[161]

[Vol . 12. No. 21. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 15, 1904. No. 21.


Ann an aon ni tha Iapan air thoiseach air gach dlùthaich eileann an saoiread a postachd. A dhaindeoin cho beanntails cho garbhs a than dùthaich, cho beags a tha innte de ròidean-iaruinnmu cheud mile uile gu leiragus nithean eile tha gacumail air ais, faodar litir a chur á aon àite sam bith gu àite sam bith eile den Iompaireachd air-son da sen, nas lugha na sent gu leth an airgiod na dùthcha so.


Air a mhios a chaidh seachad thainig mu cheithir mile de luchd-imrich air tir ann a Halifacs, air an turus don Iar-Thuaths do chearnan eile de Chanada. Thainig faisg air mile dhiu sin air aon soitheach, agus bAlbannaich, Eirionnaich is Sasunnaich achuid bu mhòtha dhiu. Tha an àireamh as den luchd-imrich a tha tighinn a nis ann an deagh chothrom; tha roinn mhath airgid aca agus bidh iad mar sin comasach air fearainn a thogails iad fein a shuidheachadh anns an dùthaich gun chosdas sam bith don àrd-riaghladh.


Tha Tigh nan Islean ann an Lunnainn an deigh am barail a chur an géill gum bu chòir bhòtaichean a bhi aig na mnathan an àm taghadh luchd-pàrlamaid. Ma chuireas Tigh nam Morairean an aonta ri sin nithear lagh dheth, agus bidh na mnathan cho cumhachdach ann an riaghladh na seann dùthcha ris na fir. Chan eil fhios car-son nach bitheadh. Tha mnathan an diugh ann an iomadh dreuchds ri iomadh obair a bha air an tur bhacadh dhaibh ginealach no dha air ais, agus chan eil an saoghal, air tàille sin, air a chur bun os cionn. Ann an New Zealand tha na ceart shochairean bhòtaidh aig na mnathans a thaig na fir. Chan eil an sin, co-dhiù, ach aon de na dòighean anns am bheil muinntir na dùthcha deasaich sin air thoiseach air muinntir dhùthchannan eile ann an cùisean-riaghlaidh.


Cha bhi neach a thig air imrich no air chuairt do Chanada fadasan dùthaich gun da sgeul bheag a chluinntinn, —aon a cur an géill cho aineolachs a tha muinntir na seann dùthcha air Canada, ’s an t-aon eile cho aineolachs a tha cuid de mhuinntir na dùthcha so air cùisean Bhreatuinn. Tha a cheud sgeul air innse mu fhear paipeir-naidheachd ann an Sasunn a bha toirt cùnntais air Canadas a thuirt gum bu dùthaich chòmhnard, gun chnuic, gun bheanntan, a bhann an Canada; agus o nach robh fhios aig a chuid mhor deleughadairean air atharrachadh chaidh a chreidsinn. Tha an sgeul eiledeanamh iomraidh air tuathanach beag Frangach a bhan cearn iomallach de Chuebec. Nuair a dhinnseadh dha gu robh righ Iomhar air tighinn dhionnsaidh na cathrach, ars esan:— “Feumaidh gu bheil an duine sin gle mhor aig Laurier!” Bu luaithe ghabhamaid leisgeul an tuathanaich Fhrangaich air son dìthfhiosrachaidh na shaoramaid an Sasunnach air-son cho beag eòlaiss a bhaig air earainn cho mor den Iompaireachd dam buin e. Bheirear breith air daoine a reir nan cothroman a tha air am buileachadh orra, ann am foghlum mar ann an nithean eile.


Tha dithis dhaoine fialaidh ann am Breatunn nach eil asireadh molaidh o mhuinntir eile. Ann an Sasunn chuir cuideigin fichead mile punnd gu ard-easbuig York mar chuideachadh do bhantraicheans do dhìlleachdain mhinisteirean a shaothraich ann an sgìreachd sin. Ann an Alba chuir fear-eigin eile deich mìle punnd a stigh mar chuideachadh do mhaoin na h-Eaglais Shaoir Aonaichte. Cha do chuir fear seach fear dhìu soainm rilitir, agus mar sin chan eil fhios iad. Tha iad areir coltais acreidsinn gun còir dhaibh an tabhartas a thoirt seachad air mhodhs nach bi fhios aig an làmh chlì ciod a than làmh dheas a deanamh.


Thatar ag iomradh gu bheil Breatunns an Fraing an deigh tighinn gu còrdadh mu chladach a deas Newfoundland. Ma tha sin fior, is sgeul thaitneach e. Bha còmhstri eadar na Frangaich is muinntir Newfoundland o chionn iomadh bliadhna a bha bagairt aimhreit a dhùsgadh eadar an Fhraing is Breatunn. Bha na h-iasgairean Frangach ag agairt còir air barrachds a bhuineadh dhaibh. Nuair chaidh Newfoundland a thoirt suas do Bhreatunn an toiseach dhaontaicheadh còir a thoirt do iasgairean na Frainge an cuid éisg a thiormachadh air a chladach a deas. Ach mar bha na bliadhnaichean adol seachad bhana Frangaich a lion beagan is beagan agabhail seilbh air a chladach gu buileach, agus mu dheireadh thall cha cheadaicheadh iad do iasgairean Newfoundland tigh no laimhrig a thogail air, mar gum buineadh e dhaibh fein saor a grunnd. Bha soithichean-cogaidh na Frainge daonnan deas gu pàirt an sluaigh fein a ghabhail, agus bha ceannardan nan soithichean-cogaidh Breatunnach mar bu trice acur an aonta ris gach agartas a dheanadh na Frangaich. Cha burrainn sin a dhol air adhart moran na bfhaide. Bha riaghladh Newfoundland acur impidh air an riaghladh Bhreatunnach o chionn iomadh bliadhna, ach cha robh Breatunns an Fhraing nan deagh chàirdean, ’s cha ghabhadh còrdadh deanamh. Aig an àm so co-dhiù tha cùisean air atharrachadh; than da dhùthaich glé chairdeil ri cheile, agus so aon de na dòighean anns am bheil an càirdeas ri bhi air a thaisbeanadh. A reir a chòrdaidh a thatar ag iomradh a rinneadh, buinidh an cladach a deas an deigh so gu h-iomlan do mhuinntir Newfoundland; cha bhi còir sam bith aig na Frangaich air, ach gum bi cead iasgaich aca anns na h-uisgeachan fa chomhair. Tha Breatunn a toirt stiall mhor fhearainn don Fhraing ann an Africa, agus a dol aphàidheadh suim airgid, sia ceud mile dolair, mas fior an seanachas, a ni suas an call do na h-iasgairean. Bu mhath an gnothuch e nan ceannaicheadh Breatunn aig an àm cheudna eileinean St. Pierre bhon Fhraings gun toirte suas do Chanada no do Newfoundland iad; ach is còir a bhi taingeil air-son a bheagain so fhein. Thig ceannach St. Pierre gu crìch aig àm eile; aig an àm so chan eil an Fhraing toileach dealachadh ris na h-eileinean sin, an aon ghreim fearainn a thaice ann an ceann a tuath America.


Tha amharus air a leagail air cuid de phaipeirean-naidheachd na Garmailt gu bheil iad afeuchainn ris an Fhraing a bhrosnachadh gu pàirt a ghabhail ann an cogadh na h-àirden ear. Ma ghabhas an Fhraing taobh Ruisia feumaidh Breatunn, a reir a còrdaidh, pàirt Iapan a ghabhail. Anns a chasgradh a leanadh bhiodh araon Breatunn agus an Fhraing air an lagachadh gu mor, rud a thaitneach ro-mhath ris a Ghearmailt. Ach faodaidh e bhith gu bheil luchd-riaghlaidh na Frainge cho teòma ris na Gearmailtich fhein, gun tuig iad car-son a thatar gan spreòdadh, ’s gun abair iad mu aimhreit Iapan is Ruisia: “O nach leinn cha tarruinn.” Bidh e nas furasda dhaibh sin a dheanamh on than Fhraing is Breatunn aig an àm so nan deagh chàirdean. Tha Iompaire na Gearmailt, o chionnn seachduin no dha, air chuairt air a Mhuir Mheadhon-thìreach. Chaidh righ na h-Eadailte ga choimhead air bòrd na luinge air am bheil e seòladh, agus bha conaltradh càirdeil eatorra.


Tha Gaidheil Ghlinn-garaidh, an Ontario, acur mu dheidhinn réisimeid a thogail anns an t-siorrachd sin a bhios air a sgeadachadhsan t-seann Deise Ghàidhealaich. Tha tri no ceithir de réisimeidean Gàidhealach ann an Canada cheana, agus tha iad air thoiseach air reisimeidean eile na dùthcha anns gach dòigh. Tha sinn ro-thoilichte fhaicinn gu bheil siorrachd Ghlinn-garaidh dol a chur aon eile ris an àireamh. Chan eil ach aon ni eile bu mhò bheireadh de thoileachadh dhuinn, agusse sin réisimeid mhath Ghàidhealach fhaicinn ann an Ceap Breatunn, an aon chearna as Gàidhealaiche de Chanada bho chuan gu cuan. Nuair bha Morair Dhùn-Domhnaill ann an Sidni, toiseach agheamhraidh sa chaidh, chuir e gluasad am meag ofigeach an airm a tha nar measg a thug dòchas dhuinn gum biodh naGàidheil Earra-Ghàidhealachan ùine ghearr air an éideadh anns

An fhéille phreasaich deismo rùin,
Osan nach ruig fad on ghlùin,
Còta gearr nam basa dlùth,
S bonaid dhù-ghorm thogarrach.”

Tha eagail oirnn, co-dhiù, gu bheil an cosdasam bòcan a thacur tilleidh anns gach ni a shloinnear air na Gàidheil ach an t-uisge-beathaadeanamh sin eu-comasach. Tha



[162]

[Vol . 12. No. 21. p. 2]

mu dheich air fhichead ofigeach anns an réisimeid agus chosdadh gach deise dhaibh sin mu thri cheud dolair, no naodh mile dolair uile gu leir. Cha tigeadh deiseachan nan saighdearan cumanta moran na bu daoire na na deiseachan a thacan dràsda. Aig an àm so thatar acur mu dheidhinn triubhais thartain, còtaichean is bonaidean Gàidhealach fhaotainn, air chors gum bi an réisimeid beagan nas coltaiche ri réisimeid Ghàidhealaich na bha i gu ruige so. Bidh sin na cheum math air adhart, agus an ceann beagan bhliadhnaichean eile bidh dòchas againn am faicinn acur suas na feille-bigs a bhreacain. An sin bi iad nam fior Ghàidheil on leth a mach: on leth a stigh tha iad cho Gàidhealach ri buidheann shaighdearan a than diugh acoiseachd an fheòir. Chan eil sinn acreidsinn gum bu mhearachd mhor a radh gu bheil barrachd de shliochd Ghàidheals de luchd-labhairt Gàilig anns an reisimeid sos a thann an aon sam bith eile than diugh ann an arm Bhreatuinn.


Tha daoine ann an Canada a tha dian-iarratach air cùirtean-dealachaidh(divorce courts)a shuidheachadh anns an dùthaich so mar a tha aca anns na Stàidean. nan coig bliadhndeug air fhichead a dhfhalbh rinneadh tri fichead is naodh sgaoileadh pòsaidh ann an Canada. Anns na Stàideansan ùine cheudna, rinneadh seachd ceud mile. Tha mu dha uiread deug sluaigh anns na Stàideans a tha ann an Canada. Nam biodh an lagh anns na Stàidean mar a than lagh an Canada, cha bhiodh acasan ùine dhainmicheadh ach gann ochd ceud gu leth; agus nam biodh lagh Chanada a reir lagh nan Stàidean, bhiodh thairis air leith-cheud is ochd mile pòsadh air a chur ma sgaoil. An deigh amharc mar so air eachdraidh nam bliadhnaichean a dhfhalbh saoilidh sinn nach leigear a leas fheòrach de mhuinntir Chanada ciod as àill leòsna bliadhnaichean a tha rompasnaim a phòsaidh a bhi furasda no doirbh fhuasgladh.


Bha droch stoirm anns an Iar Thuath air a mhios a dhfhalbh. Mharbhadh moran cruidh leatha agus chaidh àireamh dhaoine a chall cuideachd. An uiridh bha stoirm dhen t-seòrsa cheudna ann ceud mios an t-samhraidh.

Ann an tuasaid luchd-daoraich faisg airSt . Margarets Bay,an siorrachd Halifacs, bha fear Tearlach White air a bhualadhsa cheann le maide, ’s an ceann beagan uairean chaochail e. Be fear-cumail an tigh-òil anns an robh iad, Boutilier, a thug a bhuille-bhàis dha.

Leis an taghadh a bhanns a cheathramh roinn den bhaile air a choigeamh la den mhios, bha Iain C. Larder air a chur a stigh le 187 bhòt, 42 a bharrachd air na fhuair Seumas A. Cleireach, a ruith na aghaidh. Ghabh Mr. Larder àite-suidhesa chomhairle oidhche Dior-daoin an deigh sin. Bha an t-àite-suidhe air fhàgail falamh le Uisdean Ros a bhi air a dheanamh na fhear-lagha don bhaile air a l5mh la den Mhàrt.

Tha buidheann de dharm Breatunnach aig an àm so acìsneachadh Tibet. Bha eagal air an Riaghladh gu robh Ruisia a sanntachadh na dùthcha sin, air-son greim Bhreatuinn a lagachadh air na h-Innsean. Ben t-eagal sin a dhaobharaich an t-arm a chur ann. Chaidh a cheud bhlàr a chur ann an àite ris an canarGurn;” bha mu sheachd ceud de na Tibetaich air am marbhadh, agus àireamh bheag de na Breatunnaich air an leòn. Chan eil dùil gun lean an cogadh fada nuair a thuigeas na nàisinnich thaca. Tha Tibet air a suidheachadh tuath air na h-Innsean. ’Si dùthaich as àirde os cionn na mara tha air faotainn, agus theirear ma deidhinn gur h-imullach an t-saoghail.” Gu ruige so bha i air a tur-dhùnadh do mhuinntir dhùthchannan eile.

Bhrist abhreac a mach anns a bhaile o chionn cheithir la deug. Tha nis mu ochd duine fichead an deigh a gabhail, a mhor chuid dhiu air a dhol am feobhas roimhe so- Tha na sgoilean, na h-eaglaiseans gach àite-coinneimhsa bhaile air an dùnadh; ’s ri bhi mar sin gus am fàg an easlaint na criochan. Cha robh, gu ruige fo, neach sam bith cho tinns gu robh bheatha ann an cunnart.

Ann an sabaid-duaise a bhann am baile Chuebec an oidhche roimhe bha aon sabaidiche dam bainm Drolett air a mharbhadh leis an fhear eile dam bainm Wagner. Bhuaileadh an taobh a pheircill e, ’s cha robh e beò ach beagan mhionaidean. So a cheaird a tha Seoc Rothach is fear no dha eile mhuinntir Cheap Breatuinn a leantuinn anns na Stàidean, ’s air-son am bheil urram mor air a fhrasadh mun cinn le cuid de ar paipeirean.

Faisg air Maccan, an siorrachd Chumberland, N. S., chuir seachdnar dhiolacha-déirc an geamhradh seachad ann am bothaig shalaich nach robh freagarrach air-son a bhi na àite-còmhnuidh. Den t-seachdnar, cha robh aon comasach air an aire thoirt dha fein. Bha cuid dhiù easlan, cuid dhiù as an céill, ’s a chuid eile nan cloinn òig. Bha siorrachd mhor bheartach Chumberland, á pailteas a h-ionmhais, apàidheadh dolair is tri chairteil ( $1 .75) ’san t-seachduin air-soncumail suasceathrar den mhuinntir bhochd so; bha càch adeanamh mar a dhfhaodadh iad. Tha an sgeul a nis air a h-innse anns gach cearna dhen dùthaich, a nochdadh cho coibhneil, cho iochdmhors cho làn bàighs a tha luchd-faire nam bochd ann an cearnan àraidh aig toiseach na ficheadaimh linn.

Chan eil moran ri innse mun chogadh ged tha gu leòir ri fhaicinn mu dheidhinn anns na paipeirean-naidheachd. Chan eil Ruisia no Japan a ceadachadh do luchd nam paipeirean a dhol faisg air làrach na còmhstri. Tha na deagh reusoin aca air a chead sin a chumail uapa. Tha gach taobh air-son an gluasadan a chumail an cleith air an taobh eile. Sin cha burrainn daibh a dheanamh nan toireadh iad fosgladh sam bith do luchd nam paipeirean, muinntir anns am bheil an aon fhàilings a bha ann am mnathan an t-sean fhacail: “An ni nach fhios daibh ceilidh iad.” Tha Japan, a bharrachd air bhi toirt ionnsaidhean air càbhlach Ruisia a dhùnadh a stigh an acarsaid Phort Arthur, a greasad a h-airm air tir an Corea a feuchainn ri i fein a dhaighneachadh ann mun faigh Ruisia ga h-ionnsaidh. Tha Ruisia toileach dàil a chursa ghnothach; mar as lugha chabhags ann as fhearr a chòrdas e rithe, oirs ann leathas dòcha tìm cuideachadh a dheanamh. Chan urrainn moran ùine dhol seachad tuilleadh gun bhuillean troma bhi air am bualadh. Nuair a thachras sin, cha bhi an sgeul fada ruigheachd na dùthcha so. —Tha sgeul a thàinig on chaidh so a sgriobhadh ag innse gun dthàinig call uamhasach air Ruisia ann am Port Arthur: gun deach aon de na soithichean-cogaidh a bfhearr a bhaice a chall le bualadh ann am mèinn a bha aig na Ruiseinich fhein air a suidheachadh am beul na h-acarsaid. Than call beatha air a mheas aig ochd ceud duine; nam measg sin an t-Admiral Makaroff, àrd-cheannard an airm-mhara anns a chearna sin, duine air an robh meas mor aig an t-Sàr. Bidh an call so na bhuille goirt do Ruisiasan àird an ear.


Sugh an Fheoir.

Nuair tha am fodar gann tuigear gu bheil sùgh an fheòir airuidheamachadhs an doigh a leanas ro fheumail, agusna chaomhnadh mòr air an fheur, an droch earrach.

Gabh làn do ghlaice de dhfheur agus dòirt thairis air tri ghalain de dhuisge goileach, cuir bord os ceann an t-soithich sam bheil e, gus an tarruing an t-uisge an sùgh no a bhrigh as an fheur, ceart mar gum biodh tu deanamh , agusnuair bhios e fuar thoir don spreidh e, no do na h-eich ra olagus ma thuiteas doibh a bhi gu h-euslan no fo fhasgadh tighe, faodar a thoirt doibh meagh-blàth. Chan òl iad so a cheud uair a thairgear dhoibh e, ach na toir deoch dhoibh gus am bi pathadh orra, agus an deigh dhoibh ol aon uair chan iarr iad deoch eile ach so, ’s cha ghabh iad deoch eile a roghainn air. Tha e anabarrach biadhar, fallain; air son crodh bainne chaneil ni a dhfhaodar a chur mun coinneamhsa gheamhradh is fearr chum bainne maith a thoirt dhoibh! Tha e tarbhadh mar an ceudna air son laoigh a bheathachadh agus ro math airson each. Tha ena chaomhnadh mor air feur; theid aon cheannag fheoir cho fadas an doigh sosa ni deich air dhoigh eile. Than doigh so air a chleachdadhs an Fhraing agus ann an rioghachdan eile, agus shaoileamaid gum biodh e ro fhreagarrach anns an dùthaich so. Nim feur an déigh a bhruich biadh math do na beathaichean, agus faodar beag no mor dheth chleachdadh a reir an fheum a thair.


LITIR A S. W. MARGAREE.

IS fhada bho nach fhaca mi facals a MHAC-TALLA as achearna so den eilean. Beagan bhliadhnachan air ais, chan ann mar so a bha. An uair sin chiteadh litrichean glé thric á Margaree, —cuid diubh fada agus cuid diubh goirid; feadhainn diubh air an deagh sgriobhadh agus pairt eile dhiubh, ma dhfhaoidte, nach biodh cho math sin. A dhaon fhacal, bha gillean Mhargaree, anns na h-amannan ud, adeanamh uidhir da chuideachaidh MHIC-TALLAsa bha coltach dhaibh.

An uair ud bha ceathrar no coignear as an aite so a bha toileach agus comasach air litrichean a chuirg ur n-ionnsaidh; ach, is duilich leam a radh, nach mor nach do thréig iad, o chionn tacan ùine, gu buileach sibh. Tha mi cinnteach gum bheil gach aon diubh agabhail aMHIC-TALLA fhathast, ’sg a phàigheadh gu riaghailteach a h-uile bliadhna, agus gun teagamh, is mor sin fhein; ach nam bitheadh iad adeanamh comhnadh leibh lem pinn cuideachd, mar a babhaist, cha bu mhisd iad fhein e, agus bu mhor an cuideachadh dhuibh e. A dhaindeoin eachdraidhean, sgeulachdan, agus orain, tha litrichean á caochladh aiteachan a cheart cho riatnach, nam bheachd-sa, gus am paipear a bhith taitneach ra leughadhs a tha salann a chuir air aphoit gus gum bi am biadh blasda gu leoir ra ithe.

Ged is misetha gabhail os laimh sgriobhadh usaibh aig an àm so, is mi as neo-chomasaich de sgriobhadairean Gàidhlig an aite so air fad. Tha Gilleasbuig, Calum, Seumas agus Aonghas nan sgriobhadairean Gàidhlig moran nas fhearr na mi, agus fada nas comasaiche air am briathran a chuir an eagaibh a cheile ann an doigh a bhios taitneach leur luchd-leughaidh. Ach, aig an àm cheudna, tha beagan lethsgeul righabhail orra, —tha iad trang, gle thrang, a h-uile latha; agus tha mi creidsinn gur mi fhin an aon fhearsan treud don fhasa tacan ùine fhaighinn corra uair, a dhfhaodas mi chuir seachad ann asgriobhadh Gàidhlig. Their feadhainn, “O, nach suarach an ùine a chailleas tu asgriobhadh litir bheag, agus thu cho math air aGhàidhlig.” Chaneil a chuis mar sin idir. Le cion cleachdaidh agus cion eolas gu leoir air achainnt, bheir mi fhin moran nas fhaide asgriobhadh Gàidhlig na bheir mi acuir sios uidhir eile de Bheurla.

Tha fear de na seana gheamhraidhean mora, mar a thubhairt am facal, ’nise tighinn gu crich. Thainig am fuachd gle thràth, agus lean e, faodaidh mi radh, gun diobradh, gu deireadh aMhàirt. Bha sneachda trom air an làr fad na h-ùine, agus gaoth chruaidh a séideadh á taobh air choireigin cha mhor a h-uile latha. Bhan reothadh glé throm an Ianuaridhs an Februaridh, aghlaine-shìde sios air uairibh go 15° agus



[163]

[Vol . 12. No. 21. p. 3]

20° fo Sero. Ach ma thig blàths nàdurran April, agus gun lean side bhriagha slan as a chéile, faodaidh cuisean a bhi math gu leoir fhathast; oir cluinnidh mi daoine tric ag radh gur coma ciamar bhios an geamhradh, gur en seorsa side a gheibh sinn deireadh an earraich agus toiseach an t-samhraidh is mo tha cùnntas. Le fuairead an t-samhraidh sa chaidh, cha robh biadh na spréidhe cho pailt air a gheamhradh sos a bha e anns na bliadhnachan mu dheireadh; air an aobhar sinn faodaidh cuid de dhfheadhainn tàir gu leoir fhaighinn mun doir iad an cuid stoc roimhe gus an dig am blàths, gu h-àraidh an fheadhainn aig nach eil a bheag de dhairgiod air cùl an laimhe aig àm sam bith.

Bha abhreac air feadh na tire bho chionn beagan mhiosan. Ged nach eil i na tinneas marbhteach, tha chuid as motha deònach a seachnadh. Rinn i call mor an iomadh dòigh bhon a thainig i nar measg. Chuir i maille air obair aghuail aig Inbhirnis(Broad Cove Mines) ,agus chuir i stad car ùine air amhalairt a bha eadar an t-àite sin is muinntir na duthcha mun cuairt. ’Thuilleadh air a sin, tha cosguis lighichean, buird na slàinte, agus iomadh luchd-frithealaidh eilebràth air a bhi glé àrd; agus tha e coltach gum bi na tacsaichean, a tha tuilleadh is trom mar tha, moran nas àirde air a bhliadhna so na bha iad riamh roimhe.

Thàinig an t-àite so air adhart glé mhath o chionn beagan bhliadhnachan. Bhon a ghabh cuideachd aghuail agus cuideachd an iaruinn greim ann an siorramachd Cheap Breatuinn, thàinig atharrachadh mor air cùisean. Tha cosnadh furasdfhaighinn agus than t-airgiod nas pailte na chunnaic sinn e riamh roimhesan àite so. Dhfhosgladh mèinnean guail aigPort Hoodagus aig Inbhirniss an t-siorramachd againn fhein, o chionn dha no tri bhliadhnachan, agus tha iad so, mar an ceudna, ’sgapadh airgiodn ar measg. Chruinnich moran sluagh ann an tiota mun cuairt air na mèinnean so, agus tha gach aite dhiubh atarruinn coltaisbaile morair fhein cho maths a dhfhaodas e. Tha cuideachd eile asealltuinn airson guail sios an cladach eadar Dunvegan agus Acarsaid Mhargaree, ann an àiteachan don ainmSt . RoseagusChimney Corner. ’S e barail an t-sluaigh gum bheil gual math gle phailt air achladach so, agus tha h-uile coltas air a chuideachd gum bheil iad a bràth air a dhol a dhobair da rireadh. Than rathad-iaruinn atighinn luath a cheana cho fad ri Inbhirnis, agus tha suil is duil ri e dhol, tuath no mall, cho fada tuath, co dhiubh, ri Cheticamp. Tha na h-obraichean so amealladh moran de dhfheadhainn air falbh bhon tuathanachas agus bhon iasgach, an da obair sin as an drinn a mhor chuid de luchd na dùthcha am beòlaint uige so. Saoil am bheil tuilleadhs a chòir den òigridh atoirt an cùil ris a chrann-treabhaidh agus ris a bhàta, ’s a toirt an aghaidh air an toll-ghuail agus air a bhaile-mhor? Fàgaidh mi freagairt na ceiste so aig feadhainn is comasaiche air am fuasgladh na mi fhìn.

Dheug moran de dhaoine measail, gasda an so bho chionn beaganus bliadhna. Tha h-uile bliadhna adeanamh bearn mhor am measg an t-sluaigh, agus glé thrics iad an fheadhainn is lugha shaoileas sinnthéid a ghairm. Chaochail Eoghain Mac Aonghaisic CalumicIllios, agus Iain, mac Dhonnachaidh a bhrathair; Eoghain mac Aonghaisic EoghainicIllios agus a bhean; Raoghall mac Dhomhuillic AonghaisicIlleolain; Uilleam Carrol; Mìcheil Coady (seoladair); Domhull mac PheadailicIllios; Catriona bhàn, nighean Domhuillic AonghaisicIlleolain; Dughall mac Anndra Dhomhnullaich; Gilleasbuig mac Iain Shiosail; Seumas, macIlleasbuig Dhùghallaich; Ailean mac Eoghain Dhùghallaich; Ailean mac Aonghais Ailean Dhomhnullaich, agus feadhainn eile. Bha Coady agus Nic- ’Illeolain mu 95 bliadhna a dhaois; bha da Eoghain seachd air 85; Raoghall macIlleolain 93. Cha robh anns an triuir mu dheireadh ach daoinoga. Bhan còrr caochladh aoisean eadar 60 agus 70 bliadhna, no air feadh sin.

Is e Aonghas Mac Phàrlain duines sines apharaisde so a nise. Tha e 95 no 96, agus a bhean beagan bhliadhnachan nas òige. Tha Calum mac Phàrlain agus bantrach Anndra Dhomhnullaich 92, agus tha mu dhusan eile seachad gu math air 80 bliadhna.

Phòs àireamh mhath de charaideans an sgireachd againn o chionn faisg air bliadhna. Tha eagal orm gun dean en litir so tuilleadh is fada an ainmeachadh sios uile. Chan eil math aon fhàgail. Air an aobhar sin leigeamaid leotha air an turus so, agus co aigtha fios nach bi aon phòsach a bharrachd ri innsanns an ath litir.

An dochas gun dean sgriobhadairean agus sgoileirean Gàidhlig deadh chòmhnuidh leibh air abliadhna so. Is miur caraide dileas,

D. D.
April 2, 1904.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL IX.

CHA ghabh e innseadh an staid anns an robh mi an uair a fhuair mi mi-fhin ceangailte ann an taigh fàs, a bha, cho fads a bfhiosrach mi, ann am meadhain monaidh, fad air falbh o thaighean sam bith eile. Thoisich mi ri spreartaichs ri cur nan car dhiom an dùil gun rachadh agam air na ceanglaichean a bhorm a bhristeadh; ach cha robh agam air son mo shaoithreach ach mi-fhin a chlaoidh gu mòr, agus mfheòils mo chnamhan a chiùrradh leis na cùird a bha ga mcheangal gu teann. Mu dheireadh thòisich mi ri caoineadh gu goirt, agus, ann an dòchas gun cluinneadh cuideiginn mi a bheireadh, fuasgladh dhomh, thog mi mo ghuth cho àrds a burrainn domh. Tha micreidsinn gum faoidteadh mo ghlaodhs mo ghearain a chluinntinn mìle air astar air achuid bu lugha.

An dràstas a rithist dhfhanainn samhach agus dhéisdinn gu dlùth an dùil gun cluinninn farum chas atighinn thun an taighe, ach cha robh fuaim sam bith ri chluinntinn.

Mu dheireadh thoisich solus an latha ri tighinn a steach troimhn uinneig bhig a bha mu mchoinneamh air cliathach an taighe. Thug so toileachadh mòr dhomh ann an doigh no dhà. An toiseach, thog minntinn ris an t-solus, agus dhfhalbh tomhas mòr dhen eagal dhiom.

Anns an àm ud bhiodh daoine gu cumantatoirt orra fhein a chreidsinn gun robh mòran de bhòchdain rim faicinn ann an iomadh àite, gu h-àraidh ann an glinn a bha uaigneach, iomallach far nach biodh daoine tathaich ach uair ainneamh. Agus bha mise mar a bha gu leòr eile atoirt lan-chreideas don bheachd fhaoin so, ged a bha mathair anabarrach fadan aghaidh do neach sam bith a bhithtoirt geill dha.

A barrachd air aso, bha eagal mòr air daoine, gu sonraichte air an òigridh, roimh spioradan nan daoine marbha, gu h-àraidh roimh spioradan dhroch dhaoine air an dthainig bàs obann, no a chaidh a mhort, agus bha mi fo eagal mòr gum faodadh gun do thachair bás obann, no mort anns an àite, agus gun tigeadh spioradan nan daoine far an robh mi agus mi gun chomas agam air teicheadh uapa. Ach thug solus an latha aotromachadh mòr do minntinn.

A bharrachd air an t-saorsafhuair mi o phian an eagail an uair a thainig solus an latha, fhuair mi toileachadh eile, agus be sin, nach robh mifaireachadh na h-uine cho fada aon uairs gun do shoilleirich an latha. Chaneil duine sam bith as urrainn a thuigsinn meud na péine a bhios air inntinn duine ann an tiugh dhorchadas ach duinedhfheuch e. Tha e air innseadh dhuinn ann am facal Dhé gum bi amhuinntir a theid don t-siorruidheachd ann an staid neo-iompaichte ann an dorchadas iomallach far am bi gul agus gìosgan fhiacal. Be so mo shuidheachadh-sa gu litireil fad nan tri oidhche a bha mi anns taigh ud ceangailte. Dhfhairich mi a h-uile oidhche dhiubh cho fada ri bliadhna. Agus ar leam aig an àm gum bu choltaiche mo staid ri staid dhaoine ann an ifrinn, na ri staid dhaoine ann an tìr nam beò.

Thug na smaointeanan so orm mairethionndadh an dràsdas a rithist a dhionnsuidh nan nithean a bhuineas don bheatha spioradail, agus thuirt mi rium fhin gum bamaideach an gnothach do dhuine sam bith e fhein a chur gu siorruidh anns an t-suidheachadh chianail anns an robh mise air son beagan de thoileachadh agus de shaoibhreas an t-saoghail so a shealbhachadh beagan ùine. Bha na smaointeanan so atighinn a staigh orm gu math tric fad an latha. Agus faodaidh mi ràdh gun drinn iad mòran a bharrachd drùghaidh air minntinn on uair ud.

Aig an àms an dfhalbh mi á taigh mathar bha mitoirt orm fhin a chreidsinn gun robh mòran de shòlas agam rifhaotainn o thoileachadh agus o shaoibhreas an t-saoghail. Ach is cinnteach gum bheil so fior a thaobh mòran de dhaoinòga anns gach àite air feadh an t-saoghail.

An uair nach bithinn asmaointean air na nithean so, bhithinn aglaodhaich àird mo chlaiginn ann an duils an dòchas gum faodadh gun tigeadh fear dhe na ciobairean a bhuineadh don àite faisge air an taigh, agus gun cluinneadh e mi. Ach mu dheireadh thùch orm, agus cha chluinnteadh mo ghuth ach gann an taobh am muigh de dhorus an taighe.

Ged a bha mi anns an t-suidheachadh thruagh so, gidheadh, bhan t-acras acur dragh orm. An uair a tha duine òg, slàn, fallainn, agus caileachd mhath aige gu biadh a ghabhail, is ann anabarrach mòr a bhios an dragh a bhios air an inntinn aige an uair nach fhairich e gum bheil feum aige air biadh. Chaneil fhios agam an gabhainn abheag de bhiadh ged a bhiodh e agam aig an àm; ach bu mhath leam agam e.

An uair a thòisich am feasgar ri ciaradh, thoisich mi ri fàs na bu mhuladaiche na bha mi riamh. Ged a bha fhios agam nach robh an oidhche ach goirid, bha eagal orm roimpe. A bharrachd air an dragh a bhair minntinn, bhan ceangal teann a bha air mo chasang am chiurradh. Dhinnis mi mar tha gur e ceangal nan tri chaol a rinneadh ormsin ri radh, cheangladh caol mo dhà dhùirn richéile air mo chùlaobh, agus cheangladh mo dhà chois os cionn nan aobrunn agus nan gluinean. Agus anns an t-suidheachadh so bha e neo-chomasach dhomh, ged a bhithinn



[164]

[Vol . 12. No. 21. p. 4]

na bu treise na bha mi, agus air làrach lom, sàbhailte, carachadh as an aite anns an robh mi nas lugha na rollainn mi-fhin mar gum bithinn adol le bruthach. Ach leis mar a bha mo lamhans mo chasan air at leis cho teanns a bha na cùird, cha burrainn domh an gluasad bu lugha dheanamh.

Mu dheireanh thainig an oidhche, agus cha robh agam ach feuchainn cho maths a burrainn domh ri cur suas le mo shuidheachadh. Bha misior smaointean air taigh mathar, agus bfhearr leam na na chunnaic mi riamh gun robh mi air fuireach ann. Ach bha mi taingeil nach robh fhios aig mo mhàthair air mo shuidheachadh, oir nam bitheadh, bhiodh i ann an droch staid mu mdheidhinn.

Bha minntinn anabarrach mòr troimh a chéile, agus ged a bha mifeuchainn ri ùrnuigh a dheanamh, bu ghann a rachadh agam air mo smaointean a shuidheachadh air ciod bu chòir dhomh a labhairt. Chuir so an tuilleadh draghorm; ach an uair a thug mi fa near gun èisdeadh Dia ri osna ghearainich aphriosanaich a than sàs, ghabh mi misneach.

Thachair gun robh an oidhche anabarrach dorcha de dhoidhche shamhraidh. Agus ged a bha i dorcha, cha bu leith chàs e gus an do thòisich tàirneinich is dealanaich. Bha mi air chrith cho luath ri slait ann an sruth. Bha mfhiaclan asnagadaich mar gum biodh duinebhiodh am muigh fon reothadhs fon t-sneachda. Lochair mi le fallus. Bha mifaireachadh an taighedol air chrith fodham, agus theirinn rium fhin uair is uair gur dòcha gur e latha bhreitheanais a bhann. Thug mi mo dhùil dhiom fhin gu buileach. Leig mi a h-uile rud as mo chuimhne aig an àm ach mathairs mo mhathair, mo pheathraicheans mo bhràithrean.

An uair a bisle a bha mo spiorad, chuimhnich mi gur docha gun robh mathair agus mo mhathair ag ùrnuigh ri Dia air mo shon, agus bha migam dheanamh fhin cinnteach, gun éisdeadh Dia riutha air sgàth Chriosd. Thainig mòran dhe na briathran a bhithinn acluinntinn aig mathair thun mo chuimhne, agus mheudaich iad mo mhisneach, agus thug iad orm gun do sguir mi de chàineadhs de smàdadh an duine dhona, thruaillidh a ghabh os laimh mo threòrachadh gu sàbhailte gu ruige Struidhleidh, ach an àite sin a chuir lion mo mhillidh mu mchasan. Cha chuimhneach leam mathair a dheanamh dearmad riamh ann an ùrnuigh air a ghuth a thogail as leith gach neach a dhfhaodadh a bhith ann an naimhdeas dha. Agus thuirt mi rium fhin gum bu chòir dhomh a bhithg ùrnuigh air son nan daoine a cheangail mi, agus a thug uam a h-uile bonn airgid a bhair mo shiubhal. Thainig na briathran a leanasnam chuimhne:—

Oir ma mhathas sibh an cionta do dhaoinibh, mathaidh bhur n-Athair neamhaidh dhuibhse mar an ceudna; ach mur math sibh an cionta do dhaoinibh, cha mhò a mhathas bhur n-Athair dhuibhse bhur cionta.”

Bha milan-chreidsinn gun robh mi glé fhaisge air crioch mo bheatha, agus nach fhaighinn do nèamh gu bràth mur tugainn mathanas do mnaimhdean. Feumaidh mi aideachadh gu saor gun robh mi an toiseach afaireachadh nach robh e idir furasda dhomh mo ghuth a thogail ann an ùrnuigh as leith mo nàmhaid; ach ghuidh mi air Dia comas a thoirt dhomh mathanas a thoirt do mnaimhdean, agus dhfhairich mi gun drinn e sin. “Is urrainn mi na h-uile nithean a dheanamh tre Chriosd a neartaicheas mi.”

An uair a sguir na tàirneinichs na dealanaich dhfhalbh tomhas dhen eagal dhiom, agus ann an ùine ghoirid thuit mi ann an cadal trom.

(Ri leantuinn.)


ROBINSON CRUSOE.

CAIBIDEAL XVIII.

THUG mi seachad cunntas mar tha mu dheidhinn maite-comhnuidh. Be tent a bhann faisge air bonn na creige, air a chuartachadh le callaid mhath laidir de phostachan fiodha agus de chablachan. Ach dhfhaodainn a nis a radh gur e balla bhann; oir thog mi seorsa de bhalla phloc air an taobh a muigh dheth a bha mu dha throidh air tiugheadas. Agusna dheigh sid, mu bhliadhna gu leith, tha mismaointean, chuir mi cabair air. Bha na buinn acanan laidhe air abhalla so, agus bha na barran aca an taice ris achreig.

Chuir mi tubhadh air abhothan so de mheanglain chraobh, agus do gach rud a shaoilinn a chumadh am muigh an t-uisge; oir aig amannan dhen bhliadhna bhiodh an t-uisge anabarrach trom.

Dhinnis mi mar a thug mi a h-uile rud a bhuineadh dhomh don challaid so, agus don uamhaidh a chladhaich mi fo bhonn na creige. Ach feumaidh mi ainmeachadh gun robh na rudan so gu leir air an tilgeadh air muin a cheile, agus nach robh iad air an cur ann an ordugh doigheil sam bith, agus mar sin bha iad afagail an aite gann de rùm.

Air don chuis a bhith mar so thoisich mi ri deanamh na h-uamha na bu mho, agus ri cladhach a steach fon chreig. Be clach phronn, ghainmhich a bhann, agus bha e furasda gu leor dhomh an uamha a dheanamh cho farsuinns a thograinn. Chladhaich mi gu math thun na laimhe deise, agus thun na laimhe cli, an uair a chunnaic mi gun robh mi saor o chunnart o fhiadh-bheathaichean. Agus rinn mi rathad fon talamh am mach fon challaid a chum gum faighinn am machs a steach air aig am sam bith a thograinn.

Cha be mhain gun dthug so dhomh cothrom air a dhol am machs asteach mar a thograinn ach thug e barrachd aite dhomh gus a h-uile rud a bhuineadh dhomh a thasgaidh seachad gu doigheil sabhailte.

Thoisich mi nis ri deanamh rudan a bha mifaicinn a bhiodh ro fheumail dhomh, gu sonraichte cathair air an suidhinn, agus bord air an gabhainn mo bhiadh; oir as eugmhais nan nithean sin cha burrainn domh feum ceart a dheanamh dhe gach comhfhurtachd a bhagam. Cha burrainn domh mo bhiadh a ghabhail, no sgriobhadh a dheanamh doigheil as an aonais.

Mar so thoisich mi ri obair air na nithean a dhainmich mi. Agus mun teid mi nas fhaide air aghart le mo sgeul feumaidh mi ainmeachadh, gum faod duine turail, tuigseach sam bith, a chuireas a reusan ann an cleachdadh, iomadh obair fheumail a dheanamh ri uine. Cha do laimhsich mise inneal na acfhuinn-obrach riamh roimhe, agus gidheadh thainig mi ri uine, an deigh moran saoithreach a ghabhail, agus mo reusan a chur gu dluth agus gu curamach an cleachdadh, gu bhith comasach air iomadh rud feumail a dheanamh, ged a bha mi gle ghann de dhacfhuinn, Ach air a shon sin rinn mi cuid mhath de nithean a bha gle fheumail dhomh, ged nach robh agam ach tuadh is tal gus achuid bu mho dhiubh a dheanamh; ach ma rinn, cha bann gun moran saoithreach.

Gus gach duilgheadas a thachair rium a leigeadh ris nas soilleire faodaidh mi ainmeachadh, an uair a bhiodh bord, no deidhle a dhith orm, cha robh agam ach a dhol don choille agus craobh a ghearradh, agus toiseachadh air a snaidheadh leis an tuaidh gus an deanainn i cho tana ri planca, no ri deidhle. Agus an sin bheirinn greis mhath air a deanamh lom, comhnard leis an tal.

Tha e fior gu leor nach burrainn domh ach an aon bhord a thoirt as ah-uile craoibh. Ach cha robh leasachadh air aso ach foighidinn a ghabhail ris; agus o nach robh obair fheumail eile agam ri dheanamh, bha e cho math dhomh a bhith rithe ri bhithnam thamh.

Ach air a shon sin, rinn mi bord agus cathair, anns acheud aite, mar a dhainmich mi mar tha, agus bann air piosan de bhuird ghoirid a thug mi as an luing a rinn mi iad.

Ach an uair a rinn mi na buird deiseil, mar a dhainmich mi roimhe, chuir mi sgeilpeannan anns an dara taobh dhen uamhaidh gus a h-uile rud a chumail air leithna aite fhein, a chum gum faighinn rud sam bith a bhiodh a dhith orm an uair a biodh feum agam air. Agus nam biodh an uamha rifaicinn, chithteadh gun robh moran de rudan gle fheumail innte, agus gun robh a h-uile rud agam deiseil ri mlaimh. Bha ena thoileachadh mor dhomh a bhith faicinn a h-uile rud a bhuineadh dhomh ann an ordugh cho math, agus gu h-araidh a bhith faicinn gun robh stoc math agam de nithean a bhiodh feumail dhomh. Bann aig an am so a thoisich mi ri cumail cunntais ann an sgriobhadh air an obair a bha mideanamh a h-uile latha; oir gu dearbh bha mi an toiseach tuilleadh is cabhagach. Bha mi cabhagach leis na bhagam de dhobair ri dheanamh, agus a bharrachd air so, bha minntinn tuilleadh is mor troimh a cheile. Air an aobhar sin bhiodh mo chunntais air mobairs air mo smaointeanan gach latha gun moran tlachd. Ma dhfhaoidteadh gur ann mar so a theirinn:—

Sep. 30An deigh dhomh faotainn gu tir gu sabhailte, an aite bhith taingeil do Dhia air son gun do ghleidh e mo bheatha dhomh, agus an déigh dhomh na shluig mi dhen t-saile a chur am mach, agus fas beagan na bu treise, ruith mi timchioll achladaichs mi fasgadh mo dhorn agus abualadh mo chinn is maghaidh aglaodhaichnam eiginn, gun robh mi tur caillte. Lean mi air achaitheamh so gus an dfhas mi cho sgiths cho fanns gu mbfheudar dhomh mi-fhin a leigeadhnam shineadh air an talamh agus fois a ghabhail; ach cha bu dana leam cadal air eagal gum bithinn air mitheadh beo.

An ceann aireamh laithean na deigh so, agus an deigh dhomh a bhith air bord na luinge, agus a h-uile rud a burrainn domh a thoirt aisde, cha burrainn domh cumail orm fhin gun dol gu mullach beinne bige, agus sealltainn air achuan mor-thimchioll ann an dochas gum faicinn long. Ar leam gun robh mifaicinn luinge astar anabarrach fadair falbh. Dhuisg so dochas annam; ach an deigh dhomh a bhith greis mhath ag amharc gus an robh mo shuilean, cha mhor, acall am fradhairc, chaidh an long as mo shealladh. Shuidh mi far an robh mi agus thoisich mi ri caoineadh mar gum biodh leanabh, agus air an doigh so mheudaich mi mo thrioblaid-inntinn le mo ghoraiche fhin.

Ach air dhomh faotainn thairis air na nithean so ann an tomhas math, agus an deigh dhomh maite-comhnuidh agus a h-uile rud a bhuineadh dhomh a chur an ordugh, agus bord is cathair a dheanamh cho maths a baithne dhomh, thoisich mi ri sgriobhadh sios a h-uile car a bha midean-



[165]

[Vol . 12. No. 21. p. 5]

amh. Bheir mi seachad copaidh dheth an so (ged a dhainmicheas mi iomadh rud a dhainmich mi cheana). Lean mi romham air sgriobhadh fhads a mhair an ince dhomh.

ACHUNNTAS LAITHEIL.

Sep. 30, 1659Thainig mise, Robinson Crusoe, bochd, truagh, air tir air cladach an eilean udluidh mhi-shealbhaich so ris an can mi Eilean an Eudochais, agus mi faisge air a bhith marbh. Chailleadh a h-uile neach eile a bhair bord anns an luing.

Chaith mi a chuid bu mho dhen latha ann am brons an doilghios mu thimchioll na staid mhuladaich thun an dthainig mi. Chaneil biadh, no taigh, no aodach agam. Cha mho a tha airm agam gus mi-fhin a dhion. Chaneil aite agam don teich mi, agus air dhomh mo dhochas a chall gum faigh mi as aso gu brath, chaneil mi faicinn dad romham ach am bas. Aon chuid ithear mi le beathaichean fiadhaich, ar neo marbhaidh na daoine borba mi, air neo gheibh mi bas le cion abheidh. An uair a thainig an oidhche chaidil mi ann an craoibh air eagal roimh chreutairean fiadhaich, agus chaidil mi gu trom ged a bhan t-uisge sileadh fad na h-oidhche.

October 1Anns amhadainn ghabh mi ioghnadh mor an uair a chunnaic mi gun do chuir an lan an long a steach gu math faisge air tir. An uair a chunnaic mi so, agus gun robh ina suidhe gu comhnard air aghrunnd, agus nach robh i air a cur as a cheile, bha dochas agamnan rachadh aghaoth na bu lugha, gum faodainn a dhol air bord innte agus biadh is rudan eile a bhiodh feumail dhomh a thoirt aisde. Ach air an laimh eile dhuraich mo dhoilfhios an uair a thug mi fa near gum faodadh mo chompanaich a bhith fhathast beo nan dfhan sinn uile air bord innte, no gum faodadh gun rachadh againn air an long fhein a shabhaladh. Agus nan robh an sgiobadh gu leir beo is docha gun rachadh againn air bata a dheanamh air fiodh na luinge a bheireadh do dhaite eile dhen t-saoghail sinn. Chuir mi seachad achuid bu mho dhen latha so ann a bhithg am chur fo dhragh mu dheidhinn nan nithean so. Ach mu dheireadh an uair a chunnaic mi gun robh an long faisge air a bhith traighte chaidh mi thun na traghad cho dluth dhiths a burrainn domh agus shnamh mi gu bord. Bhan t-uisgesileadh gu trom fad an latha so, ged nach robh deo ghaoithe ann.

October 1 gu 24Chaith mi na laithean so gu buileach adol gu bord anns an luing, agus atoirt aisde air rath a h-uile rud a burrainn domh an uair a bhiodh e muir-lan. Shil moran uisge anns na laithean so ged a bha greisean do shide tioram ann; ach a reir choltais gum be so aimsir sileadh an uisge.

Oct. 20Chuir mi thairis an rath, agus chaidh a h-uile dad a bhagam air don ghrunnd; ach on a bann air tannalach a thachair an tubaist so dhomh, fhuair mi achuid bu mho dhe na chaidh fodha an uair a thainig an traghadh.

Oct. 25Bhan t-uisge mor ann fad an lathas na h-oidhche, agus dhfhas aghaoth gu math laidir. Re na h-oidhche chaidh an long as a cheile. Cha robh bior rifhaicinn dhi ach beagan dhen urlar aice a bhiodh os cionn na mara aig amhuir-traigh. Chuir mi seachad an latha so acur dion air a h-uile rud a thug mi as an luing air eagal gum milleadh an t-uisge re na h-oidhche.

Oct. 26Bha mi, cha mhor, fad an latha coiseachd mun cuairt achladaich feuch am faicinn aite freagarrach anns an cuirinn suas aite-comhnuidh dhomh fhin. Bha mi fo churam air eagal gum faodadh daoine fiadhaich, no fiadh-bheathaichean, mo chur gu bas. An uair a bha e faisge air an oidhche shuidhich mi air aite freagarrach aig bonn creige. Chomharraich mi am mach lathrach leith-chruinn, agus chuir mi romham gun deanuinn aite daingnichte dheth le balla dubailte de phuist mhatha laidir a chur mun cuairt air, air a linigeadh leis na cablachan, agus balla phloc an taobh am muigh dheth.

Oct. 26 gu 30Fad nan laithean so dhoibrich mi gu math trang agiulan a h-uile rud a bhuineadh dhomh don aite anns an do shuidhich mi air ionad-comhnuidh a dheanamh, ged a bhan t-uisge asileadh greisean dhen uine.

Oct. 31Chaidh mi air feadh pairt dhen eilean le mo ghunna feuch am faighinn rud a dhithinn, agus gus an t-eilean fhaicinn na bfhearr. Mharbh mi gobhar-bhoirionn aig an robh meann. Lean am meann dhachaidh mi, agus an uair a chunnaic mi nach itheadh e dad, mharbh mi e.

(Ri leantuinn.)


AN GAIDHEAL AGUS NA H-INNSEANAICH.

ANNS abhliadhna 1747, thug na Sasunnaich ionnsuidh air bailteachas nan Spaindeach aigSt . Augustinea ghlacadh, ach beigin doibh an t-séisd a threigsinn. Chaidh cuideachd de Ghaidheil Albannach, a thug oidhirp air an ratreut a chomhdach, a ruagadh agus a ghearradhnam bloighdibh. Chaomhain na h-Innseanaich, a chog fo bhrataichean na Spaind, aon saighdear a chum abhais chianail, fhadalaich don gnath leis na daoine fiadhaich sin an cuid priosanach a chur. ’Nuair a mhothuich an duine so do dhinnealaibh na dòruinn eagallaich a bha feitheamh air, tha e air aithris gun do labhair e ris na h-Innseanaich fhuileachdach anns an briathraibh a leanas:—

A Ghaisgeacha agus a chinn fheadhna an t-saoghail ùir, cha bu sibhse na naimhdean a bha mhiann orm a choinneachadh: gidheadh thug sibh buaidh. Cleachdaibh abhuaidh sin mar is àill leibh. ’Se dan tubaisteach achogaidh a thilgnur làmhan mi, agus chan eil mi acur an aghaidh bhur dlighe. Ach on is gnath le mluchd-dùthcha duais a thairgsinn airson am beatha, guidheam oirbh, éisdibh ri tairgse nach bu chòir a bhi air a diùltadh.

Biodh fios agaibh uime sin, O! Americanacha gaisgeil, gu bheil anns an dùthaichsan drugadh mise dream àraid air am bheil feartan neo-chumanta air am buileachadh. ’Nuair a ghabh mise an tùs am shaighdear, chàirich aon diu so, a bhan dlù-dhaimh dhomh, sian orm a bheireadh mi gun bheud as gach gàbhadh. Chunnaic sibh mar a sheachain mi gach geurghath a thilg sibh orm. As eugmhais an t-sian so an robh e comasach dhomh teachd bho gach cruaidh-bhuille a chuimsichn am aghaidh? Tha mitogail na cuis ribh fein. An diarr mi aona chuid foir no teicheadh bho chunnart? Chan e mo bheatha a ta mi an drasda cho mor ag asluchadh, ach cead a thabhairt dhomh diomhaireachd fhoillseachadh, a bhios cho anabarrach feumail a chum an cinneach is gaisgeilesan domhan fhagail neo bhàsmhor. Fagaibh amhàin aon do mlamhaibh fuasgailte airson ioraltan aghniomh agus bheir mi dearbhadh air a chumhachd, air mo phearsa féinnur làthair.”

Dheisd na h-Innseanaich le fior aire, ri briathraibh a bha araon a co-fhreagairt rin inntinnibh cruadalach fein, agus rin gnath-thoradh gu nithibh miorbhuileach fhaicinn. An deigh beagan smuaintneachaidh dhfhuasgail iad aon de lamhaibh aphriosanaich. An sin dhaithn an Gaidheal a chlaidheamh-mòr a thabhairt don ghaisgeach bu sgairteile a bhaca, a mhuineal fein a rusgadh agus a shuathadh agus le comharrainean buidseachail, agus focal no dha a mhonabanaich, ghlaodh e mach le guth ard agus le fiamh ghaire, “Feuchaibh a nis, Innseanachaibh glice, dearbh fhianuis air mfhirinteachd. Thusa, a churaidh, aig am bheil inneal abhàisna ddhorn buail le duile neart; chan e amhàin gu bheil thu eu-comasach air mo cheann a sgaradh bho mchorp, ach eadhon deargadh air mo chraicionn!”

Mun gann a labhair e na briathraibh so tharruing an t-Innseanach buille eagallach a thug air ceann an t-saighdeir leum fichead slat air astar! Sheas na daoine fiadhaich lan iongantais. Spleuchd iad air acharcais fhuiltich, an sin air cach a chèile, mar gum beadh, an diumb riutha fein airson am faoineachd. Gidheadh dhard-mhol iad an innleachd a chleachd an coigreach gu giorrachadh a bhàis agus gu seachnadh nam piantaibh dóruinneach a bha air an ullachadh fa chomhair, agus dhadhlaic iad a chorp le ard onairean an dùthcha.


Sgeul air Taibhse.

Bha na Gàidheil a bhann o shean gu ìre bhig uile acreidsinn gu robh buidsichean is taibhsean ann. Tha a mhor chuid de Ghàidheil an lathan diugh den bheachd nach eil anns a chreideamh sin ach faoineis is gòraiche. Is co math dhuinn aideachadh gu bheil sinn fein den àireamh nach eil acreidsinn ann am buidseachd, agus nach robh sinn, gus o chionn gle ghoirid, atoirt géill do thaibhsean. Ach“ ’s iomadh car a dhfhaodas tighinn air na fearaibh.” Fhuair sinn an sgeul a leanas an la roimhe o dhuine còir, creideasach, air nach do chomharraich sinn breug riamh on chuir sinn ar ceud eòlas air; agus bu mhor leinn tòiseachadh ri teagamh a chur nasheanachas aig an àm so. Leigidh sinn leis a sgeul innse na dhòigh fhèin, ach tha sinn an dòchas nach bi a brìghs a teagasg air an cur an neo-shuim le ar leughadairean. Oir, ma tha an sgeul fior, ’s bu dàna leinn a radh nach eil, tha e da-rìreadh iongantach.

Beagan ro làithean na Bealltuinn, bha boirionnach ciallach, glic, grunndail, ann an àit araidh dhen dùthaich, agus thachair dhi a bhina bantraich. Bha i na suidhe taobh aghealbhain, beagan romh mheadhon oidhche, ag amharc air na caorain dhearg a bhalosgadh, agus a smaointeachadh air na làithean a dhfhalbh. Cha robh leabharna laimh, ged a burrainn i a leughadh. Dhéirich i gu dol a luidhe, ach mar thog i a ceann coshaoil leatha chunnaic i ateachd ga h-ionnsuidh ach a fear, nach bu mhairionn! Thug i sgreuch àrd aisde agus thuit ina paiseanadh air an urlar. Chual iad so an ceann eilen tighe, agus ghrad ruith iad a stigh far an robh i. Thainig i as an laigsinn; chuir iad na sineadh san leabaidh i, ach cha dinnis i riamh na chunnaic i. Chuir i roimhpe gun diog a radh ri duine beo mu dheidhinn. Smuaintich i nach robh ann ach seorsa de mhealladh inntinn, seorsa de dhaisling no bruadar eadar an cadals an dùsgadh. Ach, coma co dhiubh, oidhche no dhana dheigh sin, an déigh dhi dol a luidhe, agus ina lan fhaireachadh, mu mheadhon oidhche, co chunnaic i ach am fear nach mairionn, a rithist atighinn gu taobh a leapach! Tharruing e an cùirtean agus dhlùth-bheachdaich e oirre. Thainig crith fhuar air a feoil; dhfhairich i mar gun robh ega tacadh. Bha fuil a curidhe mar gum biodh i aruith fuarna cuislibh; thainig gairisinn air a feòil. Dhamhairc i suasna aodann; bhashuil bàigheil, aoidheil, gràdhach, mar a bàbhaist di bhi. Thug so misneach dhi; dhfheuch i labhairt; thainig a cainnt: “Eoghain, Eoghain,” ars ise, “ciod a ghràidh thacur smuairein ort? Ciod tha



[166]

[Vol . 12. No. 21. p. 6]

dhìth ort? Nach labhair thu?” “A Sheònaid,” arsesan, “a Sheònaid, tha thu brònach, aonarach, muladachn am dhéigh. Ach ceannaich thusa, a ghràidh, MAC-TALLA, bi cinnteach gum paigh thu e gu riaghailteach, ’s cha bi thu gun chuideachd.” Le so ghrad dhfhalbh e.


Am Piobaire agus na Madaidh-alluidh.

Tha am madadh-alluidhna chreutair fiadhaich, sgaiteach, agus an cuid do dhuthchannan tha iad anabarrach lionmhor, agus, ’nuair tha iad acrach, gu h-araidhs a gheamhradh, tha e cunnartach tighinn an rathad sgaoth dhiubh. Air uairean ma dhfhaoidte gum bi na ficheadan dhiubh ann an aon dròbh, agus ged nacheil iad ro thogarrach tighinn an rathad dhaoine gidheadhnuair tha iad fada gun bhiadh, cha seachainn iad duine. Tha e cunnartach losgadh orra; ma dhfhaodar eagal a chur orra gun a h-aon diubh a mharbhadh, ’s e doigh as fhearr.

Thachair do dhoifigeach airm a mhuinntir na Gaidhealtachd e fein agus saighdear a bha na phiobaire, bhi air an turus troimh bheanntan na Spaind agabhail ath-ghoirid thairis air gualard beinne, dhionnsuidh an aiten robhn t-arm dam buineadh iad, agus shuidh iad fo fhasgadh creige a ghabhail greim bidh a bham maileid a phiobaire. Gu grad bha iad air an cuairteachadh le madaidh-alluidh a chuir suas an donnalaich bu ghràinde chual iad riamh, agus a sheas len craois fosgailte mun coinneamh a sior dhlùthachadh orra, agus do reir coslais, a brath bhin grad shàs annta. Thilg iad beagan feola dan ionnsuidh agus chum iad air falbh iad car tamuill le criomain bheaga arain a bha iad aroinn orra; ach mu dheireadh cha robh greim tuilleadh aca ri sheachnadh, agus an àite falbh, ’s ann bha na madaidh-alluidh afas na bu dàinean t-acras air a bheothachadh agus air fhagail na bu gheire leis a bheagan a fhuair iad. Bha iad ateannachadh na bu dlùithe ceum air cheum air an da Ghàidheil. Mu dheireadh thuirt am phiobaire, “Tha bhuam port a thoirt do na béisdean.” Séidear a phiob, ach cha luaithe thug i cheud sgal ard na theich na madaidh, ’s mun robh urlar a phuirt seachad bha iad as an t-sealladh taobh eile na beinne.

Marbhaisg air na creutairean grànda,” arsam phiobaire, “nam biodh fhios agam gun tuigeadh iad ceòl bhithinn air port a thoirt daibh mun do ghaibh iad am biadh. Ach coma co dhiu, fhuair sinn a mach na dhfhoghnas doibh an ath uair a choinnicheas sinn.”


AISLING A GHAIDHEIL ANNS ABHAILE.

THACHAIR dhomh aon oidhche o chionn ghoirid a bhileughadh na laoidh anns am bheil na briathran so, agus air dhomh a bhinam aonar thòisich mi ri cnuasach, agus ri coimeas an t-saoghail ri cuan, agus an luchd-aiteachaidh ri bàtaichean. Bàrd da-rireadh am fonn inntinnsan robh mi: nuair bheachdaichinn air Breatunn an àigh, bha mo chridhecur thairis le taingealachd do Dhia gur h-ann a bha mi fein aseòladh, far nach ruiginn a leas cala fhagail gun chairt, gun chombaist, agus gun fhear-iùil; agus far an robh na reulta do ghnath ram faicinn. Achnuair a smuainich mi air na mìltean a ta seòladh fad am beatha gun ghealach, gun chairt, gun chombaist, gun reul-iùil, ghuil mo chridhe, agus shil mo shùilean.

Anns an staid inntinn so thuit mi am chadal agus air leam gun robh mi ann an seòmar luinge. Chuala mi ùpraid fhuathasach os mo cheann, —na sèoladairean aseinnsa nuallanaich, —cuid ri iolach éibhnis, cuid ri éigh mhuladaich, —a ghaoth afeadaireachd a measg na cainbe shuas, agus an fhairgeslachdradh a daraich.

Ghlaodh mi fein le graide ri fear a bhatearnadh an fhàraidh, “Ciod e so? Ciod e so? Càit am bheil sinn?” “Tha sinn,” arsesan, “atogail na h-acairsa gabhail a chuain, —cuan gábhaidh na beatha; tha naoidheineachd bhras air na stiuir, a dhaindeoin co theireadh e.” Rug e air sgòrnan air searraig uisge-bheatha a bha ann an cliabh, agus suas a ghabh e, aseinn

O chaneil mulad oirnn,
Ciod a chuireadh mulad oirnn?
Mulad chaneil oirnn no gruaim,
Gur fada uainn a ghabhadh.”

Lean mi air a shail, ’s fhuair mi mi-féin a nis air clar-uachdrach na luing. Dhamhairc mi ann an ceithir àirde an athair. Bhan long direach air togail a mach o chala, —chunnaic mi air an stiuir eileanan beaga do-àireamh, —cuirn is sgeirean a nochdadh an cinn an suds an so, air chors gun robh e mar mhiorbhuil dhomh cia mar a thainig sinn trompa. Thionndaidh min sin ri toiseach na luinge, agus chunnaic mi gun robh sinn ag inntrinn air cuan udlaidh, iargalt. Cha robh na tonnan, gu dearbh, ag èiridh ro àrd, no fathast a bristeadhnan caoran, ach bha coltas cho gruamach air an iarmailts gun robh an cuan fèin mar gum beadh a gabhail fiamh-eagail, agus bhan ceò co trom romhainn, ’s air gach taobh, snach burrainn don neach a bfhearr fradharc thar seoladh mionaid fhaicinn. Cha bfhada gus an do thuig sinn nach robh linne tearuinte, oir shaoil sinn gun tilgeadh an long an stiuir tri uairean a cheud latha le sgeiribh làir, ’s le oitiribh gainmhich. Chunnaic sinn ceudan adol fodha air gach taobh dhuinn, fo lan an aodaich, an uair a bàill, ’s iad a fanoid orrasan a dhfhag iad nan deigh. Bhan ceò da rireadh co dùmhails nach mor a bha dol as o sgiorran éiginn; bha iad aon chuidgan taladh leis an t-sruth do chuartagaibh a shluig sios beò iad, no air an cur thairis a thiotadh le taobh-ghaoith o na beanntaibh; nobruthadhsa bàthadh a cheile anns an dorcha.

Ach ged a bhan sruth co laidirs nach robh dol as aig soitheach nis lugha na bhiodh a siùil an còmhnuidh lan, agus ged nach robh e comasach pilleadh, gidheadh cha robh e cho olcs nach faodadh stiuireadair math feum a dheanamh; gu sònruichte nan tuigeadh en seòl-sruth, agus nan tugadh e aire don chairt-iùil, agus do na reulta a bha do ghnath soilleir. So far robhn dìth: bha gach aon gun ghiorag gun fhiamh, ga bhreugadh fein nach beagal da shoitheach-san ged a bha e leshùilean a faicinn a chompanaich, na dhfhàg cala maille ris, agus aig an robh iuraichean cho ùr, agus cho maith siùil agus acfhuinn ri thésan, ’gam milleadhsgam bathadh air gach taobh.

Bha mi fèin fo mhor iomaguin, agus cha robh mi gu h-uile saor o eagal. Thainig mo mhathair is mathair, agus cuid-eiginn eile nach ainmich mi gu mchuimhne. Dhòrduich mi mo chas air tir. Chunnaic mi duine uasal air bord, ann an deise bfhearr na càch. “Ler cead,” ars mise, “cait am bheil sinn?” “Tha sinn,” arsesan, “mu mheadhon cuan na beatha.” Leis a so thionndaidh e uam agus chuala mi eseinn dha fein

Nuair a dheireas i shuas oirr,
Le sgualsaichibh bheann,
Cha bhi sgiobair fo mhighean
Gus an dìobair in crann.”

Chuir mi fèin gloine ri mshùil agus air guala an fhuaraidh chunnaic mi cuairteag eagallach mar choire air ghoil, a thug gu mchuimhne Coire-bhreacain. Bha eileanan beaga mu dheas air fo mheasaibhs fo bhlàth, agus on dthàinig an ceòl a bàilla chuala cluas riamh. Bha na niltean soitheach agus bàta astiùradh air na h-eileanan so, ach cha luaithe fhuair sruth na cuartaige greim orra na thòisich e air an tarruing lion beag is beag don bhuinne; rachadh iad mu dheireadh mun cuairt mar ghille-mirein, agus an sin shluigeadh an coire sios iad. Achse chuir ioghnadh agus uamhann orm nach robh iadsan a bha tighinn nan deigh a gabhail rabhaidh.

Bha cuid de shoithichean foghainteach, gu dearbh, ach bainmic iad, a thug iad fein as a chuartaig; ach fhuair iad a leithid de bhruthadhs de mhi-mhodh am measg sgeirean coiremhacnuiss gun robh iad eu-dionach, agus breoite riamh na dhéigh.

Bha saoir-bhàtaichean gu leoir ann aig an robh mar obair a bhi calcadhs a tearradh, ach cha chuimhne leam gun do sheas a h-aon ro fhada a fhuair moran càradh; chan e sin, ach bha na saoir iad feing an call cho bitheanta ri daoineile.

Am feadh a bha mi mar so ag amharc, air mo bhualadh balbh le h-ioghnadh agus le uamhann thainig guth dam ionnsuidh a bha cho eagalachs gu bheil mi fathast, air leamga cluinntinn, a thuirt, A dhuine oig, carson a ta thu dian amharc air muinntir eile? Am bheil umhail agad gum bheil thu fein a dol fodha?

Dhamhairc mi, ’s chunnaic mi gun robh an soitheach a tòiseacheadh ri dol mun cuairt ann am buine coire-mhacnuis. Bha fhadsa chithinn mun cuairt domh lan do sgeirean, ’s do chlacha mora, ’s gun orra ach mu thuaiream troidh de dhuisge. Ghrad dhùisg mi le giorag, agus cha do mheas mi gun robh mo bhruadar gun bhrigh, nuair fhuair mi mi-fein.

AN GAIDHEAL ANNS ABHAILE.


Riaghladh ar Duthcha.

Aig an àm so tha cùisean glé dhuilich a thuigsinn. Tha mòran ann an teagamh mu na h-oidhirpean a tha air an deanamh air a bhi cuideachadh nan aobharan ud a tha air an aideachadh mar ghnothaichean cinneadail. Agus air abhonn so tha e freagarrach gum biodh sinn uile aonaichte; ’se sin ri ràdh nach biodh còmhstrinar measg fèin mu rùintean agus mu ghluasaid agus mu dheanadais an Ard-Riaghlaidh. Tha sona bheachd a thaobh riaghlaidh nach urrainnear a chur a thaobh troimh chlabhas agus troimh chànain nacheil airidh air ar sliochd. As a so feudaidh sinn a bhi cinnteach. ’Se sin ri ràdh gum bheil ar luchd-riaghlaidh adeanamh an dichill air a bhi cur oifigean do gach seòrsa ann an cruth a bhiosna chuideachadh ann an àm ri teachd agusna stiùradh dhaibhsan aig am bheil feum air gach crionntachd is gliocas a thàinig mar bhaisteadh cinneadail orra mar dhream dan dthug am Freasdal cumhachd ro shònruichte. Tha sinn aig an àm so fo sgàil tionndaidh; agus am measg nan atharrachaidhean ùr a tha dol air an aghaidh bu chòir do na Gàidheil a bhi acumail an cùisean féin fa chomhair an Ard-Riaghlaidh. Mur iarr iad chan fhaigh iad. Agus an diugh tha cuid ann an ùghdarras aig am bheil cumhachd a bu chòir cobhair a dheanamh air na Gàidheil. Tha enan comas; cuireadh na Gaidheil na geisean orra a réir rùin is geallaidh. —Oban Times.


Chaidh sabhaladh caol air trein faisg air Montreal air an t-seachduin sa chaidh. Coig mionaidean an deigh dhi dhol thar na h-aibhne Richileu, chaidh an drochaid a ghiùlain thairis i a sguabadh air falbh leis an tuil.

Chaidh sianar dhaoine chur don phriosan ann an Toronto air-son slaoightireachd a rinn iad mu thimchioll bhòtaichean aig taghadh a bhaile-mhoir sin. Fhuair cuid dhiu da bhliadhna den ionad-smachdaidh, agus an còrr bliadhna.



[167]

[Vol . 12. No. 21. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE $2 ,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


An Gaidheal Uasal.

DUANAG DON URR. CALUM CAIMBEUL.

LUINNEAG.
“ ’S toigh leam fhìn an Gaidheal uasal,
Nach cuir suarach cainnt a shinnsre;
S toigh leam fhìn an Gaidheal uasal.

Fhuaradh litir ghrinn an leam,
A dhùisg éibhneas suas aminntinn,

Air a sgriobhadh sios gu soilleir,
Is coig dolair mar cheann-crìch oirr’ ,”

Dheanamh còmhnuidh leinnsan àm so
Chum an geamhradhthoirt gu crìch dhuinn

Chum nach faicteadh sinn an teanntachd
Le cion annlain, ’s sinn fo mhì-ghean,

Chum gum biodh na fiachan pàighte
S nach biodh nàmhaid a toirt cìs dhinn.

S cuimhne leinn nach so an céud uair
A bha lamh an treun dhuinn sìnte;

Lamh a chàirdeis, lamh na fialachd
S e ar n-iarrtus nach bi dìth oirr’.

Ged a their sinn gu bheil pròis oirnn,
Cha ni neònach sin ri innseadh.

S sinn tha guidhna deadh bhliadhnùire
Don an diùnnlach nach drinn di-chuimhn’.

Nan robh agam gibht na bardachd
Dheanainn dan anns am biodh brìgh dha.

Thaluinneag agus an ceud da rann, air dhaibh a bhi cho fior fhreagarrach, air an toirt a duanag leis an Urr. Mr. Sinclair ann amFilidh na Coille.”


Torradh Shir Iain Moore.

(A Caraid nan Gaidheal.)

Cha chualas fonn téise no bròn air aMhùr,
Mar thog sinn a chorp air ar guailnibh;
Cha do loisgeadh urchair le saighdear mun ùir;
Druma cha chualas abualadh.

Thìolaiceadh esan an uaigneas na h-oidhch,
Airm chatha acladhach na h-ùrach,
Aghealach gu fann troineulaibh asoills’,
Leus soluisg ar seòladh gu tùrsach.

Cha robh feum aig an laoch air cista bhiodh buan,
No ollanachd anartga chuairteach’;
Ach luidh e mar ghaisgeach agabhail a shuain,
Lethrusgan cogaidh mun cuairt air.

Baithghearrs bu tearc an ùrnuighchaidh suas,
Us shil sinn na deòir gu sàmhach,
Ag amharc air creubh an tréin a thug buaidh,
Us buairte mu theachd an màireach.

Oir thug sinn fanear acladhach na h-uaigh,
S mar bha sinn gu truaghga dealbhadh,
Gun deanadh coigrich a saltairt le fuath,
Agus sinnair achuan aseoladh.

Le tàir air a spioraid gun deanadh an nàmh,
Air an uaigh so suidhega chàineadh;
Achs suarach sin dhàsan agabhail a thàimh
Far an drinn a luchd-dàimh a chàradh.

Ghairmeadh air falbh sinn o obair abhròin,
Us cian mun robh crìoch air an tòrradh,
Chuala sinn toirm achogaidhteachd oirnn,
Us gaoir nan gunnachan mòra.

Ach leig sinn e sios gu h-athaiseach, ciùin,
Mar thuit e an tréina mhòrachd,
Gun leac-lighe ra cheann, gun chàrn os a chionn,
Ach sìnte leghlòirna ònrachd.


An Teid Thu Leam, a Mhairi.

LE IAIN MUNRO.

ESAN.

An téid thu leam, a Mhairi,
S am falbh thu leam air sàile?
An téid thu leam air bhàrr nan tonn,
Gu tìr nan gleanns nan àrd bheann?

Le dchumadh dhealbhach, aillidh,
Mar dhealradh reult na fàire;
S e dnadar ciùin, do bhaighs do mhùirn,
A leag mo rùns mo ghràdh ort.

ISE.

Cha téid mi leat, a Ghaidheil,
Mo chairdean gaoil chan fhag mi,
Cha teid mi null gu tir nam beann,
S chan fhag mi clann mo mhathar.

Cha teid mi leat, a Ghaidheil,
Mo dhùthch a chaoidh chan fhag mi;
Gur bochd am fonn, ’s than t-aran gann,
An tir nan gleanns nan àrd-bheann.

Cha teid mi leat, a Ghaidheil,
Chaneil do thigh ach tàireil,
Bhithn fo sprochd, nan robh mi bochd,
An tir nan cnocs nan àrd-bheann.

ESAN.

Tha tigh agam cho aillidh
Risn tighs an dfhuair thu dàrach;
Bidh cuan is fonn riut fial gach àm
An tir nan gleanns nan àrd-bheann.

Mureil mor chruinneachd fàs ann
An tir nan gleanns nan àrd-bheann,
Tha bàrr nis leoir is fàs an fheoir
An tir nan lòns nan àiridh.

Tha agam spréidh len àiltean,
S mo mheana’ -chroair na h-airdean,
S bidh laoigh is uain air raon is cluain,
S gur taitneach fuaim am bàirich.

S mureil mo long air sàile
Gu saibhreas dheanamhn aird dhomh,
Theid bàtis lion, gach la gu rian,
S bidh agad iasg gu t-àilghios.

An téid thu leam, a ghràdhaig?
An téid thu leam air sàile?
An téid thu leam air bharr nan tonn
Gu tir nan gleanns nan ard-bheann?

Bidh agad éideadh bhlath-ghlan,
Is breacan mìn mu dbhraighe;
Cha téid thu mach gun ghilles each,
S bidh h-uile neach riut cairdeil;

Bidh tu fallain, slainteil,
Le gaoith achuains nan ard-bheann,
S bidh eoin na coill’ ’s nan sliabh gun fhoill
Le orain bhinncur failtort.

Bidh misriut suilbheir’, baigheil,
Mar mhaduinn shamhraidh bhlath-gheal,
Cha tig ort beud nach dean mo chreuchd,
On thug mi gaol thar cach dhut.

ISE.

Stad a nis, a Ghaidheil,
Mo chridh’, mo rùns mo làmh dhut,
Gun téid mi null gu tir nam beann,
On choisinn fonn do dhàn mi.


Laithean mOige.

LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.

LUINNEAG.
Cuimhneachadh air làithean moige,
S muladach min diughs mim onar.

Bho chionn deich is fichead bliadhna,
Bha mise is Catriona comhla.

S iomadh car a chaidh dhen t-saoghal,
Agus caochladh thàinig oirnne,

Bhon a dhealaicheadh sinn ri chéile,
Fuadach spréidhe far na mointich,

Réiteach àite dha na féidh,
Coin is feudail is luchd-foirneart.

Nuair a choinnich sinn an Grianaig,
Gum bu mhiorbhuileach achomhdhail.

Choinnich sinn aig bùth Mhic-Aigh,
S cha bu chrathadh làmh, ach pogan.

An aithnich thu idir mi, ’Mhairi,
S a liugha trath a ghabh sinn comhla?

Bheil cuimhnagad an uair a bha sinn
Na ar paisdean ris aghoraich’?

Nuair a bhiomaid air an àiridh
Falach caises a chruaich-mhòna?

Ruith gu Fionnaghail an Dùin
Le lan ar sgùirde dhe gach seorsa?

Poca mines stocan cail,
Is sguird bhuntata dhionnsuidh Flòraidh;

Breac a Linne Poll-an-Dòbhrain,
S ceathramh òisge air son ròstaidh.

Dhfhagteadh sud an Dùn-na-h- uamha,
S badan luachrach airga chomhdach.

Nuair a bha sinn air bheag naire
Gabhail fàth air fear na mointich,

Bhiodh tusa leagail agharaidh,
S Gèugo le do shàil le doirneig,

Mach ri bealach Cnoc Mhic-Dhiarmaid,
S cha bhiodh stiall air dhe na chota;

Dhionndrainn a bhean bhon a bhiadh e,
S iga iarraidh feadh na mointich.

Chuali Gèugo ag éigheach,
Trobhad, éudail, ’s thoir as beo mi.

So obair Mairi is Catriona,
Chuir iad sios mi fo mo chròcan.

Ach ma gheibh mi a so sabhailt
Ni mim pàidheadh mas a beo mi,

Mach ri Creagan-na--ruaidhe,
Buain na luachrachs iad nan onar.

Ach ma bhios iad ann le chéile,
Chaneil feum dhomh dol nan còmhail.

Tha Mairi cho lugha ciall,
S a bha Catriona riamh cho seolta. ’”

An tustha so, a Chatriona?—
Cha do liath thu ged a phos thu;

Ged tha mo cheann-sa cho soilleir
Ri canach goirid na mointich.

S cinnteach gur ighaoth an iar,
Chuir a Ghrianaig thusa chòmhnuidh.

Togail ort a Rudh-na-h- Airde,
S mise ga dfhàgail cho doigheil.”

Cuimhneachadh air làithean moige,
S muladach min diughs mim onar.


Bais.

Aig Loch Uidhist, C. B., air an dara latha den Mhàrt, Domhnull Domhnullach, Eildeir, (Domhnull an t-saoir) anns a cheithir fichead bliadhnasa naoi deug deaois. Bha ena dhuine siobhalta, faicilleachna ghluasad agusna dhuine feumail, aig an robh roinn mhath de dheolas, agus a bha glé fhritheilteach air tinneas ann an àm anns an robh dotairean tearc agus fad o laimh. Dheug a bhana-chompanach chliùiteach, Mairi NicIllemhaoil (Mairi nighean Dhonnachaidh) mu cheithir seachdainean roimhe fhein. Bha iad posda corr is tri fichead bliadhnasa h-aon deug. Bha iadgràdhach agus taitneachnam beatha agusnam bàs cha do sgaradh iad.”

Air an dara latha den Ghiblin, Eighrig Dhomhnullach, bean ghràdhach Aonghuis Dhomhnullaich, Eildear. Bha i stòlda, ciùinna gluasad, neo-lochdachna giùlan, agusna bean air an robh eagal an Tighearna. Dhfhàg i companach aosda, ceathrar mhac agus dithis nighean gu brònachna déigh.



[168]

[Vol . 12. No. 21. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Dan

Mar gun rachadh a dheanamh le Alasdair Selkirk, ’nuair a bha ena aonaran air eilean Juan Fernandes. Tha cuid acumail a mach gur ann mun duine so asgriobhadh an sgeulRobinson Crusoe.”

Tha mim righ air na chi mi mun cuairt,
Chaneil aon annchur suarach mo reachd;
Fad na tire gu criochaibh achuain,
Tha gach eun is fiadh-bheathach fo msmachd.
O aonarachd! càiteil gach buaidh
Chaidh a luaidh ort cho tric ann an dàn?
Bfhearr gaoir-chatha gach latha bhim chluais,
Na bhim righ an àitoillteil mar tha.

Tha mi far nach faigh duine am chòir,
Am ònar thig crioch air mo réis,
Cha chluinn mi aon fhacal no cainnt,
Thig clisg orm le fuaim mo ghuth féin.
Tha gach beathach thasiubhal an raoin
G am fhaicinn gun ioghnadh gun sgàth,
Tha iad sin cho neo-chleachdte ri daoin’,
Tha oillt orm am faicinn cho càlld’.

Co-chomunn is càirdeas is gaol,
Chaidh a bhuileachair daoinibh on àird,
Nam biodh agamsa sgiathan an eoin,
S mi mhealadh a ris sibh gun dàil!
An sin gheibhinn fois agus sith
Ann an soisgeul na firinn, o mbhròn,
Dhfhaodainn foghlum o ghliocas na h-aois,
S a bhi aobhach an cuideachd na h-òig’.

An soisgeul! an t-ionmhas thar luach
Tha ri fhaotainn am focal an àigh!
Tha e prìseil thar airgiod is òr,
No aon ni air thalamh a ta.
Ach cha chualas clag-eaglaise riamh
Ann an so, feadh nan liath-chreags nan gleann,
Cha do fhreagair fuaim thiamhaidh abhròin
Is Sàbaid chan aithnichear annt’.

A ghaothan a dhfhuadaich mi sios,
Don dithreabh tha aonarach, fàs,
Cuiribh sgeul orm bheir aoibhneas do mchrìdh
Mu thir do nach till mi gu bràth.
Bheil mo chàirdean a dhfhag mi am dhéigh
Cur guidhe no smuain air mo thòir?
O ìnnsgu bheil caraid a ir!
Ged nach fhaic mise caraid ri mbheò.

Tha inntinn an duine nas luaith
Agluasad na aon ni a thann;
An coimeas, cha shiubhail aghaoth
S caol-shaighdean an t-soluis ach mall.
Nuair thig dùthaich mo shinnsiram bheachd
S ann a shaoileas mithiota bhith thall;
Ach tha cuimhne gu luathtighn a steach,
Is tréigidh gach dòchas a mheall.

Ach than eunlaith afalbh thun an nid,
S gach beathach do chosaibh an t-sléibh;
Tha am fois againn eadhon an so,
S theid mise do mbhothan leam fhéin.
Tha tròcair ri fhaotainns gach àit’,
Is tròcair, nach àghmhor an smaoin!
A leigheas gach trioblaid is bron
Than tòir air clanna nan daoin’.


Litir a Montreal.

FHIR APHAIPEAR, —Bha ann am MAC-TALLA Di-haoine sa chaidh, litir phongail a chuir Peigidh Phabach ga dionnsuidh, le orain, agus taing air a toirt do Dhonnachadh Domhnullach air son an geug Sgitheanach de fhraoch Chlann Domhnuill. Tha mitoirt do Pheigidh an oran mar bha cuimhnagam air bho moigesan Eilean Sgitheanach. So agad mar a chuala mise:

LUINNEAG.
Hithill en na hillean i,
Hithill en na hillean o,
Fàill ill éiles ro i,
Mo thruaighe mi mur faigh mi thu.

Tha min so mar dhruid an crann,
An déigh a cuid eun a chall:
Seacharan air dol na mcheann,
S ged thig an t-àm cha chaidil mi.

Thasgaidh mo chridhe is mo chléibh!
Chuireadh tu air feadan gleus,
Dhannsadh tu air urlar réidh
Gu lùghor, eutrom, aighearach.

Dhfhag thu mise dubhach, trom,
S thaobh thu crannagan nan long;
Ged a bhiodh do phòca lom,
Gun ni, gun fhonn, gun gabhainn thu.

S e mo cheisd fearchùil bhàin,
Baotrom do cheum air sraid:
On a chaidh thu null thar sàil,
Tha mi on sin acanach.

Tha mi gun airgiod is gun òr:
Chan e so a rinn mo leòn,
Ach nach fhaic mi thu ri mbheò
Aseòladh taobh an fhearainn so.

So agad fear eile:—

Dhfhag min so na shìneadh e,
Na shìneadh e, na shìneadh e;
Gun dfhag min so na shìneadh e,
Nuair dhfhalbh mi bhuain na braoileagan.

Fhuair mi lorg an dobhrain duinn,
An dobhrain duinn, an dobhrain duinn;
Gun dfhuair mi lorg an dobhrain duinn,
S cha dfhuair mi lorg mo choineachain.

Chaneil fhios agam rinn an t-oran eiletha mi toirt dhut, agus so agad e:—

Dhfhalbh mo leannan fhéin,
Dhfhalbh mo chéile lurach,
Misneach mhathna dhéigh,
Dhomhsa béiginn fuireach.

Nuair a thog thu siùil,
Bha mo shùil a sileadh;
Dhutsa ghuidh gach beul,
Slan gun dean thu tilleadh.

S cianail leam an sgeul,
Ciod am feumbhith fuireach,
Bidh mi leat gun dàil,
S gheibh mi fàilt is furan.
Dhfhalbh mo leannan, &c .

So agad oran eile. Agus ma bhios mi air mo mo chumhnadh cuiridh mi oran no dha ugad ann an Gàilig nach robh riamh ann am MAC-TALLA:—

LUINNEAG.
Ho ro Eileinich, ho ,
Ho i rithill ho i thù;
Ho ro Eileinich, ho gu,
Gu bheil mo rùnsan Landaidh.

Ged than Landaidh creagach, ciar,
S moch a dhéireas oirreghrian;
Innis nam ba-laoighs nam fiadh,
S gum be mo mhiann bhi thall ann.

S tric a leag mi air a bhruaich
Earba ghlas a mhuineil ruaidh;
Bhiodh na lachan air an t-snamh,
Is coileach ruadh an dranndain.

O, mo ghaol air Ilen fheòir,
Far an dfhuair mi marach òg,
Far am bheil na h-uaislean còir,
Bu toil leo ceòl is dannsadh.

DONNACHADH DOMHNULLACH.
Montreal, April 8, 1904.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain asùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 21
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 21. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page