltanach mar churaidh treun, dheanadh iad stri chruaidh gus greim fhaighinn air.
Chual’ an t-òsdair dubh gu ’n robh long dhe ’n t-seòrsa so ag iathadh mu chòrsachan an àite, agus dh’ fhalbh e a dh’ aon ghnothuch a dh’ innse dhaibh mu ’n churaidh threun Eòbhain bàn mac an t-saighdeir. A cur crùin an laimh an t-seargeant ris an do bhruidhinn e, thuirt e ris: “Bidh mi na d’ chomain gu bràth ma theid agad air greim fhaighinn air, oir ’s e geall a th’ ann eadar mi-fhìn ’s e-fhéin, agus ma theid leam gheibh thu leth a ghill. Tha leithid de bharail aig an òganach so air fhéin ’s gu ’n duirt e rium ’s sinn a bruidhinn mu ’n chùis, nach robh de dh’ ofigich aig an rìgh na bheireadh e air falbh gun a làn thoil fhéin. Ach chuala mise mu d’ dheidhinn-sa ’s mu d’ thapachd, agus ’s e am bun a bh’ ann gu ’n deach an geall a chur ’s tha mis’ an so.” Dh’ innis e ’n uair sin dha coltas Eobhain, agus c’ àit’ am faodadh e bhi ’g amharc air a shon, agus dh’ fhàg e slàn aige.
Latha no dha na dhéigh so bha ’n sealgair a mach le ’bhàta ’g iasgach. Bha latha ciatach ann, agus mar sin chaidh e mach astar math o thìr gus faighinn dlùth do dh’ eilein àraidh, a bh’ air a chùnntais na dheagh àit’ iasgaich. Ach tha iomadh lethsgeul aig an earrach air a bhi fuar agus aig an t-samhradh òg air a bhi caochlaideach, agus b’ ann mar sin a thionndaidh an latha so. Shéid stoirm chas, ghàbhaidh, a ghlac an sealgair air an rathad dhachaidh, agus ged a chaidh e uair is uair na bheatha dlùth air a bhàs, cha deach e riamh roimhe cho dlùth air a ghàirdeanan fuara ’sa chaidh e na bhàta beag faoin, aig tròcair iùnnrais na speur is onfhadh beucach, gàbhaidh nan tonn luasganach, air an làth’ ud. Leth mharbh le sgios, ag iomradh ’s a taomadh, ràinig e mu dheireadh tìr bheannaichte. Tharruinn e, mar a their an seann sgeul, am bàt’ a seachd fad fhein air talamh tioram, ’s an sin air a chlaoidh leig e e-fhéin na ’shìneadh ri fasgadh taitneach ’sa bhagh air aghaidh na gréine, ’s an ceann tacain bha e na shuain throm. Cha robh fios aige dé cho fad ’sa bha e ann, ach dhùisg e gu clis, air dha e fhéin fhaighinn ag éirigh o thalamh.
(Ri leantuinn.)
CLANN DUILLIGH.
B’E Eachann Ruadh nan Cath mac Lachainn Lùbanaich, mhic Eoin Duibh, mhic Ghillechaluim, mhic Mhaoliosa, mhic Ghilleathain na Tuaighe, mhic Mhic-rath, mhic Mhaolsuthain, mhic Neill, mhic Chuduilligh, mhic Raing, mhic Sheann Dùghaill Sgàinne. Thuit Eachann Ruadh am blàr Harla ’sa bhliadhna 1411. Tha Eoin Dubh a tachairt oirnn an eachdraidh chinntich fo ’n ainm Eoin Mac Gille-eoin ’sa bhliadhna 1325. Tha ’athair a tachairt oirnn fo ’n ainm Maol-calum Mac Gille-eoin an 1296.
B’ e Cuduilligh a cheud fhear de shinnsre Ghilleathain na Tuaighe a bha a chòmhnuidh an Earraghaidheal. Theirteadh mar sin Clann Chonduilligh ri ’shliochd. Bha a bheag no mhor de dh-fhearann aig Gilleathain fo Mhac-Dhùghaill Latharn’, agus ghabh a shliochd ’ainm mar an sloinneadh. Mar sin bha Clann Ghilleathain na ’n Leathanaich bho linn Mhaoliosa mac Ghilleathain.
Ri ùine dh’ atharraicheadh Cuduilligh gu Conduilligh, agus Clann Chonduilligh gu Clann Duilligh. Mu dheireadh chuir an fheadhainn ris an abairteadh Clann Duilligh cùl ris an ainm sin gu buileach agus rinn iad Clann Mhic-Raing dhiu fhein. Bha ’n t-ainm so a taitinn riutha na b’ fhearr, agus a bharrachd air a sin bha e làn fhreagarrach, oir bu mhac Cuduilligh do Rang.
Bha Clann Duilligh nam piobairean ainmeil. Bha oil-thigh aca an Cille-Bhreanain an Torloisgte. Bhiodh gillean òga a tighinn as gach cearn a dh-ionnsachadh piobaireachd ann. An déidh do Chlann-Ghilleathain Dubhairt a chall, thòisich e ri a dhol air ais. Anns a bhliadhna 1760—a bhliadhna mu dheireadh ’san robh e fosgailte—cha robh ann ach seachd foghlumaichean deug.
Anns an rann a leanas tha Iain Mac-Codruim a moladh Cloinn Duilligh agus a caoidh gu ’n dugadh an cuid fearainn bho Chloinn Ghilleathain:—
Nan cluinnt’ ann am Muile
Mar dh’ fhàg thu Clann Duilligh,
Cha b’ fhuilear leo t’ fhuil
Bhith air mullach do chinn:
’S i bu ghreadanta dealachainn
Air deas-laimh na h-armachd,
A breabadh nan garbh-phort
Bu shearbh a dol sios.
Creach nach gann, sibh gun cheann,
Fo bhruid theann Sheorais,
Luchd nam beul fiara
G’ ur pianadh ’s g’ ur fògradh;
Rinn iad le fòirneart
Ur còir a bhuin dibh.
’S e Conduilligh a b’ ainm do ’n Mhac-Raing a bha na phiobaire aig Sir Iain Mac-Gilleain. Bha e aig blàr Sliabh an t-Siorra an 1715. Nuair a thòisich am blàr thug e a phiob do ’n ghille aige gus an aire thoirt oirre, agus ghabh e fhein a staigh do ’n bhlàr. Nuair a chuir an taobh air an robh e an ruaig air an naimhdean thill e a dh’ iarraidh na pioba, ach cha robh i ri fhaighinn. Ghabh an gille ris an robh i an earbsa an t-eagal roimh na gunnachan agus ruith e air falbh. Rinn Lachainn mac Mhic Iain an Cola rannan an aghaidh na pioba, agus tha e a tilgeadh oirre gu ’n do theich i á Sliabh an t-Siorra.
’N Sliabh an t-Siorra beag dona so shuas,
An cuala sibh e?
Thug i leum air muin gille bhig ruaidh
Gu teicheadh o ’n bhlàr.
Tha e gle chinnteach nam biodh Lachainn Mac Mhic Iain a staigh sa bhlàr nach teicheadh e. Ach nan robh e na sheasamh far an robh an gille beag ruadh, gun char aige ri ’dheanamh is na peileirean a feadaireachd mu chluasan, tha e duilich innse gu dé a dh’ fhaodadh e a dheanamh.
Bha mac aig Conduilligh do ’m b’ ainm Eachann agus bha mac aig Eachann do ’m b’ ainm Eoghan. B’ e Eoghan am fear teagaisg mu dheireadh a bha ann an oil-thigh na piobaireachd an Cille-Bhreanain. Bha e na eildeir anns an sgire do ’m buineadh e. Tha ’ainm a tachairt ruinn an leabhar an t-seisein sa bhliadhna 1778. Chaochail e mu dheireadh na bhliadhna 1783. Chuireadh Eachann a mhac a staigh mar eildeir na àite. Dh’ fhàg Eachann Muile sa bhliadhna 1804 agus chaidh e a chòmhnuidh maille ri piuthair dha ann an Grianaig. Bha Muile nam mor-bheann an nis gun phiobaire de Chloinn Duilligh, agus bha so na aobhar bròin do dh-iomadh neach. Rinneadh òran air falbh Eachainn, ach cha chuala sinn dheth ach an rann so:—
Tha ’m dhìth, tha ’m dhìth,
Tha’m dhìth gu buileach;
Clann Duilligh ’s a phiob
Tha ’m dhìth gu buileach.
Nàm gleusadh nam piob
Bu bhinn an luinneag;
’S iad ’thogadh am fonn
Neo-throm ’sa chuideachd.
Bha mac aig Eachann Mac Raing do ’m b’ ainm Niall. Chaidh Niall do Chola agus fhuair e baile fearainn ann. Phòs e Catriona Nic-Gilleathain, Catriona nighean Thearlaich mhic Eachainn. Bha cóignear chloinne aige, Eachann, Catriona, Eoghan, Conduilligh, agus Seonaid. Anns a bhliadhna 1776 bha da sgalaig agus searbhanta aige. Bha ’n dithis bu shine de chuid cloinne os cionn bliadhna air fhichead aig an àm sin, agus an triuir eile fo bhliadhn’ air fhichead. Bha e na
[Vol . 12. No. 2. p. 5]
phiobaire aig tighearna Chola. Nuair a bha Alasdair Ruadh an reisimeid Morair Bhraid-Alba bha Niall Mac-Raing leis. Sguir Niall de ’n phiobaireachd mu ’n bhliadhna 1806. Chaochail e mu ’n bhliadhna 1819.
Dh’ ionnsuich Conduilligh mac Neill a phiobaireachd, ach thilg e bhuaithe a phiob is thug e ’n t-arm air. Bha e sa chogadh an America sa bhliadhna 1812, agus dh’ eirich e suas gu bhith na chaiptin. Thill e do dh-Albainn an 1816. Phos e Mairearad Nic-Gilleathain, an Ceanna gharair am Muile an 1817. Thainig e-fein agus Eachann a bhràthair do dh-Eilein a Phrionnsa sa bhliadhna 1820.
Tha e air a radh gun robh Clann Mhic-Raing na’n daoine gle choltach. Tha an rann so co dhiu a cur sin an geill duinn.
C’ àit a bheil anns a chruitheachd
Aon mhac mna thug ort urram,
Ann an uaislead ’s an grinnead,
Ann an deirgid ’s an gilid,
’Mach bho phearsa Chloinn Duilligh,
Is bho Phàdruig Mac-Cruimein?
A. M. S.
INNSEAN NA H-AIRDE ’N IAR.
RINN mi luadh cheana air Pickford agus Black, agus air na soithichean smùide ’tha iad a’ seoladh eadar Halifacs agus na h-Innsean air am bheil mi ’deanamh iomraidh. Is coir duinn ann an Canada ’bhi fior-thaingeil do na chuideachd ud, airson an eolais a tha ’nis againn—agus nach robh againn roimhe—air eileanan na h-àirde ’n iar. Anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi, rinn mi luadh air Bermuda, air Saint Kitts, agus air Nebhis, air Monseratt agus Dominica. Tha na h-eileanan fuasach cosmhuil ri ’cheile. Tha iad ag éiridh as a’ chuan gu corrach, dìreach, àrd. Anns na h-aoisean liatha air nach ’eil againn fios no eachdraidh, chaidh na h-eileanan ud a thogail le neart loisgeach a bha anabarrach làidir ’us cumhachdach. Cha ’n ann gun dragh mor a ruigeas neach air bith meadhon nan eileanan. Am measg nan eileanan ud tha dithis a bhuineas do ’n Fhraing. Tha eòlas muladach aig an t-saoghal gu leir air Martinique, far an deachaidh iomadh mìle de dhaoine ’thachdadh agus a mharbhadh leis an teine ’s leis gach teas ’us gach soirbheas millteach, bàsmhor a thàinig bho ’n Chnoc Pelee. Tha sàmhchair bhrònach, thiamhaidh a bhàis fathast glé fhollaiseach thairis air Saint Pierre, far an deachaidh iomadh fear ’us bean làidir, neo-sgathach a mharbhadh ann am priobadh na sùila. Tha ’n Cnoc loisgeach a’ cur a mach gun tàmh toit ’us teine mar an ceudna. Tha moran sluaigh fathast a’ tuineachadh air an eilean aig am bheil eachdruidh co fior mhuladach. On tha luchd-àiteachaidh nan eileanan ud co min-eolach air fuaimean ’us tailmrich uamhasach ann an uchd na talmhainn, cha ’n ’eil moran eagail orra mu dheibhinn an uilc agus an sgrios a tha dlùth-cheangailte ri brùchdadh oillteil a dh’ fhaodas tachairt aig àm air bith bho na conic loisgeach. Is e Sanfriere an t-ainm a tha ’n cnoc loisgeach a’ giulan, a tha ann an Saint Bhincent, far an deachaidh da mhìle duine ’mharbhadh, an tràth a bha ’n cnoc a’ tilginn a mach teine ’s mosradh bàsmhor eagalach. Is e Saint Lucia ainm eilein a tha feumail ’us tarbhach do Bhreatunn. Tha acarsaid dhomhain, ghasda, thearuinte anns an eilean so, ’s tha e air a dhion le iomadh daighneach làidir. Is ann an so ’tha cabhlach Bhreatuinn a’ faotuinn guail. Is ann an so mar an ceudna ’tha na bàtaichean smùide ’tha ’g imeachd sios agus suas a’ faotuinn guail. Cha ’n ’eil gual ri fhaotuinn anns an eilean so. Tha e ’tighinn bho na Staidean agus bho Bhreatunn fein. Is e dòigh iongantach a tha aca ann a bhi ’cur a’ ghuail air bòrd nan soithichean. Tha daoine ’s mnathan dorcha ’s dubh a giulan bascaidean guail air an ceann agus a’ dol le ceum uallach, togarrach air bòrd an t-soithich. Tha tri ’s ceithir fichead punnd anns na bascaidean. Tha gun teagamh cinn làidir aig an t-sluagh a tha ’giùlan eallaich co trom air an cinn. Tha na mnathan easgaidh, treun, toileach, tapaidh.
Ma dh’ fhaoidte gur e Barbadoes eilean a’s bòidhche ’s a’s beartaiche am measg Innsean na h-àirde ’n iar. Tha e ann an tomhas mor còmhnard, fasgach, torach. Tha ’n acarsaid farsuing agus tearuinte, ’s tha malairt mhor a’ dol air a h-aghaidh. On bhrist a’ bhreac a mach an uiridh, thainig moran grabaidh ’us call air saothair ’us malairt Bharbadois. Tha ’n sluagh anabarrach seòlta, aghartach, teòma.
Is e eilean mor a tha ann an Antigua. Tha ’chuilc shiùcair a’ cinntinn gu pailt, reamhair, reachdmhor ann. Tha glinn fharsuing air feadh an eilein, agus air an aobhar sin, cha ’n ’eil e duilich meadhon an eilein a ruigheachd. Is e eilean cnocach, bòidheach a tha ann an Grenada. Tha na daoine ’tha gabhail còmhnuidh ann innleachdach. Rinn iad rathad, notunnel ,troimh chnoc a tha eadar an acarsaid agus am baile ’s modha ’bhuineas da. Tha mar so slighe réidh fhurasda aig gach neach a tha ’dol a dh’ionnsuidh a bhaile. Is e Tobago an t-eilean a tha eadar Grenada’s Trinidad. Tha daoine ’cumail a mach gur ann an Tobago a thuinich ré iomadh bliadhna Robinson Crusoe—neach air am bheil òigridh gach tìr gle eòlach. Is e eilean mor a tha ann an Trinidad. Tha daoine ag aithris gu tug Columbus an t-ainm so air an eilean, do bhrigh gu faca e tri dùin no cnoic a thug g’a chuimhne tri pearsannan na Diadhachd. Tha sluagh iomadach a gabhail còmhnuidh ann an Trinidad. Tha malairt fharsuing, bheartach a’ dol air a h-aghaidh daonnan eadar an t-eilean so agus an Roinn-Eòrpa. Tha acarsaid fharsuing, shàbhailte ann an Trinidad, far an àbhaist do longan cogaidh iomadh rioghachd a bhi ’faotainn fasgaidh ’us comhnaidh. Tha Bhenesuela, far an robh seorsa cogaidh bho cheann ghoirid, gle dhlùth do Thrinidad. Guiana Breatunnach, no Demarara, is e so cearna de America mu dheas a bhuineas do Bhreatunn. Tha aimhnichean mora, leathunn, domhain a’ tabhairt a nuas uamhas uisge bho ionadan iomallach na dùthcha ’s eadhon bho na h-Andeis fein, agus ag atharrachadh fiamh ’us dath na fairge. Tha Demerara anabarrach comhnard no iosal. Tha balla ochd troidhean air àirde ’cumail a mach na fairge re iomadh mìle. Tha soithichean smùide Chanada ’ruigheachd Georgetown, agus a seòladh leis gach cùrsa ’tha iad a’ gabhail da mhile ’s ochd ceud mìle (2800). Tha mar so na soithichean a tha Pickford ’us Black a’ riaghladh agus a’ cur air sàile a triall thairis air se-deug agus da fhichead ceud mìle (5600), ann an dol sios agus ann an tighinn dachaidh.
Tha dath nan daoine ’tha ’g àiteachadh Innsean na h-àirde ’n iar, dorcha. Cha ’n ’eil e ro-dhubh idir, agus cha ’n ’eil na bhean fuasach tiugh no trom. Tha sgoilean maith air feadh nan eileanan. Feumaidh gach balach ’us caileag dol do ’n sgoil. Tha iad gle thapaidh ann an ionnsachadh a thrusadh. Labhraidh iad Beurla gu pongail, snasmhor. Tha iad gle dhìleas ’n am faireachduinnean do Righ ’us do chrùn Bhreatuinn. Is ann le uachdarain a tha air an roghnachadh le luchd-riaghlaidh Bhreatuinn, a tha na h-Innsean air an cumail ann an òrdugh. Tha Breatunn caoimhneil ris na daoine dorcha aig am bheil an dachaidh anns na h-eilean air am bheil mi ’deanamh luaidh. Tha cothrom gasda air a thabhairt do na gillean òga air foghlum maith a thrusadh trid am faod iad eòlas mor ’fhaotuinn air gach doigh a’s fhearr airson cinneas iomadach ’us luachmhor nan eileanan a thabhairt gu h-inbhe a’s àirde ’s a’s fhearr ann am margadh farsuing an t-saoghail gu léir. Bithidh sinn uile ann an Canada ro-thoilichte ann a bhi ’nochdadh moran caoimhneis do dhaoine dorcha, inntinneach nan Innsean, agus ann a bhi ’tabhairt dearbhaidh dheis seachad gu bheil sinn fior-thaingeil do ’n chuideachd ann an Halifacs a tha co duineil, dichiollach, agus gu dean sinn gach oidheirp air ceangal tlàth, carthannach a chur ann an uidheam a’s treise ’s a’s seasmhaiche ecdar sinn fein agus eadar luchd-àiteachaidh Innsean na h-àirde ’n iar, oir buinidh sinn le chéile do Bhreatuinn uasal, urramach.
CONA.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XXI.
CHAIDH Aladin sios do ’n t-seomar anns an robh nighean an righ, agus thuirt e rithe: “Theid mi ’n urras gu ’m bi ar n-aoibhneas le cheile coimhlionta anns a’ mhadainn am maireach.”
O’n a bha iad le cheile gun ach fior bheagan de bhiadh a ghabhail air an fheasgar ud, chuireadh biadh air am beulaobh. Ghabh iad na thainig riutha dheth, agus dh’ ol iad dhe ’n fhion a thug an draoidh do ’n luchairt. Bha comhradh gle thaitneach eatorra gus an d’ thainig an t-am dhaibh gabhail mu thamh.
Bha ’n righ fo bhron ’s fo lionn-dubh anabarrach mor riamh o ’n a thugadh air falbh an luchairt agus a nighean. Is gann a bha e deanamh norradh cadail a latha no dh’ oidhche. An aite oidhirp a thabhairt air ’inntinn a chumail suas, is ann a bha e sior fhas na bu bhronaiche ’na inntinn a h-uile latha. An aite dhol do ’n t-seomar a h-uile madainn a chum e fhein a thoileachadh le sealladh a ghabhail dhe ’n luchairt mhoir, mhaisich a thog Aladin, is ann a bha e ’dol ann gu math tric a h-uile latha gu greis mhath a thoirt air caoidh ’s air tuiream. Bha e lan-chreidsinn nach fhaiceadh e sealladh gu brath tuilleadh dhe ’nighinn, no idir dhe ’n luchairt. Bha e ’smaointean gu ’n d’ fhalbh na bh’ aige de thoileachadh an t-saoghail buileach glan.
Air a’ cheart mhadainn anns an d’ thugadh luchairt Aladin air ais a Africa, chaidh an righ do ’n chlosaid a chum greis a thoirt air bron ’s air tuiream mar bu ghnath leis. Ged a bha e na bu stolda na b’ abhaist dha, bha e gle throm-inntinneach. Thug e suil mhuladach am mach air an uinneig rathad an aite anns an robh an luchairt aon uair, agus e ’n duil gu ’n robh an larach lom, falamh mar a bha i fad iomadh latha roimhe sid. Ach an uair a thug e an aire gu ’n robh an luchairt air a’ cheart larach air an do thogadh an toiseach i, shaoil leis gur e ceo-meallaidh a bha ’toirt air a coltas fhaicinn. Ach an uair a sheall e na b’ fhearr, cha robh teagamh sam bith aige nach robh an luchairt air a’ cheart larach air an da thogadh i. Ghrad thainig aoibhneas is subhachas ann an aite an doilgheis agus a’ bhroin. Thill e anns a’ mhionaid d’ a sheomar fhein, agus thug e ordugh each a ghrad thoirt g’ a ionnsuidh, agus mharcaich e gu cabhagach gu luchairt Aladin.
Bha Aladin a’ creidsinn gur ann mar so a thachradh, agus dh’ eirich e gu math moch. Chuir e uime an deise a b’ fhearr a bh’ aige, agus chaidh e do thalla nan ceithir uinneagan fichead far am faiceadh e an righ a’ tighinn. Cho luath ’s a
[Vol . 12. No. 2. p. 6]
chunnaic e ’tighinn e, chaidh e sios an staidhre, agus chuidich e e gu tighinn bhar muin an eich.
“Aladin,” ars’ an righ, “cha ’n urrainn domh bruidhinn riut gus am faic mi mo nighean an toiseach.”
Thug Aladin an righ suas do ’n t-seomar anns an robh a nighean. Bha fhios aice roimhe sid gu ’n d’ thainig iad air ais gu ruige Shina, agus gu ’n robh an luchairt far an do thogadh an toiseach i. Bha i ’n deigh a dhol ’na h-eideadh an uair a thainig a h-athair a steach, agus an uair a dh’ fhailtich iad a cheile le mor-tlachd, shil iad gu frasach deoir an aoibhneis.
Bha ’n righ greis anns an t-seomar mu ’m b’ urrainn e aon fhacal a labhairt; oir bha araon ioghnadh agus aoibhneas air a chionn gu ’n d’ fhuair e ’nighean a rithist, agus gun duil sam bith aige gu ’m faiceadh e gu brath tuilleadh i. Agus bha ise cheart cho lan aoibhneis ’s a bha ’h-athair. Mu dheireadh thuirt an righ: “Shaoilinn, a nighean, gu ’m biodh do dhreach na ’s miosa na tha e an deigh na thachair de mhi-fhortan riut; ach tha mi ’creidsinn gur e an t-aoibhneas a th’ ort air son mise fhaicinn a tha ’fagail do dhreach cho math. Cha ’n urrainnear luchairt cho mor so atharrachadh o aon chearn dhe ’n t-saoghal gu cearn eile gun eagal agus iomaguin mhor a chur air na bhios ’nan comhnuidh innte. Bu mhiann leam gu ’n innseadh tu dhomh a h-uile car mar a thachair, agus nach ceileadh tu dad orm.”
Bha nighean an righ ro thoileach gach fiosrachadh a bha dhith air a thoirt d’ a h-athair, agus thuirt i: “Mo thighearna, ma tha e coltach nach d’ thainig a’ bheag a dh’ atharrachadh orm, tha mi ’guidhe air bhur morachd gu ’n toir sibh fa near gu ’n d’ fhuair mi urachadh beatha ’s a’ mhadainn an de an uair a rainig Aladin, m’ fhear-posda gaoil mi, agus a thug e saorsa dhomh agus mi ann an duil nach fhaicinn sealladh dheth gu brath tuilleadh. Agus thug an toileachadh a fhuair mi an uair a chunnaic mi e orm a bhith ’g am fhaireachadh fhin cho slan ’s a bha mi riamh. B’ e a bhith air mo sgaradh uaibhse agus o Aladin an trioblaid bu mho a bha ’cur dragh orm; cha b’ ann a mhainn a chionn gu ’n robh an gradh a tha agam dhasan mor, ach bha mi fo eagal mor gu ’n cuireadh sibhse gu bas e agus e neo-chiontach. Cha do chuir an droch dhuine a thug air falbh mi-fhin agus an luchairt moran de dhragh sam bith orm; oir leig mi ris dha nach robh mi ’dol a thoirt geill dha ann an doigh sam bith. Cha robh mi aon chuid deonach eisdeachd ris, no idir labhairt ris.
“Cha robh lamh sam bith aig Aladin ann a bhith ’g am thoirt gu ruig’ Africa. Is ann agam fhin bha ’choire gu leir.”
Gus so a dhearbhadh do ’n righ, thug i dha mion-chunntais air mar a chuir an draoidh e fhein ann an coslas fir a bha reic chruisgeanan, agus bha e tairgseadh cruisgeanan ura thoirt seachad air son seana chruisgeanan; mar a thug i, air son spors dhi fhein, an seana chruisgean seachad air aon cruisgean ur, agus gun fhios aice gu ’n robh buaidh shonraichte sam bith ann; mar a thug an draoidh i-fein agus an luchairt gu ruig’ Africa, agus a bha e ’g iarraidh oirre a phosadh: mar a chaidh i-fhein agus Aladin ann an co-bhainn a chum an cruisgean a thoirt uaithe; agus mar a shoirbhich leotha; agus gu h-araidh mar a leig i oirre gu ’n robh i air fas cho measail air ’s gu ’n d’ iarr i air a shuipear a ghabhail comhladh rithe, agus a chuir i am fudar anns an fhion dha. “A thaobh gach ni eile,” ars’ ise, “bheir Aladin fhein cunntais dhuibh m’ a dheidhinn.”
Cha robh moran aig Aladin ri innseadh do ’n righ, ach a mhain thuirt e: “An uair a dh’ fhosgladh an dorus diomhair, chaidh mi suas do ’n talla, far an d’ fhuair mi an draoidh ’na shineadh marbh air an t-sofa. O nach robh mi ’faicinn iomchuidh do ’n bhana-phrionnsa fuireach na b’ fhaide anns an talla, dh’ iarr mi oirre ’dhol d’ a seomar fhein comhladh ris na mnathan-coimhideachd. Cho luath ’s a dh’ fhalbh i, thug mi an cruisgean a brollach an draoidh, agus thug mi an luchairt air ais do ’n aite anns an robh i an toiseach, agus a nis tha mi toilichte gu ’n deachaidh agam air bhur nighean a chur ’n ’ur lathair mar a dh’ aithn sibh dhomh. Ach a chum nach saoil bhur morachd gu ’n robh mi ’g ’ur mealladh, chi sibh an draoidh marbh anns an tálla, ma chuireas sibh de dhragh oirbh fein na theid g’ a fhaicinn.”
Gus a chuis a dhearbhadh, dh’ eirich an righ anns a’ mhionaid, agus chaidh e do ’n talla, far am fac’ e an draoidh ’na shineadh marbh, agus dreach a ghnuise a’ nochdadh gu soilleir gur ann leis a’ phuinnsean a fhuair e bas. Anns a’ mhionaid rug an righ air Aladin ’na ghairdeanan, agus thuirt e: “A mhic, na bi diumbach dhiom air son mar a rinn mi ort. Is e an gradh a bh’ agam do m’ nighinn a thug orm a dheanamh, agus air an aobhar sin, tha coir agad air mathanas a thoirt dhomh air son cho doirbh ’s a dh’ fheuch mi riut.”
“Mo thighearna,” ars’ Aladin, “cha ’n ’eil an t-aobhar a’s lugha agam air son gearain air mar a rinn bhur morachd orm, o nach d’ rinn sibh dad ach rud a bha gle iomchuidh dhuibh a dheanamh. B’ e an draoidh graineil ud, an duine cho dona ’s a bha air an t-saoghal, bu mhathair-aobhair do gach mi-fhortan a thainig ’nam rathad. An uair a bhios uine aig bhur morachd, bheir mi cunntas dhiubh air droch ghniomh eile a rinn an duin’ aingidh ud orm—gniomh a bha pailt cho dona ’s cho dubh ris a’ ghniomh so; ach shaoradh uaithe mi ann an doigh shonraichte le comhnadh Dhe.”
“An uine gun bhith fada feumaidh mi an sgeul sin a chluinntinn,” ars’ an righ; “ach aig an am so na tugamaid smaointean air rud sam bith ach gairdeachas, agus an corp oillteil so a thoirt air falbh.”
Dh’ ordaich Aladin corp an draoidh a thoirt air falbh agus a thilgeadh air an dunan far am faigheadh gach eun coimheach agus gach fiadh-bheathach cothrom air ’itheadh.
Anns a’ cheart am thug an righ ordugh do gach seorsa luchd-ciuil toiseachadh ri seinn ciuil a chum a leigeadh ris do ’n t-sluagh gu ’n robh gairdeachas ri bhith air a dheanamh anns a’ bhaile; agus dh’ ordaich e mar an ceudna gu ’m biodh feusd mhor air a cumail fad dheich latha mar chomharradh air a’ ghairdeachas a bh’ air a chionn gu ’n d’ thainig a nighean agus Aladin air an ais, agus gu ’n robh an luchairt far an robh i roimhe.
Mar so fhuair Aladin an dara uair as a’ chunnart anns an robh e gu ’n cailleadh e ’bheatha; ach cha b’ e so an cunnart mu dheireadh anns an robh e, agus innsidh mi m’ a dheidhinn gun dail.
(Ri leantuinn.)
LITIR A LAG AN T-SLOCAIN.
A CHARAID GHASDA, —O’n a sgriobh mi ugad mu dheireadh thug mi sgrìob am mach a choimhead air caraid no dha a th’ agam anns an àite ris an canar ’s a Ghàilig Bogadh nam Fiadh. Gu cinnteach ceart is ann a tha na daoine ’s na mnathan còire—gu h-àraidh na mnathan, nach robh riamh air deireadh ann an caoimhneas ’s an càirdeas. Fhuair mi gabhail rium gu math ’s gu ro mhath. Chuir mi seachad an oidhche ann an taigh bantrach Chalum ’ic Iain, brod is taghadh nam bean. Mu ’n do thàrr dhomh suidhe bha am bòrd bidh air a dheasachadh le uibhean is ìm is bainne, gruth is uachdar is blàthach, agus gach ni a b’ fhearr na chéile. Bha, tha is bithidh na bana-Ghàidheil còir, caoimhneil. Thadhal mi ann an tigh no dha mu ’n do thill mi, agus cha robh na fir no na mnathan dad air deireadh air a’ bhean chòir a dh’ ainmich mi. “Lùdag is òrdag na h-aona ghlaice.” Gu ma fada beò iad is ceò as an taighean. Tha mi ’n dòchas nach teid iad seachad air a’ bhothan agam uair sam bith a thig iad do ’n Lag.
Is ann am Bogadh nam Fiadh a chaith Donnachadh ruadh, air an d’ thug mi iomradh ann an litir a sgriobh mi ugad roimhe, iomadh bliadhna dhe ’bheatha. Thàinig Donnachadh a stigh do’n bhaile air là àraidh le muc a bha e dol a chreic. Dh’ fhairlich is dhubh dh’ fhairlich air sin a dheanamh. Mu dheireadh ’nuair a bha a’ mhuc a’ fàs sgìth dhe gach crathadh a bha i faighinn air an rathad—oir bha i air a ceangal ann am bocsa na cairte—thòisich i air deanamh òran, ceathramh mu seach eadar i fhéin ’san t-each, aig a h-uile àite ’san stadadh Donnachadh feuch am faigheadh e a creic. B’ fheudar dha tilleadh dhachaidh leatha, agus e seachd sgìth dhe thurus. ’S e òran glé éibhinn a bh’ ann. Tha mic is nigheanan aig Donnachadh ruadh beò, slàn, agus chuireadh e ioghnadh orm mur ’eil an t-òran so agus iomadh òran eile a rinn e air chuimhne aca. A bharrachd air a hhi math air òran a dheanamh bha Donnachadh na ’dhuine làidir, treun. Tha e air innseadh gu ’n do ghearr cnapach gille ’bu mhac dha e fhéin gle dhona ’s e ’g obair còmhla ri athair anns a choille. Cha robh dotair ri ’fhaotainn na bu dlùithe na ochd mìle o’n àite anns an robh e fuireach. Shuain Donnachadh a mhac ann an cuibhrige, agus ga ’thilgeadh air a mhuin, choisich e a stigh far an robh an dotair. An uair a chuir an dotair crioch air gach deisealachd a bha feumail air son a ghille, thilg ’athar e a rithist air a mhuin, agus cha b’ e an t-ultach beag, agus thill e dhachaidh leis. Chaidh an gille am feobhas an ùine ghoirid.
Ach saoilidh mi nach deargadh Donnachadh air Iain mac Callum, latha gu ’n robh e, ann an treuntais cuirp. Tha Iain còir a nise ceithir fichead bliadhna ’s a ceithir deug, ach ged a thà, tha a cuimhne cho math ’s a bha i riamh. Bha mi a’ coimhead air o chionn ghoirid, agus a dh’ innseadh na fìrinn bhlàthaich mo chridhe ris an t-seann duine chòir, agus na bha anns an aon taigh ris—duine fìrinneach, diadhaidh, onarach—cho onarach ris a’ ghlais. Chuala mi a’ bheul fhein ag ràdh gu ’n d’ thug e poca mine a Sidni thun an àite sam bheil a chòmhnuidh, astar ceithir mìle deug, air a mhuin. Tomhaisidh poca mine dlùth air ceud punnd. Cha do chuir e tuilg ann, gus an robh e dìreadh a’ bhruthaich a tha mu chairteal a mhile o ’n tigh aige fhéin. Bha ’m poca a fàs gu math trom, ach fhuair e dhachaidh leis gu sàbhailte. Cha robh na h-eich cho pailt an uair sin ’sa tha iad an diugh.
O chionn mios air ais chuir seann nighean chòir, Catriona nion Uilleam seachad oidhche ’san tigh agam. Ged a tha Catriona a dlùthachadh air a cheithir fichead choisich i a h-uile ceum a’ Mira, astar coig mìle deug. Tha e gle choltach nach do chuir an aois maille na ’ceum. Ged nach ’eil mi-fhìn cho sean ri Catriona cha tig an dìle a choisichinn-sa an t-astar ud.
Tha ’n t-àm agad stad. Na ’m bithinn cho beairteach ’s a tha mi cho bochd bheirinn punnd Sasunnach air aona ghreim fhaighinn air a’ chrùisgein a bh’ aig Aladin, curaidh nan Sgeulachdan Arabianach. Cha bhiodh éis air MAC-TALLA gu ceann là is bliadhna na ’m faighinnsa mo chrògan air.
Is mi do bhana-charaid,
PEIGIDH PHABACH.
Lag an t-Slòcain.
[Vol . 12. No. 2. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Mac Eacharan, Sidni
Iain Mac Odrum, Sidni
Ruairidh Mac Rath, Sidni
Aonghus Buchanan, McKay ’s Corner
Uilleam Burke, Màbu Bheag
An t-Urr M A Mac-a- Phearsain, Bras d’Or Beag
Maoliosa Docherty, Baddeck
An t-Urr C C Mac-an-Tòisich, Reserve
Mrs McDonald, Glendyer Mills
Lachlainn Mac Fhionghain, Margaree Har.
Seumas D Domhnullach, Margaree Har.
A I Fearghasdan, Carribou Marsh
D I Mac Raing, P M, Mèinn Mhàbu
Steaphain S Mac Neill, Bridgeport
Bean Dhò’ill Dhomhnullaich, Big Harbor
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , N.S.
Caiptean R Moireasdan, Halifacs, N.S.
Cailean Mac Gillebhràth, Pleasant Valley, N.S.
Domhull Mac-a- Phearsain, Gàradh Eden, N.S.
Mairearad Nic-a- Phì, Loch Katrine, N.S.
Bean I MhicFhionghain, Livingston ’s Cove, N.S.
Iain D Mac Gillemhaoil, Dunbheagain, Ont
D I Caimbeul, Toronto , Ont.
Iain Mac Amhlaidh, Southampton , Ont.
Pàdraig Mac-an-t- Saoir, Presque Isle, Ont.
I S Mac Gilledhuibh, Pomona , Ont.
C Mac Gillemhaoil, Dromore , Ont.
An t-Urr Gilleasbuig Currie, Sonya , Ont.
RuairidhYoung , Sarnia, Ont.
Iain Mac Fhionghain, Bentpath , Ont.
Iain Grannd, Lagan, Ont.
Alasdair Mac Ealair, Sault Ste Marie, Ont.
Calum Ros, Milan, Cuebec
Domhnull Beutan, Cardigan , E.P. I.
Alasdair Murchison, Orwell , E.P. I.
Domhnull Domhnullach, Gowanda , N. Y.
Uisdean A Mac-a- Ghobha, Silver Cliff, Colo
Iain Camaran, Detour , Mich.
An t-Urr S C Gunn, Roxbury , Mass.
Iain Mac Leoid, Milton , N. D.
Cailean Siosal, Vancouver , B. C.
Iain Mac-a- Phì, New Denver, B. C.
Pàdraig Mac-an-t- Saoir, St Andrea, Assa.
Aonghas Mac Leoid, Hilton , Man.
Caipt Fearghas Fearghasdan, Glaschu, Alba
Domhnull Mac Fhionghain, Grianaig, Alba
Donnachadh Siosal, Bhaonbhraid, Alba
ORAN SEISIDH CHOIS-A- BHILE.
LE DAIBHIDH CAIMBEUL.
LUINNEAG.
’Ribhinn ùr a chuil dualaich
A fhuair buaidh thar gach mnà,
’S e do ghaol ’rinn mo bhuaireadh
’S a chuir truaighean am dhàil.
Ged a chuir thu mi suarach,
’S ged a dh’ fhuaraich do ghràdh,
Bidh mi tuilleadh fo smuairean
O nach d’ fhuair mi do làmh.
’S mi bhi tamull air astar
O ait m’ altruim ’nam òig’,
Chualas sgeul nach cuis ghàire,
Oigh mo ghràidh a bhi pòsd’.
’S ged tha cuid rium ag ràdhainn,
Gu dé ’n stà bhi ri bròn?
’N gaol a thug mi am phàisdean
Ni mi àrach ri m’ bheò.
Nan do rinn thu leam lùbadh,
A gheug ùr nan sùl tlàth,
’Chaoidh cha’n fhaict’ le luchd-dùthch’ thu,
’S tu fo chùram mu ’n mhàl.
’S ann a bhiodhmaid gu sùrdail
’Cur ri mùirn mar a b’ àill;
’S bhiodh daoin’ -uaisle na dùthcha
A toirt ùmhlachd do m’ ghràdh.
Cha ’n fheil flur ann an gàrradh,
Ged is dàicheil an snuadh,
No lus grinn ann am fàsach,
Fad o ghàirich a chuain,
Cha do chinn an glaic aonaich,
No air craoibh an coill’ uain’,
Na ni coimeas do m’ ghaolsa,
Gradh nan daoin’ o’n taobh-tuath.
Ach ge boidheach do phearsa,
Is ge dreachmhor do ghnùis,
Ged is binne do chòmhradh
Na an smeòrach ’seinn ciùil,
Ged is gile na ’n canach
Do dheud tana geal dlùth,
Is ge cùbhraidhe t’ anail
Na croinn mheala fo dhriùchd;
Cha ’n iad sin, ge bu leoir iad,
’Chuir mi ’n tòir ort, a rùin,
Ach do mhisneach is t’ eolas
Thar uil’ oigridh do dhùthch’.
’S e bhi cuimhneach do chomhraidh,
Is do sheol anns gach cùis,
Is nach faod sinn bhi còmhla
’Dh’ fhag na deoir air mo shùil.
Rinneadh an t-oran so do Sheisidh Mheinne an Cois-a- Bhile.
Rugadh Daibhidh Caimbeul—Daibhidh mac Dhòmhnaill mhic Ghilleasbuig mhic Dhòmhnaill Bhàin an 1798, agus chaochail e an 1830.
AM FARRAN.
LE IAIN MAC-AN-TOISICH.
Tha mise gu tric ’san tìm so
Air mo dhìteadh le fìor bhaidrich;
Their iad, on a chaill mi ’mhàileid,
Nach b’ fhiach gnàthachadh mo phearsa.
Chunnaic mise lath’ am pràbar
’S thigeadh iad làmh rium g’ an casaid;
’S bheireadh iad an ad gu làr dhiu
’Dh’ iarraidh pàirt de na bhiodh agam.
Tha moran diu ’gheibhinn càirdeil,
Cridheil, gaireach anns gach tachairt,
Air tionndadh an diugh cho làsdail
’S gur h-ann a ni ghràisg mo sheachnadh.
Ged tha chùis air tigh’nn mar thà i,
Tha min agam ’s buntàt am pailteas;
’S am fear nach gabh a chuid de’n dòigh sin,
Bleidreadh e ròic far an taitneach.
Rugadh Iain Mac-an-Tòisich an Lochabar. Bha e gu math air a dhòigh aig aon àm, ach chaidh e air ais na chrannchur. Chaochail e an Glaschu ’sa bhliadhna 1868. Gheibhear a chuid oran anns an Duanaire.
MAIRI BHAN DHAIL-AN-EAS.
LE DOMHNALL MAC-CITHICH.
Is mithich dhomhsa toiseachadh
Is m’ oran chur an géill;
Gur fada bhon bu chòir dha
A bhith ann an òrdagh réidh,
Tha m’ ìnntinn cheart cho luaineach
Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug,
’S mi smaointinn air a ghruagaich sin
’Tha shuas ann an Gleann-Eit’.
Gur bòidheach leam a dh’ fhàs thu
Bho do bhàrr gu sàil do bhuinn.
Cha ’n fheil aon chron ri àireamh ort;
’S tu bean an nàdair ghrinn.
Nar mhealam-sa mo shlàinte
Mur a b’ fhearr leam na bhith ’m rìgh,
Cead a bhith laighe làmh riut,
Is mo làmh fo d’ mhuineal mìn.
Gur lionmhor mais’ ri h-aithris
Air an aimsir a’s glan snuadh;
Do shlios geal mar an caineal,
No mar eala nan tonn uain’.
Shiubhail mi bho ’n Apuinn
Am mach gu uisge Chluaidh,
’S bean t’ aogais anns an astar sin
Cha ’n fhaca mis’, a luaidh.
Tha falt réidh bachlach, bòidheach ort
Air dhath an òir na ’dhuail;
Gur fiamhach, sgiamhach, òr-bhuidh e
An òrdagh ann an cuaich.
Bha m’ ìnntinn-sa làn sòlais
Nuair a bha mi chòmhnuidh shuas;
’S a nise bhon a dh’ fhàg mi e
Cha ’n fheil mo thàmh ach truagh.
Their cuid rium gum bu neonach dhomh
Mo ghaol cho mòr thoirt duit;
Gun robh mi cìnntinn gòrach
Nuair bu chòir dhomh a bhith glic.
Ach éisdidh mi ri ’m bòilich,
’S a chaoidh ri m’ bheo cha chreid
Gum faigh fear eile còir ort,
No gum pòs thu gun mo chead.
[Vol . 12. No. 2. p. 8]
Tha nìonagan an àite so
Ri tàir air m’ aois gu mor,
Ag radh gur seana-fhleasgach mi,
’S nach freagair mi ’thé òig.
Cha b’ i an aois a liath orm
Mo chiabhagan cho mor;
Ach sìoban nan tonn dùbh-ghorm,
A tigh’nn bho chùl nan seol.
B’ e sud an obair ànradhach
Dh’ an dug mi gràdh ’s mi òg.
Is iomadh oidhche gheamhraidh
Bha mi rìofadh teann nan seòl;
Is iomadh la a stiuradh leam
’S an sneachd air cùl mo dhòrn,
Toirt eòlais as a chombaist;
Gum b’ e sud pong an t-seoid.
Gur lionmhor anns an àite so
Mo naimhdean bho chionn greis,
A chionn gun dugadh le gràdh leam
Do ’n nigh’n bhàin tha ’n Dail-an-Eas.
Tha fleasgaich anns na cearnaibh so,
’S gum b’ fhearr leo gun robh mis’
An iomall tìr’ air falbh bhuath,
Gun earbsa ri tigh’nn as.
Ged bhithinn thall thar chuantan
Ann an dùthaich dhuaichnidh, chéin,
Bhiodh m’ earbs’ ri tigh’nn a nall aisde
A dh’ fhaicinn m’ annsachd féin.
Cha ’n fheil i anns an àl so,
Is cha bhi ’san àl am dhéidh,
Aon té le d’ mhais’, a Mhàiri;
’S tu ’s àille ’tha fo ’n ghréin.
Is ìseal a thuit m’ ìnntinn-sa,
’S cha dìrich i ri m’ bheò;
A chaoidh cha deanar ìnnseadh leam
An ni sin tha gam leòn.
Ach gus an déid mo thiodhlacadh
’An ciste dhionaich bhòrd,
Cha tréig mi gaol na h-ìgnige
Dh’ fhàg m’ ìnntinn trom fo leòn.
Rugadh Dòmhnall Mac-Cithich an Liosmor. Bha e greis na sgalaig aig Aonghus Mac-Fhraing an Dail-an-Eas, agus greis eile a leanachd na mara. Bha Mac-Fhraing gu math air a dhoigh aig aon àm, ach chaidh e air ais, agus b’ fheudar dha Dail-an-Eas fhàgail. Chaidh e an sin a chòmhnuidh do dh-Achatriachadain an Gleanna-Comhann. Bha Mairi nighean MhicFhraing na h-ainnir òig, bhòidhich. A réir an iomraidh a tha ’dol phòs i Domhnall MacCithich. Ma bha Domhnall cho math air obair ’s a bha e air orain bu choir dha a bhith comasach air bean a chumail am biadh ’s an aodach.
AN T-EILEIN DIURACH
an Earraghàidheal.
LE FEARGHAS FEARGHASDAN.
AIR FONN— “Cogadh no sìth.”
As an duthaich ’san deach m’ àrach
An dràsd tha mi triall,
Tha mi falbh thar an t-sàile
Gu cearn na mi-riaghailt;
Air Diura nan àrd-bheann
A ghnàth tha mo mhiann,
’S cha dìobair gu bràth
Gus an laigh mi ’s nach triall.
So mo lamh dhuibh, a chàirdean,
Gu’m pàidh mi gach fiach
Do gach Frangach, gach Greugach,
Is Eiphiteach fia’ich,
’S gu’n seas mi an cearn
Far ’n robh Gàilig nam Fiann,
’S nach searg as gu bràth
Fhad ’s a dhearrsas a’ ghrian.
’S ann mu bhruachan Aird Airneal
’Chaidh m’ àrach glé òg,
Mu’n chnoc ud tha àghmhor,
Far ’n tràth ’n goir na h-eòin;
Nuair a dhùisginn le sunnd
Bhiodh an drùchd air na lòin,
’S bhiodh a ghrian tigh’nn ’s a dearrsadh
Air àrd-bheinn an òir.
Air an lag tha mo ghradh,
Nis cha ’n àicheidh mi e,
Far ’n d’ fhuair mi greis m’ àrach
’Measg àrmuinn bha sèimh,
’S far ’n do chleachd mi ’n tùs m’ òige
’Bhi seòladh a ghnàth
Anns na bàtan aig Seumas
Leis fhein ’s le Iain Seàth.
’S tric chaidh tarsuinn an linne
An triùir ud gun mheang,
Iain Seàth agus Seumas
Agus Eobhain Mac Raing,
’S a sheas iad ’san t-séideadh,
’S cha ghéilleadh iad eang,
’S Iain Seàth aig an stiùir,
’S bu chairt-iùil da a bheinn.
Bu shunndach bhiodh Seumas
A falbh le geur shrann,
A shealltainn nan caorach
Am biodh aon diu air chall;
Bu sheoladair luing’ e
Cho math ’s theid do chrann;
Is tuathanach a b’ fhearr
Cha deach àrach an gleann.
Tha Eobhain Mac Raing
’S e cho ceanalta, còir;
Bu mhath ri la gaillinn e
A pasgadh nan seòl;
Air cùl na ràimh daraich
Co chumadh ris stri?
’S an àm bualadh ’san t-sabhal
’S e fhroiseadh an siol.
’S bu shunndach Iain Seàth
Nam bhi togail nan seòl,
Bhiodh a shùil air an iarmailt,
’S an ailm aig’ na dhòrn;
’Toirt breth air an aimsir
Co bheireadh air buaidh?
’S fear-iùil e cho math
’S chaidh a reubadh nan stuadh.
Tha mi seòladh null thairis
Do dh’ iomall an t-saogh’l
Air long nan seòl àrda
’S na spàrannan caol,
Tha mo chuimhn’ air an lag
Far an robh mi òg, faoin,
’S na h-àrmuinn bha tàmh ann
Guidheam slàn do gach aon.
Tha crioch air mo rannan,
Mu’n gabh sibh dhiom fuath,
Oir is ealain a bhàrdachd
Tha fàs gun mhor bhuaidh;
Ach fhad ’s bhios mi mànran
Air sràid no air cuan,
Do Dhiùra nan àrd-bheann
Le gràdh ni mi duan.
Fhuair sinn an t-oran so air an t-seachduin s’a chaidh o’n ùghdar, a tha na sgiobair air soitheach-smùide tha giùlain iaruinn air falbh o’n phort so. Mar tha ’n t-oran ag innse fhuair e bhreith is àrach air eilean Dhiùra. Tha e leantuinn na mara o’n bha e fichead bliadhna dh’aois, ach tha Ghàilig aige ’n diugh cho math ’s a bha i riamh.
Cha ’n urrainnear a thoirt de ’n chat ach an craicionn.
Cha robh brosgalach nach robh breugach.
Cha robh e riamh air port eile.
Cha tig math gun dragh.
Cha toir an uaisle goil air a’ phoit.
Cho ard ceann ri fiadh air fireach.
Chuireadh tu fearg air ministeir, ged bhiodh eallach leabhraichean aige.
Cleas nan ceard—cha luaithe trod na beadradh.
Cleas nan gaibhre ’g itheadh na nathrach—sior itheadh is sior thalach.
Cog air a’ chat, is togaidh e fhriodhan air.
Comhairle righ an ceann amadain.
Cosmhuil ri cuilean a’ mhadadh-ruaidh, mar a’s sine ’s ann a’s miosa.
Crathaidh an cù earball ris an neach ’bheir dà.
Cuid an amadain am beul a phoca.
Cuid an aon slaoighteir air an shlaoighteir eile.
Cuiridh teangaidh snaim nach fuasgail fiacail.
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 2,500,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
SYDNEY
&
LOUISBURG R’Y.
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’ Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.
A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.
A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.
A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann anNew Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 2 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 2. %p |
parent text | Volume 12 |