[169]

[Vol . 12. No. 22. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, APRIL 29, 1904. No. 22.


[Dealbh]

An t-Olla Blackie Nach Maireann.

Tha nise naoidh bliadhna agus còrr on chaidh an t-Albannach ceanalta Iain Stiubhart Blackie fon fhòd. Ged nach eil an sin ach ùine bheag, gidheadh tha linn ùr air eirigh suas do nach aithne Blackie. Chaneil sin mar bu chòir dha bhith. Chan eil e iomchuidh gum biodh di-chuimhne dol air cliù, no gum biodh muinntir aineolach air eachdraidh-beatha an duine chliùitich so. Tha eagal oirnn gu bheil moran de Ghaidheil Chanada aig nacheil abheag de dheòlas muthimchioll. Chaneil sin iomchuidh, oir chuir an Flath so fo chomhain mhor Gàidheil an t-saoghail gu h-iomlan. Tha na leanas air a sgriobhadh gu bhi cur clach air a chàrn.

Rugadh Iain S. Blackie ann an Glaschu anns abhliadhna 1809 agus chaochail e anns abhliadhna 1895, aig aois ceithir ficheadsa sia. ’S e mac bancfhear a bhann, agus a thaobh gur ann an Abaireadhain a bhaathair ri bancfhearachds anns a bhaile sin a fhuair e a cheud chuid de ionnsachadh-sgoile. Na dheigh sin chaidh e do cholaiste Dhuneideann, agus as a sin chaidh e, a chur tuilleadh rifhoghlum, gu tir mor na Roinn-Eòrpa. Chuir e da bhliadhna seachad anns aGhearmailt agus anns an Ròimh. Bha e fad na h-uine sin gu dian ag ionnsachadh cainnt na Gearmailt agus na h-Eadailt. A bharr air sin bha e aig an àm cheudna a faighinn min-eolas air an dàimh anns am bheil seann chanainean ainmeil dhaoine aseasamh da cheile.

Thàinig e air ais da thir fein na dhuine òg foghluimte agus geur-chuiseach. Ann an uine ghoirid an deigh sin bha e air a ghabhail a stigh an cuirtibh-lagha na h-Alba. Bha sin anns abhliadhna 1834.

Ach cha do stad an diulnach òg aig a sin. Anns abhliadhna 1841 fhuair e achathair-theagasg Laiduinn ann an Oil-thigh Mharischal an Abaireadhain. Bha e anns achathair sin aona bliadhna deug. Fad na h-uine sin rinn e saothair nach bu bheag, maille ri muinntir eile, gu cuideachadh le ard-fhoghlum an Oil-thighean na h-Alba.

Anns abhliadhna 1852 chaidh a ghairm gu cathair-theagasg na Greugaisg ann an Oilthigh Dhuneideann. Shaothraich e an sin le mór dhurachd fad dheich bliadhna fichead, a leigeil dheth na dreuchd anns abhliadhna 1882. Bha e mar sin an cathair an fhoghlum, eadar Abaireadhain agus Duneideann, da fhichead bliadhnas a h-aon. A bharrachd air obair na cathair-theagaisg bha e re na h-uine fhada sin gun tàmh le a pheann agus le a theangaidh a cuideachadh air aghart iomadh aobhar math anns an tir. Sgriobh e mu iomadh ni nuadh agus sean. Bha leabhraichean-mios na duthcha fosgailte dha gu bhi cur a bheachdan an ceill a thaobh caochladh nithean. Agus bha a bheachdan a ghnath airidh air cluas a thoirt dhaibh.

A bhàrr air gach òraid a liubhair e agus gach ni a sgriobh e ann an leabhraichean-mios chuir emach àireamh de leabhraichean taitneach agus feumail. Nam measg sin tha aon leabhar sònraichte a thug moran cliu dha agus a tha air eadar-theangachadh gu àireamh de chànainean na Roinn-Eòrpa, ’s e sinFein-Eideachadh.” Bu chòir do na h-uile neach an leabhar so a leughadh, agus a theagasg a chur an cleachdadh.

Ach tha da leabhar shònraichte leis an Olla Blackie air am bu chòir do gach Gàidheal a bhi eòlach. ’S e sinLaoidhean na Gàidhealtachd agus nan Eilein,” agusCainnt agus Litreachas Gàidhealtachd na h-Alba.” Bu choir do Ghàidheil an t-saoghail gu leir eòlas a bhi aca air a chuid so gu h-araidh deshaothair agus mor luach a chur air; oir chan e Gàidheal a tha asgriobhadh cho caoimhneil anns na leabhraichean so mun timchioll ach Gall. Chan fhiosrach sinn gun robh boinne de fhuil Ghaidhealaich a ruith na chuislean, agus gidheadh cha robh ann an Alba na la fein duine a beudmhoire air taobh nan Gaidheal agus na Gàidhlig nan t-Olla Blackie.

Thuirt sinn gun robh e foghluimte ann an dàimh nam priomh chànain dacheile. (Philology) . ’S ann an uair a bha e dol a stigh anns an fhiosrachadh so a thug e fainear luach agus maise na Gaidhlig. Ghabh e tlachd anabarrach di. Dhionnsaich e a sgriobhadh agus a labhairt gu snasail. Bha e fein na bhàrd agus bha tlachd mor aige de bhi leughadh obair nam bàrd Gàidhealach. Dheadar-theangaich e gu bàrdachd Bheurla iomadh earran den obair aca. Anns an leabhar mu dheireadh a dhainmich sinn tha e toirt iomradh air còrr is fichead bàrd Gàidhealach.

Tha tri dhiu sin a tha e meas àrd os ceann chàich uile. ’S e sin Dughall Buchanan, Donnachadh Bàn, agus Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Chuir e am bàrdachd Bheurla gu snasailAn Claigeannle Buchanan; “Birlinn Tighearna Chloinn-Raonuillle Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair; agusMoladh Beinn Dòrainle Donnachadh Bàn.

Anns an leabhar so tha etoirt min-chunntas air ar cainnt agus air ar litreachas. ’S e so gun teagamh an cunntas as mionaidiche agus is coimhlionta a thugadh riamh do luchd-labhairt na Beurla mu ar cainnt agus ar sgriobhaidhean. Bha e den bheachd gun robh aGhàidhlig cho comasach ri cainnt sam bith cho fads a tha i dol, air gach smaoin a chur am briathran. Chan eil cainnt sam bith a bfhearr a dheanadh so na aGhàidhlig nam biodh i air a cleachdadh na bu choitcheann le muinntir fhoghluimte, agus facail ur air an toirt a stigh innte ann an comh-cheangail ris gach ni ur a tha ri fhaicinns ri chluinntinn anns an t-saoghal. Ann a so tha sinn acur lan-aonta ris.

Tha emoladh na Gàidhlig gu mor mar chainnt thlachdmhor ri h-eisdeachd, agus a tha ann am binneads am milseachd fuaime fad air thoiseach air cainnt charrach nan Gall. Tha e ag innseadh dhuiun gur ann air son nan Galls nan Sasunnach a sgriobh e an leabhar so, gu bhi sgapadh ceò an aineolas fom bheil iadnan luidhe a thaobh na h-uile ni Gàidhealach. Bha e eudmhor air son cliu na h-Alba thairis air moran, agus bha e fad a bheatha easgaidh, ealamh gu dol air feadh gach cearn den tir a teagasg dhaoinethaobh ni sam bith a shaoil e bhi chum leas na duthcha.

Ach thar gach aobhar eile air cuimhnechumail air an Oilfhear Blackie tha an gniomh òirdheirc a rinn e ann a bhi na phriomh aobhar air cathair-theagasg na Gàidhlig a chuir suas an Oil-thigh Dhuneideann. Fad bhliadhnachan bha Gaidheal Alba a faicinn gum bu chòir cathair mar so a bhi ann, agus bha caochladh de oidhirpean air an toirt gus a cur air chois. Ach riamh gus na chuir Blackie a ghuala ris a chuis cha robh moran soirbheachaidh aca. Ach air ball an uair a ghabh esan a chuis os laimh cha do leig e le feur fàs o chois. Shiubhail e an tir o cheann gu ceann, a cur na cuis an làthair uaislean na rioghachd agus ag iarraidh cuideachaidh uatha. A bharr air sin sgriobh e a dhionnsaidh gach cearn den t-saoghalsan robh Gaidheil ri fhaotuinn. ’S e a thainig ar a sin gun do thaom airgiod a stigh bho chàirdean nan Gàidheals na Gàidhlig aig an tighsan tìrean cein. Ann an uine ghoirid dheirich an t-suim gu da mile dheug punnd Sasunnach, ’se sin mu $60 ,000. Air ball bhachathair Ghaidhlig air a cur suas agus an t-uasal ceanalta sin an t-Olla D. MacFhionghain air a chur na shuidhe innte; agus is math a tha ega lionadh.

Tha nise cothrom aig gach duine òg leis an àill air dol a stigh ann am fiosrachadh domhain air eachdraidh, gnè, agus staid na cainnt Cheiltich, ’se sin an t-seann chainnt a tha air a labhairt fathast an Alba, an Eirinn, ’s an eilein Mhaneineach, &c .

Tha e iomchuidh, mata, gum biodh iomradh a àm gu àm air a dheanamh air Professor Blackie. Cha deid ainm air di-chuimhne; oir tha chathair-theagasg ud mar charra-chuimhne a sheasas suas gun mhilleadh, gun bhriseadh, fa chomhair gach àil a thign ar deigh a deanamh iomraidh air a chliu neo-bhàsmhor.



[170]

[Vol . 12. No. 22. p. 2]

Nuair a bhios gach òraid a liubhair e agus gach leabhar a sgriobh e air an còmhdach le stùr na di-chuimhne bidh ainm Bhlackie air a stampadh air clàr cuimhne nan ginealach nach dthàinig fhathast agus bidh a chliu air altrum nan cridhe tre iad a bhi ag òl á shruth an eòlais a bhios o linn gu linn a taomadh a mach o Chathair-Ghàidhlig Oil-thigh Dhuneideann, agus a bha air acur suas le oidhirp dhurachdach an Olla Blackie.

C. C.


Baisteadh Cloinne.

Chaidh a chlann a leanas a bhaisteadh le Mr. Iain Mac-Gillinnein aigGrand Riveran Ceap Breatann air an t-siathamh latha diag de dh-Ogust, 1824:

Mairi, nighean Alasdair Mhic-Aoidh is Chiorstaidh Nic Calamain, a rugadh air Maigh 20, 1823. Anna nighean Dhonnachaidh Mhic-Coinnich agus Mhairi Nic-an-Toisich, 1823.

Seonaid, nighean Dhomhnaill Mhic-Coinnich is Sheonaid Nic-Coinnich, 1822. Peigi nighean eile leotha, 1824.

Fearchair, mac Iain Mhic Mhathain is Pheigi Nic Mhathain, 1823.

Domhnall, mac Alasdair Mhic Mhathain is Sheonaid Nic Coinnich, 1823.

Seoras, mac Uilleam Mhic Aoidh is Chatriona Nic Leoid, 1823.

Fionnaghal, nighean Choinnich Mhic Aoidh is Mhairi Nic Mhathain, 1823.

Peigi, nighean Alasdair Mhic Calamain is Shine Urchadain, 1823.

Cailein, mac Choinnich Mhic Leoid is Anna Ghreum, 1823.

Domhnall, mac Mhurchaidh Dhomhnallaich, is Chatriona Dhomhnallaich, 1823.

Iseabal, nighean Aonghuis Mhic-Gillemhaoil is Chatriona Nic-Gillebhràth, 1823.

Tha latha breith gach leinibh air a thabhairt seachad ann an leabhar a bhaistidh, ach cha robh mi a faicinn aobhar air a thabhairt seachad an so. Tha e soilleir gun robh tùr aig an t-seann t-sluagh. Cha robh iad an duil gum bu ghnothach mor e a dha no tri de dhainmeannan a thabhairt air leanabh. Chan fheil ann an leanabh ach creutair lag agus tha gu leoir mhoir dha aon ainm a ghiulan.

Cia miad den fheabhainn a bhaisteadh air Ogust 16, 1824, a tha beo an diugh?

GLEANN-A- BHAIRD.


Re an da sheachduin sa chaidh fhuaras a mach a thaobh an t-soithich-chogaidh Petropavlovsk, nach robh a cheud sgeul a thainig mucall fior. A mheinn annsn do bhuail is leis an robh i air a cur a dhìth, biad na h-Iapanaich a chuir i. Bha cheud sgeul ag innse gun do bhuail i le tuiteamas ann am meinn a bhaig na Ruiseinich fein an cur am beul na h-acarsaid. ’S ann mar a bha, rinn na h-Iapanaich re na h-oidhche meinnean a chur aig beul a mach na h-acarsaid, agussa mhaduinn thainig iad le beagan shoithichean fa chomhair Phort Arthur ma bfhior air-son blar a chur. Thug na Ruiseinich as an deigh, ach an deigh dhaibh faighinn a mach astar beag thainig tuilleadh shoithichean Iapanach am fianuis, ’s bfheudar cur gu port a rithist. Nuair bha iad aig beul na h-acarsaid, bhuail am Petropavlovsk ann am meinn, ’s rinn an spraidheadh a lean uiread millidh oirres gun deach i fodha gu grad, agiulain don ghrunnd leatha coir is ochd ceud duineam measg chach an t-Admiral Makaroff a bha air ur dhol a machs anns an robh earbsa mhor is dochas aig Ruisia. Mu gach fios eile thainig, cha urrainnear a bheag a radh. Tha naidheachdan ganns an luchd-siridh pailt, agus air an aobhar sins coir na thig uapa a dheagh chriathradh mun teid a aithris no idir a chreidsinn.

Tha cosdas baile-mor Shidni air a bhliadhna so ri bhi mu cheud gu leth mile dolair. Tha ceud is aona mile deug den t-suim sin ri bhi air a thogail ann an cìsean, a bhios mar sin nas àirde na bha iad an so riamh roimhe. Tha roinn nach beag den t-suim a dhainmicheadh nach buin don bhliadhna so, ach do na bliadhnaichean a chaidh seachad.

Seachduin gus an chunnacas da mhuc-mhara anns an acarsaid. Bha aon dhiù, air an dfhuaireadh deagh shealladh, mu leth-cheud troidh a dhfhad. Tha daoine den bharail gun deach an ruagadh dhionnsaidh nan criochan so leis an deigh mhoir. Faodar a bhi cinnteach nach dean iad céilidh nas fhaide nas fheudar dhaibh; chan tig blàths na h-aimsir anns na cearnan so ri slàinte na muice-mara.

Tha a bhreac gu math pailt air feadh a bhaile so o chionn cheithir seachduinean, ach tha nise coltas gu bheil i dol air ais. ’S e bu choireach i sgaoileadh cho dona nach robh daoine gabhail cùraim dhiu fein a chionn an easlaint a bhi cho aotrom. Bha gu ruige so a machsa stigh mu leth-cheud pearsa tinn leatha, agus bha cuid dhiu sin nach deachaidh fo làimh lighiche idirs aig nach robh fhios gu bhorra gus an deigh dhaibh a dhol am feobhas. Bu chruaidhe leis a chuid bu mhò an leigheas nan tinneas, a bhi air an cumail fo chuing fad thri seachduineans an sin air an cur gu cosdas afaighinn na h-easlaint cuibhteas iad feins an taighean. Ach tha iad a nise tuigsinn gu bheil an t-àm a bhi toirt oidhirp làidir air acur as na criochan gu buileach. Tha na lighichean ameas gu bheil mun treas cuid de shluagh a bhailen deigh iad fein a dhion cheana leis a bhreac bheag a chur orra, agus chan eil fhios nach òrduich bòrd na slàinte gu feumar sin a dheanamh air an da thrian eile a dheòin no dhaindeoin. Ma mhaireas an easlaintsa bhaile àireamh mhios bidh e na chall mor do gach aon a tha gabhail còmhnuidh ann. Bhiodh e mar sin ceart gach ceum dligheach a ghabhail air-son an easlaint a chur fodha gun dàil. Bha na h-eagiaisean air am fosgladh air an t-Sàbaid sa chridh an an deigh bhi dùinte fad tai seachduinean. Tha na sgoilean air am fosgladh air an t seachduin so cuideachd. Tha baile Ghlace Bay air deigh stad a chur air na càrs a bha ruith eadar an da bhaile, tha eagal orra gu ruig an easlaint an criochan fein.

Tha dùil ri obair a thoiseachadh an ùine ghoirid air dùnadh ceann a tuath acarsaid Phort Hood. Bliadhnaichean an deigh don cheud luchd-àiteachaidh geala tighinn don dùthaich bha rudha gainmhich aceangal eilein Phort Hood ri tir, adeanamh acarsaid mhath anns an robh làn thearuinteachd bho stoirms bho shruth. Ach chaidh bristeadh a dheanamh air an rudha sin agus an diugh tha uisge domhain far an robh e, agus cosnaidh e suim mhor airgid a lionadh suas a rithist. Ach than cladach an iar gle fheumach air acarsaid.

Thairg an t-àrd-riaghladh àite-suidhesan t-seanadh do Mhr. C. C. Blackadder, fear paipeir-naidheachd ann a Halifacs. Dhiùlt e an tairgse a chionn nach burrainn dha uiread ùines bu chòir a bhuileachadh air dleasanasan na dreuchda, leigeil ris gu bheil aon fhear-deasachaidh anns an dùthaich a tha air an neòr-thiang. ’S e Mr. Blackadder an dara fear de mhuinntir Nobha Scotia a dhiùlt àite-suidhe ghabhailsan t-Seanadh an taobh a stigh de bhliadhna.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL X.

DHUISG mi iomadh uair mun dthainig an latha, ach cha bhithinn fadanam dhùsgadh an uair a thuitinn a rithistnam chadal. Bha migam fhaireachadh fhin afàs lag agus mar gum bithinn afannachadh. Mu dheireadh bhuail goirteas cinn mi, agus thòisich mi ri tuiteam seachad ann an dùsal cadail.

Anns an àm bha mo thùrs mo chiall agam, agus bha mi coma dhen t-saoghal, agus dhe na bha egealltainn dhomh de shòlas agus de thoileachadh. Cha robh an dòchas bu lugha agam gun cuirinn mo chas air talamh gu bràth. Cha burrainn domh mu dheireadh minntinn a shuidheachadh tiotadh air rud sam bith. Chaneil cuimhne sam bith agam air mar a chuir mi seachad an corr dhen ùine a bha minam shìneadh ceangailte anns an taigh lom, fhàs ud. Ach aithrisidh mi gun dàil na dhinnseadh dhomh mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns an robh mi an uair a fhuaradh mi, agus mar a chuir mi seachad iomadh lathana dhéigh.

Tha e coltach gun do thuit mi ann am fiabhrus trom, cunnartach air an treas oidhche dhomhbhith anns an taigh ud. Bha mi ann am breislich anabarrach mòr, agus bha mi ri leithid de bhruidhinn gun tùr, gun toinnisg, agus a leithid de sgal cruaidh aig mo ghuths gun do shaoil an ciobair air an ath mhadainn, an uair a bha egabhail cuairt air feadh nan caorach faisge air an taigh, gur ebhannam fear a bhasearmonachadh ann an cànain nach robh etuigsinn. Bha mi, tha e coltach, abruidhinn ann an Gailig, agus mar sin cha robh esan atuigsinn facal dhe na bha mig ràdh.

An uair a chaidh e steach agus a chunnaic e ceangailte mi ghrad thuirt e ris fhein gur e duine air an dearg chaoch a bhannam, agus gun do cheangladh an sid mi air eagal gun deanainn cron orm fhin no air daoineile.

Gun dàil sam bith chaidh an ciobair gu ruige taigh a mhaighstir, a bha mu dhà mhìle air falbh, agus dhinnis e naigheachd gharbh mu mdheidhinn. An uair a chuala fear an taighe mar a bha, rinn e deiseil gus a dhol a dhfhaicinn ciod a ghabhadh deanamh rium. Gu fortanach dhomhsa bhan doctair a bhanns an àite ann an taigh an duine chòir an uair a chaidh an cìobair leis an naigheachd ga ionnsuidh. Bhan doctair sona dhuine anabarrach sgileil, agus mar an ceudnana dhuine ro thruacanta, agus chaidh e comhladh ris na daoinedhfhalbh gam iarraidh. An uair a chunnaic e mi thuig e anns amhionaid nach bann air achaoch a bha mi, ach gur ann a bha mi ann an àird an fhiabhruis, agus ann an staid cho fìor chunnartachs gun robh eagal air nach bithinn abheag a dhùine beò.

Bha mo lamhan agus mo chasan air at, agus bha na cùird leis an robh mi air mo cheangal an deaghaidh a dhol a steachnam fheòil. Bha mi air fàs glé lag, ach bha mi sior bhruidhinn mar gum bithinn ann am meadhainn cuideachd a bha glé thaitneach leam. Bfheudar na cùird a ghearradh mun do ghluaiseadh mi as an àite an robh mi.

An uair a thugadh do thaigh an tuathanaich mi chuireadhnam laidhe mi ann am seòmar iomallach far nach cuireadh aon fhuaim a bhiodh air feadh an taighe dragh sam bith orm. Dhinnis an doctair ciod bu chòir a thoirt dhomh, agus a réir mar a chuala mi, ghabh an tuathanach còir, agus abhean chòir a bhaige, uiread de chùram dhioms ged bu leotha fhein mi. Fhuair mi aire agus frithealadh fad na h-ùine a bha mi tinn acheart cho maths ged a bhithinn ann an taigh mathars mo mhàthar.

Bhan doctair atighinn uairs an latha gam amharc fad nan deich lathabha mi ri uchd bàis.



[171]

[Vol . 12. No. 22. p. 3]

A réir mar a chuala mi cha robh ann ach gun robh an anail sios is suas annam fad na h-ùine so. Cha burrainn iad iomadh uair a dheanamh am mach ach gann co dhiubh a bha mi nam chadal no nam dhusgadh fad na cuid bu mhò dhen ùine. Uairean eile bhiodh mo bhilean agluasad mar gum bithinn afeuchainn ri bruidhinn.

Mu dheireadh thuit mi ann an cadal trom sèimh, agus dhaithnich iad gun robh mi air faothachadh fhaotainn.

Tha cuimhne mhath agam fhathast, agus bithidh, air an ioghnadh a ghabh mi an uair a chaidh mi na bfhearr agus a thainig tomhas de mo thùrs de mchiall air ais do mionnsuidh. Bha mi air dùsgadh á cadal trom, sèimh, ach ged a bha mi nam dhusgadh, bha mo shùilean dùinte. Chuala mi dithis abruidhinn gu beag ann am Beurla anns an t-seòmar. Dhaithnich mi air an guth gur e firionnach is boirionnach a bhabruidhinn. Bha maghaidh ri cùl na leapadh aig an àm. Thuirt am firionnach: “Cia mar a chuir e seachad an oidhche?”

Chaidil e,” arsam boirionnach, “cho socairs cho sèimh o thri uaireans amhadainns ged nach biodh cnead air. Bha Mairi anns an t-seòmar gus an robh e mu thri uairean, agus tha ig ràdh gun drinn e greisean beaga de chadal socrach roimhe sid, ach ged a bha efeuchainn ri car a chur dheth anns an leabaidh, cha burrainn e. Ach tha mismaointean gun dean na sia uairean de chadal math a fhuair e feum mòr dha.”

An robh e ann am breislich on a bha mi an so an ?”

Cha robh. Chaneil min dùil gun dfheuch e ri facal a radh on a chunnaic sibh mu dheireadh e. Tha sibhseg ràdh gur e Gàilig a tha elabhairt. Nach neonach nach cualas fhathast ach gann aon fhacal Beurla uaithe. Chaneil mituigsinn cia mar a burrainn da a rathad a dheanamh troimhn dùthaich gun Bheurla.”

An uair a theid e beagan nas fhearr na tha e, cluinnidh sibh Beurla gu leòr uaithe, ar neo tha mise gu mòr air mo mhealladh. An uair a tha daoine ann an àirde tinnis agus ann am breislich is i achainnt mhàthaireil a bhios iad alabhairt mar is trice. Tha sibhse an deigh dragh gu leòr fhaotainn an lorg a thinneis. Tha min dòchas gun nochd ethaingealachd dhuibh an uair a dhéireas e bharr na leapadh ud. Mur be an fhaicill agus an cùram a fhuair e uaibh uile chaneil micreidsinn gum biodh e beò an diugh. Ged a bhiodh a mhàthair ri thaobh cha burrainn i dheanamh ris ach mar a rinn sibh.”

Chaneil fhios am bheil a mhàthair beò. Ach bitheadh no na bitheadh, tha misecreidsinn gum be mo dhleasdanas deanamh ris mar a rinn mi. Chaill mise mo mhac bu shinne ann an tìr chéin, mar a tha fhios agaibh, agus tha eagal mòr orm nach robh aire agus ceartas aige mar a dhfheumadh e an uair a bha e ann an galair a bhàis. Shaoilinn nach bithinng a ionndrainn a leith cho mòr nan robh dearbhadh agam gun drinneadh a h-uile rud a ghabhadh deanamh air a shon an uair a bha e tinn. Tha Dia ag ràdh: Gach ni bu mhiann leibh daoine dheanamh dhuibh, deanaibh-se a leithid dhaibhsan mar an ceudna. Fo laimh aChruthifhir, a dhoctair, is sibhse a shàbhail a bheatha.”

Ma labhair no nach do labhair iad an corr mu mdheidhinn, chaneil fhios agam, oir thuit minam chadal. Bha mi anabarrach lag; agus on a bha iad abruidhinn cho iosal air eagal gun dùisgeadh iad mi, agus iad an dùil gun robh minam chadal, shàraicheadh mi afeuchainn ris achomhradh a bha eatorra a leantuinn agus a chumail air chuimhne.

Cha robh mi cho math an oidhchud, no air an ath latha. Cha do thuig mi riamh gus asid gum bheil daoinedeanamh cron mòr an uair a tha iad alabhairt mòran bhriathran ann an seòmar duine a tha glé lag agus tinn.

Beag air bheag thòisich mi ri tighinn air aghart. An deigh don tinneas falbh dhiom bha mi fad iomadh latha glé lag. Bha eagal orm nach fhaighinn mo neart air ais gu bràth.

Cha leigeadh bean-an-taighe leam abheag de bhruidhinn a dheanamh acheud dhà no trì laithean an dèigh don fhiabhrus falbh dhiom, ged a bha fior thoil agam fios fhaotainn mu deidhinn mar a thugadh don taigh mi, agus bha cho iochdmhor agus cho truacantas gun dthug iad ann mi. Thuirt i rium gun robh mi na bu laige na bha mi-fhin acreidsinn, agus nach freagradh mòran bruidhne orm.

An uair a fhuair mi cead o bhean-an-taighe mo naigheachd innseadh, dhinnis mi dhi mu dheidhinn teaghlach mathar, agus a h-uile car mar a dhéirich dhomh on a dhfhalbh mi á taigh mathar. An uair a chuali mar a chuir an companach siubhail a bhagam lion mo mhillidh mu mchasan, ghabh i uamhas, agus thuirt i gur gann a chreideadh duine gun deanadh daoine a ràinig aois a leithid de dhroch dhiol air duine òg mar a bha mise, agus gum faoidteadh a ràdh gun robh mo bhàs air an lamhan, mur be gun do thuit don chìobair a dhol rathad an taighe anns an robh mi ceangailte.

An deigh dhomh éirigh as an leabaidh cha burrainn domh ceum coiseachd a dheanamh acheud latha gun chuideachadh bata. Cha do chreid mi riamh gus asid gun tugadh greis de thinneas neart duine cho buileach air falbh. Bha mi tri seachdainean air mo chois mun dthainig abheag a bfhiach dhe mo neart air ais gam ionnsuidh. Ach an uair a thoisich mi ri fàs laidir, dhaithnichinn cuid gach lathatighinn orm fhin.

Cha be mhain gun robh suim agus curam mòr aig muinntir an taighe dhiom, ach bhan doctair agabhail suim dhiom mar an ceudna. Air lathàraidh an uair a bha micoiseachd air mo shocair air an rathad mhòr mu mhìle air falbh o thaigh an tuathanaich, thachair e rium, agus an uair a thug e orm suidhe rithaobh air bruaich an rathaid, thug e comhairle no dhà orm a rinn feum mòr dhomh gus an lathan diugh. Cha ruig mi leas an ainmeachadh an so, oir chaneil mismaointean gum biodh e iomchuidh dhomh comhairlean diomhair a bheireadh dluth-charaid orm innseadh do dhaoine gu follaiseach.

(Ri leantuinn.)


DONNACHA BAN MAC-AN-T- SAOIR

LE IAIN ROTHACHSAN OBAN.

RUGADH Donnachadh Bàn ann an Druimliaghairt, an Gleannurachaidh, làimh ri màthair-uisge abhuinn Urachaidh, far an robh am bradan tarra-gheal am pailteas; agus mun abhuinn so tha an sean-fhacal ag ràdh:—

Fhads a bhios sneachd air Cruachan
Cha bhi pathadh air Urachaidh.”

S ann do Ghleann-Eite a bhuineadh Clann-an-t- Saoir. Bha e fad mòran lìnnteann a còir aig Clann-an-t- Saoir a bhinan luchd-gleidhidh nam Frìth don Rìgh agus do thighearnan Lathurna. ’S ann an Gleann-nodha a bha an ceann-feadhna, agus tham bàrd ag ràdh,—

“ ’S rìoghail eachdraidh na chualas
Riamh mu dphàirtidh,
S lìonmhor an taic na tha suas diubh,
Nam biodh càs ort:
Tha gach buaidh eile da réir sin,
An Gleann-nodha féin an tàmhachd,
Pìob is bratach is neart aig Seumas,
An ceann-cinnidh nach tréig gu brath sinn.”

Tha seann eachdraidh ag innseadh gur ann mar so a fhuair Clann-an-t- Saoir an ainm: —Bha bàta atighinn á Eirinn don Ghàidhealtachd, agus dhfhalbh aon de na pinneachan aisdes bha coltas air abhàta dol fodha. Chuir aon de na gaisgichòrdag anns an toll agus ghabh e an tuagh agus ghearr e dhethòrdag, agus shàbhail e am bàta; agus an dèigh sin bha a shliochd air an ainmeachadhClann-an-t- Saoir.”

Bha sibh uair gu grinn asèoladh
Air tuinn sàile,
Chaidh tarruing á aon do bhòrda
Druim abhàta,
Leis achabhaig spàrr en òrdag
Siosna àite.
S bhuail e gu teann leis an òrd i,
S ceann di fhàgail.
An onoir a fhuair an saor Sléibhteach,
Leis gach treuntas a dhfhàs ann,
Ghleidheadh fhathasd da shliochd féin i,
A dhaindeoin eucorach gach namhaid.”

Tha e air a ràdh gun robh aig aon àm ceithir cheud teaghlach den chinneadh ann an Gleann-Eite, ach gun deachaidh am fuadach air falbhdhAmerica, agus gun deachaidh an ceann-feadhna maille riu, agus gu bheil oighreachan fhathast anns an dùthaich sin.

An àm bruidhinn air Gleann-Eite, faodaidh ebhi airainmeachadh gu bheil e air a ràdh gun dfhuair Mac Mhaighstir Alasdair a bhean, Sìne Dhòmhnullach, bho Dhail-an-Eas ann an Gleann-Eite; aguss e Mac Mhaighstir Alasdair an aon bhàrd a thig ann an uisge na stiùrach do Dhonnachadh Bàn: agus, mar sin, ’nuair a bheirear a cheud àite do Dhonnachadh Bàn gun toirear an dara h-àite do Mhac Mhaighstir Alasdair; ’s e sin beachd an Oide fhòghluim MacIlle Dhuibh agus sgoileirean ainmeil eile.

S ann anns abhliadhna 1724 a rugadh Donnachadh Bàn. Tha sinn an comain mhòr do Mhr. Uilleam Mac Coinnich an Dùnéideann air son an fhorfhais a thrus e a thatoirt eachdraidh nas mionaideiche nabhagainn mu theaghlach abhàird. Tha coltas follaiseach ann gun robh aig abhàrd triùir mhacSeumas, Pàruig, agus Domhnullagus nighinn, ’n a theaghlach. Bha Anna air a pòsadh ri Doctair Mac Neachdainn àraidh ann an Cill-Fhinn; agus tha fear Mr. MacNeachdainn iar-ogha don bhàrd, fhathast a làthair ann an Dùn-éideann. Cha dfhuair Mr. MacCoinnich a mach sgrìobhadh mu phòsadh abhàird, ach ann an leabhair cuimhne nam baisteadh tha sgrìobhadh a bhuineas gun teagamh do theaghlach abhàird; aguss ann mar so a than sgrìobhadh aseasamh anns an leabhar: —“12th June, 1762, Donald, born to Duncan MacIntyre, fox hunter, Drumliaghairt. ”

Bannsa bhliadhna 1799, ’nuair a bha Donnachadh còig-deug is tri ficheadh bliadhna dhaois, a bha e airfhuasgladh bho naBreadalbane Fencibles; ”agusnuair a bha eg am fàgail, thugadh dha sgrìobhadh mar theisteanas da dheadh chaithe-beatha na h-ùine a bha e leò.

Nuair a dhaonaich e e-fhéin do Fhreiceadan Baile Dhùin-éideann, ghleidh a bhean, Màiri Bhàn Og, bùthan anns anLawn Market; ”agus fhuair am bàrd a leithid de dheadh-ghean bho na h-uachdarains gun dthug iad cead dha mart a chur air feur ann an àite a bhuineadh don Chaisteal.

Tha e air a ràdh nach robh sgoil aig a Bhàrd; faodaidh sin a bhith, ach tha na h-orain eireachdail aige aleigeil fhaicinn gun robh ionnsachadh na bàirde na sgoilearachd chumanta aige; gun robh tàlantan agus buadhannan inntinn



[172]

[Vol . 12. No. 22. p. 4]

agus cridhe aige a bha thar thomhas; agus ged a bha e coltach ri Homer, anns nach dfhuair e cothrom-sgoil’, gun robh e le sìor bheachd-smuaineachadh air obair nàduir an Uile-Chumhachdaich mun cuairt air, bho latha gu latha, afaotainn teagaisg nèamhaidh da anam. Fhuair maisealachd nam beann agus na bha chòmhnuidh orra a leithid de ghreim airs gun robh e air a chomh-éigneachadh na chunnaics na chuala e, a chur ann am briathran a chums gum bitheadh an t-àl a thigeadhn a dhèigh afaotainn sòlas agus buannachd bho na nithibh sin a bhatoirt tlachd agus toilinntinn don bhàrd.

Tha na h-òrain làn de smuaintean domhain agus brìoghmhor; agus air son nam briathran snasmhor agus fileanta anns an do chuir e an cèill glòir agus oirdhearcas nam beann, nan gleann, ’s nan coireachan, agus maise nan damh-donns na h-éildean, cho mhaths na thubhairt e mun bhradan tarra-ghlas agus am breicein, ’s amheanbh-chuileig, tha sinn fo chomain do-labhairt do Dhonnachadh Bàn anns an dìleab luachmhor so a dhfhàg e againn. Cha deachaidh a leithid de bheirteas bhriathran ann an Gàidhlig a chur ri chéile bho làithean Oisiain.

Chaidh an ceud chlò-bhualadh de na h-òrain a chur a mach anns abhliadhna aon mhile, seachd ceud, trì ficheads a h-ochd; agus an dara chlò-bhualadh anns abhliadhna aon mhìle, seachd ceud, ceithir ficheads a deich.

Than gnàth-fhocal ag ràdh— “Chaneil duine gun fhàillinn; ’s chan fheàrr a leabhar na e-fhein.” A nis, chaneil mise so an nochd ag ràdh nach robh fàillinnean ann an Donnachadh Bàn; ach chan ann ris na fàillinnean a tha mo ghnothach aig an àm; their mise, “An duine a tha gun fhàillinn, tilgeadh e acheud chlach!”

Tham Bìoball ag radh mu Rìgh Solamh gun do sgrìobh e mìle agus còig orain, agus gun do labhair e mun t-seudar ann an Lebanon gus an hisop a thig a mach as abhalla. Mar an ceudna sgriobh Donnachadh Bàn mu bheanntan, agus mu bheathaichean na seilg; air craobhan agus air luibhean, air iasg agus air eunlaith, air an t-seillein agus air an amadan-fheòir, agus air an fhigheadair ud, an damhan-allaidh. Ach, a chàirdean, ciod èm maith dhomhsa a bhifeuchainn ri Loch Eite a thaomadh le gob an dreathan-duinn? ’S e sin an coimeas as dlùithe a thatighinn fainear domh ann a bhifeuchainn ri bhi moladh agus atomhas luach òrain Dhonnachaidh Bhàin.

Air aon latha chaidh Donnachadh Bàn do thigh-òsda Mhàm-Charaidh air son dram, agus thug bean-an-tighe a leanabh dha tra bha ise afreasdal. Thubhairt Donnachadhs etoirt di an leanabh air a h-ais:— “Sin do leanabh eireachdail! ’S gu dearbhs fhiach i aire mhath a thoirt oirre: théid a h-iomradh fad agus farsuinn; agus na -chuimhnich gu robh miseg a banaltrachd!” Mar sin, a chàirdean, tha sinn afaicinn gun robh Donnachadh Bànn a fhàidh cho math ri bhin a bhàrd; a chionn, an ceann bhliadhnachan an déigh sinnuair a dhfhàs an leanabh gu bhin a maighdean, fhuair am bàrd iLe pòsadh ceangailton chléir,” agus tha i nis iomraideach feadh an t-saoghail marMhàiri Bhan Og.”

Cho fhads a mhaireas aGhàidhlig mairidhBeinn DòrainagusCoire-Cheathaich:” agus càitebheil facail nas blàithe naMàiri Bhàn Og,” ged nacheil e fhathast air a dheanamh cinnteach con sloinneadh a bha aice. ’Si mo bharail gum bi nighean don Bharan Mac Neachdainn; agus tham bàrd ag ràdh ri Màiri Bhàn òg:—

“ ’S misebha aobhach tfhaotainn mar-rium,
S crodh-laoigh abharain addheigh.”

“ ’S i Màiri Nic-Neachdainn
Is dàicheile pearsa,
Ghabh mìsuiread bheachd ort
Ri neach a tha beò.”

Fòghnaidh sud domh còrr as bliadhna
Chumail snìamh ri nighnn aBharain.”

Chuala mi seann daoine ag ràdh sin; agus ged a tha ceud agus ceithir fichead bliadhna bhon a rugadh Donnachadh Bàn, chaneil an latha aige cho fada air falbh ma smuainicheas sinn gum faca mathair Donnachadh Bàn; agus bha mi alabhairt ri ministear an latha roimhe a thubhairt rium gun do thaghail Donnachadh Bàn agus a bhean air a sheanair-san, a bhan a mhinistear am Bàideanach, agus gun dubhairt am ministear ris abhàrd, “An i so Màiri bhàn òg?” agus fhreagair Donnachadh, “ ’S e sinn a bheil air fhagail dhi!” Bha sin bliadhna no dha mun do chaochail am bàrd. Is maith as fhiach an co-dhùnadh agus amharbh-rann aig abhàrd a leughadh; tha iad aleigeil fhaicinn dhuinn gun robh am bàrd atoirt aire do na nithibh spioradail, agus gun robh e ag earbsa ris an Fhear-Shaoraidh air son sith agus slàinte anaim. Tha e eucomasach domhsa dol gu mionaideach a dhfheuchainn ri bhi meas na h-òrain fa-leth; feumar sin fhàgail gu àm eile; achs fhiach iad uile an leughadh gu bichionta.

Rinn Iain Mac-an-t- Saoir òran-molaidh do Dhonnachadh Bàn. Be so an t-Iain Mac-an-t- Saoir ris an abradh muinntir an ObainCruachan;” agus bha Dòmhnull Mac-an-Aba agus e-fhéin aon latha aig ceidhe Carraig-a- ghràin agus chunnaic Donnachadh Sheana-chinn iad gu h-àrd air bòrd bàta-na-smùide dam bainmBen Nevis.” agus ghlaodh e a mach gum be sud an sealladh gun a leithid, “Cruachanair mullachBen Nevis!”

Nuair a bha Donnachadh Bàn adol feadh na Gaidhealtachd atrusadh ainmeannan luchd-cheannaich air son an leabhar-òran aige, a bha anns an àm ann an làmhan nan clò-bhuailteirean, thachair dha air Di-Sathuirne sònraichte a bhis an Oban, agus acoiseachd dha am measg na sràidean choinnich e Uilleam Dubh Mac-an-t- Saoir. Bha aig Uilleam Dubh soitheach dam bainm anGeorge,” agus bha i aig an àm an acarsaid an Obain. Chaidh an charaid le chéile do Thigh-Clach-a’ -Gheòidh, tigh-òsda a bha aig fear Iain Mac-an-t- Saoir. Bha Iain aig an tigh tra thaghail iad, agus chuir an triùir seachad beagan ùine còmhla. An déigh dhaibh siola no dhà a dhuisge-beatha òl, thubhairt Uilleam Dubh gum bu mhaith leis gun rachadh iad uile air bòrd anGeorge,” agus gun gabhadh iad seòl còmhla.

Bha Iain agus Donnachadh toileach, agus chaidh an triùir air falbh air bòrd; agus cha do dhi-chuimhnich iad botul a dhuisge-beathathoirt leòtha. Sheòl iad a mach am measg nan eileinean, agus bha e anmochs an oidhche mun do phill iad.

Chaidh iad air an ais gu Tigh-Clach-a’ -Gheòidh. Anns an t-seomar far an robh iad ri cadal bha da leapa cas ri cois. Bha na daoine sgith agus cadalach, agus chaidh iad a laidhe. Chaidil Donnachadh Bàn agus Uilleam Dubh ann an aon leaba agus Iain anns an leaba eile.

Bha latha na Sàbaid gu maith air aghaidh mun do dhùisg iad. Be Donnachadh Bàn a dhùisg an toiseach, agus ghlaodh e mach ri càch, “Hofheara! Ciod e an saod a thoirbh an diugh?”

Freagair Iain Mac-an-t- Saoir mar so:—

Cha chuir mi mo chasam bàt
S cha téid mi gu bràth air muir,
Oir leis na dhòl min raoir den dram
Is bochdtha mo cheann an diugh;
Mo mhìle mallachd do Donnachadh Bàn,
S mur as fheàrr do Uilleam Dubh!”

Be sin an t-Iain Mac-an-t- Saoir a rinn an t-òran amoladh Donnachadh Bàn a tha air a thabhairt aig deireadh leabhair Dhonnachaidh Bhàin.

Tha e air a ràdhnuair a sguir Uilleam Dubh de obair na mara, gun do ghabh e-fhéin no h-aon da theaghlach an Tigh-òsda ann an Sràid Dheòrsas an Oban, agus gun deachaidh ainm na soitheich a bhaig Uilleam Dubh, anGeorge,” a thoirt air an tigh. Tha an tigh fhathast ri fhaicinn fon ainm anGeorge Hotel.”

AChleith-Sheanachais mu dheireadh a bhan Earraghàidheil de Bhàird Thuathaich nach buineadh don t-Siorramachd: —Rinn iad an rathad gu tigh-òsda Chùil-Phàil, ann am Meillàird, agus fhuair iad an fhàrdach dhaibh fèin, oir cha robh deasbairs an dùthaich a bheireadh còmhdhail dhoibh. Gu math fortanach do fhear-an-tighe ràinig Donnachadh Bàn Mac-an-t- Saoir o bhràigh Ghlinn-Urchaidh gun aon fhios a bhi aige gun robh leithid dhe sin roimhe. Cha daithnich fear-an-tighe an coigreach, ach dhinnis e dha nach burrainn dha aoidheached na h-oidhche a thoirt dha; gun robh an tigh air a ghabhail a réir gnè an latha le trì bàird gus an tigeadh deasbair a bu mhurraiche na iadsan; gun robh Ailean Buidhe, bàrd na dùthcha, air falbh bhon tigh aig an àm. Lìon an t-òsdair achuach as an t-searrag agus thug e don choigreach i.

Ni i so an gnothach air acheud fhear dhiubh!” ars an coigreach, ’s e tionndadh na lùdaig. “On a tha mi cho fliuch, cuir an rathad a rithist i!”

Rinneadh i sa a thràghadh leis na fadail, “Ni i sb an gnothach; fàgaidh sinn am fear eile anns abhuil. Leig fhaicinn an dorus!”

Bfhearr leam na bhagamthoirt dhuit na gun nàraicheadh tun dùthaich,” fhreagair fear-an-tighe; “fuirichidh sinn gus am pill Ailean Buidhe.”

Tha mo chasan rùisgte, ceum nas fhaide cha téid gus an toir mi còmhdhail do na coigrich!”

Ghrad dhfhosgail Donnachadh an dorus, ach bifhàilt o phrìomh-fhear na cuideachd, “Seas air ais gus an cluinn sinn do rann!”

An sin thubhairt Donnachadh:—

Innsidh mise dhuibh mo rann
Mar mhaide caman cuail.
Mas direach leibh cuiribh ann,
S mas cam leibh cumaibh uaibh!”

Cha dfhreagradh a rann anns an tìm shuidhichte, agus thubhairt Donnachadh

Ged a chuireadh na bàird thuathach
An cinn chruaidh ri chéil’,
Bheirinn orra le eagalbhi
Gaolach air eaba a chéil’ .”

Air so thog na suinn an giobaill-uisge, agus dhfhàg iad Tigh Chuil-Phàil aig Donnachadh Bàn nan òran.

Air oidhche eile bha doctair àraidh agus mhaor ann an tigh-òsda Chùil-Phàilnuair a ràinig Donnachadhs a chaidh e stigh don t-seomar far an robh iad asuidhe aig abhord le pailteas de bhiadh agus de dheoch fan comhair. ’Nuair a dhaithnich an doctair agus an mhaor bhaca, chuir iad fàilt air, agus thairg iad aoidheachd chàirdeil dha.

An déigh dhaibh a bhig òl le cridhealas an cuideachd a chéile gus an robh e gu math anmochs an oidhche, dhéirich Donnachadh Bàn agus thubhairt e ris an fheadhainn eile gum biomchuidh dha-san a dhol da leabaidh, oir gun robh aige ri bhi tràth air a choiss amhadainn. Dìreach mar a bham bàrd afosgladh dorus an t-seòmar, thubhairt aon de na maoir ris— “Nis, a



[173]

[Vol . 12. No. 22. p. 5]

Dhonnachaidh, chan fhalbh thu gus an dean thu rann dhuinn!”

Sheas am bàrd aig an dorus air son tiota, agus an sin thubhairt e:—

S iomadh rud a chunnaic mi riamh,
Is tha mi liath an déighbhi bàn;
Ioghnadh a chunnaic mi an raoir,
mhaor an tigh Chùil-Phàil;
Bha mhaor agus doctair,
S bhan triùir air an daorach mhisg,
S chan iarr mi dhathchuingen domhain
Ach mo chumail bhon iochd!”

Tha na naigheachdan a leanas air an innseadh ann an caochladh dhòigh a réirs mar a bha iad air an aithris, ach tha aon phong annta as fhiach ar n-aire; aguss i sin, gun do choinnich mac Mhaighstir Alasdair agus Donnachadh Ban, agus gun robh iad eòlach air a chéile.

Bha Mac Mhaighstir Alasdair aig faidhir a bham baile aGhearasdain, agusnuair a chuala e gun robh Donnachadh Bàn an sin mar an ceudna, dhiarr e gun comharraicheadh cuideigin Donnachadh Bàn a mach dha. Thubhairt fear dhiubh ris, “Am faic thu am fear ud atighinn a nuas aig creagan aGhearasdains a cheann bho na guaillibh nas àirde nachompanach? Sin agaibh Donnachadh Bàn!”

Chaidh Mac Mhaighstir Alasdair far an robh Donnachadh agus thubhairt e ris, “An tusa a rinnBeinn Dòrain?”

Cha mhise a rinn Beinn Dòrain,” arsa Donnachadh; “ ’s e Dia a rinn Beinn Dòrain an àms an drinneadh an còrr de na beanntainnean, ach thug mise oidheirp air a moladh!”

Aig faidhir eile a bha ann an Gleann-urachaidh bha Donnachadh Bàn ag iarraidh air Iain Caimbeul aBhanca dlighe-a’ -bhàird air son an òran-molaidh a rinn e dha. Thubhairt Iain Caimbeul ris nach burrainn da an còrr a dheanamh ach a mholadh. “U! nach urrainn?” arsa Donnachadh, agus an sin thòisich e air rannan-diomolaidh a dheanamh. So mar a thòisich e:—

Iain Chaimbeul abhanca,
Gum faicinn thu slàn,
Le dchurrain is le dchàl
S le dbhuutàta gun fheòil;
S tu marcaich an t-sean-eich
As bramanta ceum
Le dshrathairs le dchléibh
Atoirt dhachaidh nam moin’,
Maide-crom air a dhroll.”

Thug Iain Caimbeul air sgur, agus rinn e a dhlighe ris abhàrd.

Tha e airinnseadh gun robh Mac Mhaighstir Alasdair air latha aig Tighchreagain, Taobh-Loch-àtha, agus chunnaic e-fhein agus an fheadhainn a bha leis aig taobh an locha, bàta atarruing dlù don àite far an robh iadn an seasamh. Cha robh ach aon duine anns abhàta còmhla ri gillean-aiseig. Thubhairt fear a bhabruidhinn ri Mac Mhaighstir Alasdair, “Than duine ud a thas abhàta glé choltach ri Donnachadh Bàn nan Oran!” ’Nuair a ràinig am bàta far an robh iad, ghlaodh Mac Mhaighstir Alasdair a mach, “ as àirde air abhàta so?”

Tha, an crann, ’nuair a bhitheas en a sheasamh!” fhreagair Donnachadh, oir besan a bhann.

Chan e sin a tha mi aciallachadh,” thubhairt Mac Mhaighstir Alasdair, “ ’sann a tha mi aciallachadh as maighstir oirre?”

Tha, an stiùir,” thubhairt Donnachadh, “nuair a bhitheas i oirre!”

Nuair a fhuair iad air tir, thug an gille Donnachadh Bàn leis do thighathar a chur seachad na h-oidhche. Thug bean-an-tighe dhaibh buntàta-pronn gun suipeir. Bhan gille ag itheadh gu dian togarrach, agus thubhairt Donnachadh ris— “Is math a luchdaicheas tu, ’ille!”

Seadh,” arsan gille, “chaneil an uchdach ach goirid!”

Ciamar a tham buntàta a còrdadh ruibh?” dhfhaighnich bean-an-tighe.

Bhitheadh e duilich a thoileachadh, am fear nach còrdadh am buntàta ris,” fhreagair Donnachadh; “am fear leis am bu mhaith leis pronn e, gheibheadh e pronn e, agus am fear leis am bu mhaith leis cnapach e, gheibheadh e cnapach e!” “Nach sibhse Donnachadh Bàn nan òran? thubhairt ise.

“ ’S mi,” thubhairt esan.

Nach sibhse a rinnBeinn Dòrain? ’” dhfhaighnich i.

Ut, ut, cha mhi, cha mhi! Cha drinn mise riamh meall cho àluinn ri sin, ach thug mi ruith-mholaidh oirre!” thubhairt Donnachadh.

Obh, òbh!” arsise, “ ’s truagh nach robh an theanga agaibh.”

Ma-ta,” arsesan, “ ’nam bitheadh an chànain anns abhun athagam, dheanadh en gnothach!”

Tha teudan agus freumhan anns aGhàidheal nach bean agus nach gluais canain ach aGhàidhlig. Nach math dhuinn gur e ar sochair coinneamhan agus ceilidhean a bhi againn air son na Gàidhlig a chumail a suas, agus gum faod sinn a bhi leughadh agus aseinn orain Dhonnachaidh Bhain agus a bhi cridheil càirdeil gun ni de dheoch-làidir a bhi againn a chur ar ceann troimh chéiles ar teangannan gu bhi alabhairt gu breisleachail. Mar sin deanamaid air dleasnas ri cuimhe Dhonnachaidh Bhàin leis gach uile oidheirp a thabhairt air son na Gàidhlig a ghleidheadh a suas, agus leis a bhi feuchainn ri tuille eòlas fhaotainn air Donnachadh Bàn, a chums gun téid leabhar ùr deòrain agus debheatha a chur a mach air son buannachd na Gàidhlig. Thachair dhomh a bhi madainn bho cheannghoirid ann an garbh-chriochan uachdrach Ghlinn-Urachaidh, agus bha aghrian adearsadh le boillsgeadh blàth air gach monadh is srath, afoillseachadh maisealachd agus mòralachd nam beann. Bha sneachd cho trom air na mullaichean agus gun robh na féidh ri fhaicinn agluasad a sìos ri ìochdar nam beann far an robh fasgadh ann am preasalachd coille, agus feur ùr. Thug sinam chuimhne an sean-fhocal, “Meallaidh am biadh fiadh na beinne.” Chunnaic mi sin Righ na Frìthe lechròic eireachdail afàgail na coille-bige is atarruing a sìos ris an allt, agus thàinig an sean-fhacal am aire,

Diomol achoille, ’s na fàg i;
Mol an lom-thir, ’s na ruig i.

Cha burrainn domh ach beachd-smuaineachadh air an t-sealladh anabarrach a bha ri fhaicinn air gach taobh; gach beann lechòta de shneachd fior-ghlan, mar gum bitheadh gach aon deasaichte ann an aodach-bainnse, agus Beinn Dòrainn am meadhon mar Bhean-na-bainnse ann an sròltaibh geala, lemaighdeanan, ’s an culaidhean adeàrsadh air gach taobh; agus tolman cruinn àrd air a chòmhdachadh le sneachd mar gum be bonnach-bainnse deas air a shiùcarachadh geal air son cuirm-bainnse nam Beann.

Chaidh mo dhùsgadh as abheachd-smuaineachadh so le feadaig chruaidh bho lon-dubh ann am preas-sheilich a bha làimh-rium; aguss e so, mar gum beadh, na thubhairt an lon-dubh:— “An ann ag iarraidh naigheachd mu Dhonnachadh Bàn a tha thu? Mas ann, cum do shùil air damh na cròic, agus éisd le cluais ealamh. Tha sibhses an Oban asmuainteachadh gu bheil sibh fad air aghart; ach fada roimh latha Dhonnachaidh Bhàin bha againne còmhradh-dealanaich gun fheum air sreangannan-stàilinn. Eisd a nis;” agus dhéisd mi, agus thàinig a nall thar an t-srath mar gum bitheadh srann gaoith ìosal.

S e, ann an seadh, a thubhairt an Damh-donn:— “Bu mhath a baithne domhsa Donnachadh Bàn. Be roghadh an t-sealgair a bhann, agus ged a bha e dian oirnne air son ar marbhadh, ’s fada bhon a thug sinn maitheanas dha, a chionn gun do mhol e ar cinneadh agus na beanntan far an robh sinn a chòmhnuidh; agus tha sinn ag ionndrainn nan ceileir binn a bha air am freagairt le mac-talla nan creagnuair bha Donnachadh Bàn aseinn nan òrain air Buachaill’ -Eite agus Beinn-Dòrain. Leig dhomh cagar a churad chluais. Mas math le Comunn Gàidhealach Lathurna cuimhne a ghleidheil air Donnachadh Bàn, bitheadh iad, anns acheud àite, gun tuille moille atrusadh gach sgeul a ghabhas faotainn mun Bhàrd. Mur greas sibh oirbh bithidh am Fogharadh seachad.

Anns an dara h-àite: cruinnicheadh iad leabhraichean Gàidhlig ann an àite far am bi cothrom air an leughadh. ’S aithne dhòmhsa fear-cinnidh don bhàrd aig am bheil dòrlach de sheann leabhraichean Gàidhlig deas air son co-chruinneachadh den t-seòrsa.

“ ’S an treas àite: togadh iad Tigh-neònachais an cuimhne aBhàird. Ni sin àite-coinneachaidh air son Comunn Gàidhealach Lathurna, agus àite-tasgaidh air son seudan a bhuineadh don Bhàrd. Tha mi dearbhta gum bheil mòran de Chloinn-an-t- Saoir agus de Ghàidheil eile, a bheireadh cuideachadh air son leabhraichean Gàidhlig agus nithean iongantach a bhuineadh don Ghàidhealtachd a chruinneachadh ann an Tigh-neònachaiss an Oban Lathurnach. Tha mi dearbhta mar an ceudna gum feuchadh an t-àrd sàr-fhear, Dùghall MacIsaaic, air greim fhaotainn air a ghunna dom bainmNic Coiseam,’ agus an spors an stàilinn a bhaig aBhàrd. aig am bheil fios na nithean iongantach eile a ghabhadh trusadh!

Anns an àite mu dheireadh: Na di-chuimhnichibh Faidhreinean matha a thabhairt do na Maighstirean-sgoile air Di-Luain-an-t- Sainnseil, na maighstirean-sgoile a tha adeanamh an dleasnas ris aGhàidhlig a theagasg anns na sgoiltibh.” —Oban Times.


Bha fear Domhnull Gillios air a ghlacadh aig Orangedales air a thoirt air ais do Shidni air amharus gun do ghoid e da uaireadair is deise aodaich bho fhear eile bhasan aon tigh ris aig Dominion No.l. Thugadh fa chomhair a Bhreitheamh Dodd e, agus an sin roghnaich e bhi air fheuchainn aig cùirt-mhor an t-samhraidh.

Tha na h-acarsaidean, na lochans na h-aibhnichean a nis saor o dheigh, agus an ùine ghoirid bidh soithichean is bàtaichean afalbh gu siubhlach. Bhrist an deigh air acarsaid Shidni mun fhicheadamh latha, agus rinneadh na bàtàichean ullamh gu toiseachadh ri ruith an aiseig, ach thainig beagan den deigh mhoir a stigh, ’s tha iad gu ruige so air an cumail nan tàmh air taille sin. Tha cuibhrichean a gheamhraidh mu dheireadh thall air am bristeadh, agus chan fhada gus am bi nàdar uile acur suas culaidh an t-samhraidh.

Tha an cruithneachd an dràsda sia sentichean deuga am buiseal nas daoire na bha e mun àm so an uiridh. Tha pris an fhlùir a reir. Chan eil teagamh nach ben cogadh a dhaobharaich sin. Bha dùil aig na ceannaichean gum biodh Ruisia is Iapan ag iarraidh moran bidh a cheannach air choinneamh a chogaidh. Gu ruige so cha do cheannaich dùthaich seach dùthaich moran cruithneachd. Tha Ruisia atogail aghràin sin gu pailt an taobh a stigh decriochan fein; agus chan e cruithneachd as biadh do mhuinntir Iapan, achrice .An ceann ràidh eile, tha daoine an dòchas gum bi an cruithneachd, am flùrs an t-aran cho saors a bha iad an uiridh.



[174]

[Vol . 12. No. 22. p. 6]

Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL XIX.

NOBHEMBER 1Chuir mi suas mo thent aig bonn creige, agus chaidil mi ann an oidhchud. Rinn mi e cho mors a burrainn domh, agus chuir mi puist anns an talamh gus ahamac a chrochadh orra.

Nobh. 2Chuir mi na cisteachan agus na buird, agus na maidean eile a bhagam anns an rath mor-thimchioll air an tent gus mi-fhin a dhion o chunnart, agus bhachallaid so beagan an taobh a staigh dhe na criochan a chomharraich mi gus aite-daingnichte a dheanamh dhomh fhin.

Nobh. 3Chaidh mimach anns amhadainn le mo ghunna agus mharbh mi da eun coltach ri tunnagan, agus bha iad gle mhath rin itheadh. Air an fheasgar thoisich mi deanamh bord-beidh dhomh fhin.

Nobh. 4Anns amhadainn so thoisich mi suidheachadh mar a roinninn an uine a thaobh a bhithfalbh leis aghunna, a thaobh na h-uine a chuirinn seachadnam leabaidh, agus a thaobh na h-uine a chuirinn seachadnam thamh agusg am thoileachadh fhin. Bann mar so a shuidhich mi gun deanainn: Bha mi ri dhol am mach traths a mhadainn le mo ghunna fad a dha no tri de dhuairean an uaireadair, nam biodh an turadh ann; bha mina dheigh sin gu bhithg obair gu aon-uair-deug; bha mi an sin gus mo bhiadh a ghabhail; agus o dha-uair-dheug gu da uair feasgar bha mi gus mi-fhin a leigeadhnam shineadh anns an leabaidh agus greis chadail a dheanamh; oir be so am teas an latha, agus cha burrainn domh obair a dheanamh. Agusna dheigh sin bha mi gu bhithg obair gus an tigeadh am feasgar anamoch. Be an obair a bhagam an latha so agus air an ath latha a bhithdeanamh bord-beidh dhomh fhin. Cha robh mi suas ri obair dhen t-seorsa aig an am, ach ri uine thainig mi gu bhithnam dheadh fhear-ceirde, mar, tha micreidsinn, a dhfhaodadh fear sam bith a bhith a leagadh inntinn air obair a dheanamh.

Nobh. 5Chaidh mimach air amhadainn so le mghunnas le mchu, agus mharbh mi cat-fiadhaich. Bha craicionn briadhair, ach cha robh feum sam bithna fheoil. A h-uile creutair a bha mi marbhadh bha mi toirt dheth achraicinn agusg a dheasachadh gus a ghleidheadh. Thainig mi air ais rathad achladaich, agus chunnaic mi iomadh seorsa de dheoin-mhara, ach cha robh fhios agam ciod na h-ainmeannan a bhorra. Ach bha ioghnadh orm, agus cha mhor nach robh eagal orm, an uair a chunnaic mi a dha no tri de roin. An uair a bha mibeachdachadh orra agus gun fhios agam gu ro mhath ciod na creutairean a bhannta, chuiriad car dhiubh am mach air amhuir, agus theich iad orm air an turus ud.

Nobh. 6An deigh dhomh a bhith air falbh le mo ghunna anns amhadainn, thoisich mi ri obair air abhord, agus ged a chuir mi crioch air cha robh mi toilichte leis; ach ann an uine gun bhith fada dhionnsaich mi a dheanamh na bfhearr.

Nobh. 7A nis thoisich an t-side ri fas gu math. Chuir mi seachad an seachdamh, an t-ochdamh, an naoghamh, an deicheamh, agus dara latha deug (oir be an t-aonamh latha deug Di-domhnaich); gu buileach adeanamh na cathrach. Agus an deigh moran saoithreach thug mi gu rudeiginn de chumadh e, ged nach robh mi riaraichte leis. Agus an uair a bha mig a deanamh thug mi as a cheile e caochladh uairean.

Faodaidh mi ainmeachadh an so nach robh mi fada gun dearmad a dheanamh air Di-domhnaich a chumail air cuimhne; oir, air dhomh dearmad a dheanamh air an latha chomharrachadh mar bu choir dhomh air amhaide a chuir mina sheasamh air son an aobhair, cha robh fhios agam co e Di-domhnaich seach lathaile dhen t-seachdain.

Nobh. 13Bhan t-uisge mor ann fad an latha so. Thug so urachadh mor dhomh, agus thug e fionnarachadh don talamh. Ach bha tairneinnich is dealanaich uamhasach ann, agus chuir iad eagal mor orm. Bha eagal orm gun rachadh mo chuid fudair gu leirna theine. An uair a sguir na dealanaichs na tairneinich ann chuir mi romham gun cuirinn mo chuid fudair gu leir ann am bocsan beaga, a chum nach biodh e ann an cunnart.

Nobh. 14, 15, 16Fad nan tri latha so bha mideanamh bhocasan beaga a ghabhadh mu phunnd no da phunnd fudair. An uair a chuir mi am fudar anns na bocasan so, chuir mi iad ann an aite cho sabhailtes a burrainn domh, agus air eagal gun eireadh beud dhaibh cha do chuir mi faisge air a cheile iad idir. Air aon de na laithean so mharbh mi eun mor a bha gle mhath riitheadh, ach cha robh fhios agam ciod an seorsabhann.

Nobh. 17Air an latha so thoisich ri cladhach anns achreig air cul an tent, gus aite freagarrach a dheanamh gus gach ni nach robh fo dhion ceart agam a chur ann.

Faodaidh mi ainmeachddh gun robh tri rudan ann a bha dhith orm, agus a bhiodh anabarrach feumail dhomh nan robh iad agam, agus be sin piocaid, agus sluasaid, agus barra-roth, no bascaid. Mar so sguir dhen obair, agus thoisich mi ri smaointean cia mar a rachadh agam air na rudan ud a dheanamh.

An aite piocaid bha mig obair leis agheimhleig, agus ged a bha i car trom ri h-obrachadh, bha mideanamh feum math leatha. Ach be an ath rud a bha dhith orm sluasaid no spaid. Cha robh e comasach dhomh a bheag a dhobair a dheanamh as an aonais, ach cha robh fhios agam cia mar a dheanainn aon seach aon dhiubh.

Nobh. 18Air an ath latha an uair a bha mi air feadh na coille thachair craobh orm ris an canadh iad ann am Brasil, achraobh iaruinn, a chionn gur e fiodh anabarrach cruaidh a bhinnte. Le mor-shaothair chaidh agam air sgonn a ghearradh as achraoibh so, agus cha mhor nach do mhill mi an tuadh mun do ghearr mi i. Agus bhan sgonn so cho troms gur ann acheart air eiginn a thug mi dhachaidh e.

Leis cho fior chruaidhs a bham fiodh, agus le cion innealan freagarrach, thug mi uine mhor air deanamh na sluasaid. Ach chaidh agam mu dheireadh air a deanamh, eadar chois is cheann, coltach ris na sluasaidean ann an Sasunn. Ach o nach tobh iarunn air an fhaobhar aice, cha do mhair i gle fhada. Air a shon sin bha i gle fheumail dhomh air son na h-obrach a bhagam ri dheanamh leatha. Ach tha micreidsinn nach fhacas a leithid de shluasaid riamh, agus nach mo a thugadh uine cho fad air te dhiubh a dheanamh. An deigh an t-sluasaid a dheanamh, bha mi ann am feum bascaid no bara-roth, gus an uirs na clachan a bha micladhach fon chreig a thoirt air falbh. Cha burrainn domh bascaid a dheanamh air chor sam bith, o nach robh slatagan agam a ghabhadh lubadh; co dhiubh cha robh fhios agam aig an am gun robh iad rim faotainn.

Agus a thaobh abhara-roth bha mismaointean gun rachadh agam air a dheanamh gu leir ach an roth. Cha burrainn domh a smaointean cia mar a thoisichinn ri deanamh roth. A bharrachd air so, cha robh rathad agam air suilean iaruinn anns an ruitheadh cinn an aiseil a bha agam ri chur anns an roth, agus air an aobhar sin sguir mi de dheanamh abhara-roth. Ach gus an uir a bha micladhach as an uamhaidh a thoirt air falbh, rinn mi rud ris an canar amar-aoil, mar a bhios aig luchd oibre atarruinn aoil gu clachairean.

Cha robh e cho doirbh dhomh an t-amar-aoil a dheanamhs a than t-sluasaid. Ach chaidh mi ceithir latha eadar a bhithg a dheanamh agus deanamh na sluasaid, agus an oidhirp a thug mi air bara-roth a dheanamh, tha miciallachadh achuid sin dhe na laithean a bha micur air leith air son obrach. Bha min comhnuidh afalbh sgriob le mo ghunna a h-uile madainn, agus bainneamh leam tilleadh dhachaidh gun rudeiginn agam a dhithinn.

Nobh. 23Fhads a bha mideanamh nan innealan a dhainmich mi bhan obair eile a bhagamna tamh, ach cho luaths a bha iad deiseil, thoisich mi ri obair a h-uile latha cho maths a leigeadh mo neart agus an uine leam. Chosg mi ochd latha deug adeanamh na h-uamha domhain agus farsuinn a chum gum biodh farsuinneachd gu leor, agus gus a h-uile rud a bhuineadh dhomh a ghleidheadh.

Fad na h-uine so gu leir rinn mi an uamha cho farsuinns gun robh seomar-gleidhidh, agus citsin, agus seomar-beidh, agus seilleir agam innte. Mar bu trice bha mifuireach anns an tent. Ach an uair a bhiodh am fliuch na bliadhnann, bhiodh an t-uisge cho troms nach burrainn domh mi-fhin a chumail tioram. Thug so ormna dheigh sid cabair fhada a chur as mo chionn, agus an tubhadh gu math le feur fada agus duilleach nan craobh.

Dec. 10Bha mi nis asmaointean gun robh an uamha deiseil. Ach tha e coltach gun drinn mi ro mhor i, oir thuit moran dhen talamh as amhullach aice, agus on dara taobh dhi. Agus, rud nach robhna ioghnadh, chuir so eagal mor orm; oir nan do thachair don uir so tuiteam air mo mhuin, bhithinn air mo thiodhlacadh beo.

An deigh don tubaist so tachairt, bha obair mhor agam an uirs na clachan a thoirt am mach as an uamhaidh, agus bfheudar dhomh puist a chur fo mhullach na h-uamha gus a cumail gun tuiteam buileach mu mcheann.

Dec. 11Thoisich mi ri obair gus an uamha dheanamh tearuinte. Ghearr mi puist fhreagarraeh anns achoille. Chuir mi da shreith dhiubhnan seasamh direach, agus buird tarsuinn eadar an cinn agus mullach na h-uamha. Chriochnaich mi so air an ath latha. Agus chuir mi tuilleadh phostachan suas air an doigh cheudna, agus an ceann seachdain bhan uamha tearuinte gu leor agam. Agus on a bha na puistnan sreithean direach, bha comas agam air talla a dheanamh eadar a h-uile seomar.

Dec. 17On latha so gus am ficheadamh latha, bha micur sgeilpeannan anns na seomraichean, agus bha micur thairnean anns na puist gus rudan a chrochadh orra; agus a nis bha maite-comhnuidh ann an rud-eiginn de dhordugh.

Dec. 10Thug mi nis a h-uile rud don uamhaidh, agus thoisich mi ri innsreadh a chur innte. Rinn mi seorsa de dhreser gus mo bhiadh a chur air. Rinn mi bord-beidh eile; ach bha am fiodh freagarrach air a shon air fas gann.

Dec. 24Bhan t-uisge mor ann fad an lathas na h-oidhche, agus cha deachaidh mi mach air dorus.

Dec. 25Bhan t-uisgesileadh fad an latha.

Dec 26Bhan turadh ann, agus bhan talamh na bfhionnaire na bha e roimhe, agus moran na bu taitniche.

(Ri leantuinn).



[175]

[Vol . 12. No. 22. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal,

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Tha Mo Run air aGhille.

Tha mo rùn air aghille,
S e mo dhùrachd gan tig thu;
S mi gun siùbhladh leat am fireach
Fo shile nam fuar-bheann.

Oidhche shamhraidh dhomhs mim ònar,
Nam burrainn domh gun deanainn òran,
S truagh, a rìgh, nach robh mi pòsd
Air òigear achùil dualaich!

O, gur e mo cheist an t-òigear,
Fear chùil duinns an leadain bhòidhich;
S mi gun siùbhladh leat thar meòlais,
Ged than còta ruadh ort.

S mor a thug mighaol don fhiùran,
Tha mach a teaghlach Chill-Iùnduinn;
Sealgair fhiadh thum beinn abhùiridh,
S eilid lùth nan luath-chas.

Ged tha blàth na bricadaodann,
Cha do lughdaich sud mo ghaol ort;
S mi gun siubhladh leat an saoghal,
Nan saoilinn do bhuannachd.

Phosainn thu dhaindeoin mo chàirdean,
Gun toil mathar, no mo mhàthar;
Iain saor a tha mig àireamh,
Bhons e chnàmh aghruag dhiom.

Than Nollaig atighn as ùr oirnn,
Ged a tha, gur beag mo shùrd rith’;
M fear nach fagadh anns achùil mi,
Air chul nan tonn uaine!

S beag a shaoilinn féin an uiridh
Gun tréigeadh tu mi cho buileach;
Mar gun tilgeadh craobh a duilleach,
Dhfhàs thu uman suarach.


Cumha

Do Mhaggie Ghunn a dheug amBroad Cove,agus mar gum bepiuthar a dheanadh e.

LE TEARLACH MAC FHIONGHAIN.

AIR FONN— “Cumha Chloinn Ghriogair.”

Cha dean mi gàiréibhinn,
An àm éirigh no laidhe.

Tha mo shùil fo na deuraibh,
On a thréig thu mi, ’Mhaggie.

Tha min comhnuidh ga dionndrain,
S chaneil sùgradh air maire.

Tha mo chridhe ro bhrònach,
S tha mim ònar a cadal.

Cha bhith dàitair a lionadh,
S cha dean tìm do thoirt dhachaidh.

Tha thughaol ann ad shìneadh,
An anairt lìn air do phasgadh.

Thug an t-earrach thu bhuainn,
S cha toir earrach nuadh thu air tais dhuinn.

S e chuir uisgair mo chluasaig,
Gur annsan uaigh tha thun tasgaidh.

Bha thu sonruichtmeasg sluagh,
Is bha thu uasal an cleachdadh.

Bu leat urram na tire
Ann ad linns ann ad latha;

Is chan fhacas riamh gruaim ort,
Ged bhiodh i tuath air na beannan.

Bha e soilleir o dghluasad
Nach bu bhuan thu air thalamh:

Nach robh thu ann ach air chuairt,
S gur ann shuas bha do dhachaidh.

O, a Bhàis, na dean uaill,
Ged thug thu bhuamsa na bhagam.

O, a Bhàis, lean do bhuaidh,
Is on a fhuair thu i gabh i.

Ach thig an lathas chan ioghnadh
S an caill thu tiochdarain fhathast;

Is chan fhaic thu gu siorruidh
Do rian mar a bhagad.

An nochd cha dean mi gàiréibhinn,
An àm éirigh no laidhe.


Dhfhalbh Mo Leannan Fein.

LE NIGHEAN FHIR IONAIR-SGATHADAIL.

SEISD
Dhfhalbh mo leannan féin,
Dhfhalbh mo chéile lurach;
Misneach mhath na dhéigh,
Dhomhsa béiginn fuireach.

Chunnaic misthun
Tearnadh leis abhruthach;
Bha mo shùil addhéigh,
Ged a bfheudar fuireach.

Meudail am fear donn
Thogadh fonn le furan,
Deas a falbh nan stùc,
Chuireadh smùid a gunna.

S e mo cheist an t-òigear,
Fear achòta bhreacain;
S truagh nach robh sinn còmhla,
S againn còir air fearann.

Dhfhalbh mi leat an
Ceum a sios am Muilionn,
Thug mi dhut mo phòg,
S shil mo dheòir le mulad.

S misethair mo leonadh,
On a sheol thu thairis;
Nuair a gheibh thu thall
Sgriobh a nall do bheannachd.

Nan tigeadh tu, a rùin,
Chum do dhùthaich a rithist,
Rachainn leat a nùll,
Ged bhiodh triùir ga mthilleadh.

On a rinn thu seoladh
Air long mhor nan crannaibh,
Tha mo chridhe bronach,
S chaneil ceol air maire.

S mise tha gu cràiteach,
On la dhfhàg thum baile,
S mi mar uan gun mhàthair,
Ged is nàirdhomh aithris.

S mise tha gu tùrsach,
S tric mo shùil a sileadh,
O nach faic mi thu
S abhliadhnùr atighinn.


Oran aBhaitsealeir.

Tionndaidh nis a nall is éisd,
Tionndaidh, tionndaidh, ’s gabh gu feum,
S na dean-sa mar a rinn mi fhéin;
Thoir a measg nan caileagan.

Tha misen so an diugh leam fhéin,
Gun agam ni a ni dhomh feum,
Gun mhart, gun each, gun bheathach spréidh,
Gun chearc, gun gheadh, gun tunnagan.

Snuair a bha mi am ghillòg,
Bha caoraich agams crodh gu leor;
Co theireadh rium an sin ri mbheo
Gum faicinn la cho muladach.

Mo mhallachd aig an fhear gu bràth,
Nach tagh a bheannuair bhios e tràth,
Gun fheitheamh gus an tig an ,
No bithidh e bàitle cunnartan.

S beag a shaoil min laithean moig
Gum bithinn-sa gun neart, gun treoir,
Gun bhean, gun mhac, gun neach am choir
A bheireadh dhomhsa comhfhurtachd.

Chaill min storas, chaill min treud,
Cha dfhuair min te bha mi na déigh,
S an te a gheibhinns thug dhomh spéis
Thug mi le eucoir car aisde.

Is dhinnis mise nis mar bha,
S O, gabhaidh rabhadh uamsa tràth,
S mas toigh leat thoir dhi do làmh,
S gu bràth na bi ad bhaitsealeir!

Tha sinn an comain Dhonnchaidh Dhomhnullaich ann am Montreal air son an orain so. Le cion rùm chan urrainn duinn na h-orain eile a chursa MHAC-TALLA gus an ath àireamh. Tha an t-oranSìne Chalum Bhàin,” le Niall Mac Leoid, ri fhaotainn anClàrsach an Doire.”


Iadsan a Phaidh.

Raonaid B Nic Amhlaidh, Sidni
Raibeart Barclay, Sidni
Domhnull Domhnullach, Glace Bay
Mrs Floiri Nic Gillinnein, Gillander ’s Mtn.
Ruairidh Mac Philip, Loch Lomond
Ciorstaidh A Gillios, Dunbheagain
R A Domhnullach, Long Island Main
Cailean Caimbeul, an Amhainn Mheadhonach
D I Mac Neill, Johnstown
Raoghall A Gillios, Broad Cove Chapel
Seumas I Mac Gilleathain, Glen Morrison
Domhnull I Domhnullach, Gabarus Lake
An t-Urr Iain MacFhionghain, Albert Bridge
Calum I Cuimein, Orangedale
Iain F Siosal, Siudaig
Seonaid C Caimbeul, S . W. Port Hood
Seumas Domhnullach, Ch ’town, P.E. I.
Am Breitheamh Domhnullach, Ch ’town, P.E. I.
Iain Mac Suain, Ch ’town, P.E. I.
Aeneas Domhnullach, Ch ’town, P.E. I.
Eoghan Stiubhart, Ch ’town, P.E. I.
Iain A Blue, Little Sands, P.E. I.
An t-Urr A M Sinclair, Belfast , P.E. I.
Iain Mac Calamain, Point Prim, P.E. I.
Alasdair W Mathanach, Gleann Uilleam
Donnachadh Domhnullach, Montreal , Que.
Tormad Moireasdan, Peveril , Que.
An t-Easbuig Domhnullach, Alexandria , Ont.
Iain D Mac Gillemhaoil, Dunbheagain, Ont.
Martainn Mac-a- Phearsain, Mendocino , Cal.
I S Ros, Cleona, Cal.
Seonaid Nic Gillinein, Taunton , Mass.
E N Domhnullach, Roxbury , Mass.
Mor Dhomhnullach, Boston , Mass.
Domhnull Moraidh, Northcote , Minn
Domhnull Calder, Butte , Mont
A M Dùghallach, Portsmouth , N. H.
Tearlach M Sinclair, Providence , R. I.
Amhlaidh Mac Gilleathain, Glasacho, Alba
Iain N Mac Leoid, Steornabhagh, Alba
An t-Urr M Mac Gillinein, Dunéidionn


Posadh.

Aig Amhainn nam Bradan, air an 12mh den Ghiblin, leis an Urr. C. Caimbeul, Domhnull Mac Fhionghain a mhuinntir an aite sin agus Mairi Anna Mhoireasdan a Port Morien. Na h-uile soirbheachadh leis a chàraid og.


Ceannaich ri gréin is creic ri coinneil.

Cha be am fear a reiceadh achearc ris an fhliuch.

Cha ben t-uisge nach ruitheadh ach am muileann nach bleitheadh.

Cha bhi cuimhne air an aran ach fhadsa mhaireas es an sgòrnan.

Cha bhi meas air an tobar gus an traogh e.

Cha bhi meas air an t-slàinte gus an tig an euslaint’.

Chu bhi piseach air suirighe na Sàbaid.

Cha biongantach leinn ach lionn air banais achait.

Cha chuir bean-tighe ghlic na h-uighean uile fo aon chirc.

Cha chuirinn mo bheul anns an lite nach olainn.

Cha ghabhadh sin iongantasan uaisle gun chasan.

Chaneil lochd sam bith an cridhe a bhios a gabhail orain.



[176]

[Vol . 12. No. 22. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Thill, gun do Thill thu, Bhlackie

LE MAIRI NIC-EALAIR.

FONN— “Theid is gun teid i leam.”

S coma a thig no théid leinn,
Bhon a thill thu féin, a Bhlackie.

Thill, gun do thill thu ruinn,
Thill, gnn do thill thu dhachaidh;
Thill, gun do thill thu ruinn.

Caraid’ ’s fear-tagraidh nan Gàidheal,
Mo chuis-mhànrain thu bhi fallain.

S ged a bha thu anns an Eiphit
Gum be déibhneasbhis na gleannaibh.

Bannsa leatbhin Allt-na- Craige*
Nas an Eadailtebhi dbharan.

Bannsa leat am fàile caoin
A thig on roid, on fhraoch, ’s on chanach,

No ged bhiodh tun gàradh cùbhraidh
Spiosraidhs tùis an dùthaich daineoil.

S binn an ceol leat fuaim na tuinne
A bhuaileas ri Muile abharraich;

S gaoithean samhraidhtighinn le cronan
Bho ghlinn ard na mor-bheinn bheannaich.

Mile beannachd! fhir mo ghaoil thu!
S mi tha aobhach thu bhi dhachaidh.

S binn an naigheachd leis na Gaidheil
Thuthighinn sàbhailtas gach carraid.

Togar bratach, séidear pioban,
Lionar piosan a bhios barrach.

S coma a thig no théid leinn,
Bhon a thill thu féin, a Bhlackie.

* Far an robh tigh samhraidh aig Professor Blackie dluth don Oban.


Iain Stiubhart Blackie.

LE NIALL MAC LEOID.

An dfhàg thu sinn, a laoich nam buadh?
Cha chluinn sinn tuilleadh fuaim do bheòil,
Chan fhaic sinn tuilleadh taghaidh shuairc,
Mar ghrian gun ghruain am measg an t-slòigh!

Ghearradh achraobh bu torach blàth,
S a dhàraich iomadh meanglan òg,
Bu taitneach leam a bhi fosgàil,
S mo chàil afaotainn brigh a lòin.

A Ghàidhlig aosdas binne guth,
Cuir ort an diugh do chulaidh bhròin;
S tfhear-tagraidh treun bu mhaiseach cruth,
Gun cheòl gun chruit gu balbh fon fhòid!

Sheas e gu duineil thu mar sgiath,
Le chainnts le ghniomh adion do chliù,
S do Chathair shuidhich e gu fial,
Nach leig do ghlòir an cian-sair chùl.

A ghlinns a bheanntan tìr mo ghràidh,
Than ceò air tàmh umaibh fo sprochd;
Chan fhaic sibh tuilleadh sùil abhàird
Adearrsadh oirbh bho àirdnan cnoc!

Cha chluinn sibh tuilleadh fuinn a chiùil,
Aseinn gu sunndach feadh nan glac;
Bu tric e cuartachadh bhur stùc,
S ag àrdachadh bhur cliù le tlachd.

A chlann mo dhùthcha is mo shluaigh,
Tha latha gruamach oirnn air teachd,
Than gaisgeach treun fo ghlais na h-uaigh,
A sheasadh leinn ri uair aghleachd!

Sàr Albannach gun cheilg gun fhoill,
Bu mhùirneach e mucloinns mucliù,
S bidh cuimhnis ainm an laoich le loinn,
Mar dhaoimean lainnireachn a crùn.

Gach buaidh tha uasal, maiseach, àrd,
Le eòlas laidir agus glìc;
Bha sin le irisleachd is gràdh,
Mar theaghlach blàth atàmh fo chrios.

Gach sòlas do tanam, a thriath,
Ruith thu gu sgiamhach, glan do réis,
Bu chliùiteach, taitneach, riamh do thriall,
S tha sinne cianail as do dhéigh!


Litir onChiaran Mabach

Chunnaic mi ann an de litrichean Peigidh Phabach iomradh air a dheanamh air Donnachadh Mac Cuithein, ris an cainte mar bu trice Donnachadh Ruadh. Tha cuimhne mhath agam air Donnachadh còirduine treun, socair. Is iomadh duan is òran a rinn e. Tha cuimhne agam air beagan rannan de dhaon aca. Anns an àm sonuair a bhiodh na tuathanaich a réiteach an fhearainn bhiodh iad a deanamh càrnain de na clachan. Bha aon diu so gu math mor, air clìreadh Dhonnachaidh. Chaidh sgeul mun cuairt, an uair a bhiodh a ghealach na h-àirde gum biteadhfaicinn cailleach aig a chàrnan. Bha mar an ceudna caraid aig Donnachadh air an robh e glé mheasail, ris an canadh iad Iain mac Colla. Tharruing e esan a steachsan òran. Bheir mi dhuibh na bheil agam dheth an dòchas gun toir cuideiginn an còrr deth dhuibh. Bha rathad aithghearr don bhaile-mhor dlùth air taigh Dhonnachaidhbu tric le daoine a bhith gabhail agus so far am faca e an cunnart don chloinn a bhiodh a tighinn bhon bhaile:—

An cuala sibh mu chailleach achàrnain,
S nach faicear air fàire i gu àirde na gealaich.

LUINNEAG.
S cunnartach don chloinnbhios a tighinn on bhaile,
Ma theid i nan caoimhneas cha bhi iad fallain.

An uair a thig na faoillichs am fuachd as na craobhan,
Bidh in tigh an t-saoir, oir tha e daonnan falamh.

Iain mac Collan còmhnuidh bidh edeanamh òran,
S leibideach an dòigh dhabhi deanamh spòrs air caillich.

Agus mar gum freagradh Iain mac Colla :—

Donnachadh le ròlaist bidh edeanamh òran,
S nuair a thig Mac Leòid gum faigh e stòl gun ghainne.

Dhonnachaidh na biodh ortsa gruaman cha bhi suidhe suas ort,
On rinn a chailleach thruagh ud sinn fhuadach on rathad.

Nam baithne dhomhsa Gàilig a sgriobhadh cho math ri cuid cha bhiodh MAC-TALLA gun litir bhuam uair is uair; oir nuair a gheibh mi e, ’se cheud sùil a bheir mi fiach am bheil litir ann o chuideiginn, ’s ma thasecheud earrann a leughas mi dheth.

AN CIARAN MABACH.
Baile an Iaruinn, April 19, ’04.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


Tha sinn
A CREIC A MACH AR STOC IOMLAN
de dh
Airneiss de Bhrait-Urlair
air na chosd iad.
Gordon & Keith,
A. T. Grant, Manager
350 Sraid Shearlot, Sidni, C. B.


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain asùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 22
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 22. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page