[25]

[Vol . 12. No. 4. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OGUST 21, 1903. No. 4.


Thatar acur as leth an fhir dan dleasanas a bhi solair bìdh do bhuill Thigh nan Cumantach gu bheil ecreic deoch làidir ri muinntir nach eil nam buill den tigh idir. A reir sin chan eil e nachoire sam bith deoch làidir a chreic riuthasan a tha nam buill den tigh. Nach gorach an gnothuch do dhaoine bhig amharc air-son lagh-bacaidh o mhuinntir a thacumail suas tigh-òil dhaibh fein ann an tigh na pàrlamaid. Cha tig an lagh sin am feasda gus am bi sgioba stuama air a chur a stigh nan àite.

Feadhsa bhios daoine a saoithreachadh gu dian air-son faighinn air adhartsan t-saoghal agus ionmhas mor a thasgadh suas, tha iad gle bhuailteach air nithean as luachmhoire na saibhreas a leigeil uapa. Tha Iain D. Rockfeller na dheagh eisimpleir air sin. Tha am fear sin atairgse muillion dolair a phàidheadh do neach sam bith a bheir dha stamag ùr, no a chuireas an t-seann san t-suidheachadhsan robh i aon uair. Chan eil teagamh nach do chuir an duine so a stamag o fheum le bhi toirt ana-ceartas dhi; anns an réis air-son saibhreis rinn e dearmad air riaghailtean slàinte, agus an diugh nuair tha saibhreas gu thoil aige than t-slàinte gadhìth, ’s cha toirear air ais i le airgiod no òr.

Tha cùisean adol gu h-olc ann am Macedonia. Than dùthaich so mar tha iomadh dùthaich thruagh eilo fo riaghladh nan Turcach, agus aig an àm so tha iad adeanamh ainneart neo-chumanta air an t-sluagh. Tha bailtean iomlan air an sgrios. Tha na Criosduidhean air an cur gu bàs leis na saighdearan Turcach, agus tha na Criosduidhean ullamh gu sin a dhioladh ma gheibh iad an cothrom. Tha an sluagh ag éiridh ann an ceannairc ann an caochladh àiteachan, agus chan eil e a réir coltais an comas na Tuirce an cumail o sin a dheanamh. Tha aon fhios a thainig ag radh gu bheil ar-a- mach mor ri bhi ann air an mu dheireadh dhen mhios so. Co-dhiù tha sin fior no nach eil tha aon ni cinnteach, gu bheil làithean trioblaideach, fuileachdach a feitheamh air a chuid sin den Roinn-Eòrpa a bhuineas don Tuirc. Cha mhair sìth far nach bi saorsa, agus saorsa chan fhaighear fo riaghladh nan Turcach.

Tha paipeirean Chanada o chionn àireamh bhliadhnachan air ais agearain nach robh nan comas naidheachdan na Roinn-Eòrpa fhaotainn ach troimh na Stàidean. Gus an lathan diugh chan eil ach gann fios-dealain a ruigheachd phaipeirean Chanada nach eil an toiseach air am faotainn anNew York,far am bheil iad, mar is trice, air an deagh chothlamadh mun leigear leotha tighinn do Chanada. Tha an Ard-Phàrlamaid acur mu dheidhinn sin a leasachadh. Thatar a tairgse mar chuideachadh do chuideachd a ghabhas as laimh fiosan fhaotainn dìreach á Breatunn, cóig mile deug dolairsa bhliadhna fad thri bliadhna, deich mile an ceathramh bliadhna, agus cóig mile an cóigeamh bliadhna. An deigh na cóigeamh bliadhna thatar an dùil gun teid aig cuideachd air cumail air adhart gun an còrr airgiod fhaotainn on riaghladh. Bhiodh e na shochair mhor do mhuinntir na dùthcha so naidheachdan na seann dùthcha fhaighinn saor on bhlas a bhithear acur orra anns na Stàidean.

Tha turus an Righs na Bànrigh an deigh atharrachadh mor a thoirt mun cuairt ann an cùisean na h-Eirinn. Air tàille an turuis sin tha an diugh faireachduinean nas blàithe aig na h-Eirionnaich do na Sasunnaich na bhaca riamh roimhe, agus tha barrachd càirdeiss a bàbhaist air a nochdadh eadar buidhnean na h-Eirinn féin. Tha na paipeirean dùthchasach, aig nach robh riamh dùil gum burrainn ni math teachd a mach á Sasunn, amoladh an Righ gu chùl, agus ag ràdh gur h-en aon fhear-stàite as fhearr a dhfheuch riamh ri cùisean na h-Eirinn a réiteachadh. Dhiùlt comhairle Bhail-ath-cliath fàilte chur air an Rìgh mar bhaile, ach thatar ag iomradh a nis nam ben an diugh gun deanadh iad a dhi-beathachadh gu toileach. Bidh e na bheannachd mhor do Bhreatuinn gu h-iomlan ma nithear soirbheachadh agus sìth aiseag don eilein uaine le lagh ùr an fhearainn agus le càirdeas an Rìgh.

Riamh on thàinig MAC-TALLA air lom an toiseach, agus tha còrr is aona bliadhndeug on thachair sin, chan eil toiseach foghair nach eil litir gar ruigheachd oChabar-Féidh,” acur a dhiarraidh aphaipeir dha feins do chàirdean. Air an turus so tha e cur fios air àireamh nas na chuir e dhiarraidh riamh roimhea h-ochd air fhicheadni a tha nochdadh nach eil aGhàilig no MAC-TALLA adol air deireadhsa chaithir mhóir sin. Bfhearr leinn gun cuireadhCabar-Féidhlitir a nall na bu trice. Is math is aithne dha Gàilig a sgriobhadh, agus chan eil e ceart dha fein no toilichte le muinntir eile e bhi leigeil le pheann fàs meirgeach. —Chan fhaodar dearmad a dheanamh air D. C. Mac-an-t- Saoir ann an Detroit, Michigan, an àm a bhig ainmeachadh deagh chàirdean MHIC-TALLA. Fhuair esan àireamh de luchd-gabhail ùra an uiridh, agus am bliadhna ghabh e an cùram a rithist, ’s chuir e ugainn an dolair air-son gach aon diuochdnar a bharrachd air féin.


Dhfhalbh an t-Urr. E. B. Mac Raing á Sidni Di-sathuirne sa chaidh. Re an da bhliadhndeug a chaidh seachad bha e na mhinisteir ann an Eaglais Chléireach Sràid Falmouth. Shaothraich e an sin le mor thaitneas do na h-uile, agus bha moran a bharrachd air muinntir a choithionail fein duilich gum face iomchuidh a cheangal ris an eaglais sin fhuasgladh. Bha e fad seachd bliadhna na chléireach do Chléir Shidni. Tha e dol a chur seachad a gheamhraidh ann an Alba, ach air an t-samhradh sa tighinn tha dùil aige tilleadh a nall do Chanada.

Bha gille òg Mac Cormaic air fhaotainn ciontach de ghoid phaipeirean air an t-seachduin sa chaidh, agus thugadh sia seachduinean priosain dha. Thatar ag radh gu bheilsa bhancaige sia ceud dolair a rinn e acreic phaipeirean air feadh a bhaile.

Thainig bàs aithghearr air nighinn òig dam bainm Anabel Rothach air an Eilein Mhór, seachduin gus an Di-màirt sa chaidh. Bhuail casadaich throm is i suidhe gu suipeir, agus an ceann tacain thòisich i ri cur a mach fala. Cha robh i beò an déigh sin ach beagan mhionaidean. Bha i ceithir bliadhna fichead a dhaois, agus na h-ighinn a bha gle mheasailsa choimhearsnachd.

Tha obair air tòiseachadh ann am mèinn an Dominion No I. Tha fichead paidhir dhaoineg obair innte, agus thatar cur a mach eadar da is tri cheud tunnasan latha. Roimh dheireadh a mhios ma theid gach ni leotha gu math, bithear a cur a mach mu choig ceud. Cha drinn an teines an t-uisge uiread callas a bhatar an dùil a rinn iad. Tha nise mu cheithir miosan on ghabh a mhèinn teine.

Tha fiosan as na h-Innsean ag radh gu bheil gach seòrsa barra gu bhi glé mhath ach ann an corra àite far nach do shil moran uisge. Tha so nasgeul mhath don dùthaich sin. Rinneadh call mor o chionn beagan bhliadhnachan leis an tiormachd a dhaobharaich gorta leis an dfhuair milleinean dhen t-sluagh bhochd bàs. Ni an saoghal uile gàirdeachas a chionn gu bheil e coltach nach bi gainne sam bith nam measg air a bhliadhna so.

Tha lighiche anns aGhearmailt an deigh àireamh cheistean a chur air àireamh mhor de dhaoines de mànathan a tha dlùthachadh ris a cheud bliadhna. A reir nam freagairtean a fhuair e, tha a mhor chuid dhiu de mheudachd chuimsich, tha, no bha, am falt bàn no bàn-ruadh, agus chan eil an diugh fiacail an deud aoin dhiu. Ma tham fiosrachadh sin ceart, cha dean fear àrd dubh aig am bheil deagh dheud ach droch chuimse air a bhi beò ceud bliadhna. Bidh an réis leothasan as lughas as bàine.

Tha Pàdruig, righ Servia, ged bu toileach e air crùn na dùthcha sin a ghabhail, a nise faighinn a chuid fein de na cunnartan a bhacuartachadh an fhir a bhair a chathair roimhe. Dhuaisnich e murtairean an righ Alasdair le dreuchdan àrda thoirt dhaibh anns an arm agus anns a chùirt, agus a nise tha iad agabhail a chothroim a tha na dreuchdan sin a toirt dhaibh, agus a reir a choltais cha bhi esan an ùine ghoirid ach a deanamh an ni a thoilicheas iadsan a chur fa chomhair. Mu dean e sin is furasda dhaibh deaname ris mar a rinn iad ris an fhear eile. Cha mhor sonas an fhir a gheibh gu cathair-rioghail tre lòn fala.

Bha stoirm mhillteach ann an Jamaica toiseach na seachduin sa chaidh. Air a chladach a tuath bha Port Antonio air a leagail cha mhor gu buileach; cha deach fhàgail na sheasamh den bhaile ach sia taighean. Bha ceidheachan is togalaichean ceannachd air an cur as a chéile, agus bha coig soithichean-smùide air an tilgeadh air tir. Tham bàrr bhanana is mheasan eile air a thur mhilleadh; thatar ag radh nach bin call uile gu leir nas lugha na fichead millein dolair. Bha àireamh mhor dhaoine air am marbhadh. A reir an fhios mu dheireadh a thainig bha suas ri ceithir fichead marbh agus mu choig ceud air an leònadh.



[26]

[Vol . 12. No. 4. p. 2]

Naidheachdan.

Sguab stoirm ghailbheach thairis air eilein Mhartinique air an naodhamh la dhen mhios so. Mhair ì deich uairean, agus bha call mor air a dheanamh leatha. Bha taighean air an leagail nan ceudan, agus bha soithichean air am bristeadh anns na h-acarsaidean. Chan eil e air iomradh gun drinneadh call beatha sam bith.

Tha comunn dhaoine dubha air a chur air chois ann an Toronto aig am bi mar ghnothuch cuideachadh le daoine dubha nan Stàidean a deas gu tighinn air imrich do Chanada. Tha iad ag radh gu bheil tuilleadhs a chòir dhiù anns na Stàidean sin, far am bheil iad a faotainn moran ana-ceartais, agus gum bfhearr dhaibh a bhin Canada far am faigh iad ceartas agus fearann gun toil ma ni iad feum dheth.

Toiseach na seachduin sa chaidh bha cruinneachadh ann an Belfast, an Eilein aPhrionnsa mar chuimhneachan air tighinn a nall na Polly, a thainig don eilein le luchd-imrich a mhuìnntir na Gàidhealtachd anns a bhliadhna 1803. Aig àm sgrìobhaidh cha dfhuair sinn fios sam bith air dol air adhart an latha, ach chan eil teagamh againn nach toir Maighstir Sinclair fios dar leughadairean uine anns an ath àireamh.

Bha am Pàp ùr, Pius X., air a chrùnadh le mor ghreadhnachas Di-dòmhnaich an naodhamh la dhen mhios. Bhan crùnadh air a dheanamh an Ard-eaglais Naoimh Pheadair, agus thatar ameas gu robh tri fichead is deich mile sluaigh a làthair. Bha an t-seirbhis fada, agus leis an sgìths a dhfhuiling e chaidh am Pàp car tiota ann an laigse; ach chaidh e gu grad am feobhas, agus toiseach na seachduin bha e na shlàintàbhaistich.

Chaidh poit-dhubh a ghlacadh aigPoplar Hill,ann an siorrachd Phictou, air an t-seachduin sa chaidh. Bha am fear aig an robh i air a ghlacadh cuideachd, agus a bharrachd air call na poite, chaill e ceud dolair a chuireadh air mar ùnlagh. Tha an naidheachd so atoirt gu ar cuimhne gu bheil ùine mhath air dhol seachad on chaidh poit-dhubh a ghlacadh ann an Ceap Breatunn. Tha sinn an dòchas gu bheil làithean na poite-duibhe air an eilein so thairis.

Chaidh trein a ruith eadarNew Yorkis Los Angelos, an California, —o chuan gu cuan, —ann an tri fichead is deich uair is mionaid air fhichead uair is naodh mionaidean deug air fhichead goirid air tri latha. Bhan trein air a fastadh le Eanruic E. Lowe, aon de dhaoine saibhir nan Stàidean a bhag iarraidh gu leaba-bàis a nighinn ann an Los Angelos. Chosd an trein da fhichead mile dolair dha, agus rinn i an t-astar na bu luaithe na rinn trein riamh roimhe. Ach an deigh gach luaths is greasad a rinn e, bham bàs air thoiseach air; chaochail a nighean maduinn Dior-daoin, agus cha dràinig esan gu oidhche Di-haoine.

Bha Sgoil Shamhraidh do luchd-teagaisg nan Sgoilean Sàbaid air a cumail anns abhaile air an t-seachduin sa chaidh. Bhan sgoil air a cumail fad choig latha, agus bha còrr is da cheud gafrithealadh. Bha na h-òraidean air an liubhairt leis na h-Ollaidhean R. A. Falconer agus Walter Murray, ’s leis na h-Urr. D. Stiles Friseal agus J. W. A. MacNeacail. Bha sgoil dhen t-seòrsa cheudna air a cumail ann am bailtean St. John, Halifax is Charlottetown. Bhan sgoil ann an Sidni cho math ri aon dhiù, mur robh na bfhearr, agus tha iadsan a bha gafrithealadh an dòchas gum bithear gacumail an deigh so na h-uile samhradh.

Tha baile beag Inbhirnis (roimhe soBroad Cove Mines) air a dheanamh iomraiteach le mi-riaghailt a bhann air acheud la dhen mhios so. Thòisich an aimhreit mu chluich a bha dol air adhart ann an tighsan robh grunn de dhArabianaich ri ceannachd. Chruinnich mu cheud gu leth duine mun tigh, agus thòisich iad ri tilgeadh chlach air, abristeadh nan uinneags a milleadh moran den innsridh a bha stigh. Bha ofigich an lagha air an cur gun dùbhlan agus dhiùlt luchd na h-aimhreit sgaoileadh gusn do thòisich na maoir ri losgadh urchraichean. Tha iadsan a bha air cheann na h-aimhreit ri bhi air an toirt gu ceartas ma ghabhas iad faighinn. Tha e coltach nach robh moran meas aig na mèinneadairean air na h-Arabianaich, agus gun dfhàg sin iad na bu ro-ghéire gu dioghaltas a dheanamh orra. Tha na h-Arabianaich len dòighean ceannachd adeanamh naimhdean dhaibh fein anns gach cearna den dùthaich; ach air a shon sin is còir ceartas a thoirt daibh mar do dhaoineile.


LITIR OCHABAR-FEIDH.”

FHIR-DEASACHAIDH CHOIR, —Ged nach tric a tha dol agam air sgriobhadh chugaibh a nis, chan fhaod mi dearmad a dheanamh air MAC-TALLA a phàigheadh. Anns an litir so gheibh sibh ordugh airson £3 , 10s., (se sin $17 ) agus bithidh min ur comain ma leanas sibh air am paipeir a chur a dhionnsuidh nan daoine-uaisle a tha mi ag ainmeachadh aig deireadh na litreach so.

Tha sibhse a deanamh bhur cuid fein gu foghainteach gu bhicumail suas na Gàidhlig, agus tha mi cinnteach gum bi sibh fein agus bhur leughadairean toilichtebhi cluinntinn iomradh an drasds a rithist air na h-oidhirpean a thatar adeanamh anns aGhàidhealtachd anns a chàs cheudna.

Tha Mòd aChomuinn Ghàidhealaich gu bhi air a chumail an ceann da mhios an Inbhirnis, agus ged a tha mòran a faotainn coire do luchd-riaghlaidh aChomuinn airson nacheil iad a giùlan air adhart an gnothuichean gu h-iomlan anns aGhàidhlig, chaneil teagamh sam bith nacheil am Mòd adeanamh feum mor, agus is i guidhe gach fior Ghàidheal gum bi gach uile shoirbheachas leis.

Tha aGhàidhlig a nis air a teagasg anns na sgoilibh moran nis fhearr na bha i riamh roimhe, agus buinidh mòran den chliù airson so do Chomunn na Gàidhlig an Lunnainn; oir a bharrachd air a bhi toirt duaisean leabhraichean don chlann mar a bàbhuist dhaibh, tha iad a nis a tairgseadh duaisean airgid do na maighstirean-sgoile. Tha àireamh nan sgoilean a gheibh na duaisean so am bliadhna mu thri fichead. Tha an Comunn a faotainn còmhnadh anns an deagh obair so bho Ghàidheil an Africa-mu-dheas, an Canada, an New Zealand, agus an iomadh cearn eile. Is mòr amhisneach a tha e toirt do na Gàidheil anns abhaile so, agus anns aGhàidhealtachd, a bhifaicinn cho dìleass a tha an comh-luchd-dùthcha don Ghàidhlig ged tha iad cho sgaipte air feadh an t-saoghail.

Is mise, bhur caraid dìleas
CABAR-FEIDH.
Lunnainn, 25/7/ ’03.


I CHALUIM CHILLE.

IS e so ainm eilein a thasealbhachadh àite measail, àluinn am meag eileanan an t-saoghail gu léir. Than litir I leatha fein aciallachadh bho aimsir fad air chùl eilean. Ann an Ileth, agus an ainm eileanan eile anns aGhàidhealtachd, than litir I a làthair agus a ciallachadh eilean. Is e Iona an t-ainm a tha eilean Chaluim Chille no Cillegiùlan anns aBheurla. Iona, I shona no an t-eilean sona. Is ann do theaghlach urramach Earraghaidheil a bhuineas an t-eilean ainmeil so. Bhan Diuc a thanis alionadh ainmus àite Diucan Earraghaidheil, ’n a àrd fhear-riaghlaidh ann an Canada am feadh a bha e fathast agiùlan an ainm Marcus Lathuirne. Tha e pòsda ris a Bhana-Phrionnsa Louise. Bha sinn gle phròiseil ann an Canada gu robh a Bhana-Phrionnsas oighre Earraghaidheil atuineachadh ann ar dùthaich, agus adeanamh onoir mhoir don àites don dreuchd as urramaichetha againn.

Cha robh ann am Breatunn Diuc eile co foghluimte, co comasach, agus co geur-inntinneach ris an Diuc a chaochail o cheann da bhliadhna. Bhachaithe-beatha daonnan geamhnuidh, measarra, subhailceach. Sgriobh e leabhraichean a thadearbhadh gu ciatach cia co fiosrachs a bha e air cùiseanus ceistean a latha fein. Bha aobhar sònruichte aig daoine Earraghaidheal a bhi fior mheasail air an Diuc agus fior-phròiseil gu robh e co math, co fiosrach, co ealanta, ’us co deas air comhnadh a dheanamh leis gach nis saothair a bha ceartus airidh air cuideachaidh iarruidh agusfhaotuinn. Bhan Diuc min-eolach air eachdraidh iongantach Iona. Bha e min-eolach air gach eolas a ghabhas a nisfhaotuinn mu dheibhinn Chaluim Cilles a Mhanaich agus nan daoine cràbhach a thainign an deigh. Leis an inntinn fharsuing ghlic a bha aig an Diuc nach maireann thug e cuibhrionn mhor den eilean, an eaglais agus na h-ionadan ma timchioll do Eaglais na h-Alba, agus bhuilich e comas air cinn-suidhe ceithir oil-thighean Albainn an guth a bhi aca ann an gleidheadh na h-Eaglais ann an uidheam cheart, thearuinte. Rinn na Lochlannaich iomadh coires spuinneadh ann an Iona. Loisg iad gle thric aitreabh nam Manach agus mhill iad no thug iad air falbh leo gach ni prìseil agus luachmhor a bhuineadh do dhaoine cràbhach an Eilein. Bhan Diuc glic geur-fhiosrach gu buineadh sean Eaglais agus làraichean Iona do na h-Albannaich gu léir, agus gu bu choir doibh uilebhi muirneach mun eilean a bhan a lòchran soluis don dùthaich gu leir ann an làithean Chaluim Cille agus iomadh duine diadhaidh, cràbhach, a bha dìleas do Chriosdas don t-soisgeil anns na linntean a chaidh seachad, on thainig am bàs air Calum Cille. Tha dòchas laidir aig gach neach aig am bheil eolas air an naomh so, gu soirbhich gu pailt leis an dream eudmhor a thanis adeanamh oidhirp laidir airson eaglais agus làraichean Ionachur ann an òrdugh ceart agus bòidheach. Is ann an Eirinn a rugadh Calum Cille. Thainig e bho theaghlach rioghail. Be Niall uaibhreach righ mor Eirinn a bu sheanair da. Rugadh Calum anns abhliadhna 521; agus anns abhliadhna 563 sheol e ann an curach beag gus an eilean air culthaobh Mhuile, ’thanis a giulan an ainm I Chaluim Cille no Iona. Tham focal cill anns acheud àiteciallachadh àite beag anns am bàbhaist do dhaoine cràbhach a bhicumail suas an creidimh agus an daimh do Chriosda, ann an dluths do eaglais air chor-eiginn. Thoisichna dheigh so daoine air uaighean a dheanamh mor thimchioll nan Eaglaisean. Ann an uine ghearr fhuair cill brìgh a tha nochdadh a nis agus bho cheann iomadh linn, àite-adhlacaidh. Tha gach Gaidheal eolach air na focail, “Anns achill,” no anns an uaigh, no marbh. Chitear gle fhurasda ann an Albainn àitean adhlacaidh le làraichean eaglaisen am meadhon. Thug Calum Cille measus iomradhus naomhachd co mor do I no do Iona air chors gu robh iarrtas dian suidhichte aig righrean iomadh dùthaich a bhi air an adhlacadh anns an Eilean so. Tha iad ag innseadh duinn gu bheil ann an àite ris an abrar a nis Iomaire nan righ, ochdus da fhichead de righrean Albainn air an adhlacadh, ceithir de righrean Eirinn, ochd de righrean Lochluinn, agus aon no dha de righrean na Frainge. Is ann le mor thlachd, ma ta, ’bhitheas gach Gaidheal blàth-chridheach acluinntinn gu bheil I Chaluim Cillefaotainn measus curaim nuadh bho Albannaich agus bho gach sluagh aig am bheil eolas beag no mor air Calum agus na daoine naomh a bha anns na h-aoisean liatha ann an Iona. Am bheil fàidhearachd Chaluim atighinn gu crioch?

An I mo chridhe, I mo ghraidh,
An aite guth Manaich bithidh geum ;
Ach mun tig an saoghal gu crioch
Bithidh I mar a bha.

CONA.



[27]

[Vol . 12. No. 4. p. 3]

EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. XII.

ANNS AN DORCHADASSEALLADH AIR SEANN NAMHAIDS AIR NAIMHDEAN URAMAR A GHLAC NA SAIGHDEARAN FRANGACHPRIOSANAICH.

GUN mhoran ùinechall, ghreas Eobhain bàn thun a Chaiptean, a fhuair e gafheitheamh. Ma bha beagan ioghnadh air a thaobh a bhrath mun àm ud a dhoidhche, cha do leig e dad air, oirs e umhlachd, gun fheorach cia mar, no ciod, no càite, dleasanas an t-saighdeir daonnan. Ann am beagan bhriathran dhinnis an Caiptean dha mun ghnothuch, agus thuirt e ris: “A nis, a sheirdsean, tha fios agam gur duine treun thu; fhuair mi dearbhadh air barrachd is aon uair, a bhàrr air do theisteanas o mcharaid an sgiobair; agus mar sins ann ort a smaointich mi an uair a chuir an àrd-chomanndair an t-urram orm. Tha fios agad fhéin air a chunnart a cheart cho maths a tha agamsa, gu bheil na Frangaich cho tiugh ris na seangain, eadar so agus ar ceann-uidhe. Mar sin gun do làn thoil fhéin chan iarr mi ort an cunnart a phàirteachadh leam; oir tha e gu mor nas buailtiche nach fhaic sinn grian eile gu bràth ag éirigh, no bhin ar prìosanaich air a chuid is lugha, na gum faigh sinn sàbhailtle craicinn shlàn as.”

Le mlàn thoil fhìn agus le muile chridhe pàirtichidh min cunnart leibh,” arsEobhain; “agus tha mi fada nar comain air-son cuimhneachadh orms an tairgse thoirt dhomh. Thabheatha gun teagamh milis, ’s an cunnart mor, mar thubhairt sibh, ach ma dhfhaoidte gu bheil iomadh beatha, aguss dòcha dàn rioghachdan an crochadh ris an litir bhig sin.”

Thàinig neul muladach air aogas a Chaiptean, agus thug Eobhain an aire gun robh dealbh bheag nalaimh, ’s eg amharc oirre le sùilean gaoil a bha fliuch le braon.

O, mo bhean òg gaoils mo phàisde lurach, am faic mi ar n-aogais ghràidh gu bràth?” arsesan. Agus an sin ationndadh ri Eobhain shìn e dha an dealbh agus thubhairt e: “ ’S e so dealbh mo mhnà òig agus maon phàisde. Tha iad acòmhnuidh ann an Dun-éideann, far an robh dòchas agam iomadh bliadhna shona chur seachad nan cuideachd ghràidh. Ach ma thuiteas mi ri dthaobh air an turus so, bheir thu mo ghaol agus mo bhriathran deireannach gan ionnsuidh, agus am pasgan beag so, a gheibh thu nam phòcaid. Chaneil fios agam,” arsesan, ’s fiamh fann gàire air a ghnùis, “ciod a tha ga mfhàgail cho trom-inntinneach; ach chunnaic mi aisling iongantach an raoir a tha daonnan a tighinn fa near dhomh. Ach biomaid a falbh. Than litir am baraille na daga bheag chorra so na mphòcaid, agus bidh fios agad far am faigh thu i ma dhéireas dad dhòmhsa.”

Ghabh iad gu fàillidh air falbh troimhn dorchadas, a fàgail an daoine fhéin cho balbh ri da fhaileas. Bhan oidhche dùbhrach, is dealta throm, a bhag éiridh na ceò bàn tiugh as gach lagan, mar bhrat sìoda air aghaidh nàdar, gu h-iomlan a falach gach ni air uachdar. Bhan Caiptean ceum air thoiseach, oir baithne dha gu math a chuairteachadh, is Eobhain beagan shlat nadhéigh. Bha iad adols a cuairteachadh mar so mu chairteal na h-uarach, an uair a chunnaic Eobhain an Caiptean a seasamhs an sin acrùbadh sioss acur a chluaise ri talamh a dhéisdeachd. Rinn an Gaidheal mar an ceudna, ’s an sin ag amharc chunnaic e da cheann os cionn a cheò, beagan astar air thoiseach orra.

Na freiceadain iomallach aig na Frangaich,” arsan Caiptean ris ann an cogar. “Tha nis, a sheirdsean, ar gàbhaidhean a tòiseachadh. Ciod e do bheachd, co-dhiu bheir sinn ionnsuidh air feuchainn air ialadh seachad orra fo sgleò a cheò so, no theid sinn o nacheil ann ach an dithissa dhfheuchas sinn rim fàgail balbh gu maduinn far am bheil iad?”

On a bhios againn ridhol seachad air an druim air am bheil iad,” arsEobhain, “bidh e buailteach gum fairich iad sinn, agus ma dhfhaoidte nacheil an càirdean fadair falbh gus an cuideachadh ma thachras sin. Mar sins en glacadh is sàbhailte.” Thainig a nis gu soilleir monabhur gun cluasan on dithis a bhair a chnoc, ’s acur an sùilean os cionn a cheò chunnaic iad le ioghnadh gun robh nis triùir ann an àite na dithis, ’s iad a dean sheanachas: agus an creideadh iad an cluasan! a seanachas ann am Beurla! A dian-éisdeachd thuig iad gum bu Fhrangaich dithis dhiubh, agus aon dhiubh sin, aig an robh droch Bheurla, abruidhinn ri fear a mhuinntir an dùthcha fhein, agus thàinig na fir thun a cho-dhùnaidhsa mhionaid gum bu bhrathadair e darighs dadhùthaich. Gun dàil dhfhàg e na freiceadain Frangach an déighiuchair na h-oidhcheam facalMuratfhaighinn uatha, rud a dhfhàg ar dithis churaidhean gu math aoibhneach, oir fhuair iad fhéin esa cheart àm, is rabhadh aca mar sin air iomadh dorus fhosgladh nach rachadh aca as aonais. Mun do thàrr am fear eiledhol á sealladh dheirich iad gu neo-sgathachs rinn iad dìreach air na freiceadain. Am priobadh na sùil bha na h-airm rin guaileanns air ghleus len ùird air an làn togail, is thainig na briathran garbha Frangach, “Seas air a bhad, ’s thoir seachadfacal na h-oidhche? ’”

“ ‘Murat!’ a dheagh chàirdean,” arsan Caiptean an deagh Fhraingis.

Thuit na h-airm rin cliathaich gu h-ealamh. “Air adhart, a chàirdean! Ach bhiomaid fada nar comain nam fàgadh sibh cuimhneachan againn an riochd balgam no dha de stuth as fhearr don stamaig nan ceò fuar so, no greim thombaca fhein ma thachair e bhi agaibh.”

Chuir an Caiptean a làmh naphòcaid agus shìn e botul beag don fhear a labhair anns an robh branndaidh, is ghreas e fheins an Gaidheal air adhart, a fàgail nam Frangach gu math subhach leis a bhotul. Bha iad air an còmhdach o làr gu mullach le cleòcannan fada an airm, ’s mar sin doirbh a dheanamh a mach con taobh dom buineadh iadsan dorchadas. Choisich iad a nis gu math, oir bha toil aca, nam burrainn dhaibh, breth air an fhear aig an robh Bheurla, agus an ùine ghearr thainig iad dlùth dhas e gu fàillidh a deanamh a rathaid thairis air dìg anns an robh uisge. On a bha fios aig a Chaiptean nach robh ni ceart fa near don uasal so, rinn e air-son a ghlacadhs a rannsachadh, ged a bha fios aige gum be ghnothuch cumail roimhe air a thurus fhéin. Mar sin mun robh e gu math thairis air an dìg bha gairdein iarnaidh a Ghaidheal ma mheadhain, ’s an ath mhionaid bhadhruim ri talamhs a lamh eile ma bheul, ’s an Caiptean gu trang garannsachadh. Naphòcaid achlais fhuair e bocsa snaoisein, ’s gafhosgladh fhuair e paipeir air a phasgadh gu cùramach ann, ’s air dha fo sgàthchleòca solus a lasadh, chunnaic e le uamhas gum be gnothaichean fior dhiomhair a bhann, a bhuineadh don arm Bhreatunnach, a chaidh a réir choltais a ghoid air fear de na h-àrd ofigich, agus a bfhiach iomadh mìle do Bhoni nan tuiteadh iad na lamhan. Le meòirean critheach loisg an Caiptean am paipear, ’s an deigh a rannsachadh gu math gun an còrr fhaighinn air an duine, thionndaidh iad an aire air a bhrathadair fhein, a bha cagnadhs a sluigeadh gach facal bu mhiosa nachainnt, o nach leigeadh cròg mhor Eobhain bhàin a mach a h-aon diubh. Chrom an Caiptean os a chionn acaitheamh an t-soluis air aodann troimh aghaidh a chleòca, ach chan fhace riamh e. Cha be sin do dhEobhain bàn; oir a cheud shùil dhaithnich esheann nàmhaid Caiptean Adam, ’s air dha sin a dheanamh theannaich a ghreim iarnaidh gun fhios da air an trusdar, a toirt air a shùilean tionndadh nacheann. Cha do leig Eobhain bàn dad air, oir a thaobh an dorchadas bha fios aige nach do dhaithnich Adam e, ’s cha mhò bha e airson a leigeil fhaicinn dha gun do dhaithnich e e. Cheangail iad gu teann cruaidh e, is dhfhàg iad aig bruaich na dìg e, is ghabh iad air adhart.

Sacre! ”O nacheil sinn ro choimhliontasan Fhraingis cha sgriobh sinn ach so dhen rann fheargach a thainig na fhrasaibh mun cluasan, is iad, mun robh fios aca gu ro mhath thachair, nan sìneadhsan duslach, ann an làn dhùil gun robh reiseamaid dhen nàmhaid gan cuairteachadh. Bha iad an tiotadh air an cois, ’s cha burrainn dhaibh gun ghàire dheanamh, air dhaibh saighdear beag Frangach fhaicinn ag osnaich air an làr, ’s a mionnachadh gu dìchiollach an aghaidh an dùsgadh ghairbh so, a theab an t-anam a mhùchadh as, oir bha e nachadal gu ciùin air an làr fochleòca, an uair a fhuair casan ar curaidhean e, ’s a tuiteam air a mhuin dhùisg iad e leis a ghlòir a dhainmicheadh. Leum iad air falbh, a fàgail an Fhrangaich bhig a brùnndail ris fhein mu fhois na h-oidhche, ’s mu iomadh rud eile.

Co tha sud? Seasaibh air a bhad! Am facal, am facal, mun teid sibh nas fhaide?”

Murat!”

Aha! Be sin an iuchair roimh mheadhain oidhche, ach cha seasur cùinneadhsa mhalairt a nis, oir tha leth-uair on fhuair na freiceadain a mach gun robh e air atharrachadh air-son reusan àraidh aig a mheadhain oidhche. Thuig ar curaidhean gun robh iad air faighinn seachad air a ghàbhadh so na àm nam biodh iad air am brathadair Adam a sheachnadh, ach air a shon sin bha iad taingeil gun do thachair cùisean mar a thachair. Ged a bhiodh am beatha-san le chéiledhìth, bu shuarach sin seach na bhiodhs dòchadhìth nam biodh Adam air faighinn thun a cheann-uidhe. Ach bhrist guth feargach an ofigich Fhrangaich a stigh air na smaointeanan so.

Air adhart! air adhart! Co sibh? ’s thagaibh ri radh air ar son fhein?” Mun do thàrr iad sealltainn uca no uatha bha iad air an cuairteachadh le cearcall beò de shaighdearan Bhoni.

Ghabh an Caiptean a leisgeul cho fileanta nan cainnt ri fear aca fhein, air chors gun robh amharus an ofigich Fhrangaich a bàsachadhs a fàs fann leis gach facal is reusan a bha e toirt dha, an uair a laidh a shùil gheur air a Ghaidheal mhor shàmhach.

Nach balbh do charaid!” arsesan. “Ciod tha cearr air?”

Direach mar a thuigur géiread fhéin: than duine bochd balbh agus bodhar on a rugadh e!”

Aig an àm bha dithis shaighdearan air crùbadh gu fàillidh air chùl ar curaidhean, ’s a tarruinn air ais sgàil an lainntear dhorcha bha fear dhiubh agiùlan, thog iad cleòcannan nam Breutannach, a leigeil ris gu soilleir trusgain cogaidh an dùthcha.

(Ri leantuinn.)


Tha baileSydney Minesa nise saor on bhric. Fhuaireadh casg a chur oirre, agus tha iadsan uile bha tinn air a dhol am feobhas. Bha na h-eaglaisean air am fosgladh seachduin roimhn t-Sàbaid sa chaidh, an deigh dhaibh a bhi dùinte ceithir no cóig Sàbaidean.



[28]

[Vol . 12. No. 4. p. 4]

NITHEAN MORA AIR AN TOIRT MUN CUAIRT LE NITHEAN BEAGA.

Agus tharruing fear a bhogha a thaobh tuairmeis.” —I Rìgh xxii. 34.

THA againn anns achaibideil so cunntas air cogadh a bha eadar rìoghachdrìoghachd Israeil agus rìoghachd Shiria. Chuireadh an cath gu cruaidh, agus dhòirteadh mòran fola. ’Nuair a chaidh Ahab a mach a dhionnsuidh abhlàir, chuir e dheth a sgeadachd rìoghail, agus chuir e air aodach cumanta mar shaighdear eile, chums nach aithnicheadh a nàmhaidean e, agus nach gabhadh iad cuimse chum a chur gu bàs. Feadhs a bham blàr adol air aghaidh, bha duinanns an fheachd ris an robh Ahab acogadh. Chaneil fhios e, no ciod a bainm dha. Bha bogha-saighead aigena làimh, agus smuainich e gun tilgeadh e an t-saighead an aghaidh arm Israeil. Cha baithne dha neach seach neachsan fheachd. Cha do ghabh e, uime sin, cuimse air fear air bith. Bhan t-saigheads am boghana laimh. Chuir e am bogha air an lagh. Nach suarach dhiùbh a thilgeas e an t-saighead no nach tilg dhiùbh a thilgeas e i am meadhon an fheachd, ris an laimh dheas no ris an sgéith chlì de dharm Israeil? Chan ann mar sin; tha mòran an earbsa ris a sotha mòran crochtair an ni so, ciod an rathad a shiùbhlas an t-saighead. Faic! tha etogail a bhogha rishùiltha etarruing na h-éile. Dhfhalbh an t-saigheadtha isiubhal troimhn adhar, agus agabhail gu dìreach air a h-aghaidh a dhionnsuidh carbaid àraidh than sud. Tha arm-dhìon airsan a thasa charbadtha lùireach stàilinn air. Air acheart àm sin dhfhosgail an lùireach iaruinn mu na h-uilt. A stigh air an fhosgladh so ghabh an t-saighead. Chualas leòsan a bha sacharbad osann throm. Shàthadh an t-saighead gu domhainn ann an cridhe an Righ, agus mu fheasgar an latha sin thilg e an deò! Mar so bha Ahab, an rìgh mòr agus uaibhreach, a thog bailtean mòr, a bhuadhaich an iomadh blàr, air a chur gu bàs; agus bha crìoch air a chur air achogadh leis an t-saighead fhaoin ud a thilgeadh air tuairmeis. O cia mòr na nithe tha air uairibh ag éiridh o nithetha do réir coslais beag agus faoin! ’Si so an fhìrinn bu mhiann leam a shoillseachadh dhuibh air an àm, agus feuchaidh mi so a dheanamh co so-thuigsinns a thanam chomas.

Bha shaor-luingeas roimh so ag oibreachadh le chéilesan aon àit, atogail soithich. Bha iad asnaitheadh maide airson fiùrach-tarsuing na luingemaide suarach nach bfhiach. Mar bha iad asnaitheadh amhaide so, fhuair iad cnuimh bheag ann, mar leth-òirleach air fad. “Tham maide so,” arsa fear de na saoir, “mi-fhallaintha duragan ann. An cuir sinn gu feum e?” — “Ciod eile?” arsesan a bha maille ris. “Faodar a chur gu feum. Chan fhaicear e. Fòghnaidh e math nis leòir.” — “Chaneil fios agam,” arsan saor eile. “Theagamh gu bheil cnuimhean eile ann; agus faodaidh iad meudachadh, agus dochainn a dheanamh air an luing.” — “Is coma dhiùbh,” arsa chompanach, “cuir gu feum e. Ged nach mòr luach amhaide, chan àill leam a chall. So, so; cuirna àite.” Chuireadh am maidena àite. Chrìochnaicheadh an long, agus chuireadh gu sàil i. Bhan long àillidh, dreachmhor. Bha ina h-uidheam. Thogadh na siùil. Dhfhàg i an cala, air turus-cuain gu dùthaich chéin; ach fhuaradh a mach nach robh am fiodh fallaingun robh e mosgainlàn do chnuimheanair a chnàmhair itheadh: ach smuainich an sgiobair gum feuchadh e a toirt dachaidh. Bha luchd prìseil, cosdail, aiginnte do shioda agus nithe luachmhor. Mar bha iad atighinn dachaidh, dheirich doinionn mhòr. Chum an long ris car latha no dhà, air a luasgadh gu mòr; ach bhan ao-dìon a fas ni bu mhò agus ni bu mhò. Bhan sgioba a lathas a dhoidhchesaothaireachadh aig aphiob-thaosgaidh; ach bhan taoim ameudachadh gus an robh i làn: agus chaidh i fodha an druim achuain mhòir, agus chailleadh na bha do bhathar agus do dhaoine inntechaochail gach mac mathar! O! ’s iomad bantrach agus dilleachdan truagh a bhana lorg so— ’s mòr am mulad, ’s am bròn, ’s am bristeadh-cridhe bhana chois; agus so uile chionns gun do chuireadh am maide suarach a bha làn do dhurragan inntenuair bha iadga togail. Cia mòr an call a thainig an lorg an fhaoin so! ’S mòr call a thug an durrag fhaoin so, ’s an aon mhaide, mun cuairt! Cia meud an t-olc a dhfhaodas aon duina dheanamh le aon droch gnìomh! —gnìomh do réir coltais faoin agus suarach, cosmhuil ris na rinn esan a chuir an aon mhaide nach robh fallain air fiùrach-tarsuing na luinge.

Bha balachan beag acoimhead an achaidh air latha grianach fogharaidh. Tha efaicinn ni beag cruinn air an làr, cosmhuil ri ubh. Tha ega togail, agusse thann cnò dharaich; agus an deigh dha a giùlan car tamuil, tha ega tilgeadh air falbh, gun sùil tuille na dhéigh. Tha ainmhidh mòr trom air saltairt air achnò dharaich, agusga cur a sìos don talamh, gun mhothachadh, gun fhios ciod i. Tha i air a folachsan talamh fad agheamhraidh. ’San earrach tha i afàs, agus dhuilleag bheag ghorm ag éiridh suas aiste. Fad ceud bliadhna tha i afàs. Tha àl atighinn, as àl afalbh. Tha doinionn as fuachd atighinn o àm gu àm, ach thachraobh dharaich acinntinn. Tha i ri àm mar chraoibh mhòir: chaneil a leithidsa choille gu léir. Tha i air a gearradh sìosair a cuir gu feum ann an luing a thaseòladh o thìr gu tir, o dhùthaich gu dùthaich. Faic i gu uaibhreach, ’s abhratach àrd air bàrr achroinn. Tha i acuir onoir air an dùthaich dom buin i. O so tuig cia mòr an a dhfhaodas tachairt o nithe beaga faoin. , air dha cnò dharaich a thogailna làimh, a burrainn smuaineachadh gun robh craobh mhòr dharaich ri fàs aisde, agus gun giùlanàdh an aon chraobh sin, a chuireadh fodha air tuairmeis, do cnothan na thogadh mile mile craobh o lìnn gu lìnn. Mar so faodaidh frith agus coille mhòr éiridh o aon chnò dharaich, a chuireadh fodha le ainmhidh gun tuigse air tuairmeis. Tuig, matà, cia mòr na nithedhfhaodas tachairt o nithe beaga faoin.

Thamhiann orm so a mhìneachadh nis , air dhòighs nach di-chuimhnich sibh e; oir faodaidh so mòr fheum a dheanamh dhuibh riur beatha, ma chuimhnicheas sibh e.

Bha long mhòr, làn do bhathar luachmhor, ’tighinn dachaidh á rioghachd fad as do chala àraid ann am Breatunn. Bha i ann an Innsean na h-airden ear fad bhliadhna. Bha dùil a nis aig an sgiobair agus aig na seòladairean gum biodh iad dachaidh ann an latha no dhà, agus gum biodh iad maille rin càirdeans an teaghlaichean. Chuir iad orra an t-aodach bu rìomhaicha bhaca. Bhaghaoth leo. Bhan long asiubhal troimhn fhairge gu luath, ’marcachd an aghaidh nan tonn gu réidh siubhlach. Mar bha iad adlùthachadh air achala, chuireadh fear de na seòladairean gu bàrr achroinn a dhamharc rompa, a dhfheuch am faiceadh e an tigh-soluis. Bhan tigh-soluis so air creig àraidh, astar beag o bheul achala dan robh iad atriall. Ghlaodh an seòladair o bhàrr achroinn, “Than solus calg-dhìreach air thoiseach.” Rinn iad uile mòr ghàirdeachas, an dùil gun robh iad co dlùth dan dachaidh. —Feadhs a bha iadsan air falbhsna rìoghachdan thall, bhan tigh-soluis air atharrachadh; ach cha robh fios aig an sgiobair air a so. Mar so, ghabh iad air an aghaidhsan t-seann shlighe, gus mu dheireadh gun do ghlaodh esan a bhair bàrr achroinn a mach le guth àrd gun robh sgeirean rompa, agus na tonnan mòr abristeadh gu h-uamhasach thairis orra. Ghlaodh an sgiobair gu h-ard ri fear na stiùireach, “Cuir an stiùir gu taobh clì na luinge!” Ach shaoil fear na stiùireach gun dthubhairt e taobh deas na luingethan fhocal cho coltach ri chéilesa Bheurla, larboardagusstarboard .Mar so, chuir e an car cearr den stiùir. Ann am priobadh na sùl bhuail an long air achreig, agus bha i na bloidhean briste ann an ùine ghearr. Chailleadh an longchailleadh an luchdchailleadh an sgioba, ach aon dithis a fhuair gu tir air na bòrdaibh briste. Thachair so uile thaobh mearachd aon fhocail. Nam biodh an stiùiradair air an fhocal a thogail gu ceart, cha do thachair an call mòr so. Rinn aon mhearachd fhaoin so uilethoirt mun cuairt. Nacheil sinn afaicinn o so cia mòr na nithe than earbsa ri nithe faoin agus beag. Mhearachdaich fear na stiùireach aon fhocal, agus ann am priobadh na sùl chaidh an long mhòr na bloidhibh; agus bhàsaich moran, a chaidleas ann an suain abhàis gus an dùisgear iad air latha mòr abhreitheanais.

Innsidh mi sgeul beag eile, chum so a dheanamh nis soilleire. —Bha balachan beag ann an America, far abheil coilltean anbharrach farsuingfaodaidh sinn a ràdh, coille nach teirig gu bràth. Bham balachan so acleasachd dlùth don choille so. Bha a mhàthair on tigh; agus ged bha fios aige gun robh e olc, agus air a thoirmeasg dha a dheanamh, chaidh e stigh air àm fogharaidh a bha tioram, agus thug e mach éibhleag laiste. Smuainich e nach cluinneadh a mhàthair gun drinn e so, ’s nach faigheadh neach air bith a mach an a rinn e. Dhfhadadh e teintean beag dlùth don choille; ach ghiùlain aghaoth air fhalbh srad theine don choille, am measg dhuilleagan tioram caoin. Ghrad las iad a suas. Sgaoil an teine, gus mu dheireadh an robh achoille mhòr na falaisg uamhasaich. Ghabh an lasair air a h-aghart, amilleadhs asgrios air gach taobh. Fad làithean na seachduin, loisg achoille. Chluinnte an fhuaim eagalach astar mòr air falbh. Mu dheireadh ràinig an lasair bothan beag a thog dùine còir diadhaidh dha féin agus dhatheaghlach. Bha e féin on tigh, ach bha etighinn dachaidh. Mhothaich e an lasairnuair bha e uidhe fad air falbh, agus ghreas e dhachaidh co luaths a bhana chomas. Ach, mo thruaighe! ’sann an sin a bhan sealladh oillteil! —achoille mhòr na gual dubh! —cha robh meangan no duilleach ri fhaicinn. Bhabhothan beag, bòidheach, seasgair, air a losgadh; agus ni bu luachmhoire na so, a bhean dhìleas ghràdhacha leanabanan lurach àillidhna bhaige air aghaidh an t-saoghail mhòrair a chall gu buileach! ’San àitesan dfhàg e iadsa mhaduinn gu subhach slàn, cha robhsan fheasgar ach luaithre agus smùid thruagh! Cia mar a thachair an dosgainn eagalach so? Thà do bhrìghs gun do dhì-chuimhnich am balachan so iarrtas a mhàthar, ’s gun robh ecleasachd ri teine. Tha soleigeil ris duinn nis urrainn srad bheag fhaoin theinedheanamh.

Cia mòr na nithe a dhfhaodas tachairt o nithe beaga faoin! Bheir mi dhuibh aon samhladh eile air achùis so.

Tha nise -cheud-deug bliadhna o na thachair do mhnaoi àraidh, ann an tir chéin, naoidhean beag a bhi aice ri altrumna h-uchd. Cha bu bhan-Chriosduidh i. ’Nis, do reir coltais, bu shuarach an don t-saoghal dhiùbh a bhàs-



[29]

[Vol . 12. No. 4. p. 5]

aicheadh an leanabh sinna òige, nathigeadh e gu aois. Dhfhaodadh deich mile naoidhean den t-seòrsa bàsachadh gun an saoghalga chluinntinn; agus is dòcha gu bheil cuid ann a tha smuaineachadh gum bu shuarach dhiubh a bhiodh an naoidhean so airàrach ann an eòlas Chrìosd, no gun eolas air bith a thoirt . Cha dfhuair e eòlas air an Dia bheò, no Airsan a thainig uaithe a thèarnadh an droing a bha caillte; agus ciod a thachair? Dhfhàs e suaschinn e na dhuine. Stéidhich e creidimh ùr e féin. ’Se bainm dha Mahommed, agus tha a luchd-leanmhuinn air an ainmeachadh Mahommedans anns gach ceàrn den t-saoghal. Theagaisg e do dhaoinan amaideachd bu bhreugaicha chreidsinn, agus na nithe bu pheachdaicha dheanamh. Thug e orrachreidsinn gum bfhàidh e féin, agus gun tugadh e sgriosus bhreitheanas air gach aon air aghaidh an t-saoghail nach creideadh annsan mar fhàidh an bheò. Bha a luchd-leanmhuinn anbharrach fuilteach, cruaidh-chridheach, borbarra, agus peacach. Chaochail muillionan dhiùbh sosan àm a dhfhalbh; tha muillionan dhiubh fhathast air uachdar an t-saoghail; agussechuid is uamhasaichgu bheil Dia mun déidhinn so ag ràdh, gum fuadaich e iad gu siorruidh álàthair, agus nach faic iad a ghnùis gu dilinn ann an sìth. Leughadh neach air bith an naoidheamh caibideil deug do leabhar Taisbein Eòin an Diadhair, agus chì e abhinn thafeitheamr orra so.— ’Nis, do réir coltais, bha na nithe mòra so crochta air a bha, do réir coltais, faoin agus suarach— ’se sin, dhiubhbhiodh an naoidhean airàrach ann an eòlas air Crìosd, no airfhàgail gu eòlas fhaotuinn mar thigeadh ena rathad. Nam biodh e air a thogail mar tha sibhse, anns achreidimh fhìrinneach cheart, is dòcha nach biodh e na chealgairs na pheacach co mòr, agus nach biodh sluagh co anbharrach air am mealladh leis. Mo thruaighe! cia uamhasach an t-olc a rinn ena linns na latha! —olc agus truaighe tha fhathast adol air aghaidh. Cia taingeil bu chòir duibh a bhi, aig abheil pàrantan Criosdail gu faire thairis oirbh, ’s gu ùrnuigh a dheanamh air bhur son, agus gus am Bìobull a theagasg dhuibh! Mur bhith so, is doirbh innseadh ciod a dhfhaodadh tachairt duibh. Dhfhaodadh sibh a bhi airur call, agus a bhi mar meadhonan air feadhainn eiletharruing gu sgrios agus truaigh shìorruidh.

(Air a leantuinn air taobh 31.)


SGEULACHDAN ARABIANACH.

ALADIN.

CAIB. XXIII.

BHAn draoidh anabarrach toilichte gun dfhuair e steach do luchairt Aladin, far am biodh cothrom na bfhearr aige air a dhroch bheairt a chur an gniomh, gu h-araidh on a bha nighean an righ cho measail air, agus mar sin, cha do chuir e dad an aghaidh na tairgse mhath a thug i dha. Thuirt e: “A bhana-phrionnsa, ciod sam bith mar a chuireas boirionnach bochd mar a tha mise roimpe gun seachainn i solas agus greadhnachas an t-saoghail so, gidheadh, cha dana leam cur an aghaidh bhur toil agus bhur n-àithne-sa, agus sibh cho iochdar agus cho crabhach.”

An uair a chuala nighean an righ so, dheirich ina seasamh, agus thuirt i: “Tiugainn comhladh riumsa, agus seallaidh mi dhut seomraichean a tha falamh, agus faodaidh tu am fear as fhearr leat dhiubh a roghnachadh.”

Lean an draoidh i air feadh nan seomraichean a bha falamh, agus an uair a roghnaich e am fear bu mhiosa innsreadh dhiubh, thuirt e gun robh an seomar tuilleadh is math air a shon, ach gun robh e deonach fuireach ann gus a toileachadh. ’Na dheigh sid, bha nighean an righ ag iarraidh air a dhol air ais don talla maille rithe gus biadh a ghabhail. Ach an uair a thug e fa near gum feumadh eaghaidh a nochdadh dhi, agus air eagal gum faigheadh imach nach be Fatima a bhann, ghuidh e gu durachdach oirre leigeadh leis a bhiadh a ghabhailna sheomar fhein; agus thuirt e rithe mar an ceudna, nach robh eg itheadh greim aig am sam bith ach aran agus measan tiormaichte.

Thug nighean an righ cead dha a bhiadh a ghabhailna sheomar fhein; ach thuirt i ris: “A mhathair mhath, faodaidh tubhith cho saoirsneil ann an sos ged a bhiodh tunad chuil bhig fhein. Bheir mi ordugh biadh a thoirt dhut, ach cuimhnich gum bi duil agam riut do msheomar fhin cho luaths a ghabhas tu do bhiadh.”

An uair a ghabh nighean an righ a dinnear, agus a dhinnseadh don draoidh gun deirich i on bhord, thainig e steach far an robh i.

Mo mathair mhath,” arsise, “tha aoibhneas mor orm gum bheil boirionnach cho naomh riut acumail cuideachd rium. Bheir thu beannachd air an luchairt. Ach a nis, on a tha milabhairt mun luchairt, innis dhomh, guidheam ort, cia mar a tha icordadh riut? Agus mun leig mi fhaicinn dhut an luchairt gu leir, innis dhomh an toiseach ciod i do bharail air an talla so.”

Chrom an draoidh a cheann an toiseach, a leigeadh air nach robh e toileach amharc air na nithean maiseach a bha rim faicinn mun cuairt dha. Mu dheireadh thog echeann, agus an uair a bheachdnaich e air an talla o cheann gu ceann, thuirt e: “Cho fads a theid aig creutair bochd, aonaranach mar a tha mise air breith a thabhairt, agus mi aineolach air na nithean a tha maiseach ann an sealladh an t-saoghail, than talla so anabarrach uile fhein maiseach; ach tha aon rudg a dhith.”

Ciod e an rud a than sin, a mhathair mhath?” arsa nighean an righ; “innis dhomh e, guidheam ort. Air mo shon fhin dheth, bha min comhnuidh acreidsinn nach robh rud sam bithg a dhith, agus chuala mi a h-uile neach a chunnaic e ag radh nach robh dadg a dhith. Ach ma tha rud sam bithg a dhith, cuirear ann e.”

A bhana-phrionnsa,” arsesan, “thoiribh mathanas dhomh air son mi bhith cho danas gu n do labhair mi mun chuis. Ach is e mo bharail-sa, mas fhiach i dad, nam biodh ugh roc air a chrochadh ann am mullach an t-seomair, nach biodh aon talla dhe leithid ann an ceithir ranna ruadhan t-saoghail, agus nach biodh leithid eile na luchairt so anns an t-saoghail mun iath aghrian.”

Mo mhathair mhath,” arsa nighean an righ, “ciod e an seorseoin a thanns an roc, agus caite am faighear an t-ugh aige?”

A bhana-phrionnsa,” arsesan, “is e eun anabarrach mor a thann a tha fuireach air mullach beinn Chacasuis. Theid aig an fhear a thog an luchairt air ugh fhaotainn dhuibh.”

An deigh do nighean an righ taing a thoirt dha air son na comhairlethug e oirre, thug i greis air comhradh ris mu nithean eile; ach cha burrainn i ugh an roc a leigeadh as a cuimhne. Bha Aladin aig an am air falbh anns abheinn sheilg. Bha fhios aig an draoidh gun robh e air falbh, agus be sin a thug air an cothrom ud a ghabhail air e fhein a chur ann an riochd Fatima, agus a dhol far an robh nighean an righ.

Air acheart fheasgar ud fhein thill e dhachaidh as abheinn sheilg, beagan uine an deigh don draoidh a dhol da sheomar fhein. Chaidh e gun dail sam bith do sheomar nighean an righ, agus dhfhailtich e i gu cridheil, gradhach. Chuir e uidhireachd nach robh i cho fior shunndachs a babhaist dhi. “Mo bhana-phrionnsa,” arsesan, “cha chreid mi gum bheil thu cho sunndachs a babhaist dhut. An do thachair dad sam bith fhads a bha mi air falbh a chuir dragh ort. Ma thachair, ann an ainm Dhe innis dhomh e. Ni mi gach ninam chomas a chum do thoileachadh.

Chaneil ann ach rud gle bheag,” arsa nighean an righ, “agus cha do shaoil mi gun aithnicheadh tu orm e; ach on a thug thun aire gun robh rud acur draghorm, cha cheil mi ort e nas fhaide.

Bha min comhnuidh acreidsinn, mar a bha thu fhein,” arsise, “gur i an luchairt so an aon togail cho mors cho briaghas cho coimhliontas tha air an t-saoghal gu leir. Ach innsidh mi dhut a nis ciod a tha mifaicinng a dith an uair a sheallas mi air talla nan ceithir uinneagan fichead. Nach aontaich thu leam gum biodh an talla coimhlionta nam biodh ugh roc an crochadhna mhullach?”

A bhana-phrionnsa,” arsAladin, “foghnaidh dhut a radh gum bu mhath leat a leithid sin a chur ann. Chi thu gum bheil mise deas agus toileach air rud sam bith a dheanamh gus do thoileachadh.”

Chaidh Aladin anns amhionaid do thalla nan ceithir uinneagan fichead, agus an uair a thug e an cruisgean as a bhrollach, far an robh en comhnuidh aigeg a ghleidheadh air eagal gum faigheadh neach sam bith greim air thug e suathadh air; agus ann an tiotadh bha am fathachna sheasamh air a bheulaobh. Thuirt Aladin: “Tha ugh roc richrochadh ann am mullach an talla so. Tha mig ordachadh dhut, ann an ainm achruisgein so gun cuir thu ann e gun dail.” Cha bu luaithe labhair Aladin na briathran so na leig am fathach glaodh eagalach as a chuir an talla air chrith cho mors gun do theab Aladin tuiteam as a sheasamh.

Ciod a thanad bheachd, a dhuine gun tur gun toinnisg?” arsam fathach le guth cho gargs gun cuireadh e crith is eagal air an fhear bu treine fon ghrein. “Am foghainn leat idir gun drinn mi fhin agus mo chompanaich dhut a h-uile rud a dhaithn thu dhuinn gus a so? Ach tha thu cho neo-thaingeils gum bheil thug iarraidh orm mo mhaighstir a thoirt an so, agus a chrochadh ann an mullach an talla. Bairidh thu air a shon so, gun loisgteadh thu fhein, agus do bhean, agus an luchairt gu leir. Ach is math dhut nach tu-fhein is mathair-aobhair don iarrtus so. Biodh fhios agad, ma ta, gur e brathair an draoidh Africanaich, do dhearg namhaid, agus a chuir thu gu bas mar is math a thoill e, a chuir ann an ceann do mhna so iarraidh ormsa. Tha e anns an luchairt so ann an riochd abhoirionnaich naoimh, Fatima, a mhort e. Tha e suidhichte gum marbh e thusa. Thoir an aire mhath dhut fhein.” An uair a labhair am fathach na briathran so, chaidh e as an t-sealladh.

Chum Aladinna chuimhne a h-uile facal a thuirt am fathach ris. Chuale mu dheidhinn abhoirionnaich naoimh, Fatima, agus gun robh i cumail am mach gun leighiseadh i cinn ghoirte. Thill e do sheomar nighean an righ, ach cha do leig e air gun robh am fathach abruidhinn ris. Ghearain e gun robh a cheann anabarrach goirt. An uair a chuala nighean an righ so, dhordaich i am boirionnach naomh a thoirt an lathair, agus dhinnis i do Aladin gun dthug i dhi seomar anns an luchairt.

An uair a thainig an draoidh a steach, agus e ann an riochd Fatima, thuirt Aladin: “Thig an



[30]

[Vol . 12. No. 4. p. 6]

so, a mhathair mhath; tha mi toilichte dfhaicinn aig an am fhortanach so. Tha mifulang pian anabarrachnam cheann, agus bu mhiann leam gun tugadh tu cuideachadh dhomh. Tha earbsa mhor agamna do dheadh urnuighean, agus tha dochas agam nach diult thu dhomhsa am fabhar a tha thudeanamh ri iomadh neach eile a thafulang le ceann goirt.”

An uair a thuirt e so, dheirich ena sheasamh, agus chrom echeann.

Thainig an draoidh dluth dha agus a lamh fad na h-uine air abhiodaig a bham falach aige fon chleoca. Thug Aladin an aire mar a bha, agus rug e air a laimh mun dfhuair e cothrom air abhiodaig a thoirt am mach on chleoca. Chuir ebhiodag a bha na laimh fhein troimhn chridhe aig an draoidh, agus leag e marbh air an urlar e. “Mo cheile gaoil, ciod a rinn thu?” ghlaodh nighean an righ agus uamhas oirre. “Marbh thu am boirionnach naomh.”

Fhreagair Aladin gu ciuin, agus thuirt e: “Cha do mharbh. Cha bi Fatima a mharbh mi idir, ach duine ro aingidh a bha air mi fhin a mharbhadh mur be gun do bhac mi e.”

An uair a thug e an srol bharaodainn, thuirt e: “Thachd an duinaingidh so Fatima, agus chuir e uime a cuid aodaich a chum tighinn an so gus misemharbhadh. Ach a chum gum bi fhios agad co e, is brathair e don draoidh Africanach.”

An sin dhinnis Aladin dhi mar a fhuair e fios air gach ni a rinn e air Fatima, agus dhordaich e an corp a thoirt air falbh as a shealladh.

Mar so bha Aladin air a shaoradh o gheur-leanmhuinn dithis bhraithean a bhanan draoidhean.

An ceann beagan bhliadhnachan dheug an righ, agus ena fhior sheann duine. O nach robh mac aige, bi a nighean a bhana h-oighre dligheach air achrun. Thug i do Aladin cumhachd gu bhith riaghladh maille rithe. Agus rioghaich iad moran bhliadhnachan maille richeile, agus dhfhag iad teaghlach a bha araon lionmhor agus ainmeilnan deigh.

(Achrioch.)


TEANNDACHD MHOR NA FEINNE.

ROIMH-RADH.

DO thaobh achoimh-cheangail a tha eadar an Dàn so agus Brataichean na Feinne, chaneil feum air mòran a ràdh an so. Ach tha e so dhearbhaidh gun deachaidh Cinn-fheadhna na Feinne am mach lem Brataichean, agus len cuideachdan cruaidh-bheumach, sàr-bhuilleach, mòr-fheargach; gach aon abrosnachadh a chompanaich a chum liodairt agus sgrios an naimhdean. Mharbh iad na Lochlannaich gu léir, mar a dhearbhas an Dàn so: agus ge do mharbhadh mòran de na Fianntaibh, ghléidh iad an àr-fhaich le onair.

Latha do Phadraigna mhùr,
Gun sailm air ùigh ach ag òl,
Ghluais e do thaigh Oisein mhic Fhinn,
Os ann leis bu bhinn a ghlòir.

Dith do bheath’, a sheanair shuairc,
Ugad air chuairt thainig sinn;
A laoich threun as deirge dreach,
Cha deur thu riamh neach mu dni.”

Sgeul a baill leam fhaotainn uat,
Ogha Chumhail nan cruaidh cholg,
An cath as teinnen robh an Fheinn,
On ghin thu riamhna lorg.”

“ ’S ann agamstha dearbhadh sin dhut,
A Phadraig ud nan salm grinn,
An cath as teinnen robh na fir,
On ghineadh Fianntaidh Fheinn.

Dearmad fleagha do rinn Fionn
An Alba ri linn nan laoch,
Air cuid den Fheinn shuas Druim-dealg;
Gun déirich am feargs am fraoch.

Ma dhiobair sibh sinne mun òl,”
Thuirt mac Ronain le glòir bhinn;
Bheir mise is Aillde glan ùr
Freiteach bliadhna ri tur Fheinn.”

Thog iad gu sgiobaltan triall,
An claidheamhs an sgiathnan luing,
Is ghluais an dithis de fhearaibh ùr
Gu righ Lochlann nan sliabh sliom.

Fastadh bliadhna ris an righ
S e rinn an dithis bu gheal dreach,
Mac righ Crannchur nan arm geur,
Agus Aillde nach deur neach.

Ghabh bean righ Lochlann nan sgiath donn,
Trom-ghaol mor nach robh gu deas,
Air Aillde greadhnach nan arm geur,
Gus an déirich acheilg leis.

Dhéirich i o leaban righ:
Sud an gniomh mun ddhòirteadh fuil.
Gu Alba rioghail nam Fiann;
Thogadar an triall thar muir.

Bu righ air Lochlanns acheart uair,
Fear a bhuinigeadh buaidhs gach blàr,
Earragan mac Ainnir nan long;
A righ, bu mhath a lanns a lamh.

Chruinnich righ Lochlann a shluagh,
A chabhlach luath a bha glé dheas:
Leatha dhéirich ri aon uair,
Naoi righreans an sluagh leis.

Lochlannaich, abhuidheann bhorb,
Is glan an colg adol air ghleus;
Thug iad am mionnan roimhn triall,
Nach tilleadh iad is Fiannnan déigh.

Sheòl iad air na tonnaibh àrd
Gu criochaibh Alba nan arm nochd,
Is leag iad am puiblidh gu tiugh,
Goirid on bhruths an robh Fionn.

Teachdaireachd thainig gu Fionn,
Sgeula tromchuir rium gu truagh;
Comhrag nan laoch an Innis-Phail,
Ga iarraidh air an tràigh mu thuath.

S i achomhairle a chinn aig Fionn,
S aig maithibh na Feinne gu leir,
Nighean an righ, nan gabhti uath’,
Chur gu righ Lochlann nan arm geur.

Chuir sinn uainn nighean an righ,
Bu ghile cneass bu ghuirme suil;
S chuir sinn da coimheadachd ceud each,
A bàille a sheas riamh air sliabh;
Is ceud marcach air am muin,
Len earradh òir mar dhealradh grian.

N uairthùirling i air an tràigh,
Dhfhàg ina déigh na h-eich,
Is thug i ceum an sin dan còir,
S ubhal oirna laimh dheis:
Lionmhorachd òir air a h-earradh,
Dealbh aChrùin don geill na slòigh.

Do naigheachd o phobull Fheinn,
Innis dhuinn, a chiabh nan cleachd.”
Ma rinn do bhean ort beairt chlì,
S gun diomair i gniomh gu cearr;
Càirdeas is comunn ri Fionn
S gum faigheadh tu mina geall.”

Gheibheadh tu sud is ceud each
As àilla sheas riamh air sliabh;
Is ceud marcach air am muin,
Len earradh òir mar dhealradh grian.

Gheibheadh tu sud is ceud còrn,
Dheanadh den uisge ghlan fion;
S ge be dhòladh asda deoch,
Cha rachadh a dhochann am meud.

Gheibheadh tu sud is ceud crios,
Cha téid slios mun téid iad eug;
Leighiseadh iad leith-trom is sgìos;
Seudan riomhadh nam buadh saor.

Gheibheadh tu sud is ceud mias,
Cursa righ a dhàrach àil;
Ge be ghleidheadh iad ra bheò,
Chumadh iad duinòg do ghnàth.

Gheibheadh tu sud is ceud mac righ,
A bhuinigeadh cìs air sluaghaibh borb;
Gheibheadh tu suds ceud seobhag suairc,
Air am bitheadh buaidh nan eun.

Gheibheadh tu sud is ceud long
A sgoilteadh tonn air bhuinne borb,
Air an luchdachadh gu trom
Leis gach aon ni a bfhearr doigh.

Gheibheadh tu sud is ceud greigh
Is lan glinne de chrodh barr:
Ach mur foghainn leatsa sin,
Tog leat do bhean, is bi triall.”

Cha tugainnse sith do Aillde ùr,
No do mhaithibh na Feinne gu leir,
Gun Fionn fein a thoirt fo mbhreith,
S gun achreach a thoirt gu traigh.”

Cha dthug thusa leat de neart,
Do réir mo bheachd-sa, thar sàil
Na chuireadh Fionn fo do bhreith,
No bheireadh achreach gu tràigh.

Mur gabh thu sud, soraidh leat,
O chaidh dachuinge thar ceart;
Chan fhaigheadh tu cinn nan laoch,
S cha gheilleadh dhut sluagh Innis-Phail.”

Chan fhalbh thus’, a chiabh nan cleachd,
A righ-bhean fharasdabheoil bhinn:
Gheibheadh tu na seudan saor,
Is fuirich leam fein mar mhnaoi.”

Ach chan fhan mi, ’cheann nan cliar,
O nach caisginn dfhiamh is dfhearg;
S o nach fhaighinn saor gu mbhreith
Sith don iomlan den Fhiann.”

Thionndaidh i riutha cùl,
Is mharcaich in cùrsa gu dian:
Bu lionmhor srol ga thogail suas;
Snan airm gu luath chaidh an Fhiann.

Seachd fichead de mhaithibh na Feinne,
Is Aillde fein air an tùs,
Thuit sud le laimh Earragain mhoir,
Mun deachaidh na slòigh an dlùths.

Dhfhuirich Fionn fadana thosd,
S laidh sprochd air an Fheinn gu léir:
Codhiongadh Earragans aghreis,
Mun leigeamaid leis ar claoidh?”

S ann bha fhreagradh sud aig Goll,
An sonn bu deacair a chlaoidh:
Leig eadar mis Earragans aghreis
S gum feuchamaid ar cleasan lugh.”

Mac an Luich is Ciaran crom;
Diarmad donn is mac an Leum.
Do ddhion o bhuillibh an laoich;
Cuir dithis air gach taobh mu dsgeith.”

Thoir leat an seachd fichead fear mor,
Leis nach bfhurasdgeillthoirt air thùs,
S gum foghnadh an cleasan lugh.

Ochd laithean is tri tràthan,
Asior chur àireamh as na slòigh,
Is ceann righ Lochlann nan sgiath donn,
Do bhuinig Goll an naoidheamh .

Ceithir fichead is coig mile sonn,
Thuit sud le Garradhs le Goll,
S a thri uiread le Oscar mo mhac-sa,
Is le Carrull achneas bhàin.

Air an ainm a thugadh orm,
A Phadraig ud nan salm grinn,
Thuit leam fein agus le Fionn,
A cho-lion fear ris acheathrar.

Is mur am fear a chaidh o fheum,
No theichna mhaoim a null don Ghreig,
De thaigh righ Lochlann, no deshluagh
Cha deachaidh duine don tir fein.

Ged thug sinn buaidh anns aghreis,
Cha drinnn sinn an ud ar leas;
Dhfhag sinn corr is leith ar Fiann
Air an traightha siar fo dheas.

S nan lughainnse air mo righ,
Cha mho na ar trian thainig as.
Sin agads’ ’n caths teinnen robh an Fhiann,
A Phadraig nan salms nan clag,
Is nam biodh tusa air an traigh,
Air Fianntaibh Phail bu mhòr do mheas.



[31]

[Vol . 12. No. 4. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c , &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, scen is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


(Air a leantuinn o thaobh 29.)

Nis, leigibh dhomh, mo chàirdean òga, innseadh dhuibh ciod than teagasg so acuir an céill, agus ciod bu choir dhuibh fhoghlum o na chaidh nis a labhairt. Cuiream an céill ciod bu chòir don fhirinn so a theagasg dhuibhgum faod nithe mòr a bhi an earbsa air nithe faoin agus beag.

Sacheud àite, —Bithibh cùramach, faicleach, furachail, ciod a labhras sibh. Ged nach labhradh leanabh beag ach aon droch fhocal, agus gun éisdeadh balachan no caileag an droch fhocal, agus am focal sin a chuimhneachadh agus a chleachdadh, than t-aon sin afàs olc, agus feadhainn eile air an tarruing air falbh leis, agus acinntinn suas gu bhi nan daoine peacach; agus theid iadsan air an aghaidh, mur caisg Dia iad, amealladh feadhainn eile; air chors gum faod aon fhocal peacach mòran uilc a dheanamh, agus call aimsireil agus sìorruidh a thoirt an car iomadh aon. Innseadh leanabh aon bhreug, agus o bheag gu mòr theid e air aghaidh gus am bi e na bhreugaire ainmeil seasmhach. ’S fhad o na chuala sinn, “Cha seas abhreug air an aon chois;” agus aon pheacadh, coma ciod e, tarruingidh e gu peacadh eile. Tha e mar an t-srad a thug am balachan leis don choille, a thog an lasair mhòr. Cuimhnichibh gu bheil Dia ag éisdeachd na h-uile focal tha sibh alabhairt, agus gun toir e sibh gu cunntas airson gach focal faoin air lathabhreitheanais.

San dara àite, —Bithibh cùramach faicleach mun chuideachd tha sibh agleidheadh, agus na companaich tha sibh adeanamh. Faodaidh leth-uair dor n-aimsir ann an droch chuideachd anabarr uilc a dheanamh, agus anabarr call a thoirt nar rathad. O dhroch companaich amaideach gòrach, faodaidh sibh droch fhocaléisdeachd nach cuala sibh riamh. Càit an cuala sibh gach droch fhocal a chuala sibh? Chan ann our pàrantan, na our luchd-teagaisg, ach o dhroch companaich. Faodaidh aon droch bhalachan mòran a mhilleadh. Faodaidh e an giùlan, am modh, am beusan, am biuthas, a mhilleadhan ùmhlachds an gràdh do Dhia, agus an dìlseachd dom pàrantan. Faicibh nach tachair so dhuibhse. ’Nuair chluinneas sibh aon fhocal o neach air bith a tha fios agaibh nach labhradhur màthair nour n-athair, bithibh cinnteach gu bheil sibh an droch cuideachd. Teichibh, fàgaibh an t-àite, agus seachnaibh iadsan àm ri teachd.

San treas àite, —Biodh eagal oirbh. Guidhibh air gach , e gar dìon o bhuaraidh agus o pheacadh. Na leigibh seachad gun chuimhneachadh air Dia. Deanaibh dearmad air so aon , agus ni sibh e iomadh . Ni aon Sàbaid air a cur seachad gu gòrach, peacach, ’ur tarruing gu iomadh Sàbaid eilechaitheadhsan dòigh cheudna. Am bu mhiann leat an linne mhòr as abheil am muileann afaotuinn an uisga thaga ghluasad a mhilleadh? Cha ruig thu leas a bhruach a tha muthimchioll gu buileach a leagail. Fòghnaidh dhuit aon bhealach beagfhàgail, agus traodhaidh sin e gu tioram. Is lìonmhor iad a tha ann an ionad na truaighe, a chailleadh tre aon droch chleachdadhtren giùlan air aon latha. Bithibh faicleach ciod tha sibh a deanamh.

Abheil a h-aon agaibh afaicinn nach buin duibh, ach bu mhìann leibh fhaotuinn? Na sanntaich e, airneo faodaidh an sannt so fàs, agus do thoirt air t-aghaidh o cheum gu ceum, gus am bi thu admhèirleach mòr. Bha Iùdas sanntach, agus mar so reic e Crìosd. Ma chi tha bu mhiann leat a bhi agad féinma shanntaich thu e, thoir an aire. Na sìn a mach làmh chum a ghabhail; oir ma ni, theid thu air t-aghaidh ceum air cheum, gus an glaisear thu sìossa phrìosan, agus fadheòidh an staid na truaighe.

Na feuch ri sam bith a dheanamh airson nach faod thu beannachd Dhé iarraidh ann an ùrnuigh. Tha sùilean an mhòir ort do ghnàth, agus faodaidh siorruidheachd a bhi crochtair do ghiùlan fad uair an uaireadair. Cuimhnichibh so, agus biodh sgàth as eagal oirbh roimhn pheacadh; agus guidhibh gu dùrachdach còmhnadh an Spiorad chumur gléidheadh o pheacadh, air sgath Chriosd. —Cuairtear nan Gleann.


CUMHA NAM BRAITHREAN.

LEIS AN URR. DONNACHADH DUGHALLACH.

LUINNEAG.
Mo bheannachd, mo bheannachd
Gu dlùth nur déidh;
Mo bheannachd dur n-ionnsaigh
Gu dùthchannaibh céin,
Le dùrachd nam bràithrean
S nan càirdean gu léir;
Gun stiùradh an Tighearnsibh
S an t-slighanns gach ceum.
Mo bheannachd, mo bheannachd
Gu dlùth nur déidh.

Is tric minntinn ag ionndrainn
Comunn rùnach mo ghràidh,
Leis an tric bha mi mùirneach,
S nis an cùl rium gu bràth;
Cuid diu sgapte feadh dhùthchan
S cuid fo dhùiseal a bhàis;
Tha ar sgaradh bhochéile
Mar na féithean on chnàimh.

Nuair a theid min taigh-ùirnigh
Tha ur rùm an sin fàs;
Ann chan fhaic mi na gnùisean
S tric a dhùraich mo chàil;
Is cha chluinn mi ur n-ùirnigh
Leis an dùrachdbu ghnàth,
Far an tric an do thùirling
Oirnn an t-ùngadh bhon àird.

Amhuil eun air a spìonadh,
Feadh nan sliabh fo throm phràmh,
E na ònrachdan cianail
Bhon a thriall a chuid àil,
S gun de dh-iteach na sgiathan
Nis na thriallas nam pàirt,
Tha mo chor-sa le miargainn
Air a bhliadhna than làthr.

Tha ur sgaoileadh ro dhuilich;
Cuid am Muile nam beann,
Cuid an Colas am Barraidh,
S cuid air machair nan Gall.
Ceann-Loch-Gilb is Ceann-Tìre
Thug iad sgrìob oirnn nach gann,
Is America Thuathach,
Tir an fhuachd is nan crann.

Ged nach faod mi bhur leantuinn
Air feadh shrathan is bheann,
Bithidh mìnntinn gur leantuinn
Chaoidh le tairiseachd theann.
S mur a faodar leinn tachairt
Air an talamh so thann,
Bidh ar sùil ris an latha
Far nach dealaich sinn thall.



[32]

[Vol . 12. No. 4. p. 8]

TUIREADH

LEIS AN DOTAIR MAC-LACHAINN.

S trom mo ghleus air uchd an stùichd
Anns an fheasgar chùbhraidh Chéit’;
Dealt nan speur a teannadh dlùth,
Inneil-chiùil am barr gach géig.

Chrom a ghrian, than iarmailt ruadh
Air cuan mor nan stuadhan àrd;
Feuch an long ag éirighsuas,
Mar thaibhsfuar i seach a snàg.

Than oidhch’ ’teachd letrusgan ciar,
N àirden iar thair dol nasmàl;
Thréig an téis bham beul nan ian
Ach chan fheil mi triall on àird’.

Tha gach cuileag dhìblidh, fhaoin
Air gach taobh a gabhail tàimh,
S misam shìneadh anns an fhraoch
Làn de smaointinnean gun stàth.

On a thainig mi don t-saoghl,
S beag a rinn mismaointinn glic;
Mar bhlàth cluarain air an raon
Ghluaiseas leis gach gaoith a thig.

Ach tha smaointinn thiamhaidh, bhochd
Nochd a mosgladh ann am chridh’,
Tha mar fhàsach falamh, fuar,
S e gun luaidh air neach no ni.

Chan fheil agam leannan gaoil,
No fior charaid caomh fon ghréin,
Chan fheil agam bean no clann,
No neachbannsa leam na chéil’.

Amhuil mar bhrùid air a mhàgh,
Gun eagal, gun ghràdh, gun dùil;
Chan fheil cùram air mo chridh’,
S mi gun nisan cuir mi ùigh.

Ard-Righ nam feart, tionndam riut,
S air mo ghlùinibh guidheam ort,
Deònaich dhòmhsa cridhe nuadh,
Eisd ri mùirnigh thruaigh an nochd.

Doirt a nuas do Spiorad caomh,
Ris an t-saoghal bheiream cùl;
Dhuit, a-mhàin, O! thugam gaol,
Is na tAon Mhac cuiream dùil.

Eisd, a Shlànaighir nam buadh,
Ri dian ùirnigh thruaigh mo chridh’;
Tha mo cheum air slighe bhàis,
Thriath nan gràsan sàbhail mi.

Ged a bha Dotair Rahuaidhe nadhuine caoibhneil, measail, bha roinn mhor de ghòraiche pheacach fuaighte ris. Tha e na thoileachadhfhaicinn nashean aois nashìneadh air an fhraoch ag aideachadh a pheacannan agus a guidhe ri Slànaighear nam buadh agus nan gràs air son sàbhalaidh. A bheil bàrd againn an diugh a ghabhas coimeas ris an Dotair air son doimhneachd faireachdainnean?


AN NEOINEIN.

LEIS AN URR. DONNACHADH MAC GILLEAIN.

A neòinein bhàn as àillidh snuadh,”
Le cridhnach fuar ort dearcam dlùth;
Tha geal is deargco-ghleachd ad ghruaidh,
S is doirbh ra luaidh gach buaidh thad ghnùis.

S tu lus is àilttha fàs air raon,
Mar òigh gun ghaoid do chaoin chruth bàn,
Gu nàrach, gràdhach, màlda, maoth,
Dearg-bhileach, caoin-gheal, aoidheil, tlàth.

Am maduinn chiùin-ghil, chùbhridh, chaoin,
Mar neòinein maoth air raon nam blàth:
Do ghrian nan gath le barrachd gaoil
A sgaoil a chaoin uchd gaolach, tlàth.

Mac-samhailt so do ghrian nan gràs
Le barrachd gràidh an càirdeas dlùth,
Air manamdearrsadhghathan blàth,
Is dhàsan ìocam gràdh is cliù.

Is ged thig dubhar air mo ,
Car tràth ged shnàmh mo ghrian tre neòil,
Mar neòinein maoth ged fhaigheam bàs,
S ged shearg mo bhlàth car tràth fon fhòid,

Orm ruigidh earrach, drùighidh Màrt
Le dealta tlàth, ’s le gathaibh caoin;
Orm dearrsaidh grian, is boillsgidh ,
Gu bràth nach sgàilear le dubh-neòil.

Am neòinein gràidh fo sgàil nan geug,
A chaoidh nach cail an sgèimh non snuadh;
Le mbhroilleach sgaoilte ri caomh ghréin,
Am maduinn chéitein shèimh, bhith-bhuan.

Fo sgàil nan craobh tham flaitheas Dhia,
Air bruachaibh sgiamhach nan sruth beò,
Cha lot aghealach mi noghrian,
S gu sìor cha sheacs cha chrìon mo ghlòir.


Iadsan a Phaigh.

Domhnull Mac Neacail, Roseburn
Coinneach Mac Iosaig, Abhainn Mhuileach
Bean I. D. Mhic Fhionghain, Scotsville
Bean Iain Mhic Mhanainn, Eel Cove
Anna Dhomhnullach, Indian Brook
Padruig Mac Gillfhinnein, Baddeck
Murchadh Mac Leoid, Bagh Bhaddeck
Iain Mac Iomhair, Bagh Bhaddeck
Donnachadh Mac Aoidh, Bagh Bhaddeck
A. I. Mac Coinnich, EileinChristmas
Ailein Mac Gilleain, McCormick ’s P. O.
Iain Mac Coinnich, New Harris
Iain Stiubhart, Gleann a Phiobaire
Ruairidh Mathanach, St . Esperit
Oighrig Strachan, St . Esperit
Iain Domhnullach, Ceap Nor
Bean Iain Dhomhnullaich, Baoghasdal
Uilleam Mac-an-Tòisich, Bagh St. Lawrence
An t-Urr. A. Mac-a- Phearsain, BaghSt . Lawrence
Caitriona Nic-Iomhair, na Caoil Bheaga
A.. D. Mac Thearlaich, Drochaid Bhaddeck
I. F. Murphy, Acarsaid Chloinn Fhionghain
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove
Iain Mac Gillemhaoil, Rathad Horne
Gilleasbuig Moireasdan, Rathad Horne
Tormad Mac Ascuill, Framboise
Domhnull Domhnullach, Abhainn Dhennis
E. D. Nic Amhlaidh, Abhainn Dhennis
Donnachadh Mac Leoid, Loch Bhlackett
Iain L. Mac Gilleain, Woodbine , Mira
Aonghas Mac Fhearghais, Port Morien
E. D. Mac Gillemhaoil, Hogamah
Niall Mac Gilleain, Fourchu
Aonghas Mathanach, an Gut a Tuath
Eachunn Mac Neacail, Cóbh, a Bheabheir
An t-Urr Uilleam A Friseil, Marion Bridge
Iain Mac-a- Bhiocair, Catalone
Lachuinn Mac Gilleain, Gut Chatalone
D. N. Mac Gillemhaoil, Loch Ainslie
Bean Dhomhnuill Bhurns, Sonora , N.S.
Dr. Murchadh Siosal, Halifacs, N.S.
A. Mac Coinnich, Halifacs, N.S.
Ailein Mac Gilleain, Halifacs, N.S.
Aonghas Mac Iosaig, Dartmouth , N.S.
Bean Sheumais Dhònullaich, Fraser ’s Mills
Alasdair Domhnullach, Allt Mhic Ara
Domhnull Mac Rath, Vancouver , B. C.
Alasdair SeathachHilton , Man.
Uilleam Mac-a- Phì, Forest Hill, E.P. I.
Aonghas Brus, Grand View, E.P. I.
An t-Urr R L Dughallach, Brookside , Assa.
Eoin A. Gillios, Fletwode, Assa.
Seoras Mac Rath, GleannRobertson , Ont.
Oighrig Nic-Raonuill, Toronto , Ont.
Ruairidh Camaran, Loch-Aills, Ont.
Neacal Mac Lachainn, Napier , Ont.
Eobhan G. Caimbeal, Sycamore , Ills.
Gilleasbuig Mac Lachainn, Detroit , Mich.
Alasdair Mac Calum, Detroit , Mich.
Uisdean Mac Gillemhaoil, Detroit , Mich.
Calum Mac Lachainn, Detroit , Mich.
Iain Mac Thorcuill, Iron , Minn.
D. C. Mac-an-t- Saoir, Cleveland , Ohio
D. Mac Calum, Cleveland , Ohio
Coinn. Mac Fhionnlaidh, Toledo , Ohio.
I. D. Domhnullach, Dorchester , Mass.
Iain G. Mac Eachuinn, Woburn , Mass.
A. Domhnullach, Newton Centre, Mass.
G. C. Mac Gillemhaoil, Lunnuinn, Sasunn
I. G. Mac Aoidh, Lunnuinn, Sasunn
E. Hepburn, Lunnuinn, Sasunn
Ian Mac Coinnich, Lunnuinn, Sasunn
R. G. Mac Leoid, Pila, Lagurna, P. I.


POSADH.

Ann an Sidni Tuath, air an dara la deug de dhOgust, leis an Urr. T. Chalmers Jack, B. A., Uilleam I. Caimbeal agus Cassie Bell, nighean Dhomhnuill Chaimbeil, (fear-cusbuinn) nach maireann, Boulardarie.


The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.

Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 2,500,000

ARD OFIS, TORONTO.

AN T-ONORACH DEORSAA . COX,
Ceann-Suidhe.

B . E. WALKER,
Ard Mhanager.

Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager

Ofis anNEW YORKaig 16Exchange Place,
WM. GRAYagusH . B. WALKER, Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhen Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor

Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas dem faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhen t-saoghal.

BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhen bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


SYDNEY & LOUISBURG RY.

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhIun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 4
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XII No. 4. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page