[177]

[Vol . 12. No. 23. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 13, 1904. No. 23.


Tha tuathanaich Mhanitobas an Iar-Thuath an teis-meadhon na curachd. Mar a thachair an taobh so fhein, bhan t-earrach na banmoiche na bàbhaist, ach tha iad a dhaindeoin sin ag amharc air-son deagh bhuain. Tha an grunnd ann an deagh shuidheachadh, an ùir cho taiss nach cuir i feum air uisge gu ceann dha no tri sheachduinean.


Thainig 11,824 de luchd-imrich do Chanada air a mhios a dhfhalbh: —6,698 á Sasunn, 2,280 á Alba, 485 á Eirinn, agus 2,260 á duthchannan céin. Is math a bhi faicinn gur Breatunnaich an àireamh as den luchd-imrich a tha tighinn don duthaich, agus gu bheil i faighinn cuibhrionn nach beag eadhon de shalann na talmhainnsliochd na h-Alba.


Anns na ceithir bliadhna bho thoiseach Aprail 1900 gu toiseach Aprail 1904, bha tri cheud gu leth bàs le sgiorradh ann an siorrachd Cheap Breatunn. Bha tri fichead dhiu sinsa bhliadhna 1902, agus leth-cheuds a dha an uiridh. Bha a mhor chuid de na bàis sin mu thogail na h-obair-iaruinn agus anns na mèinnean guail. Bha moran dhiu gun teagamh a dhfhaodte sheachnadh le bhi cleachdadh barrachd faicill.


Than Seanair Wark, anceud-bhliadhnach,” ann an Ottawa a gabhail pàirt an cùisean-riaghlaidh na dùthcha mar tha càch. Air an t-seachduin roimhn sa chaidh thug na Seanairean mar ghibht dha a dhealbh fein, air a tarruinn gu h-eireachdail le dealbhadair ainmeil, agus chuir ceannardan na da phàirtidhsan da thigh fàilte air os leth luchd na pàrlamaid gu h-iomlan. Anns an òraid a rinn am Priomhair, Sir Wilfrid Laurier, thug e iomradh air a ghealladh a than co-cheangal ris an àithne, “Thoir urram do tathair agus do dmhàthair,” ag radh gu robh iad ri thuigsinn o bhuainead làithean Mhr. Wark gu robh e na bhalachan math an àm na h-òige, agus air mhòdh sònruichte dleasanach ri phàrantan.


Riamh on chaidh Dawson a shuidheachadh, tha na paipeirean-naidheachd atoirt iomraidh air cho rianails cho òrdails a bham baile sin air a chumail an coimeas ri bailtean dhen t-seòrsa cheudna a tha rim faotainn an dùthchannan eile. ’Se bu phriomh aobhar dha sin gun teagamh gu robh e fon bhrataich Bhreatunnaich, suaicheantas a tha anns gach àitem faicear e aciallachadh ùmhlachd do lagh cuide ri saorsas ceartas. Ach chithear ann an litir an Ard-bhàillidh Dhomhnullaich, a gheibhear air taobh eile den MHAC-TALLA so, gu robh aobhar eile ann air Dawson a bhi faighinn cliù cho mor. ’Sen t-aobhar sin gu robh sluagh abhaile gu ruige so cho glics gun do thagh iad Gaidheil mar àrd-bhàillidhean. Ged a chitheadh iad iomchuidh an deigh so daoine de shloinneadh eile a chur nan àite, bu dàna leinne radh gun imicheadh a chlius a dheagh bheus on bhaile, oir is tric le deagh oibre dhaoine mairsinn an deigh dhaibh fein siubhal; ach chan urrainn duinn a chleith gu bheil uaill oirnn mar Bhreatunnaichs mar Ghàidheil gu bheil Dawson fo chliu cho mor. Agus tha sinn cinnteach nach teid an cliu sin an lughad ach am meud fhads a chumar air ceann a riaghlaidh Gàidheal a fhuair a bhreith is àrach air eilein Ceap Breatuinn, Gàidhealtachd Chanada.


Thug Iapan dha no tri de bhuillean troma do Ruisia an da sheachduin a dhfhalbh. Air a cheud den Mhàigh chuireadh blàr mor air tìr aig an Abhainn Yalu, anns an deachaidh còrr is tri cheud deug de na Ruiseinich a mharbhadh agus sia no seachd a cheudaa de na h-Iapanaich. ’S in Abhainn Yalu a chrioch eadar Corea agus Manchuria; bham blàr air a chur air a bruaich a tuath. Air an treas den mhios chaidh aig cabhlach Iapan, an deigh caochladh ionnsaidhean, air beul acarsaid Phort Arthur a dhunadh cho buileachs nach faigh soitheach a mach no stigh. Air an t-siathamh latha chaidh buidhnean de h-arm Iapan a chur air tir an ceithir no coig a dhàiteachan faisg air Port Arthur. Ghabh iad seilbh air an rathad-iaruinn a tha ruith dhionnsuidh a bhaile sin, ’ga ghearradh air falbh o chuideachadh sam bith. Cuiridh iad a nis gun teagamh séisd ris. Thatar ag iomradh gu bheil na Ruiseinich cheana a smuideadh nan soithichean-cogaidh a thacas an acarsaid sin as a cheiles adeanamh deiseil gus teicheadh as a bhaile gun dàil. Tha nise tri miosan on chaidh acheud bhuille bhualadhsa chogadh, agus gu ruige so tha bhuaidh gu h-iomlan aig Iapan. Tha e gach la a fàs nas soilleire nach drinn Ruisia ullachadh ceart air a shonnach robh duil aice ri cogadh idir. Tha na h-Iapanaich an deigh cliu mor a chosnadh dhaibh fein, chan ann a mhàin mar luchd-cogaidh ach mar dhaoine iochdmhor, truacanta. De na priosanaich a bhair an glacadh leò tha iad agabhail deagh churam, agus cha chualas gu ruige so a bhi cur an-iochd no droch dhiol sam bith as an leth. Mur tig atharrachadh mor air cuisean an uine ghearr bidh guth laidir aig Iapan an deigh so ann an comhairle nan rioghachdan.


Mar as eòlaiche tha daoinefàs air Righ Iomhars ann as tha iad agabhail de mheas air. On thainig e dhionnsuidh achruin tha e air caochladh dhòighean a leigeil ris gu bheil gleusdachd is tuigse aige a tha deanamh feum mor don Iompaireachd. ’S ann dha thatar atoirt an urraim air-son a chòrdaidh a rinneadh o chionn ghoirid eadar Breatunn is an Fhraing, agus tha daoine cheanag amharc ris air-son sìth a dheanamh eadar Ruisia is Iapan. Achs i bhuaidh bu mhò a thug e mach gu ruige so mar a choisinn e deagh-ghean mhuinntir na h-Eirinn. Ged than duthaich sin o chionn cheudan bliadhna fon aon riaghladh ri Breatunn tha a sluagh gus an la an diugh ag amharc air Sasunn mar dhuthaich chéins ag altrum naimhdeis da luchd-riaghlaidh. Aireamh mhath bhliadhnachan air ais, nuair nach robh Iomhar ach na phrionnsa, chaidh e ghabhail cuairt troimh Eirinn, agus ann an cearna no dha cha bin fhàilte bfhearr a chuireadh air. Ann an Corc, thug an sluagh as a dheigh leis na clachans leis gach spitheig a thigeadh deiseil gun laimh, agus ben geard a bha gachuartachadh a chum e o bhi air a dhochann na bu mhò na rinneadh air le uinnein a bhuailsan t-sroin e. On thainig e gu bhi narigh bha esan eilein uaine turus no dha, agus an àite naimhdeas a nochdadh dha, ’s ann than sluagh a leigeil fhaicinn nach eil dad nam beachd dha ach càirdeas is comunn is gaol. Thatar a toirt a chliu sin gu h-iomlan dha fein. Na labhairts na ghluasad tha e cur an géill gu bheil làn earbsa aige nan dìlseachd. Chan fhuiling e geard no luchd-faire bhi gachuairteachadh nuair theid e dan duthaich, ’s theid e machs a steach am measg bhochd is bheairteach, ìslean is uaislean, gun sgàth, gun eagal. Tha cridheachan blàtha na h-Eirinn air tàille sin air an cìsneachadh, agus chan eil iad ag amharc air an diugh mar phrionnsa coimheach ach mar an righ dligheach fein. Faodaidh Iomhar cliu mor a chosnadh mar fhear deanamh na sìthe eadar dhuthchannan céin, ach na dhuthaich feins en cliu as s as fhaide mhaireas dha gun do tharruinn e muinntir na h-Eirinn ga ionnsaidh feins gun dfhàg e iad na bu riaraichte na bha iad riamh roimhe len crannchur mar iochdarain Bhreatunnach.


Paidh am Maighstir-sgoile.

(Blue Banner. )

Cha bhi achloinn ach dall mur a faigh iad sgoil. Tha cuimhne agam, nuair a bha mi mu dheich bliadhna dhaois, gu faca mi ann an leabhar an tigh mathar na briathran bochda so:—

Bha na Gaidheil ro aineolach, dall,
Bha ionnsachadh gann nam measg.”

Bheachdaich mi orra agus chuir iad fo mhor mhulad mi. Cha robh annam ach balach beag, ach bha beagan sgoile agam. Fhuair mi pàirt dhe sin an ceann tigh mathar aig maighstir-sgoile cliùiteach, Tearlach Mac-Mhanainn, a tha nis na eildear ann an comhthional Shidni-a- Tuath, agus pàirt eile ann an tigh-sgoile làmh ruinn o dheagh mhaighstir-sgoile eile, Tormod Mac Ionmhuinn, nach maireann. Achs e bha cur truas orm daoine mora an Gàidhealtachd na h-Alba a bhi nan daoine dalla le cion sgoile, agus mar sin air an cumail fodha le daoine eile nach robh idir cho math riutha fhein. Tharruing e deòir o mo shuilean.

Ach a nis, a chàirdean ionmhuinn, tha moran thaighean-sgoile duinte againn an



[178]

[Vol . 12. No. 23. p. 2]

diugh an eilean Cheap Breatunn, agus saoilidh mi gu faic mi réiseamaidean de chloinn bheag nan seasamh aig na dorsan duinte sin agus abualadh air son faighinn a stigh agus ag ràdh: “Leigibh a stigh sinn air eagal gum bi sinn aineolach, dall, ’us ionnsachadh gannn ar measg. Tha sinn fhathast beag, ach, a dhuine, tha sinn bòidheach, cridheil, dàimheil, ciallach, gealltanachus tuigseach; agus chan fhada gus am bi sinn mor. Mur a faigh sinn sgoil bidh e gle dhoirbh dhuinn eirigh gu suidheachadh àrd sam bith, ’san eaglais nosan duthaich. Gun sgoil tha e buailteach gum bi moran dhinnnar seirbhisich aig muinntir eile nach bi idir cho math ruinn fhìn. Nach fosgail sibh dhuinn an taigh-sgoile?”

Ach chan ann an nasgaidh a gheibhear maighstir-sgoile.. Ciod, mata, a ni sinn ris a chloinne? Tha maighstirean-sgoile ag iarraidh tuarasdal nis motha na bàbhaist dhaibh, agus tha sin ceart gu leòr. Tha daoine eile ag iarraidh tuarasdal nis motha na bàbhaist. Tha cuid a so agearradh guail, nach deachaidh gu dad a chosguis ag ionnsachadh an dreuchd, agus ni iad gu tric coig dollair ann an latha gun iad fhein a sharachadh gle mhor. Tha cosguis mhor air maighstirean-sgoile ag ionnsachadh an dreuchd, agus tha e iomchuidh gum biodh an deagh mhaighstir-sgoil air a dheagh phaidheadh.

Feuchadh gach neach againn, mata, gu dìleas ri tuarasdal freagarrach a dheanamh suas air son maighstirean-sgoile; agus ma ni sinn sin, agus gu faigh sinn cuideachadh mar is còir á pòcaidean ionmhais na siorrachd agus na mor-roinn, cha leig sinn a leas a bhi fada gun na dorsan dùinte ud fhosgladh.

D. DOMHNULLACH.
Strathlathuirne.


Naidheachdan.

Tha a bhreac ann an cóig taighean air Intervale Mhargaree. Bha an easlaint air faighinn gu math air adhart mun dfhuaireadh a mach gum bi bhreac a bhann. Tha muinntir nan taighean sin a nis air an cumail air leths gach curam air a ghabhail dhiu an dòchas gum faighear cur as don easlaint gun i dhfhaighinn nas fhaide.

Chaochail Sir Eanruic M. Stanley ann an Lunnuinn maduinn Di-mairt sa chaidh, aig aois tri fichead is tri bliadhna. Thainig ainm air tns fa chomhair an t-saoghail nuair chaidh e do theis-meadhoin Africa a shireadh Dhaibhidh Mhic-an-Léigh. Rinneadh Ridire dhethsa bhliadhna 1899, Bha e na bhall den phàrlamaid Bhreatunnaich bho 1895 gu 1900. Sgriobh e grunnd leabhraichean ainmeil mu dheidhinn Africa.

Tha aon duine brònach an diugh anGlace Bay. Chuala sinn uile mun t-soitheach-chogaidhMainea bha air a cur na smuid ann an acarsaid Havana. Am measg nam beagan nithean a bhair bòrd an t-soithich sin a chaidh a shàbhaladh bha beagan bhrioscaidean. Chaidh na brioscaidean cuide ris gach ni eile a cheannach le daoine bha deidheil air rudan annasach dhe gach seòrsa. Fhuair aon de dhofaigich Cuideachd a Ghuail greim air te dhius phàidh e air a son ceuds tri ficheads coig dolair dheug ( $175 .00). An la roimhe thug e bhrioscaid luachmhor so leis don ofais air-son a sealltuinn do aon no dithis de chàirdean. Bha saoir aig an àm so ag obairsan ofais, agus air do shealbhadair na brioscaide dhol a mach thainig fear de na saoir a stigh. Chunnaic ebhrioscaid, ’s ma chunnaic cha bfhada thug e gacur thar a chìoch-shlugain, far nach gabhten còrr ioghnaidh dhi. Tha fear na brioscaid a nis air tòir an t-saoir, ach ma tha e cho marbhteachs a tha e cho maoidhteach tha sinn an dòchas nach beir e air. Chan ann a h-uile latha gheibh duine greim bidh a chosd uiread sud a dhairgiod.

Chuir Deòrsa Marsh ann an Campbelton, N. B. geall ri fear eile gun òladh e sia gloineachan de dhuisge-beatha an taobh stigh de chairteal na h-uarach. Chaidh aige air sin a dheanamh ach beagan an deigh dha an siathamh gloine chur sios thuit e marbh. Choisinn e an geall ach chaill e a bheatha.

Tha mèinn Dominion No.1 a nise tioram, agus air dòigh no dha ann an suidheachadh nas fhearr na bha i riamh. Tha ceithir miosan deuga air dhol seachad on chaidh i na teines a bfheudar a lionadh le uisge air-son an teine chur as. Bhatar aon uair an duil gum biodh a mhèinn air a cur o fheum gu buileach, ach cha robh an duil sin ceart. Air an t-samhradh so thatar ag radh gum bi e comasach eadar da mhile gu leth is tri mile tunna guail a chur a mach aisde gach latha.

Leis na tuiltean a bhair an aobharachadh le leaghadh an t-sneachda air na beanntan, bha dam muillne air a bristeadh air an Abhainn Fhrangaich, St. Anns, agus ceithir cheud loga air an giulan air falbh leis an t-sruth. Tha an call air a mheas aig ochd ceud gu leth dolair. Bhuineadh an dama do Thòmas Domhnullach. Thachair an ceart ni do dhama bhair a h-ur thogail le Tormad Mathanach aigBreton Cove,acur call mor air feins air muinntir na duthcha mun cuairt.

Tha Maighstir Raonull Domhnullach, sagart Ghlace Bay, air tilleadh dhachaidh an deigh dha bhi anns an Ròimh agus air chuairt ghoirid troimh chearnan eile den Roinn-Eòrpa. Chuir muinntir a pharraist fàilte chridheil air an oidhche rainig e dhachaidh, oidhche Di-sathuirne sa chaidh. —An oidhche sin fhein thainig an t-Olla D. A. Siosal, sagart Shidni Tuath, dhachaidh, an deigh dha an geamhradh a chur seachad ann am Florida air-son a shlàinte. Chuir a chuairt don tìr chubhraidh, bhlàth sin gu math am feobhas e.

Seachduin gus a bhòn-de, chuir bean Eanruic Jesso, anGlace Bay,crioch air a beatha fein. Bha i bhar a dòigh o chionn beagan mhios, ach cha robh curam sam bith air a càirdean gun cuireadh i làmh na beatha. Feasgar an latha so chaidh i da seòmar ag radh gu robh toil aice cadals ag iarraidh nach cuirte dragh oirre. Nuair thainig a fear dhachaidh ghabh en t-eagal nach robh cuisean ceart. Chaidh e stigh don t-seòmar agus fhuair e a bhean marbh air an urlar, a sgòrnan air a ghearradh, agus ràsar fosgailte faisg air a làimh.

Tha muinntir Sidni Tuath isSydney Minesfeumach air tighean-eiridinn, agus tha iad a feuchainn ri aontachadh mu aon tigh mor a chur suas an àite dha nas lugha. Bha coinneamh aig comhairlichean is dotairean an da bhaile air an t-seachduin sa chaidh, ach cha dthainig iad gu còrdadh. Faodaidh e bhith gun soirbhich leotha aig an ath choinneamh. Than da bhaile cho faisg air a cheiles nach teid moran bhliadhnachan seachad gus am fàs iad nan aon. Tha iad air an aobhar sin toileach air gach dublachadh cosdais den t-seorsa so a sheachnadh ma ghabhas e deanamh.

Thàinig seòladairean bhar soitheach iasgaich Frangach air tir ann an Louisburg air an t-seachduin sa chaidh, agus ghoid iad coig no sia de chaoraich is beagan chearc o dhithis thuathanach a tha fuireach an cois a chladaich. Chaidh an soitheach air an robh iad an deigh sin a stigh do Shidni Tuath, agus an sin chuireadh ceartas air tòir nan ciontach. Tha sinn a creidsinn nach eil eagal sam bith air daoine gun beothaich so an t-seann aimhreit eadar an Fhraing is Breatunn, ged chaidh iad roimhe so gu cogadh air-son aobhar bu lugha, mar a thachair nuair a ghabh righ na Fraingeachailleachmar ainm air righ Shasuinn.


Bas.

Ann an New York air an naodhamh la fichead de dhApril, Iain Fearghasdan, aig aois cóig bliadhndeug air fhichead. Bha a chorp air a thoirt dhachaidh guCaribou Marsh,agus bha e air a thiodhlacadh ri taobhathar ann an cladhMarion Bridgeair a cheathramh dhen mhios so. Dhfhàg e mathair, sianar bhràithean is ceathrar pheathraichean as a dhéigh acaoidh mac is bràthair caoimhneil, gràdhach, a bha fo mhor mheas aig gach neach a chur eolas air.


Litir a Albainn.

FHIR MO CHRIDHE,— ’S éiginn dhomh feuchainn ri sgrìobag a chur thugad a dhinnseadh dhuit gum bheil mi beo fhathasd ged a tha tacan bho nach cuala tu bhuam. Ged as nàr ri ìnnseadh e, ’s gann gum bheil mi asgrìobhabh facal Gàidhligs an t-saoghail so ach am beagan a tha mi curg a dionnsuidh fhéin, agus leis a sin tha mi air fàs car leisg air dolan greim. Tha mi amach á cleachdadh gu h-olc. Mur a bhi MAC-TALLA tha eagal orm nach cuirinn facal idir dhi air paipear bho cheann gu ceann den bhliadhna.

Bidh Gàidheil aig an tigh agus thairis toilichtechluinntinn gum bheil an oidheirp ùr a thatar atoirt air carragh cuimhneachain a chur suas aig uaigh an Lighiche Mhic Lachainn a nis air bheul tighinn gu buil. leis nach bu mhiann clach a chur an càrn an Doctair Ruaidhdoctair nam bochdus nam feumach! Càiten diugh am faighear lighiche a bheir seachad sgil agus cungaidheanan nasgaidh mar a dheanadh esan! Chaneil iad idir ann. Tha na h-òrains na duanagan aige air an cunntas am measg na bàrdachd as mìlse a chaidh a chur ra cheile bho linn Uilleam Rois. Chuala sinn iomadh duine atoirt iomradh air Doctair Rathuaidheagus as ainneamh oidhche gheamhraidh nach toirear tarruing air, air aon dòigh no dòigh eile, ann an tighean na céilidh anns na Garbh Chrìochanach, cha chuala mi a h-aon riamh alabhairt uime ach le gràdh, le uaill agus le cliù. Tha an t-Urramach D. Mac Phàrlain, ministear na Marairne, an déigh airgiod a thional air son carragh grinn a chursuas dha ann an cladh na Cille, agus tha mi a cluinntinn gum bheil achlachcheana air a snaidheadh agus nach fada gus an cuirear air a bonn i. As iomadh naigheachd gasda a tha air aithris ma thimchioll an Lighiche Mhic Lachainn. Bu mhaith agus bfheumail an obair do chuid-éiginn a burrainn an ùine a sheachnadh iad so a thional agus a chur amach maille ris na h-òrain aige. Tha na h-òrain, an ceart-uair, amach á clòdh.

Ged as iomadh atharrachadh a thainig air aGhàidhealtachd bho cheann leth-cheud no tri-fichead bliadhna than dròbhaireachd, mar cheird, amairsinn, ach beag, cho farumachs a bha i riamh. Bha eagal air móran dhaoine gun tugadh naroupana tha anis air fàs cho lìonmhor, a bhuille-bhàis dhi; ach, cha do thachair sin fhathasd. Cha bu mhaith leam fhéin an lathafhaicinn anns nach biodh an dròbhair còir agabhail sgrìob troimhn dùthaich, an tràsda agus a rithisd, acur seirm bho thuathanaich agus acur meas air ainmhidhnean. ’S e daonnan meadhoin an Earraich àm cho trangs a tha aig an drobhair, ’chionn, ’s e sin an t-àm gu ceannach nan gamhna. Ledheise chluthar de chlòdh Gàidhealach agus lebhreacan glas thar a ghuala tha esiubhal bho mhoch gu dubh bho chlachan gu clachan, acònsachadhs acath-labhairt gun stad mu phrìsean bheathaichean. ’S in t-seann riaghailt nacheil na gamhna ribhi air an togail air falbh gu Bealltuinn ged a tha iad air an ceannach mu Fhéill Pàruig. Tha aig an tuathanach rim biadhadhs ri cùram a ghabhail dhiubh gus an téid an liubhairt. Than dròbhair mar as trice aseasamh gach féillus faidhir, ged as gann gur fhiach dha sin a dheanamh. Tha naroupanan déigh na seorsa mhargaidhnean so a mhilleadh cho mér agus nacheil annta ach an rud a dhfhalbh. Théid iomadh linn fhathast seachad mun sguir an dròbhair de bhigabhail cuairtean bho am gu am ameasg tuath na Gàidhealtachd; agus, tha mo chead aige! So mar a dhaithnichear deagha ghamhainn:—



[179]

[Vol . 12. No. 23. p. 3]

Am bronnach Geamhraidh
S an seang Earraich.”

Ach

Ceann morus amhach chaol,
Aogasg na droch ghamhna.”

Tha leabhar no dha a chòrdas ris gach fìor Ghàidheal an ceart-uair anns na beairtean. Tha an t-Urramach Dòmhnull MacIlleathain, ministear Dhiùirinis, trang asgrìobhadh eachdraidh litreachas na Gàidhlig. Chaneil leabhar a chaidh a chur amach riamh anns achànain aosda air nach bi iomradh air a thoirt. Chan e so a cheud non dara h-oidheirp a chaidh a thoirt air mion-chunntas a thoirt seachad air litreachas Tir nam Beann; ach, cho fhads as fhiosrach mi chaneil moran an diugh beo as eolaiche air sgrìobhaidhnean Gàidhlig, sean no ùr, na Mr. MacIlleathain. ’S gann gun gabh leabhar Gàidhlig ainmeachadh nacheil ri fhaighinnan taobh astigh den fhàrdaich aoidheil aige.

Tha Faclair Gaidhlig le dealbhang a cur amach le Mr. E. Dòmhnullach, ’an Kent; agus, tha cóig earrannan den leabharcheana ullamh. Tha an obair air a stéidheachadh air an fhaclair aig Mac Leoids an Deorach, ach, a bharrachd air a sin tha i agabhail a stigh na facail Ghàidhlig uile a tha anns gach faclair Gàidhlig air am bheil iomradh. Chan e sin a mhain, ach tha Mr. Domhnullach acur namproofsuile gu Gàidheil a tha gu math a suas ri sgrìobhadh na seann chànainmar a tha an t-Urramach Iain Mac Ruairidh, Mr. Calum Mac Phàrlain, “Fionnagus cóignear no seathnar eile. Théid móran fhacal a chruinneachadh air an dòigh so nach robh ann am faclair riamh roimhe. Tha na dealbhan grinn, snasail, agus tha an clòdh-bhualadh air a dheanamh gu glan, soillear air paipear làmh-dheantaan Albainn. Buaidhus soirbheachadh air Mr. Dòmhnullach!

Bha geamhradh agus Earrach anabarrach ciùin, fosgailte againntoilichte, araon do dhuine agus do ainmhidh. Slan leat aig an àm.

Do charaid dìleas,
A. MAC E.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL XI.

MAR is trice tha na meirlich glé ghleusda, ach iomadh uair tha iad adeanamh dearmaid air falach a chur air nithean a dhfhaodadh a bhithna mhàthair-aobhair air an glacadh. Gu fortanach dhomhsa, agus gu mi-fhortanach don triuir robaireanagus chan urrainn mi ainm as fhearr a thoirt orracha do chuir iad falach air an olc a rinn iad cho maths a dhfhaodadh iad a dheanamh.

An uair a cheangail iad mi, thug iad an leabhar-pòcaid á pòc-achlais na peiteig agam, agus chan fhoghnadh sin leotha ach thug iad á pocaid na briogais am beagan de dhairgiod pronn a bhagam.

An déigh dhaibh a dhol astar math air falbh thug iad na notaichean as mo leabhar-pocaid, agus air eagal gun rachadh an glacadh, agus gum faighteadh aca e, thilg iad am mach air an amhainn e far am bu bhraise a bhan sruth. Gun teagamh sam bith bha iad an dùil gun rachadh e fodha, agus nach fhaicteadh gu bràth tuilleadh e.

Is cinnteach gun deachaidh e fodha, ach thug sruth làidir na h-aimhne sios air astar mòr e, on a thachair gun robh tuil mhòr anns an amhainn aig an àm. Am meadhain a ghabh iad gus falach a chur air an olc a rinn iad be sid acheart mheadhain tre an dthainig an t-olc gu follais. Tha e air innseadh dhuinn ann am facal Dhé nacheil ni sam bith falaichte nach foillsichear, no uaigneach nach tig gu follais.

An uair a thill Fear Bhaile-nan-Slochd on mharagadh an déigh dha an spréidh a reic air prìs cho maths a fhuair e riamh, thaghail e air fear an taigh-òsda anns an dfhàg e mise, agus dhfheòraich e mu mdheidhinn. Dhinnis fear an taigh-òsda dha gun dfhalbh mi gu ruige Struidhleidh ann an cuideachd duine air an robh coltas caoimhneil agus earbsach, agus thuirt e gun robh e cinnteach gun ruiginn mo cheann-uidhe gu sàbhailte.

An déidh dha an oidhche a chur seachad anns an taigh-òsda dhfhalbh e gu math mochs amhadainn, agus thug e aghaidh air Struidhleidh. Bha toil aige a charaid ann an Struidhleidh, a dhionnsuidh an dthug e dhomhsa litir, ’fhaicinn. Agus bha toil aige misfhaicinn mar an ceudna, a chum gum faigheadh e mach cia mar a bha mi, agus cia mar a bhan obair a fhuaradh dhomh acòrdadh rium; oir bu mhath leis fios a thoirt do mathairs do mmhàthair an uair a ruigeadh e dhachaidh cia mar a bha gnothaichean adol leam.

Le treòrachadh dhaoine a bhatachairt ris air an rathad, ghabh e aithghearrachd no dhà; oir bha toil aige an t-astar a churna dhéigh ann an ùine cho goirids a ghabhadh deanamh.

Chaidh e tarsuinn air amhainn no dhà gun dragh gun chunnart sam bith; oir bhan t-each glas glé eolach air a dhol troimh fhaoghlaicheans troimh aimhnichean, ’s troimh mhonaidhean àrda garbha, agus bha e-fheinna mharcaiche cho maths a bha rilathas rilinn. Mu dheireadh ràinig e amhainn mhòr, agus ghabh e eagal nach rachadh aige air faighinn thairis oirre; oir bha na bruaichean aice cho cass nach robh e furasda dha tearnadh leotha eadhoin ged a thigeadh e bhar muin an eich. Agus a bharrachd air asin bha sruth na h-aimhne cho bras agus cho làidirs gun robh eagal air gun tugadh e an t-each bhar a chas. Mur faigheadh e seachad oirre, bha eagal air gum feumadh e tilleadh air achois-cheum cheudna.

An uair a bha e ann an iomacheist mu dheidhinn ciod bu chòir dha dheanamh, thug e an aire do dhuine air leith-oir amhonaidh. Mharcaich e far an robh an duine, agus dhfheoraich e dheth an robh àth no drochaid air an amhainn faisge air laimh. Thuirt an duine ris e dhol sios mu mhìle ri bruaich na h-aimhne, agus gum biodh e furasda gu leor dha a dhol tarsuinn oirre, ma bhan t-each eòlach air grunnachadh aimhnichean.

Mharcaich e sios ri bruaich na h-aimhne mar a dhiarr an duinair gus an dràinig e àite anns an robh an amhainn gu math leithinn, agus a bruaichean gu math iosal. Bha i mòran na bu doimhne na bha en dùil, agus mun deachaidh e shlait o thìr bhan t-each air an t-snamh fodha. Mun drainig e an taobh thall thug neart an t-sruth sios e-fheins an t-each pailt fichead slat. An uair a chaidh an t-each air snàmh chaidh e air a chliathaich, agus bann acheart air eiginn a dhfhan Fear aBhaile anns an diollaid. Cha deachaidh e cho dlùth riamh roimhe air a bhith air a bhàthadh.

An uair a fhuair e air tìr thainig e bhar muin an eich agus bha e glé dhiumbach dheth fhein air son nach do lean e an rathad mòr.

Leig e as an t-each fhads a bha e fàsgadh an uisge as na bha fliuch dhechuid aodaich. Bha stocainnean tioram aige anns amhàileid, agus mun do chuir e uime iad, chaidh e don amhainn a nigheadh a chas. Ciod a biongantaiche leis na leabhar-pòcaid fhaicinn am measg amhoroghain far an dfhàg tuil na h-aimhne e beagan laithean roimhe sid an uair a bhan tuil àrd agus bras. Ged a bhan leabhar fliuch bha e gun dol buileach as a cheile. Ma bha ioghnadh air an uair a fhuair e an leabhar, is ann a bhan t-ioghnadh air an uair a dhfhosgail e e agus a chunnaic e mainmsa sgriobhte ann an àite no dhà ann.

Anns amhionaid thuirt e ris fhein gun deachaidh mo bhàthadh anns an amhainn cinnteach gu leòr. Ach an uair a sheall e anns an leabhar gu léir agus a thug e an aire nach robh na notaichean ann, smaoinich e nach be mo bhàthadh a rinneadh idir; oir nan robh mi bàithte, bhiodh an leabhar-pòcaid air mo shiubhal agus an t-airgiod ann.

Chuir an gnothach a bhann dragh mòr air an inntinn aige. Bfhearr leis aig an àm nach dthug e cuireadh dhomh riamh gu falbh comhladh ris. Bha eg a dheanamh fhein cinnteach gum biodh mo mhàthair is mathair acur coire air a chionn nach dfhag e mi gu sàbhailte aig mo cheann-uidhe.

Mharcaich e gu math cabhagach gus an dràinig e taigh-osda a bha aig snaim rathaid. Dhordaich e biadh a dheanamh deiseil dha anns amhionaid; oir ged a bhan dragh-inntinn a ghabh e mu mdheidhinn-sa an déigh a chàileachd a thoirt ann an tomhas air falbh, bha fhios aige gum feumadh e biadh a ghabhail.

An uair a bha ena shuidhe aig a bhiadh, agus e gu dluth asmaoineachadh air mar a thachair dhomhsa, thainig triuir dhaoine thun an taigh-òsda, agus chaidh iad a steach do sheòmar an òil. Bha deoch orra nan triuir mun dthainig iad, agus gun dàil dhiarr iad tuilleadh. Ann an ùine ghoirid dhfhas iad gu math blàth leis an deoch, agus thòisich iad ri bruidhinn cho àrds run robh Fear aBhailecluinntinn, cha mhòr, a h-uile facal a bha iad ag ràdh. Cha robh eadar an sheòmar ach tallan de dhfhiodh tana, agus ged a bhiodh na fir abruidhinn na bisle na bha iad cha bhiodh e doirbh an comhradh a bha eatorra a chluinntinn.

Cha bann air achomhradh a bha eatorra a bha aire Fir aBhaile aig an àm, ach, air a shon sin, an uair a chuale iad ag iomradh air mainm-sa, chuir e a chluas ri claisneachd feuch an deanadh emach abheag dhe na bha iad ag ràdh. Chuale iad abruidhinn airleabhar-pocaid,” airsruth na h-aimhne,” agus ghabh e amhrus gum faodadh gun robh fhios aca air rudeiginn mu mdheidhinn-sa. Ged a dhéirich e on bhòrd, agus ged a chuir echluas ri sgaineadh a bhair an tallan, dhfhairlich air bun no barr a dheanamh dhe na bha iad ag ràdh. Mu dheireadh bhuail en glag, agus thuirt e gu beag ris an t-searbhantathainig a steach, gun robh toil aige fear an taighe fhaicinn.

Ann an ùine ghoirid thainig fear an taighe steach don t-seomar far an robh e, agus dhfheòraich e dheth ciod e an seòrsa dhaoine a bhacomhradh anns an t-seòmar eile.

Chan aithne dhomhsa dad mun deidhinn. Ged a chunnaic mi uair no dha acheart triuir ud, chaneil fhios agam co iad, no co as a thainig iad, no caite am bheil iad adol. Bidh mo leithidsafaicinn iomadh seòrsa dhaoine aig iomadh àm, agus ma phàigheas iad na gheibh iad, chaneil an tuilleadh gnothaich agamsa riutha,”



[180]

[Vol . 12. No. 23. p. 4]

arsa fear an taigh-òsda.

Ach con taobh as an dthainig sibh fein, mas e bhur toil e? Is cinnteach gun cuala sibh air bhur turas an sgeula tha ann am beul gach duine mun droch ghnìomh a rinneadh air balach òg a thainig as aGhàidhealtachd.”

Thug Fear aBhaile an aire gun robh na fir a bhanns an t-seòmar eilenan tosd aig an àm mar gum biodh toil aca an comhradh a bheadar e-fheins fear an taigh-òsdachluinntinn, agus thuirt e ri fear an taigh-òsda gum bu cho math dhaibh a dhol ceum am mach o nach robh toil aige aphiob a lasadh anns an t-seomar.

Chaidh iad am mach agus shuidh iad. “Cha chuala mise,” arsa Fear a Bhaile, “guth no iomradh air an sgeul a dhainmich sibh. Tha mi dìreach air mo thurus o mharagadh na h-Eaglaise-Brice, agus tha midol gu ruige Struidhleidh a dhamharc air caraid dhomh. Ach bu mhiann leam an sgeul a chluinntinn, oir is ann as aGhàidhealtachd a thainig mi fhin, agus tha bàigh agam gu nàdarra ri muinntir mo dhùthchadh.”

Tha e air aithris, agus tha e coltach gum bheil e fìor gu leòr, gun do cheangail triuir dhaoine an duinòg ud ann an taigh fàs a thanns amhonadh, agus an deigh dhaibh a h-uile sgillinn a bhaige ris an t-saoghal a thoirt uaithe gun dfhàg iad ceangailte e. Tha e coltach gun robh e air thuar a bhith marbh an uair a fhuaradh e. Ach tha e nis air tighinn air aghaidh gu math. Bhan Doctair Morton, a bhafrithealadh dha an uair a bha e ann an staid bhàis, ann an so an diugh anns an dol seachad dha gu ruige Cartadail, agus ma dhfhanas sibhse an so gus an tig e anamoch a nochd, gheibh sibh am mach uaithe a h-uile car mar a thachair. Than duinòg ag ràdh gun aithnich e an treas fear dhen triuir a cheangail e, oir bha ena chuideachd adol troimhn dùthaich fad a dha no trì de laithean. Ach a thaobh an dithis eile, chan aithnicheadh e iad, oir bhan oidhche dhorcha ann an uair a cheangail iad e. Than Doctair ag ràdh gur dòcha gum faighteadh greim orra fhathast nam bes gum faighteadh an leabhar-pòcaid. Bha ochd puinnd Shasunnach aige anns an leabhar, agus bha àireamh a h-uile aon dhe na puinnd Shasunnach sgriobhte anns an leabhar, agus ainm nam bancaichean dom buineadh iad mar an ceudna.”

Fhadsa bha fear an taigh-òsda ag innseadh so chuimhnich Fear aBhaile gur e fhein a dhiarr orm àireamh nan notaichean a sgrìobhadh. Bha e anabarrach toilichte gun do thachair dha an aithghearrachd a ghabhail ged a theabadh a bhàthadh anns an amhainn.

Mun gann a chuir Feor aBhaile agus fear an taigh-òsda crioch air achomhradh a bha eatorra mu mdheidhinn-sa, thainig an triuir fhear am mach as an taigh-òsda. Dhfheòraich fear an taigh-òsda dhiubh anns amhionaid an cualiad mar a thachair dhomhsa, agus an dfhuaradh forofhais air na robairean.

Thuirt iad gun cualiad mu dheidhinn mar a thachair, agus thuirt iad nach robh achùis coltach gum faighteadh greim gu bràth air na daoine a rinn an cron. Ach am feadhs a bha iad ag innseadh mu na chualiad, agus atoirt am barail air co dhiubh a gheibhteadh greim air na fir a rinn an t-olc, bha Fhear aBhaile ag amharc orra gu geur, agus ghabh e amhrus làidir gun robh iad ciontach; ach cha do leig e dad air.

An uair a chaidh iad a steach a rithist, dhòl iad tuilleadh, agus thug iad leotha botul no dhà. O nach robh de dhiomlaid aca na phàigheadh na dhith agus na dhòl iad, thug fear dhiubh am mach a sporran, agus thug e punnd Sasunnach a dhfhear an taigh-òsda gus a chuid fhein a thoirt as. Thug Fear aBhaile an aire dha so, agus dhiarr e sealladh dhen phunnd Shasunnach air fear an taigh-osda, agus ciod a biongantaiche leis na an àireamh a bhair a bhith sgrìobhte anns an leabhar-phòcaid agamsa.

(Ri leantuinn.)


Litir o Ard-Bhaillidh Dawson.

A CHARAIDE CHAOIMH, —Chunnaic mi an aon de do ghasaideansa Mhàirt iomradh caoimhneil a rinn thu orm an uair a chaidh mo thaghadh air son Ard-bhàillidhsa bhaile so. Tha e cinnteach ri fhaicinn gu bheil na Gàidheil a seasamh an cor féin an so. A chiad bhàillidh a chaidh a thaghadh be Mac Amhlaidh a bhann, agus an ath fhear be Mac Gillinnein a bhann, agus an treas fear do sheirbhiseach simplidh an so. Mar sin faodaidh tu fhaicinn gu bheil na h-Albannaich an còmhnaidh air an toiseach.

Bha geamhradh meadhonach blàth againn an so seach mar a bàbhaist dha bhith na tri bliadhnachan roimhe so. Tha daoine trang an dràsda a feitheamh agus a deanamh deiseil air son an uisgenuair a thig an aiteamh, aguss ann an sin a bhios an ùpraidnuair a thig an t-uisgenuas na glinn.

Tha sùil againn ri céilidh on Phriomh Mhinisteir an sosan t-samhradh, co dhiu thig e no nach tig.

Chaneil moran agam ri radh an dràsda. Tha mi an dòchas gu bheil na càirdean agus luchd-leughaidh MHIC-TALLA uile slàn.

Is miur caraide,
SEUMAS F. DOMHNULLACH.
Ard-Bhàillidh Dawson.
Dawson , Yukon Territory, April 12, ’04.

P. S. —Thoir mo bheannachd do Pheigidh Phabach, agus do Bhodachan aGhàraidh, agus gus an duin’ -uasal a sgriobhEóghain bàn mac an t-saighdeir.”


Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL XX.

DEC. 27Mharbh mi gobhar og, agus leon mi te eile cho mors gun deachaidh agam air breith oirre agus a toirt leam dhachaidh air sreing. An uair a rainig mi dhachaidh chuir mi slisnean ris achoise bhriste aice, agus cheangail mi suas i cho maths a baithne dhomh. Thug mi an aire mhath dhi, agus ri uine dhfhas achas aice cho math agus cho laidirs a bha i riamh. Leis mar a bha mitoirt an aire dhi cho math, dhfhas i ciallach, agus bhiodh ig itheadh an fheoir air an reidhlein a bhaig an dorus agam, agus chan iarradh i teicheadh air falbh idir. Be so acheud uair a smaoinich mi gum bu choir dhomh teannadh ri arachs ri ciallachadh chreutairean, a chum gum biodh biadh agam an uair a theirgeadh mo chuid fudair is luaidhe.

Dec. 28, 29, 30Bha teas mor ann, agus cha robh deo ghaoithe ann; agus air an aobhar sin cha deachaidh mi ceum on taigh gus an deachaidh mi, an uair a thainig fionnaireachd an fheasgair, feuch am faighinn rud a dhithinn. Chuir mi seachad an uine acur mo ghnothaichean air doigh a staigh.

Ianuari 1Latha gle theith. Mochs amhadainn agus anamoch feasgar, chaidh mi mach sgriob leis aghunna, agus bha mi staighnam shineadh ann an teas amheadhain latha. Air an fheasgar so, air dhomh a dhol na bfhaide na babhaist dhomh suas an gleann a bha mu mheadhain an eilean, thug mi an aire gum robh pailteas de ghobhair ann ged a bha iad anabarrach fiata, agus doirbh faotainn dluth dhaibh. Agus chuir mi romham gum feuchainn ri breith orra leis achu.

Ian. 2Uime sin, chaidh mi mach le mo chu air an ath latha, agus leig mi anns na gobhair e; ach bha mi air mo mhealladh, oir thionndaidh iad uile an aghaidh air achu. Thuig an cu an cunnart ann an robh e gle mhath, agus cha rachadh e am faisge dhaibh.

Ian. 3Thoisich mi ri cur balla suas, agus air dhomh a bhith fo eagal gun cuireadh neach sam bith dragh orm, chuir mi romham gun deanainn gle thiugh agus gle laidir e.

On a thug mi seachad cunntas mu dheidhinn abhalla so roimhe, runaich mi gun iomradh a thoirt air anns an am so. Foghnaidh dhomh a radh gun dthug mi on treas latha de Ianuari gus an ceathramh latha deug de dhApril ag obair air mun do chuir mi crioch air, ged nach robh ann ach mu cheithir slatan fichead air fad. Bha e leith chruinn air beulaobh na creige agus a dha cheann ris achreig beagan shlatan air gach taobh de dhorus na h-uamha.

Fad na h-uine so dhoibrich mi gle chruaidh, ach bha mi iomadh latha, agus air uairibh seachdainnean, gun chomas air car a dheanamh leis an uisge. Ach bha mismaointean nach burrainn domh a bhith sabhailte gu leor gus am biodh am balla so criochnaichte. Agus is gann a chreideadh daoine an t-saothair mhor a ghabh mi ri a h-uile car a rinn mi, gu h-araidh ann a bhith toirt nam maidean as achoille, agusgan cur gu domhain teann anns an talamh; oir bha iad moran na bu mho na ruigeadh iad a leas a bhith.

An uair a chuir mi crioch air achallaid so agus a chuir mi balla phloc an taobh am muigh dheth, bha mig am dheanamh fhin cinnteach, ged a thigeadh daoine air tir, nach tugadh iad an aire gun robh aite-comhnuidh ann. Agus bfhortanach an gnothach dhomh gun drinn mi maite-chomhnuidh ann an aite cho falachaidh, mar a dhfhaodar a thoirt fa nearna dheigh so. Re na h-uine so, bha mitoirt cuairt air feadh an eilean a h-uile latha air toir seilge an uair a bhiodh an turadh ann. Agus fhuair mi mach mu iomadh rud a thainig gu mo bhuannachd na dheigh sid; gu h-araidh fhuair mi mach gun robh seorsa de chalamain fhiadhaich air an eilean, a bha neadachadh, chan ann an craobhan mar a ni calamain-choille, ach ann an tuills na creagan coltach ris na calamain-thaighe.

Ghlac mi feadhainn oga dhiubh, agus chaidh agam air an deanamh ciallach; ach an uair a dhfhas iad sean theich iad air falbh. Is docha gun do theich iad a chionn nach robh mig am biadhadh math gu leor; ach cha robh biadh freagarrach dhaibh. Ach air a shon sin, fhuair mi na neadan aca tric gu leor, agus mar an ceudna an fheadhainn oga, agus bha iad gle mhath rin itheadh.

A nis, an co-cheangal ri riaghladh mo thaighe, thuig mi gun robh iomadh rud a dhith orm, agus bha min toiseach asmaointean nach rachadh agam air an deanamh; agus gu dearbh dhfhairlich orm cuid dhiubh a dheanamh. Agus bann diubh buideal. Bha buideal beag no dha agam mar a dhainmich mi cheana, ach cha burrainn domh fear a dheanamh coltach riutha ged a thug mi iomadh seachdain air feuchainn ri fear a dheanamh. Cha burrainn domh mas a chur



[181]

[Vol . 12. No. 23. p. 5]

ann, no idir na clair a dhluthachadh cho maths gun cumadh e uisge; agus air an aobhar sin leig mi an obair as mo cheann.

Anns an ath aite, bha mi gle éiseil a chion choinnlean; air an aobhar sin, bfheudar dhomh a dhol a laidhe an uair a thuiteadh an oidhche, sin ri radh, mu sheachd uairean. Chuimhnich mi air achnap de cheir sheillean dhen drinn mi coinnlean an uair a bha mi air theicheadh air corsa Africa; ach cha robh dad agam dheth a nis. Be an doigh a ghabh mi agheir a bhanns na gobhair a bha mimarbhadh a ghleidheadh, agus cruisgean beag a dheanamh de chriadh, air a thiormachadh leis aghrein, agus siofag a dheanamh de chainib. Mar so chaidh agam air solus fhaotainn, ged nach robh e cho math ri solus coinnle.

Air dhomh a bhith trang arùileach am measg nan gnothaichean lionmhor a thug mi as an luing, thachair poca beag rium, mar a dhainmich mi cheana, a bha lan de ghran gus a bhith biadhadh na h-eunlaith a bha air bords an luing, cha bann air son an turuis so, ach roimhe sid, tha mismaointaan, an uair a thainig an long a Lisbon. Dhith na rodain am beagan nach dfhuair an eunlaith dhe na bhanns aphoca, agus chan fhaca mi dad anns aphoca ach cath, agus smurach. Agus on a bha toil agam am poca chur gu feum eile, tha mismaointean gur ann gus fudar a chur ann, an uair a bha mig a roinn air eagal roimh dhealanaich, dhoirt mi as an smodal a bhann aig bonn na creige faisge air achallaid.

Thachair so beagan uine mun dthainig na h-uisgeachan troma a dhainmich mi. Cha do ghabh mi suim sam bith dheth, agus cha mho a bha cuimhnagam gun drinn mi e. Mu mhiosna dheigh sid thug mi an aire gun robh beagan de ghasan gorma afas as an talamh, agus bha mi smaointean gur e luibh araidh a bhann nach fhaca mi roimhe. Ach bha ioghnadh anabarrach mor orm, an uair a thug mi an aire, an ceann beagan uine, do dheich no dusan dias de dheorna gorm air tighinn am machacheart sheorsa de dheornas a tha fas ann an Sasunn.

Tha e neo-chomasach dhomh cainnt a chur air an ioghnadh a ghabh mi, agus air a liuthad smaointean adhuisg suasnam inntinn. Gus a so cha robh srad dhen diadhachd annam. A dhinnseadh na firinn, cha robh ach gann smaointean mu Dhias mu dhiadhachdnam cheann idir, agus bha mismaointean gun do thachair a h-uile rud a thachair dhomh air thuiteamas, no mar a their sinn gu neo-smaoineachail, a reir toil Dhe. Cha mho a thug mi fa near gun robh crioch araidh sam bith aig an Fhreasdal anns an amharc anns na nithean so, no gun robh e riaghladh an t-saoghail a reir riaghailt agus orduigh. Ach an deigh dhomh an t-eorna fhaicinn afas ann an aite bha fhios agam nach robh freagarrach air son a leithid de bharr a thoirt am mach, agus gu h-araidh o nach robh fhios agam cia mar a thainig e an sid, ghabh mi ioghnadh anabarrach mor.

Thoisich mi ri smaointean gun dthug Dia, ann an doigh mhiorbhuillich, air aghran so fas gun siol sam bith a bhith air a chur ann le lamh duine, agus gum bann gu sonraichte a chum biadh a chumail rium fhin anns an aite thruagh ud a thachair e.

Bhean so ri mo chridhe ann an tomhas beag, agus thainig na deoir do mshuilean, agus thoisich mi ri mi-fhin a chliuthachadh a chionn gun do thachair a leithid so de ghnothach miorbhuilleach a chum math a dheanamh dhomh. Ghabh mi am barrachd ioghnaidh dheth so, an uair a thug min aire gun robh gasan de sheorsa grain eile afas faisge air an eorna. Dhaithnich mi gum be rais a bhan so, oir chunnaic mi afas e an uair a bha mi air tir ann an Africa.

Cha be mhain gun robh mismaointean gur ann air mo shon fhin gu sonraichte a chuir am Freasdal an da sheorsa grain so gu fas, ach cha robh tuilleadh dhen cheart sheorsa anns an aite. Chaidh mi air feadh na cuid sin dhen eilean anns an robh mi roimhe, agus bha misealltainn gu dluth anns a h-uile cuil agus aig bonn gach creige feuch am faicinn tuilleadh dheth, ach cha robh e rifhaicinn.

Mu dheireadh bhuail e anns an inntinn agam gun do chrath mi am poca anns an robh biadh nan cearc anns an aitud, thoisich an t-ioghnadh a bhorm ri dhol an lughad. Agus, feumaidh mi aideachadh gun dfhas mo thaingealachd do Dhia na bu lugha mar an ceudna, an uair a thug mi fa near nach robh ann ach rud a dhfhaodadh tachairt gu cumanta, ged bu choir dhomh a bhith cho taingeil air son obair iongantach an Fhreasdails ged a thachradh e gu miorbhuilleach. Is e ulluchadh an Fhreasdail dhomhsa a bhann da rireadh gum biodh e air ordachadh gum fagadh na rodain deich no dusan grainean eorna gun itheadh dhe na bhanns aphoca. Bha so mar gun tuiteadh na grainnean a nuas o neamh. Bha e mar an ceudnana ni comharraichte gun do thachair dhomh an smodal a bhanns apoca a thilgeadh anns acheart aite ud far an robh achreag ard acumail sgail air o theas na grein, agus far an dfhas e ann an uine ghoirid; oir nan do thachair dhomh a thilgeadh ann an aite anns an ruigeadh teas na greine air bha e air a losgadh.

(Ri leantuinn).


Litir a LArdoise.

A DHEAGH CHARAID, —Thug mi fa near an cunntais goirid a thugGleann-a- bhàirdseachad anns an àireamh mu dheireadh dhen MHAC-TALLA, muBhaisteadh cloinneaigGrand River,dlùth don àite so. Tha efeòrach cia miad tha fhathast a làthair den àireamh a chaidh a bhaisteadh air an latha ud, Ogust 16, 1824. Bheir mise oidhirp air beagan fhacal a thoirt seachad mar is aithne dhomh, mun fheadhainn air am bheil eolas agam, den mhuinntir ud.

ThaAnna, nighean Dhonnachaidh Mhic Choinnichbeo fhathast agus gle thapaidh dhe h-aois. Tha mi eolach oirre on bha minam bhalach, còrr agus fichead bliadhna, agus chan fhaic mibheag de chaochladh a thighinn oirresan ùine sin. Chaneil ach mu sheachduin on thug i turus á cladach LArdoise, astar sia mile; agus dhfhàgadh coiseachd an astar sin air aiss air adhart ri droch rathad muinntir tha moran nas òige na Anna gle sgìth. Thadhail i stigh oirnn air a tilleadhs bha i coltach gu leor gu uiread eile a dheanamhnam béiginn e, ged a bha ig radh gun bfhasa leatha turus a thoirt as a Bhagh an Iar, uair gun robh i. Tha Anna mo seana mhaighdeann, gle chuireadach, gleusdana seanachas, agus toilichte le staid, ni, tha mi creidsinn, tha cuideachadh leatha gu aois mhor a ruigheachd.

ThaSeoras, Mac UilleamIc Aoidha còmhnuidh an LArcheveque. Thug e moran bliadhnachan air falbh on dachaidh. ’Se duine mor calma bha ann, cosannaiche math, gus an dthug an lòinidh buaidh air. Tha e gle dhoirbh dha gluasad, ach le cuideachadh a bhata theid aige air a dhol a machsa steach, gearraidh en connadh aig an doruss ni e nithean beaga mun cuairt an taighe. Tha Seòrasna dhuine còir, diadhaidh; seanachaidh math aig am bheil iomadh naigheachd fhirinneach mu nithean a bha tachairts na làithean a dhaom. Cha robh e pòsda riamh uige so, ’s tha mi creidsinn nach bi.

ThaPeigi, nighean Alasdair Mhic-Calamainbeò mar an ceudna. Bha ina nighean thapaidh, agus bha feum aice air a sin iomadh uair. Cha robh a bheag a dheolas agam oirre. Bha i tinn air an earrach so, ach tha mituigsinn gu bheil idol am feobhas. Chan eil fhios agam a bheil aon eile den chlann ud a làthair no nach eil, achse barail is fhearr a thagam nacheil. Tha e iongantach nach robh aon dhen triùir a dhainmich mi posda. Ma dhfhaoidteadh nach misdiad sin dad ann an deanamh suas nam bliadhnachan. Guidhean àireamh dhaibh fhathasd!

Tha moransan àite a bfhearr gnothuch na mise gus an cuspair so a laimhseachadhdaoine tha air teachd gu aois, aig am bheil barrachd eolas mu na cùisean na thagamsa. Achs fhearr leotha a bhi cosg an tìm a bruidhinn mu pholitics na suidhe sios gu facal asgriobhadh mu na seann daoine còire on dthainig iad.

Chaidh muc-mharamharbhadh an acarsaid LArdoise, air April 26. Cha robh i ach beagmu ochd troidhean fichead. Bha i na h-ionghadh le moran, ni a bhair a nochdadh leis an àireamh a chaidhga coimhead. An urrainn do neach air bith innse a bheil ainm sam bith eile orrasa Ghàilig? Bu ghlé thoigh leam an t-oran a tha toiseachadh le na briathranCiamar dhfaodas mi bhi beo, ’san duine breòite, truagh agam?” fhaicinnsa MHAC-TALLA. Bha beagan rannan agam fhein dheth, ach tha iad air a dhol air di-chuimnhe orm.

COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
LArdoise, Maigh 5, 1904.


Litir a Eilein aPhrionnsa.

FHIR-DEASACHAIDH, —Bho iomadh bliadhna bha dùil agam sgriobhadh ugaibh, ach leis a h-uile trioblaids mi-shonas a bhacumail mo chinn troimhe-chéile, cha do dhùirig mi riamh tòiseachadh gus an diugh. ’Sa cheud àite tha mi air son mìle taing a thoirt do na Gaidheil treun, uasal, blàth-chridheach a tha sgriobhadh litrichean snasail agus an cainnt fhinealta as gach cearua dhen t-saoghal gu MAC-TALLA mu dheidhinn treòrachadh agus caithe-beatha nan Gàidheil anns gach àite sam beeil iad. ’S iomadh uair sin a thug e togail do mchridhe, ’nuair a bhithinn trom, dubhach, a bhith leughadh MHIC-TALLA, agus a faicinn cho dìleas, duineilsa tha Gàidheil a seasamh gualainn ri gualainn ann an cumail suas cainnt an dùthchabhaig ar màthraichean. Tha MAC-TALLA na dheagh phaipeir teaghloich, a toirt seachad naigheachdan, eachdraidh, sgeulachdan, bàrdachd agus leughadh eile nach urrainn ach a bhith taitneach do luchd-leughaidh Gàilig, agus bu chòir gach fior Ghàidheal cuideachadh leis agus cothrom a thoirt don òige gus eòlas fhaotainn air a chainnt a labhair an athraichean anns a ghleannsan robh iad òg. Car son a dheanamaid a leigeil air diochuimhn? Tha h-uile reusan againn air a bhith deanamh uaill aisde mar an oighreachd as luachmhoire a dhfhàgadh againn le ar n-athraichean; agus chaneil dòigh air an fhearr is urrainn dhuinn a cumail suas na le bhith toirt gach cuideachadh a dhfhaodas sinn don phaipeir so.

Rinn an sneachda agus sero greim math air an tir so aia agheamhradh, ach tha iad a taiseachadh a niss tha an t-àm ann. Tha min dùil nach dthainig geamhradh bho chionn fada cho cruaidh, agus fuar, reòta bho thoiseach gu deireadh. Fada roimhn àm so an uiridh is ann le cuidhleachan a burrainn dhuinn falbh air an rathad, ach faodaidh sinn am bliadhna falbh fhathast le sleighe. Tha biadh spréidhe afàs gu math gann oirnn. Is iomadh aon a bhan dùil gum biodh gu leòr aige agus ri sheachnadh a



[182]

[Vol . 12. No. 23. p. 6]

dhfheumas a bheag no mhor a cheannach.

Tha iomadh Gaidheal a gabhail còmhnaidh anns an Eilean so, ach mar tha nàdarra tha iad a falbhs a tighinn, ach tha barrach a fabhs a tha tighinn. Tha na fior sheann daoinefàs gann, agus mar an ceudna òige nach deach fadair réis na beatha gan leantuinn.

Bfhior thoil leam a bhith cluinntinn oC.C. ” Tha meas mor againn air a chuid litrichean, agus tha sinn an dòchas gun sgriobh e moran dhiubh air an t-samhradh so.

Ma theid aig neach a tha leughadh aphaipeir so air an òranEilean Sgitheanach nam buaidhfhaotainnsa chur a dhionnsuidh a MHIC-TALLA dhuinn, bidh mi gu mor na chomain.

Tha Pàrlamaid an Eilean so cruinn an dràsda, ach chaneil moran gnothuichga dheanamh. Thachuid mhor dhen ùine air a caitheamh le connsachaidhean mu nithean beaga nacheil a chum moran feuma don dùthaich.

Tha mi acur dolair anns an litir so feuch an cuidich e le MAC-TALLAchur ugainn uairsan t-seachdain mar a bàbhaist dha.

Tha mi a smaoineachadh gu bheil mo litir fada a nis fada gu leòr; agus ged nacheil annamsa ach tuathanach gun moran sgoile no comas air sgriobhadh Gàilig ach na dhionnsaich mi le bhith leughadhur paipeir, tha min dòchas nach dean sibh tàir air mo litir. Slàn leibh aig an àm so.

Is mi do charaid dìleas a h-uile latha chis nach fhaic.

ALASDAIR MAC MHANAINN.
Braidalbainn, E. P. I., April 28, 1904.


Seann Sgeul Gaidhealach.

Bi boirionnach do Chloinn-Dhiarmaid a thug cìoch do dhAlasdair Stiùbhart, fear Ghart. Bha dithis mhac aice, agus chaidh eucoir a dheanamh air an fhear dhiubha na cho-dhalta don tighearna, le Mac Mhic Iomhair Glinnlìbhit. Dh, fhalbh an dithis bhràithrean gu Dùn Ghart air ghearan. Bha fios aig Mac Mhic Iomhair gun éireadh fear Ghart an aobhar nan òganach, agus dhorduich e, uime sin, an ruaig a chur orra agus gun leigeadh dhoibh dol as. Chunnaic Clann- ’ic-Dhiarmaid an tòir atighinn cas orra, ’s o nach robh dol as aca leum iad don abhainn Lìbhinn, an dùil nach leanadh an luchd-tòrach iad, ach ged a leum chaidh codhaltan tighearn a lot le saighead agus bhathadh e. Theirear ris an àite gus an lan diugh Linne Dhòmhnuill. Shnàmh am fear eile gu tìr agus thug e mach Gart.

Cha luaithe chuala Fear Ghart mar a bhà, na thog e air, e féins a ghillean a thoirt a mach éiric a chodhalta. Dhaithnich Mac Mhic-Iomhair mar bhiodh achùis, agus chruinnich esan a dhaoine, agus choinnich na seòid a chéile mu mheadhon aghlinne. Dhfhàg na cinn-fheadhna an cuid daoine agus chaidh iad an còmhdhail a chéile, feuch an réiteadh iad achùis eatorra féin.

Bha breacan-an-fhéilidh air Fear Ghart, ’s bhan dara taobh dhe dorcha, ’s an taobh eile dearg. Mun do dhealaich e ra ghillean thuirt e riutha fhads a chitheadh iad taobh dorchabhreacain a mach mar bhà e gun iad a ghluasad, achnam faiceadh iad etionndadh an taobh dheirg iad a tharruinn an lann.

Cha robh an dithis fadaseanachasnuair rinn Mac Mhic Iomhair fead; chual a dhaoine e, agus tharruinn gach fear a chlaidheamh. “Carson an fhead?” arsa fear Ghart. “Chaneil,” arsesan, “ach a thional mo chuid éildean o na beannta.” “Mas ann mar sin a thà,” arsa fear Ghart, “ ’s mithich dhòmhsa mo mhìolchoin a ghairm,” ’s etionndadh a mach taobh dearg a bhreacain. Thug na suinnna chéile, —thòisich an slachdradh, ’s be sin an cath fuileachdach! Mu dheireadh ghabh Clann Mhic-Iomhair an ruaig, ’s lean càch iad ochd mìle suas an gleann; ann an so thionndaidh iad a rithist, ach cha bfhadasheas iad; thuit mu sheachd fichead dhiu! Am beagan dhiuchaidh as theich iad gu cearn eile den dùthaich. Ghlac Fear Ghartsa chuideachd an tigheans an cuid fearainn, agus an ni a bhuannaich e mar so leis achlaidheamh chaidh a dhaingeachadh dha le lagh na rìoghachd fo làimh righ Seumas an treas anns abhliadhna 1477.

Nuair bha na Stiùbhartaich apilleadh on chath chaidh iad a thaobh don abhainn a nighe na fola bhàrr an claidhean. ’S ann uaith so a fhuair an gleann an t-ainm. Mun do thòisich an cath chuir na Stiubhartaich dhiù seòrsa chuaran a bhorra, agus dhfhàg iad iad ri sgàth creige. Lean Leac-nan-cuaran rithe gus an lan diughDail an Rùsgaidh ris an àit anns an do rùisg iad an claidheanLaggan achath ris an àit an dthàinig iad gu buillean, agus Camus-nan-carn ris an aiten do thill Clann Mhic Iomhair an déigh an ruaig a ghabhail agus farn do mharbhadh achuid bu mhò dhiu.

Chaidh claidheamh agus aon de na tuadhan-airm a chladhach á Laggan-nan-cath anns abhliadhna 1816, agus bha iad an sin aig an t-seanalair Daibhidh Stiubhart, mar a chaidh innse dhòmhsa.


Righ Raibeart Bruce.

Air don laoch ainmeil so, a sheas cho duineil airson a dhùthcha an aghaidh ainneart nan Sasunnach, ’bhi mach air araidh agabhail seallaidh air an fheachd choimheach a bha teachd na aghaidh, ghabh e mu thàmh an oidhche sin ann an sobhal beag a bhuineadh do dhuine bochd a bhuanaich dileas . Anns amhaduinnnuair a dhùisg e, ’se na shìneadh air a leabaidh chonnlaich, mhothaich e os a cheann damhan-alluidh astreap gu mullach a bhothain. Thuit e gu làr, ach gun dàil thug en ath-oidhirp. Chunnaic an righ so agus bu duilich leis fhaicinn atuiteam an dara h-uair. Dhfheuch e ris an treas uair, ach ma dhfheuch cha bann a bfhearr a shoirbhich leis. Dhùisg e iomaguin agus truas an righ fhaicinn atuiteam sia uairean, ach air an t-seachdamh uair bhuadhaich e, agus rainig e mullach an t-sobhail. ’Nuair chunnaic an Righ so dhéigh e le deothas, Theagaisg am beathach faoin so dhomhsa bhi adhartach, agus gun ghéilleadh. Leanaidh mi a shamhladh. Nach do bhuadhaich an nàmhaid sia uairean amaghaidhsa, agus ma dhfhaoidte gur ann ri aon deuchainn eile a tha saorsa mo dhùthcha an earbsa. Chrioslaich e e-fein, agus beagan làithean an deigh sin chuir en cath buadhar air blàr Bhanocburn, a bha co cliùiteach don rioghachd, agus co dosguinneach don fheachd anabarrach air an do chuireadh an ruaig.

Foghlumadh an Criosduidh on fhaoin bheathach, sgus on laoch ainmeil so, a bhi gu h-adhartach, seasmhach ann an cur cath a chreidimh, chum gum faigh e coron na glòire. “Uime sin, bithibhse daingean, neo-ghluasadach, asior mheudachadh ann an obair an Tighearn, air dhuibh fios a bhi agaibh nacheilur saothair diomhain anns an Tighearna.”


Tha chuideachd a bhag obrachadh meinn ghuail Joggins, an siorrachd Chumberland, an deigh bristeadh. Tha a mhèinn aig an àm so gu ìre bhig natàmh, na mèinneadairean a diùltadh an còrr obrach a dheanamh gus am faigh iad an tuarasdail. Tha coig seachduinean obrach air-son nach dfhuair iad paidheadh. An deigh dhaibh seasamh a mach thòisich a mhèinn ri lionadh le uisge, ach dhaontaich iad an ceann beagan laithean na taomadairean obrachadh air sgàth a mhèinn a shàbhaladh.


Righ Alfred.

Bhan righ ainmeil sonam measgsan bu ghlice, a bfhearr, agus a bfhiughantaiche a rioghaich riamh am Breatunn agus bhachaithe-beatha ro chomharraichte. Bha aig gach uair da bheatha a gnothach fein air a chur air leth. Roinneadh e an la agus an oidhchenan tri earrannan le ochd uairean do gach aon diubh; agus ged a bha e gu mor air a chlaoidh le galar craiteach, cha do ghabh e ach ochd uairean eadar chadal, theachd-an-tir, agus shraidimeachd; agus ochd uairean eile do leughadh, do sgriobhadh, agus ùrnnigh; agus an treas earrann do ghnothaichean na rioghachd. Bhan duine mor so cho mothachail air feumalachd aimsirs nach bu mhiann leis earrann air bith dhi a mhi-bhuileachadh; agus gum beiginn da cunntas ìocadh Dhàsan a bhuilich air i. Agus gu cinnteach ma bhaleithid-san de dhuine, anns an inbha bairde air thalamh, ann am measg gach buairidh le socair, pailteas, agus toilinntinn, mar so cùramach gu banastighe mhath a dheanamh airaimsir agusùine gu h-iomlan a bhuileachadh ann an cuisean feumail, nach nàr mi-chiatach a thig e dhoibhsan aig nacheil a shamhuil sin de bhuairidh, an aimsir a struidheadh ann an dearmad agus mi-bheus! An deigh da naimhdean an ruaig a chur air fein agus airfheachd, agus e ga fholach o na Lochlannaich, bha e fein agus a theaghlach air ro bheagan loìn, mar chi sinn o na thachair air latha àraidh. Thainig bleidire dhionnsuidh a lùchairt bhig a dhasluchadh déirce. Thuirt abhanrighinn ris, nach robh aca ach aon bhuilionn arain, a bha ro bheag air an son féin agus an càirdean a bha air ionnsuidh chum lòn fhaotainn, ged nach robh mor fhiughair aice gun soirbhicheadh leo. Ach thuirt an righ rithe, “Thoir leth na builionn don duine bhochd. An Ti a bha comasach air coig mile a shasachadh le coig breacagan agus da iasg, tha e lan-mhurrach air sinne a riarachadh leis an leth eile den bhuilionn.” Fhuair an duine bochd a bhloidh fein; agus chaidh luigheachd iomchuidh ìocadh airson aghniomh fhiughantaich so, le a luchd-muinntir a thighinn dachaidh trom luchdaichte le goireasan iomchuidh.


Chaidh a chuid bu mhò de bhaile Fernie, B. C. a losgadh gu làr air an naodhamh la fichead de dhAprail. Than call air a mheas air coig ceud mile dolair. Cha deach fhàgail ach mun deicheamh cuid den bhaile.

Chaidh muc-mhara ochd troidhean fichead a dhfhad a ghlacadh air cladach LArdoise o chionn da sheachduin. Bha i air a cròthadh gu tìr leis an deigh mhoir, agus an sin chuir diùlnach d am bainm Paddy Sampson agus beagan de luchd cuideachaidh crioch oirre le forcannan-feòirs inn ealan bàsmhor eile. Thatar ag radh nuair a bha i marbhs a dhfhosgladh a beul gun do sheas gille da bhliadhndeug a dhaois eadar a da chàirein.

Chaidh soitheach seòlaidh dam bainm Onora a chall faisg air beul acarsaid Halifacs, oidhche Di-sathuirne an la mu dheireadh de dhAprail. Bha ceò trom ann toiseach na h-oidhche, chaidh an soitheach bhar a cùrsa, ’s bhuail i air creig. Bhàthadh an sgioba gu h-iomlan, sianar eadar sgiobair is sheòladairean. Bhuineadh dithis dhiù do Nobha Scotia, dithis eile doNew Brunswick, ’s aon do Newfoundland. Cha dfhuaireadh fios ciod a bainm no dùthaich don t-siathamh fear.

Tha an t-iasg ris an canar am biorach o chionn thri bliadhna adeanamh call mor air iasgairean nan roinnean iochdrachacur as do n iasg a bhios iad a glacadh agus a bristeadh nan lion orra. Timchioll chladaichean Cheap Breatunn tha moran de na h-iasgairean an deigh call mor fhulang, agus tha daoine dhen bharail gu bheil e dleasanach air àrd-riaghladh na dùthcha ionnsaidh a thoirt air cur as don bhiorach gu buileach. Dhaontaich comhairle na siorrachd so air an t-seachduin sa chaidh a chùis a chur fa chomhair an àrd-riaghlaidh, agus tha dòchas aca gum faicear iomchuidh mi-eigin a dheanamh air-son an t-iasgach a chumail o bhi air a thur mhilleadh.



[183]

[Vol . 12. No. 23. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
McDonald Building, Charlotte Street.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Oran.

LE AONGHUS MAC-AN-TOISICH.

Dhfhag sinn cladach Alban ,
Us gach gleann, beannus tulach
Air am bi gu bràth ar déigh,
S far am bheil luchd-gaoil a fuireach.

FONN
Sgoltadh thonn, sgoltadh thonn,
Sgoltadh thonn cuan nan gailleann;
Sgoltadh thonn, sgoltadh thonn
Leis an longs fearr aig Ailean.

Chaneil mulad air aon ghnùis,
Chaneil aon sùil a sileadh:
Tha gach neach an geall air òr,
Us le stòrdol a thilleadh.

Us an aite port a bhroin,
Cumha Dhomhuill Bhàin Mhic Cruimein,
S ann tham piobairethair bord
Cur na seoiddhanns’ ’sa mhireadh.

Us than long gun bhréid, gun seol,
Ach le innleachdan teine,
Srachdadh tonnan garg lesròin,
Usgan cuir nan ceo le deireadh.

Air tir chrannach mhor an iar
Tha a sroin air a cumail,
Leis na fir nach stiùireadh clì,
Gillean Ilagus Mhuile.

Cluinnear aon a seinneadh cliù
Tir nam buirda gun ghainne,
Air am bheil gach smuainus suil,
S air am bheil sinn dluth a teannadh.

Us neach eileg innsmun fhonn
A tha saor, farsuinn, torrach;
Us a leithid éigneach lom
Tha an Albchreagach, chorrach.

Soraidh leibh, a chuideachd chaomh,
Tha Cuebecnis am fradharc,
S mar a sgapar moll le gaoth,
Bidh sinn sgaoilte gu goirid.

Us mur coinnich sinn gu bràth,
Uss es docha nach coinnich,
Cumaidh gaol ar n-oige blath
Do thir bhoidheach nam bonnach.


An t-Each Donn.

LE DONNACHADH RUADH MAC CUITHEIN.

Thuirt an t-each donn aig Gilleasbuig,
Fhuair mi greiseagan sàruich:
Bha isas mo dheaghaidh
S miga draghadh gu làidir,
Bha mi greis aig tigh Dhòdd leath’,
S aig cornair tigh Larraidh,
Isnuair ghabh mi fuachd
Thug mi suas an t-sraid ard orm.
Na hoigh ho .

Thuirt Seost, ’s e dol seachad,
S ecur orm fàilte,
nise do naigheachd,
No cia mar a thà thu?
n t-aitan robh t-eolas,
No còmhnuidh do mhàthar?’
Bha mi greissa Bhras dOr,
Farn robh moran do mchairdean;
S ged a thug iad gu cùl mi,
Cha bu diumbach miPhadraig.
Na hoigh ho .

“ ’S e tarruinn an sgadain
Alagaich cho tràth mi,
Dol fodhanns na barrain
S a bristeadh na bàire
Ga thoirt thun aghriasaich’,
S gu Iain a bhrathair,
S gu Aodh is gu Eachunn,
S gu mac Iainic Phadraig.
Na hoigh ho .

Bha mi turus aig Eachunn
Fhuair mi pailteas de shàradh,
Ged nach drainig mim baile
Chaidh mi faisg air tigh Chearnaidh,
Nuair a thainig am feasgar,
Nach deanamaid càll dheth,
Bha tigh air a chùl
A bha dlùth dhuinn an càirdeas.
Na hoigh ho .

Mun drainig mi Lachlainn,
Be mo charaide bàigheil,
Thiormaich e mfhallus
S chuir e steach mi dhan bhàthaich,
Thug e ultach de dhfheur dhomh,
Is siol air a chàthadh,
Is deoch dhan an uisge,
S cha bu mhisde mo chàil e.
Na hoigh ho .

Gach neachtha mun cuairt dhomh
Tha tighinn air mo shàiltean,
S ann a labhair iad Beurla,
S cha tuig mise Gàilig;
Ged dheanainn mo dhichioll
Ri direadhs ri tearnadh,
S fheudar dhomh fuireach
Rim builleans rin stràcan.”
Na hoigh ho .

Thugadh an t-each donn aFrench Valemun bhliadhna 1842. Be a cheud each a thainig don chearnud dhen duthaich, agus chaneil teagamh nach robh e faighinn a dhiol ri dheanamh. Anns acheud rann tha air a chiallachadh leisas mo dheaghaidh,” muc a bha e slaodadh a stigh dhan bhaile agus a thug damaiste gu leor dha, oir cha robh ach fior dhroch rathad ann. A bharrachd air a sin cha tuigeadh e facal Gailig; oirs e each Frangach a bhann; agus cha robh Fraingis aig na daoine ann. Chaneil neach a thair ainmeachadh anns an oran an diugh beo.

Fhuair mi an t-oran so on Tàillear Moireasdan, duine sunndach, mar a tha na tàillearan mar is trice.

Anns an àireamh mu dheireadh dhen MHAC-TALLA thugAn Ciaran Mabachseachad a dha no tri de rannan dhen oranCailleach achàrnain.” So agad da rann eile:—

Thuirt bean Fhionnlaidh Ormond,
Chunnaic misam bòcan,
S on bha mi na mònrachd
Cha do dheonaich mi fantainn.

S mor an t-aobhar smaointean,
Ma bhualas an t-aog i,
S gum faighear na slaoid i
An taobh so dhen bharrain.

PEIGIDH PHABACH.


Oran Stuamachd.

AIR SEANN FHONN.

Rachadh cuideachd òg na stuamachd
A thoirt sguabadh air na frògan.

Ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn,
Ho-gaidh ho, na ho-ro -o;
Ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn.

Sud na lasgairean tha buadhach,
Gillean stuama, fallain, stòlda.

Togaibh bratach ghlan na stuamachd,
Thugaibh buaidh, is leanaibh tòrachd.

A cur teicheadh air gach grùdair,
Gus an dùinear tighean pòiteachd.

Sud an stuthsa bheil am puinsein,
S beag tha loinn air fear a dhòlas.

Sud an stuth a bheir a sgoinn as,
Gachur air a dhruimsan òtraich.

Salach, diblidhs mar a thà e,
S e ar bràthair: deanaibh còmhnaidh.

Eireamaid a mach mar aon neach,
Biomaid uilair taobh na còrach.

Eireamaid le rùn cur as da,
S mac-na-braichedeanamh dòbheart.

Cuim am fuilgeadhmaidnar measg iad,
Tighean misgearachd is fòirneart.

Bidh na h-ighneagan leinn uile:
S math an cuideachadhsan tòir iad.

Theid na mnathan leinn le dùrachd:
S iomadh dhiubh chiùrr an t-òsdair.

S iomadh tha caoidh gu cràiteach
Mac, is bràthair, is fear-pòsda.

Cumamaid ar bratach suas
Gu faigh sinn buaidh air stuth na tòiseachd;

S gus nach faighear anns an dùthaich
Neach a thairgeas drùgh ri òl dheth.

Nuair a dhfhàsas daoine stuama
Bidh an gluasad mar is còir dha.

Ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn,
Ho-gaidh ho, na ho-ro -o;
Ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn, ho-rinn.

Mareil eolas aig an leughadair air an t-seann fhonn so, faodaidh na rainn a bhi air an seinn air fonn, “Sud agaibh an deoch a dhòlainn.”


Ho ro, Mo Nighn Donn, Bhoidheach.

LUINNEAG.
Ho , mo nighn donn, bhoidheach,
Hi , mo nighn donn, bhoidheach,
Mo chaileag laghach, bhoidheach,
Cophosainn ach thu?

A Pheigi dhonn nam blàth-shul,
Gur trom a thug mi gradh dhuit:
Tha diomhaigh, ’ghaoil, is dailleachd
A ghnath tighn fo mùidh.

Cha cheil mi air an t-saoghal
Gu bheil mo mhianns mo ghaol ort;
S ged chaidh mi uat air faondradh,
Cha chaochail mo rùn.

Nuair bha mi ann ad lathair,
Bu shona bha mo laithean,
Asealbhachadh do mhanrain,
Is aille do ghnùis.

Gnuis aoidheil, bhanail, mhalda
Na h-oigh is caoimhe nadar;
I suairce, geanail, baigheil,
Lan grais agus muirn.

Ach riamh on dhfhag mi dfhianuis,
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe tromga phianadh
Le iarguin do rùin.

Ge lurach air achabhsair
Na mnathan oga Gallda,
A righ! gur beag mo ghealls
Air bhi sealltainnnan gnùis.

S ann tha mo rùns na beanntaibh,
Far bheil mo ribhinn ghreannar,
Mar ròs am fasach shamhraidh,
An gleann fado shùil.

Achnuair a thig an samhradh,
Bheir mise sgriob don ghleann ud,
S gun tog mi leam don Ghalldachd,
Gu h-annsail, am flùr.


CUISEAN CLEIREACHAILOidhche Di-haoine, an naodhamh la fichead den mhios a dhfhalbh, bha an t-Olla W. H. Smith air a shuidheachadh mar mhinisteir an Eaglais Sràid Falmouthsa bhaile so. Shearmonaich e a cheud uairsan Eaglais air Latha Bealltainn. Tha Mr. Smith na dhuine og an tréine neart, air am bheil cliù mor mar dhuines mar shearmonaiche. Bha e roimhe so ann an Summerside, E. P. I. —Tha Mr. Mac-Fhraing, a bha anns an eaglais so roimhe, a nis air a shuidheachadh ann am parraistesan t-seann dùthaich. —Tha Mr. Forbes, ministeir St. Andrews, air a thurus dhachaidh a tir Chanàain. Tha duil ri e ruigheachd Shidni air an t-seachdain so. —Tha Mr. Tearlach Mac-an-Toisich, a bha tinn a gheamhraidh, a nis gu slan, fallain, ’s air ceann a shaoithreach aigReserve Mines.



[184]

[Vol . 12. No. 23. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Marbhrann.

LE UILLEAM MAC LEOID.

S bochd an sgeul aig luchd-eolais,
Bhliadhnùr a dhfhàg brònach luchd-dàimh,
On a chaill iad an t-òigfhear
A bhan Hògh, nuair bu bheo e, na thàmh;
Bu tu smior an duin’ -uasal,
Bha aoidheil ad ghluasads ad ghnàths,
S mi nach aithnicheadh ort gruaman,
Ged a chluinneadh tu tuairisgeul cearr.

S e bha tùrsach na h-eolaich
N àm dhaibh dfhaighinn gun deo leis abhàs,
Bha do phàrantan brònach,
Chuir e saigheadn am feoil gun bhi slàn;
Chaill iad fiùran na maise,
Bha ro chliùiteach ri fhaicinn air blàr,
Dhaithnicheadh càch ort le tfhaicinn
Gu robh aoidh agus tlachd ann an ghnàths.

S beag an t-ioghnadh do bhràithrean,
S bidh do pheathraichean cràiteach rim beo,
Iad gun sunnd ri ceol gàire,
Bhon la chuireadh tun càradh fon fhòd,
Fhuair iad greadan a chràdh iad,
Leag an cridhe gu làr leis a bhron,
S beag an t-ioghnanh le càch sud,
S gu robh cridhe gach nàbaidh fo leon.

Bha thud chompanach sàr mhath,
Nach robh sgrubail ad ghnàths air aon seol;
Bha thu siobhalt ad nàdar,
S bidh do dhuais ann an làthair aMhòid;
S bochd a chuideachd a dhfhàg thu,
Bhi ga dchumhas es dàn dhaibh rim beo,
On a chaidh do chàradh
Ann an an ciste chaol chlàraidh nam bord.

Bha thu caranta, càirdeil,
Thug thu barrachd air àireamh an t-sloigh,
Ged a thainig am bàs ort,
M fear nach caomhain aon stàl anns an fheoil,
Bheir e uainne nas tràithe
A chuid is airidh air gràdh an Ti Mhoir,
Chum an togail gu Pàras,
Gun bhi siubhal am fàsach nan deoir.

S aobhar smaointean gach la dhuinn
Gun tig teachdair a bhàis oirnn mar cheo
Ged a bhiodhmaidn ar slàinte
S sinn gun fhios nach e màireach an ;
A bhi lag no bhi laidir
No bhi sean thig am bas air ar tòir,
S a dhaindeoin spionnadh nan gàirdean
Cha bhi fuireach no dail aig an òig’.

Ciod em feum bhi ga àireamh,
Ged a gheibheamaid cradh na bu mhò?
Thig sud uile gun dail oirnn,
Chaneil neach ann a thearnar le sgleo;
Thug am bas leis na fàidhean,
S thug e buille don t-Slànuighear Mhor,
S ged bu treibhdhireach Dàibhidh,
Rinn a chumhachd a chàradh fon fhòd.

Ach leam is cinnteach bho dnadar
Gun dfhuair danamsa fabhar aig gloir,
Thainig cuireadh on Ard-Righ,
Aigbheil iuchair na slaintis na neoil,
Ga dghairm thun a Phàras
Sa bheil sonas is gairdeachas mor,
Steach air geata nan grasan
Far nach coinnich am bas riut nas .

Rugadh Uilleam MacLeoid ann an Uidhist a chinn aDeas, agus chaochail e aig na Forks, faisg air Sidni, ’sa bhliadhna 1876. ’S annsan t-seann dùthaich a rinn e am marbhrann.


Oran

LE DUGHALL MAC PHAIL.

Air dha bhith air an rathad do Shasunn, ’s en déigh a bhean agus a mhac, Domhnull beag, fhagail.

A Dhòmhuill bhig, o o ,
A Dhòmhuill bhig, o o ,
A Dhòmhuill bhig, o o ,
Tha minntinn trom on dhealaich sinn.

A Dhomhuill bhig, ’s tu mùigh is mannsachd!
S i do bhlàth-shuil grian mo shamhraidh;
Chlaon gach ni gu duibhregheamhraidh,
Bhon a chaill mi sealladh ort.

Dhfhag min nochd thu measg nan -Ghall,
Ghabh mi fàthnuair bha do chùl rium;
S cinnteach leam gun dean thu mionndrainn,
Mun tig dùiseal cadail ort.

Dhfhag min diugh thu feins do mhàthair
As mo dhéigh ro chianail, craiteach;
Cruas na bliadhna, ’s chan en t-ailghios,
Chuir an dràsddo Shasunn mi.

S trom mo ghleuss minochd gar n-ionndrainn,
S mi air barr nan strachd-thonn dùmhail,
Fagail Albainn air mo chùlaobh,
Dol a null thar Berwick.

Chi mi mach thar gualan fhuaraidh
Cladach garbh is gailbhich nuallan;
S mor gum bfhearrbhifagall Chluaidh
S a stiùireadh tuath airEalasaid.”

S beag tha dhfhios aig fleasgaich aosda
Liuthad ànradh is cruaidh-fhaochnadh
Thaig fear-teaghlaich air bheag maoin
Astri ri saoghal carraideach.

Ach ged tha mi bochdn am chrannchur,
S beag na thagam fhéin de fharmad
Ris na fleasgaich sheasga, bharr-chruaidh,
Ged robh sealbh air fearann ac’.

Am fadsa gheibh mi biadh is aodach,
S comunn blàth mo chéile ghaoil
Lefiùrain ogafas ritaobh,
Cha chuir an saoghal smalan orm.

Ged tha mise cian air fògar
Bho na glinns an goir an smeorach,
S iomadh linn on bha mo sheorsa
Eadar Ròthaills Brathadal.

S iomadh cearn don drinn iad sgaoileadh
Deas is tuath air feadh an t-saoghail;
S iad na Goills na caoirich mhaola
Chuir mo dhaoinair allaban.

S iomadh fàrdach fhialaidh, aoibheil
Bhanns aghleann am faightan aoidheachd,
Tha gun cheann, gun chrùb, gun taobhan,
Fo na caoirich Shasunnach.

Gleann mo chridhe! gleann mo dhùthchais!
Gleann nan raons nam fuaran cùbhraidh!
Nam bu leam ach trian de mdhùrachd,
Sud an ùirs an caidilinn.


ChaidhRichmond Corner,baile beag ann anNew Brunswick,a dhubhadh as le teine toiseach na seachduin so. Bha ceithir taighean deuga air an losgadh, ’s cha deach a bheag sam bith de bhathar no de dhinnsridh a shàbhaladh.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


AGhailig:
“ ’S i labhair Adhamh
Ann am Parras fein.”

“ ’S i as fear gu togail inntinn
Le binn-ghuth comhraidh tlath,
S i as sgaitiche gu mi-mholadh
S as minenochdas gradh;
N am cruinneachadh nam miltean
Le piob gu iomairt lann,
S i a dhuisgeadh colg air oigridh,
Nuairthogteadh srol ri crann.”
Donnachadh Bàn.

Cuir a dhiarraidhMhic-Talla.”


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain asùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton

titleIssue 23
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 23. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page