[153]

[Vol . 12. No. 20. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 1, 1904. No. 20.


Comhairlean Aithghearr.

Se an ni as fearr do dhuine san t-saoghal so, dearbh chinnteas a bhi aige air saoghal as fearr.

S iad na tri nithean as mo tha dhìth air mac an duinesa bheatha so, a thaobh na colunn, lòn, aodach, agus tàmh.

Nam bàill leat tlachd a ghabhail ann ad lòn, agus blas taitneach a bhi air do ghnath, gabh mo chomhairle agus saothairich air a shon.

Nam baill leat tlachd a bhi agad ann ad aodach, paigh e mun cuir thu ort e.

Nam bàill leat cadal agus tàmh agus suain shocrach fhaotainn, thoir deagh choguis ghlan leat do dleabaidh.

Dean na nithe so uile, agus bidh tu gu math dheth san t-saoghal so; agus a thaobh an t-saoghail a ta ri teachdmas miann leat a bhi sona ann gu siorruidh, lean Esan a thubhairt, ’S mise an t-slighe. Earbna iobairtleaneisimpleirgluaisna cheumannaibh; agus mar so tha thu sona tearuinte air son aimsir agus air son siorruidheachd.


Fionnaghal Nic Dhomhnuill.

An uair nach robh dol as aig Prionnsa Tearlach, agus e air a chlaoidh gu goirt, an déigh Blàr Chùilfhodair, dhearb e e-féin ri ainnir usail nach faodar ainmeachadh ach leis amheas as àirde. Bi sin Fionnaghal NicDhòmhnuill, nighean do Fhear Bhaile-mhuilinn ann an Uidhist achinn-a- deas; bean uasal òg, àillidh, a bha ainmeil ra linn féin, air son gach beus a bu chliùitiche. Bha oide na mnà uaisle sona cheannard air feachd an rìgh, a thachair a bhin Uidhist air an àm, agus fhuair ise cead sgriobhte fo a laimh air a son féin, a gille, agus a searbhanta, ’chum an leigeadh thairis don Eilean Sgiathanach. Ben gille a thug i leatha Niall Mac Eachainn, neach a be seanair an duinainmeil, an t-àrd Cheann-feachd sin, Diùc Tharentum, a choisinn na h-uiread chliù ann an cogadh fo Bhonaparte; agus bin searbhanta thug i leatha, PrionnsTearlach, ann an éideadh boirionnaich.

Dhfhàg iad Uidhists an anmoch ann an sgoth bhig; bhan oidhche dorcha, dòbhaidh; mu ghlasadh an , fhuair iad iad féin fa chomhair Rudha Bhatarnissan Eilean Sgitheanach, ach mar a bha iad dlùth do thìr chunnaic iad na saighdearan deargafeitheamh orra air an tràigh. Bha iad mar urchair gunna dhaibh mun dthug iad an aire; ach cho luaths a mhothaich iad an cunnart, thill iad a mach gu fairge. Ghlaodh na saighdearan riu iad a thighinn gu tir no gun loisgeadh iad orra, ach cha do ghabh iad suim dam bagradh; loisg an t-arm dearg orra, agus bha na peileirean afeadail mun cuairt daibh; ach dhiomair an sgioba gu tapaidh, agus chaidh iad as achunnart.

Thàinig abhean uasal mhisneachail so, agus a luchd-muinntir air tir aig Mugstat, ionad-còmhnuidh Shir Alastair, Triath Shléite. Bha fhios aice gun robh Sir Alastair on bhaile, agus chuir i fios a dhionnsuidh na Baintighearna gun robh iad atighinn. Dhfhàg im Prionnsa fo sgòrr creige, aig achladach, am feadh a ràinig i féin an tigh a dhfhaotainn naidheachd nan crìoch. Bfhortanach gun robh i cho faicilleach, oir fhuair i àireamh de dhoifigich an rìgh a stigh. Chaidh in an làthair, agus labhair i mar nach biodh iomaguin no cùram oirre.

O nach burrainn Baintighearna Chloinn Dòmhnuill am Prionnsa thoirt a dhionnsuidh an tighe, chuir i duin’ -uasal as an robh i làn earbsach, Fear Chinnseburg, far an robh e, leis gach goireas a shaoil i a bha feumail; agus thug an duin’ -uasal measail sin leis echum a thighe féin. Be latha na Sàbaid a bhann; agus bha ioghnadh air muinntir na dùthcha, ’us iad adol dachaidh on t-searmoin, ’nuair a chunnaic iad boirionnach cho ro àrd, agus cho neo-sgiobaltana coslas, ag imeachd le Cinnseburg. Chuir en aon oidhche so seachad gu cridheil leis an duin’ -uasal shuairce so, a chaidh leissa mhaduinn maille ri Flòra do Phort-righ; far an do dhealaich am Prionnsa riu le chéile, agabhail a chead diubh le caomhalachd mhor, agus na deòir aruith oshùilibh. —Caraid nan Gaidheal.


An Abaid Mhor.

( ’Sa BheurlaWestminster Abbey.)

Ma tha aite air thalamh tha nas cumhachdaiche na ait eile chum trom shoilleireachadh a thoirt do dhuine air amaideachd agus faoineis gloir an t-saoghail so, ’s so an t-aite. ’Si so sgoil na h-irisleachd agus aghliocais! ’S ann an so tha buaidh Righ-nam-fiamh air a leigeil ris. Tha iomadh gaisgeachna luidhe san aite so, ach tha esan, gaisgeach an eagail, ariaghladh an so. Tha an eaglais so mar ait aige anns abheil e aleigeil ris a chumhachdann an so tha etilgeadh tàir air morchuis agus gloir agus greadhnachas righrean! ’S ann a stigh an so a chi sinn cia faoin an ni uaill na beatha! cia suarach cliu dhaoine, ainm ardamaideachd nan amaideachd!

S beag suim an duigh do dhùir na feadhnach so aig an robh rioghachdan aon uair fon smachd. Tha na h-eachdraidhean a bha air an uaighean an deigh tuiteam gu h-ùirchan urrainnear eadhon ainmeannan nan daoine mora air son an do thogadh iad a leughadhtha an cuimhne agus an eachdraidh air dol seachad, direach mar gum biodh iad air an sgriobhadh air gaineamh mhìn tràigh achladaich. Tha cuid do na togalaichean-cuimhne bu dreachmhoire san aite so air tuiteam gu smùr! Agus gidheadh tha daoine eile astrigh gu ainm ard a chosnadh, agus uaigh fhaotainn san aite so am measg muinntir urramach na talmhainn, anns abharail ghòraich ged dhichuimhnichnear càch, nach leigear an cuimhne fein gu dilinn an dichuimhn! Tha cuid an so a chaochail o chionn seachd ceud bliadhna, cuid o chionn ghoirid; ach air an aon latha, eiridh iad uile suas le cheile! Cait abheil ciste-mhairbh nan righrean uaibhreach sin a thog barrachaoil na h-Eiphit mar aiteachan tiodhlacaidh dhoibh fein? Tha an uir air ceithir ghaothaibh nan speur, agus an cistean-mairbh air an giulan a thigh nan iongantas an Sasunn! Tha na h-uaighean agus na h-aiteachan tiodhlacaidh as costala air abheil cunntas ann an eachdraidh an t-saoghail, ’nan laraichean briste, air spealgadh as a cheile, gun fhios co thog iad; agus an saoil sinn nach eirich an ni ceudna don Abaid mhoir sin air abheil sinn a nis alabhairt. Than t-am atighinnnuair thuiteas ina smur gu laran t-amnuair nach bi fuaim an orgain ardteis nan clagceilearadh nan Salm, ran eisdeachd innte! An aite sin bidh aghaoth le monmhur tursach ra h-eisdeachd air feadh a laraichean bristebidh achomhachag bhronach thiamhaidh atogail a cronain mhuladaich air achloich as airde dhibidh an eigheann uaine adireadh suas ris na ballachan bristebidh an eanntag, lus nam ban sith, meuran nan cailleach marbh, afas am measg nan leacan briste! Mar so tha mac an duine, gloir an t-saoghail so, agus gach greadhnachas cruthaichte aseargadh as, agus adol seachadthaeachdraidh agus a chuimhne mar sgeul a dhinnseadh! —Tormad Mac Leoid, D.D.


Tha plàigh asgrios mhiltean den t-sluagh anns na h-Innsean. na seachduin a chriochnaich air an naodhamh la deug den Mhàrt thugadh air falbh da fhichead mile coig ceuds seachd air fhichead (40,527) pearsa leatha. Bhan àireamh sin mu sheachd mile na bu mhò nan àireamh a bha caochladh seachduinean roimhe sin.

Bha tuiltean mora ann an Gleann Annapolis deireadh na seachduin sa chaidh. Bha na h-aibhnichean a cur thairis agus ann an caochladh àitean bha an rathad-iaruinn air a chur fodha. Bha na tréineachan nan tamh dha no tri làithean. Rinneadh call nach bu bheag air an rathad. Thòisich na h-uisgeachan ri traoghadh toiseach na seachduin so.

Tha an cogadh a dol air adhart mar bha e o chionn corr is mios, na h-Iapanaich a toirt ionnsuidh an drasdas a rithist air Port Arthur, gun a dhol leotha cho maths a dhiarradh iad. Tha iad air gach ionnsuidh a feuchainn ri seann soithichean a chur fodha am beul na h-acarsaid air-son cabhlach Ruisia a chumail a stigh. Tha cuid den bharail gu bheil sin deante cheana, agus their cuid eile nach eil. Ach tha e fior nach eil na soithichean Ruiseanach a tighinn a mach as an acarsaid, co-dhiu tha sin air aobharachadh leis an eagal no le cion a chomais. Chan eil teagamh nach bi blar ann an uine ghoirid, aon chuid air muir no air tir. Tha Ruisia asior chur airm do Mhanchuria, ach than t-astar cho fadas gun teid uine mhor seachad mun urrainn dhi a h-armailtean a dhaighneachadh ann gu sabhailte. Cha robh Ruisia ullaichte air-son cogaidh. Bha an t-Iompaires iadsan anns a robh eg earbsa a lan chreidsinn nach rachadh Iapan a chogadh idir, uach robh i achmar mhagadh,” afeuchainn ri i-fein a neartachadh ann an sealladh an t-saoghail le



[154]

[Vol . 12. No. 20. p. 2]

blar beoil a chumail ruas ri Ruisia fhads a bhiodh sin sabhailte. Air an aobhar sin dhfhas luchd-ionaid Ruisia na bu mhi-reusonta gach la mar bhadol seachad. Bu mhor an ioghnadhnuair nochd Iapan gu robh i a cheart da-rireadh, nuair a ghairm i cogadhs a thug i grad dheannal air a chabhlaidh chogaidh Ruiseanaich acuir aireamh de na soithichean bho fheum.

Bha am mios Màirt cho fuar a reir feins a bhan da mhios a chaidh roimhe. Bha t-sìde briagha, grianach a chuid mhor den ùine, ach bha reothadh is sneachda gu leòr ann. Tha pailteas sneachd air an làr fhathast, agus ged tha teas na gréine atòiseachadh ri cur ris gu dona, mur tig uisge mairidh na ròidean seachduin no dhfhaodte ceithir-la-deug eile. Tha deigh nan acarsaideans nan lochan fhathast agiùlain eich is shleigheachan. Tha na daoine is beachdailes as fhearr cuimhne ag aontachadh nach robh leithid eile gheamhraidh so anns an dùthaich o chionn leth-cheud bliadhna. Ach ged bha e cruaidh, feumar a radh mu dheidhinn gum bu gheamhradh fallain e, cha robh moran tinneis air feadh na dùthcha idir, agus cha robh uiread dhaoine air an toirt air falbh leis a bhàss a bha air an toirt air falbh iomadh geamhradh roimhe a bha briagha blàth. Chan eil teagamh nach en geamhradh fuar reòta as nàdarras as fhearr don dùthaich thuathaich so an deigh na h-uile rud.


Naidheachdan.

Bha Tomas Moriarty air a ghrad mharbhadh aig an obair-iaruinn air an ochdamh la deug den Mhàrt. Bha e cladhach an taobh cùirn de chloich-aoil, dhfhuasgail a chlach agus thuit meall mor dhith air a mhuin. Nuair a fhuaireadh uige, bha e marbh. Bha e ochd bliadhna fichead a dhaois, bhuineadh e do Charbonear, an Newfoundland, agus ben aon mhac a bhaig a mhàthair a tha na bantraich afuireachsan aite sin.

Bha Eadailteachsa bhaile so air a ghlacadh an roimhe a dol dhachaidh le eallach chearc a ghoid e faisg air naCoke Ovens.Bha sia cearcan air a shiubhal, agus air-son an goid fhuair e sia miosan prìosan. Bha goid chearc glé chumantasan sgìreachd sin o chionn treis a dhùine, agus fhuair am braidean creideas air-son barrachd meairles a chaidh a dhearbhadh air. Tha meairle chearc na cionta an-tromaichte aig a cheart àm so, agus bithidh gus an fàs na h-uighean beagan nas saoire.

Tha riaghladh baile na Méinne Tuatha acur gu cruáidh ri luchd-reic dibh-làidir. Bha àireamh mhor dhiu air an toirt gu ceartas re an da sheachduin sa chaidh. Fhuair aon duine coig sumanaidheansan aon seachduin. Ma leanas iad an ruith sin chan fhada gus am bi luchd nan taighean-òil seachd sgìth dheth. A reir seanachais an duin’ -uasail a bha gu ruige so na fhear-casaid ann an Sidni Tuath, chan eil anns a bhaile sin a nis ach coig àiteachan deuga anns am bheilear a creic stuth làidir.

Faisg air Souris, an Eilein a Phrionnsa, air an treas la den Mhàrt, chaochail Seònaid Dhomhnallach, bantrach Uisdean Mhic Gilleathain, aig aois ceud is ceithir bliadhna. Bi gun teagamh an neach bu shine bhair an eilein. Rugadh i an Uidhist a chinn a deassa bhliadhna 1800. Phòs i nuair bha i ochd bliadhna fichead a dhaois, agus bliadhnair fhichead an deigh sin thainig an teaghlach air imrich don dùthaich so. Bha da cheud pearsa air an t-soitheach air an drinn iad an t-aiseag; bhrist a bhreac a mach nam measg agus bise an aon nach do ghabh an tinneas mharbhteach sin. Bha naodhnar chloinne aca, sianar nighean is ceathrar ghillean. Chaochail coignearsan t-seann dùthaich; tha cheathrar eile beò fhathast agus nan cinn theaghlaichean air an eilein. Than aon mhac Domhnall, air an fhearann airn do shuidhich an teaghlach nuair thainig iad a nall.

Tha leth-cheud is tri fear-lagha ann an siorrachd Cheap Breatunn aig an àm so; ceithir deug air fhichead an Sidni, tri deug an Sidni Tuath, ’s a sianar anGlace Bay.Mur bi ceartas air a roinn gu cothromach nar measg. chan ann a chionn luchd-laghas luchd-ceartais a bhi gann.

Tha an t-àrd-riaghladh an deigh tri cheuds tri fichead mile dolair a chur air leth air-son obraichean a tha ri bhi air an cur air adhart ann an Ceap Breatuinn. Den t-suim sin tha ceuds sia mile deug air fhichead dolair ( $136 ,000) ri bhi air a chosd ann an Sidni mun rathad-iaruinns mu thigh na postachds na cusbuinn. Tha deich mile dolair air-son acarsaid Inbhirnis, coig mile deug air-son togalach cruin anSydney Mines,agus da fhichead miles a coig air-son aiseag an rathaid-iarruinn aig Caolas Chanso.

Chaidh fear Hubert Wood a ghrad mharbhadh anns a choille faisg air Maccan, an siorrachd Chumberland, air an t-seachduin roimhn sa chaidh. Bha e leagail craoibhe, agus an àm dhi bhi tuiteam chaidh e ga seachnadh, ach bhuail i ann an seann stoc, ’s thuit meanglan, ga bhualadh-sansa cheannsga ghrad mharbhadh. Bha e da bhliadhndeug air fhichead a dhaois; dhfhàg e bantrach is aon duine cloinne. Bha cnapach gille anns a choille còmhla ris nuair a thachair an sgiorradh a chuir gu bàs e.

Ma theid a bhliadhna so mar tha dùil aig an àrd-riaghladh a theid i, thig mu cheud gu leth mile de luchd-imrich don dùthaich mun teirig an samhradh sa tighinn. Tha moran sluaigh deas gu tighinn á Breatunns as na Stàidean, an seòrsa luchd-àiteachaidh as luachmhoire is urraiun do Chanada fhaotainn. Tha moran de na tha airson tighinn ag iarraidh cosnaidh, agus moran eile toileach fearainn a ghabhail no cheannach agus tòiseachadh air an cosd fein mar thuathanaich. Anns an iar-thuath thatar a meas gun cuirear feum air ceud mile duine bharrachd air na thanns na roinnean sin cheana air-son am bàrr a ghearradhsa bhualadhs an gràn a chur gu margadh. An uiridh thainig ceud is coig mile deug air fhichead de luchd-imrich don dùthaich. Tha lan dhùil gun toir a bhliadhna so bàrr oirre.

Tha seann daoine Newfoundland gle dhòchasach a thaobh iasgach nan ròn air an earrach so. Chunnacas ioghnadh morsan speur o chionn ghoirid, —tri griananaon la mu mheadhon a a mhios Màrt. Chunnacas an sealladh ceudna earrach na bliadhna 1840, agus air an earrach sin bha barrachd ròn air an glacadhs a bha air an glacadh bliadhna sam bith eile on thòisich eachdraidh na dùthcha. Co-dhiu bha no nach robh tri-fìlteachadh na greine air aobharachadh le lion-mhoireachd nan ròn, bidh na seann iasgairean acreidsinn gu robh gus am faic iad achùis air atharrachadh.

Chuir Cuideachd an Iaruinn tomhas de stàilinn a null do Shasunn gus a bhi air a thionndadh gurails .Tha fios air tighinn a nall gu bheil narailsa rinneadh cho maths a tha air amhargadh. Bha am beachd na cuideachd muileannrailsa thogail ann an Sidni; ni so iad nas deònaiche dhol air adhart leis an obair sin, agus thatar a deanamh mach gum bi iad a tòiseachadh ri togail na muilne gun dàil. Bheir sin obair do mhoran dhaoine bharrachd air na thag obair an dràsda. Tha e furasda gu leòrrailsa chreic, ach don chruaidh nach eil air a cur ann an cruth feumail tha e doirbh aig an àm so margadh fhaotainn.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh

CAIBIDEAL VIII.

GED nach robh mitoirt làn-aontanam inntinn do na thubhairt e, cha do chuir mi facalna aghaidh. Dhfheumainn a leantuinn o nach robh fear-treòrachaidh na bfhearr agam. Mar bu luaithe ruiginn mo cheann-uidhes e bfhearr leam. Agus a bharrachd air a sin, cha do ghabh mi aig an àm ud an t-amhrus bu lugha gun robh dad cearr fa near dha.

Suas mu naodh uaireans an oidhche ràinig sinn an taigh-òsda. Cha robh sinn ùine sam bith ann an uair a chuireadh biadh air ar beulaobh. Ghabh sinn na thainig ruinn dheth, agus eadar meadhain-oidhches uairs amhadainn dhfhalbh sinn.

Ghabh sinn an toiseach troimh achaidhean feòir is arbhair; ach bha mise pailt cho sgìth adol troimh na h-achaidhean sos ged a bhithinn asiubhal troimh na monaidhean. Bham feur agus am fochann faisge air a bhith cho àrd ris na glùinean againn. Agus a bharrachd air aso, bhan dealta cho troms gun robh ar casan cho fliuchs a ghabhadh iad.

An dràsdas arithist bha againn ri dhol troimh bhadan coille a bha gu math tiugh agus àrd, agus ged a bhan latha air soilleireachadh gu math aig an àm, bha dubhar na coille adeanamh an àite cho dorchas ged nach biodh soilleireachd latha idir ann.

Mu dheireadh dhfhàg ainn am fearann àitichtenar deigh, agus dhìrich sinn ri monadh a bha gu math àrd; ach bha e pailt cho soirbh richoiseachd ris athomhnard troimhn robh sinn acoiseachd greis mhath an deigh dhuinn falbh.

Bhaghrian air éirigh greis mhath mun dràinig sinn bearradh amhonaidh, agus on a bha miseg am fhaireachadh fhin car sgìth, shuidh sinn greis a leigeadh ar n-analach, agus ghabh sinn rud dhen bhiadh a thug sinn leinn as an taigh òsda.

Mun do bhlais sinn air abhiadh, rinn mo chompanach altachadh fada mar bu ghnàth leis a dheanamh aig a h-uile greim béidh a ghabh misena chuideachd. Chan fhiosrach mi gun cuala mi duine riamh adeanamh altachaidh a bheireadh barr air.

An déigh dha crioch a chur air an altachadh thug e placaid mhòr as a phòcaid, agus i luma làn uisge-bheatha. Thairg e dhomhsa deur dhe na bhinnte. Thug mi taing dha, agus thuirt mi ris nach robh mig a ghabhail aig àm sam bith, agus gun do gheall mi do mathair mun dfhalbh mi on taigh nach blaisinn air ri mo bheò nas lugha na bhithinn tinn, agus gun òrdaicheadh fear-sgile dhomh a ghabhail.

Ged a thairg e dhomh an t-uisge beatha, tha micreidsinn gun robh e pailt na bu toilichte mig a dhiultadh na mig a ghabhail. An oidhche roimhe sid, mun dfhalbh sinn as an taigh-òsda, ghabh mi amhrus gun robh ega bhlasad gu math tric, oir dhfhàs e anabarrach deas-bhriathrach; agus chuir e car de dhioghnadh orm gum biodh duine air an robh coltas glé chràbhach, agus a dheanadh a leithid de dhùrnuighean agus de dhaltachaidhean fada déidheil air deoch làidir sam bith. Cha robh mig a fhaicinn cearr dha blasad air an uair a bhiodh fìor fheum aigair, gu sònraichte on a bha ena dhuine a ràinig meadhain aoise.

Cha robh abheag de chomhradh eadrainn fhads a bha sinn adol troimhn cheud chuid dhen astar; ach fhads a bha sinnnar suidhe air bearradh amhonaidh aleigeadh ar n-analach an deigh dhuinn ar biadh a ghabhail, bha e anabarrach aoidheil agus comhraideach.

Thug e greis air tarruinn maire a dhionnsuidh na bha de nithean maiseach rim faicinn ann an obair achruthachaidh. Agus gu cinnteach bha sealladh maiseach rifhaicinn air a



[155]

[Vol . 12. No. 20. p. 3]

mhadainn ud bhar bearradh amhonaidh air an robh sinnnar suidhe. Bhan iarmailt gun sgò, gun cheò, gun smod; agus chitheadh duine aig am biodh deadh fhradharc, leis an t-sùil, nithean nach burrainn e fhaicinn iomadh latheile le glaine-amhairc. Bha aghaidh achruthachaidh mór-thimchioll fad mo sheallaidh cho tur-dhealaichte on t-sealladh ris an robh mi cleachdte ann an dùthaich mo bhreith is màraichs gun robh mismaointean aig an àm nach robh sealladh eile air ùr-uachdar an t-saoghail cho briagha ris an t-sealladh a bha fa mchomhair. Bha na h-aonaichean agus na monaidhean cho maiseachnan cumadh, agus cho blàtharnan dreachs nach burrainn mi gun a bhithgabhail beachd gu dlùth orra. Anns an ùr-mhadainn shamhraidh mar sid, an uair a bhios an iarmailt soilleir, agus an t-sìde ciùin, agus a bhoinne driùchd fhein air barr gach bileig feòir agus fochainn, tha aghaidh achruthachaidh ag amharc nas maisiche, a rèir mo bharail-sa, na bhios i aig àm sam bith eile dhen latha. Tha iadsan a dhfhanasnan laidhe air an leapaichean gus am bi dòrn dhen latha air a dhol seachad, agus mar sin nach fhaic aghaidh achruthachaidh an uair a tha ina làn-mhaise, acall mòran de thoileachas-inntinn na beatha so. Ge be leis am math slàinte agus saoghal fada shealbhachadh, agus soirbheachadh aimsireil agus spioradail a bhith aige, éireadh e gu math mochs amhadainn, agus gabhadh e beachd gu dlùth air aghadh achruthachaidh air a h-ùrachadh le fois, agus air a nigheadh le driùchd na h-oidhche.

An déigh dhuinn ar n-anail a leigeadh gu math, dhfhalbh sinn. Bha sinn adìreadh mhonaidhean agus atearnadh bhealaichean fad na cuid bu mhò dhen ùine gus an robh e aon uair deug dhen latha, an uair a ràinig sinn taigh-òsda, a bha ri taobh an rathaid, ann an àite, a réir mo bharail-sa, a bha glé iomallach.

Gun mòran dàlach cuireadh biadh air ar beulaobh, agus bha sinn glé fheumach air. Thuirt mo chompanach gun robh sinn gu fuireach ann gus an tigeadh am feasgar, on a bhan latha anabarrach teith. Bha mise cho toileach ris fhein air so a dheanamh; oir bha mi air mo chlaoidh gu mòr araon le cion cadail, agus mar an ceudna leis na rinn mi de choiseachd.

Chomhairlich mo chompanach dhomh mi fhin a leigeadhnam shìneadh ann an aon dhe na leapannan a bhanns an taigh, agus greis chadail a dheanamh. Bha mi glè thoileach so a dheanamh, agus cha bu luaithe leig mi mi-fhinnam shìneadh na thuit mi ann an cadal trom.

Cha robh mi fada gun dùsgadh; agus an uair a dhùisg mi, chuala mi cath bruidhneadh ann an seòmar a bha faisge orm. Dhaithnich mi guth mo chompanaich, agus thuig mi gun robh e fhein agus an dithis a bhana chuideachd gu mach eòlach air a cheile. Ach ged a bha iad abruidhinn gu math àrd, cha burrainn domh a dheanamh am mach ciod air an robh iad abruidhinn.

Thug mi ceum am mach as an taigh, agus an uair a thug iad an aire dhomh troimhn uinneig, leag iad an guth gu mòr, agus mar sin, thuig mi nach robh toil aca gun cluinninn facal dhen chomhradh a bheatorra.

Cha do chuir so ioghnadh sam bith orm aig an àm, ach thuig mi air mo chosg fhinna dhéigh sid nach freagradh dhaibh an inntinn a leigeadh ris dhomhsa no do deach sam bith eile.

Cha robh mi fadaspaisdearachd am muigh mun dorus an uair a thainig iad am machnan triùir, agus coltas orra nach robh iad glè réidh. Thòisich iad ri connsachadh gu teith, teann mu ghnothaichean nach robh mise idir atuigsinn. Ged a bha fhios agam gun robh iad ag òl cuideachd, cha robh aobhar agam a bhithsmaointean gum be na dhòl iad a chuir gu connsachadh iad. Mu dheireadh is ethainig as achùis gun robh iad air son a dhol a shabaid, Bhan dithis nach robh mig aithneachadh air son a dhol le chéile sàsnam chompanach. Agus ged a bha ena dhuine air an robh coltas glé làidir, cha seasadh e fada ris an dithis a bha ma choinneamh. Bha coltas cho borb agus cho aingealta orra le chéile ri dithis a chunnaic mi riamh. Agus bha ioghnadh gu leòr orm an uair a chunnaic mi gun robh mo chompanach mar gum biodh e coma co dhiubh a rachadh iad asàs ann, no nach rachadh. Cha burrainn domh an gnothach a bhann a thuigsiunn. Uair a theirinn rium fhin nach robh iad ach afeuchainn ri thoirt orm a chreidsinn gun robh aimhreit theith air éirigh eatorra, agus uair eile theirinn rium fhin nach robh aobhar aig mo chompanach a bhithfeuchainn ri leithid de mhealladh a chur air minntinn.

Bha minam sheasamh beagan astair uapa agus mi fo dhragh mòr air son na h-obrach a bhaca. Ach an uair a chunnaic mi iad adol an sàsnam chompanach, thuig mi nach seasadh e fada riutha ged a be bu choltaiche agus bu treise na h-aon dhen dithis. Mar a than seanfhacal ag radh: “Is olc an dithis nach fhoghainn do dhaon duine.”

An uair a chunnaic mi mo chompanachna shìneadh aca, ghrad chaidh mi ga theanacsa uapa; ach ma chaidh, fhuair mi buille ann an taobh achinn a chuir bodhradhnam chluais, agus a leag air an talamh mi. Mar a than seanfhacal ag radh: “Bidh dòrn aig fear na h-eadraiginn.”

An àite miapadh a ghabhail, is ann a rinn abhuile a fhuair mi mo bhrosnachadh gu mor. Cha bu luaithedhèirich minam sheasamh na thug mi buille mhath no dhà don fhear a bha air muin mo chompanaich.

Anns an àm leum fear an taigh-òsdamach as an taigh, agus an uair a rug e air ghualainn orm, thuirt e: “Cum do làmh air ais, ’ille òig. Tha e tuilleadh is tràth dhut a dhol a shabaid, oir chan aithne dhut sabaid a dheanamh.”

Agus an sìn thionndaidh e ri càch agus thuirt e riutha, gum bu ghnothach glé nàr do dhaoine air an robh coltas a bhith tùrail, tuigseach a dhol a shabaid gun aobhar sam bith. “Is ann a tha sibh uile coltach ris na ceardanan,” arsesan. An uair a mhaoidh e orra gu gargnan triuir, dhfhan iad samhach, agus leig iad orra gun robh iad an deigh aithreachas a ghabhail.

Thog an dithis a bha toileach droch laimhseachadh a thoirt do mchompanach orra, agus dhfhalbh iad.

Thuirt mo chompanach rium gum bfhearr dhuinn fuireach far an robh sinn gus an tigeadh am feasgar anamoch air eagal gun deanadh an dithis a dhfhalbh tòrachd oirnn. “Chaneil earbsa sam bith ri chur annta,” ars esan. “Cha ben diugh acheud lathathachair iad riumsa, agus a chur iad dragh gu leòr orm. Nam faigheadh iad greim oirnn air an oidhche, cha rachainn mionaid an urras nach tugadh iad uainn a h-uile sgillinn a thagainn ris an t-saoghal, agus nach fàgadh iad leith marbh sinn.”

Mar a bha nàdarra gu leòr, chreid mi a h-uile facal a thubhairt e; agus on a dhinnis e dhomh gun robh suim mhath airgid air a shiubhal, cha robh ioghnadh sam bith orm ged a bha eagal air gun rachadh ar spùinneadh le cheile.

Mu dhol fodha na gréine dhfhalbh sinn as an taigh-òsda. Agus an uair a rinn sinn mìle no dhà de dhastar air an rathad mhòr, thuirt e rium: “Feumaidh sinn gun dàil bristeadh bhar an rathaid mhòir agus aithghearrachd a ghabhail, araon a chum na tha romhainn dhen astar a dheanamh nas giorra, agus mar an ceudna, a chum car-ma-chnoc a dheanamh air na fir ud.”

Cha robh mise deònach so a dheanamh idir; ort thuirt mi ris gum bfhearr rathad fada glan na rathad goirid salach. Ach an uair a chuir esan roimhe gum gabhadh e an aithghearrachd, beiginn domhsa a leantuinn, ar neo tilleadh air ais.

Lean mi e glè aindeonach, agus mar a bha sinn adol air aghart ceum air cheum, thòisich mi ri gabhail amhruis gur ann a bha e air thuar lion mo mhillidh a chur mu mchasan. Cha robh facal atighinn a ceann fir seach fir dhinn.

An uair a bha e dlùth air meadhain oidhche, thòisich sinn ri tearnadh bhar amhonaidh sìos do ghleann mòr anns an robh baideanan chaorach atachairt ruinn an dràstas arithist. Mu dheireadh rainig sinn fang, agus aig an fhang bha taigh fada anns am biodh an tuathanach asmeuradh nan caorach. Thuirt mo chompanach rium gu mbfhearr dhuinn feuchainn ris na bha romhainn dhen oidhche a chur seachad anns an taigh ud, on bha sinn gun abheag a chadal a dheanamh an oidhche roimhe sid, agus on a bha coltas an uisge mhòir air an oidhche.

Dhaontaich mi gu toileach so a dheanamh. Fhuair sinn a steach troimh uinneig, agus dhìrich sinn thun na lobhtadh air am biodh na smeuradairean acadal, agus leig sinn sinn-fhinnar sìneadh air bùird-urlair na leapadh.

Ma chaidil no nach do chaidil esan, chaneil fhios agamsa. Ach thuit mise ann an cadal trom mun do thàrr mi ach gann mo cheann a leagadh air a mhàileid.

Becheud dhusgadh a bhagam a bhithfaireachadh dithis dhaoinedeanamh ceangal nan tri chaol orm. Ach ged a rinn mi spreathartaich is glaodhaich gu leòr, chaidh aca air mo cheangal. Thug iad uam amhàileid agus a h-uile bonn airgid a bhair mo shiubhal, agus dhfhàg iad an sid mi.

(Ri leantuinn.)


MAC IAIN DIRICH.

(Air a leantuinn.)

AGUS beiginn do Mhac Iain Dìrich falbh, ’s an uair a bha e mar bheagan do thaobh na mara, choinnich an gille màirtean air, ’s thubhairt e ris, “Beul sios ort a Mhic Iain Dìrich, cha do rinns cha dean thu mar a dhiarras mise ort; is eiginn duinn an nis dol don Fhraing. Ni mise mi fhein ann amlong, ’s rach thusa air bòrd, ’s chan fhada bhios mise gus an toir mi don Fhraing thu.”

Chuir an gille-màirtean e fhein ann an riochd long, ’s chaidh Mac Iain Dìrich air bòrd oirre, ’s sheol an gille màirtein don Fhraing leis, ’s ruith e e-fhein an aird ri aodann creige air tir tioram, ’s thubhairt e ri Mac Iain Dìrich e a dhol an aird gu tigh an righ a dhiarraidh cobhairs e a radh, gun deachaidh an sgioba a chall, ’s an long aige a thilgeadh air tìr. Chaidh Mac Iain Dìrich gu tigh an righ, ’s bhuail e aig an dorus, thainig a h-aon a mach a dhfhaicinn co a bha ann, dhinnis e a sgeul, ’s chaidh a thoirt a stigh don lùchairt; dhfharraid an righ dheth, cia as a bha e, ’s gu- a bha e deanamh an so. Dhinnis e sgeul na truaighe dhaibh, —gun dthainig stoirm mhòr air, ’s gun deachaidh an sgioba a bhaige a chall, ’s an long a bhaig a thilgeadh air tìr tioram, ’s gun robh i an siod, air a cuir an aird ri aodann creige, leis na tonnan, ’s nach robh fios aige gu mar a gheibheadh e as i.

Chaidh an righs abhanrigh, ’s an teaghlach



[156]

[Vol . 12. No. 20. p. 4]

gu leir, gus a chladach, a dhfhaicinn na long, ’s an uair a bha iad ag amharc na luing, thòisich ceol anbharra bìnn air bòrd. Agus chaidh nighean righ na Frainge air bòrd a dhfhaicinn an inneal chiùil, comhla ri Mac Iain Dìreach; ’s an uair a bhitheadh iadsan ann an aon seombar bhitheadh an inneal-chiùil ann an seombar eile. Ach mu dheireadh chualas an ceol air clar uachdair na luinge, ’s chaidh iad an aird, air clar uachdair na long; agus sann a bha an long, a mach air achuan á sealladh tìr.

Thubhairt nighean righ na Frainge, “Is olc an cleas a rinn thu orm. Càit am bheil thu los dol leam?”

Thà,” thubhairt Mac Iain Dìrich, “mi adol leat do dhEirinn, gus do thoirt mar mhnaoi do righ Eirinn, ’s gum faigh mise uaidhsan an fhàlaire bhuidhe aige, gus a thoirt do mhnathan mòra Dhiùrath, ’s gu faigh mi uapasan an claidheamh geal soluis aca, gus a thoirt do fhamhair mòr nan coig cinn, nan coig mill, ’s nan coig muinealan, ’s gum faigh mi uaidhsan an t-seabhag ghorm aige, gus a toirt dachaidh a dhionnsaidh mo mhuime, ’s gum faigh mi saor o mchrosan, ’s o mgheasan, ’s bho dhroch eusan na bliadhna.”

Agus thubhairt nighean righ na Frainge, “Bfhearr leamsa a bhith mar mhnaoi agad fein.”

Agus tra thainig iad gu tìr aig Eirinn, chuir an gille-màirtean e fein ann an riochd mnaoi bhriagh, ’s thuirt e ri Mac Iain Dìrich, “Fàg thusa nighean righ na Frainge ann an so gus an till sinn; ’s theid mise leat gu righ na h-Eirionn; ’s bheir mise a dhìol mnatha dha.”

Chaidh Mhac Iain Dirichs an gille-màirtean gu tigh righ na h-Eirionn, ’s an gille-màirtean ann an riochd nighean bhriagh, ’s a laimh ann an asgailt Mhic Iain Dìrich. Tra chunnaic righ na h-Eirionn iad atighinn, thainig enan coinnimh, thug e a mach an fhàlaire bhuidh agus dìolaid òir air a druim, ’s srian airgiod as a ceann. Dhfhalbh Mac Iain Dìrich leis an fhàlaire, far an robh nighean righ na Frainge. Bha righ Eirinn ro thoilichte leis amhnaoi òg a fhuair e; ’s bha cho beag foighidin aige, ’s gun robh e a los dol a luidhe leatha mun dthainig an oidhche. Chaidh leaba a dheanamh deas daibh, ’s chaidh iad a luidhe, ach is beag fios a bha aig righ Eirinn gum be an gille màirtean a bha aige. ’S cha robh iad fada nan luidh, gus an do leum an gille màirtean air an righ, ’s cha dfhàg e mìr feoil eadar cùl a mhuineils a bhunamhàs, nach tug e dheth.

Dhfhalbh an gille-mairtean, ’s dhfhàg e righ na h-Eirionn na ablach truagh leònta, ’s chaidh ena ruith far an robh Mac Iain Dìrichs nighean righ na Frainge, ’s an fhàlaire bhuidhe. Thuirt an gille-màirtean, “Theid mise an riochd long, ’s rachadh sibhse air bòrd oirre, ’s bheir mi gu Diùrath sibh.

Dhfhàs e ann an riochd long, ’s chuir Mac Iain Dirich an fhàlaire bhuidh a stigh an toiseachs chaidh e fheins nighean righ na Frainge a stigh as a déigh. Agus sheol an gille-màirtean leo gu Diuraths chaidh iad air tìr aig creag nan deargan, aig Cille-mhoire, aig ceann mo thuath Dhiùrath. ’S tra chaidh iad air tir, thubhairt an gille-màirtean, “Fag thusa an fhàlaire bhuidh, ’s nighean an righ ann an so gus an till thu, ’s theid mise ann an riochd fàlaire, ’s theid mi leat gu mnathan mòra Dhiùrath, ’s bheir misan diol falaireachd dhaibh.”

Chaidh an gille-màirtean ann an riochd falaire; chuir Mac Iain Dìrich an diolaid òir air a dhruim, ’s an t-srian airgiod na cheann, ’s chaidh e a dhionnsaidh seachd mnathan mòr Dhiùrath leis. Nuaìr a chunnaic na seachd mhathan mòr e atighinn, thainig iad na choineamh leis a chlaidheamh gheal-sholuis, ’s thug iad da e. Thug Mac Iain Dìrich an diolaid òir far druim aghille-mhàirtean, ’s an t-srian airgiod as a cheann, ’s dhfhàg e aca e, as dhfhalbh e fhein leis a chlaideamh gheal-sholuis, ’s chaidh e far an dfhàg e nighean righ na Frainge, ’s an fhalaire bhuidh a fhuair e o righ na h-Eirionn. Agus shaoil mnathan mòr Dhiùrath, gum be falaire bhuidh righ na h-Eirionn a fhuair iadsan, ’s bha cabhaig mhòr orra gu dol ga marcachd. Chuir iad diolaid air a druim, ’s shrianaich iad a ceann, ’s chaidh te dhiubh an aird air a druim, gus a marcachd, chaidh eile an aird air cùlaobh na te sin, ’s te eile aig cùlaobh na te sin, ’s bha daonnan rùm air son te eile ann, gus h-aon an deigh h-aon gun deachaidh na seachd mnathan mòr air druim aghille-mhàirtain, ’s dùil aca gum be an fhàlaire bhuidh a bhà aca.

Thug te dhiubh buille le slait don ghille mhàirtean, ’s ma thug, ruith is roideasairich e air aiss air aghaidh leo, air feadh a mhonaidh, ’s mu dheireadh chaidh ena leum-ruith, an aird thun mullach monadh Dhiùrath, ’s rainig e mull-aodann na creige mòra tha ann an sin, ’s chàraich e aghaidh ris a chreige, ’s chuir e a dhà chas toisich ri beulaobh na creige, ’s thilg e an aird a cheann deiridhs thilg e na seachd mnathan mòr thar achreig, agus dhfhalbh e agàireachdaich, ’s rainig e far an robh Iain Direachs nighean righ na Frainge leis an fhàlaire bhuidh agus an claidheamh geal-soluis.

Thubhairt an gille-mairtean, “Cuiridh mise mi fhein ann an riochd bàta, ’s rach fein agus nighean righ na Frainge air bòrd, as thugaibh leibh an fhàlaire bhuidh, ’s an claidheamh geal soluis, ’s bheir mise gu tìr mòr sibh.”

Chuir an gille mairtean e fhein ann an riochd bàta; chuir Mac Iain Dirich an claidheamh geal-soluiss an fhàlaire bhuidh air bòrd, ’s chaidh e fheins nighean righ na Frainge a stigh air bòrd as an deigh, ’s chaidh an gille mairtean gu tìr mòr leo. Nuair a rainig iad tìr, chuir an gille-mairtein e fhein na riochd fein, ’s thubhairt e ri Mac Iain Dirich. “Fàg thusa nighean righ na Frainge, an fhalaire bhuidh o righ Eirinn, ’s an claidheamh geal soluis ann an sin, ’s theid mise ann an riochd claidheamh geal soluis, ’s thoir thusa a dhionnsaidh an fhamhair mi, ’s thoir thusa dha mi air son na seabhaig, ’s bheir misedhìol claidheamh dha.” Chuir an gille màirtean e fein an riochd claidheamh geal soluis, ’s thug Mac Iain Dirich leis e a dhionnsaidh an fhamhair. ’S tra a chunnaic am famhair e atighinn chuir e an t-seabhag ghorm ann am mùrlag, ’s thug e do Mac Iain Dirich i, ’s dhfhalbh e leatha gus far an dfhàg e nighean righ na Frainge, an fhalaire bhuidh, ’s an claidheamh geal solus.

Chaidh am famhair a stigh leis aghille-mhairteanna laimh, ’s e fhein asaoilsinm gum be claidheamh geal solus mnathan mòra Dhiùrath a bha aige. ’S thoisich e air fionnsaireachds air sguaiseal leis; ach ma dheireadh, lùb an gille màirtein fhein, agus sguids e na còig cinn far an fhamhair, ’s chaidh e far an robh Mac Iain Dìrichs thubhairt e ris. “A Mhic Iain Dìrich, cuir an dìolaid òir air an fhàlaire, ’s an t-srian airgiod na ceann, ’s rach fein ga marcachd, ’s thoir nighean righ na Frainge aig do cùlaobhs an claidheamh geal soluis, ’s a chùl ri dshròin. Air neò mar bi thu mar sin, tra chì do mhuime thu, tha sealladh aica tha cho nimh is gun gon i thu, ’s tuitidh tu ann adchual chrìonaich; ach ma bitheas cùl a chlaidheimh ri dshròin, ’sam faobhar rithse, an uair a dhfheuchas i ri do ghonadh, tuitidh i feinna cual chrìonaich.”

Rinn Mac Iain Dìrich mar a dhiarr an gille-màirtean air, ’s an uair a thainig e an sealladh an taigh, ’s a sheall a mhuime air le sùil nimheil, ghoimheil, thuit ina cual chrìonaich; ’s chuir Mac Iain Dìrich teine rithe, ’s bha e an sin saor o eagal, ’s bha aige abhean a bfhearr an Albainn, ’s bha an fhàlaire bhuidh cho luaths gum fàgadh i an darna gaoith, ’s bheireadh i air aghaoith eile, ’s chumadh an t-seabhag ghorm am pailteas sithinn ris, ’s chumadh an claidheamh geal-soluis air falbh gach nàmhaid, ’s bha Mac Iain Dirich gu socrach, sona dheth.

Thuirt Mac Iain Dìrich ris aghille mhàirtean, “ ’S e do bheathaille-mhàirtean gu dol feadh mo ghrùnnds beothach air bith a shanntaicheas tu fein a ghabhail a thoirt leat, ’s bheir mise àithne do mghillean, nach tilg iad saithead, ’s nach marbh iad tu fhein no gin do dàl, ge be aon don treud a bheir thu leat.”

Thubhairt an gille-màirtean, “Gleidh thusa do threud dhuit fhein, is iomadh fear aig am bheil muilt as caoirich cho maths a tha agadsa, ’s gheibh mise am pailteas feoil an àite eile gun tighinn a chuir dragh ortsa.” Agus thug an gille-màirtean beannachd le Mac Iain Dìrich agus dhfhàlbh e, agus theirig an sgeul.


Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL XVI.

CHA dfhag mi dorus air achallaid idir. Gus faotainn am machs a steach oirre uair sam bith a thograinn, rinn mi faradh goirid a rachadh agam air a thogail thairis air a barr. Air an oidhche an uair a bhithinn adol a ghabhail mu thamh thogainn leam am faradh a steach, agus chuirinn e far nach ruigeadh neach sam bith air a thigeadh an rathad. Mar so bha mi gu sabhaile fo dhion o gach creutair a dhfhaodadh tighinn an rathad gus dragh a chur orm, agus anns an oidhche bha micadal gu samhach, socrach, gun churam, gun eagal roimh namhaid sam bith. Ach mar a fhuair mi machna dheigh sid, cha robh aobhar agam a bhith cho mi-shuaimhneach sid le eagal roimh naimhdean agus gun naimhdean ann.

Don aite dhaimhnichte so thug mi steach, le mor-shaothair, a h-uile rud a bhuineadh dhomh ris an t-saoghal. Agus rinn mi tent mor dhomh fhin. Gus gum biodh e dionach gu leor an uair a thigeadh uisgeachan troma na bliadhna, rinn mi dubailte; sin ri radh, bhan tent beag air a thogail ann am broinn an tent mhoir. Chomhdaich mi an tent mor leis an aodach thearradh a thug mi as an luing.

Na dheigh so cha do laidh mi anns an leabaidh a rinn mi an toiseach, ach anns ah-amaic a thug mi as an luing. Bha h-amac so gle mhath, oir bann aig met na luinge a bha i.

Thug mi na bha agam de bhiadh gu leir, agus a h-uile rud eile a ghabhadh milleadh leis an uisge, don tent. Agus an deigh dhomh so a dheanamh, dhuin mi am bealach a dhfhag mi air achallaid, agus mar a dhainmich mi mar tha, bha midol am mach agus atighinn asteach air achallaid leis an fharadh.

An uair a chuir mi crioch air aso, thoisich mi ri cladhach a steach fon chreig, agus bha micur na h-urach agus nan clach a bha mitoirt as, an taobh a staigh dhen challaid, gus, mu dheireadh, an robh troidh gu leith air an talamh dhen uir dhe na clachan so. Air an doigh so rinn mi



[157]

[Vol . 12. No. 20. p. 5]

uamha air cul an tent, agus bha ina taigh-stodhair agam.

Chaith mi moran laithean ris an obair so, agus chosg mi moran saoithreach rithe mun do chuir mi crioch oirre. Agus a nis feumaidh mi iomradh a thoirt air nithean eile a bha togail maire aig an am.

An deigh dhomh an tent a thogail agus an uamha a dheanamh, thainig stoirm agus uisge trom. Dhubh na speuran agus thoisich dealanaich is tairneinich a bha uamhasach. Cha do chuir so uiread de dhuamhas orms a chuir a bhithsmaointean air achunnart anns an robh mo chuid fudair. “Oh mo chuid fudair,” arsa mise. Thuit mo chridhe an uair a smaoinich mi gum faodadh mo chuid fudair gu leir a dholna lasair ann an tiotadh. Bha am fudar ro fheumail dhomh, cha bann a mhain gus mo dhion o chunnartan, ach mar an ceudna gus biadh fhaotainn domh. Cha robh a leith urad de dheagal orm mu mdheidhinn fhins a bhorm mu dheidhinn an fhudair.

Rinn so a leithid de dhrughadh orm aig an ams gun do chuir mi romham gun cuirinn dail anns gach obair fheumail eile a bha agam ri dheanamh, agus gun cuirinn mo chuid fudair ann an aite sabhailte. Rinn mi pocannan agus bocsaichean gus am fudar a chur annta a chum, ciod sam bith a thachradh gum biodh am fudar sabhailte, agus nan tachradh gun rachadh cuid dhethna theine, gum biodh achuid eile dheth sabhailte.

An deigh dhomh a bhithg obair gu trang fad cheithir latha deug fhuair mi deiseil pailt coig fichead soire eadar phocannan is bhocsachan, agus chuir mi na bhagam a dhfhudar annta. Tha mismaointean gun robh mu dha cheud is da fhichean punnd fudair agam gu leir. O nach robh mismaointean gun eireadh beud don bharrailte anns an robh am fudar a fhuair beagan fliuchaidh, chuir mi anns an uamhaidh e mar a bha e. Chuir mi an corr dhen fhudar ann an tuill an sids an so anns achreig, far nach ruigeadh fliuchadh air, agus chuir mi comharradh air a h-uile aite anns an do chuir mi e.

An uair a bha mi ris an obair so, bha midol greis uairs an latha am mach le mo ghunna air son cur seachad uine dhomh fhin, agus feuch am faighinn biadh, agus mar an ceudna, feuch am faicinn ciod a bha rifhaotainn anns an eilean. Acheud uair a chaidh mi am mach, thuig mi gun robh gobhair anns an eilean, agus thug so toileachadh mor dhomh. Ach thug mi an aire gun robh iad anabarrach fiata, seolta, agus cho luath-chasachs gun robh e anabarrach doirbh faotainn dluth gu leor dhaibh. Ach cha dthug so mo mhisneach uam, oir cha robh teagamh agam nach fhaighinn cothrom uair is uair air aon diubh a mharbhadh; agus fhuair mi sin; oir an deigh dhomh fhios fhaotainn air far am bu ghnath leothabhithtathaich, rinn mi feall-fholach orra anns an doigh so: thug mi an aire gun teicheadh iad gu luath do na creagan nan tachradh dhaibh mfhaicinn air achomhnard; agus nan tachradh dhaibh mfhaicinn anns na creag an uair a bhiodh iad fhein air acomhnard, cha chuireadh iad uidheireachd sam bith orm. Uaithe so thuig mi gun robh sealladh an sul air a leithid de dhoighs nach dthugadh iad an aire do nithean a bhiodh na bairde na iad, a leith cho maths a bheireadh iad an aire do nithean a bhiodh na bisle na iad. ’Na dheigh so be an doigh a ghabh mi, direadh suas anns na creagan, agus an sin bha mifaotainn deadh chothrom orra.

Acheud uair a loisg mi air na creutairean so thachair gur e gobhar bhoirionn a mharbh mi. Bha meann beag comhladh rithe a bhaga deothal. Bha mo chridhe goirt air son achreutair bhig so. An uair a thuit aghobhar sheas am meann gu socrach ritaobh gus an dthainig mi agus an do thog mi i. Agus cha be mhain so, ach an uair a ghiulainn mi an t-seana ghobhar leam air mo ghualainn, lean am meann mi gus an drainig e achallaid. Thog mi steach leam e don challaid, agus mismaointean gun deanainn peata dheth; ach chan itheadhs chan oladh an creutair bochd dad. Agus an uair a chunnaic mi nach biodh e beo, mharbh mi e, agus dhith mi e.

Chum aghobhar agus am meann feoil rium car uine mhath; oir cha robh mi ag itheadh ach cho beags aburrainn domh. Bha micaomhnadh an arain cho maths a dhfhaodainn.

An deigh dhomh maite comhnuidh a chur air doigh cho maths a baithne dhomh, chunnaic mi gum feumainn aite teine a dheanamh, agus gum feumainn connadh fhaotainn. Ach aig an àm so cha toir mi iomradh air mar a rinn mi aite teine, mar a mheudaich mi an uamha, agus a h-uila goireas eile a rinn mi, ach bheir mi seachad lan-chunntais mun deidhinnna dheigh so. Ach mun teid mi nas fhaide air aghart, innsidh mi mu dheidhinn nan smaointeanan a bhag eiridh suasnam inntinn mu mthimchioll fhin, agus mu thimchioll mar bu choir dhomh mo bheathachaitheamh agus, mar a dhfhaodar a thuigsinn, bha na smaointeanan so gu math lionmhor.

Bha migabhail fior dhroch shealladh air mo shuidheachadh. Bha mi air eilean a bha fada fadair falbh on t-slighe air am biodh loingeis an t-saoghail aseoladh, air don luing air an robh mi bhith air a fuadachadh le stoirm ro laidir bhar achursa air am bu ghnath le luchd-falbh na marabhith tathaich. Agus bha mig am deanamh fhin cinnteach gun robh e suidhichte ann an run siorruidh Dhe, gun robh mi gus na bha romham dhe mo bheatha chaitheamhnam onar air an eilean fhasail ud, agus gus crioch a chur air mo bheathanns an t-suidheachadh aonaranach anns an robh mi.

An uair a thigeadh na smaointeanan so a steach orm, bhithinn asileadh nan deur gu frasach. Agus bu tric leam a bhithsmaointean, car son a bha am freasdal air an doigh so acur chreutairean ann an suidheachadh truagh, trioblaideach, gun chuideachadh, gun chomhnadh o neach sam bith. Bainneamh leam a bhith cho taingeils bu choir dhomh air son nam beannachdan a bha mi sealbhachadh.

Ach bha smaointeanan eile gu tric atighinn a steach orm, agusg am chronachadh. Gu sonraichte, air latharaidh, agus mi falbh ri bruaich achladaich agus mo ghunna fo machlais, bha mi gle throm-inntinneach mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns an robh mi. Ach thog reusan a ghuth an taobh a staigh dhiom, agus thuirt e mar so: “Seadh, tha e fior gu leor gum bheil thu air eilean fasail. Ach, cuimhnich, guidheam ort, caite am bheil na daoine a bha comhladh riut anns an luing? Nach deachaidh aon duine deug don bhata? Caite am bheil an deichnear eile? Car son nach robh iadsan air an tearnadh, agus thusa air do chall? Car son a chaidh thusa a ghleidheadh beo? Co dhiubh is fhearr dhut a bhith beo air an eilean fhasail so, na bhith baithte ann an grunnd achuain?” Agus an sin shin mi mo lamh ris achuan.

Tha gach olc a thig an rathad duine ri bhith air a thoirt fa near maille ris amhaith a thana fhochar.

CAIB. XVII.

Na dheigh sid thoisich mi ri toirt fa near cho math agus cho pailts a bha an t-ullachadh a bhagam air a dheanamh air son mi-fhin a chumail suas, agus bha mismaointean air an t-suidheachadh thruagh anns am bithinn nan do thachair dhomh tighinn air tirs gun dad dhe na bhanns an luing agam. Dhfhaodadh so a bhith air tachairt. Agus thug mi fa near mar an ceudna gun do chuir aghaoth agus an fhairge an long cho dluth air tirs gun dfhuair mi cothrom agus uine air na nithean ud gu leir a thoirt aisde. Ciod a bhiodh air tachairt dhomh nam biodh agam ri feuchainn ri bhith beo anns an t-suidheachadh anns an dthainig mi air tir an toiseach, gun bhiadh gun aodach agam, no doigh air biadh is aodach fhaighinn?

Gu sonraichte, thuirt mi rium fhin, agus mitogail mo ghuth, ciod a dheanainn gun ghunna, gun fhudar is luaidhe, gun inneallan gu rud sam bith a dheanamh, a chuirinn umam, no aodach-laidhe, gun tent, no doigh air dion is fasgadh a chumail orm fhìn?

Agus a nis on a bha na nithean so gu leir agam ann am pailteas, agus on a bha chuis coltach gun rachadh agam air mi-fhin a chumail suas an deigh don fhudars don luaidhe teirigeachdainn, bha mifaicinn gun robh aobhar agam air a bhith taingeil, toilichte. Mar so bha h-uile coltas gum faighinn mo lon, agus nach biodh eis sam bith orm fhads a bhithinn beo. On fhior thoiseach thug mi fa near cia mar a dheanainn ullachadh an aghaidh nan tubaistean a dhfhaodadh tachairt dhomh anns an am a bha ri teachd, cha bann a mhain an deigh don fhudars don luaidhe teirigeachdainn, ach eadhoin an deigh do mnearts do mshlainte failneachadh.

Tha mig aideachadh nach do smaoinich mi idir an toiseach gum faodadh mo chuid fudair gu leir a dholna theine leis an tein’ -adhair, agus an uair a thoisich dealanaich is tairneanaich, mar a dhainmich mi mar tha, ghabh mi ioghnadh nach do smaoinich mi air achuis roimhe sid.

Agus a nis on a tha mi dol a thoirt cunntais mhuladach seachad air an doigh aonaraich anns an do chaith mi mo bheatha air an eilean fhasail uddoigh ma dhfhaoidteadh nas aonaranaiche na chualas riamh roimhe anns an t-saoghal, toisichidh mi aig an toiseach, agus cuiridh mi sios mo naigheachd ann an ordugh.

A reir na cunntais a bha mi cumail, bann air an deicheamh latha fichead de mhios meadhanach an fhoghairs abhliadhna 1657, mar a dhainmich mi roimhe so, a chuir mi an toiseach mo chas air tir anns an eilean oillteil ud. Be sid am stoirmeannan an fhoghair, agus anns an aite ud bhaghrian ann an cridhe amheadhain-latha direach os cionn mullach mo chinn. Mar a dhainmich mi mar tha, bhan t-eilean beagan astair a tuath air meadhain an t-saoghail.

An deigh dhomh a bhith mu dheich no dusan latha air an eilean bhuail e anns an inntinn agam gum faodadh gun caillinn cunntas air mar a bhan uine dol seachad, o nach robh leabhraichean is peannd is incagam, agus nach biodh fhios agam co e Latha Sabaid seach laithean obrach na seachdain. Ach gus mo chumail ceart, chuir mi maide morna sheasamh anns an talamh aig achladaich far an dthainig mi air tir, agus ghearr mi air ann an litrichean mora leis an sgein na briathran so: “Thainig mi air tir an so air an deicheamh latha fichead de Sheptember, 1695.”

Air taobhann amhaide so (agus rinn mi ceithir-chearnach e mun do chuir mi suas e) ghearr mi eag a h-uile latha leis an sgein, agus a h-uile seachdamh latha ghearr mi eag a bha moran na bfhaides na bu doimhne na na h-eagan eile. Agus air acheud latha dhe gach mios bha migearradh eagan a bha na bfhaide na eagan na



[158]

[Taobh -duilleig 153 san leabhar fhèin]

[Vol . 12. No. 20. p. 6]

Sabaid, agus air an doigh so bha micumail cunntais air na laithean, na miosan, agus air na bliadhnachan.

Anns an ath aite feumaidh mi iomradh a thoirt air gun dthug mi gu tir as an luing iomadh ni nach robh ro luachmhor, ach a bha gle fheumail dhomh, ged nach dainmich mi iad roimhe so. ’Nam measg so bha pinn, inc’, agus paipear. Bha iad so anns na seomraichean aig an sgiobairs aig amhet, ’s aig aghunnairs aig an t-saoir. Fhuair mi mar an ceudna tri no ceithir de chombaistean, innealan a bhiodh aig an sgiobair gus cunntais a chumail air an astar a bhiodh an long a curna deigh, uaireadairean-greine, glaineachan-amhairc, cairtean-iuil, agus leabhraichean marachd. Thilg mi comhladh iad, ged nach robh fhios agam co dhiubh a chuirinn feum orra no nach cuireadh.

Fhuair mi mar an ceudna tri Biobuill mhatha a chuireadh gam ionnsuidh a Sasuinn, agus a chuir mi iad am measg gach ni a bhuineadh dhomh an uair a sheol sinn air an turus mhi-fhortanach ud. Bha leabhraichean ann an canain Phortugal ann mar an ceudna. ’Nam measg so bha a dha no tri de leabhraichean-urnuigh papanach, agus caochladh de leabhraichean eile, agus thug mi leam iad uile.

Agus chan fhaod mi dichuimhna dheanamh air innseadh gun robh cu agus da chat againn air bord anns an luing, agus feumaidh mi cunntas a thoirt seachad mun deidhinn. Thug mi leam an da chat gu tir. Agus mu dheidhinn achoin, leum e bhar buird agus shnamh e gu tir as mo dheigh acheud latha thug mi luchd gu tir leis an rath, agus bha ena sheirbhiseach dileas dhomh fad iomadh bliadhna. Bheireadh e gam ionnsuidh a h-uile rud a dhiarrainn air; bhiodh en comhnuidhnam chuideachd, agus bhiodh ena chompanach gle mhath nam burrainn da bruidhiuinn a dheanamh, ach chan robh an comas sin aige.

Mar a dhainmich mi mar tha, fhuair mi pinn agus incagus paipear, agus bha mig an caomhnadh cho maths a burrainn domh. Agus fhads a mhair an ince dhomh bha mi sgriobhadh mion-chunntais air a h-uile rud a bha mi deanamh; ach an uair a theirig an ince dhomh, cha burrainn domh cunntais a chumail air mo ghnothuichean na bfhaide, oir cha burrainn domhince dheanamh, ged a thug mi oidhirp air a deanamh.

Agus chuir sonam chuimhne gun robh iomadh rud a dhith orm a dhaindeoin lionmhorachd nan nithean a bha min deigh a chruinneachadh comhladh; agus bann diubh so ince, agus mar an ceudna spaid, agus piocaid, agus sluasaid gus an talamh a chladhach agus an uir a thoirt air falbh. Bha snathadan is snath is frineachan gam dhith mar an ceudna; agus mu dheidhinn anairt bha mi ann an uine ghoirid adeanamh aghnothaich as aonais gle mhath.

Dhfhag cion innealan freagarrach a h-uile obair a bha mi deanamh anabarrach doirbh ri dheanamh, agus gle fhadalach. Bha dluth air bliadhna air adhol seachad mun do chuir mi crioch air achallaid a bha timchioll air an tent. Bha h-uile fear dhe na postachan a chuir mi innte cho troms gur ann air eiginn a rachadh agam air an togail. Agus thug iad uine mhor dhiom mun do ghearr mi anns achoille iad; agus thug iad moran a bharrachd uine dhiom mun dthug mi dhachaidh iad. Is minic a thug mi da latha air fear diubh a ghearradh agus a thoirt dhachaidh, agus lath eile air a chur anns an talamh.

Bha min toiseach abualadh nam postachan sios anns an talamh le sgonn trom maide, ach mu dheireadh chuimhnich mi gun robh na geimhleagan agam, agus an deigh dhomh te dhiubh fhaotainn bha e doirbh gu leor dhomh na postachan a chur fodha leatha.

Ach ciod an t-aobhar a tha agam air a bhith gearain gun robh an obair a bha agam adol air aghart cho mall, on a bha uine gu leor agam gus a deanamh? Agus cha robh mi faicinn gun robh obair shonraichte sam bith eile agam ri dheanamh an deigh don obair ud a bhith criochnaichte, ach sgriob a thoirt air feadh an eilean feuch am faighinn dad a dhithinn, rud a bhatoirt greiseag dhen uine dhiom a h-uile latha. Thoisich mi ri toirt fa near gu durachdach dluth an t-suidheachaidh anns an robh mi, agus an staid gus an dthainig mi, agus chuir mi sios ann an sgriobhadh mo staid agus mo shuidheachadh, cha bann idir gus am fagail aig aon neach a thigeadhnam dheigh, oir cha robh achuis coltach gum biodh oighreachan orm, ach gus faothachadh a thoirt do na smaointeanan a bhag eirigh suasnam inntinn a h-uile latha, agus a bhacur doilghios mor orm. Agus on a bha mo reusan a nis afaotainn buaidh air an eu-dochas a bhan comhnuidhna laidhe gu trom orm, thoisich mi ri comhfhurtachd a thoirt dhomh fhin cho maths a burrainn domh, agus ri cur amhath agus an uile mu choinneamh a cheile, a chum gum bithinn comasach air a leigeadh ris na bfhearr dhomh fhin nach robh mo shuidheachadh cho fior dhonas a bha mi gu tric asmaointean. Chuir mi sios mo staid gun chlaonadh gu taobh seach taobh, mar a dheanadh duine onarach air a chuid fiachan agus air a theachd a steach. Chuir mi na comhfhurtachdan a bha mi sealbhachadh agus na truaighean a bha mi fulang mu choinneamh a cheile mar so:—

An t-OlcTha mi air mo thilgeadh air eilean udluidh, fasail agus gun dochas sam bith agam ri faighinn as.

Am MathAch tha mi beo, agus cha do bhathadh mi mar a thachair do gach aon eile a bha anns an luing maille rium.

An t-OlcTha mi air mo thaghadh, mar gum beadh, a measg sluagh an t-saoghail uile gu bhith truagh.

Am MathAch tha mi air mo thaghadh a measg sgiobadh na luinge gu leir, gu bhith air mo shaoradh on bhas, agus tha Esan a shaor mi gu miorbhuilleach on bhas, comasach air mo shaoradh on t-suidheachadh so.

An t-OlcTha min sonam aonar, air mo dhealachadh on chinne-daoingu leir.

Am MathAch chaneil midol bas leis an acras, agus adol a dhith air aite fasail anns nacheil dad a chumas suas mi.

An t-OlcChaneil aodach agam a chomhdaicheas mi.

Am MathAch tha mi ann an aite blath far nach burrainn domh abheag a dhaodach a chaitheamh ged a bhiodh e agam.

An t-OlcTha mi gun chomas air mi-fhin a dhion, agus cha mho is urrainn domh cur an aghaidh ainneart dhaoine no fhiadh-bheathaichean.

Am MathAch tha mi air mo thilgeadh air eilean anns nacheil mi faicinn fhiadh-bheathaichean a ni cron orm mar a chunnaic mi air corsa Africa, agus ciod a thachradh dhomh nan deachaidh an long a bhristeadh an sid.

An t-OlcChaneil duine agam a bhruidhneas rium, no bheir fuasgladh dhomh.

Am MathAch chuir Dia gu h-iongantach an long dluth gu leor don chladach air chors gun dfhuair mi iomadh rud ro fheumail dhomh a thoirt aisde gus cuideachadh a dheanamh leam fhads a bhios mi beo.

An uair a ghabhas sinn beachd air aso gu leir, tha ena dearbhadh ro shoilleir nacheil ach gann suidheachadh truagh anns am bheil daoinesan t-saoghal anns nacheil ni eiginn air a chumail uapa, no ni eiginn air a thoirt dhaibh, air son an coir dhaibh a bhith taingeil. Biodh sona chomharradh air a tharruinn o fhein-fhiosrachadh neach a bha ann an suidheachadh cho truaghs a burrainn a bhith anns an t-saoghal so, a chum gum faigh sinn an comhnuidh ni-eiginn ann gus comhfhurtachd a thoirt dhuinn, agus gun cuir sinn am maths an t-olc mu choinneamh a cheile.

Air dhomh mi-fhin a thoirt gu bhith car beag riaraichte le mo staid, agus sgur a bhithg amharc rathad na mara feuch am faicinn long: tha mig radh, an deigh dhomh sgur dhe na nithean so, thoisich mi gu dichiollach ri obair gus gnothaichean a dheanamh cho freagarrachs a ghabhadh deanamh air son na doigh anns an robh mi gu bhith caitheamh mo bheatha.

(Ri leantuinn.)


Sgeul aBhiobuill.

(Oban Times. )

Tha so air innseadh dhuinn as ùr le Mr Canton co-cheangailte ri Comunn aBhìobuill an Lunnuinn a bha air a chuir air chois direach ceud bliadhna roimhe so air amhios so. Air an 7mh don Mhàirt 1804 choinnich feadhainn a bhan am buill do eaglaisean Stéidhichte agus Saor, agus rùnaich iad gum bu chòir oidhirp don t-seòrsa so a bhi air a deanamh; agusnam measg-san aig an robh làmh anns achùis o thoiseach bha iomadh fear tuigseach comasach a bhuineadh do Albainn. Lean soirbheachadh mòr an Comunn so ann am beagan bhliadhnachan. Tha e air ìnnseadh mar chaidh am Bìobull eadar-theangadh do 370 cànain. Ach aig acheart àm tha e air a ràdh gum bheil 400,000,000 (ceithir cheud muillein) do shluagh aig nacheil am Bìobullnan cànain féin. Tha am Biobull a nis cho saors gum faighear an Tiomna Nuadh air son sgillin. Chaneil ena ioghnadh idir nach robh am Bìobull coitcheann am measg nan Gàidheal ceud bliadhna roimhe so, a chionn nach robh eadar-theangachadh air a chrìochnachadh gus abhliadhna 1801. A bharrachd air a sin cha robh e idir saor ra cheannach, agus cha robh ach beagan don t-sluagh a burrainn a leughadh ann an ceàrnan farsuinn don Ghàidhealtachd far nach robh sgoilean idir ann. Thàinig Comunn Lunnuinn an sin gu cuideachadh nan Gàidheal, agus chuir iad a mach am Bìobull aig na prìsean so: tri tastain is sgillin air son aBhìobuill, agus deich sgillin air son an Tiomna Nuaidh. Rinn comuinn an Albainn cuideachadh mar an ceudna. Tha an Comunn so an Lunnuinn adeanamh obair mhòir feadh an t-saoghail gu léir ann a bhi asgaoileadh solus an Leabhair so anns gach dùthaich fon ghréin. Tha ar bàird féin ag aideachadh gun robh sinn aineolach a chion an leabhair so. Be ar cliù

Bha na Gàidheil ro aineolach dall,
Bha ionnsachadh gannnam measg.

Thàinig atharrachadh air cùisean gun teagamh; tha Bìobuill saor gu leòir; ach am bheil an toradh a réir nan sochairean?


Maduinn Di-luain air an t-seachduin sa chaidh bha crith-thalmhuin air a faireachadh ann anNew Brunswick ’s an Stàid Maine. Thainig i beagan an deigh aon uair, agus bha an sluagh air an dùsgadh as an cadal leis an troimhe-cheile rinn i. Ann an St. Johns am Fredericton, bha soithichean air an leagail bhar sgeilpicheans air am bristeadh; ann an caochladh chearnan de Mhaine bha simileirean air an leagails beagan calla air a dheanamh air tighean-còmhnaidh is togalaichean eile. Cha do mhair a chrith ach tiotadh. ’S ann uair gle aianeamh a dhfhairichear a leithid anns na cearnan tuathach so idir.



[159]

[Vol . 12. No. 20. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal,

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Litir a Lag an t-Slocain.

FHIR APHAIPEAR, —Bha anns an litir a chuirBodach cùl na beinnegu MAC-TALLA aig toiseach na bliadhna duan calluinn a rinn Donnachadh Ruadh Mac Cuithein, air an dthug mi iomradh uair no dha roimhe; aguss e mo mhor bharail gu bheil barrachd is aon duan dhe na rinn e aigBodach cul na beinne.” Bha e ag innseadh dhomh gun do rinn am bàrd an duans a phiob thombacana bheul. Is pongail an litir a chur e ga dionnsuidh, agus is gasdan teist a thug e seachad mu Dhonnachadh. On a chaidh am bodachna ruith tha dochas agam gun téid ena dheann-ruith.

A réirs mar a chuala mise be Iain Mac Cuithein, Iain Ruadh Piobaire, don drinn am bàrd ainmeil Gilleasbuig Domhnullach, Gille na Ciotaig, an da òran, “MarbhrannagusAiseirighIain Ruadh Piobaire, brathar athar Dhonnachaidh Ruaidh. Tha e air innseadh gun do chòrd na h-òrain cho math ri Iain Ruadh Piobaires gun do phaigh e am bàrd air son a shaothair.

Be màthair Dhonnachaidh Ruaidh a rinn am port aighearach so:—

Siream suas, stream sios,
Cha robh ball de Ruairidh agam;
Siream suas, siream sios,
Cha robh ball de Ruairidh.

Nuair a dhéirich misa mhaduinn,
Cha robh ball de Ruairidh agam;
Nuair a dhéirich misa mhaduinn,
Cha robh ball de Ruairidh.
Siream suas, &c .

O chionn dlùth air da fhichead bliadhna sgriobh an t-Urr. Donnachadh Mac Gilleathain, bàrd a tha airidh air ainm àrd am measg a luchd-dùthcha, mar a leanas:— “Ann an aon ni thabhàrdachd atoirt buaidh thar gach modh teagaisg agus gnè sgriobhaidh eile, —agus is e so e, gun dean a chuimhne greim nis luaithe agus nis buaine oirre na air gnè chainnte no chomhraidh air bith eile; agus thachuis mar so gu sonruichtenuair a tha i féin agus ceòl binn, blasda air an nasgadh ann am bannaibh pòsaidh ra chéile.” Agus tha Gilleasbuig Mac-na-Ceardadh, a chur am mach an t-Oranaiche, cruinneachadh eireachdail de dhorain Gàilig, anns abhliadhna 1879, asgriobhadh mun bhàrdachd mar so:— “Cainnt an duine an uair is géireinntinn, is beòthaile a chuimhne, is fosgailtiche a thuigse, is làine a chridhe, agus is blàitheaignidhean.”

So agad mar a chuala mi an t-oran, “Fear air bith chan àill leam,” a bhasan àireamh mu dheireadh den MHAC-TALLA. Bha na sreathansan òran sin, mar gum beadh, air an gearradh na bu ghiorra na sreathan an òrain so:—

Cha téid mi idir don tuathanach,
Bidh moran uallaich mun àitair.

LUINNEAG.
Cha teid mi do dhfhear abhàta,
Fear achomhraidh chiùin as fhearr leam;
Cha teid mi do dhfhear abhàta.

Cha teid michìobair nan caorach,
Bidh e daonnan air an sàiltean.

Cha teid mimhuillear an t-sadaidh,
Cha leig e cadal no tàmh dhomh.

Cha teid midhiasgair an sgadain,
Bidh e roimh latha ga mfhàgail.

Cha teid mishealgair na h-eala,
S eagal orm gun teid a bhàthadh.

Cha teid mi idir don fhìdhleir,
Feumaidh en teud fìdhla chàradh.

Cha teid mi idir don phìobair’,
Tha a bhrìgh adolsa mhàla.

Cha teid mi idir don ghreusaich’,
Tha na breugan aco-fhàs ris.

Cha teid mi do shaor na locrach,
Cha dean e fortan no stà dhomh.

Cha teid mi idir don tàilleir,
S olc an seisreach meurans snàthad.

Chuir mi nis air chul iad uile;
S e mo roghainn muillear an t-sàbhaidh.

Chaneil fhios agam air an t-saoghal con a rinn an t-òran a thug mi seachad, mureil fhios agad fhéin. Cha mhotha na sin tha fios agam n a rinn an t-òran so. Tha fonn anabarrach briagha air, an uair a bhios e air a sheinn mar is còir dha:

LUINNEAG.
Hìlinn ù uileann ì,
Hìlinn ù uileann ì,
Fàill ìll éile ro ì,
S mo thruaighe mi mur faigh mi thu.

S mi mar smeorach ann an coill,
An déigh na h-iseanan achall;
Seacharan airdhol na mcheann,
S gur beag thashannt a chadail orm.

S e mo cheisd an gille bàn,
Nach leig a leannan le càch:
Teann a nalls thoir dhomh do làmh,
Cha leig mi dàil nas fhaide leat.

Nuair bha thud ghlas-ghiullan òg,
Gun airgid, gun òr adphòc’ ,—
Tha thun diugh air long nan seòl,
Gu riomhach, bòidheach, baganta.

Chan e airgids chan e òr,
Chan e ni a rinn mo leòn,
Ach thu bhith air long nan seòl,
S a chaoidh ri mbheò chan fhaic mi thu.

Mo cheisd an Domhnullach thu,
Cas as deisetheid am bròig;
Leannan falaich nam ban òg,
Cha leig min Olaint thairis thu.

Le mfhiosrachadh cha robh na h-òrain a thug mi seachad agus an t-òran a leanas riamhsa MHAC-TALLA. Dhfhairlich orm Fhaotainn dhiubh ach na rannan a thug mi seachad. Is fhurasda thuigsinn nacheil iad an déigh a chéile mar bu chòir dhaibh a bhith. Tha iad dìreach mar a chuala mi iad air an seinn:—

S ann ort fhéin a dhfhàs a ghruag,
S ina camlagan mu dchluais,
Ribineanga ceangal suas,
S frìne cruaidhga teannachadh.

LUINNEAG.
AMhairi dhubh, o o ,
S aMhairi bhuidh’, o o ,
AMhairi dhubhs aMhairì dhonn,
Tha mi gun fhonn o dhealaich mi
Ri Mairi dhubh, o o .

Nuair thig an samhradhs am blàths,
S a thoisicheas nam flùrs ri fàs,
Togaidh sinn na siùil gu h-ard,
S gun gabh sinn sraiddhAstralia.

Chaneil i dubhs chaneil i donn,
S boidheach, deas thu air an fhonn;
S mor mo dhùil nach cùm thu teann
An gealltanas a bhagam ort.

Latha dhomhs mi gabhail sraid,
Co thachair rium ach mo ghradh
Taomadh uisga tobar tamh;—
Cha bhith mi slan mur faigh mi thu.

Atighinn an ears adol iar,
S i ùr cha bhith mo mhiann,
Ged tha mi nise air fàs liath,
S mo chiabhagan air tannachadh.

Is iomadh deadh oran Gàilig nach robh riamh fhathast air an cur an clò. Tha rannan air an co-chumadh ris na seann fhuinnmoran dhiubh nach fhiach an t-saothairach a tha nam meadhain air na seann fhuinn a chumail air chuimhne. Bhiodh e na ni cliùiteach nam biodh na seann òrain air an cruinneachadh cruinn, cothroms air an cur am mach ann an leabhar.

Mas criochnaich mi an litir so, tha mi a toirt moran taing do Dhonnachadh Domhnullach ann am Montreal air son an geug de fhraoch Sgitheanach agus an litir a chur e ga mionnsuidh fo chùram fear-deasachaidh MHIC-TALLA. Mar a thuirt an seann sgeul: “Soirbheachadh leat ge be àitan téid thusonas na dshiubhals na dghluasad.”

Ma bhios mi air mo chùmhnadh, cuiridh mi òran no dha eile ugad.

PEIGIDH PHABACH.
Fhéill Pàdraig, 1904.


Tha cuid de phaipeirean nan Stàidean ag radh gu bheil an còrdadh a thatar a deanamh eadar Breatunns an Fhraing a thaobh cladach a deas Newfoundland an aghaidhCreud an Rothaich;” nach bu choir leigeil le da dhùthaich Eorpaich iomlaid chòirichean a dheanamh an cearna sam bith de dhAmerica gun chead fhaighinn bho na Stàidean. Is bochd nach robh na sgriobhadairean so ann ri linn an fhàidh bréige Mahomet; ’s iad na ceart dhaoine bha dhìth air mar ofaigich naarmailt nuair bha e sparradh a Chórain an amhaich gach sluaigh air am faigheadh e lamh-an-uachdair. Ach cha fhreagair an doigh iompachaidh sin air an la an diugh. ThaCreud an Rothaichair laidhe gu trom air inntinn luchd nam paipeirean Geancach. Achs i chreud-riaghlaidh dam bheil muinntir dhùthchannan eile atoirt aonta, gur còir do gach rioghachd is cumhachd an aire chumail air na gnothuichean sin a bhuineas daibh féin.


Tha baile ùr Inbhirnis ri bhi air a chorpachadh. Dhaontaich an sluagh a tha fuireach ann sin a dheanamh Di-Màirt sa chaidh le 164 an aghaidh 12 bhòt. Bidh sin na cheum feumail don bhaile. Dhfhàs e gu grad an da bhliadhna sochaidh, agus cha robh de riaghladh thairis air ach na burrainn comhairle na siorrachd a thoirt dha. Le comhairle don bhaile fhein theid aig an t-sluagh air cùisean a dheanamh gu math nas fhearr na tha iad an ùine ghoirid. Bidh dòchas againn ri baile Inbhirnis fhaicinn na bhaile rianail, soirbheachail.


Tha daoine deanamh mach gum bi barrachd is bruidhinn mu dheidhinn drochaid a chur thairis air Caolas Chanso. Faodaidh e bhith gun gabh an riaghladh os laimh e, ’s gum bi an cosdus air a phàidheadh á ionmhas na dùthcha. Tha Ceap Breatunn asior fhàs an sùilean Chanada; agus bhiodh e iomchuidh an turus thar aChaolais a dheanamh na bealaimhes na bu shocaire do luchd falbh is tighinn. Tha an t-aiseag mi-chomhartail do luchd-turuis agus anabarrach cosdail don dùthaich.


Tri aois coin, aois eich;
Tri aois eich, aois duine;
Tri aois duine, aois féidh;
Tri aois féidh, aois fìrein;
Tri aois fìrein, aois craoibh-dharaich.


Treubhantas an duine bhigfead is fuaim.



[160]

[Vol . 12. No. 20. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Laoidh

Le Iain Màrtuinn an Eilein a Phrionnsa sa bhliadhna 1855.

Dhealbh is chruthaich thu, Dhia, sinn
Ann ad choltass a tiomhaigh air thùs;
Chuir thu dreach agus sgiamh oirnn
Nach gabh aithris am briathran a chiùil;
Samhladhs coltas na Trianaid,
S dealradh maiseach na diadhachd nar gnùis;
Firinn, naomhachd, is siochaint,
Saor o eagals o iargains o thnùth.

Am measg chraobhan a ghàrraidh,
S sinn fo dhubhars fo sgàil nan crann ùr,
S iad gu reachdmhor fo làn mheas,
S bàrach inntinn an sàsachadh sùl;
S boltrach cubhraidh nam blàthan,
A bhag eiridh a gàrradh nam flùr,
Cha chuir cainnt no deas bhàrdachd
Ann an doimhne non àirdem blagh ciùil.

Ann an lios nan lus cùbhraidh,
Ann an Eden fo ùr chruths fo sgeimh;
Lios bu taitnicheshiubhlteadh,
S cha robh shamhuil an dùthaich fo neamh.
Chiteadh toradh nan ùrchrann
Le trom chudtrom a lùbadh nam meur,
S chiteadh taitneach fo dhrùchd e
Anns a mhaduinn a brùchdadh o fhreumh.

S craobh na beatha fo làn dhreach
Ann am meadhon a ghàrraidh lan sùigh;
Gloir is urram gach faillein
Riamh a chinnich na thàrmuich o ùir.
Cha robh leigheas no àrach
A co-sheasamh do nàdur gu cùl
Nach robh iomlan nablàthan,
S beatha shiorruidh neo-bhàsmhor mar chrùn.

S uisge fior-ghlan a cròiceadh
S a ruith seachad le cronan gu sèimh
Ann an cuisle nan òr leac,
Ann am piosan a bòirdheirce sgèimh;
S chan fheil aithris air sòlas
Ann an ealaidh, an òran, non sgeul
Nach robh iomlan fo chòir dhuinn
Mar a labhair Iehòbha lebheul,

Gusn do bhrist sinn air àithne,
Fo dhubh innleachdan Shàtain gun dghéill,
S thainig truaighagus bàs oirnn,
S thainig eagal is nàire ro gheur,
S mhallaich Dia air an sin
Grunnd is machair is fàsaichean céin;
S aobhar tuiridh gach àil sin
Do gach aon de shliochd Adhamh gu léir.

Dhfhag sin rùisgte gun dion sinn
Ris gach doinionn is sionthig on speur,
S sinn fo amhladhs fo fhiamh-gheilt,
S chaochail buadhan ar diadhachd gu léir,
Dhùisg a chogais mar fhianuis,
S dhfhàilnich lùth na céis chriathmar ghlas fheur,
S ged bu bhrònach ar n-iargain,
Cha bu leòir sin gu dioladh ar .

N àite maise na naomhachd
Dhfhuaigh sinn duilleach croinn fhìge ri chéil
Gus ar còmhdach o mhì-nàir’;
Fhuair sinn sealladh ro-iseal oirnn féin,
S sinn ag iarraidh cùl-didein
Gu ar folachfeadh chraobhan nan geug.
Och! mo bhròn ar cruaidh chaochlaidh,
S tric na deoir air ar n-aodann na dhéidh.

Chuir guth Dhiafeadh a ghàrraidh.
Ann am fionnachd an sinn gu gluasd,
S sinn a teicheadh olàthair
Gus ar folach is nàirair ar gruaidh,
Ach do threun ghuth an Ard-Righ
Béigin géilleadh gun dàil ge bu chruaidh
Nuair a dhéigh e, ThusAdhaimh,
Càit a bheil thu? ’n em bàsthug ort buaidh?

Fhreagair Adhamh gu brònach,
Bha mi rùisgte gun chòmhdach, gun dion,
S chaidh mim folach o dMhòrachd,
Chan fheil treise no còmhnadh sa chriath,
On a bhrist mi air tòrdagh
Mar is aithnes is eol dhuit, a Dhia,
Dhfhalbh mo mhisneachs mo dhòchas,
S gann is urrainn do dthrocair mo dhion.

Och! mo thruagharsa Dia ris,
Mar a dheirich do tiarmads dhuit féin;
Fhuair am bàs sibh na ghiallaibh,
Chaill sibh comunn na diadhachds nan neamh.
Theid ur fògradh on fhion-lios
Na ur dìobaraich chianail an céin,
S bidh an talamh na bhlianaich
Nach doir tuilleadh ur diol dhuibh gun phéin.

Ann am fallus do ghruadhach
Gheibh thu taran fad buantas do ,
Gus am pill thu gu ruadhain,
Oir is duslach is luaithre do chrè;
N aite pòr nam fras luachmhor
Fàsaidh droigheann is cluaran le chéil’,
Chionn gun déisd thu ri buaireadh
Guth do mhnatha roimh bhuan reachd nan neamh.

Labhair Dia air an dòigh so
Ri ar màthair an òigh mhaiseach, Eubh;
Eiridh cinneas gu mor dhuit,
S eiridh doilgheas is bròn dhuit da réir,
Chionn gun déisd thu gu gòrach
Nathair lùbach na seoltachds nam breug,
Thig do ghineil is toigridh
Ann an trioblaid, an dòruinn, ’s am péin.

Laighidh mallachd gu siorruidh
Air an nathair thuirt Dia mar a thoill,
S eiridh naimhdeas nasiol
An aghaidh gineal is iarmad na mnà
Bruthaidh ise a shàil-san
Ach bruthaidh E-san gu làidir a ceann,
S bidh easaontas nan nàdur
Chaoidh gun cheangal, gun chàirdeas no daimh.

S an taobh an ear ann an Eden
Bha claidheabh lasrach buan gheur ann an laimh
Aingil chumhachdaich, threunmhoir,
A bha tionndadh grad bheumnach, gun daimh,
A gleidheadh slighagus ceuman
Craobh na beatha gu léir o ar laimh,
Air chors nach maireadh mar dhé
An duine faoin-chridhech, cré-chruthach, fann.

Ghluais a nise on ghàrradh
Sinn gu machraichean fàsail an céin,
S fhuair sinn còir is sealbh nàdair
Air a chruthaitheachd àlainn gu léir.
Bhrist mar chraoibh fo h-ùr bhlàthan
Teaghlach sìnnsres ceann àireamh nan treubh,
S rugadh Càin is Abel,
S dhearbh gach aon diu a nàdars a ghnè.

S trath a dhùisg an easaonachd
Ann an teaghlach na daonnachd on stéidh,
S trath a dhoirteadh an naomh fhuil
Ann an eud air son iobairtean Dhé
S tràth a chasgradh am fìrean;—
S cruaidh ri aithriss ri innse mo sgeul,
Tha buan ghuth agairt an dioltais
A seirm on talamh le iargain gu neamh.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 20
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 20. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page