[Vol . 12. No. 26. p. 1]
MAC-TALLA
AN NI NACH CLUINN MI AN DIUGH CHA’N AITHRIS MI MAIREACH
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, IUN 24, 1904. No. 26.
Facal ’san Dealachadh.
LEIS an àireamh so tha MAC-TALLA a’ criochnachadh a thuruis. Mar chaidh a ràdh cheana, tha barrachd is aon aobhar air sin a thachairt; ach gheibhte buaidh air gach aobhar a th’ann ach an t-aon, nach eil na’s leòir de na Gàidheil a’ gabhail a phaipeir. Anns na ceud bhliadhnaichean bha moran chàirdean aige a chuidich leis le sgriobhaidhean ’s le faighinn luchd-gabhail ùra dha. Ach an ceann ùine sguir sin ann an tomhas mor; cha robh de luchd-sgriobhaidh aige ach an fheadhain dhìleas nach tréigeadh e fhad ’s a bhiodh an anail ann, ’s cha robh ach duine ainneamh a ghabhadh de dhragh na rachadh a shireadh luchd-gabhail ùra. Bha moran eudmhor d’a thaobh fhad ’s a bha e ùr, annasach, ach ’nuair chaidh e seachad air ’ùiread is ’annas, theirig an t-eud. Cha robh àireamh an luchd-gabhail riamh thairis air tri no ceithir ceud deug, agus ré nan ceithir no coig bliadhna mu dheireadh cha robh bhar aona ceud deug ga ghabhail. Agus ’nuair a dh’innsear nach d’thàinig a stigh o’n luchd-gabhail a bhliadhna b’fhearr a chunnaic e ach mu dheich ceud gu leth dolair, suim nach pàidheadh cosdas a’ chlò-bhualaidh, thigidh an ti a bhreithnicheas nach robh moran dòigh air a chumail air adhart. Air-son MAC-TALLA a chur a mach uair ’san da sheachdain cha b’fhuilear air a chuid bu lugha da mhìle, fear-gabhail a bhi aige. Dh’fhaodadh sin a bhi aige ged nach biodh ann de luchd-leughaidh Gàilig ach na th’ air eilein Cheap Breatuinn; ach ’nuair nach faighear an àireamh sin air fad is leud an t-saoghail, cha’n urrainnear tighinn gu co-dhùnadh sam bith eile ach nach eil paipeir Gàilig a dhìth air na Gàidheil, gu bheil iad riaraichte le bhi comharraichte mar an aon chinneach Criosdail a th’air thalamh nach cosd ri paipeir a chumail suas na’n cainnt féin.
Tha sinn gu mor an comain nan càirdean a chuidich leinn ann an dòigh sam bith, gu h-àraidh iadsan a bha o àm gu àm a sgriobhadh. Tha sinn duilich air an sgàth-san nach eil MAC-TALLA ri mairsinn. Na’m biodh dòchas againn gu’n rachadh cùisean na b’ fhearr leanamaid air; na ’m faigheamaid dearbhadh gu robh àireamh a dh’ fhóghnadh de ne Gàidheil iarratach a chumail suas, bheireamaid ionnsuidh eile air. Ach gun dearbhadh no dòchas, cha’n urrainn duinn ni eile dheanamh aig an àm so ach, le mor dhuilichinn, a leigeil bàs.
Ite Shuaicheantais Prionnsa Wales.
Tha fios aig moran d’ar luchd-leughaidh gu bheil an suaicheantas féin, agus an gearradh arm féin, aig gach teaghlach àrd, agus gach fine ’san dùthaich—mar tha an leóghan ’s an làmh-dhearg aig Clann-Dòmhnuill; na tri chasan, an caisteal, agus ceann an tairbh aig Cloinn-Leòid; cabar féidh aig Cloinn-Choinnich, agus mar sin sios. ’S e suaicheantas Prionnsa Wales, trí itean àrd an eoin ris an canar an Sruth(Ostrich) ;a h-aon de na h-itean so a’ seasamh dìreach suas o chlàr an aodainn, air a’ bheirt-chinn, agus a h-aon eile a’ lùbadh air falbh o gach taobh dhi so; agus ’se am facal suaicheantais, Ich Dien—da fhacal Ghearmailteach, a ciallachadh, “Tha mise ’seirbhiseachadh,” no a’ frithealadh, no fo ùghdarras.
So an doigh air an d’fhuair an ceud Phrionnsa Wales so: —Anns a’ bhlàr iomraideach sin ris an canar Blàr Chressy, a chuireadh eadar rìgh Shasunn agus rìgh na Frainge, anns a’ bhliadhna 1346, air machair fharsuing ’san Fhraing, far na chuir deich mìle fichead Sasunnach an ruaig air ceud mile Frangach, thachair e gu’n robh am prionns’ og, mac an rìgh, ann—Prionnsa Wales—esan d’an robh mar fhrith-ainm, “Am Prionnsa Dubh,” a chionn gum bu deise dhubh a b’àbhaist da bhi ’caitheamh. Chomharraich an flath og so e féin gu mor air an latha sin. Cha robh àite ’n do thaisbean se e féin nach do theich na Frangaich roimhe; leag e iad thall ’s a bhos, agus thuit na gaisgich a b’ainmeala san Roinn-Eorpa fo ’chlaidheamh cumhachadh. Bha aon seana ghaisgeach [ ? ] ’sa bhlàr, rìgh Bohemia. Bha e aosmhor, dall; ach thug e srian an steud-eich air an robh e ’marcachd do shaighdear a bha r’a thaobh, agus cha b’ urrainn doibh a chumail a mach as a’ bhlàr. Fhuaradh e am measg nam marbh, ’nuair bha ’m blàr seachad. Bha na trì àrd-itean geala ’na chlogaid mar shuaicheantas. Thug am Prionns’ og a chlogaid de’n t-seana ghaisgeach; chàirich e a’ cheann-bheairt so air a cheann fein, leis na facail so air an deargadh oirre, Ich Dien;agus riamh o’n àm sin, ’se so is suaicheantas do Phrionnsa Wales, oighre Bhreatunn.
Faodar, o’n tha sinn a’ labhairt mu Bhlàr Chressy, a ràdh gu ’m b’e so a cheud bhlàr anns an robh gunnacha-mora(Cannon)riamh air an cleachdadh; agus anns an teine mhor a bha ann an Tùr Lunnuinn, loisgeadh, leaghadh agus mhilleadh ceud do na gunnacha-mora a ghiac na Sasunnaich ’sa bhlàr so, agus a thug iad a nall ’s a chuireadh san Tùr mar chuimhneachan air a’ bhlàr ainmeil so.
Saoibhreas.
Tha suidheachadh àrd anns an t-saoghal, agus moran saoibhreis ’nan cunnartan mora do dh’ anamaibh dhaoine. Tha moran dhaoine ’g iarraidh nan nithean so aig nach ’eil fhios air na cunnartan a tha ’nan lorg. Tha inbh’ àrd agus saoibhreas a treorachadh dhaoine ’dh’ ionnsuidh iomadh buaireadh. Tha iad gu tric a’ lionadh a’ chridhe le uabhar, agus a toirt air daoine an aigneadh a shuidheachadh air nithean talmhaidh.
“Cia deacair dhaibhsan a tha ’cur an doigh ann an saoibhreas a dhol a steach do rioghachd Dhe!”
Am bheil farmad againn ris na daoine a tha saoibhir agus a th’ ann an suidheachadh àrd? Am bheil sinn ag radh uireannan ’nar cridheachan, “Oh, nach robh mise ann an aite nan daoine saoibhir ud, agus nach robh an inbh’ ard agus am maoin agam?”
Thugamaid an aire nach bi sinn a’ toirt aite do leithid so de smaointeanan. Is docha gu’m bheil an saoibhreas air am bheil sinn cho mor ann an geall a’ tarruinn na muinntir aig am bheil e beag air bheag sios do dh’ ifrinn. Dh’ fhaodadh beagan a bharrachd airgid air na bheil againn a bhith ’na mheadhain air ar n-anaman a sgrios. “Thugaibh an aire, agus gleidhibh sibh fhein o shannt.” “Bithibh riaraichte leis na nithean a tha agaibh.”
A dh’ aindeoin na bhios de shaoibhreas aig daoine, feumaidh iad falbh as an t-saoghal so, agus an saoibhreas air an robh an cridheachan, ma dh’ fhaoidteadh suidhichte, fhagail ’nan deigh. Cha toir saoibhreas mòr fois do’n anam no do’n inntinn anns an t-saoghal so. Ach tha saoibhreas feumail ’na aite fhein, an uair a nithear feum math dheth. Chruthaicheadh e air son feum an duine; ach tha’n duine ’deanamh droch fheum dheth gu tric mar a tha e ’deanamh de dh’ iomadh rud math eile a chruthaich Dia air son fheuma.
Thugamaid fa near gu ’n do chuir Iosa seachad a bheatha gun taigh, gun dachaidh, gun airgiod, gun or, agus gu’n d’ rugadh e ann an inbhe cho iosal ri duine ’rugadh riamh air an talamh. Ged a bhios meas mor aig daoine oirnn ma bhios gu leor dhe’n t-saoghal againn, cha bhi meas sam bith aig Dia oirnn mur bi an saoibhreas fìor againn.
Bha fionnan feòir ann roimhe so, a bhuilich làithean an t-samhraidh ann am faoin shùgradh, leis nach d’ rinn e solar iomchuidh airson a lòn geamhraidh. Bha e an cunnart dol bàs le gorta, gun ni air bith aige a dh’ itheadh e. Anns an airc so rinn e ghearan ris an t-seangan, a chionn gu’m b’ fhiosrach e gu’n robh am pailteas lòin aige-san, agus dh’ asluich e càileiginn fhaotainn uaithe, a chumadh beò e, gus an d’ thigeadh an t-Earrach; a’ gealltuinnn gu fìrinneach gun ath-dhìoladh e a chomain. Cha bu deòin leis an t-seangan riamh a bheag a thoirt seachad an iasad. Tha ’n seangan do ghnath cruaidh, neo-thabhartach. Thuirt e ris an aon eile:—
“Ciod a bha thu deanamh fad an t-samhraidh?” “Bha a’ mireag agus a’ gabhail orain,” ars’ an seangan. “Ro mhath—tha uait a nis dol a dhannsa.”
Is ann mar so a bhios iadsan a mhi-bhuilch àm na h-oige; cha deanar ach tàir agus magadh orra ann an la na h-airc.
Ma bhios tu ’dol a chur uisge glan ann an soitheach anns am bheil uisge salach, dòirtidh tu an t-uisge salach as an toiseach, agus an sin cuiridh tu an t-uisge glan ann. Mar so tha Dia a’ deanamh: doirtidh e mach as an duine gach ni a tha luachmhor ann an sealladh an duine, agus an uair a bhios an duine lom, falamh dhe ’chuid fhein, agus e ’ga fhaireachadh fhein ’na fhior dhiol-deirce, is ann a tha e freagarrach air son rioghachd neimh a shealbhachadh.
[Taobh -duilleig 194 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 2]
Na Baird Ghaidhealach.
Is e so an ceathramh leabhar(4th vol. )de ’n obair luachmhor so a tha an t-Urr. Mr. Sinclair air a chur a mach. Tha cheud leabhar a toirt iomradh air cóig bàird dheug thar fhichead a sgriobh eadar 1411 agus 1715, maille ri eisimpleirean de ’n cuid bàrdachd. Tha ’n dara leabhar a toirt iomradh air tri fichead bàrd a sgriobh eadar 1715 agus 1775, le earrannan de ’n cuid dàn is òran. Tha ’n treas leabhar ag iomradh air da fhichead bàrd ’s a cóig a bha beò eadar 1775 agus 1825, le roinn de’m bàrdachd; agus tha an leabhar ùr so, a tha nis air tighlnn a mach, a toirt dhuinn sgeul air da fhichead bàrd ’s a dha a sgriobh eadar 1825 agus 1875, le roinn de ’n cuid dhàn agus laoidhean. Tha againn mar sin anns na leabhraichean so pàirt de shaothair 182 bàrd, agus, cho fad ’sa bha sin ri fhaotainn, iomradh air am beatha.
Chi neach sam bith, a tha cur uidhir de luach air ar cainnt ’s gu ’n ceannaich e na leabhraichean so, nach ’eil sinn idir gun litreachas againn anns a’ Ghàidhlig.
Rinn Mr. Sinclair barrachd air son ar cainnt ’s a litreachas na rinn neach sam bith eile ’tha beò anns an linn so. Tha sinn an dòchas nach stad e leis na rinn e—gu’n toir e dhuinn na Bàird o 1825 gu 1900.
Cha leigear a leas a ràdh, ’thaobh an làmh a cheartaich na dàin so agus a dh’ullaich iad air son an clò-bhualadh, nach ’eil aon fhacal eadar da chlàr an leabhair a dhùisgeas smaoin shuarach no neo-ghlan an inntinn an leughadair.
Tha ’n leabhar air a clò-bhualadh gu snasmhor an oifis a MHAC-TALLA, far am bheil e ri chreic air cóig-sgillinn-deug (25c.)
C. C.
An Comanachadh ann am Mira, agus Rud no Dha Eile.
A MHIC-TALLA IONMHUINN, —Gabh lethsgeul dàil ann an cur taing mhor mhath ugad air son paipeirean, le focal-caoimhneis, a ràinig mi o chionn mios. Tha mi ro-dhuilich a nis a bhi ’g cluinntinn gu’m bheil thu gu stad buileach oirnn. Ach tha dòchas nach bi ann ach fois, as an ath-thòisich thu le d’ òige air a h-ath-nuadhachadh. Tha feum aig Gaidheil air do leithid. Bha moran dhuinn a dh’ fhaodadh a bhi air ar guaillean a chur ris an oidhirp na’n robh neach sam bith air a chùis a chur f’ar comhair.
Leig dhomh iomradh a dheanamh air mo cheud thurus tarsuing air Caolas Chanso. Air an t-seachdain a chaidh thachair dhomh cothrom fhaotainn air dol air chéilidh air seann charaid is aithne dhut, ministeir Mhira. O Shidni chaidh mi sios tre “na lochan, nan òban, nan òsan ’s nan caol,” air an do sgriobh iomadh peann a cheana, gu Mira Gut. As a sin fhuair migasoline ,mar a their iad ri bata beag luath a tha dol suas air an amhainn. An deigh dol sia mile troimh chuairtean boidheach, troimh chaoil ’us bhaighean leathainn, rainig sinn Drochaid Albert. Bha Mr. Mac Fhionghain air a cheidhe le fàilte chridheil, agus ann an tiotan bha mi gu cinnteach “aig an tigh” maille r’a theaghlach aoidheil, blàth-chridheach. Cha’n iomadh ministeir a fhuair bean-tighe cho ciatach ris a bhean so “á Gleann-na-garadh.” An ceann beagan ùine thòisich sluagh air cruinneachadh as gach cearna do’n eaglais, oir thachair gu’n robh an Comanachadh samhraidh a tòiseachadh. Bha coithional briagha cruinn an uair a chaidh Mr. Mac-an-Tòisich do’n chrannaig. Fhuair iad smior an t-soisgeul o’n cheatharnach sin am Beurla ’s an Gàidhlig.
Air Di-haoine bha latha Ceisd aca. Thainig moran tuilleadh a mach gu so, latha mor nan “daoine.” Tha ’n t-seòrsa seirbhis so a’ dol gu mor á cleachdadh am measg Gaidheil Chanada, ach bha i cho beòthail ’s cho taitneach ann am Mira an lath’ ud ’s nach téid i bàs air chabhaig ’san sgìre sin. Nochd àireamh mhor gibhtean-labhairt neo-chumanta.Cha robh moran aig na ministeirean ri ’dheanamh; agus cha’n fhaod sinn a bhi ’g “cur gaoth na’n itean.” Bha ministeir Mhorien agus ministeir Strathalbainn, ministeir Mharion, agus ministeir Ghlace Bay a toirt cuideachadh; agus air Di-luain bha Mr. Clarens Mac Fhionghain á Sidni a labhairt. Mar sin, fo riaghladh an aodhaire féin, rinn iad uile co-oibreachadh math air achd agus nach robh cion frithealaidh no cion teagaisg air an luchd-éisdeachd. Bha na coithionalan fhéin de ’leithid de ghnè ’s gu’n do tharruing iad as an luchd-labhairt na nithean a b’ fhearr a bh’annta. Air an t-Sàbaid bha còrr ’us naoi ceud pearsa ’san eaglais, agus chaidh dleasdanasan an latha a chuartachadh gu h-òrdail, snasail. Bha sin cliùiteach do ’n mhinisteir ’s do’n choithional, a tha ’nis a deanamh adhartas taitneach. Air oidhche na Sàbaid chaidh nigheanag lurach a mhinisteir a bhaisteadh ’san eaglais le ainm Beurla ’us ainm Gàidhlig—Gladys Iseabail.
B’fheudar tilleadh Di-luain, an àite, mar bu mhath leam, fuireach gu eolas fhaotainn air muinntir a tha fathast a suiridhe ’s ag aoradh anns a’ Ghàidhlig, agus gu tuilleadh fhaicinn de mhaise an eilean. Ghabh mi ’n carbad-iaruinn Di-màirt air son Eilean a’ Phrionnsa. Bha ’n latha anabarrach blàth agus siubhal mi-chomhfhurtail gus an d’ fhuair mi air bòrd na “Ban-phrionnsa” aig Pictou, soitheach eireachdail air am bheil Gaidheal sultmhor na chaiptean. B’e sud an turus tlachdmhor! Thainig sinn air bòrd a ruith le fallus, ach bha na còtaichean uachdair feumail mu mheadhon a’ Chaolais. Tha mi nis an “gàradh a’ ghulf.” Am màireach cuiridh mi m’ aghaidh air dol dhachaidh.
“Seinn ìribh o, hiùraibh o, hùgaibh o thì,
So agaibh an obair bheir togail do m’ chrìdh’:
’Bhi tionndadh mo chasan gu m’ dhachaidh bheag fhìn,
Aig criochnachadh turus an là dhomh.”
CLUARAN.
Bheir an saoghal urram gu leòr dhaibhsan a tha làidir, agus a chuireas iad fhein an geill, ach bheir Criosd urram dhaibhsan a tha macanta, agus a tha ’g earbsa ann.
AM MAC A B’ OIGE.
Leis an Urr. Iain Mac Ruairidh.
CAIBIDEAL XVI.
THAINIG latha na cùirte mu dheireadh: cha teid an lath’ ud as m’ aire ri mo bheò. Ged a bha mi neo-chiontach bha eagal orm seasamh ann an lathair na cùirte. Ach bha ’n duine truagh a bha ciontach gun choltas fiamh no eagail sam bith. Tha amhrus làidir agam gu ’n robh e ’smaointean nach b’ urrainnear a dhìteadh; oir cha robh fhios sam bith aige gu ’n robh a leithid de dhearbhaidhean làidir ri bhith air an toirt air aghart a chum a dhìteadh. An uair a thugadh a steach do sheòmar na cùirte e, sheall e gu dùr orm; agus fhad ’s a bha mi fo cheasnachadh aig an luchd-lagha, is gann gu’n do thog e a shùil dhiom.
B’ e Fear Bhaile nan Slochd a chuireadh air a mhionnan an toiseach. Dh’ innis e gach ni a b’ aithne dha mu m’ dheidhinn, agus mar a chomhairlich e dhomh àireamh nan notaichean a bh’ agam a sgrìobhadh ’nam leabhar-pocaid; mar a thachair dha mo leabhar-pocaid fhaotainn air bruaich na h-aimhne; mar a thug na facail a chual’ e anns an taigh-òsda air amhrus a ghabhail gu ’n robh lamh aig na fir ann a bhith ’g am spùinneadh; agus thuirt e gu robh e cinnteach gur e an duine a bha fo amhrus a bhi ciontach, agus a bha anns a’ chuirt fa ’n comhair, a thug an not seachad anns an taigh-òsda air son iomlaideachadh.
Bha fear-lagha gle thapaidh, gleusda anns a’ chùirt air taobh a’ chiontaich; agus chuir e iomadh ceisd air Fear Bhaile nan Slochd an dùil gu ’n rachadh aig’ air an fhianuis a thog e air mo thaobh-sa a chur bun-os cionn. Ach bha e soilleir do na h-uile a bha anns an éisdeachd gu ’n do labhair Fear a’ Bhaile, mar a theireamaid ris gu cumanta, an fhìrinn, an fhìrinn uile, ’s gun ni ach an fhìrinn.
Cheasnaicheadh an dà fhear taigh-òsda, agus thuirt iad ’nan dithis gu ’n robh iad làn-chinnteach gu ’m b’ e an duine air an robh amhrus na cionta a’ cheart dhuine ris an d’ earbadh mise threorachadh do Shruidhleidh, agus a thug seachad aon de na notaichean a bh’ agamsa ’nam leabhar-pòcaid.
Mu dheireadh chuireadh mise air mo mhionnan, agus anns a’ cheasnachadh a rinneadh orm, b’ fheudar dhomh a h-uile car mar a thachair dhomh fhad ’s a bha mi ann an cuideachd an duine innseadh; agus ged a rinn am fear-lagha a bha air taobh a’ chiontaich ’uile dhichioll, le mion-cheasnachadh, gus a dheanamh am mach nach robh mi ’g innseadh na fìrinn, dh’ fhairlich air.
Feumaidh mi innseadh mu ’n teid mi na ’s fhaide air m’ aghaidh, gu ’n tugadh dà chùis-dhìtidh air aghart an aghaidh an duine: an toiseach, mar rinn e ormsa; agus a rithist, mar a thug e-fhein agus an dithis a bha maille ris, garbh-ionnsuidh air an Doctair Morton, agus air Fear a’ Bhaile anns a’ choille an oidhche ’ghlacadh e. Agus, air an aobhar sin, bha ’n Doctair Morton air a cheasnachadh anns a’ chùirt, araon a thaobh an t-suidheachaidh anns an robh mise an uair a fhuaradh ceangailte mi, agus mar an ceudna a thaobh mar a thachair anns a’ choille. Thog e fianuis anabarrach làidir an aghaidh an duine thruaigh; agus an uair a bha e air a mhion-cheasnachadh leis an fhear-lagha thapaidh a bha air taobh a’ chiontaich, fhreagair e na ceisdean a chuireadh air ann an dòigh a bha neo-chumanta geur-chuiseach agus gleusda. Gus briathran cumanta a ghnàthachadh, cha b’ urrainn am fear-lagha ite ’chur as.
An sin chuireadh an duine truagh fhein air a mhionnan; agus bha e ’cumail am mach nach robh e ciontach idir dhe ’n chionta a bha air a chur as a leith do m’ thaobhsa. Dh’ aidich e gu ’n do ghabh e os laimh cùram a ghabhail dhiom, agus mo threòrachadh gu sàbhailte a dh’ ionnsuidh mo cheann-uidhe. Bha fhios aige nach b’ urrainn da
[Taobh -duilleig 195 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 3]
so àicheadh ri aghaidh na bha de dhearbhaidhean làidir air an toirt air aghart; ach bha e air son a dheanamh am mach nach robh làmh sam bith aige ann a bhith ’g am cheangal; agus thuirt e gu ’m b’ ann air eiginn a fhuair e teicheadh le’bheatha o na fir a cheangail mise. Ach an uair a bha e air a cheasnachadh gu mion leis an fhear-lagha a bha ’g iarraidh a dhìteadh, cha robh na freagairtean a thug e air ann an co-chòrdadh ris na bha e’n toiseach ag radh. Bha e soilleir do na h-uile a bh’ anns an éisdeachd nach ruigteadh leas mòran earbsa ’chur anns na bha e ’g ràdh. Bha e soilleir gu leòr do na h-uile gu ’m biodh e air a dhìteadh air a h-uile cor air son na h-ionnsuidh a thug e fhein agus a dhithis chompanach air an Doctair Morton agus Fear a’ Bhaile, ciod sam bith mar a thachradh dha a thaobh mar a rinneadh ormsa.
An uair a bha ’n ceasnachadh seachad, labhair am fear-lagha a bha air a thaobh òraid a bha fada, agus geur-chuiseach, agus gleusda. Thòisich e le bhith ’g radh gu ’m bu duin’ e a bha fo dheadh ainm am measg na muinntir a bha eòlach air gus an robh e ’na làn dhuine; agus nach robh e idir coltach gu ’m fàsadh duine a bha air a dheadh thogail ’na òige, agus a bha gus a’ sid fo dheadh ainm am measg na muinntir a bha eòlach air, na dhroch dhuine aig aois dà fhichead no leith cheud bliadhna. Dh’ aidich e gu ’m faoidteadh iomadh duine a bha gu nàdarra gle iomchuidh, modhail ’na ghluasad a thoirt a thaobh gus olc a dheanamh le comhairlean, agus le meallaidhean dhroch chompanach. Ach bha e ’cumail am mach gu ’m bu chòir leith-sgeul a leithid sid a dhuine a ghabhail, agus ged a gheibhteadh ciontach e, nach bu chòir peanas trom a leagadh air.
Dh’ fheuch e cho math ’s a b’ urrainn da ri dheanamh am mach nach robh lamh sam bith aig an fhear a bh’ air a chasaid anns an droch dhiol a rinneadh ormsa; agus chomharraich e am mach nach robh mise comasach air an dearbhadh bu lugha a thoirt seachad gu ’n d’ thug an duine an cuideachadh bu lugha seachad do na fir a cheangail mi, agus a thug uam mo leabhar-pòcaid. Thuirt e mar an ceudna nach tugadh dearbhadh sam bith fa chomhair a’ bhreitheamh gu ’n robh eadhoin fios aig an duine gu ’n do cheangladh mi. Agus mu dheidhinn an airgid, dh’ fheuch e ri dheanamh am mach gu ’m faoidteadh ’fhaotainn ann an sporran fir cho iomchuidh agus cho onarach ’sa bh’ anns an dùthaich, do bhrigh gu’n robh meirlich an comhnuidh a feuchainn ri dealachadh ris a h-uile rud a shaoileadh iad a thogadh fianuis ’nan aghaidh, nam faighteadh greim orra. Agus air do ’n chùis a bhith mar so, thuirt e nach bu choir an duine fhaighinn ciontach air son na rinneadh ormsa.
Ach an uair a thàinig e gu ’bhith ’labhairt mu ’n dara cùis-dhìtidh a thugadh an aghaidh an duine, cha d’ thug e oidhirp sam bith air a dheanamh am mach gu ’n robh e neo-chiontach. Bha dearbhadh ro shoilleir aige gu ’n robh e ciontach; ach dh’ fheuch e ri dheanamh am mach nach robh aobhar air peanas mòr a leagadh air o’n a bha e air a thoirt a thaobh le droch comhairlean a chompanach.
An deigh dha crioch a chur air na bh’ aige ri ràdh, labhair am Fiscal, agus thuirt e nach robh aobhar aige air mòran a ràdh, do bhrigh, a dh’ aindeoin cho deas-bhriathrach agus cho gleusda ’s a labhair am fear-lagha air taobh a’ chiontaich, gu ’n robh dearbhaidhean làidir, agus soilleir gu leor air an toirt air aghart a chum an duine dhìteadh; agus thuirt e gu ’n robh e ’smaointean gu ’n leagadh am breitheamh peanas trom air.
Thuirt am breitheamh gu ’m feumadh iad uile greim béidh a ghabhail o’n a bha iad ùine cho fada ’nan suidhe anns a’ chùirt, agus an uair a thigeadh iad air ais an ceann leith uair, gu ’n tugadh e an tagradh as an rathad.
An uair a shuidh a’ chùirt a rithist, thuirt am breitheamh ris a’ chiontach: “Thigeadh dhut a bhith gu mòr an comain an fhir-thagraidh a ghabh os laimh seasamh air do thaobh, a chum do shaoradh, nam bu chomasach e, a lamhan an lagha. Feumaidh mi ràdh gu ’n d’ rinn e a dhleasdanas cho math ’s a b’ urrainn a bhith. Ma labhair no nach do labhair e gu cogaiseach air do thaobh, tha mise gun fhios agam. Ach tha fhios agam air aon rud, agus is e sin, nach d’ rinn e dearmad anns a’ chuid bu lugha air labhairt gu làidir air a h-uile puing a shaoileadh e a dheanadh feum dhut. Ach an déigh so gu léir, cha robh e an comas dha do shaoradh a làmhan an lagha.
“Nam shealladh-sa, is ann a tha cuid dhe na labhair e air do thaobh a’ meudachadh do chionta. Labhair e mu’n dòigh mheasail, iomchuidh anns an deachaidh do thogail, agus mar a bha thu ’g ad ghluasad fhein gu modhail, iomchuidh an uair a bha thu ’nad dhuine òg. A nis, an àite dhomhsa do leithsgeul a ghabhail an diugh a chionn thu bhith modhail, iomchuidh ann an làithean d’ òige, is ann a tha mi ’gad fhaicinn ro chiontach a chionn gu ’n do thuit thu air falbh o’n fhìrinn ’s o’n onair a chaidh a theagasg dhut ’nad òige. Ged a bhiodh duin’ òg air a mhealladh le comhairlean agus cleachdaidhean dhroch companach, cha chuireadh e uiread a dh’ ioghnadh orm; oir tha leithid so a’ thachairt tric gu leòr. Ach is e do leithid-sa de dhuine a tha mu dha fhichead bliadhna dh’ aois, a bhith ’g ràdh gu ’n d’ thug droch companaich ort an obair a rinn thu a dheanamh; cha chreid mi facal dheth.
“Tha do chionta glé mhòr ’nam shealladh-sa. Rinn thu rud cho olc agus cho suarach ’sa chuala mi riamh. Ghabh thu os laimh an duine òg sin a threòrachadh gu sàbhailte do ’n bhaile so. Agus an uair a thuig thu gu ’n robh beagan airgid aige, agus a chunnaic tu gu ’n robh e a’ cur làn earbsa annad mar dhuine fìrinneach, onarach, threòraich thu e a dh’ ionnsuidh àite anns an deachaidh agad fhein ’s aig do chompanaich air a chuid airgid a thoirt uaithe; agus cheangail sibh e ann an taigh fàs, ann an dochas, tha mise ’creidsinn, gu ’m faigheadh e bàs mu ’m faighteadh fios gu ’n robh e ann.
“Ge b’ e air bith co air a dheanteadh an gniomh ud, bhiodh e na chionta glé mhòr; ach cuimhnich gur ann air duin’ òg a bha ’na choigreach anns an àite a rinneadh e, agus tha sin a’ fàgail na cionta anabarrach mòr.
Thug thu fhein agus do chompanaich ionnsuidh gharbh air dithis dhaoine a bha ’gabhail an rathaid a spuinneadh, an dùil, tha mise ’creidsinn, gu ’m faigheadh sibh an cuid airgid a thoirt uapa.
“Cha ’n fhoghnadh leat na rinn thu de dh’ olc air an dòigh ud, ach dh’ innis thu mòran bhreug ’nam éisdeachd-sa an diugh, an dùil gu ’n rachadh agad air thu fhein a shaoradh a làmhan an lagha.
“Ged a thug am fear a thagair do chùisean an diugh iomradh gu ’n robh thu ’n ad dhuine cràbhach, cha duirt e idir gu ’n robh eagal Dhé ort. Cha ’n aithne dhomhsa daoine sam bith a’s cunnartaiche na na daoine cràbhach air nach ’eil eagal Dhé.
“Tha mise ’g òrdachadh do cumail ann am prìosan gu cionn da bhliadhna, agus toirt ort ré na h-ùine sin a bhith ’g obair gu cruaidh, goirt.”
An uair a chual’ an duine truagh a’ bhinn a thugadh am mach ’na aghaidh, thòisich e ri sileadh nan deur gu frasach; agus feumaidh mi ràdh gu ’n robh truas mo chridhe agam ris.
CAIB. XVII.
CHA ’N fhiosrach mi gu ’n d’ fhuaradh riamh greim air an dithis dhaoine a bha ann an cobhainn ris an duine thruagh a fhuaradh ciontach, agus a chuireadh do ’n phriosan. Mar a dh’ ainmich mi mar tha, bha e ’cumail am mach nach robh aithne no eòlas sam bith aig’ orra. Bha e ’g a chumail so am mach an dòchas gu ’n saoradh e e fhein, ann an tomhas beag no mòr, o’n chionta a bha air a cur as a leith. Ach o’n a bha amhrus làidir aig a’ bhreitheamh, mar a dh’ fhaodadh e, nach robh e ag innseadh na fìrinn, cha d’ fhuair an duine truagh fathamus sam bith uaithe.
Is iongantach mar a tha iomadh aon de luchd-deanamh an uilc a’ faotainn as car ùine. Agus cha ’n ’eil teagamh nach ’eil iomadh neach a tha glé chiontach ann an iomadh dòigh a’ faighinn air aghart anns an t-saoghal gun a bhith eadhoin fo amhrus gu ’m bheil iad ris an olc. Ach thig latha gu cunntais ’s latha gu pàigheadh luath no mall. Ged a theid aig daoine iomadh uair air a dhol as o dhioghaltas o dhaoine, gidheadh cha teid iad as o cheart-bhreitheanas Dhé. No idir o dhìteadh an cogais an uair a bhios iad a dlùthachadh ri ceann-crich’ an turuis. Faodaidh a’ chogais a bhith, le foirneart, air a cumail ’na tosd car ùine; togaidh i a guth gu làidir cho luath ’sa gheibh i an cothrom. Cha chulaidh-fharmaid neach sam bith, co dhiubh a tha e bochd no beairteadh, ma bhios a chogais ’g a dhiteadh a h-uile latha ’s a’ bhliadhna. Agus idir cha chulaidh-fharmaid an neach nach cuir a chogais dragh air latha sam bith. Ma tha neach anns an t-suidheachadh so, tha aobhar amhruis gu ’n robh e ’caitheamh a bheatha anns an olc o thùs a làithean, agus mar sin gu ’m bheil a chogais mar gu ’m biodh i air “a losgadh mar le iarunn dearg.” Is e sin ri radh, gu ’m bheil e air cruadhachadh cho mòr anns a’ pheacadh ’s nach cuir gniomh olc sam bith a ni e dragh air an inntinn aige. Is e duine gun fhaireachadh spioradail a bhios ann an duine dhe ’n t-seòrsa so.
Ach rud a tha glé iongantach, tha feadhainn dhe ’n t-seòrsa so glé dheas gu bhith ’labhairt agus a’ connsachadh mu dheidhinn nithean spioradail. Cha robh Satan fhein tur aineolach air facal Dhé; agus cha mhò na sin a tha mòran de ’n mhuinntir a tha ’g a leanmhuinn. Cha ’n ann a réir briathran am beòil is còir breith a thoirt air daoine a thaobh an staid gu spioradail ach a réir an caitheamh beatha agus an giulain. “Cha ’n e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a theid a steach do rìoghachd nèimh, ach an ti a ni toil m’ Athar-sa a ta air nèimh.” Mata vii, 21.
The e air aithris dhuinn, agus tha mi cinnteach gu ’m bheil e fior ann an tomhas mòr, gu ’m bheil iomadh neach air a thoirt gu mothachadh air a shuidheachadh truagh truaillidh am feadh ’s a tha e air a chumail ann am prìosan. Mu ’n robh an duine air am bheil mi ag iomradh bliadhna ann am prìosan, dh’ aidich e do ’n mhinistear a bha gu tric a’ dol do ’n phrìosan a labhairt ris, agus ’g a chomhairleachadh, gu ’n robh e ciontach dhe gach ni a chuireadh as a leith. Agus o’n a chuir am ministear sios air pàipear an eachdraidh a dh’ innis an duine truagh dha, tha e cho math dhomh an eachdraidh so aithris facal air an fhacal mar a sgrìobhadh sios i o ’bheul fhein.
Thachair do ’n mhinistear air lath’ àraidh earran de dh’ fhacal Dhé a thoirt fa chomhair an duine thruaigh a chuir trioblaid mhòr air an inntinn aige. Agus an uair a dh’ fheòraich am ministear dheth c’ ar son a chuir na briathran a leithid de dhragh ’s de ghluasad air an inntinn aige, thuirt e ris: “Cha ’n urrainn domh an t-aobhar innseadh dhuibh an diugh; ach innsidh
[Taobh -duilleig 196 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 4]
mi dhuibh e an ath latha ’thig sibh. Tha mi fo leithid de chràdh cridhe aig an àm so ’s gu ’m bheil eagal orm nach urrainn mi na bheil agam ri innseadh dhuibh a chur ann an altaibh a chéile cho pongail agus cho òrdail ’s bu mhath leam, o’n a tha mi gus a chur de dhragh oirbh gu ’n sgrìobh sibh na dh’ innseas mi dhuibh.” An corr comhraidh cha robh eatorra aig an am.
Air an ath latha chaidh am ministear a rithist far an robh e; oir bha eagal air, nan rachadh am barrachd ùine seachad gun e ’g a fhaicinn gu ’m faodadh ’inntinn a bhith air a cruadhachadh air dhoigh ’s nach deanadh e aidmheil sam bith dha.
An uair a chaidh e steach do ’n phriosan fhuair e ’na shuidhe e gu stòlda, agus e gu trang a’ cìreadh chalcais. An uair a chuir iad failte air air a chéile, thuirt am priosanach: “Tha mi ro thoilichte gu ’n d’ thainig sibh an diugh; oir bha mi thoiseachadh ri gabhail eagail gu ’m faodainn bristeadh air a’ bhòid a thug mi ’na m’ inntinn an uair a bha sibh an so an dé, mar is minic a rinn mi air mìle bòid a thug mi ’s àm a dh’ fhalbh. Comhladh ris gach olc eile a chomh-oibrich gus mise a chur do ’n àite mhuladach so, cha b’ e bhith bristeadh air mo bhòidean agus a bhith ’cur dàil ann an deanamh mo dhleasdanais, bu lugha ’rinn de chron domh; agus nan d’fhan sibhse gun tighinn gus am màireach, is dòcha gu ’m faigheadh sibh mise cho rag ’s cho dùr ’s cho cruaidh-chridheach ’s a b’ àbhaist dhomh a bhith.
“So agaibh na briathran a thug ormsa bhith cho tùrsach an uair a bha sibh an so an dé—briathran a bhiodh mo mhàthair gu tric a’ toirt fa m’ chomhair an uair a bha mi òg; ach, rud a tha ’cur ioghnaidh orm an diugh, tha iomadh bliadhna o’n a leig mi tur air dichuimhn iad. ‘Agus bithibh cinnteach gu ’m faigh bhur peacadh am mach sibh.’ Aireamh xxxii, 23.
“An uair a labhair sibhse na briathran so an dé, thàinig an t-àm a dh’ fhalbh, an eiseimpleir a chuireadh fa m’ chomhair, na comhairlean glice agus diadhaidh a thug mo mhàthair gu tric orm, as ur fa chomhair m’ inntinn, agus cha mhòr nach d’ fhannaich mo chridhe an uair a smaoinich mi gu dlùth air an dòigh anns an robh mi ’caitheamh mo bheatha o chionn iomadh bliadhna. Cha do dhùin mo shùil o’n a chunnaic mi sibh an so an dé. Agus air chumhnanta gu ’n geall sibhse dhomh nach toir sibh guth no iomradh air facal dhe na tha toil agam innse dhuibh fhad ’s a bhios mi fhin agus mo luchd-dàimh beò, bheir mi dhuibh gearr-chunntais air m’ eachdraidh o chionn dlùth air fichead bliadhna. Ach an déigh bàs mo mhàthar is m’ athar—agus cho fad ’s is fhiosrach mi tha iad le chéile fhathast beò—faodaidh sibh m’ eachdraidh innseadh gun fhios nach fhaodadh iomadh duin’ òg rabhadh a ghabhail, agus na ceuman a threòraich mise a dh’ ionnsuidh an t-suidheachaidh anns am bheil mi an diugh a sheachnadh. Ach cha ’n fhaod sibh innseadh cò mi, no cò dha a bhuineas mi; oir cha bhi e a chum feum sam bith do neach sam bith.
“Bha m’ athair ’na thuathanach cho glic ’s cho dòigheil ’s cho cothromach, agus cho measail ’s a bha anns an earrann de ’n dùthaich do’m buineadh e. B’ ann faisge air crioch Shasunn a rugadh e ’s a thogadh e ’s a bha e riamh. Rugadh ochdnar de theaghlach dha; agus bu mhise an aon a b’ òige dhe ’n teaghlach. Dh’ eug an t-seachdnar eile, —cuid dhiubh ’nan leanaban, agus cuid eile mu ’n d’ rainig iad fichead bliadhna a dh’ aois. Agus am feadh ’s a thug so bròn agus bristeadh cridhe air mo phàranton, cha b’ fheairrde mise dad e. O nach robh air fhàgail aca ach mi-fhin, bha iad gu nàdarra a’ deanamh mòran dhiom; ach is cinnteach, gu’n d’fhuair mi barrachd air na bha gu math dhomh dhe mo thoil fhin.
“Fhuair mi sgoil is ionnsachadh cho math ri h-aon dhe mo sheòrsa a bh’ anns an dùthaich; agus bha ’cheart uiread de chùram aig mo phàrantan mu dheidhinn m’ anama ’s a bh’ aca mu dheidhinn mo chuirp. Cha b’ urrainn duin’ òg, tha mi smaointean, eisimpleir a b’ fhearr fhaicinn na chuir iad fa m’ chomhair.
“Bha m’ athair an dùil gu ’m bithinn ’nam chuideachadh dha ’na shean-aois, agus gu ’m biodh am fearann agam an déigh a bhàis. Ach cha b’ aill leam mi-fhin a stòldachadh ri obair fearainn; agus air an aobhar sin bha mi bliadhnachan a’ caitheamh mo bheatha gun fheum dhomh fhin no do neach eile.
“Bha dlùth-chàirdean dhuinn ann an America a bhiodh gu math tric a’ sgrìobhadh do ’r n-ionnsuidh, agus ag innseadh mòran mu thimchioll na tha de shaoibhreas anns an duthaich fharsuinn ud. Bha mi air bhàinidh gus a dhol gu ruige America; agus ged a bha mo phàranton fad’ an aghaidh dhomh falbh air astar cho fada uapa, mu dheireadh, an uair a chunnaic iad nach robh feum dhaibh a bhith ’cur ’nam aghaidh, leig iad mo thoil fhin leam.
“Thug iad dhomh de dh’ airgiod na phaigheadh araon am faradh, agus na shaoileadh iad a dheanadh feum dhomh gus am faighinn cosnadh a fhreagradh orm.
“Tha ’m bròn a bh’ orm an àm dhomh dealachadh ri mo phàranton na’s ùire dhomh an diugh na bha e latha riamh o’n a dhealaich mi riutha. B’ e sid an sealladh mu dheireadh a dhunnaic mi dhiubh: agus a réir choltais, cha ’n fhaic mi sealladh eile dhiubh anns an t-saoghal so. Tha mi cinnteach gu ’m bheil iad a’ smaointean gu ’m bheil mi marbh; oir cha do chuir mi sgriob litreach uca o chionn choig bliadhna deug. Agus cha leig an nàire dhomh a nis sgriobhadh do ’n ionnsuidh.
Cha ’n ’eil teagamh agam nach gabhadh iad rium nan tillinn dhachaidh, mar a ghabh ’athair ris a’ mhac stròdhail. Ach is fhearr leam iad a bhith ’smaointean gu’m bheil mi marbh na mi-fhin a nochdadh ’nan làthair an déigh dhomh a bhith ann am prìosan.
“Ach gus a dhol air aghart le mo naigheachd: an uair a chaidh mi air tìr ann an Staidean America, fhuair mi ’mach mo chàirdean ann an ùine ghoirid. Bha iad gu math air an dòigh, agus bha iad glé chaoimhneil rium; ach cha d’ fhan mi fada comhladh riutha; oir anns an àm bha e air aithris gu ’n robh mòran òir ri fhaotainn ann an California. Agus air dhomh eòlas a chur air daoine a bha ’dol a chladhach an òir, dh’ aontaich mi gu ’m falbhainn comhladh riutha. Thug sinn ùine mhath air an rathad; agus cha b’ e mhàin gu ’n d’ fhuair sinn uidil is allaban gu leor, ach theab sinn uair is uair ar beatha chall mu ’n d’ ràinig sinn.
Cha robh moran sluaigh air cruinneachadh anns an àite an uair a ràinig sinn; ach ann an seachduin no dhà bha àireamh mhòr air cruinneachadh. Agus a leithid de shluagh cha ’n fhaca mi ann am bheatha. Bha iad uile air an lionadh le gionach ’s le sannt. Bha iad coma ach fortan a dheanamh, ciod sam bith dòigh air an deanadh iad e.
“Cha chluinnteadh guth air Dia; ach neo-ar-thainig nach cluinnteadh ainm an diabhuil tric gu leòr.
“Bha ’n gnothach a bh’ ann a’ cur uamhais orm anns a’ cheud dol am mach; ach mu dheireadh dh’ fhàs mi suas ris, agus cha robh mi ’cur uidhireachd air.
“O nach robh gu leòr a dh’ airgiod agam gus pìos dhe ’n fhearann a cheannach, chaidh mi ann an pàirt ri dithis no triùir eile a bha anns an aon t-suidheachadh rium fhin, agus an uair a cheannaich sinn pios fearainn eadrainn, thòisich sinn ri cladhach cho math ’s a b’ urrainn duinn. Ach anns a’ cheud dol am mach cha robh gràinne dhe ’n òr a’ tachairt ruinn; agus bha sinn mu dheireadh air thuar a bhith ann an éis cho mòr ’s gu ’n robh eagal oirnn gu ’m feumamaid ar còir air an fhearann a reic. Mu dheireadh fhuair sinn cuid mhath dhe ’n òr, agus ma fhuair, cha rodh ar suidheachadh, ann an aon seadh, dad na b’ fhearr na bha e roimhe. Bha eagal oirnn gu ’n tugadh feadhainn de na droch dhaoine a bha cho lionmhor anns an àite dhinn ar beatha a chum greim fhaotainn air na chladhaich sinn dhe ’n òr. Cha ’n fhaigheamaid cadal na h-oidhche leis an eagal a bh’ oirnn roimh na robairean so.
“Bha gu leòr a dol mu ’n cuairt diomhain, agus iad a’ tairgse iad fhein fhastadh ri neach sam bith a ghabhadh nan seirbhisich iad. Ach bha eagal oirnn fear seach fear dhiubh fhastadh, o nach robh sinn cinnteach gu ’m faodamaid ar gnothaichean earbsa riutha. Dh’ fheumadh aon seirbhiseach a bhiodh againn, cha ’n e mhàin tuarasdal math fhaotainn, ach o’n a gheibheadh e mach far an robh sinn a’ falach na bha sinn a’ cladhach dhe ’n òr, cha robh fhios againn nach fhaodadh e ar brath do na daoine a thainig do’n àite feuch ciod a ghoideach iad.
“Bha sinn an toiseach a’ giulan an òir air fhuaghal ann am fillidhean ar cuid aodaich; ach o’n a tha ’n t-òr trom, cha robh e comasach dhuinn mu dheireadh ar cuid òir gu leir a ghiulan mar so. Bha sinn a’ cur rud dheth an àite ’s an àite anns antenta bh’ againn, far an saoileamaid nach amaiseadh na meirlich air. Bha ’chuid bu mhò dheth againn car ùine fo ’n lic air am biomaid a’ togail an teine; agus b’ e so, tha mi ’smaointean, àite cho sabhailte ’s a bh’ againn gu leir.
(Ri leantuinn.)
FIONNAGHAL DHOMHNULLACH.
(Air a leantuinn.)
AN uair a bha nithean mar so ’gan cur an òrdugh, ràinig Ailean a’ Chnoic agus buidheann de ’n arm-dhearg Ormacleit. Cha robh mionaid a nis ri chall, oir dh’ fhaodadh dàil aon latha eile gach ni a thilgeadh bun os ceann. Thug Fionaghal a rithist ionad-folaich a’ Phrionnsa oirre, agus sgeadaich i e mar a b’ fhearr a b’ urrainn i ann an éididh ban-Eirionnaich. Air feasgar Disathuirne an t-ochdamh là fichead de mhìos meadhonach an t-samhraidh, 1746, dh’ fhag a’ bhuidheann Uidhist, chum an t-Eilean Sgiathanach a dheanamh a mach. Cha deachaidh iad ach goirid o thràigh, an uair a shéid a’ ghaoth gu gailbheach ’nan aghaidh, air chor ’s gu’n robh iad ann am mor-chunnart. Bha iad air an luasgadh a nùll agus a nàll air feadh na fairge, agus bha eagal orra maraon gu’n tilgteadh air an ais iad air an fhearann a dh’ fhàg iad ’nan déigh. Cha do chaill, gidheadh, aon chuid am Prionnsa no Fionnaghal am misneach; ach, a dh’ aindeoin ànraidh, doinionn, agus cunnairt, bhrosnuich iad an sgioba gu bhi treun agus cruadalach. Aig glasadh an latha, mhothaich iad fearann teann orra. B’e so Rudha-Bhaternis ’san Eilean Sgiathanach; agus, an àm dhaibh a bhi ’dluthachadh ris, chunnaic iad buidheann de na saighdearan-dearg air tir, ullamh agus ealamh chum an glacadh. Ghrad thug iad an cuan orra; agus air do na saighdearan so fhaicinn, loisg iad ’nan déigh, agus bha na peileirean a’ feadail agus a’ srannraich mu’n cluasaibh. Stiùir iad an sin chum na h-àird-an-ear; agus, beagan roimh mheadhon là na Sàbaid, thainig iad gu tìr aig Cìllbhride, goirid o thigh Mhogustait, ann an sgìreachd Chìllmhuire. B’e Mogustat,
[Taobh -duilleig 197 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 5]
’san àm sin, àite-comhnuidh an Ridire Alasdair, Triath Shléibhte. Dh’ fholaich am Prionnsa e féin ann an còs creige an cois a’ chladhaich, agus thug Fionnaghal tigh an uachdaran oirre, dh’ fheuchainn ciod a chitheadh agus a chluinneadh i. Dh’ fhàiltich baintighearna Mhic-Dhòmhnuill a bheatha le caoimhnealachd, ach feuch an t-uamhunn leis an do bhuaileadh i, ’n àm dhi dol a steach, an uair a chunnaic i làn an t-seòmair de cheannardan an airm-dheirg a stigh roimpe! Gidheadh, chùm i orre féin gu seòlta, agus cha d’ aithnich aon neach gu’n robh cùram no iomaguin sam bith air a h-ìnntinn. Cha robh Mac-Dhòmhnuill féin aig a’ bhaile; agus ged a bha fios aig Fionnaghal gu’n robh e san àm sin an aghaidh Thearlaich, gidheadh, le mor-mhuinghin agus mhisnich, dh’ innis i do’n bhaintighearna c’àit an robh am Prionnsa. Ged bha a’ bhain-tighearn ann an deagh rùn do Thearlaich, gidheadh cha b’ urrainn i a thoirt chum an tighe; ach bha Alasdair, mac Dhòmhnuill ’ic Alasdair, ( ’se sin, Fear Chìngsburgh) baillidh Mhic-Dhòmhnuill, an là sin ann am Mogustat; agus chuir a’ bhaintighearn e dh’ ionnsuidh a’ Phrionnsa le beagan fìona, agus nithean eile a bhiodh féumail da. Chomhairlich a’ bhaintighearn a thuilleadh air sin, gu’n rachadh am Prionnsa agus Fionnaghal maille ri Alasdair Mac-Dhòmhnuill do Chingsburg, air di a bhi cinnteach gu’m biodh e dìleas daibh, agus càirdeil riutha. Ghabhadh a comhairle; agus gun dàil, bha Fionnaghal agus Betti Burke air an t-slighe maille ri Alasdair Mac-Dhòmhnuill a dh’ ionnsuidh Chìngsburgh, a bha dà mhile dheug air astar as. Eadar sin agus feasgar, bha iad a’ còmhlachadh muinntir na dùthcha air an t-slighe dhachaidh o’n eaglais; agus ’nan dol seachad, bheireadh iad sùil, le mor-ìoghnadh, air a’ ghruagaich mhoir, luidich, neo-sgiobalta, agus fhad-chasaich, a bha maille ri Fear-Chìngsburgh! Chuir iad an oidhche sin thairis ann an Cìnsburgh, far an do bhuineadh riutha air gach seòl gu fial. Air an ath là, dh’ fhag am Prionnsa Cìngsburgh; agus chaidh Fionnaghal maille ris gu Portrìgh, far an do dhealaich i ris, Aig àm an dealachaidh, phòg e i, agus, leis na deuraibh ’na shùilean thubhairt e rithe— “Tha mi an dòchas, ainnir ùasail agus fhìrinnich, gu’n còmhlaich sinn a chéile fhathast ann an lùchairt an rìgh.” An sin, ghabh e an t-aiseag do Ràsaidh; agus, as an eilean sin, chaidh e do Shrath Mhic-Ionmhuinn, maille ri duine bochd d’ am b’ ainm Calum Mac-Leòid, mac Iain ’ic Iain; agus ré na slighe, bha ’m Prionnsa ’na ghille-màileid aig Calum! As an t-Srath sheòl e nùll gu Arasaig; agus lìonadh e leabhar iomradh a thoirt air gach deuchainn, cruaidh chàs, agus àmhghar a dh’ fhuiling e air feadh Arasaig, Mhuideirt, agus gharbh-chrioch na Gàidhealtachd gu meadhon an fhogharaidh, an uair a thàinig soithichean a thug e féin agus na h-uiread d’a chàirdean a nùll do’n Fhraing.
Ged a thar am Prionnsa mar so as le ’bheatha, gidheadh cha robh an òigh dhìleas a chuir a beatha fein ann an cunnart air a shon ach ann an toiseach a trioblaidean. Is iomadh àmhghar agus cruaidh-chas a bha an dàn di fhulang an déigh sin. Cha b’ fhada gus an do ghlacadh i, agus gus an d’ thugadh i féin agus Cìngsburgh, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, agus Calum mac Iain ’ic Iain ’nam prìosanaich do Lunnainn; agus dhruideadh a stigh ’san Tùr iad, chum an cur fo dheuchainn. Bha mor-mheas aig maithibh na rioghachd air an ribhinn eireachdail agus dhealaidh a theasairg am Prionnsa le tréibhdhireas cho mor; agus, am measg chàich, chaidh am Prionnsa Frederic (sinn-seanair Banrìghinn Bhictoria) do’n phrìosan ’ga faicinn, agus ghnàthaich e a mhor-chumhachd chum a cur fa sgaoil.
Shoirbhich a’ chùis leis. Fhuair Fionnaghal cead a coise; oir co, aig am biodh meas air ionracas agus air fìor dhìlseachd, a b’ urrainn an òigh uasal a dhìteadh? Ghabh i comhnuidh car tamuill ann an Lunnainn; agus bha’n tigh anns an robh i air a chuairteachadh gach là le carbadan lìonmhor nan àrd-uaislean, a thainig a chur urraim oirre. Phill i a rìs gu eilean a breith; agus, ceithir bliadhna an déigh sin, phòs i Ailean, mac Fhir-Chingsburgh. An uair a dh’ eug Cinsburgh, chaidh Ailean a mhac, ’na àite; agus an sin bha Fionnaghal ’na bean-tighe anns a’ cheart àit anns an do chuir am Prionnsa a’ cheud oidhche thairis ’san Eilean Sgiathanach! Chaidh i an déigh sin do America maille r’a companach, far an da ghabh i co’ -roinn anns a’ chogadh a bha san àm sin co sgriosach ’san tir sin. An déigh iomadh cruadal fhulang anns an dùthaich sin nan coigreach, phìll iad a rìs do’n Eilean Sgiathanach. An uair a bha iad mu leth-cuain, thachair lòng Fhrangach orra, a thòisich air losgadh orra. Bha’n cath gu h-ealamh air bonn; agus chaidh Fionnghal gu grad suas chum clàr-uachdair na luinge, far an robh i gu gaisgeil a’ brosnachadh nam maraichean gu bhi tréun agus éuchdach! Bhristeadh a làmh sa chomhstri; gidheadh cha do thréig a misneach i, agus cha do lughdaicheadh a gaisge! Cha d’ fhàg i an t-Eilean Sgiathanach tuilleadh an déigh sin. Bha seachdnar chloinne aice (cùignear mhac, agus dithis nighean) a thuilleadh air cuid a bhàsaich ’nan òige. Bha a mic uile nan ceannardan ’san àrm, agus bha iad dìleas d’an Rìgh agus d’an rìoghachd; agus bha a cuid nighean pòsda aig ceannardan, mar an céudna. Cha’n eil fiù a h-aon de’n teaghlach so a nis ann an tìr nam beò! Ràinig Fionnaghal sean aois; agus gus an là mu dheireadh bha i aoidheil agus uasal ’na giùlan. Air a’ choigeamh là de’n Mhàrt, 1790, thug i suas an deò; agus dh’ adhlaiceadh i ann an Clachan Chìllmhuire, ’san Eilean Sgiathanach. Cha bu lugha na trì mìle sluaigh chaidh maille ris a ghiùlan do’n chill! Phaisgeadh a corp (a réir mar a dh’ àithn i féin, iomadh bliadhna mu’n d’ éug i) anns a’ cheart lìon-eudach sin anns an do chaidil am Prionnsa an oidhche a bha e ann an Cìnsburgh. An ceann dà bhliadhna an déigh sin, thaisgeadh a fear-pòsda anns an uaigh r’a taobh, far, mar an ceudna, am bheil a sliochd gu tosdach ’nan suain.
Mar so, tha Fionnaghal, nighean Raonuill Mhic-Aonghais Oig, a bha uaireigin sgìamhach mar bhlàth na maidne, a nis ’na sineadh fo tholman uaine, gun chuspair sam bith a bhi fathast air a thogail d’a cuimhne, d’a tairisneachd, no d’a mor-ghniomh! Mar so théid sgìamh an t-saoghail so seachad!
[Gheibhear air taobh eile òran a rinn am bàrd Iain Mac Odrum d’a fear-pòsda, Caiptean Ailean Domhnullach, fear Chinseburgh. Cha b’ ioghnadh ged a mholadh am bàrd Fear Chinseburgh agus Fionnaghal. ]
Robinson Crusoe.
CAIBIDEAL. XXIII.
IUN 27—Bha mi cho tinn leis an fhiabhrus-chrithenach ’s gu ’n robh mi ’nam laidhe fad an latha anns an leabaidh, agus cha d’ ith ’s cha d’ ol mi dad. Bha mi gus a bhith marbh leis a’ phathadh, agus bha mi cho lag ’s nach b’ urrainn domh eirigh gus deur dhe ’n uisge fhaighinn dhomh fhin. Rinn mi urnuigh ri Dia, ach bha mo cheann gu mor troimh a cheile, agus bha mi cho aineolach ’s nach robh fhios agam ciod bu choir dhomh a radh. Cha robh agam ach laidhe far an robh mi, agus a bhith ’g radh, A Thighearna, amhairc orm! A Thighearna, dean trocair orm!
Tha mi ’smaointean gu ’n robh mi ’labhairt mar so fad a dha no tri dh’ uairean an uaireadair gus an d’ fhas mi sgith agus an do thuit mi ’nam chadal. Agus cha do dhuisg mi gus an robh greis mhath dhe ’n oidhche air a dhol seachad. An uair a dhuisg mi bha mi moran na b’ fhearr, ach bha mi lag agus anabarrach paiteach; ach o nach robh deur uisge agam a staigh, b’ fheudar dhomh laidhe far an robh mi gu madainn, agus
[Taobh -duilleig 198 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 6]
an uine gun bhith fada thuit an cadal orm. Anns an dara cadal so chunnaic mi an aisling eagallach so.
Ar leam gu ’n robh mi ’nam shuidhe air an talamh an taobh am muigh dhe ’n bhalla, far an robh mi ’nam shuidhe an uair a sheid an stoirm an deigh na crith-thalmhainn, agus gu ’m faca mi duine ’tighinn a nuas a neul mor dubh, agus lasraichean teine m’ a thimchioll, agus gu ’n do sheas e air an talamh. Bha e uile cho soilleir ri lasair-theine, agus is gann a b’ urrainn domh amharc air. Bha gruaim cho eagallach air a ghnuis ’s nach ’eil e ’nam chomas cainnt a chur air. An uair a bhuail a chasan an talamh, ar leam gu ’n deachaidh an talamh air chrith, direach mar a chaidh e air chrith an uair a bha chrith-thalmhainn ann; agus ar leam gu ’n robh na speuran mu ’n cuairt dha lan de lasraichean teine.
Cha bu luaithe sheas e air an talamh na ghluais e an rathad a bha mi, agus sleagh fhada ’na laimh gus mo mharbhadh. Agus an uair a thainig e gu mullach cnoic a bha astar araidh uam, labhair e rium, no chuala mi guth cho uamhasach ’s gu ’m bheil e neo-chomasach dhomh cainnt a chur air an eagal a ghabh mi. So na thuig mi dhe na labhair e: “O nach d’ thug na nithean so gu leir ort aithreachas a ghabhail, theid a nis do chur gu bas.” An uair a labhair e na briathran so, ar leam gu ’n do thog e an t-sleagh a bha ’na laimh gus mo mharbhadh.
Cha ’n urrainn neach sam bith a leughas an eachdraidh so duil a bhith aige gu ’m biodh e comasach dhomhsa cunntas a thoirt seachad air an staid eagallaich anns an do chuir an aisling uamhasach so m’ anam; tha mi ’ciallachadh gu ’n robh uamhas do-labhairt orm mu ’n do dhuisg mi; agus cha mho na sin a tha e comasach dhomh cainnt a chur air an drughadh a rinn an aisling orm an deigh dhomh dusgadh, agus a thuig mi gur e bruadar a chunnaic mi.
Mo thruaighe! cha robh eolas sam bith agam air nithean a bhuineadh do dhiadhachd. An t-eolas a fhuair mi mu nithean spioradail fo theagasg m’ athar, bha e air a dhol gu buileach as an t-sealladh fad nan ochd bliadhna a bha mi aig fairge am measg sheoladairean aingidh, agus dhaoine aingidh eile aig an robh comhradh baoghalta, faoine, agus mi-naomha mar a bha agam fhin. Cha chuimhne leam gu ’n d’ thainig aon smaointean fad na h-uine ud ’nam chridhe mu thimchioll Dhe, no mu thimchioll staid aingidh mo chridhe fhein. An aite so is ann a bha m’ anam ann an staid neo-mhothachail, agus cha robh miann no iarrtus sam bith ’nam chridhe as deigh ni math sam bith, agus cha mho a bha mi mothachail gu ’n robh olc sam bith annam. Bha mi cho cruaidh-chridheach, cho neo-smaoineachail, agus cho aingidh ’s a b’ urrainn aon dhe na seoladairean aingidh a bhith. Cha robh mothachadh sam bith agam air eagal Dhe ann an cunnart, no air taingealachd do Dhia an uair a gheibhinn saorsa.
Ann a bhith ’g aithris na chaidh seachad dhe mo bheatha, bidh so na ’s fhasa a chreidsinn, an uair a dh’ innseas mi nach d’ thainig aon smaointean riamh ’nam chridhe gu ’n robh mi ann an lamhan Dhe, re na h-uine a bha mi ’dol troimh na trioblaidean lionmhor a dh’ ainmich mi, no gur e peanas o Dhia a bh’ ann air son mar a rinn mi ar-am-mach an aghaidh m’ athar, agus air son nam peacaidhean mora a bha mi ’cur an gniomh fad uile laithean mo bheatha.
An uair a bha mi air mo thurus cunnartach air corsa Africa, cha d’ thainig aon smaointean riamh ’nam chridhe mu m’ dheidhinn fhin, no ciod a bha gu eiridh dhomh. Agus cha mho na sin a ghuidh mi air Dia mo threorachadh anns na ceumannan cearta, no mo ghleidheadh o na cunnartan anns an robh mi o chreutairean fiadhaich, agus o dhaoine fiadhaich, leis an robh mi air mo chuartachadh. Cha robh aon smaointean agam air Dia, no air freasdal Dhe. Bha mi ’caitheamh mo bheatha mar ainmhidh a reir cursa nadair, agus cha ’n ’eil fhios agam an robh mi cho iomchuidh ris an ainmhidh fhein.
An uair a thug sgiobair na luing a bha seoladh a Portugal gu bord mi, agus mar sin a shabhail e mo bheatha dhomh, agus a nochd e dheadh-ghean, agus caoimhneas agus ceartas dhomh, cha robh an taingealachd bu lugha agam dha ’nam chridhe.
Agus a rithist an uair a bhristeadh an long agus a chaill mi mo chuid dhe ’n t-saoghal, agus a bha mi an cunnart a bhith air mo bhathadh air cladach an eilean so, cha robh mo chogais ’g am dhiteadh, agus cha mho a bha mi ’g amharc air na thachair dhomh mar bhreitheanas. Bha mi ’g radh rium fhin gu tric gu ’n robh mi ’nam dhuine mi-fhortanach, agus gu ’n d’ rugadh mi gus a bhith ann an suidheachadh truagh, trioblaideach.
Tha e fior gu leor gu ’n robh ioghnadh mor orm an uair a fhuair mi-fhin air tir anns an eilean so, agus sgiobadh na luinge gu leir air am bathadh ach mi-fhin. Dhuisg faireachdainean diadhaidh an taobh a staigh dhiom, a dh’ fhaodadh a bhith air fior spiorad na taingealachd a dhusgadh annam, nan d’ fhuair mi cuideachadh grais Dhe. Ach chaidh na faireachdainean so ann an uine ghoirid gu buileach as an t-sealladh trid an aoibhneis a bh’ orm a chionn gu ’n robh mi beo. Ach cha do smaoinich mi mar bu choir dhomh air mathas an De a ghleidh mo bheatha dhomh an uair a chaidh mo chompanaich uile gu bas. Agus idir cha do chuir mi a’ cheisd rium fhin, c’ar son a bha am Freasdal cho trocaireach dhomh? Bha a’ cheart seorsa aoibhneis orm ’s a bhiodh air seoladairean an uair a gheibheadh iad gu sabhailte gu tir an deigh do ’n luing a bhith air a bristeadh, agus a bhathadh iad ann an deoch laidir aobhar am broin. B’ ann mar so a bha mo bheath-sa anns na chaidh seachad dhi.
Eadhoin an deigh dhomh a bhith gu curamach a’ smaointean air mo thilgeadh anns an ait’ eagallach so, far nach robh duine ri ’fhaicinn, gun dochas ri cuideachadh, no ri comhnadh, no ri saorsa fhaighinn, cha do thaisich mo chridhe. Ach cho luath ’s a chunnaic mi gu ’n robh coltas gu ’m faighinn mo lon, agus nach rachainn bas leis an acras, chaidh am mothachadh a bh’ agam air mo shuidheachadh deuchainneach ann an tomhas mor as an t-sealladh, agus thoisich m’ inntinn ri bhith gu mor aig fois. Bha mi ’g obair gu trang a chum mi-fhin a dhion o chunnartan agus mo lon a chosnadh. Cha robh smaointean agam gu ’n robh an staid thruagh anns an robh mi ’na chomharradh air breitheanas o neamh, no mar chomharradh gu ’n robh lamh Dhe ’nam aghaidh. B’ ainneamh le smaointeanan dhe ’n t-seersa so bualadh anns a’ cheann agam.
Mar a dh’ ainmich mi cheana anns a’ Chunntas-laitheil, thog fas an arbhair, anns a’ cheud dol am mach, beagan de smaointeanan mu mhathas Dhe ’nam chridhe, o ’n a bha mi ’g amharc air mar ghnothach miorbhuilleach; ach cha bu luaithe thuig mi nach bu ghnothach miorbhuilleach a bh’ ann na dh’ fhalbh an drughadh a rinn e orm bhar m’ inntinn.
Eadhoin ged a bha ’chrith-thalmhainn ’na ni cho eagallach ’s a b’ urrainn a bhith, agus ged a bha i ann an doigh ro shonraichte a’ tarruinn m’ aire gu cumhachd neo-fhaicsinneach, cha bu luaithe a dh’ fhalbh an t-eagal dhiom na dh’ fhalbh an drughadh a rinn i orm mar an ceudna.
Cha robh na bu mho de mhothachadh agam air Dia, no air a bhreitheanais, no idir gu ’n robh an amhghair anns an robh mi air a h-ordachadh leis, na ged a bhithinn ann an suidheachadh cho soirbheachail ’s a dh’ iarrainn.
Ach a nis an uair a thoisich mi ri bhith tinn, agus a bha mi gu socrach a’ gabhail beachd air doruinn a’ bhais; an uair a thoisich mo spiorad ri fas lag fo chumhachd an tinneis, agus a bha mo chorp air fas lag mar an ceudna, thoisich mo chogais, an deigh dhi a bhith uine fada ’na cadal, ri dusgadh, agus thoisich mi ri mi-fhin a dhiteadh gu laidir a chionn cho olc ’s a bha mi riamh a’ cur seachad mo bheatha. Bha mi anabarrach aingidh, agus bhrosnaich mi Dia gus a lamh a leagadh orm le buillean troma mar dhioghaltas air son mo pheacaidhean lionmhor.
Chuir na smaointeanan so deuchainn mhor air m’ inntinn fad an dara agus an treas latha dhe mo thinneas. Eadar meud an tinneis a bha mi ’fulang, agus an doigh eagallach anns an robh mo chogais ’g am dhiteadh, thainig mi gu bhith ’deanamh seorsa urnuigh ri Dia. Ach cha ’n urrainn domh a radh gu ’n robh mi ’faireachadh miannan laidir spioradail, no gu ’n robh dochas agam gu ’m faighinn eisdeachd. Cha robh ’nam urnuigh ach glaodh a bha ’g eirigh o eagal agus o eiginn.
Bha mo smaointeanan gu mor troimh a cheile, agus thug mothachadh air mo chionta agus an t-uamhas a bh’ air m’ inntinn air smaointeanan dusgadh ’nam cheann a bha cur eagail orm. Agus am feadh ’s a bha mi anns an staid inntinn so, cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fhaodainn a bhith ’g radh. Ach, cho fad ’s mo bharail gu ’n robh mi labhairt mar so: “A Thighearna! nach mi an creutair truagh! Ma leanas mo thinneas, gheibh mi bas cinnteach gu leor le cion cuideachaidh, agus ciod a dh’ eireas dhomh?” An sin thoisich mi ri sileadh nan deur gu frasach, agus cha b’ urrainn domh facal a radh fad uine mhath.
Re na h-uine so thainig na comhairlean matha a thug m’ athair orm as ur a dh’ ionnsuidh m’ inntinn. Aig a’ cheart am chuimhnich mi air mar a dh’ innis e dhomh mu gach trioblaid is truaighe a thigeadh ’nam rathad, mar a dh’ ainmich mi aig toiseach mo naigheachd, sin ri radh, nan gabhainn an ceum gorach a bha mi ’cur romham a ghabhail, nach tigeadh beannachd Dhe orm agus gu ’m faighinn uine gu leor gus a bhith smaointean air a’ chomhairle a thug e orm, an uair nach biodh neach ann a bheireadh cuideachadh dhomh.
“A nis,” thuirt mi le guth ard, “tha na briathran a labhair m’athair caomh rium air tighinn gu teach. Rug ceartas Dhe orm, agus cha ’n ’eil neach agam a bheir cuideachadh no eisdeachd dhomh. Chuir mi cul ri guth an Fhreasdail, a chuir gu trocaireach mi ann an suidheachadh anns am faodainn a bhith ’caitheamh mo bheatha gu sona, socrach. Ach cha d’ thug mi so fa near, agus cha mho a ghabh mi suim dhe na labhair mo pharantan rium m’ a dheidhinn. Dh’ fhag mi iad gu bhi caoidh air son mo ghoraiche, agus a nis tha mi air m’fhagail a caoidh airson na thainig orm a chionn nach do ghabh mi an comhairle. Dhiult mi an cuideachadh agus an comhnadh, ged a bha iad a ghnath deas gus mo chur air aghart anns an t-saoghal, agus gus gach ni a dheanamh dhomh a thigeadh a chum mo mhath, agus a nis tha iomadh ni doirbh agam ri choinneachadh agus gun neach ann a bheir dhomh comhnadh, no cuideachadh, no comhfhurtachd, no comhairle.”
An sin thuirt mi; “A Thighearna, cuidich leam, oir tha mi ann an eiginn mhoir.”
Faodaidh mi radh gur i so a’ cheud urnuigh dhurachdach a rinn mi fad iomadh bliadhna.
(Ri leantuinn.)
[Taobh -duilleig 199 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
A. J. G. MACEACHUINN,
FEAR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
McDonald Building, Charlotte Street.
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal,
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3½% ’sa bhliadhna.
Oran
Do Chaiptean Ailean Domhnullach, Fear Chinnseburgh,
LE IAIN MAC ODRUM.
Nis o’n tha mi ’m onaran,
’S mi ’m chomhnuidh anns a’ Bhàgh,
Ag obair air na h-orain,
’S e ’s coire na bhi ’m thamh;
’Tighinn air beus an Domhnullaich
Tha fearail, treubhach, moralach,
Gur iomadh ceud chuir eolas ort,
’S bu deonach leo thu slan.
’S e mo rùn an t-Ailean
Dh’ fhas gu foinnidh, fearail, ard,
Aon Mhac Dhé ’ga d’ anacladh
Bho anshocair ’s bho chradh;
Sar chùirtear mùirneach, macnusach,
A ghiulain mhuinte, mhacanta,
Tha cruaidh gu chùl ach casadh air
’Nuair dhuisgear ascaoin da.
Fear eolach, seolta, siobhalta,
Gun toir air stri gu brath,
’M bheil mais’ is tlachd is aoidhealachd
Cho math ’s a dh’ innseadh bard:
Moralach, mor-inntinneach,
Gun torachd air a bhribealachd,
Gun sgòd de Chlann ’Ic Cuibean air
Gu h-iosal no gu h-ard.
Fear foinnidh, fearail, socrach thu,
’S neo-throicheil am measg chàich;
B’ acfhuinn fear do choltais
A chuir mais’ air cnoc no dha;
Leoghann fearrdha, tosgarra,
Mor churaidh calma ’n toirtealachd,
’S mairg luchd an-mèinn chasadh ort
Gun fhosadh air do laimh.
’S mairg luchd an-mèinn chasadh air,
Gun fhosadh air a laimh,
No thigeadh gearr no toisgeal air
Gus brosnachadh thoirt dha;
Lann sgaiteach de smior cruadhach air,
’S an truaill bu dreachmhor dualanan,
Cha stad e ’n fheoil am buailear e,
Gu ruig e smuais nan cnàmh.
Cha bhrìdeach air an fhaiche e,
Ri fhaicinn am measg chàich:
Ceann-feadhna meaghrach, faicilleach,
’M bheil taitneachdan air blar;
Fear iriosal, ciùin, céillidh thu,
Gun easbhuidh smior no treubhantas:
Gu’m b’ eireachdas fear t’ eugais
Air cheann daoine ’n taobh so ’n Fhraing.
Dubh is dearg is gile,
Dreach an fhir a tha mi ’g radh,
Gu calma, fearrdha, fireachail,
Ro chinnedail ri dàimh;
’S e ceol is fhearr ’s is binne leam,
Gu’n d’ eug do mhathair firionnach,
Gu’n canar sàr fhear-cinnidh riut,
Gach ionad ’n dean thu tamh.
Cha b’ ioghnadh le luchd t’ eolais
Ge bu deonach leo thu slan,
Do dheoiridh is do dhilleachdain,
Gun bhith an teinn no sàs;
A ghnùis tha flathail, éibhinn,
Far an luidh thu slàn gu’n éirich,
Deadh naigheachd fear na féile leat,
Do chéile bhith ni ’s fearr.
Oighr’ air loinn Mhic Iain thu,
Mac samhuil gach cion-fàth,
Gu daimheil, cairdeil, inneachail
Ri duine bhiodh an sàs;
An ceanaltachd ’s an reusantachd,
Am fearalachd mar dh’ fheumadh tu,
Gu’m b’ athaireil dhut na beusan sin
Bha léirsinneach do chàch.
Cha bhreac an iomall lònain thu,
Gun neart, gun seol air snamh;
Cha’n fhochann brais fòlaich thu,
Le gaiseadh mor ’na bhàrr;
Cuspair cinnteach, comhnard thu,
Dhe’n fhine rioghail Dhomhnullaich,
’S mairg a chuireadh comhstri ort
’S tu deonach dol ’na phàirt.
’S tu sliochd nan curaidh mìleanta
Nach fuilingeadh spìd fo thàir,
Nach giulaineadh airm dhiomhaineach,
’S an tir a’ dol fo smàl;
Le caithream nam fear mora sin
Bhiodh gearradh garbh air spòltaichean,
Bu shalach, garbh a’ chòcaireachd,
’N àm toiseachadh air àr.
Chuir Dia tagha céile ort
Rinn mais’ is féill ri daimh,
A rinn an gniomh bu smiorala
’Rinn bean a tha no bha;
Le barrachd uaisl’ is rioghalachd
Ghluais i anns na gniomharan
Thug seanachas buan do linneachan
Air chuimhn’ an deigh a bais.
Cha b’ ioghnadh leam a h-uaisle
Thoirt dhi gluasad anns a’ chàs,
Bha stoc na craoibh o’n d’ bhuaineadh i
Gun ghrod, gun ruaidh, gun smal:
Sliochd Aonghais Oig nam brataichean,
Is Raonaill Oig nam feachdana,
B’e ’m fortan coir nan tachaireadh
Do ’r n-eascairdibh bhith slàn.
Tuireadh
Do’n bhàta-smùid Dorcas, a chaidh a dhìth air cladach Nobha Scotia.
LE BEAN ALASDAIR FHEARGHASDAN.
Lion mulad an tir.
Lion mulad an tir,
Lion mulad an tir, ’s cha neonach:
Chaidh an Dorcas a dhìth,
Le ’sgioba ’s na bh’ innt’;
Lion mulad an tir so comhladh.
Chaidh an Dorcas do’n ghrùnnd
Le gillean mo dhùthch’,
’S tha iomadh neach tùrsach, bronach;
’S an sgiobair ’bha treun
An iomadach feum,
O laidh e ’san eug ’s cha bheo e.
’Chatriona nion Alasdair thruagh
Leam is duilich do chruas,
Ged is iomadh là fhuair thu leonadh,
’S e Aonghas ’thoirt bhuat
Na do lapan, mo thruaigh’!
A dh’ fhagas gu d’ uaigh fo leon thu.
O, fhairge gun truas,
Do shluig thu iad suas,
Gun chuimhneach’ air cruas nam màthar
’Tha muladach, bochd
A’ caoidh an cuid mac
’Rinn thusa le tart am bàthadh.
’S na peathraichean bochd
’Tha gun bhraithrean an nochd,
Air sàilleabh do thortraich ghrànda:
Deich air fhichead de chloinn
Dhe nach cuimhnich thu caomh,
Ach athair gach aon dhiubh ’bhàthadh!
’S na h-athraichean bochd
’Tha caoidh an cuid mac,
Is cuid dhiubh gun neart, gun tàbhachd,
Bho’n d’ thug thu fir threun,
’S nach d’ chuimhnich thu ’m feum,
Ach rinn thu gu léir am bàthadh.
’S iomadh bantrach fo leon
’Dh’ fhag do shlugan ’tha mor,
’S cha duirt thu fhathast gur leor na bhàth thu;
’S e bhith milleadh ’s a claoidh,
Bhith ’cur gillean a dhìth,
’S e bhith ’cur mulad air tir is fhearr leat.
“Och! och!” ars’ an fhairg,
“Cha’n fhuirich mi balbh,
Cha’n fhuiling mi fearg no càineadh;
Tha mi umhail do’n Righ
Sin a chruthaich gach ni,
’S cha téid mi a’ chaoidh thar ’àithne.
“ ’Nuair a dh’ àithneas E stoirm,
Suas togaidh mi toirm,
Suas togaidh mi toirm an àirde,
’S ’nuair a dh’ àithneas e ciùine
Laidhidh mo thuinn,
’S cha dean mi a h-aon a bhàthadh.
“Cha do bhàth mi neach riamh
Gun ’ordugh ’s a rian—
Cha do bhàth mi neach ’dh’ iarr E fhàgail;
’S cha’n ’eil boinn’ air mo ghrunnd
Nach ’eil fo shealladh a shùil
Ceart cho math ris an tonn a’s àirde.
“ ’S ged a mholas sibh tir,
’Tha socrach seach mi,
Tha talamh na tir air ’àithne:
’S ’nuair a dh’ àithneas E-fhéin
Talamh ’dh’ fhosgladh a bheul,
Tha ’n talamh gu léir a sgàineadh.”
O, ’chairdean ro chaomh
’Tha fo mhulad ’s a caoidh,
Fo mhulad, cha’n ioghnadh dha sin;
’S e th’ ann ach guth Dhé
Ruinn, a labhairt o neamh;
O thugamaid géill na thràth dha.
Thachair an sgiorradh muladach so, a tha air a chur sios cho snasmhor ann an rann, o chionn aonamh bliadhn’ deug an Ogust ’sa tighinn. Dh’ fhag an Dorcas Louisburg air feasgar briagha Sàbaid agus oidhche Di-luain chaidh i a dhìth leis na bh’ air bord. Bha feadhainn a ghillean Chatalone air bord oirre. Bha e air a radh aig an àm nam biodh iad air an t-soitheach a bha i ’toirt gu Halifacs—bargea bha luchdaichte le gual—a leigeadh ma sgaoil, nach biodh an sgiorradh so air tachairt, ach cha robh an sgiobair, Mac-Fhearghais, deonach sin a dheanamh, agus chaidh iad uile a dhìth.
Dochas.
LE NIALL MAC LEOID.
Mo bheannachd ort, a dhochais chaoin,
Bu tric a sheas thu m’ inntinn mhaoth,
’Nuair bhiodh mo chridhe trom fo leon,
Fo uallach, iomaguin agus bron;
Lasadh tu lochran blàth ’n am uchd,
A thogadh dhiom gach leon is luchd,
’S chuireadh tu cagar sèimh ’n am chluais,
“Bi saoithreach, dileas fad do chuairt,
Is gheibh thu duals is fois.”
Is lionmhor deoiridh breoite, fann,
A chum do mhisneach suas an ceann;
’Nuair bhiodh an cairdean coimheach fuar,
’S an saoghal uile riu an gruaim,
Thigeadh tus’ an sin mar léigh,
A dhortadh ola ’nan cuid chreuchd,
’G an treorachadh a mach gu tlàth,
A ghabhail beachd air tir is fhearr,
Far nach tig plàigh g’ an sgrios.
Is iomadh bantrach bhochd fo dheoir,
Is dilleachdanan lag gun treoir,
’G am faicinn fhein gun neart, gun dion,
Mar chraoibh tha rùisgte ris gach sion,
A bheir am beannachd ort gu brath,
A chum an dochas beo ’s gach càs,
’G an cur gu stor an Athar shuas,
Ri ’n iarratais nach druid a chluas,
’S bheir fuasgladh dhaibh ’na iochd.
’S an saighdear treun le cridhe lan,
Tha cath ri aghaidh cruais is bais,
Cha tréig thu e ’nuair tha e ’n sàs,
A’ stri ri buaidh thoirt air a namh,
’S tu gealltainn dha gu’m faigh e cliu,
Is lamh na h-oigh’ d’ an d’ thug e ’rùn;
Tha sin ’ga chumail ann am fonn,
’S ag arach spionnaidh ùir ’na chom,
Mar shonn nach géill ’s an drip.
[Taobh -duilleig 200 san leabhar fhèin]
[Vol . 12. No. 26. p. 8]
Amhairc an So!
’san ath aireamh airson
SANAS UR
bho
The Canadian Bank of Commerce
Sydney, C. B.
P. C. STEVENSON, MANAGER.
’Nuair thig an fhairge garg is trom,
Is gaoth nan speur a’ reubadh thonn,
’S an seoladair air bharr nan stuadh,
A’ cath ri doininn ghairbh a’ chuain,
Le buirich bhuirb gun iochd, gun truas,
Tha bagairt air a shlugadh suas;
Thig thus’ an sin mar sholus iùil,
’Ga neartachadh le dochas ùr,
A dhùisgeas sunnd fo chrios.
’S na miltean a tha iosal, sgith,
Le tinneas marbhteach air an claoidh,
A fhuair a mach le cradh is deoir,
Gu’n deach an duine bhreith gu bron;
Ach thus’, a reulta chaomh nam buadh,
Cha tréig thu iad an taobh so ’n uaigh;
’S ged tha na neoil cho dorcha, dlùth,
Tha ghrian a’ dealradh air an cùl,
’S bidh sùil nan truaghan ris.
’S am measg gach trioblaid agus leon
A tha air clann nan daoin’ an toir,
Gach mealladh, saothair, agus plàigh
Tha buailteach dhaibh bho ’m breith gu ’m bàs,
Mur a biodh tusa ghnàth ’nan taic,
’Gan seasamh ann an àm na h-airc,
Cha bhiodh nam beath’ ach geamhradh fuar,
Gun neart, gun dochas, lan de ghruaim,
Fo uallach buan gun fhois.
Bi leam, mata, gu ceann mo réis,
Na fàg ’san fhasach mi leam fhéin;
Is ged tha ’n t-slighe garbh ’san àm,
Bidh dùil ri solas aig a ceann.
Na tig le mealltaireachd gun diù;
Bi dileas, direach anns gach cùis,
’Na d’ dhochas fior nach teid air chùl,
’Nuair thig mi ’n lathair Righ nan dùl,
A dheanamh cùnntais ris.
Posadh Piuthar Iain Bhain.
LUINNEAG.
I hu ro ho, í ho ro ho,
Cuiridh mi luinneag an ordugh dhuibh,
I hu ro ho, i ho ro ho,
Air posadh piuthar Iain Bhàin.
’Nuair chaidh sinn a mach ris na h-aonaichean,
Bha ceo, bha sneachda, bha gaoth againn;
’S bha sinne cho geal ris na faoileagan
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
’Nuair rainig sinn urrad bha ’n oidhch’ againn,
Tigh mor gun solus, gun soills, againn,
Cha’n fhaigheamaid fiu nan coinnleirean
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Ach chuireadh gu grad ann an ordugh sinn,
Is shuidh sinn ’n ar prasgan mu ’n bhord a bh’ ann;
’S bha droch mhac-na-bracha ’ga ol againn
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Bha sgianan air dhroch fhaobhar againn,
Is forcaichean—cha robh aon diu againn!
’S bha ’n t-im gu ròmach, gaoisideach
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Bha cearcan air dhroch spionadh ann—
Cha d’ thug iad fiu nan sgiathan diubh—
’S an caolanan nan siomanan
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
A bharr air sin bha gruidheam againn,
Bha càise laidir, ruighinn againn,
’S bha aireamh de na h-uibhean againn
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Bha iasg againn, bha feoil againn,
’S gun mhir di saor o roineagan;
Bha taom de dh’ arain eorn’ againn
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Am beagan a bha dhe na h-uaislean ann
Cha’n itheadh iad ni le uaibhreachas,
’S mu ’n d’ thainig a’ mhaduinn bu truagh leibh iad,
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Ach marbhaisg air an fhear-chiùil a bh’ann,
’S cha b’fhearr dad idir an t-ùrlar a bh’ann,
Dol fodha gu ruige na glùinean ann,
Aig posadh piuthar Iain Bhàin.
Bha cuid a dh’ fhàs sgith le fadal ann,
’S cuid a bha ’n ti air cadal ann,
’S chuir sinn air taobh gu’n rachamaid
Gu leabaidh le piuthar Iain Bhàin.
Dughall na Sroine.
Tha balach anns an dùthaich
Ris an can iad Dùghall,
’S fhada bho bha ùigh aige pòsadh.
Ged a tha e lùgach,
Agus car ’n a shùilean,
Gur e mhill a’ chùis nach ’eil sròn air.
Anna bheag a’ chùbair,
Caileag laghach, shunndach,
Ged tha i gun iùnntas gun stòras,
Ghabhadh ise Dùghall
Ged a tha e crùbach,
Na ’m biodh fad na lùdaig de shròin air.
Bha mi Oidhche Shamhna
Ann an tigh an dannsa,
’S chluinneadh tu mar chainnt aig na h-òighean:
“Fear le crodh is gamhna,
Chumadh bean is clann da,
’S bochd an rud a th’ ann nach ’eil sròn air!
Thuirt Màiri Nic Phàdruig:
“ ’S sibh a chaill bhur nàire—
Buidheachas do ’n Agh nach robh ’n còrr dheth!
Tha e laghach, càirdeil,
’S rachainn leis am màireach,
’S cha mhaoidhinn gu bràth nach robh sròn air.
“Ni e cur is àiteach
’S tha e maith ’n a nàdur,
Ged nach dean e gàire ro bhòidheach;
’S fheàrr e mar a tha e
Na fear falamh stràiceil,
Ged bhiodh urad màileid de shròin air.”
Thuirt nighean an tàilleir:
“ ’S ann agad tha chàil dha,
’S olc an rud nach sàsaich do sheòrsa;
Rachainn gu mo bhàthadh
Mach air rudha ’n t-sàile,
Mu ’n gabhainn le garlaoch gun sròn air!”
Coma leat-sa, Dhùghaill,
Na gabh thusa cùram,
Ciod a their na sgliùraichean gòrach;
Gheibh thu caileag chliùiteach,
Agus té bheir rùn dhut,
’S cha’n aithnich i an cùl nach ’eil sròn ort.
Ma bhios tu measail ort féin, bidh meas aig muinntir eile ort.
Ma phosas tu bean pòsaidh tu taigh, ’s ma phòsas tu taigh posaidh tu dragh.
Ma ’s olc ann bu mhios as e.
Ma ’s olc an fhidheal cha ’n fheàrr a comain.
Ma ’s toigh leat a’ mhuc is toigh leat a h-al.
Ma tha a’ ghaoth air chall, iarr a deas i.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uire dir an, de Sheudan ’ de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
A’ Ghailig:
“ ’S i labhair Adhamh
Ann am Parras fein.”
“ ’S i a’s fearr gu togail inntinn
Le binn-ghuth comhraidh tlath,
’S i a’s sgaitiche gu mi-mholadh
’S a’s mine ’nochdas gradh;
’N am cruinneachadh nam miltean
Le piob gu iomairt lann,
’S i a dhuisgeadh colg air oigridh,
’Nuair ’thogteadh srol ri crann.”
—Donnachadh Bàn.
Cuir a dh’ iarraidh “Mhic-Talla.”
Sydney & Louisbourg
Railway
Tim Chlar Geamhraidh.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’October, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 8.01 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.40 a. m.
A fagail Shidni aig 4.00 p. m., Glace Bayaig 4.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 5.45 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’ sùire.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchda gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26, no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 26 |
internal date | 1904.0 |
display date | 1904 |
publication date | 1904 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 26. %p |
parent text | Volume 12 |