[Vol . 12. No. 3. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 7, 1903. No. 3.
O chionn iomadh bliadhna air ais tha Breatunn a faighinn air adhart gu soirbheachail fo Shaor Mhalairt. Bha a dorsan fosgailte do bhathar gach rioghachd is dùthaich fo ’n ghréin. Cha robh de chìs air a leagail ach a mhàin uiread ’s a phàidheadh cosdas-riaghlaidh na dùthcha, agus bha a mhor-chuid de’n bhathar gun chìs idir. Bha an dùthaich cho fuaighte ri Saor Mhalairt ’s nach robh barail aig daoine gu ’m biodh ionnsuidh air a thoirt an da latha so air bristeadh a dheanamh air sin a bha ùine cho fada mar chreud-malairt aice: “Creic far am mò a gheibh thu air-son do chuid bathair, agus ceannaich far am mò a gheibh thu air-son do chuid airgid.” O’n thòisich an dùthaich ri aideachadh na creud sin, shoirbhich leatha mar nach do shoirbhich leatha riamh roimhe, agus bu dalma ’n duine a ghabhadh air fein a comhairleacnadh an aghaidh Saor Mhalairt. Ach tha ’n duine dalma sin air lom a nis, agus ged nach eil e-fein idir a’ gabhail ris gu bheil e air-son creud-malairt na dùthcha a chur a thaobh, ’se sin a bhrìgh a tha moran a’ toirt as a bhriathran. Na’m bu duine sam bith eile ach Chamberlain a thòisicheadh ris an obair sin chuirte gu tàmh e an ealamhachd. Ach is duine làidir esan; nochd e a neart roimhe so air dhòigh ’s nach faodar ni sam bith a ghabhas e os laimh a dràsd a chur an neo-shuim. Tha Chamberlain am measg cheannardan nam pàirtidhean Breatunnach mar bha Saul am measg nan Israelach, na’s àirde na iad uile; agus air an aobhar sin cha b’ iongantach an gnothuch ged rachadh aige air an t-sluagh aomadh leis anns a’ chùis so.
Is e th’ aig Chamberlain ’san amharc Breatunn agus nacoloniesa cheangal na’s dlùithe ri chéile na bha iad roimhe so, agus b’àill leis an ceangal sin a dheanamh le bannan-cusbuinn. Bhiodh e deònach cothrom a thoirt do nacoloniesann am margadh Bhreatuinn nach biodh aig dùthchannan céin; gu’m biodh feòil is gràn is nithean eile thatar a togail gu pailt ann an Canada ’s an Australia air an leigeil a stigh do Bhreatunn cho saor ’s a tha iad an dràsda, ach gu ’m biodh cìs bheag air a leagail air na nithean ceudna a’ tighinn á dùthchannan céin. Gun teagamh dh’ fheumadh nacoloniesan cothrom ceudna a thoirt do Bhreatuinn, air-neo bhiodh an gnothuch aon-taobhach. Tha Canada o chionn beagan bhliadhnachan a leigeil gach seorsa ceannachd a thig á Breatunn a stigh air da thrian dhe’n chìs a tha aig ceannachd dhùthchannan eile ri phàidheadh. Ma theid le Chamberlain bidh gach aon de nacolonieseile a’ deanamh a réir sin, agus an dùthaich mhàthaireil a’ deanamh fàbhair dhe’n t-seòrsa cheudna riuthasan. A dh’aon fhacal, bidh dorsan Bhreatuinn agus nancoloniesna’s fosgailte do mhalairt chàch a chéile na bhios iad do mhalairt dhùthchannan eile.
Cha’n eil eadhon a naimhdean a’ faotainn coire do Chamberlain air-son a bhi toigheach air an Iompaireachd Bhreatunnach a tharruinn na ’s dluithe ri chéile; ’s ann tha iad a’ faotainn coire dh’an dòigh ’sam bheil e ’cur roimhe feuchainn ri thoirt gu crìch. Tha iad cinnteach ma theid cìs a leagail air gràn ’s air feòil gu’m bi biadh an duine bhochd air a dhaoradh; air tàille sin gu’m fàs gach seòrs’ obrach cosdail, gu’m feumar prìs gach bathair a thatar a’ deanamh ’san duthaich àrdachadh; an sin gu’n caillear na margaidhean anns am bheilear a nis ga’n reic, agus air a cheann mu dheireadh gu’m bi soirbheachadh na duthcha air a chur air ais. Tha iad so na’n reusain chudthromach, agus faodar a bhi cinnteach gu’n cuirear fa chomhair an t-sluaigh iad anns gach dòigh am bi sin comasach. Agus o’n tha sluagh nan Eileanan Breatunnach air thoiseach air sluagh gach duthcha eile ann an eòlas air cuisean-riaghlaidh, faodar a chuis earbsa riutha fein le làn chinnt gu’n toir iad a’ bhreith a bhios a chum math dhaibh féin agus soirbheachadh an duthcha.
Is aithne dhuinn uile cho eudmhor ’s a tha muinntir nan Stàidean a thaobh latha-breith an dùthcha, an ceathramh la de dh’Iulidh. Ach cha’n eil fios againn uile gu bheil an dòigh ’sam bheilear ga ’chumail anabarrach cosdail do’n dùthaich—gu bheil mu cheithir ceud pearsa a faotainn bàis le spraidheadh fùdair ’s le caochladh sgiorraidhean gach uair a tha ’n latha sin a’ tighinn mu’n cuairt. Tha so na chall uamhasach, agus is gnothuch iongantach mur deanar oidhirp air stad a chur air le bhi bacadh nan innealan-teine leis am bheil a’ mhor chuid dheth air a dheanamh.
As gach cearna dhe ’n dùthaich gheibhear sgeul ait o’n tuathanach. Tha am feur ’s am bàrr air tionndadh a mach anabarrach math—moran na ’s fhearr na bha dùil a dheanadh iad. Deireadh an òg-mhios, cha robh moran dòchais anns an dùthaich so a thaobh feòir is barra. Bha ’n t-earrach air bhi fad air ais, agus an samhradh fuar is tioram. Bha daoine air tòiseachadh ri iad-fein a dheanamh riaraichte leis na gheibheadh iad, ’s gun dùil ris na gheibheadh iad a bhi mor. Ach bha iad air am mealladh. Thòisich an t-sìde ri bhi blàth, grianach, shil an t-uisge gu caoin, frasach, agus theann am fochann ’s am feur ri éirigh o’n talamh. Uaithe sin cha b’urrainn sìde b’fhearr tighinn air-son fàs is adhartas a thoirt air gach ni a bha ’n cur. Bha ’n t-uisge ’s a ghrian mar gu’m biodh iad a’ stri có aca bu mhotha dheanadh air-son an tuathanach; agus tha toradh na stri sin an diugh ri fhaicinn anns na machraichean. Bidh na saibhlean am bliadhna na’s làine na bha iad o chionn iomadh bliadhna; bidh pailteas far an robh làn dhùil ri gainne; agus gheibhear an diugh aoibhneas far an robh, mios roimhe so, dìth dòchais agus call misnich. Tha so a’ nochdadh cho fior bheag ’sa tha na’r comas a dheanamh as eugmhais cuideachadh caomh an Fhreasdail. Faodaidh sinn gach ni a tha na’r comas a dheanamh, treabhadh is leasachadh, cur is cliathadh, ach mur sil an t-uisge ’s mur blàthaich a ghrian bidh ar saotair an diomhain, agus cha dean sinn buain. Ach le cuideachadh an Fhreasdail, a bheir air an uisge sileadh, air a’ ghréin dearrsadh, ’s air a’ ghaoith séideadh, an deagh àm mar is àill leis, thig toradh nuair nach bi mor dhùil ris, agus soirbhichidh le laimh an dichiollaich.
’S i ’n sgeul mu dheireadh a fhuaireadh air Marconi gu bheil e ’n deigh leasachadh a dheanamh air innleachd nan cogair-adhair a dh’ fhàgas na fiosan moran na ’s saoire na bhatar an dùil a bhitheadh iad. Air an dòigh ùir cha bhi feum sam bith air na tùir àrda chaidh a thogail anGlace Bay ’s an àiteachan eile; cuirear an cogar air falbh á ofis mar nithear air fios-dealain cumanta. Ni so caomhnadh mor an innealan ’s an togalaichean, agus lughdaichidh sin cosdas nam fiosan.
An Ridir Eachann Mac Dhomhnuill.
CHAIDH iomradh caoimhneil, càirdeil a dheanamh ann am MAC-TALLA cheana air a’ cheannard mheamnach, bhlàth-chridheach so. Is e Gàidheal gasda, foghainteach, bàigheil a bha ann. Is ann an inbhe iosal a rugadh agus a thogadh e. Dh’ eirich e ceum an deigh ceum anns gach gniomh ’us oidheirp a rinn e riamh. Bha faireachduinnean àrd ’us gaisgeil an t-saighdeir daonnan ’n a chridhe. Thainig e air aghaidh gu tapaidh, sònruichte ’nuair a chuir e ’n còta ruadh air agus a ghabh e àite ann am feachd a dhùthcha. Bha e co soilleir ri solus an latha gu ruigeadh e gun dragh ’s gun teagamh inbhe àrd, chumhachdach, onorach am measg ceannardan a dhùthcha. Bha ’ghnàthachadh co modhail, beusach daonnan, agus bha e co càirdeil, neo-fhéineil, am feadh a bha e deanamh euchdan iongantach ann an stri nan lann, air chor ’s gu robh meas mor aig gach saighdear air. Bha na Gàidheil aig an tigh ’us thairis anabarrach measail air, do bhrigh gu robh e co seòlta, glic agus co curanta am measg nan saighdearan gu léir. Is iomadh gleachd chruaidh a chunnaic agus a rinn e. Is maith a tha fios aig a’ cheannard àluinn Citchener air cia co treubhach, eòlach agus aghartach ’s a bha Eachann Mac Dhomhnuill anns gach stri ’us blàr ’us connsachadh. Cha robh àite no onoir ann am feachd iomraiteach Bhreatuinn nach robh ann an slighe ’s ann an tairgse Eachainn nam bitheadh làithean lionmhor aige. Bha doilgheas mor agus mulad trom air gach Gàidheal an tràth a chuala iad an teachdaireachd bhrònach, mhuladach gu d’ thàinig crioch air a chuairt thalmhaidh le ’laimh fein. Is eiginn gu robh cràdh-cridhe uamhasach aige mu ’n do chriochnaich e ’bheatha fein. Cha ’n ’eil focal firinn anns an tuaileas a tha daoine gun iochd a’ cur as leth a cheannard eireachdail. Tha àrd ’us iosal, ministeir agus foirbheach ann an Albainn le aon ghuth ’us le aon chridhe ’moladh Eachainn, ged tha iad fior-dhuilich gu robh smal ’us smuairean aig an àm co trom, doilleir, duaichni air cridhe ’n laoich air chor ’s
[Vol . 12. No. 3. p. 2]
gu d’ fhàs e sgìth d’a bheatha. Tha airgiod ’g a thrusadh thall ’s a bhos airson clach chuimhne ghrinn, bhòidheach, shnasmhor a thogail a nochdas agus a dhearbhas air feadh gach linn ’us ial cia co mor ’us co domhain ’us co firinneach ’s a bha meas ’us gaol nan Albannach air Eachann Mac Dhòmhnuill.
CONA.
Naidheachdan.
Chaidh fear Uilleam Mulley a mharbhadh aig Beinn a Mharmoir Di-luain s’a chaidh. Bha e ’g obair ’sa mhèinn aoil nuair a thuit meall creige air ga ’ghrad mharbhadh. Bhuineadh e do Newfoundland, agus dh’ fhàg e bean is teaghlach.
Tha duine bha ann am baile Halifacs air an t-seachduin s’a chaidh ag innse gu robh anns an acarsaid aig an àm naodh soithichean cogaidh. Bhuineadh a coig dhiù do Bhreatuinn, a dha do’n Ghearmailt, aon do’n Fhraing is aon do Argentina an ceann a deas America.
Cha do shoirbhich le muinntir na Mèinne Tuatha mar bu mhiann leo ann an cur as do’n bhric. Deireadh na seachduin s’a chaidh bha coig duine deug na’n laidhe tinn leatha; fhuair an tinneas sgaoileadh mu’n robh an luchd-riaghlaidh mothachail air i bhi anns a bhaile.
Cha d’ rinn iasgairean Frangach St. Pierre ach cosnadh bochd air an t-samhradh so. Tha iad a nis a’ tilleadh dhachaidh gun aca ach fior bheagan air-son an saothair. Bha an t-iasg pailt gu leòr, ach cha cheadaicheadh Riaghladh Newfoundland biadh a chreic riutha, agus cha ghabh iasgach deanamh gun bhiadh. Thatar a’ deanamh mach gu’m bi bochdainn mhor am measg nan iasgairean Frangach air a bhliadhna so—a chuid sin dhiu a bha ’g earbsa ri iasgach St. Pierre.
Bha spalpairean ’san arm Bhreatunnach (agus as an arm) a mhathaicheadh air daoine roimhe so gu robh e na thàire do’n righ a dheoch-slàinte òl ann an stuth ’sam bith ach fion no deoch làidir eile. Chuir an righ fein glas-ghuib orra sin o chionn ghoirid nuair a sgriobh e litir ag radh gu robh e meas na ’urram a cheart cho mor a dheoch-slàinte òl ann an uisge ri òl ann am fion no ’n deoch sam bith eile. Tha Righ Iomhar anns a’ chùis sin a’ nochdadh gliocais is tuigse mar tha e deanamh daonnan.
Seachduin gus a bhòn-de bha Iubili òir an Easbuig Chamarain air a cumail ann an Antigonish. Bha àireamh mhor cruinn de phearsachan-eaglais ’s de shluagh, agus chuireadh an latha seachad ga ’fhàilteachadh agus a’ guidhe dha iomadh bliadhna eile de dheagh shlàinte ’s de shaothair na ’dhreuchd. Tha an t-Easbuig Camaran tri fichead is sia bliadhn’ deug a dh’ aois; tha e o chionn leth-cheud bliadhna na shagart agus o chionn tri deug air fhichead na ’easbuig. Is e an t-easbuig a’s sine tha ’n Canada. Tha e fhathast na dhuine slàn, fallain, agus a fhradharc ’s a chuimhne ’s buadhan inntinn cho math ’s a bha iad riamh, Tha e riaghladh thairis air ceithir fichead is sia deug eaglais, agus tha ceithir fichead is da shagart fodha.
Chaochail an t-Urr. Domhnull Sutharlan, ministeir Ghabarus, aig a dhachaidh ’san àite sin seachduin gus an dé. Bha e ’n déigh a shuipeir a ghabhail, agus shuidh e taobh a muigh an taighe a leughadh paipeir-naidheachd. Beagan mhionaidean an deigh sin fhuaireadh marbh e na shuidhe anns a chathair. Ged nach robh e ann am fior shlàinte o chionn treis a dh’ ùine air ais, cha robh gearain sam bith aige aig an àm, agus cha robh dùil sam bith ri bhàs. Bha seirbhis a’ chomanachaidh ri tòiseachadh air an ath latha. Bha Mr. Sutharlan thairis air tri fichead bliadhna ’s a deich a dh’ aois. Fhuair e cead searmonachaidh ’sa bhliadhna 1860, agus sia bliadhna an deigh sin bha e air a shuidheachadh ann an Gabarus. Shaothraich e roimhe sin ann an Ceap Nòr, anns na Stàidean an Iar agus an Ontario. Bha e na shearmonaiche comasach am Beurla ’s an Gàilig, agus dh’ oibrich e gu dìleas. Bha e na dhuine aig an robh deagh fhoghlum, ’s aig an robh sgil ann an ealain no dha. Bha e air a thiodhlacadh aig da uair feasgar Di-sathuirne an deigh do sheirbhisean an latha bhi seachad. Bha a chuid bu mhò de ’n chléir agus àireamh mhor de ’n t-sluagh a làthair.
Bha teine millteach ann an Canso, N. S., Di-luain s’a chaidh leis an deachaidh ceidheachan agus togalaichean a losgadh a b’ fhiach deich mile fichead dolair. Bha ’n teine cho doirbh aon uair ’s gu’n robh e coltach gu’m biodh am baile gu h-iomlan air a losgadh.
Tha am bàrr ùbhlan ag amharc glé mhath ann an Nobha Scotia air an fhoghar so. Thatar a’ meas gu’m bi eadar ceithir is coig ceud mile barailte dhiù air an cur air falbh do Bhreatuinn ’s do na Stàidean a bharrachd air na chuirear am feum anns an dùthaich so fhein.
Thainig bàs aithghearr air bean Alasdair Jardine anns a Mheinn a Tuath. Bha i feasgar Di-sathuirne s’a chaidh a bleoghann mairt nuair chaidh i ann an laigse, ’s i air a bualadh le pairileis, agus maduinn an ath latha chaochail i. Bha i de mhuinntir Eilein a Phrionnsa. Bha i tri fichead is seachd bliadhna dh’ aois.
Chaidh Frangach d’am b’ ainm Morneault a mharbhadh aigGreen River,N B., le Sirianach ris an robh e ag aimhreit. Bha’n daorach air an Fhrangach, agus air do’n t-Sirianach a bhi dol seachad air an àit aige thainig iad gu buillean ’s gu tilgeadh chlach. Bhuail an Sirianach clach mhor air Morneault ’sa cheann, ga leòn cho dona ’s gu’n do chaochail e maduinn an an ath latha. Tha an Siriannach gun ghlacadh fhathast.
Chaidh seòladair Frangach a bhàthadh aig Sidni Tuath oidhche Di-dòmhnaich s’a chaidh. Bha e-fein is seòladair eile a’ sabaid air bòrd soithich-iasgaich air an robh iad, agus chaidh iad thar taobh an t-soithich. Fhuair am fear eile e-fein a shàbhaladh le greim a dheanamh air ròp, ach bha am fear so air a bhàthadh, agus tha ’chorp gun fhaighinn fhathast. Thatar ag radh gu robh an daorach air an dithis aca nuair a thachair an sgiorradh.
Tha Cuideachd an Iaruinn is Cuideachd a’ Ghuail ri bhi air an dealachadh o chéile. Chaidh an aonadh o chionn bliadhna no dha air ais, ach fhad ’s a bha iad cuideachd cha robh cùisean a’ soirbheachadh, ’s tha iad a nise ’dol a bhi mar bha iad an toiseach, ag obair air leith. Thatar ag radh nach eil cuid dhiùsan aig am mò a bheil de dh’ airgiod anns an da chuideachd glé chàirdeil ri chéile; gu bheil an dara fear gun tàmh a feuchainn ri làmh-an-uachdair fhaotainn air an fhear eile, agus gur mò tha ’n aire air sin na air cumail air adhart gnothuch nan cuideachdan. Ma tha sin fior ’s ann dealaichte o chéile a’s fhearr iad.
Cha b’ urrainn dhuinn àite thoirt ’san àireamh so do ainmean na muinntir a phàidh, ach fàgaidh sin an cùnntas na ’s mò anns an ath àireamh. Chuir grunn laghach dhe ’n luchd-gabhail ugainn pàidheadh na bliadhna air a’ mhios a dh’ fhalbh; agus phàidh beagan air-son dha no tri bhliadhnachan air ais. Tha sinn an comain gach aon aca, ’s tha sinn an dòchas gu ’m bi an deagh eisimpleir air a leantuinn le moran eile. Tha luchd-deasachaidh is clòthachaidh nam paipeirean-naidheachd a thaobh nàdair gle choltach ri daoin’ eile: nuair nach bithear ga ’m pàidheadh caillidh iad am misneach; agus nuair gheibh iad an cuid fein gu riaghailteach, bheir e togail mhor dhaibh.
Maduinn Di-màirt s’a chaidh bha ’n Cardinal Sarto air a thaghadh mar Phàp. Bha ’n taghadh a’ dol air aghart fad thri no cheithir de làithean mu ’n d’ fhuair e an àireamh bhòtaichean a thaghadh e—da thrian dhe ’n làn àireamh. A réir an t-seann chleachdaidh bha nacardinalsair an dùnadh a stigh ann an ionad leotha fein, far nach ruigeadh ni no neach o’n taobh a mach iad gus am biodh an taghadh seachad. Bha seòmraichean air leth aig gach aon aca, agus luchd-frithealaidh; ach cha robh comas dol a mach no teachd a steach aig aon sam bith. Gach uair a chaidh iad a bhòtadh gun taghadh a dheanamh, bha na bhòtaichean air an losgadh ann an teine de chonnlaich bhuig, agus bha ’n ceò dubh a bha sin a deanamh ag innse dhaibhsan a bha muigh nach robh taghadh ann fhathast. Ach nuair bha ’n taghadh air a dheanamh bha na bhòtaichean air an losgadh ann an cònnlaich thioram, agus thuigeadh o dhath a’ cheò gu robh obair nancardinalscriochnaichte. Tha ’m Pàp ùr tri fichead is ochd bliadhna dh’ aois, na ’àrd-sgoileir ’s na shearmonaiche ainmeil. Ghabh e mar ainm Pius X.
EIRINN.
THA Righ agus Bàn-righ Bhreatuinn a nis ann an Eirinn. Tha iad a’ faotuinn mar is cubhaidh dhoibh, aoidheachd ghasda. Tha na h-Eirionnaich mar a bha iad riamh, caoimhneil, carthannach, agus blàth-chridheach ann an tomhas mor. Cha ’n ’eil sluagh air bith aig am bheil muirn a’s modha airson nan daoine ’bhuineas doibh. Is iomadh mile mac ’us nighinn ann an America ’chur agus a tha ’cur moran airgid a tha iad a’ cosnadh le dichioll mor, thar a’ chuain airson comhfhurtachd a cheannach agus ’fhaotuinn do ’n athair ’us do ’m màthair an trath a tha iad ann am feasgar an laithean agus a tha an treoir fann. Tha na h-Eirionnaich ann an Dubhluin a’ nochdadh tlachd ’us toileachais anabarrach do bhrigh gu bheil Righ ’us Ban-righ Eirinn a nis ’n am measg. Is e Righ gasda, glic, caoimhneil, curanta, eòlach a tha againn a nis. Bha e daonnan measail air a mhàthair agus dileas di anns gach ni, mar da rireadh a bu choir da bhi; oir bha a mhàthair, a’ Bhàn-righ Bhictoria, glic, teoma, stuama, caoimhneil, geamnuidh, measarra, fiughanta mar nach robh ban-righ riamh. Cha robh ann am Breatunn roimhe so righ eile ’bha co glic, neo-fhéineil, stòlda ’sa tha ’n Righ Imhear a tha againn a nis. Bhitheadh na h-Albannaich gle thoilichte nan gabhadh e ainm eile an trath a thòisich e air rioghachadh an deigh bàs a mhàthar. Bha Imhear no dha ’n an righrean ann an Sasunn a rinn moran uilc do thir nan Gàidheal anns na linntean a dh’ fhalbh. Nan gabhadh an Righ ainm athar Albart, (Albert)bhitheadh na Breatunnaich anns gach cearna de ’n t-saoghal gle thoilichte, oir is e prionnsa comasach, eireachdail, ealanta ’bha ann am Prionnsa Albart. Thug e còmhnadh iongantach do ’n Bhan-righ, leis a’ ghliocas, agus leis a’ chaoimhneas agus an tlàths a bhuineadh ann an tomhas mor dha. Chaidh an righ cheana do mhor-thir na h-Eorpa, agus shoirbhich leis ann an càirdeas follaiseach a dhaingneachadh eadar an Fhraing agus Breatunn gu sònruichte. Tha buaidhean agus tuigse àrd ’us àluinn aig an Righ, do bhrigh gu bheil e cheana a’ sgaoileadh sith ’us seasgaireachd far am bheil ughdarras aige, ’s gu bheil e mar an ceudna soirbheachadh anns an oidheirp a tha e ’deanamh airson crioch a chur air othail ’us upraid Eirinn. Cuiridh na h-Eirionnaich anns gach àite de ’n dùthaich fàilt’ ’us furan aobhach air Righ aluinn Eirinn, agus air a’ Bhan-righ eireachdail. Tha daoine ’g radh, gu bheil e am beachd an Righ tuineachadh a dheanamh ann an Eirinn re ùine bheag no mhor gach bliadhna. Ni e mar so maith mor, ann an cridheachan nan Eirionnach a thàladh ris a’ Chrun ’us ris an Rioghachd leathunn, mhorail, bheartach, thar am bheil Imhear a’ rioghachadh gu comasach, firinneach, gleusda.
Is anns na bliadhnachan a tha fada air falbh a thòisich eachdraidh Eirinn. Tha filidhean na dùthcha ’gabhail tlachd iongantach ann a bhi ’g innseadh cia mar thainig eilthirich bho ’n Eiphit fein, a ghabh sealbh ann an Eirinn, agus a bhrist fearann reamhar, torach, farsuing na dùthcha. Gun teagamh tha e taitneach do gach neach a tha ceangailte ris an dùthaich so, a bhi ’cur an smuaintean air an ais gus na linntean òga ud, anns an robh soirbheachadh ’us innleachd ’us dichioll fathast ann an tùs an làithean. Tha Eirinn da rireadh fior-bhòidheach. Tha snuadh fiamh-ghaireach gorm aig iomadh àm air gach fonn ’us faiche ’s learg ’us comhnard. Bha sluagh ro-lionmhor a’ gabhail comhnuidh ann an Eirinn bho cheann tri fichead bliadhna, an uair a thainig galar uamhasach anns a’ bhuntàta. Anns a’ ghort eagalach a thainig air Eirinn chaochail iomadh
[Vol . 12. No. 3. p. 3]
neach a bha làidir, fallain, cruadalach roimhe so. Rinn Sasunn ’us Albainn, agus Rioghachdan eile le dealas faoilidh, stri anabarrach air biadh a chur do ’n dùthaich airson na h-Eirionnaich bhochda ’chumail beo ’s a thearnadh bho bhàs an ocrais. Dh’ fhàg an ùine ghearr mìltean dùthaich an athraichean agus an òige fein, agus chaidh iad gu h-America, Australia, ’s ionadan eile de ’n t-saoghal, far an do shoirbhich leo gu gasda, far an d’ fhuair iad dachaidhean mhaith doibh féin, far an robh iad sona ’s toilichte, ’us far am bheil an clann lionmhor, deanadach, cumhachdach, ’us urramach. Tha sinn mion-eolach air gach farum ’us stri ’s fuaim a rinn aireamh de chàirdean amaideach Eirinn, airson an ceangal a bhristeadh a tha ’nasgadh na dùthcha sin ri Breatunn. Thainig crioch air an stri neo-ghlic so, ’s aig an àm so fein, tha dochas laidir aig gach neach gu cur an lagh a tha ’nis air beulthaobh na Pàrlamaid, crioch air gach eucoir a bha ’n duine bochd a’ fuiling ann an Eirinn, agus gu bi ’na dhéigh so bochd ’us beartach sona ’s toilichte agus fior-chairdeil ri ’cheile. Is gaisgeil agus is measail a tha na h-Eirionnaich daonnan anns gach cogadh a’s eiginn do Bhreatuinn a dheanamh ann an cearna air bith. Ann an cogadh mu dheas Africa, nach bu ghaisgeil, cumhachdach, neo-sgathach na ceannardan Eirionnach: Raibirts, Citchener, French , White, ’s iomadh laoch tapaidh, easgaidh, foirmeil eile.
CONA.
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. XI.
AN SEALGAIR AIR A GHLACADH—AN DUINE MOR BEAG—CO-DHUNADH GLIC—DLUTH DO ’N NAMHAID.
DH’ FHAIRICH Eobhain bàn e fhein ag éirigh o thalamh. Ach o’n a bha e na ’chadal a bruadar air a ghàbhadh air bhàrr nan tonn, agus ’san àm ga fhaicinn fhéin ri stri chruaidh a cumail nan stuadhan caoireach o dhùnadh m’a cheann, thug e leum as, an dùil gu ’n robh bhruadar fìor. An uair a dh’ fhosgail e ’shùilean, bha ceathrar cheatharnach lùthmhor mu ’n cuairt air, is iad ga ’ghiùlan gu bàta bh’ air flod làmh riutha. Thug e ionnsuidh air faighinn as an lamhan, ach cha rachadh aig’ air làmh no cas a ghluasad—bha e air a cheangal gu teann, sàbhailte. “Feumaidh,” ars’ esan ris fhein, “gu ’n robh mi ’n criochan iomallach na suain an uair a fhuair iad an cothrom so orm.” Ach ged a bha e sin, cha robh fios aige gu ’n robh bhuidheann aig an robh e coimhlionta air an obair. Smaointich e ’n toiseach gu ’m b’e tuilleadh de dh’ innleachdan a sheann nàmhaid Caiptean Adam a bha so. Agus air dhaibh a bhi nis ’sa bhàta ’s a tarruinn o thìr, dh’ fhaighneachd e co iad, no dé bha iad a’ ciallachadh, no dé ’n t-aobhar a bh’ ac’ a thoirt air falbh ’san dòigh ud.
“Ma ta, ’charaid,” arsa fear dhiubh, “innsidh mi sin dhut. Agus bheirinn a chomhairl’ ort gu ’n leigeil le d’ theangaidh ruith cho luath gus am bi d’ anam ’s do cholunn leat fhéin a rithist. Bha mi-fhìn ’s mo chompanach,” ars’ esan, “a sealgaireachd do Righ Deòrsa, agus tha fios agad fhéin gu bheil e car neònach an so( ’s e toirt buille bheag dha fhein ’sa cheann). Mar sin ’s e ’n àithn a thug e oirnn, an t-sealg a ghlacadh beò agus toil aige beagan luchdan loingeas a chur a null gu ’charaide Bonaparte air-son ’s gu ’m biodh iad ùr ri ’marbhadh aige fhein ’s aig a chuid Fhrangach. Dh’ innis do charaide, Osdair Dubh Ghlinn air choireigin, c’àit’ an rachadh againn air coileach math mor fhaighinn, ’s mar a thubhairt b’ fhior; oir air dhuinn a bhi ’n diugh ag ialadh ri cladach, chunnaic sinn e na ’chadal gu trom, agus seul an righ, tasdan briagha geal na ’dhòrn.”
Thuig Eobhain mar a bha, agus dh’ innis e dhaibh mu sheann mhàthair, ’s nach robh aic’ ach e fhein, agus ghuidh e orra ’chur gu tìr.
“O,” ars’ an ceannard ’s e deanamh gàire magaìdh, “neo-ar-thaing nach fhaigh gealtairean òga leisgeulan ’s na làithean so air-son am fàgail aig an luaithre, mu ’n ith Boni iad. B’ aithne dhomh aon fhear,” ars’ esan, ’s e tionndadh gu subhach ri càch, “a ghabh a leisgeul fhein cho dichiollach ’s gu ’n duirt e gu ’n robh da sheann mhàthair aige stigh agus leth-dusan seanamhair. Ach,” ars’ esan, ’s e tionndadh ri Eobhain, “sgriobh thusa gu Righ Deòrsa, agus cuiridh e long le luchd bhonnach agus té eile le brochan is bainne gu d’ mhàthair, agus bidh i mar sin na ’s fhearr dheth na ged a bhiodh tu còmhla rithe.”
Dh’ fhàs aodann ar curaidh dearg air dha so a chluinntinn, ’s gu h-àraidh mu ghealtachd. Bha chasan a nis fuasgailte, agus bha ’n seirdsean na shuidhe dlùth dha, ’s daga aig’ air a ghlùin. Mar an dealanach chaidh cas Eobhain fodha, ’s sheòl e suas ’s a mach air beul a bhàta.
“So!” ars’ esan; “na ’m biodh mo lamhan agamsa cha b’ ann an sin a stadadh tu, agus bhiodh fios agad am bu ghealtair mi an uair sin air do chosg fhein.”
Rinn càch gàire, oir bha gràin an uilc aca air an ofigeach mhor bheag so, a bha cho àrd ’s cho moiteil ri coileach Turcach o’n fhuair e ceum no dha os an cionn, ’s mar sin cha do ghreas iad iad fhein idir gus a thogail, ged a bha iad ma b’ fhior a deanamh cabhag mhor. Shàbhail iad e co-dhiù, ’s mu ’n rachadh aig’ air moran millidh a dheanamh an déigh a bhogaidh, ràinig iad long ’s chaidh iad air bòrd.
Mar tha fios aig an leughadair bha Breatunn air a sàrachadh le cogadh Bhonaparte air tìr-mor na h-Eorpa roimhe so, agus bha i thun nan cluasan an ainbheach air a thàille. Ach ma bha ’n riaghladh sgìth, ciamar a bha na saighdearan bochda? air dhroch bhiadh is aodach a’ dòrtadh an cuid fala air-son dhùthchannan eile. Bha na Frangaich le làmhachas laidir a tighinn beò air bloinig nan dùthchannan so—a togail gun phàidheadh gach ni ’bhiodh uatha. Ach cha fhreagradh so do na Breatunnaich, a bha feuchainn ri ’n saorsa fhaighinn do na daoine truagha a bha ga ’n àiteachadh. Ged nach ’eil eachdraidh a toirt iomradh air, bha moran a’ teicheadh as an arm, ’s gu h-àraidh an uair a bha balbhadh sìth ann a nis, ’s an leoghan mor Boni air a chur do dh’ eilein beag Elba bha iad a gabhail a chothrom, agus shàbhail iad iomadh tasdan do dh’ ionmhasair Bhreatuinn air an dòigh so. Ach a nis, an uair a tha fir-ionad nan cumhachdan mòra gu socair, sòghmhor am baile-mor Bherlin, a toirt breith air Boni, ’s a feuchainn ris na snaimeannan a chur e air an taod fhuasgladh air an socair fhein le aon laimh, ’s an te eile ’crathadh lamh caraide no ’s docha cumail suas glain’ fhìon, tha ’n curaidh mor ma sgaoil gun fhios dhaibh, ’sa faighinn deiseil a chroinn gus an saoghal a threabhadh a rithist. Mar sin bha, an uair a sgaoil an sgeul, cabhag air trusadh dhaoine a thàirneadh ceann an amaill an aghaidh Bhoni, agus mar a chaidh a radh bha féill air òganaich, ’s gu h-àraidh òganaich na Gàidhealtachd—saighdearan a’s fhearr fo ’n ghréin.
An déigh faighinn do ’n luing agus a bhi greis a smaointinn mu ’n chùis, chunnaic Eobhain bàn nach buanaicheadh e moran le tòiseachadh ri breabadh an aghaidh a ghath, agus gur dòcha gu ’n cailleadh e moran, ’s dòcha a bheatha ri linn. Mar sin smaointich e air a chuid a b’ fhearr a dheanamh dhe shuidheachadh ’san àm, agus striochdadh do na dàin, ’s gun fhios dé bh’ aca na ’m pasgain sheulte ’feitheamh air, ach e fhein a ghluasad gu faicilleach ’s le dìlse fo na cumhachdan ùra so. An ùine ghearr thog e ionnsachadh an airm, agus bha e cho coimhliont’ ann mu ’n do ràinig iad stall na trioblaid ’s gu ’n robh sùilean nan ofigeach ga thaobh le fàbhar. A bhàrr air a sin thachair ni air an luing a tighinn a mach a chuidich gu mor leis.
Thachair gu ’n robh òganach dùr air bòrd a chaidh a sgibadh air falbh, mar a dh’ eirich do dh’ Eobhain fhein; ach an uair a chunnaic am fear so nach robh dol as aige, chaidh e gu raige, ’s cha striochdadh e ’san anail ann. Mu dheireadh an déigh moran fhulang o’n fheadhainn a bha ga ’bhristeadh, chaill e ’chiall buileach glan, ’s cha robh uaithe ach aicheamhail air cuideigin. Bha chead ’san luing aig Eobhain bàn, ’s a thaobh e bhi eolach air marachd, bhiodh e gle thric còmhla ris an sgioba, agus chuir an sgiobair fhéin a dh’ urram air na dh’ iarr a bheachd air coltas na sìde uair no dha. Air aon oidhche dhorcha, bha e gu h-àrd air an dec, ach bha ’smaointean fad’ air falbh ’san àm, ’s mar sin cha robh moran for aige air a chuairteachadh. Bha ’n sgiobair aig an stiùir, ’s a chùl ris: bha fios aige air an uiread sin. An ceann tacain thug e an aire do shlaoid dhorcha sìnt’ air na bùird eadar e ’san sgiobair. “Cuibhle bhall no rudeigin,” thuirt e le leth aire,— ’s an sin lean e ’n còrr dhe smaointinn dh’ an Dùn, gu mhàthair bhrònach ’s gu Màiri bheag ghaolach, thruacanta. “Ciod a bha iad a smaointinn a dh’ éirich dha. Ciod—” Laidh a shùil aig a so air an t-slaoid dhuibh. Cinnteach gu leor bha e gluasad—cinnteach gu leor bha e na bu dlùithe do ’n sgiobair a nis—ach a gluasad cho balbh ris a bhàs. Chunnaic e e ’g éiridh air a ghlùin air chùl an sgiobair—chunnaic e e ’deanamh deas gu fàillidh gu éirigh na ’sheasamh, ’s ni trom air choireigin na laimh an tarruinn. Chrom Eobhain ’s chuir e ’sgian air barr-iall a bhròg, ’s chuir e dheth gu balbh iad, agus le aon leum bha e aige, an uair a bha làmh deas gu tighinn a nuas le geimhleag throm iaruinn air ceann maol an sgiobair. Le stri chruaidh chum Eobhain am fear caothaich gus an d’ thàinig cuideachadh is soluis cheart, agus chunnaic e ’n uair sin le cinnt, gu ’m b’ e ’n gille bochd Gàidhealach air an d’ thug sinn iomradh roimhe bh’ ann, an déigh faighinn ma sgaoil gu h-innleachdach ’s le gleusdachd a nochdas a sheòrsa gu tric. Thuig mar an ceudna ’n sgiobair cho faisg ’s a chaidh am bàs air, ’s cha ’n ’eil ioghnadh ged a bhiodh e ’n comain an fhir a’ shàbhail a bheatha. An uair a ràinig iad tir fhuair Eobhain, air iarrtas an sgiobair, do reiseamaid Ghall, air an robh dlùth charaid do ’n mharaiche fhein na cheannard, agus mar so mu ’n do ràinig e na h-àir fhuilteach fhuair e bhi na sheirdsean.
Bha nis neart an airm a’ cruinneachadh ’s na dùthchannan iosal, far ’n do ghreas Boni mor le ’chuid Fhrangach gus coinneamh gharbh a thoirt da naimhdean. Bha làn dhùil aig an t-saighdear mhor a bhuille bhàis a thoirt dhaibh le gearradh eadar an da bhuidheann—na Breatunnaich ’s na Pruiseanaich— ’s an dochann fa leith, na Breatunnaich mar gu ’m b’ eadh leis an laimh dheis, ’s na Pruiseanaich leis an laimh chlì. Bha meadhain an t-samhraidh a nis ann, ach cha robh an t-sìde ro fhàbharrach idir. Bha deoir na speur a’ tuiteam gu frasach ’san àm, ’s a ghrian ’s a ghealach ga ’m falach fhein gu tric o shùilean na mìltean a bha ’n so cruinn an naimhdeas nimheil—bithean reusanta—rìghrean na cruinne—duine an aghaidh duine—agus gach inneal bàis bu sgriosaile na chéile aig gach aon gus a cho-chreut-
[Vol . 12. No. 3. p. 4]
air a chur gu bàs ’s gu breitheanas na’n dùin, agus so uile air tàille aon duine, aon chreutair beag dh’ am fòghnadh luath no mall, an ùine ghearr, sloc beag cumhann mar oighreachd—boinne ’n cuan gun teagamh laimh ris an t-saoghal a dh’ fheuch e ri cheannsachadh dha fhéin.
Tha ’n oidhche air tuiteam, oidhch’ a choigeamh latha deug de dh’ Iun, 1815. Tha na campaichean aig fois, iomadh laoch a’ cur seachad na h-oidhche mu dheireadh dhe ’bheatha ’san t-saoghal. Cha’n ’eil ri ’m faicinn a’ gluasad ach an luchd-faire, ’s na teintean an drasda ’s a rithist a’ caitheamh dreòs dhearg os an cionn, a toirt suas na h-analach ’s na mionaidean deireannach. Ach tha aon phailliun anns am bheil beatha gluasad, agus anns am bheil gnothaichean cudthromach a’ dol air adhart, agus ’s e sin àite-taimh an Diùc Iaruinn, Wellington fhéin. Tha e mar ìomhaidh na shuidhe, a smig tiodhlaichte ’n colair a chòt’ ’s e trom smaointinn, air a chuairteachadh le ’cheannardan. An déigh dha bhi greis mar so, is càch a’ cograich na ’m measg fhéin, thug e lamh air peann ’s air paipear ’s thòisich e gu luath air sgriobhadh. An déigh an litir a sheuladh sheall e mu ’n cuairt air.
“Ah!” ars’ esan, “a Mhic-a- Ghobha ’s tu cheart duine tha bhuam! Tha thu eòlach ’san dùthaich so nach eil?”
“Tha, mo thighearna; chuir mi seachad iomadh bliadhna ’san àite; agus tha mi eòlach air an cainnt mar an ceudna.”
“Gle mhath! Gabhaidh tu ’n litir so agus bheir thu i seachad do laimh Bhlucher fhein. Geard le d’ bheath’ i; oir tha moran an crochadh rithe. Agus ma ’s aithne dhut duine fior earbsach thoir leat e, agus innis dha mu ’n chùis, los ma thuiteas aon an lamhan nam Frangach gu ’m feuch am fear eile ris an litir so a liubhairt. An aithne dhut a leithid so de dhuine?”
“Gu leor, mo thighearna. Ach tha seirdsean na m’ reiseamaid fhin a tha fior threun, agus cho earbsach ris na glasan. Tha e—”
“Ni sin an gnothuch, a Chaiptean. Bi falbh. Tha fios agad air do chunnart, ’s dean do dhichioll.” Bha ’n t-ofigeach a tionndadh air falbh le aogas anns nach robh moran subhachais, a thaobh nam briathran so. Ach aig a mhionaid shìn an Diùc a lamh dha, ’s le fiamh gàire air aodann tana, thubhairt e, “Turus math leat, a Chaiptean! Tha earbs’ agam asad. Agus beannachd leat gus an coinnich sinn a rithist.”
Dh’ fhalbh na neoil bhar aogas a chaiptein, ’s le cridh’ aotrom ghabh e mach, ’s air dha faighinn gu àite fhein chuir e seirbhiseach le brath gu Eobhain bàn mac an t-saighdeir tighinn ga ionnsuidh gun dàil.
(Ri leantuinn.)
AN T-URR. UILLEAM ROS.
CHA ’n eil teagamh againn nach bi àireamh mhor de ar leughadairean toilichte cùnntas gearr fhaotainn air aon de mhinisteirean Gàidhealach na h-Eaglais Shaor Aonaichte. Tha an cùnntas a leanas air a thoirt as An Fhianuis.
Rugadh an t-Urr Uilleam Ros aig Allt a’ Chliabhain ann an sgire Lathereoin an Gallaobh o cheann sè agus tri fichead bliadhna. Bha ’athair, Murachadh Ros, ’na shaor-chairtean agus ’na mhuilleir ’s a’ chearn so. B’ i a mhathair, Cristian Nic Aoidh, nighean de Mhaidsir Uilleam Mac-Aoidh. Rugadh i ann an Gibraltar. Bha Mr. Murachadh Ros agus a bhean ’nan càraid air an robh eagal an Tighearna. B’ e brathair-seanar Mhr. Murachadh Ros, an t-Urr. Uisdean Ros, a’ cheud mhinisteir soisgeulach a bha ann Cilldonan an Cataobh, agus b’e a sheanair a’ cheud mhuilleir a bha ’s a chearn cheudna de shiorramachd Chataoibh. Thàinig Mr. Murachadh Ros gu eòlas na fìrinn ann an laithean ’oige, agus bha e ’na fhianuis fhollaiseach air taobh Chriosda gus an do chaochail e an 1864 aig ochd agus tri fichead bliadhna a dh’ aois. Rinn Mrs. Murachadh Ros an “roghainn mhaith,” an uair a bha i ’na caileig bhig agus chaith i a beatha ann an ùrnuigh agus ann an co-chomunn nan naomh, gus an do chaidil i ann an Iosa, ann an tigh a mic, an t-Urr. Teàrlach Ros, ministeir caoimhneil, measail, na h-Eaglais Shaoir Aonaichte an Dunbeath ann an siorrachd Ghallaobh. Aig àm a bàis bha Mrs. Ros ceithir fichead bliadhna dh’ aois. Thug a mhàthair so ann an Israeil triùir mhac gu ’bhi ’nam ministeirean dileas diadhaidh ann an Eaglais Chriosda. ’S iad an ainmean, an t-Urr. Uilleam Ros, teachdaire ainmeil, soisgeulach na h-Eaglais Shaoir Aonaichte anns na “Cowcaddens” an Glaschu; an t-Urr Teàrlach Ros, ministeir cliùiteach na h-Eaglais Shaoir Aonaichte ann an Dunbeath an Gallaobh, agus an t-Urr. Iain Ros, a tha o cheann àireamh bhliadhnachan ’na sheirbhiseach fiùghail ann an“New Zealand. ”Tha fhios againn gu ’m bi ar leughadairean Gàilig glé thoilichte am beagan nithean a leanas a chluinntinn mu ar caraid gràdhach an t-Urr. Uilleam Ros:—
Cosmhuil ri iomadh gille òg tapaidh Gaidhealach fhuair Mr. Uilleam Ros a’ cheud chuid d’a ionnsachadh ann an sgoil sgìreachd a bhreith is àirich. An 1857, chaidh e do ’n Fhòghlumaid an Dunéideann ’s am bheilear a’ fòghlum ghillean òga agus nigheanan òga co-cheangailte ris an Eaglais Shaoir Aonaichte gu ’bhi ’nan maighstirean-sgoil agus ’nam bana-maighstirean-sgoile. An so choisinn e a theisteanas o’n Chrùn air son maighstireachd-sgoil. Ann an sùil ri foghlum air son na ministreileachd chaidh Mr. Uilleam Ros, do Oilthigh Dhunéideann an 1859. An so tha sinn a’ tuigsinn gu ’n do shaoithrich e gu coguiseach, dichiollach, agus gu ’n do choisinn e Bursaraidh a b’ fhiach ochd agus ceithir ( £88 ) fichead punnd Sasunnach.
Fhritheil Mr. Ros Talla Diadhaireachd na h-Eaglais Shaoir Aonaichte an Dunéideann. Aig an àm so bha ’n Dr. Tomas MacLachainn a’ teagasg clas Gàilig an Dunéideann, agus ’s a’ chlas so choisinn Mr. Uilleam Ros a’ cheud gheall. Tha sinn de ’n bheachd gu’n robh e ’na fhear-ceasnachaidh nan Sgoilean Gàilig mu ’n cuairt air dà bhliadhna dheug, agus gu’m bheil tri bliadhna, thar fhichead (23) o’n a thòisich Mr. Ros co-cheangailte ri Talla Diadhaireachd na h-Eaglais Shaoir Aonaichte an Glaschu air clas Gàilig a theagasg air son na ministreileachd. Tha ’n clas so ’na chuideachadh mòr do oganaich Ghaidhealach. Tha e mar an ceudna ’na bhall de dh’ iomadh Comunn Gàilig fòghluimte. An 1867, thug coimhthional Gàilig Bhaile-bhòid gairm aon-sgeulach do ’n Urr Uilleam Ros, agus an Nobhember 1, 1867, shuidhich Cléir Dhunothain agus Ionaraora e ’na mhinisteir ’s a choimhthional so. Fhuair Mr. Ros, aig a’ cheart àm so, gairmean o choimhthionalan eile ach roghnuich e Baile-bhòid. Bha’ shaothair air a beannachadh gu mor ’s a’ bhaile so. An 1883, dh’ atharraicheadh Mr. Ros gu coimhthional nan “Cowcaddens” Glaschu. Fad nan fichead bliadhna so chaidh, tha dorus na h-Eaglais so fosgailte a’ h-uile h-oidhche Sàbaid agus seachduinn. An so dh’ aidich an Tighearna gu mòr saothair a sheirbhisich. ’S aithne do mhuinntir aig an tigh agus ann an tìrean céin an obair spioradail bheannaichte a rinn Mr. Ros ann an Glaschu. Bha co-theachdairean Mhr. Ros ’s na “Cowcaddens,” an toiseach an t-Urr. Seumas Muir, B. D., agus a nis an t-Urr. Adhamh Renig, M. A., ’n an co-oibrichean nach ruigeadh a leas nàire a ghahhail a roinn facal na fìrinn gu ceart. Tha Mr. Ros a nis ’na aon de shoisgeulaichean na h-Eaglais a’ searmonachadh soisgeul na Rìoghachd tuath agus deas am measg Ghaidheal is Ghall. Bha Mr. Ros mu ’n cuairt air seachd bliadhna na chléireach a’ Chomuinn Ghaidhealaich, aig an robh mar cheann-suidhe glic agus seòlta fad iomadh bliadhna an deadh sgoileir Gàilig, an t-Urr. Tomas MacLachainn, L L. D.
An 1852, dh’ aon an t-Urr. Uilleam Ros e féin ri Comunn Albannach na Stuamachd. Ann an raon na stuamachd aig an tigh agus bho ’n tigh cha ’n aithne dhuinn teachdaire a shaoithrich na ’s dùrachdaiche agus na’s dilse na Mr. Uilleam Ros. Bha e ’na mheadhon ann a bhi a’ sàbhaladh mòran o thràillealachd agus o mhallachd na misg.
Air a’ gheamhradh so chaidh rinn Mr. Ros gniomh eireachdail, ion-mholta, air son na h-Eaglais Shaoir Aonaichte. Air do Dhr. Iain Smith Dhunéideann, a bhi neo-chomasach a thaobh droch shlàinte air òraidean air Diadhaireachd Shoisgeulach(Evangelistic Theology)a thoirt d’ar fòghlumaichean òga ann ar Tallaidhean Diadhaireachd, dh’ iarr Comunn nan Oilthighean air Mr. Ros òraidean a liobhairt air a’ phuing so do ar fòghlumaichean òga. Rinn Mr. Ros so ann an rathad a thug mor riarachadh do’n luchd-riaghlaidh agus do ar n-oileanaich òga. Air son a shaothair ’s a’ chuis so, thug iad uile buidheachas mòr dha. Bithidh an obair shònruichte a rinn Mr. Ros anns na “Cowcaddens” an Glaschu ’na carra-cuimhneachain air a dhìlseachd, air a ghibhtean, agus air a ghràsan fad iomadh bliadhna ri teachd.
Tha Mr. Ros ’na shearmonaiche soisgeulach, dùrachdach, agus deas-chainnteach, araon ann an Gailig agus ann am Beurla. Bha Mr. Ros pòsda air boirionnaeh uasal, ghrinn, a chaochail an uair a bha e ’na mhinisteir am baile-bhòid, agus dh’ fhàg i aon duine cloinne, a nis an t-Urr. Iain Ros M. A., a bha air tùs na mhinisteir na h-Eaglais Shaoir Aonaichte an Alford an Abereadhain, ach a tha ’nis ’na theachdaire fiùghail anns an Eaglais Chléirich an Sasunn. ’S e ar guidhe gu bi buaidh le ar caraid ionmhuinn, an t-Urr. Uilleam Ros, anns gach gnìomh ris an cuir e a làmh. —An Fhianuis.
SGEULACHDAN ARABIANACH.
ALADIN.
CAIB. XXII.
BHA brathair aig an draoidh, a b’ oige na e fhein, agus mur b’ e a b’ fhearr gu draoidheachd a dheanamh, agus lamh a chur anns gach droch ghniomh eile, cha b’ e dad bu mhiosa. O nach robh iad a’ fuireach comhladh anns an aon bhaile, no eadhoin faisge air a cheile anns an aon duthaich, bhiodh iad a h-uile bliadhna ’faotainn fios mu dheidhinn a cheile le cumhachd fiosachd agus draoidheachd.
Mu ’n am anns an do chuireadh an draoidh gu bas, bha bhrathair a b’ oige faisge air bliadhna gun fhios fhaotainn c’aite an robh e, no ciod an suidheachadh anns an robh e. Agus le cuideachadh nan innealan draoidheachd fhuair e mach gu ’n robh a bhrathair air a chur gu bas le puinnsean ann a’ Shina, agus nach robh anns an fhear a chuir gu bas e ach duine ’thainig o dhaoine bochda, ged a bha e posda ri nighean an righ.
An uair a fhuair e fios air mar a thachair dh’ a bhrathair, an aite bhith ’g a chaoidh, rud a bha fhios aige nach deanadh feum sam bith dha, thog e air, agus dh’ fhalbh e gun dail gus a dhol gu
[Vol . 12. No. 3. p. 5]
ruige Shina; agus an deigh dha moran uidil is allabain fhulang, rainig e mu dheireadh ceanna-bhaile na rioghachd.
Air an ath latha chuir e seachad greis dhe ’n uine coiseachd air feadh a’ bhaile, cha b’ ann a chum gu ’m faiceadh e na seallaidhean ro mhaiseach a bha ri ’m faicinn, ach gus a dhroch innleachdan a chur air aghart. Chaidh e do na h-aiteachan anns am biodh moran de shluagh a’ bhaile ’cruinneachadh a chum a bhith ’cluinntinn agus ag innseadh naigheachdan, agus a’ cur seachad na h-uine anns gach doigh bu taitniche na cheile.
An uair a bha e mar so a’ cur seachad na h-uine, agus a chluas ri claisneachd feuch ciod a chluinneadh e, chual’ e cuid a’ bruidhinn mu bhoirionnach araidh do ’m b’ ainm Fatima, a bha anabarrach ainmeil air son cho crabhach agus cho caranach ’s a bha i. Bha i ’fuireach ann an cuil bhig leatha fhein, agus bha i ’deanamh mhiorbhuilean.
Bha e ’smaoineachadh gu ’m biodh am boirionnach so feumail dha anns an obair a bha e ’cur roimhe dheanamh, agus thug e fear dhe na bh’ anns a’ chuideachd leis a leith-taobh, agus dh’ fheoraich e dheth mu dheidhinn Fatima, agus ciod an seorsa mhiorbhuilean a bha i ’cur an gniomh.
Ghabh an duine so ioghnadh, agus thuirt e ris: “Nach cual’ thu riamh iomradh oirre? Tha meas anabarrach mor aig sluagh a’ bhaile gu leir oirre, air son mar a tha i ’trasgadh, agus ’ga cumail fhein fo smachd, agus a’ caitheamh a beatha ann an doigh a bha maiseach. Cha rachadh i mach air dorus fad na seachdain ach air Di-luain agus Di-haoine. Agus air na laithean so, tha i ’tighinn do ’n bhaile, agus a’ deanamh moran math. Leighiseadh i a h-uile duine aig am biodh ceann goirt an uair a leagadh i a lamh air a cheann.”
Cha robh an corr fiosrachaidh a dhith air an draoidh, ach gu ’n d’ iarr e beagan fiosrachaidh mu dheidhinn an aite anns an robh Fatima a’ fuireach.
A’ cheud latha ’bha Fatima am muigh, lean an draoidh i ceum air cheum gus an do thill i do ’n chuil bhig anns an robh i ’fuireach. An uair a ghabh e beachd gu curamach air an aite anns an robh i ’fuireach, thill e do ’n taigh-osda, agus dh’ fhan e ann gus an robh e dluth air a’ mheadhain oidhche. An sin dh’ fhalbh e direach a dh’ ionnsuidh an aite anns an robh Fatima a’ fuireach. Bha e furasda gu leor dha an dorus fhosgladh gun fhuaim sam bith a dheanamh. Dhuin e an dorus, agus chunnaic e Fatima le solus na gealaich ’s i ’na cadal air sofa, agus pios de sheana bhrat thairis oirre. An uair a dhuisg e i, chuir e ’bhiodag ris an uchd aice.
An uair dh’ fhosgail Fatima a suilean, ghabh i uamhas an uair a chunnaic i duine ’na sheasamh air a beulaobh, agus a’ bhiodag aige ri ’h-uchd deas gus a marbhadh. Thuirt e rithe: “Ma ghlaodhas tu, no ma ni thu am fuaim a’s lugha, marbhaidh mi thu; ach eirich agus dean mar a tha mise ’g iarraidh ort.”
Bha Fatima ’na cadal agus a h-aodach uimpe, agus dh’ eirich i far an t-sofa, agus i air chrith leis an eagal.
“Na biodh eagal cho mor ort,” ars’ an draoidh. “Cha ’n ’eil a dhith orm ach an t-aodach a th’ umad; thoir dhomh e anns a’ mhionaid, agus gheibh thu fhein m’ aodach-sa.”
Dh’ iomlaidich e fhein is Fatima an cuid aodaich. An sin thuirt e rithe: “Cuir dath air m’ aodann air dhoigh ’s gu ’m bi m’ aodann coltach ri d’ aodann fhein.” Ach an uair a thug e an aire gu ’n robh an creutair truagh air chrith leis an eagal, gus a misneachadh, thuirt e rithe; “Tha mi ’g radh riut a rithist nach ruig thu leas eagal sam bith a bhith ort. Tha mi ’mionnachadh air ainm Dhe nach toir mi air falbh do bheatha.”
Las Fatima an cruisgean, agus an uair a thug i air suidhe, chuir i dath air ’aodann, air doigh ’s gu ’n robh ’aodann coltach gu leor ri ’h-aodann fhein. ’Na dheigh sid chuir i a ceann-aodach fhein m’ a cheann, agus chuir i srol air ’aghaidh a chum nach fhaicteadh ’aghaidh an uair a bhiodh e coiseachd troimh na sraidean. Chuir i mar an ceudna paidirean mor m’ a amhaich a bha ruighinn sios gu beul na duilleig aige, agus thug i dha am bata a bhiodh aice ’na laimh fhein an uair a bhiodh i ’coiseachd air feadh a’ bhaile. Thug i sgathan g’ a ionnsuidh a chum gu ’m faiceadh e e-fhein, agus chunnaic e gu ’n robh e cho coltach rithe ’s a b’ urrainn a bhith.
Ged a fhuair an draoidh e fhein air a chur as aithne cho math ’s a ghabhadh deanamh, cha do chum e ris na mionnan a thug e. An aite a’ bhiodag a chur ann am Fatima, is ann a thachd e i, air eagal gu ’m faicteadh an fhuil. An uair a thachd e i, thilg e a corp ann an seann tobar.
Chuir e seachad na bha roimhe dhe ’n oidhche anns a’ chuil bhig anns am bu ghnath le Fatima a bhith cur seachad na h-oidhche.
Air an ath mhadainn, da uair an deigh do ’n ghrein eirigh, ghluais e mach as a’ chuil anns an robh e, ged nach b’ e sid aon dhe na ’laithean air am biodh Fatima a’ falbh troimh ’n bhaile. Bha e cinnteach nach feoraicheadh neach sam bith dheth c’ar son a chaidh e mach an lath’ ud; ach nan cuireadh neach sam bith ceisd air, bha e deas gu freagairt a thoirt seachad.
Bha e air a shocair fhein a’ deanamh direach air an luchairt aig Aladin. Agus cho luath ’s a thug an sluagh an aire dha, agus iad cinnteach gur i Fatima a bh’ ann, chruinnich iad timchioll air. Bha cuid ag iarraidh air am beannachadh, bha cuid eile a’ pogadh a laimhe, agus bha cuid eile nach robh ’dol na bu daine na gu ’n robh iad a’ cur an laimhe air iomall ’aodaich. Bha feadhainn eile aig an robh an cinn goirt, no a bha toileach an cinn a chumail o fhas goirt, a’ cromadh an cinn gus e chur a laimhe orra. An uair a chuireadh e ’lamh air an cinn, thoisicheadh e ri brunndail mar gu ’m biodh e ’g urnuigh. A dh’ aon fhacal, mheall e cho mor an sluagh ’s gu ’n robh iad uile cinnteach gu ’m b’ i am boirionnach naomh a bh’ ann.
An deigh dha an sluagh lionmhor a chruinnich m’ a thimchioll a riarachadh, ghabh e air aghart gus an d’ rainig e luchairt Aladin. Bha na chruinnich de shluagh m’ a thimchioll air an rathad thun na luchairt cho bras a feuchainn ri tighinn dluth dha ’s gu ’n d’ eirich stri agus connsachadh laidir ’nam measg. Mu dheireadh thoisich an tuasaid ri fas cho mor ’s gu ’n robh nighean an righ ’g an cluinntinn ann an talla nan ceithir uinneagan fichead, far an robh i ’na suidhe. An uair a dh’ fheoraich i ciod bu chiall do ’n obair a bh’ air an t-sluagh, cha b’ urrainn neach sam bith innseadh dhi. Mu dheireadh fhuair i mach gur e an aireamh mhor shluaigh a chruinnich timchioll air a’ bhoirionnach naomh a chum gu ’n leighiseadh i iad a bha ’glaodhaich, agus a’ togail na h-aimhreit.
Chuala nighean an righ fada roimhe sid iomadh iomradh air a’ bhoirionnach naomh, ach cha ’n fhac’ i riamh i. Bha fior thoil aice am boirionnach naomh fhaicinn, agus chuireadh ceathrar dhe na seirbhisich am mach g’ a h-iarrridh.
Cho luath ’s a chunnaic an sluagh seirbhisich Aladin a’ tighinn, sgaoil iad beagan o cheile, agus an uair a thug an draoidh an aire dhaibh, choisich e ’nan coinneamh, agus e gle aoibhneach a chionn gu ’n robh a dhroch-bheirt air thuar a dhol leis gu math.
“A bhoirionnaich naoimh,” arsa fear dhe na seirbhisich, “tha toil aig nighean an righ d’ fhaicinn, agus chuir i sinne g’ ad iarraidh.”
“Tha nighean an righ a’ cur tuilleadh ’s a’ choir a dh’ urram orm,” ars’ esan; “ach tha mi deas gus umhlachd a thoirt d’ a h-aithne.”
An uair a thuirt e so, lean e na seirbhisich do ’n luchairt.
An uair a thugadh an draoidh a steach far an robh nighean an righ, agus e ann an eideadh a’ bhoirionnaich naoimh, thoisich e ri urnuigh, ged a bha ’chridhe lan uile agus aingidheachd. Bha ’n urnuigh fada, agus bha e ’guidhe gu ’m faigheadh nighean an righ slainte, agus soirbheachadh, agus a h-uile ni math eile a mhiannaicheadh i. Le briathran mealltach, crabhach, a bha coltach ri tighinn o chridhe a bha fior dhiadhaidh, thug e air nighean an righ a chreidsinn gu ’n robh e anabarrach naomh. Agus mar sin bha meas mor aic’ air. O ’n a bha nadar math, glan aice fhein, bha i ’smaointean gu ’n robh daoin’ eile anns a’ cheart doigh, gu h-araidh a mheud ’s a bha ’g aideacheadh gu ’n robh iad a’ deanamh seirbhis do Dhia, agus a bha ’g an cumail fhein dealaichte o shluagh eile an t-saoghail.
An uair c chuir an draoidh crioch air an urnuigh fhada ’bha e ’deanamh, thuirt nighean an righ ris: “Tha mi ’toirt taing dhut, a mhathair mhath, air son d’ urnuighean; tha earbsa mhor agam annta, agus tha mi ’n dochas gu ’n eisd Dia riutha. Thig an so, agus suidh ri m’ thaobh.”
Shuidh e gu h-iomchuidh ri taobh nighean an righ. Chaidh i air aghart leis a’ chomhradh, agus thuirt i: “Mo mhathair mhath, tha aon ni agam ri iarraidh ort, agus that mi ’n dochas nach diult thu dhomh e; agus is e sin, gu ’m fuirich thu comhladh rium, a chum gu ’n innis thu dhomh an doigh anns am bheil thu ’caitheamh do bheatha, a chum gu ’m foghlum mi uat cia mar a ni mi seirbhis do Dhia.”
“A bhana-phrionnsa,” ars’ esan, “tha mi ’guidhe oirbh nach iarr sibh orm rud nach urrainn mi thoirt dhuibh na ’s lugha na ni mi dearmad air dleasdanas na h-urnuigh.”
“Na cuireadh sin dragh sam bith ort,” arsa nighean an righ. “Tha moran de sheomraichean falamh agam, agus faodaidh tu an fheadhainn a’s fhearr leat dhiubh a roghnachadh, agus bidh a’ cheart uiread de shaorsa agad gus aoradh a dheanamh ’s ged a bhiodh tu ’nad sheomar fhein.”
(Ri leantuinn.)
IARLA ULADH.
Sgeul Firinneach.
THA còir no sochair, no dlighe aig morair uasal Eirionnach nach ’eil aig aon neach eile san rìoghachd. ’Se sin seasamh le ’chòmhdach-cinn air an làthair an rìgh, ’nuair tha uile fhlaithean na rìogachd ’s an cinn rùisgte, tha e air a cheadachadh do cheann tighe teaghlaich ard Uladh, seasamh le aid no clogaid air a cheann an làthair na cùirte. Tha os cionn sé ceud bliadhna o’n choisinn teaghlach Ulster an onoir so.
B’e Iain de Courcy, air an àm sin Iarl Uladh—rinn e nì-eiginn a choisinn diomb agus corruich rìgh Shasunn—dh’orduich an rìgh a ghlacadh ’s a thoirt ’na phrìosanach do Lunnuinn, ach b’ usa so a ràdh na a dheanamh; cha robh eadar dà mhaoil na h-Eirionn duine co làidir, threun mhisneachail ris an Iarla so. Dh’ fheuch iad uair agus uair prìosanach a dheanamh dheth, ach dh’fhairtlich e orra. Mu dheireadh fhuair iad so a dheanamh le foill, nì nach robh ’nan comas le strìgh agus oidheirp fholluiseach. Thug iad duais d’a ghillean féin, agus bhrath iadsan e. Bha e air latha àraid a’ deanamh peanais, a’ coiseachd
[Vol . 12. No. 3. p. 6]
casruisgte, a’ dol o dheas gu tuath mu thimchioll eaglais agus cladh Dhùin-Pàdruig an Eirinn—thàinig a naimhdean air gun fhios—cha robh a chlaidheamh no a chuid armachd aige, nam bitheadh cha bu toil leo tighinn ’na dhàil—thog e maide bha sa’ chladh, agus le so chum e a naimhdean car tamuill air an ais, ach b’éiginn da strìocadh mu dheireadh an déigh dha trì-pearsa-deug a mharbhadh dhiùbhsan a thainig ’na aghaidh. Thugadh an t-Iarla mar so ’na phrìosanach do Shasunn, agus ghlaiseadh suas e anns an t-seòmar-iaruinn san Tùr, a tha o chionn ghoirid air a losgadh. Mu’n àm so thachair e gu’n robh comhstri eadar rìgh Shasunn agus rìgh na Frainge. An àite dol gu cogadh le’n armailtean, cho’ aontaich an dà rìgh a’ chùis a bhi air a socruchadh le dithis ghaisgeach, fear air gach taobh, rìgh Shasunn a shònruchadh aona ghaisgich, agus rìgh na Fraing aon eile, agus an dara taobh a chur do’n ghnothuch, le comhstri an dà laoich so an làthair an fheachd mhóir a bha ri bhi cruinn—nam faigheadh an Sasunnach a’ chuid a b’ fhearr do’n Fhrangach, bha ’chùis le righ Shasunn, ach nam buadhaicheadh an gaisgeach Frangach, bhiodh a’ chùis le rìgh na Frainge.
Dh’ fheuch an dà rìgh an duine bu chalma ’s a b’ fhoghaintiche ’nan rìoghachdan fhaotainn. Chuala rìgh Shasunn nach robh curaidh co tréun, no aon a b’ urrainnear a choimeas ri Iarl Uladh a bha ’na phrìosanach san Tùr; chuir e aon do mhaithean na cùirte d’a ionnsuidh uair agus uair, a dh’ fheuchainn an rachadh e leis do’n Fhraing a chur a’ chath an aghaidh gaisgich rìgh na Frainge—ach ’se fios-freagairt a fhuair e “Cha téid, cha dóirt mi braon do m’ fhuil as a leith, cha do thoill e uam e, cha chuir mi mo bheatha féin an cunnart air son rìgh co neo-airidh.” Ach mu dheireadh chuir an rìgh fios g’a ionnsuidh a ràdh ged nach deanadh e so air a shon-sa, math dh’ fheudta air son onoir na rìoghachd gu’n rachadh e ’mach, ’s nach leigeadh e leis an Fhrangach a bhi ’bòsd nach robh neach an Sasunn na ’n Eirinn a sheasadh ris. “Abair ris,” arsa De Courcy, “ged nach rachainn fad mo lùdaig air a shon-san, gidheadh airson onoir mo dhùthcha gu’n rachainn gu bàs—tuigidh am Frangach leibideach nach ’eil Eirinn gun ghaisgich.” Chuireadh fios do dh-Eirinn air a chlaidheamh féin, agus air ’airm chatha. Thàinig an latha, bha sluagh anabharrach cruinn, rìghrean Shasunn, Albann agus na Frainge, agus armailtean lìonmhor. Thainig an gaisgeach Frangach air aghaidh a’ marcachd air steud-each eireachdail agus chuir e gu dùlan aon duine b’ urrainn rìgh Shasunn a thoirt ’na aghaidh; ach ’nuair thainig Iarl Uladh air aghart agus a chunnaic am Frangach a choltas, co làidir, chalma, lùghor ’s a bha e, thainig oillt air, chriothnaich e, smuaintich e gum b’ fhearr teicheadh math na droch fhuireach—chuir e ’n spuir an cliathach an eich, agus thug e rìoghachd na Spàind air, as nach do phill e tuillidh.
(Air a leantuinn air taobh 23.)
BARDACHD NA FEINNE.
BRATAICHEAN NA FEINNE.
ROIMH-RADH.
AIG Druim-dalg, no Druim-dealachaidh, an braighe Earra-ghaidheal, ainm a tha freagarrach do’n àite, do bhrìgh gu’m bheil an sin dà mhathair-uisge, aon diubh a’ dol calg-dhìreadh ’san àird-an-iar do ’n fhairge aig sruth Laoire, (ris an abair iad a nis, a’ Chona-thuil); agus an t-uisge eile a’ dol ’san àird-an-ear do ’n fhairge, eadar Peairt agus Dundeaich. ’San àite so thug Fionn fleagh do chinn-feadhna na Feinne, agus do mhòran d’a uaislibh; ach bha dithis de ’ghaisgich, Raoine agus Aillde, do nach d’ thug e cuireadh. Air dhaibhsan fios fhaotainn gu ’n d’ fhuair maithean na Feinne cuirm, ghabh iad e ’na tharcuis, agus thug iad bòid gu ’m fàgadh iad teaghlach Fhinn, agus gu ’n cogadh iad le Righ Lochlann, ’na aghaidh, gus an deanadh iad dioghaltas air Fionn agus air a mhuinntir an lorg an eas-urram a fhuair iad. Chuir an dà laoch leoghanta, àrd-inntinneach so an lùirichean ’s an airm ghaisge ann an luing, no curach, sheòl iad do Lochlann, chaidh iad air an aghaidh gu cathair na Beirbhe, agus dh’ innis iad ciod a bha ’nan rùn.
Thug Righ Lochlann di-bheatha dhaibh le greadhnachas agus mòr-shubhachas; dheasaich e cuirm dhaibh, agus rinn iad fastadh bliadhna ris. Bha Aillde ’na laoch maiseach, agus deas-chainnteach; mar leoghann curanta an àm feirge, agus mar mhaighdinn stuaime, bhinn-ghuthach an àm sìthe. Ghabh Banrigh Lochlainn gaol air; roghnaich i an Gaidheal treun so air thoiseach air Earragan agus uile shaoibhreas, a thalla, agus a rioghachd. Ghluais i le Aillde agus le Raoine o leabaidh an righ, agus thainig iad air an ais do Alba, agus fhuair iad càirdeas o Fhionn.
Chruinnich Earragan uile chìnn-feadhna a rioghachd, agus armailtean gu léir, agus thàinig e le feachd lionmhor gu cogadh ri Fionn ’s ri ’chuideachd. Cleachdadh suairce a bh’ aig Fionn do ghnath, thairg e duais, no cumha, do righ Lochlann agus tilleadh an sìth. Dhiult Earragan duais sam bith a ghabhail, mur rachadh Fionn agus ’uile chinn-fheadhna f’a bhreith, agus a’ chreach a thoirt gu tràigh, agus an ceann a thoirt deth Aillde is deth Raoine, agus mòran de mhaithibh na Feinne a chur gu bàs a thuilleadh air an dithis so.
B’ fhearr le Fionn ’s le ’chuideachd cath garg a thoirt do na Lochlannaich na cinn an cuid Gaisgeach a thoirt seachad le saidealtas. Chaidh Fionn ’s a chinn-feadhna, agus armailtean am mach le ’m Brataichibh agus ged a bha an àireamh tearc an coimeas do ’n t-sluagh lionmhor a thainig a Lochlann, thug na Gàidheil threuna buaidh; ach thuit corr is leith nam Fiann an latha sin, agus cha deachaidh duine dhe an naimhdean air an ais a dh’ innseadh co thug buaidh ’s an àr-fhaich.
Ged gheibheadh Righ Lochlann sud,
Na bha de mhaoin ’s de sheudan an Alba,
Cha thilleadh e a shluagh air ais
Gus am biodh na Fianntaidh uile fo ’cheannas.
Sgaoil Feraghus a bhratach o chrann,
Mar chomharradh gu ’n dhiult Righ Lochlann cumha,
Ghluais an Fhinn ghaolach gu fòil,
Chum liodairt agus leònadh Lochlann.
Thainig sluagh lionmhor bhar nan tonn;
Thainig sud ’s bu throm an fheachd.
Suil d’ an d’ thug Righ Lochlann uaith,
Chunnaic e bratach a’ teachd am mach,
Agus laoch gasda air a ceann,
’S i air dealradh de dh’ òr Albannach.
Co i a’ bhratach so, *Fhili dhuanaich?
An i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann,
’S i fein a’ togradh thar shluaghaibh.
Cha ’n i sud ach an Liath-lùinneach
Bratach Dhiarmaid o Duimhne:
’N tràth thigeadh an Fheinn uile ’mach,
Gheibheadh an Liath-luinneach toiseach.
Co i a’ bhratach so, Fhili dhuanaich?
’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann,
’S i fein a’ togradh thar shluaghaibh.
Cha ’n i sud ach an Aon-chasach ruadh,
Bratach Raoine nam mòr-shluagh
Bratach leis an sgoiltear cinn
’S an dòirtear fuil gu ’n aobrannaibh.
Co i a’ bhratach so, Fhili dhuanaich?
’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann,
’S i fein a’ togradh thar shluaghaibh.
Cha ’n i sud ach a Bhreachaill-bhròchaill,
Bratach Ghuill mhòir mhic Mòrna,
Nach d’ thug tarruing riamh air a h-ais,
Gus ’n do chrith an talamh trom, glas;
’S e bu shuaineas di ’n sròl buidhe,
Toiseach tighinn is deireadh falbha.
Co i a’ bhratach so, Fhili dhuanaich?
’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann,
’S i fein a’ togradh thar shluaghaibh.
Cha ’n i sud ach an Dubh-nimhe,
Bratach Chaoilte mhic Re-tha:
Air a mheud ’s do ’m biodh ’s a’ chath,
Cha bhiodh iomradh ach air an Dubh-nimhe.
Co i a’ bhratach so, Fhili dhuanaich?
’N i sud bratach mhic treun-bhuadhaich?
Chi mi laoch gasda air a ceann
’S i fein a’ tagradh thar shluaghaibh.
Cha ’n i sud ach an Sguab-ghàbhaidh,
Bratach Oscair, chrodha, làidir:
’Nuair a ruisgte cath nan cliar,
Cha b’ fhiu fheòraich ach ’n Sguab-ghàbhaidh.
Thog sinn Deo-ghreine ri crann,
Bratach Fhinn bu gharg ’s a’ ghreis,
Luma-làn de chlachaibh ’s de ’n òr
’S ann leinne gu ’m bu mhòr a meas.
’S duilich dhutsa na bheil ann,
Deo-ghreine mhic Cumhail ri crann,
Is naoi slabhraidh ghasda sios,
De ’n òr bhuidhe a’s mòr prìs,
Is naoi naoi lan-ghaisgeach
Fo cheann a h-uile slabhraidh.
Cromaibh bhur cinn ’s a’ chath,
Is deanadh gach flath mar a gheall;
Is dearbhaibh do Lochlann ’s an uair so,
Gu ’m bheil treun-laoich chruaidh am Mor-bheinn.
Bu lionmhor ceann ’ga mhaoladh,
Agus guaillinn ’g an snaigheadh,
O éirigh greine gu feasgar;
’S cha deach o fhaobhar lann gu luingeas
Ach aon mhìle de shluagh barraicht’:
Theich iad mar shruth o mhullach beinne,
Is shine ’s a’ chath ’g an iomain.
Bu lionmhor Fianntaidh agus sonn,
Agus curaidh trom toirt:
Ach samhail do Oscar mo mhac-sa
Cha robh aca thall no bhos.
Seachd cathan de mhoran sluaigh,
Thuit sud le Oscar nam buadh,
’S an naoinear mac bh’ aig Manus ruadh,
Seachd fichead agus mile sonn.
Thuit urrad eile le Caoilte ’s le Goll;
Ach mac Cumhail ’s a shluagh trom,
Mar chaoiribh teine ’s am bi fearg,
’Nan sradagaibh diana casa
O bhuillibh gach laoich anns a’ chath,
Le Fianntaibh Phail a bha gu h-ait
Ag éisdeachd ri ’n sgreadail a’ teicheadh
Mar bheithir a’ teachd o theine.
Sin dhutsa ’bhuaidh a fhuair mo righ,
’S bha Oisian ’s a’ ghniomh bu ghabhaidh:
’S ged tha mi ’n diugh gu h-aosda liath
Bu mhòr a leag mi anns an àr-fhaich.
Ach ged a fhuair sinn an làn-bhuaidh,
Bu mhisde sinn riamh an là ud:
Chaill sinn corr is leith na Fianntaidh
An aobhar Raoine agus Aillde.
* Tha e feumail a thoirt fa near gu ’m b’ e am Fili duanach, gille bha aig Fionn car seal; ach bha e ’san àm so aig Righ Lochlann; agus bha e eòlach air brataichean ’s air cuideachdan na Feinne.
[Vol . 12. No. 3. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C , &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Iarla Uladh.
(Air a leantuinn o thaobh 22.)
Le so choisinn rìgh Shasunn an latha; ach air a bhi do na rìghrean agus do’n t-sluagh mhór a bha cruinn iomradh ’chluinntinn air tréuntas agus neart Iarl Uladh, bu mhiann leo e thoirt doibh dearbhaidh air. Chuir iad clogaid stàilinn do’n t-seòrsa bu làidire air ealaig mhóir dharaich, agus, le aon bhuille d’a chaidheamn, sgoilt e ’na dà leth i, agus chuir e an claidheamh co domhain sìos san ealaig ’s nach robh duine a làthair a b’urrainn a thoirt air ais! Tha a’ cheart chlaidheamh leis an d’rinneadh so, lùireach agus airm an duine chumhachdaich so r’am faicinn ann a Tùr Lunnuinn, mur do loisgeadh iad san teine mhór leis na mhilleadh an aitreadh aosmhor so bho chionn ghoirid.
Fhuair e ’oighreochd agus ’fhearann air an ais; agus thuirt an Rìgh ris— “iarr ni’s àill leat, agus bheir mise dhuit e.” Fhreagair De Courcy— “Or, no airgiod, no fearann, cha’n eil a dhìth orm. Rinneadh tàmailt agus mi-onoir orm; ’s ann a bha ’dhìth orm urram ùr, an àite ’n dìmeas a rinneadh orm. ’Se m’ iarrtas cead fhaotainn seasamh an làthair an Rìgh, mi féin agus ceann mo theaghlaich á so suas, le m’ cheann-bheairt air mo cheann, ’nuair a bhios cinn nan cùirteirean eile rùisgte.” Fhuair e so, agus tha an t-urram so mar dhlighe aig a theaghlach gus an latha diugh. ’Nuair a chrùnadh Righ Uilleam, agus mar an ceudna a’ Bhanrigh òirdhearc Bhictoria, thainig Morair Cheann-sàile(Lord Kinsale) ,agus sheas e an làthair na cùirte le ’chomhdach-cinn air, ’nuair a bha uile mhaithean na rìoghachd gun ad, gun bhoineid, gun chlogaid. ’Se Morair Cheannsàile ceann an teaghlaich urramaich so air an àm. —Caraid nan Gaidheal.
Craobhan Iongantach an t-Saoghail
’S IOMAD craobh neònach a tha fàs air aghaidh an t-saoghail. Tha cuid diubh da rìreadh co neònach ’s gu bheil e doirbh an eachdraidh tha luchd-turuis a’ toirt duinn orra a chreidsinn, mar biodh fios againn gur daoine teisteil firinneach iad, as am feudar earbsa chàramh. ’S annn de chraobhan neònach an t-saoghail
CRAOBH A MHEAS-ARAIN.
Tha i so a nis mar na craobhan ubhaill a tha san dùthaich so. Tha am meas-arain cruinn, mu mheudachd cinn leinibh bhig—tha rùsg tana air mar tha air ubhall, agus fo’n rùsg sin tha a chuid a dh’fheudar ithe. Tha e co geal ri aran sam bith, agus an déigh a ghearradh sìos, agus a dheasachadh fa chomhair an teine, no ri teas na gréine, tha e anabarrach blasda, agus fallain ri ithe. Tha e air bhlas arain chruineachd, eadar sin agus buntata. Tha sgrath fo chairt na craoibhe so as a’ bheill muinntir nan Eileana mu dheas a’sniomh seorsa de dh’aodach garbh làidir, agus buill a tha righinn feumail; air chor ’s gu bheil a chraobh so anabarrach luachmhor ’sna dùthaichibh sin.
A CHRAOBH BHAINNE.
’S ann de na craobhan neònach i so. Tha i cinntinn ri uchd nan creag ann an dùthaichibh teith, loisgeach. Tha coslas seargta laiste oirre ach an uair a nitear toll innte thig seorsa de bhainne buidhe, milis, fallain aisde, gu h-àraidh ma thollar i ’n àm éirigh na gréine. Chìtear muinntir na dùthcha anns a’ bheil na craobhan so, a’ falbh le cuachan, mar gu’m biodh iad a’ dol do’n bhuailidh a thoirt dhachaidh a bhainne so do’n teaghlach. Tha a’ chraobh so anabarrach prìseil anns na cearnaibh loisgeach sin.
A CHRAOBH PHAILM.
So a chraobh is feumaile, agus is prìseile anns na cearnaibh sin de gach craoibh a tha fàs as an talamh. ’S ann an rioghachdaibh na h-aird-an-Ear a tha chraobh so a’ fàs gu meudachd mhòir. Ann an Arabia tha chraobh so ag éigidh gu àirde ceud troidh. Tha stoc na craoibhe gu réidh dìreach gun mheur, gu dlù air a bàrr. Tha a bàrr le duilleach dlù air chumadh sgàileagain, noumbrella .Tha gach duilleag ochd no deich troidhean air fad. Tha bagaidean mòra chnò a’ fàs air a bàrr. Tha gach earrann de’n chraoibh so feumail: tha’n stoc laidir, agus freagarrach air son gach feum. Cha’n ’eil fiodh ann is fearr na e, no mhaireas co fada ris; de gach connadh ’se is fearr, oir cha’n ’eil fiodh ann a loisgeas co dian ris. Tha smear anns na craobhan òga Pailm a tha na lòn fallain blasda—tha’n duilleach òg fallain ri ithe—agus tha ’n seann duilleach feumail gu seorsa aodaich no de bhrait ùrlar no leapach a dheanamh. A stoc na craoibhe tha seorsa de bhainne a’ tighinn a tha taitneach ri òl, agus as an stuth so tha fion blasd’ air a dheanamh.
Tha’m meas air itheadh am feadh ’s a ta e òg agus maoth, agus an uair a dh’fhàsas e cruaidh nitear min deth a tha fallain agus feumail.
Seasaidh a chraobh so feadh linntean, mar éirich dosgainn di; is ainneamh a a chithear i a’ failneachadh air àm sam bith. ’Nuair a dh’ fhàilnicheas i, tha i air a gearradh dlù do’n bhun, agus air a losgadh sa cheart àite air an do chinn i, agus as sin tha beathachadh a’ teachd o bheil meanglan ùr a’ fàs a bhios na craoibh mhòir an ùine ghearr.
’NIGHEAN DONN A BHROILLICH BHAIN.
LE UILLEAM MAC-AOIDH.
LUINNEAG.
’Nighean donn a bhroillich bhàin,
Chum a choinneamh rium Di-màirt,
’Nighean donn a bhroillich bhàin
Gum a slàn a chi mi thu.
Tha mo chion air do chùl donn;
’S ged nach leamsa òr no fonn,
B’ fhearr bhith còmhla riut air tom
Na bhith roinn nan dìleaban.
Ged bhiodh maoin agam na ’chruaich,
Bhithinn fhìn as t’ aonais truagh,
Bhithinn aonarach ’s tu bhuam
Ged bhiodh sluagh na tìre leam.
’S deirge leam do bheul na ’n ròs;
’S mìllse leam na mhil do phòg;
’S fallain t’ anail seach an cròch;
’S do phearsa bòidheach fìnealta.
[Vol . 12. No. 3. p. 8]
’N spéis a thug mi dhuit ’s mi òg
Chum mi fad’ e bhuait fo chleòc,
Is mar géilleadh m’ fhuil is m’ fheòil
Ri mo bheò cha ’n ìnnsinn e.
Ged a bha mi reamhar, làn,
’S ged a bha mi daonnan slàn,
Rinn do ghaol mo thoirt a bhàn
Gus nach fearr na sìthich mi.
Their mo chàirdean, ’s tu tha faoin,
A bhith sàraichte le gaol;
Ach cha tàir mi bhith dheth saor;
Cha ni faoin ri dhiobradh e.
A thé ghrinn a mhuineil bhàin
’S e mo dhùrachd a bhith ’d dhàil;
Saoghal fada dhuit is àgh,
Is fear do ghràidh bhith sìnte riut.
Rugadh Uilleam Mac-Aoidh—Uilleam mac Dhonnachaidh mhic Dhomhnaill—an Gleann-Urchadain ’sa bhliadhna 1803. Phòs e Ciorstaidh Fhriseal an 1827. Chaochail e ’sa Bhlàr Bheag an 1887. Is e a mhac, Uilleam òg, a chuir am mach Eachdraidh Ghlinn-Urchadain, eachdraidh thaitneach, bhlasda, a tha na cliù do ’n fhear a sgriobh i, agus na cùis-thoileachaidh do gach Gaidheal a leughas i.
GABHAMAID AN RATHAD MOR.
LEIS AN URR. IAIN MAC-LEOID, LL.D.
LUINNEAG.
Gabhamaid an rathad mór,
Gabhamaid an rathad mór,
Gabhamaid an rathad mór,
Olc no mhath le càch e.
Gleus a phiob a’s buadhmhor fuaim,
Dùisg mac-talla as a shuain;
Togaidh iomall tir is cuain
Caithream bhuaidh’ nan Gàidheal.
Sgaoilibh bratach àrd nam buadh,
Tàirneamaid na lannan cruaidh;
’Dheoin no dh-aindheoin gheibh sinn buaidh
Mar bu dual do Ghàidhil.
’N éideadh cogaidh ri uchd blàir,
’S tric a thog na laoich a ghàir;
’S bhiodh le ’n lannaibh anns gach àr
Toiseach aig na Gàidhil.
Ged tha tir nam beann fo spréidh,
Is fo chaoraich is fo fhéidh,
Cuiridh sinne ’n cath gu treun;
’Chaoidh cha ghéill na Gàidhil.
’S ged a tha ar làrach lom,
Ged tha sinn gun òr, gun fhonn,
Seasaidh sinne bonn ri bonn,
Gual’ ri gual’ mar Ghàidhil.
Anns gach ànradh thig na ’r linn,
’Bhanruinn àluinn seasaidh sinn;
’S annsa leatha tàmh ’sna glinn,
Tha bàidh aic’ ris na Gàidhil.
Eiribh, fheara, ’chlann nan treun,
Tàirneamaid na lannan geur;
Tàirnibh ’s dearbhaibh leis gach beum
Gur gaisgich ghleusd na Gàidhil.
Rinneadh an t-oran so goirid an déidh blàr Alma, a chuireadh air September 20, 1854.
DUANAG A CHIOBAIR.
LE DOMHNALL CAIMBEUL.
Gu bheil mulad air m’ ìnntinn
O’n là thainig mi ’n tìr so,
’S nach faic mi mo nìghneag dhonn òg,
O nach faic mi a chaileag
Do an dug mi ’n cion falaich;
’S ann a dh’ fhàg mi i ’n Raineach nam bò.
’S ann a dh’ fhag mise gruagach
An fhuilt cham-lùbaich, chuachaich,
An taobh thall do Dhruim-Uachdair an fheoir.
Tha deud snaighte mar dhìsnean
Am beul meachair na rìbhinn,
’S gur a mìllse na fìoguis a pòg.
Ciochan corrach, ’s iad glé-gheal,
Ann am broilleach a léine,
Mar chaoin aiteal na gréin’ ri là ceò.
Slios mar eala nan cuantan,
No mar shneachda nam fuar-bheann,
Calpa cuimir ’s troigh uallach am bròig.
Cha ’n fheil samhla do m’ luaidh-sa
’Measg na chi mi mu ’n cuairt domh,
Ged is lionmhor an sluagh tha ’san t-Sròin.
Ged a chruinnicheadh an dùthaich
A chum féill Chinn-a- Ghiùbhsaich,
Cha bhiodh té ann dh’ an dùraichdinn pòg.
Cha ’n e sud ’rinn mo chiùrradh
O’n là thainig mi ’n dùthaich,
Ach nach faod mi dhol null air do thòir.
Tha ’n t-asdar cho fada,
’S nach faod mi ’dhol dachaidh,
Eagal càch bhith gam fhaicinn ’san ròd.
’S bidh mo mhaighstir gam ionndrainn,
O’n tha ’n stoc air mo chùram;
’S mi ga ’n gleidheadh air cùl Bail’ -a-Chrò.
’S mi gach latha mu ’n cuairt daibh
’S iad cho duilich ri ’m buach’lleachd
O’n a thain’ iad gu tuath do ’n Chreig-Mhòir.
’S mor gu ’m b’ fhearr bhith gan cuallach
’Mach ri mullach na Guaille,
Ear nach iarradh iad buachaill’ ri ’n sròin.
Far nach biodh orm bonn cùraim
Nuair a chuirinn mo chù riu,
Ged a bhitheadh iad dùinte le ceò.
Ni mi litir a dhùnadh
’N deidh a sgriobhadh dha t’ ionnsuigh,
’S bidh tu cinnteach nach mùth mi mo sheòl.
’S ged a bhithinn seachd bliadhna
Dol mu ’n cuairt anns na criochan s’,
Caileag eile cha ’n iarrainn ’s tu beò.
Rugadh Domhnull Caimbeul aig Dail-an-Spideil mu ’n bhliadhna 1798. Is e Pàl a b’ ainm d’a ’athair, agus mar sin is e Domhnall Phàil a theirteadh ris am bitheantas. Bha e greis mhor na chìobair am Baideanach. Chaochail e an Cinn-a- Ghiubhsaich, far an robh e a fuireach, ’sa bhliadhna 1875. Bha a mhac, Domhnall Og, na ’cheannaiche an Cinn-a- Ghiubhsaich.
CAOIBHNEAS DE.
LEIS AN URR. IAIN MAC-LEOID, IAIN MOR NA MORAIRNE.
Tha mo thuras troimh ’n fhàsach an nis gu bhith réidh,
Thàinig feasgar mo làithean is deireadh mo réidh;
Ach aidichidh mi leis gach taingealachd crìdh’,
An fhad so, a Dhia, gun do chuidich thu mi.
’S tric a shearg mi fo easlaint ’s a ghuil mi fo bhròn,
’S tric a ghluais mi gu deurach, gun éideadh, gun lòn;
Ach dh’ earb mi a Dia anns gach deuchainn is dìth,
’S an fhad so, a Thighearna, chuidich thu mi.
’S iomadh caraid ’bu chaomh leam a dhiobair ’s a thréig,
’S iomadh dòchas, làn aobhachd, a mheall mi le ’sgeul;
Ach do chairdeas-sa sheas leam ’s gach doilgheas is stri,
’S an fhad so, a Thighearna, chuidich thu mi.
Agus seallaidh mi romham, is gabhaidh mi beachd,
Air gach deuchainn is ànradh tha fathast ri teachd;
Ach m’ anam fo gheilt no fo imcheist cha bhì,
Oir an Dia nach do dhiobair cha diobair e mi.
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 2,500,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
SYDNEY
&
LOUISBURG R’Y.
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’ Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.
A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.
A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.
A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Didomhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 3 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 3. %p |
parent text | Volume 12 |