[185]

[Vol . 12. No. 24. p. 1]

MAC-TALLA

AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHAN AITHRIS MI MAIREACH

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, MAIGH 27, 1904. No. 24.


Tha MAC-TALLA a nis da bhliadhna dheug a dhaois. Cuiridh an àireamh a thig a mach air a24mh la de dhIun crioch air Vol. XII. Leis an àireamh sin, mur tachair ni-eigin ris nach eil dùil, gabhaidh e a chead deireannach dechàirdean. Chan urrainnear leantuinn air a chur a mach nas fhaide, a chionn aobhar no dhaan t-aobhar as nach eil uiread de na Gàidheil ga ghabhailsa dhfhóghnadh air-son a chumail air adhart.


Bha bochdainn mhor air agheamhradh sa chaidh air sluagh taobh an ear Newfoundland, an àiteachan lethoireach a tha doirbh an ruigheachd aig àm sam bith den bhliadhna achsan t-samhradh. Bha aig moran dhiu rin cuid bidh is annlan a tharruinn leth-cheud mile air sleigheachan chon. Nuair a rainig a cheud soitheach na h-àiteachan sin air an t-samhradh so cha robh punnd fluir no mine ri fhaotainn ann an astar mhìllean.


Thainig uisge o chionn seachduin a rinn feum mor don dùthaich. Dior-daoins Di-haoine sa chaidh thainig dìle mhor an deigh turadh a mhair còrr is da sheachduin. Ged bhan t-uisge sin car fuar thaisich en talamh agus air an t-seachduin so thainig frasan blàtha agus grian a thug adhartas mor air feur is fochann. Tha na craobhan fo dhuilleach, ’s than aimsir air a chuid as lugha seachduin nas tràithe na bha in uiridh.


Bha cuid de phaipeirean nan Stàidean ag innse gu robh coig ceud duine tinn leis a bhric ann an Sidni aig aon àms gu robh na ficheadan air bàsachadh. Nach beag an t-ioghnadh ged tha daoine tuigseach cho leisg air an cuid sgeul á duthchannan fad as a chreidsinn nuair thogadh iad sgeul cho breugach an àite nach eil ach beagan cheudan mile on dùthaich fein. Cha robh an naidheachd so ach a reir àbhaist nam paipeirean buidhe. Cha tig as a phoit ach an an toit a bhios innte.


Tha Latha Bhictoria, a reir lagh na dùthchas cleachdadh an t-sluaigh, air a chumail cho mathsa bha e, roimh bhàs na bàn-righnn òirdhearc sin, air a chumail mar a latha-breith. Be Canada a cheud chearna den Iompaireachd a rinn latha-saor dheth an deigh a bàis. Lean cearnan eile a h-eisimpleir. agus ged tha latha-breith an righ air an naodhamh latha de Nobhember, thug e-fein òrdugh gum bann air a cheathramh la fichead den Mhàigh a bhiodh e air a chumail. Faodar a radh gu bheil e ann an Canada nas measaile na latha-saor sam bith eile. A tighinn dìreach an deigh fuachd a gheamhraidhs buige an earraich, mar gum beadh aig starsnach an t-samhraidh, tha e na latha da-rireadh toilichte, agus chan eil sean no òg, bochd mo beairteach, nach fheaird a thighinn. Chan eil ach aon roinn an Canada anns nach eilear gachumail gu riaghailteach; ’se sin Cuebec. Gabhaidh an roinn sin fhein ris fhathast, agus bidh an ceathramh la fichead den mhios so air a chumail, le muinntir na dùthcha so co-dhiù, mar cheud latha-saor an t-samhraidhs mar chuimhneachan air a bhàn-righ a bfhearr a shuidh riamh air cathair-rioghail a dùthcha.


Tha a bhreac a dol bàs ann an Ceap Breatunn. Chan eil tinn leatha ann an Sidni a nis ach fior bheagan a tha dol am feobhas, agus chan eil i sgaoileadh idir. Tha i cuibhteas Hogamah, far an robh i o chionn mios no dhas far an dthug i fo chis eadhon fear de na dotairean. Chan easlaint samhraidh a bhreac co-dhiù, agus on tha a mhor chuid den t-sluagh an deigh iad fein a dhion leis a bhreac bheag a ghabhail tha dòchas aig daoine nach bi i cho pailtsan dùthaich air chabhaig a rithist.


A reir cùnntais a thugadh seachad anns a phàrlamaid Bhreatunnaich air an t-seachduin sa chaidh, tha e cosd dlùth air leth muillion dolairsa bhliadhna aon de na soithichean as motha thasa chabhlach-chogaidh a chumail air obair eadhon an àm sithe. Tha bhi cumail suas airm is innealan-cogaidh naeallach trom air dùthaich, agus bidh aobhar aig an t-saoghal uile air gàirdeachas a dheanamh nuair a thig na slòigh gu bhi bualadh an claidhean gu coltairean, agus an sleaghan gu corrain-sgathaidh; nuair nach tog cinneach claidheamh an aghaidh cinnich, agus nach fòghlum iad cogadh nis .


Tha iasgairean ag radh gu bheil am biorach na bhiadh math air-son glacadh truisg. Than t-àrd-riaghladh a dol a chur dearbhadh air sin air an t-samhradh so. Tha na bàtaichean cogaidh a bhios ag amharc thairis air an iasgach ri cuid den ùine chur seachad a glacadh bhiorach a bhios air an toirt a nasgaidh do na h-iasgairean gu bhi air an ùisneachadh mar bhiadh. Ma dhearbhar gur biadh math iasgaich iad, faodar a bhi cinnteach gum bi na h-iasgairean gle dheònach leantuinn orra, oir bhiodh iad mar sin a marbhadh da eun leis an aon urchairacur as don bhioraich, ’s acaomhnadh an sgadain air-son feum dhaoine.


Thatar ag innse dhuinn gu bheil Marconi air a thurus do America, gum bi e an ùine ghoirid anGlace Bay.Chan eil an innleachd aige gu ruige so gle shoirbheachail, ach tha eg obair oirre gu dichiollach, agus tha dòchas aige nach ruith moran ùine tuilleadh gus am bi e comasach dha fiosan a chur thar a chuain leatha. Tha fios a Sasunn ag innse gu bheil na h-iasgairean timchioll air Poll-dubh, an Cornwall, ag iarraidh stad a chur air na h-obraichean a chuir e suas an sin, a chionn gu bheil dile uisge ann a chuid as den ùine on chaidh an togail. Cha chuala sinn gearain sam bith den t-seòrsa a tighinn áGlace Bay.


Thachair droch sgiorradh aig Eilein Phòil maduinn Di-haoine sa chaidh. Bhuail an soitheach-smùideTurret Bayair an eilein, agus an ceann fhichead mionaid chaidh i don ghrùnnd. Bha duinair fhichead de sgioba oirre, ’s bha tri deug dhiù air an call. Bha coignear dhiù sin air an togail le bàta, ach bha iad cho fad air aiss gun do chaochail iad mun dfhuaireadh an toirt gu tir. Bha naodhnar a chaidh a shabhaladh air an toirt gu tir le dithis dhaoine thag obair air an eilein, Iain, mac do Shomhairle Caimbeal, fear riaghlaidh an eilein, agus fear MacLeòid. Bhan soitheach luchdachte le gual air a turus o Shidni gu Montreal. Bha an sgiobair Hayden air aon den fheadhain a bhair an call.


Than t-àrd-riaghladh an deigh daoines mnathan a thoirt a nall á alba a dhionnsachadh do iasgairean an sgadan a ghlacadh a reir dòigh na seann dùthcha. Than cairtealan ri bhi aig Canso, N. S., ’s thainig soitheach-smùide nall leotha gu bhi aca rin obair. ’Se barail an luchd-riaghlaidh gu faighte pris a bfhearr air sgadan na dùthcha so nan ionnsaicheadh na h-iasgairean a ghiullachd mar a bhithear a deanamh an Alba.

Chaidh Aonghas MacIomhair, aig na Caoil Bheaga, a mharbhadh air an t-seachduin roimhn te sa chaidh le tuiteam fo lòd feòir. Bha e na shuidhe air an lòd nuair chuir a chairt car dhith. Bha esan air fhaotainn fodhn fheur, air a dhochann cho mors gun do chaochail e. Bha e ceithir fichead is aon bhliadhna dhaois. Bha e na dhuine aig an robh deagh fhòghlum, ’s a bha re ùine nainspectornan sgoilean ann an siorrachd Victoria. Bha e mar an ceudna na fhear-ceartais, agus bha deagh mheas air am measg nan eòlach.

Than Dotair Murchadh Siosal ann a Halifacs a thairgse do oil-thigh na h-Eaglais Chleirichsa bheil sinn coig dolair fhicheadsa bhliadhna gu bhi air a thoirt mar dhuais don fhoghlumaiche as fhearr air a Ghàilig. Tha moran de na h-òganaich a tha criochnadhadh am fòghluim anCnoc a ghiubhaisnan luchd-labhairt Gàilig, ’s tha dùil aig a mhor chuid dhiù sin a bhiga searmonachadh, ach gu ruige so cha robh iad a faighinn cothrom no cuideachadh sam bith air a h-ionnsachadh. Than Dotair Siosal air son sin a leasachadh, agus a tairgse na duaise dhainmicheadh, an dòchas gun dean daoineile tuilleadh cuideachaidh leis an deagh aobhar.


Smaointean Iriosal.

Is miann leis gach neach eòlas saoghalta agus cliu dhaoine a mhealtuinn; ach ciod an tairbhe a ta ann an cliu agus am foghlum gun eagal ? Is fearr gu deimhin am fear-duthcha iriosal a ta ri seirbhis do Dhia, na am feallsanach uaibhreach a ta beachdachadh air cursa nan nèamh, is ga dhearmad féin. An neach dan aithne e fein gu maith, bithidh e suarachna shealladh féin, is cha tlachd leis cliu dhaoine. Ged baithne do dhuine gach foghlum a ta ra fhaotainn, agus gach lagh a



[186]

[Vol . 12. No. 24. p. 2]

ta riaghladh a chrumne-ché, ma tha e aineolach air truaillidheachd a chridhe féin, agus as eugmhais gràidh don Ti sin a chruthaich e, ciod an tairbhe a bhiosnauile eòlas an lathair Dhénuair a bheirear breth air a réir a ghniomhara?

Leig dhiot mor-mhiann air cliu an t-saoghail so, do bhrìgh gum faighear an sin mòr chealg agus seacharan inntinn. Iadsan a ta foghluimte is miann leo bhi air am meas agus air an gairm nan daoine glice; agus tha iad gu minic ag iarraidh deadh-ghean dhaoine thar deadh-ghean an Tighearna. Is mi-chiallach an duine sin a chuireas a dhùil ann an nithibh talmhaidh, ’nuair tha e adichuimhneachadh nan nithe sin tha feumail chum beatha agus slàinte. Cha sàsuich mòran fhocal an t-anam; ach tha deadh chaithe-beatha atoirt fois don inntinn, agus coguis ghlan atoirt seachad mor-earbsa ann an Dia.

Mar is agus is fearr teòlas, ’sann o sin is truime a bheirear breth ort mur caith thu do bheatha a réir lagha Dhé. Uime sinna bi air do thogail suas le eòlas no foghlum air bith, ach bitheadh eagal ort an còmhnuidh nacheil thu a gluasad a réir nan cothroman a chaidh a dheònachadh dhuit. Ma chithear leat gur aithne dhuit mòran do nithibh, agus gu bheil teòlas aruigheachd a dhionnsuidh nithe dorcha agus do-thuigsinn, cuimhnich aig an àm cheudna gur lionmhor na sin gu mòr na nithe air am bheil thu aineolach. Na bi àrd-inntinneach, ach gum bfhearr leat taineolas aideachadh. Na cuir thu féin roimh neach sam bith, agus na dean tàir air aineolas neach eile, ’nuair a gheibhear mòran nis foghluimte agus nis glice na thu féin. Mas àill leat eòlas agus ionnsachadh feumail fhaotainn, bi an còmhnuidh afiosrachadh do dhleasanais do Dhia, agus gad mheas féin neo-fhoghluimte. Cuimhnich gu bheil gach neach lag agus buailteach do mhearachd; ach faic nach meas thu neach air bith nis anmhuinne na thu féin.


Mu Mhiodal.

Bha aon do uachdaranaibh Shasunn, dom bainm Canute, ’na righ àrd agus cumhachdach. Le a ghiulan glic agus seòlta dhfhàs e mòr ann an cliu agus am beartas; thug e buaidh air a naimhdibh gu h-iomlan; agus dhaighnich e a righ chaithir le laghannaibh cothromach a thoirt da iochdaranaibh, agus le ceartas a dheanamh eadar duine agus duine. Thachair e gun robh uaislean an righ so ro-mhiodalach ris. Bha iad ga àrdachadh ann an inbhe os ceann gach creutair cruthaichte, agusnan amaideachd bha iad ag ràdh gum buineadh an talamh agus an fhairge dha, agus gun robh gach nisa chruinne-ché gu h-iomlan fa cheannsal.

Mhi-thaitinn am miodal so ris an righ; agus chum achmhasan a thoirt doibh, dhorduich e a righ-chaithir a shuidheachadh air traigh na fairgenuair a bha an làn-mara air traoghadh. An sin chaidh e dhionnsuidh na traighe, agus air dha suidhe siosna chaithir rioghail, agus a dhaoine mòra uilenan seasamh mun cuairt da, thubhairt e ris an fhairge. “Cuimhnich, O chuain! gu bheil cumhachd agamsa os do cheann, agus gum feum thu bhi umhal do gach focal a labhras mi. Tha mig ràdh riut na tig nis faide agus na fliuch casan do mhaighstir.” An deigh dha so a ràdh thòisich an làn mara ri teachd a mach lion beagan is beagan; bhuail na tonnan gu laidir agus gu buaireasach air an righ-chaithir agus béigin don righ teicheadh as an rathad, chums nach sluigeadh na h-uisgeachan suas e. An sin thionndaidh e ra uaislibh agus thubhairt e riu, “Tha sibh afaicinn nacheil amhuir umhal do mghuth, agus nacheil tuille suim aice dhiom na bhiodh aice don duine as truaighe agus as aimbeartaiche a ta chòmhnuidh am rioghachd. Cuimhnichibh á so suas gur esan a mhàin a ta airidh air cliu agus urram a chaisgeas tonnan uaibhreach na fairge, agus a their rithe le cumhachd, “an fhad so thig thu, agus na tig nis faide.”

Tha an duine miodalach an còmhnuidhna dhuine cealgach. Dealbhaidh e aimhleasna chridhe do bhrìgh nacheil suim aige do fhirinn no do cheartas; agus bheir e air a theangaidh snas a chur air gach ni tha e acoimhlionadh chums gun dall e sùilean an t-saoghail so, agus gum faigh e cliu agus urram o dhaoinibh. Labhraidh e ris an neach as agus as cumhachdaiche na e fein le briathraibh miodalach chums gun dean e buannachd dheth. Gun churam air bith aige do staid a chridhe giulainidh se e fein gu faicilleach am fianuis dhaoine; agus cosmhuil ris an Phairiseach chealgach, glanaidh e an taobh am muigh, ’nuair tha an taobh a stigh dheth làn do reubainn agus do aingidheachd. Uime sin ma tha mhiann oirnn gum bi Dia air ar crann, feumaidh sinn teangadh mhiodalach a sheachnadh, agus an fhirinn a labhairt anns gach cùis, agus rìs gach neach. Tha e an còmhnuidh mar fhiachaibh oirnn a thoirt fa near nach ann a reir barail dhaoine a theid breth a thoirt oirnn, no a reir meas ar co-chreutairean a bhios ar gniomharan air an cothromachadh. Tha ar cridhe rùisgte an lathair Dhe. Is leir dha gach smuain dom bheil sinntoirt caidreamh. Sgrùdaidh e airnean ar cridheachan agus bheir e breth oirnn agus luigheachd dhuinn a reir ar toillteanais.

Air an aobhar sin na tugamaid mòr-aire do bharail sluaigh eile mu ar timchioll; ach rannsaicheamaid ar cridheachan fein le mor-churam; cothromaicheamaid ar gniomhara a reir lagha fhiorghlan Iehobhah; thugamaid fanear gu bheil sinn ag iarraidh bhi foirfe agus coimhliontanar giulan, agusnar n-urnuigh ri Dia abradh gach aon againn gu dùrachdach, “Rannsaich mi, a Dhe, agus aithnich mo chridhe; dearbh mi agus tuig mo smuainte. Agus amhairc am bheil slighe olc air bith annam, agus treòraich mi anns an t-slighe shiorruidh.” Gluaiseamaid air an dòigh so, agus an sin saoraidh Dia sinn o chridhe cealgach, agus o theangaidh mhiodalaich; stiùraidh e sinnsan t-slighesan còir dhuinn imeachd, agus bheir e fadheoidh sinn a dhionnsuidh rioghachd na glòire.


AM MAC A BOIGE.

Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.

CAIBIDEAL XII.

GHABH Fear abhaile amhrus anns amhionaid gum biad sid an triuir a cheangail mise, agus a thug uam mo chuid airgid, agus thuirt e ri fear an taigh-òsda gum feumadh e am punnd Sasunnach ud a ghleidheadh gu cùramach, agus mar an ceudna gum feumadh e beachd sònraichte a ghabhail air na daoine, a chum gun aithnicheadh e rithist iad. Agus dhinnis e dha gun do ghabh e fhein amhrus orra.

Thuirt fear an taigh-òsda ris gun robh e cinnteach gun aithnicheadh e iad ge be air bith àite anns am faiceadh e iad. Agus thuirt e gum feumteadh sùil a chumail orra gus am faighteadh ughdarras on luchd-lagha gus an glacadh.

Am feadhs a bha iad acur an comhairle richeile a thaobh ciod an dòigh a bfhearr dhaibh a ghabhail, thainig an Dr. Morton thun an taighe- Dhinnis iad dha na chunnaic agus na chualiad, agus gun robh amhrus làidir aca gum biad sid an nriuir a rinn an t-olc.

Feumar sùil a chumail orra gu bog, balbh,” arsesan. “Con taobh a ghabh iad an uair a dhfhalbh iad?”

Thug iad an aghaidh air an taobh as an dthainig sibh fhein,” arsa fear an taigh-òsda; “agus ma lean iad an rathad, bu choltach gun tachradh iad ribh ann am braigheghlinne.”

Chan fhacas cha dfhairich mise duine air an rathad; ach is docha nach do lean iad an rathad idir. Ma smaoinich iad gun do ghabhadh amhrus sam bith orra, faodar a bhith cinnteach nach e an taobh air an dthug iad an aghaidh an uair a dhfhalbh iad as aso, an taobh air am bheil an aghaidh an dràsta. Creideadh sibhse mise, tha fiamh is eagal air luchd-deanamh an uilc eadhoin an uair a bhios fios aca nach bithear adeanamh tòrachd orra. Is ann anabarrach olc a bhios daoine mur bi an cogaisg an dìteadh. Chan fhaod sinn ùine sam bith a chall gus an toirear achùis suas don luchd-lagha.”

Gun fhuireach na bfhaidebruidhinn mun chùis, mharcaich an Dr. Morton agus Fear abhaile gu math cabhagach gus an dràinig iad taigh an Fhiscal. Cha do labhair iad facal mun chùis fad an rathaid air eagal gun faodadh neach sam bith a bhiodh ann an sgairt-am-falach guth dhe na theireadh iad a chluinntinn.

An uair a rainig iad, dhinnis Fear abhaile gu soilleir, ordail don Fhiscal mar a dhfhalbh mise comhladh ris on taigh; mar a thug e orm àireamh nan notaichean a bhagam a sgriobhadhnam leabhar-pòcaid, agus ainm nam bancaichean dom buineadh iad; mar a dhfhag e mi air cùram fir an taigh-òsda; mar a thachair dha an leabhar-pocaid fhaotainn aig an amhainn; am beagan a thuig e den chomhradh a bheadar an triuir a thachair a bhith anns an taigh-òsda as an dfhalbh e air an fheasgar ud; agus mar a thug fear dhen triuir not de na bhanns an leabhar-phòcaid agamsa do fhear an taigh-òsda. Thug e dha mar nn ceudna mion-chunntais air coltas an triuir dhaoine air an robh an t-amhrus aige. Sgriobh cléireach sios a h-uile facal dhe na thubhairt e.

Thug an Dr. Morton cunntais dha mar an ceudna air mar a fhuaradh ceangailte mi, agus mi ann an cunnart grad bhàis.

Thuirt am Fiscal riutha gun robh a h-uile coltas gum faodadh iad amhrus làidir a ghabhail gum biad sid an triuir a rinn an cron, agus gun robh amhrus aige nach be sid acheud chron a rinn iad. “Tha gearain no dha air tighinn do mionnsuidh-sa mu dheidhinn dithis no triuir air am bheil droch amhrus, agus thug mi ordugh an diugh fhein do dhithis cho tapaidh agus cho gleusdas is aithne dhomh den luchd-glacaidh mheirleach, sùil am mach a bhith aca air



[178]

[Vol . 12. No. 24. p. 3]

an son, agus tha mi ro thoilichte gun dfhuair mi fios uaibhse nacheil acheart triuir air am bheil amhrus agaibhse agus agamsa fad o laimh. A réir mar a tha mise tuigsinn aghnothaich, is ann aig àm nam maragaidhean a mhàin a tha iad aig an droch obair; agus tha so atoirt tomhais de chothrom dhaibh air cumail á lamhan an lagha.”

Bha Fear abhaile agus an doctair glé thoilichte gun deachaidh aca air seirbhisich an laghachur air tòir nam meirleach. An deigh dhaibh earrann mhath dhen fheasgar a chur seachad comhladh ris an Fhiscal, agus biadh is deoch fhaotainn daibh fheins don cuid each, mharcaich iad air falbh ann am beul anamoch na h-oidhche.

Bha aca ri pailt ochd mile a dheanamh mun ruigeadh iad taigh an doctair far an robh Fear abhaile gus an oidhchechur seachad. Bhan oidhche air thuar a bhith gu math soilleir, oir bha àirde gealaich ann. Bha aca ri dhol troimh bhad no dhà coille. An uair a bha iad afalbh, thuirt am Fiscal riutha: “Thugaibh an aire mhath dhuibh fhein; oir tha e air aithris gum bheil robairean atachairt ri daoine anns achoille mhòir.”

On a bha fiamh gaire air an uair a thuirt e so, cha do chuir iad suim sam bith anns na thubhairt e.

Ghabh iad air aghart cho cabhagachs a burrainn daibh gus an drainig iad an dìreadh a bhaig iomall na coille mòire. Leig iad na srianan mu ghuaillean nan each, agus iad acoiseachd air an socair suas am bruthach. Bha iad acomhradh gu cairdeils gun iad asmaointean gun robh cunnart sam bith faisge orra.

Mun do thàrr iad sealltainn uca no uatha leum triuir dhaoine am mach as achoille, agus neapaiginnean dubha, sioda air an ceangal mun aghaidhean. Chaidh fear dhiubh an sàs anns an doctair, agus chaidh an dithis eile an sàs ann am Fear abhaile, agus thoisich iad rin draghadh air chasan bhar muin nan each.

An uair a bhan doctairna dhuinòg, cha robh mòran anns an dùthaich a sheasadh ris ann an caonnaig; ach on a bha e air fàs ao da, agus air tromachadh ann am feoil, chaidh aig an fhear a chaidh an sàs ann air a thoirt bhar muin an eich, agus a chur fodha ann an dìg an rathaid. An uair a fhuair an doctair e-fhein mar so fo ghlùinean amheirlich, agus a dhfhairich e e afàsgadh a sgòrnain, mar gum biodh e toileach a thachdadh, thòisich e ri glaodhaich àird a chlaiginn, agus ri eigheachmort, mort.” Cha robh esmaointean gun robh neach sam bithg a éisdeachd a dheanadh cobhair air, agus bha etuigsinn gun robh làn a chridhe aig Fear abhaile ri dheanamh e fhein a dhion on dithis fhear làidir a bhan sàs ann.

Bha Fear abhailena dhuine làidir, calama gu nàdarra, ged nach robh e àrd o thalamh, agus cha bhiodh e ro dhoirbh dha e-fhein a theanacsa o na fir a bhafeuchainn ri greim a dheanamh air mur be nach robh toil aige an doctair fhàgail ann an lamhan nam meirleach. Bheireadh e buille thalls abhos dhen chuip don na fir a bhan sàs ann, agus an uair a leigeadh iad as e, cha bhiodh e idir doirbh dha an t-each glas a churna chruaidh dheann, agus am fàgail an sid.

Bha fior thoil aige na neapaiginnean a thoirt bhar an aghaidhean; oir ghabh e amhrus gum biad acheart triuir a chunnaic e anns an taigh-òsda; ach ged a bha iad abreith air chasan air gus a leagadh bhar muin an eich, bha iad acumail an cinn cho fada uaithes nach fhaigheadh e greim orra. Smaoinich e uair is uair feuchainn rin leagadh fo chasan an eich; ach cha robh toil aige gum biodh bàs a h-aon diubh air a lamhan.

Ach an uair a chuale an doctair ag éigheach mort, thuirt e ris fhein nach robh e ceart dha fathamas sam bith a thoirt dhaibh. An sin fhuair e cothrom air buille mhath a thoirt do fhear dhiubh anns acheann le cas na cuipe a chuir meatachadh mòr ann. Thug e ionnsuidh air buillethoirt don fhear eile, ach dhfhairlich air.

Anns an àm thuig e gun robh an doctair ann an droch staid, agus ged a bha toil aige tighinn air làr gus a theanacsa, bha eagal air gum faigheadh an triuir lamh an uachdar orra le cheile agus gun tugadh iad dhiubh am beatha. Mu dheireadh leum e air làr, agus thug e buille don fhear a bhair muin an doctair a chuir o fheum e.

Ann an tiotadh bhan dithis eile an sàs ann; ach làidir, calamas mar a bha iad, chaidh aige air a chasan a sheasamh gus an déirich an doctair á dìg an rathaid.

Cha robh ach gann de lùths anns an doctair na sheasadh air a chasan; ach thug an cunnart anns an robh eg a fhaicinn fhein agus a charaid, rudeiginn de beothachadh agus de bhrosnacaadh dha. Anns an éirigh dha thuirt e ri Fear a bhaile: “Cum greim orra, mas urrainn dut, gus am faigh mise an sgian a chur annta.”

Gus aso cha duirt fear seach fear dhiubh aon fhacal; ach thuirt fear, dhiubh: “Ma tha sgian agadsa tha sgeinean againne mar an ceudna, agus dhfhaodamaid, nan do thogair sinn, bhur beathathoirt dhibhse le chéile fada roimhe so.”

Leis a h-uile strì agus ùpraid a bha orra taobh air thaobh cha dthug iad an aire gun robh triuir dhaoinetighinn gu cabhagach far an robh iad. Be am fear a bha strì ris an doctair, agus e gun chomas éirigh as an àite anns an robh ena shìneadh an déigh na buillethug Fear abhaile dha, a thug an aire dhaibh a tighinn. “Than tòir oirbh; thugaibh bhur casan as.” arsesan. Ged a bha e fhein gun chomas teicheadh, cha bu toil leis gun rachadh a chompanaich a ghlacadh.

An uair a chualiad so ghrad leig iad as an greim a bhaca air Fear abhaile, agus leum iad a steach don choille cho luaths a leigeadh an casan leotha. A steach a ghabh an triuir a thainig as an deigh, ach ann am beagan ùine chaill iad sealladh orra, agus an uair a chunnaic iad nach robh feum dhaibh leantuinn air an tòir na bfhaide, thill iad far an robh na fir a dhfhàg iad air an rathad mhòr.

Bha Fear abhaile agus an doctairnan seasamh acumail sùil air an fhear a bhana shìneadh, agus e gu cràidhteach, tùrsach, trom-inntinneach afeitheamh gus an tigeadh seirbhisich an lagha a dheanamh greim air. Bhan neapaiginn dubh sìoda a bha ma shùilean air a shracadh dheth le Fear abhaile; agus le solus na gealaich, a bha aig an àm adealradh gu soilleir air abhad dhen rathad air an robh iad, dhaithnich e gum be fear dhen triùir a chunnaic e aig an taigh-òsda, agus a thug seachad fear dhe na puinnd Shasunnach a bhagamsanan leabhar-pòcaid. Co bhann, ma ta, ach mo sheana chompanach, a gheall mo threòrachadh gu sàbhailte gu ruige Struidhleidh, ach a chuir lion mo mhillidh mu mchasan mun ddhealaich e rium.

(Ri leantuinn.)


Cionnas & Labhras Tu?

Oir is ann le dfhoclaibh a shaorar thu, agus is ann le dfhoclaibh a dhìtear thu.” —Mata xii. 37.

Is gann gum bheil earrann eile de dhfhacal an Tighearna as agus as trice bu chòir a bhith air ar n-inntinn nan earrann so. Chaneil rud sam bith, ma dhfhaoidteadh, dhem bheil daoinegabhail cho beag de shuim agus de chùram ris na briathran a tha iad a labhairt a h-uile latha. Tha iad adol air aghart len obair gach latha, agus is gann gun teid dùnadh air am beòil ach abruidhinn air nithean faoine, agus amaideach, agus olc. A réir choltais tha iad asmaointean gur coma dhaibh ciod a labhras iad ma ni iad an rud a tha ceart.

Ach an ann mar so a thachùis? Am bheil ar briathran cho beag brìgh agus cho neo-chudthromach ann an sealladh Dhé? Cha dàna leinn a ràdh gum bheil, an uair a bheir sinn fa near na briathran so a labhair an TighearnIosa. Tha ar briathrannan dearbhadh air staid ar cridheachan acheart cho cinnteachs a tha blas an uisgena dhearbhadh air staid an tobair as an dthainig e: “oir is ann á pailteas achridhe a labhras am beul.” Chaneil na bilean alabhairt ach na smaointean a thag éirigh anns an inntinn.

Air latha mòr abhreitheanais theid rannsachadh a dheanamh mu dheidhinn ar briathran, agus bheir sinn cunntas seachad mun deidhinn mar a bheir sinn mu dheidhinn ar gniomharan. Bu chòir dhuinn da rireadh so a thoirt fa near le cùram. Dhfhoghnadh an earrann sona h-ònar gus a dhearbhadh oirnn gum bheil sinn uile ciontach an fianuis Dhé, agus gum bheil feum againn air fireantachd as fhearr na ar fìreantachd fhin, eadhoin fìreantachd Chriosd.

Biomaid iriosal an uair a leughas sinn na briathran so, agus a chuimhnicheas sinn air an àm a dhfhalbh. Nach bu tric a labhair sinn briathran a bha faoin, amaideach, diomhain, olc, peacach, truaillidh! Nach iomadh facal a ghnàthaich sinn, a dhfhalbh fadas farsuinn, mar a bheir aghaoth air falbh fras-sgiathach achluarain, agus a chuir olc a mhaireas gu bràth, ann an cridheachan dhaoineile! Nach tric a bha ar còmhradh ri ar càirdean olc, truaillidh, agus mi-naomh. Mar a thuirt diadhair àraidh, “Faodaidh briathran truaillidh, eucorach, fanaideach greim daingean a ghabhail air inntinnean na muinntir a chluinneas iad an déigh don teangaidh a labhair iad a bhith crìonadh anns an ùir.” “Tha bàs agus beatha,” arsa Solamh, “ann an cumhachd na teanga.”

Thugamaid an aire, am feadhs a tha sinn agabhail beachd air na briathran so, gun cuir sinn romhainn nach bi ar comhradh anns an àm ri teachd cho faoin agus cho olcs a bha esan àm a dhfhalbh. Cuireamaid romhainn, tre ghràs Dhé, gum bi sinn nas faicliche air ar teangaidh na bha sinn riamh roimhe; agus biomaid ag ùrnuigh gach latha gum bi arcomhradh a ghnàth ann an gràs.” Abramaid a h-uile madainn, mar a thuirt Daibhidh naomh: “Bheir min aire do mshlighibh, nach peacaich mi le mtheangaidh; gleidhidh mi srian air mo bheul.” Glaodhamaid ris an Aon a tha làidir air son neirt, agus abramaid: “Cuir, a Thighearna, faire air mo bheul; gléidh dorus mo bhilean.” Is math a dhfhaodadh an t-abstol Seumas a radh: “Oir ann am mòran nithean tha sinn uile ciontach. Mureil duine ciontach ann an facal, is duine iomlan an duine sin.”

D.


EARBSA ANN AM FREASDAL AN TIGHEARNA. —Bha duine diadhaidh ann a bha acreidsinn gun robh gach bhatachairt ris chum a mhaith, agus bha a choimhearsnaich gu tric ri magadh no fanaid air. Bha soitheach adol a dh-America le daoine, agus bhan duine so afalbh cuideachd, ach dìreachnuair bha edol air bord thuit e agus bhrrit echas agus béiginn tilleadh dhachaidh. “Abheil sud airson do mhaith?” arsaon gun toinisg de na coimhearsnaich. “Chan eil teagamh nacheil,” arsesan, “ged nach urrainn duinn air an àm fhaicinn ciamar.” Chailleadh an long agus gach duine bhair bord, agusam measg chàich an duine gun iochd a chuir acheist sgeigeil ris an duine mhath so.



[188]

[Vol . 12. No. 24. p. 4]

RUAIRIDH ACHNUIC.

LE IAIN MAC CORMAIG.

THEIREADH daoine gum bamadan Ruairidh aChnuic; ach mar thuirt Niall Ruadh, “Mas amadan Ruairidhs iomadh amadan a thasan dùthaich.” O chionn ùine mhoir bha Ruairidh a fuireach ann am bothaig bhig taobh an rathaid mhoir, faisg air Iain aChnuicsan eilean Mhuileach. Bha ena fhasan aig Ruairidh a bhi bruidhinn ris fhéin; agus mun tigeadh tu mar cheud slat don dorus, chluinneadh tu cath còmhraidh a cheart cho dians ged a bhitheadh abhothag làn bho oisinn gu oisinn, mar bu ghlé thric a bhitheadh i, gu seachd sònruichtesa gheamhradh. Agus eadhonnuair bhiodh efalbh an rathad mor cha robh cath air am biodh iomradh bho latha Ionar-lòchaidh gu blàr Chùlodair air nach rachadh e thairis a cheart cho mionaideachs ged a bhiodh tuga leughadh ann an Eachdraidh na h-Alba; oir ged nach robh moran sgoil aig Ruairidh no aige, mun dubhairt Seònaid nan seiceachan mu Eòghan a mac, “na thug roimhn t-saoghal e,” ged nach deach e riamh na bfhaide on taigh na dol a dhiarraidh cliabh mòine, mar a thachair do Ruairidh fhein.

Bha ena chleachdadh aig Ruairidh dol gach latha posta don t-Sàilein, agus cha robh aon litir a bhuineadh don Chnoc nach toireadh e dhachaidh a cheart cho sàbhailte ri aon phost an Lunnainn, ged nach robh de dhuais aige ach beagan de bhuntàta pòirs an earrach. Bu tric a rachadh na balaich a dhfharchluais air Ruairidh, ’nuair a bhitheadh e tilleadh leis na litrichean, oir cha bhiodh dhiubh air nach toireadh e a bheachd fhéins egan toirt á dara pòca achòta mhoir don phòceile. Theireadh esan, ’s e tighinn air a shocair fhein: “So paipeir le Dùghall Mor; ’s iomadh braoisg a chuireas e air féin mun leugh e air fad e. So litir le Domhnull Figheadair, bho Ailein a mhac. So le Dùghall Cìobair bhon mharsanta mhor ann an Dunéideann. ’S iomadh dhiubh fhuair e nis, aguss iomadh ràn a bheir e ri Topsy mum pàigh e na h-ochd puinnd Shasunnach a chuir Anna a nighean a dhfhiachan air, air son na ti a dhòl i fhéin agus cailleach na fiosachd. A bhaoirisg bhochd! Cha dfhuair i fhathast an saor Gallda an déigh na h-uile rud. Sguiridh inis a chosg achleòca shìoda a dhol a thogail na mòine.” Mar so bheireadh Ruairidh beachd air gach litir no paipeir a bhiodh aige, oir bha e mion-eolach air gach fear agus beansa choimhearsnach. Cha robh e idir cho maolsa shaoileadh càch. Bha e daonnan mar a bhan t-each bàn an dorus an t-sabhail, “afeitheamhs ag éisdeachd,” agus mar sin bha fhios aigair barrachds a shaoileadh tu.

Latha de na làithean a bha Ruairidh a tilleadh as an t-Sàilein lechualach litrichean, co bha ceum roimhe ach Eòghan mor agus Seumas bàn mac Phara nan stòp, mar theireadh iad ris. Bha na gillean ann an teas connsachadh air son reuson gle fhaoin: An dara fear ag ràdh gun robh sùil ghloines an tuathanach Ghallda, ’s am fear eileg ràdh nach robh. Tha e glé choltach gun robh na seòid ag òl air an rathad, agus a chionns gun deachaidh barrachd den deoch-làidirnan ceanns a chaidhnam broinn thàinig an cònnsachadh gu buillean agus shabaidich iad gus an dfhàg iad a chéile coltach ri chirc a bhiodh air an spìonadh. Fhuair Sheumas bàn achuid bu mhiosa dheth, agus air son dìoladh chuir e ampolicemanruadh an caramh Eoghain mhòir. Cha robh fianuis ann ach Ruaraidh, agus ged a bha e ro dhuilich leis dol a dhìteadh a choimhearsnaich bfheudar falbh gu mòd an t-Siorram a bha ra cumail ann an Tobar-Mhoire, le bhoineid mhòir ghuirm, ’s le chòta fada cùrainn a bha ruigheachd a shàiltean, agus còmhla ris gach ioghnadh eile a bha toirt air na balaich a bhiga leantuinn a h-uile ceum a bheireadh e, bha e cas-rùisgte. Cha do chleachd Ruaraidh riamh brògan; aguss ann a bheireadh e teine às na clachan le òrdagan mòra. Chaneil teagamh co-dhiu nach robh e gu math cruadalach. Mun dthuirt Eoghan saor e, bha na gàgan a bhan cùl a chas coltach ri deadhadh a chitheadh tu ann am bonnach coirce. Ach coma leat na co dhiu shuidh achuirt agus ghlaodhadh suas air Ruaraidh gu bhi air a cheasnachadh. “Nacheil thu fuireach anns aChnoc?” arsan Siorram. “Chaneil! chaneil!” arsa Ruaraidhmise fuireadh ann an cnocsam bith. Cha chualas riamh bhi fuireach ann an cnuic ach sithichean.” Ghàir na bha staighn uair chual iad freagairt Ruaraidh oir thuig iad nach robh idir toil aige a chàirdean a dhìteadh. “An cluinn thu Ruaraidh,” arsa an Siorram a rithist, “nacheil ena chleachdadh agadsabhi ruith le litrichean eadar an Cnocs an Sàilein?” “Aruith,” arsa Ruaraidh, ’s e gabhail air nach robh e tuigsinn brìgh cainnt an t-Siorraimchaneil, chaneil; ’s fhada bhon a dhfhalbh ruith Ruaraidh. Cha drinn mise ceum ruith bho shia bliadhnan fhoghair so chaidh agus tha duileam nach deanainn an sin fhein i mur a cuireadh tarbh a Chòirneil bhàin caismeachd orm.” “An cluinn thu Ruaraidh,” arsan Siorrams gun e idir toilichte nach burrainn dha dad a tharuinn á Ruaraidh cho amaideach coltass gun robh e, “nacheil ena chleachdadh agad a bhigiùlan litrichean eadar an Cnocs an Sàilein?” “Glé ainneamh,” arsa Ruaraidh, glé ainneamh, ler cead.” “Shaol miarsan Siorramgun robh ena chleachdadh agadsa daonnan a bhi coinneachadh aphostas an t-Sàileins atoirt leat dhachaidh a h-uile litir a bhuineadh don Chnoc.” Tha direach daonnanarsa Ruaraidhs e fàs teth. “Agus,” arsan Siorramnach dthuirt thu rium an ceart uair nach bàbhaist dhuit idir a bhigiùlan litrichean eadar a Sàileins an Cnoc?” “Ma ta ler ceadarsa Ruaraidh, chaneil beachd sam bith agam gun dthuirt.” Ghàir na bha stighn uair a chual iad so agus ma ghàir dhéisd Ruaraidh. Chunnaic an Siorram nach robh feumsam bith a bhi bruithinn agus dhiarr e air Ruaraidh suidhe.

Thionndaidh Ruaraidh gu falbh ach mun do bhuithinn en àite suidhe chaidh glaodhaich air ais air. Thill Ruaraidh agus sheas e far an robh e roimhe, ’cheart cho dìreach ri caragh. “Am bheil cuimhnagad idir, a Ruaraidh,” arsan Siorram, “gun dfharraid mi dhiot an toiseach am biodh tugiùlan litrichean eadar an Sàileinsan Cnoc?” “Ma ta, ler cead,” arsa Ruaraidh, “chaneil cuimhnesam bith agam, ach dhfharraid sibh dhiom am bithinn gan giùlan eadar an Cnocs an Sàilein, an rud nach bi ach glé ainneamh, mar a thuirt mi mar tha.” Ma bha gàireachdaich roimhe ann bha gàireachdaich a nis ann. Bha barrachd char ann an Ruaraidhs ashaoileadh duinair bith, aguss ioma car agus lùb a chuir e air cainnt an t-siorram air son gun dad fhaotainn a mach. Chaidh iarraidh air Ruaraidh suidhe a rìs, oir chunnacas nach robh feumsam bith a bhi bruithinn ris; ach dhfharraid an Siorram dheth an robh fios aige gu dethug an sud e. “Tha gle mhath,” arsa Rurraidh, “dìreach a chionns nach robh ach an aon t-sùil anns an tuathanach Ghallda,” agus chuir sin crìoch air ceasnachadh Ruaraidh. —Leabhar na Ceilidh.


Robinson Crusoe.

CAIBIDEAL XXI.

MU dheireadh amhios meadhanaich dhen t-samhradh bha na diasan arbhair abaich, agus mar a dhfhaodas sibh a bhith cinnteach, ghabh mi curam dhiubh. Chuir mi a h-uile grainean a bhorra air leith ann an aite gleidhteach gus an cur a rithist, agus mi ann an dochas gum biodh de bharr agam ri uine na chumadh aran rium. Ach chaidh ceithir bliadhna seachad mum burrainn domh abheag dheth itheadh, mar a leigeas mi ris ann an ordughna dheigh so. O nach robh fhios agam air an am cheart anns am bu choir dhomh cuireachd a dheanamh chaidh acheud chuireachd a rinn mi gu mornam aghaidh. Chuir mi an siol aig toiseach am tioram na bliadhna agus is e fior bheagan a dhfhas dheth.

A bharrachd air an eorna, bha mu fhichead, no deich air fhichead gas rais agam air an gleidheadh gu curamach, a chum, ri uine gum faighinn biadh a dheanamh dheth; oir fhuair mi doigh air a dheasachadh gun aran a dheanamh dheth idir. Ach feumaidh mi tilleadh ri mo chunntais latha. Dhoibrich mi anabarrach trang fad tri no ceithir de mhiosan adeanam abhalla mun dfhuair mi crioch a chur air. Air acheathramh latha deug de dhApril chuir mi crioch air. Agus bha midol am machs atighinn a steach air, cha bann troimh dorus air, ach le faradh, a chum nach fhaicteadh air an taobh am muigh dheth comharradh sam bith gun robh mi fuireach ann.

April 16Chuir mi crioch air an fharadh, agus an uair a dhirich mi gu barr abhalla thog mi am faradh agus thainig mi air lar an taobh astaigh dhen bhalla. Bha mi mar so air mo chuartachadh le balla-dion far an robh farsuinneachd gu leor agam, agus chan fhaigheadh creutair sam bith nam choir nas lugha na thigeadh e thairis air barr abhalla.

Air acheart lathan deigh dhomh crioch a chur air abhalla, cha mhor nach deachaidh mo shaothair gu leir a mhilleadh ann an tiotadh, agus cha mhor nach do chaill mi-fhin mo bheatha; agus so mar a bha: Bha mig obair gu trang eadar cul an tent agus dorus na h-uamha, agus thachair rud a chuir clisgeadh agus eagal uamhasach orm. Ann an tiotadh chunnaic mi an talamh atuiteam a nuas o mhullach na h-uamha agus o bharr na creige a bha as mo chionn, agus bhristeadh a dha dhe na postachan a bhacumail suas mullach na h-uamha. Ghabh mi eagal mor, agus cha do smaoinich mi air ciod a baobhar do na thachair, ach gun do bhuail e anns an inntinn agam gun robh mullach na h-uamha atuiteam na broinn mar a thachair roimhe. Agus air eagal gum bithinn air mo thiodhlacadh beo, ruith mi thun an fharaidh, agus chaidh mi thairis air a bhalla, oir bha eagal orm gum faodadh rud dhen chreigs dhen bheinn tuiteam air mo mhuin. Cha bu luaithe chaidh mi thairis air abhalla na chunnaic mi gu soilleir gur e crith-thalmhainn eagallach a bhann. Chaidh an talamh air an robh minam sheasamh air chrith tri uairean ann an ochd mionaidean a dhuine, agus bha na crithean so cho mors gun leagadh iad taigh cho maths cho laidirs a burrainn a bhith air a thogail. Agus thuit sgealb mhor de chreig a bha mu leith mhile uam, agus a bha faisge air achladach, le leithid de dhfhuaims nach cuala mi



[189]

[Vol . 12. No. 24. p. 5]

a leithid riamhnam bheatha. Thug mi an aire mar an ceudna gun robh an cuan fhein mar gum biodh e air chrith. Agus tha micreidsinn gun robh achrith-thalmhainn na bu mho fon uisge na bha i air an eilean.

O nach dfhairich mi a leithid riamh roimhe, agus o nach robh comhradh agam ri duine a chunnaic a leithid, chuir an gnothach a bhann a leithid de dhuamhas orms gur ann a bha mi coltach ri duine a bhiodh marbh, no an deigh a mhothachadh a chall. Chuir achrith a bhair an talamh an stamac agam mar gum bithinn air mo thonn-luasgadh aig muir. Ach chuir am fuaim a rinn achreag an uair a thuit i gluasad fodham air chors gun dthainig mig am ionnsuidh fhin. Agus ghabh mi uamhas an uair a smaoinich mi gum faodadh achreag a bha dluth dhomh tuiteam air mionad-comhnuidh agus a h-uile rud a bhuineadh dhomh ris an t-saoghal a thiodhlacadh; agus thug so air mo chridhe tuiteamnam chom an dara uair.

Greis mhath an deigh don treas crith a dhol seachad, thoisich mi ri gabhail rudeiginn de mhisnich; ach air a shon sin cha bu dana leam a dhol a steach thar abhalla air eagal gum bithinn air mo thiodhlacadh beo, agus mar sin shuidh mi air talamh, agus mi gle bhronach, throm-inntinneach agus gun fhios agam ciod bu choir dhomh a dheanamh.

Fad na h uine so cha robh an smaointean bu lugha mu dheidhinn diadhachd ag eirighnam chridhe, ach thuirt mi mar a tha cumanta am measg dhaoine. “A Thighearna, dean trocair ormagus an uair a chaidh an cunnairt a sealladh, chaidh an smaointean so as maire mar an ceudna.

Am feadhs a bha minam shuidhe mar so, dhfhas na speuran dubh mar gum biodh an t-uisgedol a shileadh. Beaganna dheigh sid thoisich aghaoth ri eirigh beag air bheag, agus ann an ceann leith uaire bhan stoirm dhearg ann. Bha gair agus cop geal air aghaidh na mara, bhan tonnna cuis-uamhais abristeadh air achladach, agus bha na craobhan air an spionadh as an freumhan. Lean so fad thri uairean an uaireadair, agus an sin thoisich an stoirm ri dhol na bu lugha; agus an ceann da uair an uaireadair bhaghaoth air fas cho ciuins gur gann a dheanainn am mach con taobh as an robh am beagan a bhann aseideadh, agus an sin shil an t-uisge mor.

Fad na h-uine so bha minam shuidhe air an talamh agus mi fo eagal agus fo throm-inntinn gle mhor. Ann an tiotadh bhuail e anns acheann agam gur ann air saillibh na crith-thalmhainn a thainig an stoirm agus an t-uisge mor, agus mar sin gun deachaidh achrith-thalmhainn seachad, agus gum faodainn misneach a ghabhail, agus a dhol a rithist a steach don uamhaidh. Thug an smaointean so an tuilleadh misnich dhomh agus chaidh mi steach agus shuidh mi anns an tent; agus on a bhan t-uisge cho troms gun robh eagal orm gun leagadh e an tent mu mcheann, beiginn domh a dhol don uamhaidh, ged a bha mi air mo chlisgeadh gun tuiteadh i mu mcheann.

Thug an t-uisge trom so tuilleadh obrach dhomh, agus be sin claise dhomhain a ghearradh am mach o bheul na h uamha agus fon bhalla gus an t-uisge a leigeadh air falbh, ar neo bhiodh an uamha air a lionadh leis.

An deigh dhomh a bhith greis anns an uamhaidh agus gun choltas gun tigeadh achrith-thalmhainn tuilleadh an lathud co dhiubh, dhfhas minntinn na bu shocraiche. Agus a nis, a chum mo spiorad a chumail suas, agus gu cinnteach bha feum mor agam air, chaidh mi don t-seomar stodhair, agus ghabh mi deur beag dhen ruma a bhagam. Is e fior bheagan a bha migabhail dheth uair sam bith a bhlaisinn air, oir bha fhios agam nach robh an corr agam ri fhaighinn dheth aon uairs gun teirigeadh e dhomh.

Lean an t-uisge air sileadh fad na h-oidhche, agus fad earrann mhath dhen ath latha, agus uime sin cha burrainn domh a dhol am mach air dorus. Agus on a bha minntinn na bfhoiseile, thoisich mi ri smaointean air ciod a bfhearr dhomh a dheanamh. Be an co-dhunadh thun an dthainig mi, ma bhan t-eilean buailteach do chritheannan-thalmhainn, nach burrainn domh a bhith beo ann an uamhaidh, ach gum bfhearr dhomh bothan beag a thogail dhomh fhin ann an aite comhnard, agus balla math, ard, laidir a thogail timchioll air mar a rinn mi far an robh mi gus mi-fhin a ghleidheadh tearuinte o chreutair fiadhaich agus o dhaoine. Bha mig am dheanamh fhin cinnteach gu leor gum bithinn latheiginn air mo thiodhlacadh beo nam fanainn far an robh mi.

On a fhuair na smaointeanan so greim air an inntinn agam, chuir mi romham gun atharraichinn mo thent as an aite anns an robh e. Bha e, mar a dhainmich mi mar tha, fo bhearradh ard, cas na creige a bhann an aghaidh crith-thalmhainn mhor eile, bha migam dheanamh fhin cinnteach gun tuiteadh achreag air an tent. Chuir mi seachad an ath dha latha, an 19mh agus am 20mh latha de dhApril asmaointean caite agus cia mar a dhatharraichinn maite-comhnuidh.

Bha leithid de dheagal orm gum bithinn air mo thiodhlacodh beos nach leigeadh an t-eagal dhomh cadal gu samhach mar a babhaist dhomh; agus an deigh so gu leir cha bu dana leam cadal an taobh am muigh dhen challaid. Agus a bharrachd air so, an uair a sheallainn mun cuairt orm agus a chithinn a h-uile rud ann an ordugh cho math, agus a bheirinn fa near cho falachaidhs a bhan t-aite anns an robh mi, agus cho saors a bha mi o chunnart, thug e orm a bhith gle aindeonach mu fhalbh as.

Aig acheart am smaoinich mi gun tugadh so uine anabarrach mor dhiom mun rachadh agam air crioch a chur air, agus gum feumainn a bhith riaraichte le fuireach fon chunnart anns an robh mi, gus an deanainn campa math tearuinte dhomh fhin don tugainn a h-uile rud a bhagam. An deigh dhomh na ruintean so a shuidheachadh, bha minntinn car uine aig fois, agus chuir mi romham gun toisichinn gun dail ri obair, agus gun togainn balla le puist agus le cablachan mar a rinn mi roimhe, agus gun cuirinn an tent ann an uair a bhiodh e criochnaichte. Ach bha mi gus a ghabhail de mhisnich na dhfhanadh far an robh mi gus am biodh an t-aite deas gus mi dhol ann. Be so an 21mh latha de dhApril.

(Ri leantuinn).


An Samhradh.

LE UILLEAM ROS.

O! mosglamaid gu suilbhear, ait,
Le sunntachd ghasd’, as eireamaid,
Tha mhadainn-sa le furan caomh
Toirt cuireadh faoilteach, éibhinn, duinn;
Cuireamaid fàilt air an ,
Le cruitean cèolmhor, teud-bhinneach,
S biodh ar cridhe deachdadh fuinn
S ar beoil a seinn le speirid dha.

Nach cluinn thu bith-fhuaim suthain, sèamh,
S a bhruthainn sgeamhail, bhlà-dhealtrach,
S beannachdan a nuas o neamh
A dortadh fial gu làr aca:
Tha nadur a caochladh tuar
Le caomh-cruth, cuannda pairt-dhathach,
S an cruinne iomlan, mun iath grian,
A tarruinn fiamhan gràsail air!

Nach cluinn thu còisir stolda, suairc’,
S an doirud shuas len òranan.
Seinn cliù dhan Cruthadair fein,
Le laoidhean ceutach, solasach,
Air chorraibh an sgiath gun tamh
Air mheangain ard nan -chrannaibh,
Len ceileirean toirt moladh binn,
Dhan dhath-phill am beotachd riu.

Gum bfhearr na bhin cadal an tamh,
Air leabaidh stàta chloimh-itich,
Eiridh moch sa mhadainn Mhàigh,
Gu falbh na fàsach fheoirneinich,
Ruaig a thoirt air bharr na driùchd,
Do dhoire dlù nan smeòraichean,
Am bi tùis is curaidh na fion,
Le fàile ciatach ròsannan.

Tha feartan toirbheartach, neo-ghann,
S an am so gun ghreann dublachach,
Cuir trusgan trom-dhaitair gach raon,
Le dealt, ’s le braon gan ùrachadh
Tha Flora comhdachadh gach cluain,
Gach glaic, as bruach le flùraichean,
S bidh neòinean, ròsan, ’s lili bàn,
Fon dithean aluinn, chùl-mhaiseach.

Tha Phœbus fein, le lòchrann aigh,
Ag òradh àrd nam beanntaichean,
S ataomadh nuas a ghathan tlà,
Cuir dreach air blàth nan gleanntanan;
Gach innseags gach coirean fraoich
Ag tarruinn faoilt na Bealltainn air;
Gach fìreach, gach tulach, ’s gach tom
Le foirm cuir fuinn an t-samhraidh orr

Tha caoin, as ciùin, air muir is tìr,
Air machair mhìns air garbh-shleibtean,
Tha cuirnean driùchd na thùir air làr,
Ri airds ri àin na geala-ghreine:
Bidh coill’, is pòr, is fraoch, is fèur,
Gach iasg, gach eun, ’s na h-ainmhidhean
Ri teachd gun gnàsalachds gu nòs,
Nan gné, ’s nan doigh, san aimsir so.


Chaidh tigh is sobhal a losgadh ann am Berwick, N. S. oidhche Di-màrt sa chaidh, ’s bha bean-an-taighe air a losgadh gu bàs anns an tigh. Bha i mu thri fichead bhliadhna dhaois. Bha i air fear Uilliam Robinson a phòsadh an uiridh; bha i na bantraich roimhe sins teaghlach aice. Cha robh cuid den chloinn bu shine a còrdadh ri Robinson, agus tha amhrus aig daoine gu robh e coireach ri ise chur gu bàs. Chaidh a dhearbhadh aig cùirt a choroner gu robh a bhean air a murt mun deachaidh an tigh a chur na theine. Tha Robinsonsa phriosan ged nach dfhuaireadh fhathast dearbhadh sam bith gum be a rinn an gniomh.


IOMRADH EACHDRAIDHEIL AIR GRIADACH CHOCHRAN.

AN uair a thug ain-tighearnas agus dall cead Righ Seumas mu dheireadh air iochdarain dol fon armachd na aghaidh, be Sir Iain Cochran, (on dthainig Iarla Dhundòmhnull) aon de na naimhdean bu diaine a bhaige. Bha lamh shònraichtaige ann an ceannairc Iarla Iar-ghael. Bha binn sgriosail fad linntean a nochdadh a bhin crochadh thar tigh a Chaimbeulaich, a filleadh a steach an truaighe co-ionnan gach aon a dhéirich air taobh an ceann-cinnidh. Chuairtich a bhinn cheudna Sir Iain Cochran. Dhiath armailt an righ mu thimchioll, ach bu treun, fearail, marbhteach agus fada lean e air cur nan aghaidh, gusn do bhrùchd àireamh lionmhor air mu dheireadh is ghlacadh na phriosanach e. Chaidh a thoirt gu deuchain, ’s chaidh a dhiteadh gu bàs dith-cheannadh. Cha robh aigach beagan làithean gu bhi beò, ’s cha robh aig fear-coimhead a phriosan ach feitheamh gus an tigeadh a bharantas-bàis on righsa thoirt a mach an sin gu ionad bàis. Chaidh a theaghlachs a chairdean don phriosan gus fhaicinn, agus ghabh iad an cead deireannach ach aindeoinach agus cràiteach da chéile. Ach



[190]

[Vol . 12. No. 24. p. 6]

bha aon nach dthainig maille ri càch a dhiarraidh a bheannachd, —aon a bi uaill a shùlsa thigheeadhon Griadach a nighean ionmhuinn.

Bha rath dorchacur sgàil bu ghruamaiche thar stapuill iarruinn uinneagan a sheòmair priosain; bha e tursach nach o dfhuair e sealladh mu dheireadh da leanabh gaoil; bhacheann ga theannadh ri balla fuar tungaidh a phriosantoirt fionnarachd don ainteas fhiabhrusach a bha a dol troimhe mar ghathan-teine, ’n uair bha dorus a phriosan air fhosgladh gu mall air a lùdagan raga agus a thainigfhear-gleidhidh a steach agus maighdean og, uasal, mhaiseachna dhéigh. Bha i àrd agus flathailna pearsa; a sùilean dubha aoidheil, neo-dheurach, ach nochdadh an dearsa gun robh bron aicebron a bha ro dhomhain ra shiabadh air falbhagus ciabhan dubha a cinn air an sgaoileadh thar mala aoidheil, shoilleir agus fhiorghlan mar mharmor liobhte. An uair a chaidh iad a steach thog am priosanach mi-shona suas a cheann. “O mo nighean! mo Ghriadach fein!” ghlaodh e mach; agus thuit i air uchd. “Mathair! mathair gaoil!” thuirt a mhaighdean thruagh le acain, ’s i a siabadh air falbh a deòir leis na briathran.

Chan fhaod sibh a bhi cuideachd ach ùine ro ghearr,” arsa fear-coimhead a phriosan, ’s e tionndadh a mach car tacain. “Gun comhnadh Dia leats gun dthugadh e sòlas duit,” arsa Sir Iains i aige gu teann ra bhroilleach, ’s e ga pògadh. “Bha eagal orm gum bàsaichinn gun mo bheannachd a thoirt air ceann mo nighinn féin, agus bu dorra leam sin nam bàs; ach thainig thu ghaoil, thainig thu; agus is leat beannachd deireannach tathar truagh.”

Ni h-eadh; togaibh dheth;” ghlaoidh i, “chan e do bheannachd deireannach; —chan e! Cha chuirear mathair gu bas!”

Cum ort fein, cum ort fein, mo nighean!” arsah-athair. “Och, gum burrainn domh solasthoirt duit! —mo leanabh gaoil! Ach chaneil dochas do mthaobh; o cheann thri latha, bithidh tusas mo chlann gu léir” —gun athair bha e dol a radh, ach thàinig stad air.

Tri latha!” arsise, ’s i togail a cinn o bhroilleach, ach gu dùrachdach a fàsgadh a lamhan; tri laithean! tha dòchas ann matà fhathasd, gum bi mathair beò! Nacheil an sagart ris am bheil an Righdeanamh aidmheil na charaide do msheanair? Aslaichidh e airson beathamhic, agus cha chuirear mathair gu bas?” “Ni h-eadh, ni h-eadh, mo nighean,” ars esan; “na bi air do mhealladh; chaneil dòchas anntha mo bhinn-dìtidh cheana air a sheuladhsheulaich an righ cheana òrdugh mo dhi-cheannadh, ’s tha teachdair a bhàis cheana air an t-slighe.”

Gidheadh cha chuirear m-athair gu bas! cha chuirear!” thuirt i, ’s i filleadh a lamh na cheile. “Gun cuireadh Dia le run nighinn!” thuirt i le dùrachd; agus a tionndadh rih-athair thuirt i gu foil, “theid sinn o chéile an dràsda ach coinnichidh sinn a chéile fhathast.”

Ciod a than rùn mo nighinn?” dhfheòraich e le déidhs e beachdachadh le iomaguinna gnùis.

Na feòraichibhsan àm, athair,” thuirt i, “na feòraichibhsan àm e, ach guidhibh leam agus beannaichibh mi, ach na bann leis a bheannachd dheireannach.”

Dhlùthaich e rithist ribhroilleach i. A thiota chaidh fear coimhead a phriosan a steach, agus sgaradh iad a glacaibh a cheile.

Air feasgar an ath latha an deigh a chomhluadar a dhainmich sinn, chaidh fear-turuis o thuath thairis air an drochaid. Tharruing e aig Beruic, agus a cumail beagan air adhart, shuidh e sios a leigeadh a sgios deth air suidheachan aig dorus tigh-òsda, air taobh deas na sràide. Cha deach e steach don tigh-òsda, oir bha sin os ceann coltas a staide, do bhrigh gur h-ann a rinn Crombheil a chairtealan a ghabhail beagan bhliadhnachan roimhe sin, agus far an dfhan roimhe sin Righ Seumas an siathamh, ’nuair bha e air a shlighe gu dol an seilbh air crùn Shasuinn. Bha peiteag air an fhear-thuruis de aodach cumanta, ceangailte mun cuairt le crios leathair agus falluine ghoirid air uachdar don ghnè cheudna. Bu shoilleir gur duinòg a bhann, ach bha chòmhdach cinn air a tharruing air aghaidhs nach mor nach robh aodann air a chleith. An aon laimh ghiulain e ceanglachan beag, ’san laimh eile bata fir-turuis. Air iarraidh glaine fhiona da thug e mach mir arain as a cheanglachan, agus beagan mhionaidean an deigh sin dhéirich e gu imeachd. Bha sgailean na h-oidhcheg iadhadh, agus bha coltas gum biodh an oidhche stoirmeil. Bha na speuran a fàs gruamach; bha na neòilnan dian luaths on fhairgeosagan laidir gaoithe a nuallan tre na sràidean le marc-shianchuir aghaidh nan uisgeachan gu ainneart.

Gun cuidicheadh Dia thu, ma tha rùn ort siubhal fada ri leithid so de dhoidhche,” thuirt am fear-faire bhaig agheata Shasunnachnuair chunnaic se edol seachad air thar na drochaid. An ceann beagan ùine bha e air sliabh farsuing, fàsail agus ùdlaidh, nach robh fad mhiltean ach na fhàsach còinnich, rainich agus fraoich falaisg ghlaise, an sos an sud còmhdaichte le tiugh phreasan. Dhirich e gu mall ach saoithreachail a chas-bheinn, fo neart na siane, a bha séideadh le dian bhoil. Dhòirt an t-uisge nuas mar chas shruthan, ’s bha fead na gaoithe mar dhonnalaich legion de mhadaidh-alluidh chiocrach, is mac-tallaga freagairt le fuaim uamhais. Ach chum an coigreach air adhart, gus an robh edha no tri mhiltean o Bherbhuic; ’s mar nach biodh e comasach air dol ni bfhaide an aghaidh na siane, shir e fasgadh fo phreasan smeur ri taobh an rathaid. Dlùth air uair an deigh dha suidhe fon t-seorsa fasgaidh so, mheudaich dorchadas na h-oidhches an stoirm le chéile. Chuale an sin fuaim chas eich a staisdreadh le luaths air an rathad. Chrom am marcaicha cheanns an sian gu laidirna aghaidh. Gu h-obann chaidheach a ghlacadh air shréin. Thog am marcach suas a cheann; bha coigreachna sheasamh fa chomhair is dag aige riuchd.

Teirinn!” ghlaodh an coigreach gu danarra. Chaill am marcach a lùths agus ghlac eagal e. Thug e oidhirp air ruigheachd air armachd, ach gu h-obann leig am fear-reubann as an t-srian, ghlac e am marcach air bhroilleach agus spion e gu làr e. Thuit e le trosd an comhair a chinn, is dhfhan e beagan mhionaidean gun mhothachadh. Ghlac an coigreach a mhàileid anns an robh na litrichean gu luath, agus air dha shiabadh air a ghualainn, ruith e thairis air an raon.

Gu mochsa mhaduinn chite luchd-àiteachaidh Bherbhuic nam buidhnibh a dol le cabhaig don àiten drinneadh an reubainn, agus sgap iad gach rathad thairis air an t-sliabh, ach lorg air an fhear-reubainn cha dfhuaradh.

Chaidh tri laithean seachad agus bha Sir Iain Cochran fhathast beò. Chaidh a mhàileid anns an robhbharantas bàis a ghlacadh, agus mun tigeadh an ath òrduigh a chur gu bàs dhfhaodadh eadar-ghuidhe athar Iarla Dhundòmhnuill ri sagart éisdeachd an righ bhi soirbheasach. Is beag nach robh Griadach a nis gach àm maille rissa phriosan, agus a labhairt briathran sòlasach ris. Chaidh dlùth air ceithir la deug thairis on spùilleadh am post deth mhàileid. Bhan dòchas fadalach bham broilleach a phriosanach air fàs na bu sheirbhe na bha bhinn an toiseach, ach an dòchas sin fhein, searbhs mar a bha e, chaidh as da. Cha do shoirbhich le eadar-ghuidheathar; agus sheulaich an righ an dara uair a bharantas bàis, agus beagan is latha eile ruigeadh am barantas sin a phriosan.

Toil an Fhreasdal gu robh deanta!” thuirt am priosanach le osna.

Amen!” arsa Griadach gu ealamh, fiata; “ach cha chuirear mathair fhathast gu bàs.”

Rainig am marcaiche le mhàileid sliabh Thuidmoth, a giùlan barantas bàis Shir Iain Cochran an dara uair. Thug e spor don each, a chuirna dhian-luaths e. Sheall e gu geur roimhe, ’na dhéigh, ’s air gach taobh; bhadhaga aigena laimh dheis deiseil gus e fhein a dhion. Chuir a ghealach soillsthaibhse thar an raon. Shaoileadh e gur coltas duine a bhanns gach preas. A tionndadh aig oisinn da, thugeach leum air aisnuair chuale fuaim urchair daga a las mushùilean. ’Sa cheart àm loisg e ledhaga féin a thug air an each leum thoirt as le barrachd ainnearts gun do thilg e gu làr e. A thiota bha cas an fhir-reubainn air a bhroilleach, a chrom air a mhuin, ’s a tarruing a mach claidheamh goirid thuirt e, “Libhrig dairm dhòmhsa nos bàs dhut e.” Dhfhàilnich cridhe seirbhiseach an righna chom, ’s gun mhisneach aige air guth a radh rinn e mar a dhiarr e. “Nise siubhal romhad,” arsam fear-reubainn gu fiadhaich, “ach fàg deach agamsa agus do mhàileid, air eagal gun tachair nas miosa dhut.” Dheirich an duines e air chrith is raing e Berbhuic. Leum am fear-reubainn air muin an eich a dhfhag e, is mharcaich e gu luath thar an raon.

Bha gach ullachadhga dheanamh air son Sir Iain Cochran a chur gu bàs. Cha robhdhìth air an luchd-lagha ach a mhàileid a thighinn leis an dara barantas, ’nuair a rainig an naigheachd gun deach a mhàileid a rithist a ghoid. Shìn so beatha phriosanaich ceithir latha deug eile. Thuit e rithist air muineal a nighinn, ghuil e, is thuirt e, “Is math a chùis; tha lamh an Tighearnasan ni.”

Cha dthainig crioch air na ceithir làithean deugnuair chaidh dorsan a phriosainfhosgladh, agus a leum Iarla Dhundòmhnuill an glacaibh a mhic. Shoirbhich leeadar-ghuidhe ri sagart an righ mu dheireadh. An deigh barantas bàis Shir Iain a bhi air a sheuladh da uairs nach drainig iad, sheulaich an righ a mhaitheanas. Ghreas e maille riathair on phriosan da thigh fein. Bhatheaghlach a teannadh mu thimchioll, a sileadh deòir an aoibhneis, ach ged is i Griadach bu mhò a dhfhuiling fhadsa bha em priosan na iad uile, cha robh i a làthairsan àm. Bha iad a gabhail iongantais le taingealachd ri riaghladh an Fhreasdail, a chuir stad da thurus air a mhàileids a shaor a bheatha, ’nuair a dhaslaich coigreach faighinn a stigh, agus thainig am fear-reubainn a steach. Bha e còmhdaichte, mar a dhinnis sinn cheana, le falluin agus peiteag de dhaodach cumanta. Bhaghiulan os ceann a choltais. Adol a steach bhuin e lelaimh ri chòmhdach-cinn, a dhfhàg e air.

An uair a leughas sibh iad so,” is etoirt am mach da phaipeir as a bhroilleach, “tilgibhsan teine iad.”

Thug Sir Iain sùil orra agus dhfhàs e glas-neulach. Bebharantasan bàis a bhannta.

Mfhear-saoraidh!” ghlaodh e. “Cionnas is urrainn domhbhi taingeil dhutcia mar theid agam air ath-dhioladh a thoirt do fhear-saoraidh mo bheatha? Thugadh màthair mo chlann taing dha air mo shonsa.” Ghlac an seann Iarla an coigreach air laimh; dhlùthaich a chlann ri ghlùinean. Chuir elàmh ri aodann is bhrist e mach le deòir.



[191]

[Vol . 12. No. 24. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
McDonald Building, Charlotte Street.


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal,

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.


Marbhann

Do Dhonnachadh Bàn Ceistear a bha air an Eilean Mhór(Boularderie) .

LE EIGHRIG BEAN IAIN MHIC LEOID.

Och! mo dhiobhail is méire!
Rinn a bhliadhna-smo leagadh gu làr
Chaneil fiadh air nach beirear,
S chaneil sionnta nach teirinn on àird
Dhfhalbh an cothroms cha till e
Anns am faodainn mo shìthdheanamh tràth,
S mar dean Dia dhomh mo sheasamh
S fhada cian mi air dheireadh air càch.

Dhfhaoidte radh gun teagamh
Gu dainig àmhghar dar n-eilean is gruaim,
Leis a bhàs thighinn a stigh oirnn
Rinn ar fagail an leagadh ro thruagh;
Thuit a chraobh lecuid gheug oirnn,
S laidh i trom air gach creutair a fhuair
Aithne riamh ort fo déisdeachd;
S goirt a bhuille fom béiginn daibh gluasd.

Thainig teachdairga diarraidh
Nach drinn iochd air do chiochranaibh òg,
Dhfhag mar chaoirich air sliabh iad
Bhair an àrach fo bhriathran do bheòil;
Dhfhag gun cheann gun fhear-iùil iad
Bha gan tarruinn a dhionnsuidh an stòir
Anns robh lànachd gun traoghadh,
S anns bu ghnàth leat bhi taomadh gum beòil.

Cha robh do leithid ri fhaotainn
Bhon is cuimhne le aon a tha beo;
Cridhe carranach, maoth,
Is cogais chaithriseach, chaoin air gach doigh;
Sith is càirdeas is gaol
A chum do chiocharan mhaothchuir air dòigh,
S tu fhein mar stiubhard gam biadhadh,
On bhan taisgeach dhut fialaidh gu leor.

S iomadh aonbha nan truaghain,
S ann air ioma cheisdean cruaidhe ro mhor
Gheibheadh saorsagus suaimhneas
Nuair a bheireadh iad suas dhut an leon,
Reidheadh plàsdchur rin creuchdan
Chum an glanadh bho eucail nam feoil;
S ann am fuil a chroinn-cheusaidh
Tha acfhuinn ghlanaidh gach creutair dhen t-seors’.

Bu tu caraid an anama,
Ged nach fhaigheadh an cealgair uat sgàil;
An lion ascart cha mhùchadh
Air cho caols gum biodh smùdan dhefàs,
A chuilc bhriste cha bhrùghadh
Dhem biodh anailean cùbhraidh nan gràs,
S e bhi gan altrums gan uallach
A bha na thasg ort gu uairean do bhàis.

Ged fhuair thun claidheamh da fhaobhar,
S ged a thog thu e daonnan gu h-àrd,
Chum a bhagradh gun chaomhnadh
Air an aiteam a dhaomadh gu sàil,
Cha drinn thun goirteachma dhfhaod thu,
S cha mho a bhuail thu a h-aon dhiu gu làr,
Nuair bu mhon eagal roimh fhaobhar
S ann bu mhinic a thaom thu orrgràdh.

Rinn thu bhratach a sgaoileadh
Chums gun tionaileadh daoine fosgàil,
Toirt deadh sgeul air an tir dhaibh
San robh sonas is siochaint a tàmh;
Cha do mheataich thun inntinn,
Air dhaibh toiseachadh innte gun dàil,
Gus na chreid iad mar fhirinn
Gu robh cuid agad inntagus pàirt.

Bard fhear-fairair an tùr thu,
Bha Clann Isreal dlùth dhut an dàimh,
S ma dhaom thun claidheamh gan ionnsuidh,
Thug thu rabhadh le cùram dhaibh tràth;
Cha robh fuil ort ri iarraidh,
S iad a cluinntinn do bhriathran a ghnàth,
Is tu dearbhadh le dbheusaibh
Gun do thog thun crann-ceusaidh na thràth.

S bochd ar sgeula rih-aithris,
Ged nach dàna leinn coirchur air Dia
Rinn do phaillenn a leagadh
S a thug sabhailte leis thu fodhion
Dhionnsuidh oighreachd na saorsa
Chaidh a cheannach gu daor dhut le pris,
Tha thu nis inntgu h-iùlmhor,
Ssi mo bharail gur dùbailt dhut sith.

S mor an gibht a thug Dia dhut,
A bhean urramach, riaghailteach, choir,
A bha tairis is fialaidh,
S lem bu ghnath a bhi riaghladh do bhord;
Nuair a thigeadh na h-aoidhean
Gheibhtthu romhpa le aoidhealachd mhor,
Cha bhiodh caomhnadh air biadh ann,
Reidheadh a sgaoileadh gu fial air na sloigh.

Cha robh ni bha dhaibh feumail
Nach do theagaisg thu fein dha do chlann,
Cha robh truaighe bhan tòir orr
Air nach tug thu dhaibh seoladh ro laimh;
Air son innleachdan Shàtain
Leism bu mhiann bhi gan gnath chur air chall
Anns an t-slighe bha comhnard
S airm bu shona dhaibh eolas gu cheann.

Bu dheadh fhear àraich nan uan thu,
Is fear aiseag nan cluainean gu sith,
Thaobh do ghradh dhaibh mar bhuachaill
S tu nach fhagadh fo thruaigh iad na dbhinn;
Be sgrios rioghachd an t-Sàtain,
Ni is minic bu ghnath leat na dlinn,
Spionadh anaman beo leat
Chum an aiseag gu solas is sith.

Bha do dhanachd mar leomhann
A chur chathannan moras thoirt buaidh,
Bha do shèamhachd mar chaoirich
Bhair am beathachadh daonnansa chluain;
Bha thu caithriseach, eudmhor,
O gach taobh mun tig béisd gu dchuid uan,
S an leomhann beucach ri saothair
Dhfhiachainn am burrainn e aon dhiubhthoirt bhuat.

Rinn thu Pisgah a dhireadh
Ghabhail beachd air an tir a bha thall,
Tir Chanàain tre aoibhneas
Be do ghuidhe mar oighreachd bhi ann;
Chaidh thu thairis air Iordan,
S sheas a bhruachan mar thòrr os do cheann,
Chaidh do chriochan a sgaoileadh,
S gur leat oighreachd is maoin nacheil gann.

Chuir thu cath an deadh chomhrag,
S fhuair thu thairis air Iordan gun stri,
Rinn na h-ainglean do threorach
Anns an t-slighe ga dsheoladh gu min
Dhionnsaidh ionad do sholais
Far am fac thu Iehobhah an Righ,
Far bheil na clarsaichean oir,
Sa bhios na crùinteanan gloir air an cinn.

Bha thud stiubhard ro dhileas
Air an t-saibhreas gun chrich ann an gloir;
Fhuair thu gibhtean ro phriseil,
Chum an riaghladh air miltean do shlòigh;
S math a burrainn mi innse
Gum bu choltach ri fìrean do dhoigh,
S bha do thaic ris an iobairt
Bhon a tharruinn thu milseachd ri h-ol.

S ann bha do bhunait is dearbsa
As an Ti ris na dhearb thu do shlàint,
Rinn do ghlacadh le innleachd
S a thug coir dhut air rioghachn a ghrais,
Sgaoil esgiortan mun cuairt ort,
Nuair a bha thu fo fhuar-dhealt a bhàis,
Thaobhs gun dhealraich a ghrian ort
Rinn do tharruinn an liontan a ghrais.

Chaneil mo chliu ort ach luaithre
Gus do bheusan a luaidh mar bu choir,
S gun mo chomas ach suarach
Gus do theist thogail suas a bha mor;
Bha thu tairis is caomhail
Ris gach truaghan bhair faontradh bhon chro,
S tu fhein gan cuairteachmar aodhair
A muigh air fuar bheannaibh aognaidh nan deoir.

Tha thu saor bho gach buaireadh,
Cha ruig àmhghair no truaighe thuchaoidh,
Fhuair thu dhachaidh gu dshuaimhneas,
Bhair a ghealltainn mar dhuais dhut le cinnt,
Far nach caoidh an luchd-àitich,
Is nach abair gu bràth tha mi tinn,
Farm bheil na naoimh ann a comhnuidh
Aig lan fhois ach binn cheol acgasheinn.

Ged a gheibhinnsair miarrtus
Gach la chaidh sios uam an céin,
Gach seachdain is bliadhna
Chaidh seachad ro lionmhor gu léir,
Mar ri roghadh gach fianuis
A chuala mi cian fad mo ,
S e bhi ga dchluinntinn bu mhiann leam
Dhe na chunnaic mi riamh dhiubh gu léir.

Be mo ghuidhagus maoibhneas
Gun tigeadh ort oighre tre ghras;
Cha be mac Hagar on Eiphit
Bu mhiann leam a dhéirigh na dait’,
Ach mac a gheallaidhs na h-ùrnuigh
Air son an tric robh thu dlùth ann an sàs;
O, cuir do spiorad gu treun air
S am biodh e againn an deigh Dhonnachaidh Bhàin.

Chaidh am marbhrann sodheanamh bho chionn leth-cheud bliadhna. ’S e so na tha air sgial agam dheth, ged bha coig rannan deug air fhichead ann bho thùs. Seachad air an t-ochdamh rann chaneil iad anns an òrdansan drinneadh iad an toiseach. Sgriobh Mr. Aonghas Domhnullach bhon Amhainn a Tuath e corr is da fhichead bliadhna air ais, agus mar an ceudna thug aon dhe na h-eilthirich do New Zealand leis am marbhrann air a sgriobhadh. Dhfhaodadh gu bheil tuilleadh rannan aig cuideiginn eile agus ma tha bhithinn glé thoilichte fhaighinn troimhn MHAC-TALLA. Bha Eighrig Nic Leoid a fuireach aig an Amhainn a Tuath, St . Anns, far an do chaochail isa bhliadhna 1888.

IAIN ALASDAIR MAC COINNICH.
66 Alexandra St. ,Sidni.


Mo Roghainn-sa.

LE EOBHAN MAC-COLLA.

Ciod am math do dhuine
Bhith, gun fhois, gun tàmh,
Air tòir cliù no onair?
Faileasan gun stàth!

Ciod am feum bhithgearan
Gainne ar cuid stòir?
S tric bha cridhe brùite
Leis an roinn as .

Fanadh fleasgaich eile
Gus an cinn iad liath
Càrnadh suass a deanamh
Den cuid òir an dia;

Dhomhsa mar mo roghainn,
Agus sin gun dàil,
Crioman boidheach fearainn
Ann an srath mo ghràidh.

Faigheam an sud mar rium
Bean bho theaghlach còir
Caileag ghniomhach, ghaolach,
Lom-lan aoidh is ceòl.

Toilichtle a cuibhrionn,
Biodh e pailt no gann:
Sud an bu spors leam
Bhithna màthir do mchlann.



[192]

[Vol . 12. No. 24. p. 8]

Amhairc an So!
san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.


Oran.

LE AONGHUS MAC-AN-TOISICH.

LUINNEAG.
Sgoltadh thonn, sgoltadh thonn,
Sgoltadh thonn, ceol a bhinnis;
Sgoltadh thonn le luing ùir
Dol gu dlùth thar na linne.

Dhfhag sinn cladach Albnar déidh,
Gach gleann réidh, beinn is tulach;
Tir a bhios nar cuimhna ghnàth,
S luchd ar gràidh innta fuireach.

Chan fheil mulad air aon ghnùis,
Chan fheil sùil a tha sileadh;
Tha iad uilan geall air òr,
S taighean-còmhnuidh làn grinnis.

Ann an àite port a bhròin,
Cumha Dhòmhnaill Mhic-Cruimein,
S ann tham piobaire thair bòrd
Cur nan seoddhannsair mhire.

Tha an long gun bhréid, gun seòl,
Ach le treòir uisgis teine,
Dol nadeannaibh thar a chuain
Mar fhiadh luath air uchd beinne.

Ri tir shaor na coille mhóir
Tha a sròn air a cumail
Leis na fir nach stiùradh clì,
Gillean Ile agus Mhuile.

Cluinnear fear a seinn gu binn
Cliu na tir bha gun ghainne,
Air a bheil gach smuain is sùil
Is sinn dlùth oirreteannadh.

Is fear eilecaoidh mar dhfhàg
Luchd na stràic Alba bheannach;
Air mar dhfhògair iad a clann
Bho gach gleann agus bealach.

Soraidh leibh, a luchd mo rùin,
Tha nis Cùibeic san t-sealladh;
S mar a sgapar moll le gaoith
Bidh sinn sgaoilte gu h-ealamh.

Is mar coinnich sinn rir beò,—
S gur h-es dòcha nach coinnich,—
Cumaidh gaol ar n-òige blàth
Do thir àlainn nam bonnach.

Gun robhn Titha riaghladh shuas
Leinn nar gluasad gach latha,
S e gar treòrachadh air laimh
A chum aoibhneas nam flathas.

GLEANN-A- BHAIRD.


An Gille Donn.

LUINNEAG.
S mise tha fo mhì-ghean
Mun ghille dhonn,
Oigear nan rosg mìogach
Dhfhàg minntinn trom;
S mise tha fo mhì-ghean
Mun ghille dhonn.

S mise thair mo sgaradh,
Bho thoiseach an earraich:
Dhealaich uam mo leannan,
Maraiche nan tonn.

Thug mi gaol a chràidh mi
Do sgiobair abhàta,
Gheibhinn cadal sàmhach
Leat air bhàrr nan tonn.

S en gaol a thug mi og dhut
An diugh a tha ga mleonadh,
A chaoidh cha diobair mfheoil thu
Fhads is beo mo chom.

Oir tha moran bhuaidhean
Air mo rùns mo luaidh-sa;
Bu tu làmh achruadail,
Moran uaisladchom.

S e bhi ort abruidhinn
An nochd a tha ga mruigheachd,
Oigear, a Chloinn Iain,
Dhfhag mo chridhe trom.

S maraichthu gu seoladh
Cho maths a ghlac ropa,
Sealgair thu air mointich,
S leonadh tun damh donn.

Nuair thigeadh tu dhachaidh,
S do ghunnann adachlais,
Sealgair geoidh is ealthu,
S a chearc riabhch air fonn.

Dolstigh an Caol Cannach
Shéid e oirbh gu frasach,
Thainig fairge tharsuinn
S bhuail e thu gu trom.

Thainig air do chùlthaobh
Na chuir anns aghrunnd thu,
S e dhfhag mise tursach
Mo run bhitamh fon tonn.


Oran

LUINNEAG.
Fàill ill ó ro, fàill ill ó,
Fàill ill ó ro éile,
Hi rithill, uithill agus ó,
S na thugaibh ro éile.

Gur mise tha trom, airsnealach,
S a mhadainn is mig éirigh.

Thaghaoth an ear agobachadh,
S chan i mo thogairt fhéin i;

S ighaoth an iar a baite leinn,
Is lasan oirreg éirigh.

Gun tigeadh oirnn am bàta
Dam bàbhaist a bhi treubhach.

Uachdaran na tir oirre
Mo dhìth ma dhéireas beud da!

Uachdaran na duthchinnte
Gu bheil mo dhurachd féin leis.

Hi ri, gum bait leam fallain thu,
Ad chaisteal ann an Sléibhte,

Far am bi na fìdhleirean,
S na pioban ann gan gleusadh;

Is far am bi na gillean og
Is boidhche theid fon éideadh;

Far am bi na h-ighneagan
Bu bhinn leam bhi gan éisdeachd

Is boidhche theid air urlar
An àm achiùil a ghleusadh

Is iomadh oigear furanach,
Cruaidh, fulangach le féile,

A dhéireadh leat, a Dhomhnuill,
Nan drachadh toir air Seumas.

Dhéireadh Mac Mhic Alasdair
S Gleann-garaidh leat le chéile;

Is dhfhagainnsa mo dhùthaich
Air chùmhnant a bhi réidh riut.

Bheirinn sgriob a Lunnainn leat,
Nam biodh mo thurus réidh dhomh.

Achs mise tha gu muladach
Air muilinn, is mig éirigh.


Cho dubh ris an t-suidh.
Cho geal ris an t-sneachd.
Cho soilleir ris aghréin.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


AGhailig:
“ ’S i labhair Adhamh
Ann am Parras fein.”

“ ’S i as fearr gu togail inntinn
Le binn-ghuth comhraidh tlath,
S i as sgaitiche gu mi-mholadh
S as minenochdas gradh;
N am cruinneachadh nam miltean
Le piob gu iomairt lann,
S i a dhuisgeadh colg air oigridh,
Nuairthogteadh srol ri crann.”
Donnachadh Bàn.

Cuir a dhiarraidhMhic-Talla.”


Sydney & Louisbourg Railway

Tim Chlar Geamhraidh.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhOctober, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.

A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain asùire.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 24
internal date1904.0
display date1904
publication date1904
level
reference template

Mac-Talla XII No. 24. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page