[Vol . 12. No. 25. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 10, 1904. No. 25.
Am Bheil ‘Mac-Talla’ gu Dhol Bas?
Ma tha, cha’n ’eil a’ dol a dh’ éiridh dha ach rud a thachair do gach paipeir is miosachan a chuireadh riamh a mach anns a chànain Ghaidhealach. Tilgear sin oirnn gu math tric le Goill ’s le Sasunnaich. Their iad nach ’eil de dhìlseachd annainne d’ar cainnt na chuireas fiù dolair a mach air son a cumail suas. Cha ’n ’eil atharrach air; feumaidh sinn ar ceann a chromadh agus a bhi ’nar tosd. Chuir e dorran orm fhaicinn anns an àireamh mu dheireadh gu bheil MAC-TALLA air lom a dhol bàs le cion suim nan Gaidheal. Is naidheachd neo-thaitneach do d’ leughadairean gu bheil e ’dol a thoirt suas.
Cha’n ’eil comhairle an fhir-dheasachaidh agam anns an ni tha mi dol a radh, ach tha e soilleir gur e cion gabhaltaichean a tha na aobhar MAC-TALLA bhi dol a stad. A nise, cha bu mhor an dragh na gabhaltaichean a dhùblachadh. Cha’n ’eil aon againn a tha gabhail a phaipeir nach faod le beagan saothair aon ghabhaltach ur fhaotainn do’n phaipeir mu’n tig deireadh a’ mhios so. Ged bhiodh corra neach nach b’urrainn an ni beag sin a dheanamh tha moran eile a dh’fhaodas àireamh de ghabhaltaichean ùra fhaotainn. Ma chuireas gach neach ’ainm féin agus na gheibh e de dh’ainmean ùra dh’ ionnsuidh an fhir-dheasachaidh bheir sin misneach dha gu cumail air aghart. Cho luath ’sa thig a chiad àireamh a mach de ’n treas leabhar deug (Vol. XIII) cuireadh na h-uile neach air aghart a dholar fein agus dolair nan gabhaltaichean ùra. A thuilleadh air a sin, ma tha neach sam bith ann am fiachan do’n phaipeir air son na h-ùine chaidh seachad cuireadh e an t-suim, gun an tuilleadh dàlach, a dh’ionnsuidh an fhir-dheasachaidh. Ma ni sinn so pàighidh e do ’n fhear a th’ air ceann a ghnothuich am paipeir a chumail gu riaghailteach air a chlo-bhualadh. Cha’n ’eil e iomchuidh gu’m biodh cosgais agus uallach cumail suas a phaipeir a tuiteam air gualainn aon duine. Rinn e gu math ’s gu ro-mhath anns an àm a dh’fhalbh. Cha b’e h-uile fear a dheanadh cho math le cho beag cuideachaidh agus misneach o mhuinntir eile. Rachamaid air obair, mata. “Na innseadh Gall do Ghaidheal” gu’n do leig sinn bàs le MAC-TALLA.
C. C.
An Laoidheadair Gailig.
Cha bhi an leabhar so air a chur a mach air a’ bhliadhna so fhathast. Chuireadh 104 de laoidhean r’a cheile, agus chuireadh iad fa chomhair Ard-Sheanadh Eaglais na h-Alba aig deireadh a’ mhios a chaidh seachad le sgeul mu bheachdan cuid mu fheum agus mu luach an leabhair. Bha feadhainn ann nach robh idir riaraichte leis an leabhar, agus ghluais an t-Olla Urr. Tormoid Mac Leòid, Ionar-nis, gu’m biodh e air a chur sios a dh’ ionnsuidh nan cleirean Gàidhealach a rithist air son ath-leasachaidh, leis an rùn gu’m biodh iomradh air a dheanamh air an ath bhliadhna aig an Ard-Sheanadh. Bha muinntir eile ann a bha fàs sgìth de’n dàil a bha air a chur anns a’ chùis mar so o bhliadhna gu bliadhna. Bha e air a chomharrachadh a mach gu’n robh seachd bliadhna o’n thòisicheadh air an leabhar an toiseach. Chuir Mr Iain Mac-an-t- Saoir, eildeir an Glaschu, gu sònruichte an aghaidh a bhi cur dàil anns a’ chùis. Air an laimh eile tha feadhainn ann, mar tha Mr. Mac-Eacharna ’an Ionar-nis, nach ’eil a’ smuaineachadh gu’m bheil moran feum idir air an leabhar anns a’ Ghaidhealtachd. Tha am maoth-bhlàths so a’ cumail air ais adhartas ann an cùisean seinn is ciùil am measg nan Gàidheal. ’S ann mar so a tha a ghnàth a’ tachairt do chùisean ionmhalta. —Oban Times.
Guth as na h-Eileanan Coille, E. P. I.
COMHAIRLE AN T-SEANA GHIULLAN.
Ma’s fhior na seana ghiullain ’s e ’n gliocas a tha ’g an cumail o phòsadh. Cha’n ’eil iad a faicinn nighinn òig sam bith gun choire no fàillinn air choir-eiginn. Tha e coltach gur gann a bhiodh iad riaraichte le té leis gach buaidh is subhailc a dh’ ainmich Solamh ’s na Gnath-fhocail. Bha fear dhiubh a toirt comhairle air fear a bha sealltainn air son mnatha, e a dh’fheuchainn am faigheadh e té a bhiodh coltach ris na tri nithean a leanas, agus gun i bhith coltach riutha:—
1. I bhith coltach ri uaireadair mor stìopall—riaghailteach ’na gluasad; ach gun i bhith coltach ris an uaireadair mhór, le a teanga ’bhith ri chluinntinn thar a’ bhaile.
2. I bhith coltach ri mac-talla—i ’fhreagairt an uair a rachadh bruidhinn rithe; ach gun i bhith coltach ri mac-talla—anns an fhacal mu dheireadh a bhith aice daonnan.
3. I bhith coltach ris a’ chreutair a tha ’san fhaochaig—gun i bhith ach ainneamh as a tigh-comhnuidh fhéin; ach gun i bhith coltach ris a chreutair sin, air bheag suim do gach ni ach na bha i ’giulan air a druim.
Tha mi smaoineachadh nach can mi an còrr an dràsta. O’n a bha mi cho fada gun sgriobhadh is gann a tha fios agam c’aite no co air a thòisichinn. Ach thugaibh mo mhìle beannachd do Pheigidh Phabach, do mo charaid C. C., agus do gach caraid caomh eile a tha cho caoimhneil agus cho càirdeil a’ sgriobhadh agus a’ leughadh agus a’ paigheadh MHIC-TALLA. Agus mar a thuirt mi uair no dha roimhe cha’n ’eil mi fuasach siubhlach ann ’s mar sin cha’n ’eil moran de naigheachdan ùra agam aig an àm, agus cha’n ’eil mi idir gle mhath gu naigheachdan a dheanamh. Agus bho nach ’eil naigheachd ùr agam, ’s e ’s docha gu’n cuir mi seann naigheachd fhéin gur n-ionnsuidh an ùine gun bhith fada. Mar bu nòs ’ur caraid dìleas
SEUMAS A. MAC GILLEMHAOIL.
Eileanan Coille, E. P. I.
Aimsirean na Bliadhna.
Tha ceithir aimsirean ’sa bhliadhna—an t-earrach, an samhradh, am foghar agus an geamhradh. ’San earrach tha an tuathanach ag àr an fhearainn, agus a’ cur an t-sìl ’san talamh; tha na h-eòin a’ deanamh an nead agus a’ toirt a mach an àlach; agus tha na craobhan a’ teachd fo bhlàth, agus aghaidh a’ chruthachaidh a’ fàs ùrar agus gorm. ’San t-samhradh tha a’ ghrian a’ dealradh a mach ’na maise, ’na blàths, agus ’na neart; tha i a’ toirt beatha agus fàs do na mìltean de chreutairean ’tha ag éirigh as an duslach; agus le a caomhnealachd, agus le fàile an uisge tha na craobhan air an còmhdachadh le meas, —na gàraidhean air an sgeadachadh le flùranaibh, —agus a’ mhachair a’ giùlan pailteas sìl air son lòin do dhuine agus do ainmhidh.
’San fhoghar tha gach ni a’ teachd gu foirfeachd. Tha an t-arbhar, air dha bhi abuich, air a ghearradh sìos, agus air a chruinneachadh a steach do lannaibh agus do shaibhlibh. Tha am meas air a spionadh bhàrr nan craobh, agus air a thasgaidh ann an tighibh-stòir. Tha duilleach na coille a’ crionadh, agus gach luibh mhaoth tha fàs ’sa mhachair a’ nochdadh gu soilleir gu bheil deireadh na bliadhna am fagus. An déigh an fhogharaidh thig an geamhradh a riaghladh na bliadhna. Agus le a theachd fàsaidh an là goirid agus an aimsir fuar; bithidh na neoil air an luchdachadh le sneachd agus cloich-mheallain; agus seargaidh an doinionn ànradhach agus a’ ghaoth-reòtaidh gach luibh ùrar agus ghorm, —sgapaidh iad an duilleach tha còmhdachadh nan craobh, —agus tionndaidhidh iad gach ni tha sgeadachadh aghaidh na talmhainn gu coslas agus cruth a’ bhàis.
Do ’n duine eagnaidh agus ghlic tha aimsirean na bliadhna agus obair a’ chruthachaidh gu h-iomlan mar leabhar fosgailte, anns am bheil e a’ leughadh maitheis agus mòrachd Chruithfhir na talmhainn. San earrach tha e faicinn a chaomhalachd, ’nuair tha e toirt air blàths na gréine aghaidh an t-saoghail nadurra ath-ùrachadh, agus tha e a’ lionadh cridhe gach creutair aig am bheil mothachadh le gàirdeachas agus gean. ’San t-samhradh tha e faicinn glòir agus mòralachd a nàduir, ’nuair tha a làmh thoirbheartach a’ sgeadachadh gach ni le maise, agus a’ deanamh tigh-stòir do’n chruinne-ché, far am bheil e solar pàilteas a shàsuchadh miann gach creutair a chruthaich e. ’San fhoghar tha e faicinn a mhaitheis, ’nuair tha an t-arbhar a’ fàs buidhe air na machraichibh, agus tha gach ni air aghaidh a’ chruthachaidh a’ deanamh eadar-mhìneachadh soilleir air firinn nam briathran so, “Tha sùilean gach ni a’ feitheamh ortsa, o Dhé, agus bheir thu dhaibh am biadh ann an àm iomchuidh: fosglaidh tu do làmh fhialuidh agus sàsuichidh tu miann gach ni beò.” Agus ’sa gheamhradh tha e cluinntinn guth a chumhachd, agus a’ faicinn neart a chorruich ’nuair tha e còmhdachadh an talmhainn le sneachd,—
[Vol . 12. No. 25. p. 2]
a’ sgaoileadh an liath-reothadh mar luaithre, agus a’ tilgeadh a mach deighe mar ghreimannaibh. Tha gach ni dhiubh sin a’ toirt dearbhadh cinnteach dhuinn air cumhachd, air gliocas, agus air maitheas an Ti sin tha ’g orduchadh aimsirean na bliadhna ’nan amannaibh suidhichte, agus a ta riaghladh a’ chruinne-ché gu h-iomlan.
Facal Mu “Mhac-Talla.”
FHIR-DEASACHAIDH: —Fhuair mi am MAC-TALLA a thainig a mach air an 27mh la de’n Mhaigh, anns an robh air innse gu robh am paipeir luachmhor ri sgur de thighinn a mach deireadh a mhios so, a chionn nach robh na Gaidheil ga ’chumail suas mar bu chòir dhaibh. Tha mi glé dhuilich air-son sin, agus tha mi ’n dochas gu’n dean an luchd-gabhail eadhon aig an am so an dleasanas d’a thaobh. Chuirinn fhin mu choinneamh gach aon a tha ga ’ghabhail, fear-gabhail no dha eile fhaighinn dha. Bheir mi mo ghealladh gu faigh mise coig de luchd-gabhail ura dha, ’s gu’n cuir mi na coig dolair g’ur n-ionnsuidh cho luath ’s a bheirear fios gu bheil am paipeir ri dhol air adhart. A bharrachd air sin ni mi m’uile dhichioll air fichead fhaighinn an aite nan coig.
Tha ioghnadh mor orm nach ’eil na Gaidheil a deanamh na’s fhearr na tha iad ri MAC-TALLA, an aon phaipeir Gailig a th’air an t-saoghal. Tha e da-rireadh maslach. Bu choir e bhi air bonn na’s fhearr na paipeir sam bith eile tha ’n America. Tha mi ’n dochas, co-dhiu, gu faigh sinn na’s fhaide na gu deireadh a mhios so air-son feuchainn ri shabhaladh o’n bhas. Is mise
Do charaid dileas,
ALASDAIR TORREY.
Pittsburg , N. Dakota,Iun 9, 1904.
An Tuathanach agus a Mhic.
An uair a chunnaic seann tuathanach beartach gu’n robh a shlàinte air fàilinn, agus e fein a’ dluthachadh ri ’chrìch dheireannaich, ghairm e a chuid mac gu taobh a leapach. “Mo chlann ghràdhach,” thubhairt an duine euslaint riu, “tha mise nis fagus do’n bhàs, agus is e mo chomhairle dheireannach dhuibh gun sibh a dhealachadh ris an fhearann so a bha aig ar teaghlach o cheann sè fichead bliadhna air ais; oir, gu ni diomhair, a chuala mi o m’ athair, fhoillseachadh dhuibh, tha ionmhas air fholach ann an ionad eigin de’n fhearann, ged nach d’ fhuair mise riamh a mach ciod an t-àite dheth. Cho luath ’sa ghiulainear an t-arbhar bhár an achaidh, na caomhnaibh saothair air bith ’ga iarraidh, oir tha fios cinnteach agam nach bi ’ur saothair an diomhain.
Cha bu luaithe a chaidh an seann duine a thasgaidh ’san uaigh, agus a thàinig an t-àm a dh’ainmich e na thòisich a mhic air an talamh a ruamhar. Thionndaidh iad gach troidh do’n achadh le mòr-churam; agus ged nach d’ fhuair iad an t-ionmhas a bha iad ag iarraidh, gidheadh thug am fearann a mach mòran tuilleadh toraidh na thug fearann an coimhearsnaich. Aig ceann na bliadhna ’nuair bha iad a’ cunntadh am buannachd mhòr, thubhairt aon diubh bu ghèire na càch, “Cuiridh mi geall gur e so an t-ionmhas a bha ar n-athair a’ ciallachadh. Tha aon ni cinnteach, agus mhothaich sinn e ’nar fiosrachadh féin, gu bheil saothair ’na ionmhas agus ’na bhuannachd, agus gu’n dean làmh nan dichiollach an còmhnuidh beartach.”
AM MAC A B’ OIGE.
Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.
CAIBIDEAL XIII.
AN uair a thàinig seirbhisich an lagha, dh’ fheuch iad ris an duine thruagh a thoirt leotha; ach o nach robh e comasach air ceum coiseachd a dheanamh, thuirt Fear a’ bhaile riutha gu ’n tugadh e dhaibh an t-each glas gus iad ’g a chur air a mhuin gus an ruigeadh iad àite anns am faigheadh iad dòigh air a ghiùlan do’n phrìosan. Ghabh iad an tairgse so gu toileach; agus an déigh dhaibh beagan mhìltean a choiseachd rainig iad taigh anns an d’ fhuair iad dòigh air a’ mheirleach a thoirt leotha gu ruige Struidhleidh, far an do chuireadh clach is aol ma ’shròin.
Rainig an doctair agus Fear a’ bhaile taigh an doctair gu sàbhailte beagan roimh àm cadail, agus iad le chéile glé thoilichte air son gu ’n deachaidh aca air fear de ’n luchd-droch-bheirt a chur an sàs. Ghabh iad eagal gu leor, agus ged a fhuair iad buillean is bruthaidhean, cha robh aobhar gearain aca o’n a bha ’n craicionn ’s an cnamhan slàn.
An là-iar-na-mhàireach, an déigh dhaibh am braiceist a ghabhail chuir iad rompa gu ’n tigeadh iad a dh’ fhaicinn cia mar a bha mise, agus a dh’ innseadh dhomh gu ’n d’ fhuaradh greim air fear dhe ’n triuir a thug uam mo chuid airgid.
Ged a bha mise air fàs gu math, cha robh mi comasach air obair sam bith a dheanamh. Thairg mi uair no dha beagan a dh’ obair aotrom a dheanamh anns a’ ghàradh comhladh ris an t-seana gharadair; ach cha leigeadh fear an taighe no bean an taighe leam lamh a chur ann an car obrach gus an abradh an doctair gu ’n robh mi làidir gu leor gus obair a dheanamh. Bha mi ’fàs sgìth de bhith ’nam thamh; agus a’ bharrachd air a’ sin, bha mi ’faicinn gu ’n robh e mar fhiachan orm oidhirp a thabhairt air rud eiginn a dheanamh mar phàigheadh do na daoine còire, cneasda a bha cho fritheilteach dhomh, agus cho caoimhneil rium, fad mo thinneis ’s ged bu leò fhein mi.
O nach fhaighinn cead a dhol a dh’ obair, bhithinn mar bu trice a’ dol a h-uile latha bhiodh gu math greis a choiseachd air feadh nam pàirceannan, no air an rathad mhòr. Agus o’n a bha mi ’g am fhaireachadh fhin a’ fàs na bu treise a h-uile latha, bhithinn a’ dol na b’ fhaide ’s na b’ fhaide o’n taigh a h-uile latha.
Air a’ mhadainn ud, o nach robh mi ’g am fhaireachadh fhin cho sunndach ’s a b’ abhaist dhomh, chuir mi romham gu ’n gabhainn an rathad mor o’n a b’ e a b’ fhasa ’choiseachd na na pàirceannan. Bha ’n latha soilleir, grianach, agus o’n a bha feothachan cunnabhallach de ghaoith fhionnair ann, agus mi ’g am fhaireachadh fhin a’ sior fhàs na bu shunndaiche mar a bha mi ’coiseachd air aghart, chaidh mi gu math na b’ fhaide o’n taigh na b’ abhaist dhomh.
Mu dheireadh thuirt mi rium fhin gu ’n robh an t-àm agam tilleadh air eagal nach bithinn air ais aig àm na dinnearach; oir cha robh toil agam dad de dhragh a chur anns an taigh ach na b’ fhior fheudar dhomh.
Aig an àm bha mi ’direadh bruthaich cho cas ’s a bha ri tachairt rium air a chuid ud dhe ’n rathad, agus bha ’n anail an àird’ a’ chleibh agam mu ’n do dhìrich mi e. Gus a’ sid cha do thuig mi gu ’n robh mi cho lag ’s a bha mi.
An uair a rainig mi mullach a ’bhruthaich, shuidh mi gus m’ anail a leigeadh, agus gus beachd a ghabhail air an t-sealladh bhriagha a bha fa m’ chomhair. Fada mu thuath orm bha aon bheinn mhòr; ach bha a’ chuid bu mhò dhe na bha de dh’ fhearann ’nam shealladh fo spreidh, agus fo bharr dhe gach seorsa. Agus bha na glinn, na comhnardan, agus na monaidhean a bha ’nam shealladh cho briagha ann an coimeas ris an àite anns an d’ rugadh mi ’s gu ’n robh mi ’g ràdh rium fhin, gu ’m bu mhòr an toileachadh a bh’ air daoine ’bha ’fuireach anns an aìte, ma thachair gu ’n robh cùisean a’ dol leotha cho math ’s bu mhiann leotha.
Thàinig mo shuidheachadh fhin anns an àm fa chomhair m’ inntinn, agus bha mi ’g aideachadh gu saor gu ’n robh mi glé ghòrach an latha ’chuir mi romham am muigh ’s am mach gu ’n rachainn do ’n Ghalldachd. Bha mi gun sgrìob litreach a chur dhachaidh thun mo chuideachd o’n latha dh’ fhalbh mi o’n taigh. Bha mi ’g am dheanamh fhin cinnteach gu ’n saoileadh mo phàrantan agus gach aon eile a bhuineadh dhomh, no air an robh mi eòlach, gur e mullach a’ mhi-chùraim a thug orm nach do sgrìobh mi dhachaidh. B’ fhearr leam aig an àm na na chunnaic mi riamh gu ’n robh mi gun charachadh o’n taigh. An àite ’bhith ’cosnadh tuarasdail mar a bha mi ’n dùil a bhithinn, is ann a bha mi gun chomas air mo bhiadh a chosnadh.
Comhladh ris gach comhairle mhath eile a thug Fear a’ bhaile orm fhad ’s a bha mi ’na chuideachd, thuirt e rium mi chur romham gu ’n sgrìobhainn gu math tric thun m’ athar ’s thun mo mhàthar. Agus ged nach robh éis sam bith orra, thuirt e rium gu ’n tugadh e toileachadh mòr dhaibh nan cuirinn beagan airgid uca an dràsta ’s a rithist. “Leigidh e ris dhaibh,” ars’ esan, “gu ’m bheil thu aig seirbhis, agus nach ’eil thu ’cosg do thuarsdail ann an gòraiche sam bith. Cha ’n urrainn toileachadh a’s mò ’bhith aca na dearbhadh fhaotainn gu ’m bheil thu slàn, fallainn, deanadach, glic, agus cùramach, faicleach mu ’n tuarasdal a tha thu ’cosnadh.
An uair a smaoinich mi air a’ chomhairle so, thòisich mi ri sileadh nan deug gu goirt. Bha mi air mo lionadh cho mòr le bròn ’s gu ’n robh mi coma ged a bhithinn air bàs fhaotainn anns an taigh fhàs anns an do cheangail an triùir dhaoine mi.
Cha robh mi fada anns an t-suidheachadh inntinn so an uair a thàinig smaointeanan eile steach orm. Thainig iomadh earrann dhe na bhiodh m’ athair a’ leughadh aig àm an aoraidh a dh’ ionnsuidh mo chuimhne gun iarraidh gun sireadh. Cha ruig mi leas na h-earrannan so ainmeachadh, ged a tha cuimhne mhath agam orra; ach theagaisg iad dhomh gu ’m b’ e mo dhleasdanas a bhith umhail agus riaraichte le mo staid, agus feitheamh gu foighidneach ris gach ni a bha air òrdachadh dhomh ann an cùrsa an fhreasdail. Chuimhnich mi gu ’n cuala mi gu tric mu dheidhinn dhaoine do ’m b’ eiginn a dhol troimh iomadh trioblaid is deuchainn ré an cuairt air an talamh, agus a bha air a’ cheann mu dheireadh a’ faicinn gu ’m bu mhath dhaibh gu ’n robh iad air an smachdachadh. Og, amaideach, agus aineolach ’s mar a bha mi mu thimchioll nan trioblaidean lionmhor a tha buailteach do dhaoine, thuig mi gu’m b’ e mo ghliocas cho math ri mo dhleasdanas an cupan a chuireadh ’nam làimh òl gun an tuilleadh gearain a dheanamh. Thiormaich mi mo shùilean,
[Vol . 12. No. 25. p. 3]
agus dh’ eirich mi ’nam sheasamh gu tilleadh cho cabhagach ’s a b’ urrainn mi.
An déigh dhomh ceum no dhà a dheanamh sheall mi thar mo ghuaille, agus thug mi an aire do dhithis mharcaichean a’ tighinn air an socair fhein a nios am bruthach. An uair a sheas mi tiotadh agus a ghabh mi beachd na b’ fhearr a ghabhail orra, thuirt mi rium fhin gu ’n robh an t-each a bh’ aig fear dhiubh anabarrach coltach ris an each ghlas aig fear a’ bhaile, ach o nach robh mi ’smaointean gu ’n robh e anns a’ chuid ud dhe ’n dùthaich, lean mi romham sios am bruthach.
An uair a rainig na marcaichean mullach a’ bhruthaich, ghreas iad na h-eich, agus ann am beagan mhionaidean rug iad orm.
Cha ’n urrainn domh cainnt a chur air cho toilichte ’s a bha mi an uair a chunnaic mi Fear a’ bhaile. Agus, a reir choltais, bha esan glé thoilichte mise fhaicinn; oir mar a dh’ innis e fhein dhomh, bha e fo dhragh inntinn glé mhòr mu m’ dheidhinn.
Leum e bhar muin an eich anns a mhionaid, agus rug e air laimh orm gu cridheil. Thainig an doctair air làr mar an ceudna, agus an uair a rug e air laimh orm, agus a dh’ amhairc e orm gu geur thuirt e: “A Sheumais, ciod e tha ’cur ort an diugh? Tha mi ’g aithneachadh air d’ aghaidh gu ’m bheil thu ’n déigh greis a thoirt air caoineadh. Nach d’ iarr mise gu tric ort sgur dhe ’n obair sin. Ma tha toil agad fàs làidir, fallainn, feuchaidh tu ri bhith riaraichte le do staid, agus d’ inntinn a chumail suas gu math. Is mò a ni inntinn shunndach, thoilichte de dh’ fheum dhut na na tha de chungaidhean agamsa ’nam thaigh. Ged a thainig mi-fhortan ’nad rathad, tha h-uile aobhar agad a bhith glé thaingeil gu ’n do thachair dhut tuiteam ann an lamhan dhaoine a ghabh uiread de chùram dhiot ’s ged bu leotha fhein thu. Tha sgeul’ aig do charaid ri innseadh dhut a bheir toileachadh dhut; ach fàgaidh mi sibh a’ comhradh ri ’chéile, agus gabhaidh mi air aghart.” An uair a thuirt e so, chaidh e air muin an eich, agus mharcaich e air aghart gu cabhagach.
Choisich Fear a’ bhaile agus mi fhin air ar socair gus an d’ rainig sinn an taigh. Dh’ innis mi dha, air iarrtus fhein, a h-uile car mar a thachair dhomh o’n latha dhealaich e rium. Agus an sin dh’ innis e dhomh mar a fhuair e an leabhar-pòcaid, mar a ghabh e amhrus air an triùir a thachair ris anns an taigh-òsda, mar a thug an treas fear dhiubh seachad, fear dhe na puinnd Shasunnach a bh’ anns an leabhar, agus mar a thug a’ cheart triùir ionnsuidh gharbh air fhein ’s air an doctair anns a’ choille an oidhche roimhe sid, agus mar a ghlacadh an treas fear dhiubh, agus a thugadh air falbh do ’n phrìosan e.
CAIB. XIV.
Leis a’ chunntais a thug Fear a’ bhaile dhomh mu dheidhinn an duine a ghlacadh, thuig mi gu ’m b’ e a’ cheart dhuine ris an d’ earbadh mo thrèorachadh gu sàbhailte gu ruige Struidhleidh. An uair a dh’ fheòraich e dhiom an aithnichinn e, thuirt mi ris, gu ’n robh mi ’smaointean gu ’n aithnichinn a cheann air a’ chladach.
Bha sinn faisge air an taigh mu ’n do chuir sinn crìoch air na bh’ againn ri ràdh. An uair a bha sinn suas thun an doruis, thainig fear an taighe am mach, agus chuir e failte cridheil air Fear a’ bhaile.
Dh’ aithnicheadh iad a chéile gu math, oir is minic a thachair iad ri chéile aig na maragaidhean.
Am measg gach comhraidh eile a bha eatorra air an fheasgar ud, thainig aca air iomradh a thoirt air mar a dh’ éirich dhomhsa; agus bha fear an taighe ’s bean an taighe glé thoilichte gu’n d’ fhuaradh greim air fear dhe na rinn an t-olc orm. Agus bha h-uile dòchas aca gu ’m faighteadh greim air an dithis eile ann an ùine ghoirid.
Thairg Fear a’ bhaile pàigheadh a thoirt dhaibh air son an dragha, agus na cosgais a ghabh iad riumsa; ach thuirt fear an taighe ’s bean an taighe ris á beul a chéile, nach ruigeadh e leas guth tuilleadh a thoirt air a leithid. “Cha d’ rinn sinne,” arsa bean an taighe, agus i ’freagairt a rithist, “ach ar dleasdanas; oir tha e sgrìobhte: ‘Gach uile ni bu mhiann leibh daoine ’dheanamh dhuibhse, deanaibhse a leithid dhaibhsan mar an ceudna; oir is e so an lagh agus na fàidhean.’ Nan tachradh do m’ mhac-sa tuiteam ann am measg an luchd-reubainn, agus a bhith air fhàgail leith mharbh, nach b ’e mo mhiann gu ’n tigeadh neach eiginn an rathad a ghabhadh truas dheth, agus a dheanadh gach ni ’na chomas a chum a thoirt o’n bhàs? Agus nach bu chòir dhuinne dheanamh mar a rinn sinn? Cha b’ ann a chum gu ’m faigheadh e pàigheadh air a shon a nochd an Samaritanach caoimhneas do ’n duine a thuit am measg an luchd-reubainn air an t-slighe eadar Ierusalem is Iericho, agus cha mhò na sin a b’ ann air son pàigheidh a nochd sinne caoimhneas do Sheumas. Bu chruaidh an cridhe a bhiodh aig neach sam bith nach gabhadh truas ri duine a bhiodh anns an t-suidheachadh anns an robh Seumas an latha a fhuaradh ceangailte e. Cha robh fhios againne cò e de shluagh an t-saoghail. Ged a b’ e an Turcach a bhiodh anns an t-suidheachadh anns an robh e, bu chòir truas a ghabhail ris, agus tròcair a nochdadh dha. Aig a’ cheart àm, tha sinn fada ’nur comain-se air son pàigheadh a thairgse dhuinn.”
Cha duirt Fear a’ bhaile facal an uair a chual’ e mar a labhair i. Thuig e, araon air a briathran, agus mar an ceudna air a gluasad, gu ’n robh i ’na boirionnach a bha ’feuchainn ri a beatha a chaitheamh ann an co-chòrdadh ri facal Dhé. Thug a briathran agus a gluasad a mhàthair gu ’chuimhne. Tha e air aithris, agus, tha mi ’creidsinn, le fìrinn, gu ’n robh a mhàthair ’na boirionnach cho diadhaidh ’s a bh’ anns an dùthaich. Mu ’n do dh’ eug i thug i iomadh comhairle mhath airsan; agus gheall e dhi gu’m biodh e ’dol gu riaghailteach do ’n eaglais air an t-Sàbaid. Ach ged a bha e ’feuchainn ri bhith ’dol do’n eaglais gu math riaghailteach, cha robh e ’deanamh aoraidh do Dhia idir. Bhiodh e mar bu trice ’smaointean air gnothaichean an t-saoghail so am feadh ’s a bhiodh e gu stòlda ’na shuidhe anns an eaglais. Ach air an latha so thainig dòighean is comhairlean a mhàthar na bu treise fa chomhair na h-inntinn aige na rinn iad riamh roimhe. Thuirt e ris fhein nach do chuir e suim mar bu chòir dha anns an eiseimpleir a chuir i fa chomhair, agus anns na comhairlean a thug i air. Gun fhios gun fhaireachadh dha thainig na deòir o na suilean aige; agus bha car de nàire air an uair a dh’ fhairich e iad a’ ruith sìos le ’ghruaidhean, agus a b’ fheudar dha a neapaiginn pòcaid a thoirt am mach gus an tioramachadh.
Thug fear an taighe ’s bean an taighe an aire dha, agus ghabh iad ioghnadh gu leor; ach o nach robh mòran eòlais ac’ air bu leasg leotha fheòrach dheth ciod a thug air a bhith ’sileadh nan deur. Ach b’i sid an uair anns an do thòisich comhairlean is teagasg is ùrnuighean a mhàthar ri toirt am mach toraidh ’na anam fo chumhachd an Spioraid Naoimh. Bha briathran an fhàidh Isaias a thaobh mar a bheir facal Dhé toradh am mach ann an àm iomchuidh air an coimhlionadh annsan air an lath’ ud:— “Oir mar a thig an t-uisge a nuas, agus an sneachd o neamh, agus nach pill e an sin, ach gu ’n uisgich e an talamh, agus gu ’n toir e air fàs torach, agus toradh a thoirt uaithe, a chum gu ’m toir e siol dhasan a chuireas, agus aran dhasan a dh’ itheas; is amhuil a bhitheas m’ fhacal-sa a theid am mach as mo bheul; cha phill e do m’ ionnsuidh gun tairbhe; ach coimhlionaidh e an ni a’s aill leam, agus bheir e gu buil an ni mu ’n do chuir mi am mach e.”
Thuirt fear an tighe: “Bha Seumas a’ tairgseadh a dhol a dheanamh caran beaga de dh’ obair aotruim anns a’ ghàradh comhladh ris a’ ghàradair, ach cha leigeamaid leis gus am biodh e gu math na bu treise na tha e, air eagal gu ’n deanadh e cron dha fhein. Ach thuirt an doctair ruinn au diugh, an uair a thaghail e, gu ’m faodadh e tòiseachadh ri beagan obrach a dheanamh air an ath sheachdain. Thuirt e gu ’m b’ fhearr dha ’bhith ri beagan de dh’ obair aotruim a chumadh ’inntinn air falbh na bhith gu brònach, trom, tùrsach mar a bha e’n diugh. Ach cha ghabh mise car dhe ’chuid obrach gu ’n tuarasdal riaghailteach a thoirt dha air a shon. Tha mi ’tuigsinn gur ann gus a dhragh anns an taigh so a phàigheadh a tha e cho toileach obair a dheanamh. Ach cha ghabh mise pàigheadh uaitheasan ann an obair na ’s mò na ghabhas mi paigheadh uaibhse ann an airgiod.”
Bha iomadh comhradh eile eatorra an lath’ ud nach d’innseadh dhomhsa; agus ged a bhithinn air a chluinntinn, cha bhiodh aobhar dhomh teannadh ri ’aithris an so.
Air an fheasgar ud, chaidh Fear a’ bhaile agus mi fhin sgrìob am mach air feadh nam pàirceannan, far an robh crodh is eich is caoirich ag ionaltradh. An uair a chuir sinn cuairt orra, shuidh sinn greis a leigeadh ar n-analach, agus thug sinn greis air comhradh mu chaochadh nithean air nach ruig mi leis iomradh a thabhairt. Ach faodaidh mi na comhairlean a thug e orm ainmeachadh:— “A nis, a Sheumais,” ars’ esan, “bha fear an taighe ag innseadh dhomh gu ’n robh thu ’tairgse tòiseachadh ri obair anns a’ ghàradh, agus fhuair e am mach air dhòigh eiginn gu ’n robh toil agad obair a dheanamh ann an rathad a bhith pàigheadh na chuir thu de dhragh agus de chosgais anns an taigh; ach cha ghabh e car obrach uat air son do dhragha. Tha thu gus obair fhaotainn anns a’ ghàradh air an ath sheachdain, agus gheibh thu tuarasdal riaghailte achair son d’ obrach. Faodaidh tu an duine còir a phàigheadh gle mhath le bhith ’nad sheirbhiseach dìleas, dùrachdach. Gabh an tuarasdal a thairgeas e dhut, agus aig gach àm fastaidh, gabh an t-àrdachadh tuarasdal a chi e fhein iomchuidh a thoirt dhut; agus theid mi an urras nach caill thu air. Bi cho umhail do ’n ghàradair ’s is urrainn dut. Tha e fada ann an seirbhis a mhaighstir. Coisnidh tu meas do mhaighstir a’ cheart cho mòr le bhith umhail do ’n ghàradair ’s a choisneas tu le bhith dìleas do d’ mhaighstir. Tha ’n doctair ag ràdh nach freagair e ort idir, an deigh do thinneis, a dhol do Shruidhleidh ’nad ghille-bùthadh. Cha ’n ’eil obair air an t-saoghal a’s fallainne na gàradaireachd; agus tha dòchas agum gu ’m bi thu cho làidir ’s cho fallainn ’s a bha thu riamh mu ’n tig ceann leith-bhliadhna.”
“Thug mi mòran taing dha air son gach caoimhneas a nochd e dhomh, agus gach cùram a ghabh dhiom, agus thuirt mi ris gu ’n robh mi anabarrach toileach cead fhaotainn a dhol a dh’ obair do ’n ghàradh. Agus gheall mi dha gu ’n deanainn a h-uile rud a b’ urrainn domh a chum araon an gàradair agus mo mhaighstir a thoileachadh.
B’ e am feasgar ud feasgar cho sunndach ’s a chuir mi seachad o’n latha dh’ fhalbh mi á taigh m’ athar. Thuig mi gu math gu ’m b’ fhearr dhomh gu mòr a bhith ’g obair anns a’ ghàradh
[Vol . 12. No. 25. p. 4]
air tuarasdal beag na bhith anns a’ bhaile-mhòr air tuarasdal na bu mhò, far am biodh iomadh cosgais agus iomadh buaireadh a’ tighinn ’nam rathad nach tigeadh nam rathad idir ann an àite sàmhach air an dùthaich. A bharrachd air a’ sin, bha fhios agam co ris a bha mo ghnothach.
Bha mi air fàs gu math eòlach air a’ ghàradair, agus dh’ aithnich mi gu ’m bu duine glic, tùrail, caoimhneil a bh’ ann. An uair a thòisich mi ri gluasad am mach as an taigh an déigh mo thinneis, bu tric leam greis dhe ’n ùine a chur seachad anns a’ ghàradh, agus ann an taigh a’ ghàradair. Bha bean a’ gharadair anabarrach ciùin, caoimhneil gu nàdarra, agus bha truas mòr aice rium a chionn gu ’n robh mi ’nam choigreach anns an àite, ged a bha fhios aice nach robh éis sam bith orm far an robh mi, agus bha i glé caoimhneil rium. Cha robh de theaghlach aca ach aon nighean, a bha mu cheithir bliadhna na b’ òige na mi fhin, agus bu tric leatha a dhol do ’n ghàradh far am biodh a h-athair. Bheireadh i mise an sid ’s an so air feadh a’ ghàraidh gus na dìtheannan bu bhriagha na cheile ’leigeadh fhaicinn domh.
CAIB. XV.
GUN fheitheamh gus an rachadh an dithis a theich do’n choille a ghlacadh, rùnaich an luchd-lagha gu ’m biodh cùirt air a cumail ann an Struidhleidh ann an ùine ghoirid. Bha car de dh’ amhrus aca gu’n innseadh am fear a ghlacadh, co an dithis a bha ’na chuideachd an oidhche ghlacadh e. O’n a dh’ fheumadh Fear Bhaile nan Slochd a bhith ’na fhianuis smaoinich e gu ’m bu cho math dha gun dol dhachaidh gus an rachadh a’ chùirt seachad.
Cha robh eagal sam bith air gu ’n rachadh gnothaichean cearr aig an taigh; oir bha ’n gréidh-fhear a bh’aige na dhuine cho dòigheil, cho cùramach mu ghnothach a mhaighstir, agus cho earbsach ri duine a b’ urrainn a bhith; agus bha sin a’ toirt socair-inntinn ach bu bheag do dh’ Fhear a’ Bhaile aig gach àm anns am biodh e air falbh o’n taigh.
An déigh dha beagan làithean a chur seachad ann an taigh mo mhaighstir-sa—oir dh’ fhaodainn mo mhaighstir a radh ris, o’n a bha mi air fastadh a ghabhail aige—chaidh e gu ruige Struidhleidh.
Bha mise glé thoilichte le mo staid. Cha robh obair throm orm; agus bha i ’còrdadh rium anabarrach math. Bha mi air mo bhòrd ann an taigh a’ ghàradair, agus cha robh éis sam bith orm. Bha mo bhòrd ’s mo bhreacag agam a’ cheart cho math ’s ged a bhithinn ann an taigh m’ athar.
An deigh do mhòran bhliadhnachan a dhol seachad, bidh mi gu tric a’ smaointean air cho iongantach agus cho do-rannsaichte ’s a tha freasdal Dhé. Bha mi ’nam òige air mo theagasg araon le comhairlean o fhacal Dhé, agus le eisimpleir mo phàrantan, a thaobh mar a tha làmh an Uile-chumhachdaich do ghnàth a’ stiùireadh dhaoine troimh ’n chùrsa beatha sin a ’s fhearr a fhreagras orra ’dol troimh fhàsach an t-saoghail so. Agus tha mi nis a’ faicinn, nam faigheadh daoine an roghainn, nach biodh an cùrsa a roghnaicheadh iad fhein ann an co-chòrdadh ris a’ chùrsa troimh am bheil an t-Athair neamhaidh ’g an treòrachadh o latha gu latha, agus o àm gu àm. Nan d’ fhuair mise na bu mhiann leam, anns an àm anns an d’ fhalbh mi a taigh m’ athar, bha mi air a dhol a chaitheamh mo bheatha do’n bhaile mhòr; ach gu fortanach dhomh, —mar a tha mi’n diugh ag aideachadh, thachair nithean dhomh, ged a bha iad glé shearbh leam anns an àm, a thug aobhar taingealachd dhomh iomadh latha o’n uair ud.
Tha daoin’ òga, mar is trice, ro bhuailteach air a bhith ’gabhail barail àrd orra fhein agus air an gliocas. Ged a bheireadh seann duine comhairle orra, cuiridh iad, mar is trice, ann an suarachas i. Thachair so dhomhsa, mar a thachair e do iomadh duin’ òg a bha ’g iarraidh a thoil’ fhein an uair a bha mi ’cur romham falbh do ’n bhaile mhòr. Mar a tha ’n sean fhacal ag ràdh: “Cha deanar duine glic ach air a chosg fhein.”
Chaidh gnothaichean ann am aghaidh-sa anabarrach mòr, agus bu mhath dhomh gu ’n deachaidh. Nan d’ fhuair mi mo thoil fhin, is dòcha gu ’n robh mi air tuiteam ann an iomadh peacadh agus truaillidheachd a sgriosadh mo chorp agus m’ anam.
Ged a rinn na chunnaic, agus na chuala, agus na dh’ fhairich mi anns an teaghlach chòir a ghabh truas dhiom ann an latha mo thrioblaid drùghadh mòr agus maireannach orm, cha b’ e na dh’ fhoghlum mi o ’n t-seana gharadair dad bu lugha a rinn a dh’ fheum dhomh. Cha b’ e mhain gu ’n robh e gu cùramach ag ionnsachadh dhomh mar a dheanainn gàradaireachd; ach bha e ’gabhail gach cothrom air m’ inntinn a tharruinn a dh’ ionnsuidh nan teagasgan spioradail a bha ri ’m foghlum o gach obair a bha ’tighinn fa ’r comhair o latha gu latha, agus o àm gu àm.
Cha ’n urrainn domhsa na theagaisg e dhomh a chur sios an so ann an òrduigh; ach innsidh mi beagan dhe na tha air chuimhn’ agam fhathast dhe na bha e ’g ràdh rium.
“Chi thu,” ars’ esan, “mar a tha ’n duilleach a’ teannadh ri fàs buidhe air na preasan, agus air na craobhan. Mar a tha fhios agad, thig an t-àm, agus cha ’n ’eil e fad’ air falbh, an uair a thuiteas duilleag an déigh duilleig bhar gach craobh is preas anns a’ ghàradh so, gus, mu dheireadh, am bi gach craobh is preas lom. Sin mar a thachras dhomhsa agus dhutsa. Tha maise, agus neart, agus beatha gach ni air an suidheachadh a réir rùn siorruidh an Ti a ta uile-ghlic. Tha mise ’gabhail beachd orm fhin, agus tha mi ’faicinn gu ’m bheil mi ag abachadh o latha gu latha air son na siorruidheachd; ach ged a tha thusa òg faodaidh tu a bhith anns an t-siorruidheachd romham fhathast. Tha beatha gach aon neo-chinnteach.
“An uair a bhios mise ’meangadh nan greòsaidean agus nan craobhan mheas eile, cha ’n ’eil mi uair sam bith ag ràdh rium fhin, co ’gheug a’s sinne, no co ’gheug a ’s òige. Gearraidh mi sìos geug an sid agus an so a réir mar a tha m’ eòlas, agus mo ghliocas, agus mo thuigse a’ teagasg dhomh. Faodaidh mise dhol cèarr, mar is minic a chaidh mi, ged a tha mi suas ri gàradaireachd o laithean m’ òige; ach cha teid an Ti a ta uile-ghlic cearr ann an ni sam bhith.
“A rithist, an àm a bhith ’cladhach anns a’ ghàradh, tha mi deanamh m’ uile dhìchioll a chum freumhan nan luibhean nadarra a thoirt as an talamh. An àite ’bhith ’g an tilgeadh air uachdar na talmhainn, far am faod iad le tuiteamas a bhith air am fàgail far an dean iad barrachd cron na rinn iad riamh roimhe, tha mi ’g an togail le m’ laimh, agus ’g an cur ann an soitheach gus an tilg mi ’mach as a’ ghàradh iad. Cha b’ e so an dòigh a bh’ agam an uair a thòisich mi an toiseach ri gàradaireachd; ach thuig mi o m’ fhein-fhiosrachadh gu ’m b’ e so an aon dòigh leis an rachadh agam air a’ ghàradh a chumail glan. “Seachainn gach uile choslas uilc.”
“Ma tha toil agadsa gàradh d’ inntinn agus do chridhe a chumail glan, feumaidh tu na freumhan uilc a tha gu nàdarra ag éirigh suas na d’ chridhe a spionadh as. Ged a tha lan-fhios agamsa gu ’m feum cumhachd a ’s àirde na cumhachd duine a bhith ’g obair anns a’ chridhe mu ’m bi e air a ghlanadh, gidheadh, cha ’n fhaod mi briathran an Fhir-Shaoraidh a chur an suarachas. So agad na briathran a labhair e mu thimchioll nam peacaidhean a tha gu furasda ’g iathadh mu ’n cuairt oirnn: “Ma bheir do shuil dheas aobhar oilbheum dhut, spion am mach i, agus tilg uat i: oir is fearr dhut gu ’n sgriosar aon de d’ bhallaibh, na do chorp uile a bhith air a thilgeadh do ifrinn. Agus ma bheir do làmh dheas oilbheum dhut, gearr dhiot i, agus tilg uat i; oir is fhearr dhut gu ’n sgriosar aon de d’ bhallaibh, na do chorp uile ’bhith air a thilgeadh do ifrinn.”
“A nis, ma tha thusa toileach cùl a chur ris na h-uilc a tha gu nàdarra ag éiridh suas na d’ chridhe agus ’na d’ inntinn, cha ’n e mhain gu ’m bi thu ’g ùrnuigh ri Dia gu ’n cruthaicheadh e annad cridhe glan; ach bidh tu a’ seachnadh gach uile choslas uilc, agus a’ dlùth leantuinn ris gach ni a tha math, mar a tha facal Dhé ag àithneadh dhut.
“Agus a rithist,” ars’ esan, agus e ’g amharc orm gu dlùth: “tha dealannan-dé, agus cuileagan bòidheach a’ tighinn do ’n ghàradh, agus tha iad araon a’ deanamh dolaidh mhòr anns a’ ghàradh, agus a’ toirt mòran saoithreach dhomhsa. Tha na dealannan-dè so anabarrach briagha ri ’m faicinn. An uair a bha mise ’nam ghàradair òg, aineolach, an àite bhith ’cur as daibh, mar a bha mo mhaighstir ag iarraidh orm, is ann a bha mi ’gabhail tlachd ann a bhith ’g am faicinn ag itealaich air feadh a’ ghàraidh. Bha iad cho maiseach ri ’m faicinn, le ’n sgiathan mòra, breaca, bòidheach ’s nach dùiriginn a h-aon diubh a mharbhadh. Mu dheireadh thuig mi air mo chosg fhin nach robh annta ach creutairean sgriosail. Cha ’n fhàgadh an cuid àlaich duilleag dhe ’n chàl anns a’ ghàradh gun itheadh. Tha mi nis a’ feuchainn ri cur as dhaibh cho math ’s a theid agam air.
“Cha ’n e mhàin gu ’m bheil iomadh freumh uilc anns na cridheachan againn; ach tha iomadh rud a tha glé mhaiseach do ’n t-sùil a tha mar an ceudna sgriosail do ’n anam. Tha ’n abstol ag ràdh gu ’n cuir Satan e fhein ann an cruth aingeal soillse a chum daoine a mhealladh. Seachainn mata,” ars’ esan, “a h-uile rud a tha tlachdmhor do ’n t-sùil, mur ’eil thu làn-chinnteach nach dean e cron ort gu spioradail.
“Tha’n gàradh a’ toirt iomadh teagasg fa ’r comhair. Is anns a’ ghàradh, —gàradh a shuidhich Dia, —a fhuair an nàmhaid cothrom air a’ cheud Adamh a lot le lot bàsmhor a’ pheacaidh. Is ann an gàradh Ghetsemane, a bha gleachd anama ro chruaidh aig an dara Adhamh. So mar a tha sgriobhte: “Agus an uair a thainig e do ’n aite (gàradh Ghetsemane) thubhairt e riutha: deanaibh ùrnuigh, a chum nach tuit sibh ann am buaireadh. Agus thàirneadh esan uatha mu thimchioll urchuir cloiche, agus leig se e-fhein air a ghlùinibh, agus rinn e ùrnuigh, ag ràdh. Athair ma ’s toil leat, cuir an cupan so seachad orm; gidheadh, na b’ i mo thoilsa ach do thoilsa gu ’n robh deanta. Agus dh’ fhoillsicheadh dha aingeal o neamh ’g a neartachadh. Agus air dha ’bhith ann an cruaidh-ghleachd anama, rinn e ùrnuigh na bu dùrachdaiche: agus bha ’fhallas mar bhraona mòra fala a’ tuiteam air an talamh.”
“B’ ann an gàradh a bha ’n uaigh anns an do chuireadh corp Iosa.
“Tha thu ’faicinn mar so,” ars’ esan, “gu ’m bheil gàradh a’ toirt a’ cheud Adhaimh agus buaidh an dara Adhaimh thairis air cumhachd peacaidh agus bàis, gun fhois fa chomhair d’ inntinn.
“Tha nèamh fhein air a shamhlachadh ri gàradh. Is e gàradh an t-eadar-theangachadh a tha air an fhacal, “parras.” Thuirt Iosa ris a’ ghadaiche a bha air a cheusadh ri ’thaobh: “Gu deimhin tha
[Vol . 12. No. 25. p. 5]
mi ’g radh riut gu ’m bi thu maille riumsa an diugh ann am parras.”
Mu ’n teid mi na ’s fhaide air aghart le mo naigheachd, feumaidh mi radh nach ann an aon latha a labhair an gàradair rium na dh’ innis mi. Agus nan robh mo chuimhne cho math ’s a bha i aon uair, rachadh agam air mòran eile dhe na thuirt e rium innseadh. Ged a chuala mi iomadh fear a’ labhairt o ’n chùbaid le briathran dùrachdach agus glic, gidheadh, cha d’ rinn briathran duine riamh barrachd drùghaidh orm na rinn briathran an duin’ ud. Agus diadhaidh ’s mar a bha e, agus ro fhiosrach ann am facal Dhé, agus glé ghlic gu nadarra, cha ghabhadh e os laimh seasamh air ceann coinneamh, no facal earail a thoirt do choithional sam bith. Ach an uair a gheibheadh e cothrom air facal earail a thoirt dhomhsa, no do m’ leithid, labhradh e ruinnn ann an briathran gliocais. Bu mhath dhomhsa gu ’n do chuir mi eòlas air.
(Ri leantuinn).
FIONNAGHAL DHOMHNULLACH.
FHAD ’s a bhios meas air gaisge, tréubhantas, agus subhailc, bheirear iòmradh cliùiteach ann an eachdraidh air an ainnir uasail agus thréubhanta, Fionnaghal Dhòmhnullach, nighean Raonuill Mhic-Aonghais Oig an Airidh-Mhuilinn, ann an Uidhist a’ chìnn a deas. Co riamh a chuala mu Phrionnsa Tearlach, nach cuala mar an céudna mar a theasairgeadh e, ’n àm dha bhi ann am mòr-chunnart, leis an òigh ghaisgeil agus mhaisich a dh’ ainmicheadh.
Cha do mhothuich Prionnsa Tearlach riamh a chunnart féin gus an do chuireadh as d’a dhòchas air faiche fhuilteich Chùilfhodair. An sin chunnaic e gu’m b’ éigin da teicheadh le a bheatha! Ach c’àit an rachadh e, an uair a bha e air a chuairteacheadh le naimhdibh a bha araon lionmhor agus leanaiteach? Smuainich e, nam biodh e ’na chomas an t-Eilean Fada a thoirt a mach, gu’n tachradh long Fhrangach air a bheireadh as an rioghachd e. Leis an rùn so, dh’ fhàg e Mac-Shimidh na h-Airde, agus càirdean eile, aig tigh Ghoirtleig, agus thug e na beanntan air. Is lionmhor cruaidh-chas a dh’ fhuiling e, agus caol-théarnadh a rinn e, troimh choilltean, chreagan, agus gharbhlaichean, mu’n d’ ràinig e Arasaig; agus cha’n e ’mhàin sin, ach bha deich mile fichead punnd Sasunnach airgid-cinn as, agus bha so ’na bhrosnuchadh mòr chum a bhrathadh. Bithidh e chaoidh ’na urram do Ghàidheil na linne sin, nach robh a h-aon’ nam measg uile a bhrathadh e, ged bu bhochd an staid, agus ged bu mhòr an duais a ghealladh. Aig fagail Arasaig dha, ann an ochd-ràmhach fhosgailte, dh’ éirich doinionn uamhasach—shéid na gaothan gu fiadhaich, shil na h-uisgeachan nan tuiltibh, dh’ fhàs na tonnan anabarrach buaireasach, agus bha Tearlach òg agus a sgioba air an luasgadh air a’ chuan ànradhach! Thuit an oidhche? agus feudar a ràdh d’a taobh, mar a thubhairt Oisein do thaobh na h-òidhche air an do “chruinnich an Fheinn, gu gu h-aoibhinn an talla Fhinn, ”—
Bha’n oidhche doilleir, duaichnidh—
Torman speur mar chreig troimh sguirnich;
Uillt a’ beucaich, taibhse ’sgreadail,
’S boillsge tein’ o’n adhar bholg-dhubh.”
Ach an déigh gach allaban agus àmhghar a dh’ fhuiling e, agus gach gàbhadh agus cunnart troimh an deachaidh e, air muir ’s air tìr, rinn e mach an t-Eilean Fada; agus fhuair e fasgadh car tamuill bhig o Mhac-ic-Ailein agus a bhaintighearn, aig Ormacleit ann an Uidhist a’ chìnn a deas. Cha b’ fhada, gidheadh, gus an d’ fhuaradh a mach c’àit a thug e air; agus chum ’s nach biodh e ’na chomas dol as, chuireadh mu dhà mhile saighdear do ’n arm-dhearg a dh’ ionnsuidh an eilein sin, a rànnsachadh gach creige, sluichd, agus bothain, o cheann gu ceann deth! Os bàrr bha longan-cogaidh air an suidheachadh anns gach àite, chum nach rachadh sgoth no eithear do ghnè sam bith a mach o thir, anns am feudadh am fògarach rioghail an t-aiseag a ghabhail gu àit eile. Dh’ fhàs cùisean cho cruaidh ’s nach b’ urrainn am Prionnsa bhi ùine sam bith gun ghréim a bhi air a dheanamh air, mur rachadh innleachd éigin a ghrad dhealbhadh chum a theasraiginn! Is iomadh innleachd air an do smuainich a chàirdean; ach bha tubaist éigin dlùth-cheangailte ris gach aon diubh, air chor ’s nach freagradh iad! Ach, mu dheireadh, dhealbh baintighearna Mhic- ’ic-Ailein ìnnleachd a shoirbhich. Dh’ àithn i am Prionnsa a sgeadachadh ann an éididh boirionnaich, a’ smuaineachadh gu ’m feudadh e bhi gu ’m faigheadh e mar so as an eilean, ann an riochd ban-òglaich mnà uasail! Ach, chum soirbheachadh, bha dà ni cudthromach ri ’m faotuinn; agus b’ iad sin, bean-uasal a ghabhadh os làimh gnìomh cho ro chunnartach a choimhlionadh, agus a rìs, cead fhaotuinn o aon do cheannardaibh an airm-dheirg chum an t-eilean fhàgail. Bha dà bhaintighearn òg san àm maille ri teaghlach Mhic- ’ic-Ailein, ach dhiùlt iad cuid no roinn a ghabhail sa ghnothuch. Ach co thainig chum an tighe ach an òigh cheanalta Fionnaghal, nighean Raonuill, a Baile-Mhuilinn, a dh’ fhaicinn Mhic- ’ic-Ailein, a caraid féin, oir cha d’ rinn i ach tighinn dachaidh beagan roimh sin a Dun-éidin, far an robh i a’ faotuinn gach eòlais a bha iomchuidh air a son mar mhnaoi uasail. Chaochail a h athair roimh an àm sin, agus bha a màthair pòsda an dara uair aig Uisdean Càm Mac-Shomhairle, mhic Shéumais Mhoir, mhic Dhòmhnuill Ghuirm Oig, ann an Armadail ’san Eilean Sgiathanach; agus bha e aig a’ cheart àm sin ann an Uidhist, ’na cheannard air cuideachd de Chloinn-Dòmhnuill as an Eilean Sgiathanach, a bha mach an aghaidh Thearlaich. Dh’ innis baintighearna Mhic- ’ic-Ailean do ’n ribhinn òig uasail an nì sin a bha ’na beachd, chum am Prionnsa a théarnadh o a nàimhdibh; agus chuir i a’ cheisd oirre, an rachadh i ann an cunnart air a shon. Fhreagair an òigh mhisneachail, agus thubhairt i— “O nach bàsaich mise ach aon uair, tha mi uile-dheònach air mo bheatha a chur an cunnart chum am flath rìoghail a shaoradh o’n ghàbhadh anns am bheil e.” An uair a chuala baintighearn’ an tighe so, bha i toileach air gu ’m faiceadh Fionnaghal am Prionnsa gu h-ealamh, chum cuisean a mhineachadh dha; agus air an aobhar sin, chaidh ceannard àraidh, d’ am b’ ainm O’Nèill, mar cheann-iùil maille ris an òigh churanta gu Corrodail—àite creagach, fiadhaich, agus uaigneach, far an robh uamh anns an robh am Prionnsa ’ga fhalach féin! An uair a ràinig iad sin, fhuair iad e ’na aonar, agus a’ deasachadh àirnean uain air na h-éibhlibh! Chlisg e an toiseach le h-eagal, an dùil, gus am fac e co a thàinig, gu ’n robh na saighdeirean-dearg air a mhuin! An déigh beagan comhraidh a dheanamh ris a’ Phrionnsa, dh’ fhàg Fionnaghal e. Thaghail i aig tigh a bràthar, an Airidh-Mhuilinn; agus, gu h-ealamh, thu i a sin Ormacleit oirre, chum gach deasachadh iomchuidh a dheanamh airson a turuis. Chaidh gille òg sgairteil maille rithe o thigh a bràthar, d’ am b’ ainm Niall Mac-Eachainn, a chaidh an déigh sin do ’n Fhraing maille ris a’ Phrionnsa; agus b’ athair e do ’n Dòmhnullach ghaisgeil sin a choisinn urram cho mor ann am blàraibh Bhonaparte, ’s gu ’n d’ rinneadh e ’na “Dhiùc Tharentuim!” Fhuair Fionnaghal an sin triall-chomas chum Uidhist fhagail o làimh a h-òide féin, Uisdean Càm Mac-Shomhirle—air a son féin—airson a gille, Niall Mac-Eachainn, agus triùir eile, gu sgioba a dheanamh suas—agus, mar an ceudna, airson a ban-òglaich, Betti Burke, ban-Eirionnach mhor, a fhreagradh, nam b’ fhior i féin, gu ro mhaith mar bhean-snìomhaidh d’a mathair ann an Armadail! Cha ruigear a leas ìnnseadh gu ’m b’i a’ bhan-Eirionnach so am Prionnsa féin. Tha cuid ’sa bharail gu ’n robh fios aig Uisdean Cam air na cùisibh—gu’n robh e ’na chridhe air taobh Thearlaich, agus gu’n do sgrìobh e litir chum a mhna le a nighinn, a’ toirt deagh chliù air Betti Burke mar bhean-snìomhaidh.
(Ri leantuinn.)
Robinson Crusoe.
CAIBIDEAL XXII.
APRIL 22—Air an ath mhadainn thoisich mi ri smaointean gu dluth mu thimchioll ciod an doigh anns am b’ fhearr dhomh oidhirp a thoirt air an obair a chuir mi romham a dheanamh, ach bha mi gle eiseil as aonais innealan. Bha tri tuadhannan mora agam, agus gu leor de lamhagan (oir bha na lamhagan againn anns an luing gus am malairt ris na h-Innseanaich), ach leis na bha mi deanamh de shaigheadaireachd ’s de sgealbadh air fiodh leotha, agus de ghearradh mheuran bhar fiodh a bha anabarrach cruaidh, bha iad lan de bhearnachan agus gle mhaol. Ged a bha clach-gheurachaidh agam cha b’ urrainn domh a cur mu’n cuairt agus na h-innealan a gheurachadh aig a’ cheart am.
Chosg so uiread de smaointean dhomh ’s a chosgadh cuisean-riaghlaidh do ard-fhear-riaghlaidh na rioghachd, no breith a thoirt a thaobh beath’ agus bas duine do ard-bhreitheamh. Mu dheireadh chaidh agam air cuibheal a dheanamh leis an cuirinn mu ’n cuairt a’ chlach-gheurachaidh le m’ chois mar a chuirear mu ’n cuairt cuibheal-shniomha, agus mar sin bha mi le mo dha laimh a’ cumail nan innealan ris a’ chloich.
Faodaidh mi ainmeachadh nach fhaca mi a leithid so de dhoigh riamh roimhe ann an Sasunn, no ma bha ’leithid ann cha tug mi an aire dha, ged a chunnaic mi o ’n uair ud gu ’n robh a leithid cumanta gu leor. A bharrachd air so, bha ’chlach-gheurachaidh gle mhor, agus gle throm, agus thug mi fad seachdain air obair air a’ chuibhil mu ’n d’ fhuair mi gu ceart air doigh i.
April 28, 29—Thug mi an da latha so air geurachadh nan innealan, agus bha ’n t-innleachd a rinn mi gus an geurachadh a’ deanamh feum gle mhath.
April 30—Thug mi an aire gu ’n robh na bh’ agam a dh’ aran air fas gu math beag, agus chuir mi romham nach ithinn ach aon bhrioscaid a h-uile latha. Dh’ fhag so mo chridhe gle throm aig an am.
Maidh 1—Anns a’ mhadainn, air domh amharc rathad na mara, agus traigh mhor ann, thug mi an aire gu ’n robh rud air a’ chladach a bha gle choltach ri barrailte. An uair a chaidh mi far an robh e chunnaic mi gur e barrailte anns an robh fudar a bh’ ann. Ach bha e air an t-uisge a ghabhail, agus bha am fudar air fas cho cruaidh ri cloich. Ach air a shon sin chuir mi gu tir e.
[Vol . 12. No. 25. p. 6]
Agus bha dha no tri de phiosan dhe ’n luing air a chladach mar an ceudna, mar a chuireadh gu tir iad leis an stoirm mhoir a bh’ ann mu dheireadh..
An uair a sheall mi an rathad a bha ’n long, ar leam gu ’n robh i na b’ airde os cionn na mara na b’ abhaist dhi. Chaidh mi cho dluth dhi ’s a b’ urrainn domh, agus chunnaic mi gu ’n robh i ann an doigh iongantaich air a h-atharrachadh as a h-aite. Ged a bha ’n toiseach aice, an uair a bha mi aice mu dheireadh, sia troidhean fodha anns a’ ghainmhich, bha e air a thogail pailt sia troidhean an uachdar. Bha ’n deireadh aice air a bhristeadh o ’n chorr dhi le neart na mara, agus air a chur gu mor as a cheile. Thachair so, a reir choltais, beagan an deigh domh ’bhith air bord innte mu dheireadh. Bha ’n deireadh air a thilgeadh thun an dara taoibh, mar gu ’m b’ eadh, agus bha a’ ghainmheach air a tilgeadh suas cho ard air an taobh ud, ’s gu ’m faodainn a dhol ’g a h-ionnsuidh dh’ am chois an uair a bhiodh traigh mhor ann, ged a bhiodh agam ri cairteal a’ mhile a shnamh an uair a thoisich mi ri dhol ’g a h-ionnsuidh an toiseach.
Chuir so ioghnadh mor orm an toiseach, ach ann an uine ghoirid thainig mi gu bhith dhe ’n bheachd gur e a’ chrith-thalmhainn a b’ aobhar dha. Agus o ’n a bha ’n long mar so air a bristteadh na bu mho na bha i roimhe, bha moran de rudan a’ tighinn thun a’ chladaich a h-uile latha: oir bha ’n fhairge ’gam fuasgladh, agus bha a’ ghaoth agus na tonnan ’g an iomain gu tir.
Thug so orm sgur a bhith ’smaointean air falbh as an aite anns an robh mi gabhail comhnuidh. Agus an lath’ ud gu h-araidh, bha mi anabarrach trang feuch ciod a gheibhinn ri thoirt as an luing, agus a’ rannsachadh gu math air a feadh; ach chunnaic mi nach b’ urrainn domh dad fhaighinn ri thoirt leam o ’n a bha i lan de ghainmhich. Ach air a shon sin cha do chaill mi mo dhochas, agus chuir mi romham gu ’m feuchainn ris an luing a chur gu buileach as a cheile. Bha mi ’creidsinn gu ’n deanadh a h-uile rud a bheirinn aisde feum dhomh uair no uaireiginn.
Maidh 3—Thoisich mi leis an t-sabh, agus ghearr mi te dhe na sailthean a bha mi ’smaointean a bha ’cumail suas cuid dhe ’n dec aird; agus an uair a ghearr mi i, ghlan mi air falbh cho math ’s a b’ urrainn domh a’ ghainmheach bhar an taoibh a b’ airde dhe ’n luing; ach an uair a thainig an lionadh gu math a steach b’ fheudar dhomh an obair a leigeadh dhiom an lath’ ud.
Maidh. 4—Chaidh mi dh’ iasgach, ach cha do ghlac mi aon iasg a dhuraiginn itheadh, ged a bha mi ’g obair gus an robh mi seachad sgith. Ach an uair a bha mi ’dol a sgur, ghlac mi iasg ris an abrar, “leumadair.” Rinn mi driamlach math fada le snath cainbe, ach cha robh dubhain idir agam. Ach air a shon sin ghlac mi gu math tric de dh’ iasg na b’ urrainn domh itheadh. Bha mi ’g a thiormachadh ris a’ ghrein, agus ’g a itheadh tioram.
Maidh 5—Bha mi ’g obair air an luing; ghearr mi sail eile, agus thug mi tri plancannan mora bhar na dec, agus an uair a cheangail mi ri cheile iad, leig mi gu tir iad an uair a thainig an lionadh.
Maidh 6—Bha mi ’g obair air an luing. Thug mi cuid mhath de dh’ iarunn aisde. Dh’ oibrich mi gle chruaidh, agus an deigh dhomh tighinn dachaidh ’s mi gle sgith, bha mi ’smaointean nach rachainn ’na coir tuilleadh.
Maidh 7—Chaidh mi rithist thun na luinge, ach cha b’ ann an duil obair a dheanamh. Agus chunnaic mi gu ’n robh i air a dhol as a cheile gu mor le a cudram fhein o ’na bha sailthean air an gearradh. Bha ’chuid mhor dhi air a dhol ’na cliathain, agus bha i cho fosgailte ’s gu ’m faicinn na broinn; ach bhi i leith-lan de shaile agus de ghainmhich.
Maidh 8—Chaidh mi thun na luinge, agus thug mi leam geimhleag gus an dec a chur as a cheile. Thug mi leam da phlanca gu tir an uair a thainig an lionadh. Dh’ fhag mi a’ gheimhleag air bord gus an rachainn ’g a h-ionnsuidh an ath latha.
Maidh 9—Chaidh mi thun na luinge, agus an uair a chaidh mi sios innte agus a bha mi cnuasach air a feadh leis a’ gheimleig, thachair barrailtean rium. Agus an deigh dhomh am fuasgladh as an aite anns an robh iad, cha b’ urrainn domh am bristeadh. Thachair an rolla luaidhe rium mar an ceudna, ach bha e cho trom ’s nach b’ urrainn domh a ghluasad.
Maidh 10, 11, 12, 13, 14—Chaidh mi a h-uile latha dhiubh so thun na luinge, agus thug mi cuid mhor de dh’ fhiodh dhe gach seorsa aisde, agus mu dha no tri cheud-punnd a dh’ iarunn.
Maidh 15—Thug mi leam da lamhaig feuch an rachadh agam air pios dhe ’n rolla luaidhe ghearradh leotha; ach o ’n a bha troidh gu leith uisge air ’uachdar cha b’ urrainn domh buille cheart a bhualadh air leis an lamhaig.
Maidh 16—Sheid a’ ghaoth gle laidir re na h-oidhche, agus anns a’ mhadainn bha choltas air an luing gu ’n deachaidh i gu math na bu mho as a cheile le neart nan tonn. Ach stad mi uine cho fad’ anns a’ choille feuch am faighinn calamain ’s gu ’n do chum an lionadh mi gun dol thun na luinge an lath’ ud.
Maidh 17—Thug mi an aire gu ’n robh cliathain dhe ’n luing air a chladach mu dha mhile uam, agus chuir mi romham gu ’n rachainn far an robh iad, agus an uair a rainig mi chunnaic mi gur e piosan dhe ’n toiseach a bh’ annta, agus gu ’n robh iad cho trom ’s nach b’ urrainn domh an toirt leam.
Maidh 24—A h-uile latha gus a’ so, bha mi ’g obair air bristeadh na luinge, agus le saothair mhoir dh’ fhuasgail mi na h-uiread leis a’ gheimhleig. An uair a thainig an lionadh thainig aireamh de bhuideil, agus a dha de chisteachan nan seoladairean am mach aisde. Ach o’n a bha ’ghaoth bhar a’ chladaich cha d’ thainig dad gu tir an lath’ ud ach beagan fiodha agus togsaid anns an robh feoil muice. Ach bha ’n fheoil air a milleadh leis an t-saile ’s leis a’ ghainmhich.
Lean mi air an obair so gus an 15mh de Iun, ach an uine a chuir mi romham a chaitheamh a’ feuchainn ri biadh fhaotainn dhomh fhin. Bhithinn a’ dol a shealgaireachd an uair a bhiodh am muir lan ann, a chum gu ’m biodh cothrom agam air a dhol a dh’ obair an uair a bhiodh am muir-traigh ann. Mu ’n deachaidh an uine so seachad bha fiodh is iarunn gu leor agam gus bata math a dheanamh nam biodh fhios agam mar a dheanainn i. Agus fhuair mi mar an ceudna aig caochladh amannan, agus ann an caochladh aiteachan, dluth air ceud-punnd de luaidhe.
Iun 16—Thachair dhomh a dhol sios gu oir na tuinne agus fhuair mi air a’ chladach seorsa eisg ris an canar “turtur.” B’ e so a’ cheud fhear a chunnaic mi dhiubh, ach is ann agam fhin a bha ’choire; oir bha gu leor dhiubh ri fhaotainn mu ’n cuairt an eilean. Nan do thachair dhomh a bhith air taobh eile an eilean gheibhinn na ceudan dhiubh a h-uile latha, mar a fhuair mi ’mach ’na dheigh sid; agus is docha gu ’n do phaigh mi daor gu leor air an son.
Iun 17—Chuir mi seachad a’ chuid bu mho dhe ’n latha ’deasachadh an turtuir. Fhuair mi tri fichead ugh ’na bhroinn. Ar leam aig an am nach do bhlais mi feoil riamh cho milis ’s cho blasda ris; oir cha robh agam o ’n a thainig mi air tir do ’n eilean ach feoil ghobhar agus eoin fhiadhaich.
Iun 18—Bha ’n t-uisge sileadh fad an latha, agus cha deachaidh mi am mach air dorus. Bha mi ’smaointean aig an am gu ’n robh an t-uisge na b’ fhuaire na b’ abhaist, agus bha mi ’g am fhaireachadh fhin na b’ fhuaire na bu choir dhomh anns an aite bhlath ud.
Iun 19—Bha mi gle thinn, agus bha crithean a’ tighinn orm, mar gu ’m biodh an t-side air fas fuar.
Iun 20—Cha d’ rinn mi norradh cadail fad na h-oidhche. Bha mo cheann anabarrach goirt, agus bha mi lan fiabhruis.
Iun 21—Gle thinn. Cha mhor nach robh mi marbh leis an eagal a bh’ orm gu ’n robh mo thinneas gus am bas a thoirt dhomh. Bha mi ’faicinn gu ’n robh mo staid muladach ’s gun neach ann a dheanadh cuideachadh leam. Rinn mi urnuigh ri Dia air son a’ cheud uair o ’n a rinn mi urnuigh an uair a bha long air an robh mi anns an stoirm faisge air Hull. Bha m’ inntinn cho mor troimh a cheile ’s nach robh fhios agam gu ro math ciod a bha mi ’g radh, no c’ar son a bha mi ’g a radh.
Iun 22—Bha mi beagan na b’ fhearr; ach bha eagal mor orm roimh mo thinneas.
Iun 23—Bha mi gle thinn a rithist. Bha fuachd is crith orm, agus bha mo cheann goirt.
Iun 24—Gu math na b’ fhearr.
Iun 25—Bha mi anabarrach tinn leis an fhiabhrus chritheanach. Bha mi fad sheachd uairean an uaireadair anns an t-suidheachadh thruagh so; uair a bhithinn teith, agus uair a bhiodh fallus na laige orm.
Iun 26—Bha mi na b’ fhearr. O nach robh biadh agam a dh’ ithinn, thug mi leam mo ghunna, ged a bha mi gle lag. Mharbh mi gobhar-bhoirionn, agus a’ cheart air eiginn thug mi dhachaidh i. Rost mi rud dhi, agus dh’ ith mi e. B’ e mo mhiann an fheoil aice a bhruich agus brot a dheanamh, ach cha robh poit agam.
(Ri leantuinn.)
Feill na Samhna.
Is ann ri linn nan Druidhean a fhuair a’ cheud latha de’n gheamhradh an t-ainm so. B’iad na Druidhean, ré iomadh linn, sagartan agus teallsanaich na Roinn-Eorpa.
Bha iomadh latha-fèill aca, ach b’iad an dithis a b’ainmeile an-t- Samhuinn agus a’ Bhealltainn. Air latha Bealltainn, (mar tha am facal a’ ciallachadh, Bheil teine, no Teine Bheail), bha gàirdeachas mòr air a dheanamh. Bha teinntean air an lasadh air gach cnoc a b’àirde na chéile, a chur fàilt air teachd na gréine ’na teas agus ’na blàs. A’ ghrian bha aca mar shamhladh air an dia Beal.
B’e ’n ath latha-féill a bha aca an t-Samhuinn, no an sàmhtheine, no teine-na-sìth. ’S ann air an latha so a choinnich na Druidhean anns an àite bu fhreagarraiche san dùthaich, a chumail mòd mòr, a shocruchadh gach connspoid, agus a réiteachadh gach comhstri. Air an àm so, bha gach teine ’san tìr air a chur as, agus bha e mar fhiachaibh air muinntir an àite air fad teachd a dh’ ionnsuidh nan Druidhean a dh’ iarraidh éibheil-bheothachaidh o’n teine bha air a choisrigeadh leòsan.
Ma bha aon duine ’san dùthaich ciontach ann an gnothuch olc air bith ’sa bhliadhna chaidh seachad, cha ’n fhaigheadh e srad do ’n teine choisrigte so gus an tigeadh i fo mheachainn nan Druidhean. Nan éireadh dha bhi co dàna ’s cur an aghaidh so, bha e air a sgaradh a mach o bheannachd nan Druidhean—bìnn a b’ eagalaiche na’m bàs. Cha robh e air a cheadachadh do neach air bith teine no fàrdach a thoirt daibh, no an caoimhneas a b’ fhaoine thaisbeanadh dhaibh, air chor ’s nach robh ach am bàs mu’n coinneamh mur géilleadh iad do na Druidhean.
[Vol . 12. No. 25. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
McDonald Building, Charlotte Street.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.
Bean an Uain.
LE BEAN ALASDAIR FHEARGHASDAN.
’S iomadh cnap, is meall, is caob,
A Ghaol, a bh’ air do chéile,
O, nach ioghnadh leamsa riamh
Gu ’n d’ thug Thu sion a spéis dhi,
’S gu ’n do chosg i dhut cho daor,
Mu ’n d’ rinn Thu aon riut féin dhi;
Ach ’s ise ’s àille ’measg nam ban,
’Nuair rinn Thu bean dhut fhéin dhi.
’Nuair thug Thu ’h-éideadh bronnach dhi,
’S a ghlan Thu i o ’bréine,
Chuir Thu trusgan glan oirre—
Bu choltach ris a’ ghréin i;
A brogan sud cha teirig iad,
Tha ’m buinn a dh’ or na neamhan,
’S gu ’m faigh thu fàile cùbhraidh dhi
’Nuair thig dhut dlùth na h-éideadh.
Tha fàinne dh’an an or ud oirre,
’S cha’n ’eil coir aig téil’ air,
Gu bheil clach ro bhoillsgeil ann,
’S gu’n dean an t-soills’ ud feum dhi;
’Nuair a thig an oidhch’ oirr’
Thig an t-soills’ ud ann na h-eudann,
Sin cuimhnichidh i ’n gealladh ud
A thug a leannan fhéin dhi.
O cha’n ’eil banrigh Lunnainn ann
Cho urramach na h-éideadh,
’Nuair thig i mach na greadhnachas
Cha samhl’ i dh’an an té ud.
Ar leamsa nach ’eil sgriobhadh air
Na bheil a bhrigh na seudan;
’S cha’n ioghnadh ged bu riomhach i,
’S i posd’ aig Righ na neamhan.
Tha ’n talamh a toirt urram dhi,
Tha ’n talamh a toirt spéis dhi,
Ged a chaidh a mhallachadh
’Nuair thuit i ann na h-euceart;
’Nuair a thug an sruthan ud
A tuiltibh dubh gu léir leis,
Tha ’n talamh air a bheannachadh
Le banalachd na té ud.
’S ged tha tinneas dualach dhi,
A thaobh snaim-gruamain Adhamh,
Tha ’n Righ na léigh buadhmhor,
’S e neo-thuasaideach na nàdar;
’S ’nuair a theid E ’shealltainn oirr’,
Ged shaoileadh i ’m biodh ràs air,
’Nuair a thig E faisg oirre
’S ann bhios air faite gàire.
Chuala mise ’n conaltradh
A bh’ aige rithe ’san fhàsach:
Mo cholaman, Mo bhean choimhlionta,
Mo phiuthar, Mo bhean ghràdhach!
An sin mhosgail ise
’S fhreagair i gun sgàth E:
O m’ Uile anns na h-uile Thu!
M’ Fhear furain is mo Ghràdh Thu!
Mo Shaighdear anns a’ chogadh Thu!
Mo Ghaisgeach Thu nach fàilnich!
A cheannsaicheas mo naimhdean dhomh,
’S nach leig mi ann an gàbhadh;
’S e Fear mo ghaol an Saighdear ud,
Mo Righ, mo Shagart ’s m’ Fhàidh!—
’S ’nuair sheall mi cha robh fiamh oirre,
’S gu’n mhiannaich mi a h-àilleachd.
’Nuair sheall mi cha robh fiamh oirre,
’S gu’n mhiannaich mi a h-àilleachd,
Is ar leam ged a mhiannaich mi,
Cho cianail is a bhà mi,
’S nach b’urrainn mi ’thighinn suas rithe,
’Thaobh duanachas mo nàdair;
Sin ghuidh mi ’n trusgan uasal ud
A dh’ fholaicheadh buan mo nàire.
O, dé mar ni mi cadal,
Dé mar ni mi éirigh,
Gun bhith agam barantas
A thrusgan glan na té ud;
’S mur bi ola na mo lamp’
’Nuair thig an t-àm dhomh éirigh
Gu dhol an còmhdhail Fear na Bainns’—
Nach b’e sud àm na h-éiginn!
O! cuimhnich Thus’ orm,
A’ Chruithfhear na neamhan,
’S deonaich ’sa cheud aiseirigh
Mo bheatha ’dheanamh aoibhneach;
’Nuair a thig an uair
An dean Thu suas do sheudan,
O, deonaich dhomhsa buaidh,
’S mar Bhean an Uain air m’ éideadh.
Rinneadh an laoidh bhriagha so le bantrach Alasdair Fhearghasdan—bean choir, dhiadhaidh, a tha fuireach le ’teaghlach ann am Milton, C. B. Bu choir a cuid laoidhean a bhith air an cruinneachadh cruinn, comhla ’s air an cur am mach ann an leabhar. Tha iad tuilleadh is math air son an leigeil air di-chuimhne. Tha i ’na bean aig am bheil deadh chomasan inntinn agus ’na seinneadair ciatach. Cuiridh mi marbhrann a rinn i do’n t-soitheach-smùide Dorcas, a chaidh a dhìth le ’sgioba gu léir o chionn dlùth air dusan bliadhna air cladach Nobha Scotia, gu MAC-TALLA air son an ath àireamh.
D. McP.
Mali Bheag, Og.
Am measg ar cuid oran gu léir cha ’n ’eil moran a bheir bàrr air an oran thiamhaidh ris an abrar “Màli bheag, òg.” Chluinnteadh gu ro thric ’ga sheinn e o chionn linn is linn gu sonraichte ann an Earraghàidheal. Gheibhear eachdraidh an orain air a chur sios ann an cainnt ro shnasmhor ann an “Cuairtear nan Gleann.” Tha e coltach gu ’n do rinneadh e le fleasgach og Eirionnach d’ am b’ ainm Lachann Ogai, o chionn ùine ro mhor. Bha Lachann an geall a chridhe air maighdinn àillidh, nighean do cheann-teaghlaich àrd, agus cha robh a gaol-se dhàsan a bheag air deireadh. Choinnich iad gu tric; dh’ aidich iad an gaol d’a chéile, agus gheall iad, ciod sam bith a thigeadh ’san rathad, nach mealladh iad a chéile gu bràth. Ach, gu mi-fhortanach bha esan bochd, agus cha robh a chridh’ aige iomradh a thoirt an làthair a càirdean air a posadh. Ghabh e ’san arm far an do dhearbh e gun dàil gu’n robh fuil ghaisgeil a’ ruith ’na chuislean. Dh’ éirich e ceum air cheum gu bhith na oifigeach àrd agus measail. Air dha ’bhith a’ cogadh ann am Flànras, air tir-mor na Roinn-Eorpa, fhuair e cead tighinn dhachaidh a choimhead a chàirdean; agus ma thàinig cha robh e fada a’ ruigsinn an àite far an robh rùn a chridhe, Màli bheag, og. Ma bha i àillidh an uair a dh’ fhalbh e, bha i deich uairean na b’ àillidhe a nis; cha robh boinne-fala ’san tir gu léir ri choimeas rithe. Fhuair e i cho dìleas agus a gheall i; bha i air gach tairgse eile a dhiùltadh, agus choinnich i e le bàigh agus le gaol a cridhe. Ach cha robh fhathast math guth a thoirt air posadh. Is e a bh’ ann gu ’n do chuir iad romhpa ruith air falbh. Thog iad orra gu h-uaigneach air oidhche Di-sathuirne. Dh’ ionndrainn a muinntir i moch madainn Di-domhnaich, agus ghrad chuireadh buidheann air an tòir. Lorgaich iad iad gu gleann sgàileach anns an robh iad air stad a leigeil an analach. Chuir an saighdear roimhe nach dealaicheadh e ri ’leannan fhad ’s bu bheo e. Bha e, mar thuirt sinn, na dhuine gaisgeil agus na fhear-claidheamh comharraichte. Anns an iorghuill a thachair, air do chàirdean na h-òg-mhna greim a dheanamh oirre chum a h-éigneachadh air falbh leò, thàinig buille a dh’ aom e air aon diùbhsan a nuas air ceann a leannain, agus thuit i marbh air an làr. An uair a chunnaic e so striochd e dhaibh. “Chaill mi nis,” ars’ esan, “mo chuid an t-saoghal mhor, agus tha mi suarach ciod a thachras.” Chaidh a chur am priosan; agus is ann ’san àite sin, agus e fo bhinn bàis a rinn e an t-oran blasda so. Cha do chuireadh gu bàs Lachann bochd—chaidh e as a bheachd. Thainig e a nall do dh’ Albainn, agus bha e fada air feadh Chinn-tìre a’ siubhal o àite gu àite. Bha e na fhior dhuin’ -uasal, na shàr sgoileir, agus e dreachmhor, eireachdail na dhealbh. Bha muinntir Chinn-tìre agus Earraghaidheal fad iomadh bliadhna mion-eòlach air fhéin agus air eachdraidh a bheatha. Tha e air a ràdh gur e fonn Eirionnach a tha air an oran. Cha ’n ’eil teagamh sam bith nach ’eil e fior choltach ris an fhonn Eirionnach “ Gradh-mo-chrì,” no “Moli-a- stòr.”
MALI BHEAG, OG.
Nach cruaidh leat mi bhith ’m prìosan?—
Mo Mhàli bheag, og,
Do chàirdean a’ cur binn orm,
Mo chuid an t-saoghal mhor;
A bhean nam basan mìne,
’S nan gruaidhean dearga, lionta,
Is tu nach fàgadh shios mi
Le mì-run do bheòil.
Di-domhnaich anns a’ ghleann duinn,
Mo Mhàli bheag, og,
’Nuair thoisich mi ri cainnt riut,
Mo chuid an t-saoghal mhor,
’Nuair dh’ fhosgail mi mo shùilean,
’S a sheall mi air mo chùlaobh,
Bha marcaich’ an eich chrùdhaich
’Tigh’nn dlùth air mo thoir.
Is mise bh’ air mo bhuaireadh,
Mo Mhàli bheag, og,
’Nuair thain’ an sluagh mu ’n cuairt duinn,
Mo ribhinn ghlan, ùr;
Is truagh nach ann ’san uair ud
A thuit mo lamh o m’ ghualainn,
Mu ’n d’ amais mi do bhualadh,
Mo Mhàli bheag, og.
Nach boidheach leibh a dh’ fhàs i?—
Mo Mhàli bheag, og,
Mar lili anns an fhàsach,
Mo cheud ghràdh ’s mo rùn.
Mar aiteal ciùin na gréine,
Dol seachad anns na speuran,
B’ e sud do dhreach is d’ eugas,
Mo Mhali bheag og.
Do mheura fada, caola,
D’ fhalt cuachach mar an t-òr,
Do dha chaol mhala mhìne,
Mar ite dheas an eoin;
An t-sùil bu ghlaine léirsinn,
Am beul bu bhinne ’leughadh,
’S a h-uile math da réir sin
Air Màli bheag, og!
Cha’n iarrainn leat crodh bailgionn,
No airgead, no or;
No deadh-ghean do chairdean,
Ge laidir an seors;
Dh’ iarrainn bhith cho dearbhte,
’S a chaoidh mu ’m faicinn fearg ort,
Gu’n siubhlainn leat an fhairge,
Gun dealg ach da bhord.
Shiubhlainn leat an saoghal,
Mo Mhàli bheag, og,
Cho fada ’s cùl na gréine,
A gheug is àille gnùis!
Ruithinn agus leumainn,
Mar fhiadh air bhàrr nan sléibhtean,
Air ghaol gu’m biodh tu réidh rium,
Mo Mhàli bheag, og.
Is truagh a rinn do chairdean,
Mo Mhàli bheag, og,
’Nuair thoirmisg iad do ghradh dhomh,
Mo chuid an t-saoghal thu;
Na ’n tugadh iad do lamh dhomh,
Cha bhithinn air an àm so
Fo bhinn air son mo ghraidh dhut,
Mo Mhàli bheag, og.
[Vol . 12. No. 25. p. 8]
Amhairc an So!
’san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.
Cha teid mi do na bhuaile,
Mo Mhali bheag, og,
Far am bi na cuachagan
A’ sior sheinn le ceol;
Ged bhitheadh iad ga m’ luaidh riut,
Cha charaich is cha ghluais thu,
Och mise ’nochd, mo thruaighe!
Mo Mhali bheag, og.
Nach cruaidh leibh fhein mar dh’ éirich
Do m’ Mhali bhig, oig—
A cur an ciste chéirich—
Mo chuid an t-saoghal mhor!
Ged lionainn-sa Loch Eireann
Le deoir mo chinn ’ga reubadh,
Cha charaich is cha ’n éirich
Mo Mhali bheag, og.
Ged bheirteadh mi o’n bhàs so,
Mo Mhali bheag, og,
Cha’n iarrainn tuilleadh dàlach,
Mo cheud ghradh ’s mo rùn;
B’ annsa ’n saogh’l so ’fhagail,
’S gu’m faicinn d’ aodann gradhach,
Gun chuimhn’ bhith air an la sin
’S an d’ fhag mi thu ciùrrt’.
Oran.
Bhi ’gan cuimhneachadh ’s ’gan ionndrainn,
Na fir ùr a dh’ fhalbh thar sàile;
Bhi ’gan cuimhneachadh ’s ’gan ionndrainn.
’S ann Di-luain a dh’ fhalbh na fleasgaich,
’Sa ghabh iad an cead d’ an cairdean,
’S gu’m b’e sud a’ chuideachd rioghail,
B’onair iad do’n tìr a dh’ fhàg iad.
Caiptin Donnachadh, mac Mhic-Dhùghaill,
Leis an d’ fhalbh na fiùran àluinn,
’S nam bu mhac thu mar an t-athair,
Dheanadh tu’n toirt dachaidh sàbhailt.
’S bhiodh tu ghéidhteach air do dhaoine,
’S cha b’ chùis fhaoin an toirt bho d’ lamhan.
’S o’n ’s e Donnachadh lamh bu chruridhe,
’S tric a a fhuair e buaidh air nàmhaid,
’S tric a fhuair e buaidh le onair—
’S ann tha cothrom aìg an dràst oirr’,
Le chuid ghillean sgairteil, gleusda,
Làidir, reubhairteach, neo-sgàthach.
Théid iad uile deas ’n an tarraing,
Grad mar dhealanach gu làmhach.
’S geal an claidheamh ’s an crios-guaille—
Dh’ éireadh buaidh le sluagh mo ghràidh-sa!
Anns a’ h-uile càs a’s cunnart,
’S mòr an t-urram fhuair na Gàidheil.
Dh’ fhàgadh iad na Goill gu h-ìosal,
Cuid ’n an sìneadh ’s air am màgan.
Ogh’ Iain Chiar a bha ’n Dun-Olla,
Rachadh togarrach ’s na blàraibh.
’S iomadh fear a laidh ’s nach d’ éirich,
Dh’ innseadh sgéil an déigh do làimh-sa.
’S b’ann diubh ’n robair ruadh bha ’n Eirinn;
Chuir thu ceann na béisd ’s a’ mhàileid.
’S thug do ghill’ e ’thigh Iarl Antruim,
’S chroch air sreing e ris a’ chlàraidh.
’S ann Di-luain a dh’ fhalbh na gillean,
’S leam bu mhilis an deoch-slàinte.
Duanag.
LEIS AN LIGHICHE MAC LACHAINN.
LUINNEAG.
O, seinnidh mi mo dhuanag,
Seinneam, seinneam suas i;
Seinnidh mi do’n ghruagaich
G’am bheil an gluasad farasda.
’S moch a rinn mi éirigh
’Sa mhadainn chùbhraidh chéitein,
Gathan ciùin na gréine
A’ lasadh speur ’sa chamhanaich.
A’ ghrian cho tlath ’s cho oirdhearc
A’ soillse aird nam mor-bheann,
Smùid thar dhealt nan lointean,
’S an drùchd ’na lod air mheanganan.
Sud e air an stùchd ud,
An coileach dubh a’ dùrdail;
So i ’chuthag shunndach,
Sùrd aic’ air caiseamachd.
Feuch an uiseag bhoidheach
Ag éirigh as a’ mhointich,
’S ag itealaich le solais
Os cionn a còsaig fholaichte.
Tha seillein beag na bealltuinn
’Dol seachad oirnn is srann aig’,
A thrusadh a mhil shamhraidh,
’S cha chuir an geamhradh ainnis air.
Bho’n thuit dhomh bhi ’sa chòisridh,
Seinneam leis a’ cheòlraidh—
Seinneam duan do ’n òigh ghil,
Gu sunndach, deonach, caithreamach.
’S e smuainteachadh mu’n mhaighdinn
Is àbhaist dhomh gach oidhche—
A’ cuimhneachadh do chaoimhneis,
’S e chum an raoir am chaithris mi.
Tha d’ anail leam na’s cùbhraidh’,
’Nuair labhras tu gu ciùin rium,
Na ’m barrach og a’ brùchdadh
A mach le tùis na meala dheth.
Ach cia mar ni mi luaidh
Air a’ h-uile dreach is buaidh ort?—
Do nàdar geanmnaidh, stuama,
Gu soitheamh, suairce, ceanalta.
Cinnteach tha e ’n dàn domh,
An gaol a thug mi mhain dhut,
Nach dealaich e gu brath rium
Gus am fàg an anail mi.
O, sonas agus àgh ort,
Ri fad do ré ’s do laithean!
’S am Freasdal anns gach aite
Le ’ghràsan a bhi maille riut.
Cronan a’ Ghille Mhuilich.
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Crònan a’ ghille Mhuilich;
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich,
Cronan a’ ghille mhaoil,
Cronan a’ ghille Mhuilich,
Amaideachd a’ ghille mhaoil,
Faoineis a’ ghille Mhuilich.
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich;
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich;
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich;
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich.
’S aighearach an gille maol,
’S aoidheil an gille Muileach;
Caileagan a h-uile taobh
An gaol air a’ ghille Mhuileach.
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich;
Sud an rud a thogadh m’ fhonn,
Cronan a’ ghille Mhuilich.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
A’ Ghailig:
“ ’S i labhair Adhamh
Ann am Parras fein.”
“ ’S i a’s fearr gu togail inntinn
Le binn-ghuth comhraidh tlath,
’S i a’s sgaitiche gu mi-mholadh
’S a’s mine ’nochdas gradh;
’N am cruinneachadh nam miltean
Le piob gu iomairt lann,
’S i a dhuisgeadh colg air oigridh,
’Nuair ’thogteadh srol ri crann.”
—Donnachadh Bàn.
Cuir a dh’ iarraidh “Mhic-Talla.”
Sydney & Louisbourg
Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’ sùire.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 25 |
internal date | 1904.0 |
display date | 1904 |
publication date | 1904 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 25. %p |
parent text | Volume 12 |