[Vol . 12. No. 5. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 4, 1903. No. 5.
Cuiridh a’ chuid sin de ’m luchd-gabhail nach do phàidh pris na bliadhna so fhathast comain mhor oirnn ma ni iad an dleasanas sin gun dàil. Tha cosdus a phaipeir a’ dol air adhart gach seachduin, agus cha bu chòir dhaibhsan a tha ga ’ghabhail a bhi cho dearmadach.
Tha fios á Breatunn ag radh gu bheil Morair Roberts ri sgriob a thoirt a nall do Chanada air an ath mhios. Ma thig e, cuirear fàilte chridheil air. Cha robh ceannard airm aig Breatunn o chionn iomadh bliadhna air an robh na saighdearan a bha fodha cho measail ’s a tha iad air “Bobs,” agus tha àireamh nach beag dhiùsan a chog fodha ann an Canada. A bharrachd orra sin bidh an sluagh gu h-iomlan toileach esan a shàbhail Africa mu dheas do Bhreatuinn fhaicinn na’m measg.
O chionn beagan bhliadhnachan air ais tha creideamh ùr ga ’theagasg ann an caochladh chearnan de’n t-saoghal, ’s gu h-àraidh anns na Stàidean. Tha iad a dol fo’n ainm “na h-Ealanaich Chriosduidh,” agus ’se ’s creud dhaibh nach eil ann an tinneas no ’n cràdh ach faoin bheachd na h-inntinn, agus nach eil aig neach ri dheanamh a chum e-fein a leigheas ach a chreidsinn gu bheil e slàn. Tha iad mar sin a’ cur dreuchd an lighiche á bith, agus iadsan a tha daingeann ’sa chreideamh cha teid iad gu lighiche air-son tinneis sam bith ach an déideadh—tha an eucail sin gu mi-fhortanach cho cràiteach ’s nach d’ fhuair aon de na h-Ealanaich riamh creideamh cho mor ’s a chuireadh casg air. Tha an creud, ged is faoin i, na creud chronail; tha iomadh bàs a tachairt na’m measg a dh’ fhaodte sheachnadh. Tha beagan dhiu air an cinn a thogail ann an Canada, ach tha chùis coltach nach soirbhich leo; cuiridh an lagh stad air cuid de’n cleachdaidhean. Bha duine aig cùirt ann an Ontario o chionn ghoirid a dhiùlt lighiche no cungaidh-leighis a thoirt gu ’mhac a bha tinn leis an amhaich ghoirt. Chaochail an gille, agus aig a chùirt so bha ’athair air fhaotainn ciontach de bhi coireach ri bhàs. Bidh e gun teagamh air a throm pheanasachadh, agus bu mhath gu’m bitheadh.
Tha an t-Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair, am breitheamh d’ an d’ thug sinn na litrichean a sgriobhadh gu MAC-TALLA ’san dara ràidh de ’n bhliadhna, a’ cur fios ugainn gur iadsan a tha airidh air a’ cheud ’s air an dara duais a thairgeadh, “C. C.” agus “Peigidh Phabach.” Bidh na duaisean air an cur g’ an ionnsuidh gun dàil. Tha dùil againn ri “Litir air na litrichean” a bhi anns an ath àireamh, anns an toir am breitheamh seachad a bharail air saothair gach aon dhiùsan a bha ’sgriobhadh. Bidh an litir sin na cuideachadh mor dhaibh ma ghabhas iad na comhairlean a bhios innte mar is còir an gabhail. Is gann na sgriobhadairean sin do nach bi sùil is barail caraid gu tric na dheagh sgàthan. Bha da sgriobhadair a chuir litrichean ugainn aig an àm ud nach robh air an cùnntas an àireamh luchd-siridh nan duaisean, “Bodachan a’ Ghàraidh” agus Aonghas Mac Eanruig. Cha robh iad sin a sgriobhadh air-son nan duaisean.
Is còir do luchd nan litrichean a bhi ’geurachadh nam peann a rithist. Tha romhainn tri duaisean eile thoirt seachad air-son nan tri litrichean a’s fhearr a theid a sgriobhadh eadar so is ceann na bliadhna. Faodaidh gach aon da litir a sgriobhadh, anns am bi eadar coig is ochd ceud facal an té. ’S iad na tri duaisean a bheirear seachad: “Caraid nan Gàidheal,” “Clàrsach an Doire” agus “Leabhar nan Cnoc.” Tha sinn an dòchas gu ’m feuch àireamh mhor air an son.
Tha aig Sir Tòmas Lipton ri dhol dhachaidh gun an Cupan aon uair eile. Cha d’rinn an t-Seamrag III na b’ fhear no eadhon cho math ris an da Sheamraig eile. Chaill i tri réisean, aon an deigh a cheile. Bha an réis mu dheireadh air a ruith an de. A reir seanchais nam paipeirean, tha Sir Tòmas a’ cur roimhe leigeil le cuideigin eile feuchainn ris a chupan a chosnadh a nis. Tha esan seachd sgith dheth. Tha e ri mholadh air-son nan oidhirpean a thug e, agus tha eadhon moran de na Geancaich duilich nach do shoirbhich na b’ fhearr leis. Tha e ro-choltach nach leigear a leas dùil a bhi ris a Chupan fhaicinn a’ dol thar a chuain an da latha so. Tha sgil aig na Geancaich air togail bhirlinnean nach do dh’ ionnsaich na Breatunnaich fhathast, air-neo cha’n eil e comasach birlinn a thogail a bhios làidir gu leòr gu tigh’nn troimh thonnan mora a chuain agus a bhios aig an àm cheudna luath gu leòr gu buaidh a thoirt air té aig nach bi ris an turus sin a dheanamh.
Cha’n eil coi-fhlaitheachd òg Australia an ceann eile ’n t-saoghail gun a trioblaidean fein. Riamh o’n chaidh roinnean na dùthcha sin aonadh ri cheile ’sa bhliadhna 1900 tha an Riaghladh Breatunnach a’ faotainn dragha ann an lionadh dreuchd an Ard-Riaghladair. B’e Morair Hopetoun a’ cheud fhear air ’n do bhuilicheadh an t-urram sin, agus car greise bha cùisean a’ dol air adhart gu ciatach, ach tràth ’sa bhliadhna 1902, leig am Morair an dreuchd uaithe. B’ ann a chionn nach robh a thuarasdal àrd gu leòr a rinn e sin. Cha ’n eil air a chur air leth air-son na dreuchd ach deich mile punnd ’sa bhliadhna, agus tha esan ag radh na’n cumadh e suas inbhe na dreuchd mar bu chòir ’s mar tha dùil ri cumail nach b’ fhuilear dha air a chuid bu lugha deich mile fichead. Bha ’m Morair ag radh cuideachd gu’n do gheall Riaghladh Australia barrachd tuarasdail dha ach nach do chum iad ri ’n gealladh. An deigh do Hopetoun, a tha nise na Mhorair Linlithgow, an dùthaich fhàgail, bha’n dreuchd falamh fad shia miosan. Aig ceann na h-ùine sin dh’ aontaich Morair Tennyson a gabhail aon bhliadhna. Bidh a’ bhliadhna air ruith ann an Nobhember s’a tighinn, agus tha Morair Northcote ri àite ghabhail an uair sin. Feumaidh e bhith gur dùthaich chosdail a th’ ann an Australia. Ann an Canada cha’n eilear a pàidheadh do’n Ard-Riaghladair ach an aon tuarasdal ’s a thatar a pàidheadh an Australia, agus cha chualas gu’n do ghearain aon dhiùsan a bha san dreuchd nach bu leòir e. Tha iad a reir coltais comasach air pailteas bidh is aodaich a chumail riutha fein ’s ri ’n teaghlaichean air leth-cheud mile dolair ’sa bhliadhna.
Air an t-seachduin roimh ’n té s’a chaidh bha “Parlamaid luchd-malairt” na suidhe ann am Montreal. Bha iad cruinn as gach cearna dhe’n Iompaireachd Bhreatunnaich, mu choig ceud uile gu leir. Bha am Morair Strathcona aca mar cheann-suidhe, duine cho gleusda ’s cho tuigseach ’s a b’ urrainn daibh a chur ’san dreuchd. B’i so a’ cheud choinneamh a bh’ aca riamh a mach á Lunnuinn. Tha a’ “Phàrlamaid” so gle dheònach gu’m biodh an Iompaireachd air a tàthadh ri cheile na’s teinne na tha i aig an àm so, agus tha a’ mhor chuid dhiù ag aontachadh ri Chamberlain a thaobh na dòigh air an gabh sin toirt mu’n cuairt.
Chaochail Morair Salisbury air an dara la fichead dhe’n mhios a dh’ fhalbh. Bha e tinn o chionn treis a dh’ ùine air ais, agus na làithean mu dheireadh cha robh dùil ri e dh’ fhaotainn thairis air. Rugadh e anns a’ bhliadhna 1830. B’e dara mac a Mhorair Salisbury a bh’ ann an uair sin, agus o nach b’e ’n t-oighre, b’ fheudar dha dhol a chosnadh a bheòlaint fein. Nuair bha e na dhuin’ òg chuir e beagan ùine seachad ann an New Zealand san Australia, agus thatar ag radh gu’n d’ obraich e treis a dh’ uine mar mhèinneadair cumanta. Air a thilleadh do Shasuinn rinneadh fear-pàrlamaid dheth. Phòs e an aghaidh toil ’athar, agus o sin a mach cha d’ fhuair e cuideachadh sam bith uaithe. Ghabh e tigh dha fein ann an Lunnuinn, agus choisinn e theachd-an-tir a’ sgriobhadh air-son phaipeirean-naidheachd. Chaochail ’athair an 1868, agus fhuair esan an sin an tiodal ’s an oighreachd. Bha a bhràthair bu shine air caochladh roimhe sin. Bha e na Phriomh Mhinisteir tri uairean. Leig e dheth an dreuchd an uiridh an déigh a bhi innte fad sheachd bliadhna.
Bha sgiorradh bàsmhor ann am méinn an Dominion No. 2, anGlace Bayan dé. Bha dithis dhaoine, Lachuinn Domhnullach agus Elias Bennett air am marbhadh, agus fear eile Seumas Bradbury air a leòin. Thachair an sgiorradh le tuba iaruinn a dh’ fhuasgladh on cheangal a bha ga tarruinn suas; thuit i o àirde trì fichead is coig troidhean deuga, ’s bha na daoine so na’n seasamh foipe. Bha an Domhnullach air a ghrad mharbhadh, agus cha robh am fear eile beò ach ùine ghoirid. Bhuineadh an Domhnullach do Rathad Abhainn Dhennis. Bha e mu dheich bliadhna fichead a dh’ aois. Bhuineadh an dithis eile do Newfoundland. Bha am fear a chaidh a mharbhadh air pòsadh mu cheithir miosan air ais.
[Vol . 12. No. 5. p. 2]
Mar a tha fios againn uile tha na Stàidean a’ deanamh deas air-son sligh’ -uisge a ghearradh tarsuinn Tairbeart Phanama. Tha iad a cheann ’n deigh gach còir a cheannach a bh’ aig cuideachd Fhrangach a chaidh ris an obair cheudna àireamh bhliadhnachan air ais, agus cha’n eil iad a nis ach a feitheamh ri cead fhaotainn o’n dùthaich bhig troimh ’m bheil an t-slighe ri bhi air a’ gearradh. Faodaidh e bhith gu’m bi dàil air a chur anns a chead sin. Tha Colombia na dùthaich an-adhartaich, troimhe-cheile, agus trom anns na fiachan. Bha a chùis fa chomhair a pàrlamaid o chionn ghoirid agus chaidh aonta na dùthcha a dhiùltadh. Cha robh aobhar air sin a dheanamh ach nach robh buanachd mhor ri bhi aig Colombia anns a’ ghnothuch. Tha Columbia feumach air airgiod ’s air roinn mhor dheth, agus an uair a chi na Stàidean iomchuidh an t-suim cheart a thairgse, an uair sin cuiridh luchd-stàite Cholombia an aonta ri gearradh na sligh-uisge tarsuinn Tairbeart Phanama.
Bha taghadh ann an siorrachd Earraghàidheil, an Alba, air an t-seachduin so. Air-son fhaighinn a mach ciamar a bha a bharailean ùra a thaobh malairt Bhreatuinn ris nacoloniesa’ còrdadh ris an dùthaich, thug Chamberlain air fhear-pàirtidh fhein a’ cheist sin a chumail fa chomhair an t-sluagh aig àm an taghaidh. Agus ’s e thachair gu’n do chaill am fear sin gu dona. Tha daoine a’ creidsinn gu bi sin na bhuille do Chamberlain a nochdas dha nach eil an sluagh leis. Ach faodaidh e bhith gu robh cùisean eile fa chomhair sluaigh na siorrachd ud, air nach eil fios againne, agus a thug orra roghainn a dheanamh de dhuine bha cur an aghaidh Chamberlain. Cha’n aon siorrachd no da shiorrachd a chuireas a’ chùis an dara taobh ach an dùthaich uile.
Bha ochdnar Bhoerach air bòrd soitheach-smùide a thainig gu Halifacs an la roimhe á Bermuda. Bha iad sin is moran eile de’n co-lùchd-dùthcha air an toirt do Bhermuda an àm a chogaidh mar phriosanaich, agus cha’n fhaigheadh iad an saorsa gus am mionnaicheadh iad a bhi dìleas do Bhreatunn. Tha da bhliadhna ’s ràidh o’n thugadh ann iad, agus sheas iad a mach gu ruige so. Tha leth-cheud eile nach do striochd fhathast, agus a dh’ fheumas fuireach far am bheil iad gus an dean iad mar rinn an ochdnar so—iad fein aideachadh na’n iochdarain do Bhreatuinn.
Tha an àrd-phàrlamaid gun sgaoileadh fhathast agus bithidh gu ceann mios eile. Tha bill no dha fa ’comhair a tha tarruinn moran ùine. Air bill an rathaid iaruinn a tha ’n riaghladh air-son a chur tarsuinn an dùthaich, chaidh còrr is ceithir fichead òraid a liubhairt cheana, agus cha bhithear cuibhteas e gu ceann da sheachduin eile. Eadar sin ’s gach ni eile tha ri chur a thaobh cha’n eil e ro-choltach gu’m bi a phàrlamaid air a sgaoileadh moran roimh mheadhoin October.
Bha seòladair d’ am b’ ainm Yetman air a thilgeadh le fear Woolard, sgiobair soithich air an robh e seòladh faisg air Newfoundland. Bha Woolard air fheuchainn aig cùirt ann anSt . John’s, agus air fhaotainn ciontach. Ged chaidh an seòladair a mharbhadh, cha deach esan fheuchainn air-son murt a chionn e bhi soilleir gu robh roinn de’n choire aig an fhear a chaidh a mharbhadh. B’e bhinn a thugadh a mach air an sgiobair a chur do’n tigh-obrach fad shia bliadhn’ deug.
Chuir gille beag ann an Winnipeg maidse ri lòd feòir agus sgaoil an teine ’s rinn e greim air tigh-deighe. Bha deich mile tunna deighe air a thur mhilleadh, luach da fhichead mile dolair.
Bha aon air fhichead sgiorradh leis ’n do chailleadh beatha dhaoine air ròidean-iaruinn Chanada re an da mhios dheug a chriochnaich leis an la mu dheireadh dhe’n òg-mhios. Bha tri fichead is tri air am marbhadh anns na sgiorraidhean sin.
Fhuaireadh corp fir Uilleam Urchadan anns an abhainn faisg air Fredericton, N. B. seachduin gus an Dior-daoin s’a chaidh. Bha an duine air chall fad choig latha roimhe sin, agus thatar a deanamh mach gu robh lamh aig cuid-eigin na bhàs. Tha triùir dhaoine air an glacadh air amharus gu’m b’ iad a mhurt e.
An uiridh bha mu cheithir fichead mile barailte de dh’ùbhlan air an cur air falbh á Nobha Scotia, bàrr Gleann Annapolis. Am bliadhna tha dùil ri ceithir no coig uiread sin a chur air falbh. Tha na h-ùbhlan moran na’s pailte ’s na’s fhearr na bha iad o chionn fhada. Ann am Breatunn ’s air tir-mor na h-Eòrpa tha na h-ùbhlan gann air an fhoghar so, agus fàgaidh sin prìs mhath air ùbhlan na dùthcha so.
Chaidh àireamh mhor thuathanach is luchd-obrach do’n Iar-Thuath air an fhoghar so, cuid a dh’ obair air a bhuain agus cuid a choimhead na dùthcha. Chaidh mu thri mile ann as na Roinnean Iochdrach. Dhe’n àireamh sin bha dluth air tri cheud gu leth á Ceap Breatunn agus mu sheachd ceud á Eilein a Phrionnsa. Cha’n eil teagamh sam bith nach eil na Roinnean iar-thuathach ri fàs ann an tomhos mor air chosd nan Roinnean an ear.
Chaidh bean Bheniamin Lynds, tuathanach a tha fuireach airNorth River,faisg air Truro a mharbhadh seachduin gus an Di-mairt s’a chaidh le sgiorradh muladach. Bha a fear-pòsda a’ glanadh gunna ’s e deanamh deas gu dhol a shealg mathain a bha timchioll an àit aige. Bha urchair anns a ghunna, agus am feadh a bha esan ga ’làimhseachadh dh’ fhalbh i as. Chaidh an urchair troimh ’n bhalla do sheòmar anns an robh a bhean ag obair; chaidh na peileirean na ceann ’s am taobh a h-amhach, agus an ceann beagan uine bha i marbh.
Tha Peary a thug ionnsuidh no dha cheana air crann a tuath an t-saoghail a ruigheachd deònach feuchainn ris aon uair eile. Tha e dhe’n bharail gu’n ruig cuid-eigin an t-àite reòta sin mu’n teid moran bhliadhnachan seachad, agus gu’m biodh e na ’mhasladh mor do na Stàidean leigeil le sgioba mhuinntir Chanada a ruigheachd an toiseach. Dh’ fhaodte gu bheil Peary an dùil ma gheibh Geancach g’a ionnsuidh an toiseach gu’n toir sin còir dhligheach dha dhùthaich air; ach cha bhi chùis mar sin idir; buinidh an crann a tuath do na dùthchannan a tha criochnachadh air, agus a reir sin bidh a chuid mhor dheth aig Ruisia ’s aig Canada.
MU THIGHINN NA “POLLY.”
AIR Di-màirt, an t-aonadh là deug de cheud mhios an Fhoghair, 1903, ceud bliadhna an déigh do ’n luing imrich ainmeil sin ris an cainteadh mar shuaicheantas am Polly, tighinn le àireamh mhor cheudan de na Gàidheil a dh’ fhàg tìr an dùthchais ’sa thug an aghaidh air coille ghruamach America, agus goirid o’n spot air an d’ thàinig iad air tìr ann am Belfast, mu thimchioll an do thuinich a chuid mhor dhiubh: air an latha dh’ ainmicheadh chruinnich na bheil an diugh a làthair dhe ’n sliochd, le moran de choigrich ’s de chàirdean agus luchd-eòlais, a bha air am meas mu thimchioll ceithir mìle, air an reidhlean lurach agus eireachdail sin os cionn laimhrig Hallady, far am bheil bàta na smùid eadar sin agus Baile Shearlot a ruith le luchd-turuis agus gach deisealachd a bhios a dhìth orra. Bha ’n latha sònraichte freagarrach, agus gu math tràth chiteadh eich is carbadan loma-lan le luchd a chruinneachaidh a tighinn air gach rathad; agus mar an ceudna da bhàta smùid le luchd de dh’ uaislean á Baile Shearlot le rogha is tagha a phìobaire air an ceann. Bha pailteas de bhùird, agus neo-ar-thaing nach robh iad air an cùirneachadh leis gach seòrsa bidh ann am bùth mor a bha air a dheanamh air a shon, agus ’nuair a ghabh gach aon dhe na bha feumail dheth, thòisich priomh obair an là. Chaidh an t-Urramach Maighstir Sinclair a chur na Cheann-suidhe anns a chathair, agus gu cinnteach ’s ann dha fhein a thigeadh sin a dheanamh. Bithear ag radh nach teid cliù neach innseadh gus am faigh e bàs neo ’nuair a bhios e ’dol a phòsadh, ach ’se shaoileas mi fhein, ’nuair a tha duine airidh air cliù gu ’m bu chòir dha fhaotainn, beò no marbh. Ach a dh’ aon fhacail, bha ’n co-chruinneachadh a bha ann an sud air an là ud ro airidh air cliù, airson cho ciùin, cho sìobhalta agus cho beusach ’sa ghiùlain iad iad-féin uile. Cha chualas guth mor no droch fhacal aig òg no aig sean. Iadsan a bha ri labhairt no ri seinn chaidh éisdeachd riutha uile le ro-aire agus gach modhalachd dligheach.
Bha air a chòmhnard a chaidh a chur suas airson an luchd-labhairt maille ris an Urramach Fear na Cathrach, an t-Onarach Mr. Mac an-t- Saoir, Riaghladair na dùthcha, a bhean agus a nighean, an t-Onarach Eachann Domhnullach, (Britheamh), an t-Onarach Aonghas A. Mac-Gilleain, D. A. Mac Fhionghain, ball Pàrlamaid an Tigh nan Cumantan, an t-Onarach Alasdair Màrtainn, a bha na bhall Pàrlamaid roimh ’n Onarach A. Peters (Priomhair), agus caochladh de dhaoin’ -uaisle eile.
B’e cheud fhear-labhairt am Britheamh Eachunn Domhnullach, a thug le òraid bhriagha am Polly a nall thar a chuain gu cala; agus sheinn Alasdair Mathanach á Gleann Uilleam òran math Gàilig a rinn fear dhe ’n luchd-imrich a thainig air a’ Pholly. Labhair an sin an t Onarach A. A. Mac Gilleain air mar a bha na h-eilthirich a tighinn beò ’sa saoithreachadh an deigh dhaibh tighinn. Chaidh an sin gairm air Seumas A. Mac Gillemhaoil anns na h-Eileinean Coille, gus òran Gàilig ris an canar “a’ Choille Ghruamach,” a rinn am Bàrd Mac-Gilleain, air dha tighinn á tìr a dhùthchais. ’S e bàrd Tighearna Cholla a theirteadh ris thall. Ach co-dhiù bha e na òran cho fìrinneach agus cho eireachdail briathran ri òran a chaidh riamh a dheanamh, mar a tha deagh fhios aig na h-uile Gàidheal a leugh no chual’ e. Chaidh an sin gairm air Alasdair Màrtainn, a rinn òraid ghasda mu ’n t-suidheachadh anns an robh daoine an diugh le onair is dichioll. Labhair an sin am Fear-riaghlaidh agus am Priomhair Peters agus dòrlach de dh’ uaislean eile. Sheinn Tearlach C. Moireastan, Flat River,duanag do ’n Pholly. ’S e òran beag ùr a tha ann. Cha deachaidh e ann an clò fhathast, ach tha mi creidsinn gu ’m bi e ann am MAC-TALLA an ùine gun bhith fada.
Dh’ fhaodainn tuilleadh a ràdh, ach tha eagal orm gu ’m bi mo litir tuilleadh is fada. Bu chòir dhomh a bhi air ainmeachadh gur e Pàdraig MacFhearhgais am pìobaire. Bha agus tha fios aig a h-uile duine gu bheil e gu math oirre. Mu ’n co-dhùin mi ’s eigin dhomh innseadh gu bheil sùil aca a nise ri carn-cuimhne a chur suas faisg air an eaglais aig a chladh, anns am bheil na daoine còir agus cliùiteach a thainig a nall air an tiodhlacadh. Agus tha mi nise smaoineachadh gu ’m bu chòir do na bha làthair a bhi taingeil do ’n Ti a chuir latha cho briagha ann dhaibh, agus a chum slàn gun chiorram sam bith iad uile; agus mar an ceudna do ’n Diadhair Urramach a bha anns a Chathair, airson cho coimhlionta ’sa chriochnaich e gach dleasdanas a bh’ air a chuir mu choinneamh. Sin cunntas cho fìrinneach ’s a’s urrainn mise a thoirt seachad.
SEUMAS A. MAC GILLEMHAOIL.
Eileinean Coille, E. P. I.
[Vol . 12. No. 5. p. 3]
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. XIII.
ANN AN CAS CRUAIDH ’S MAR A FHUAIR IAD COBHAIR—AN FHAILT AN CAINNT OISIAN—AIR AN RATHAD A RITHIST ’S MAR A THACHAIR.
CHA robh sealladh air na Breatunnaich shios no shuas; oir, anns an ùpraid a lean éubh nam Frangach, fhuair iad le neart lùthmhor nan gàirdean ’s nan cas iad fhéin as gu sgiobalta. Leis cho fior nimheil ’sa chaidh Frangach beag a sàs an Eobhain bàn, b’ fheudar dha mu ’n d’ fhuair e dealachadh ris a ghiùlan na ghlacaibh air falbh pios leis far an d’ fhuair e fhàgail ann an lòn. Chuir an ùpraid so na freiceadain uile na’m faireachadh, ’s air do leth-dusan a bh’ air gheard ar curaidhean fhaicinn na’n leum a’ dol seachad dlùth dhaibh, loisg iad orra, ’s gu mi-fhortanach chaidh an Caiptean còir Mac-a- Ghobha ’leòn, a tuiteam, gun osna, gun ghearain, mar thigeadh do shaighdear treun mar a bha e, ri taobh Eobhain. Thachair so ann ann an leòb arbhair a bha ga ’m falach, air do dh’ Eobhain cromadh sios ri taobh an ofigich chreuchdte.
“Eobhain thapaidh,” ars’ an curaidh treun, ’se gu cràiteach ’s le spàirn, air an daga anns an robh litir an àrd-chomanndair agus am pasgan eile ’thoirt as a phòcaid, “gabh so ’s na dean dàil is fàg mise ann an so ’s na smaointich orm, oir tha mo réis air a ruith, ’s cha ’n ’eil aithreachas orm—tuiteam an seirbhis mo righ ’s mo dhùthcha. Ach O, mo bhean òg ghràdhach ’s mo Lilidh bheag ghaoil—nach mi bhiodh aoibhneach na’m b’e ar n-aogais ghràidh an sealladh mu dheireadh a chitheadh mo shùilean mu ’n rachadh an seuladh gu dìlinn.”
Thàinig na deòir an sùilean a Ghàidheil bhlàth-chridheach. “A Chaiptein uasail,” ars’ esan, “cha ’n fhaod sin a bhith! Far am bi beatha bidh dòchas. Cha ’n fhàg mise sibh mar sin ’n ’ur càs, gun stri chruaidh a dheanamh gus ’ur sàbhaladh.”
“Na can an còrr, a sheirdsean!” ars’ an t-ofigeach ann an guth fann. “An litir! an litir! —fàg mis—”
Dhùin a bhilean fuar mu ’n d’ fhuair e na briathran a chriochnachadh; ach co-dhiù bha e marbh no ann an nial cha b’ urrainn Eobhain a bhi cinnteach. Bha éubhach is rannsachadh na nàmhaid ri ’n cluinntinn air gach taobh ga ’n iarraidh, ’s air do dh’ Eobhain starram a chluinntinn dlùth dha, thog e ’cheann gu fàillidh os cionn an arbhair a dh’ amharc, an dùil gu ’n robh na Frangaich air a mhuin. Le aoibhneas chunnaic e gu ’m b’ e each diollaid a bh’ ann, a chaill a mharcaiche an dìg no ’n toll ’san nàbachd, agus a bha nis gu socair, sòghail a deanamh a rathaid gu chompanaich, ag ithe an arbhair ghuirm, shùghmhor mar a bha e dol air adhart. Anns an dol seachad leum Eobhain bàn suas is rug e air shrein air, ’s an ath mhionaid bha ’n t-ofigeach gun chlì aige taobh na diollaid, ’s a leum suas thionndaidh e aghaidh an eich an taobh eile ’s chuir e na spuir ris cho cruaidh ’sa rachadh aig’ air a dheanamh. Bha ’m fortan fàbharrach dha, oir dh’ aithnich e air a cheud ghluasad gu ’m b’ e each cumhachdach a bh’ aige, ’s bha shàth aige ri dheanamh an toiseach le aon laimh a chumail gun tilleadh thun a champa Fhrangach, ach an déigh a dhol pios air adhart thionndaidh e air frith-rathad, ’s gu b’ oil le gairdean làidir Eobhain, tharruinn e suas na chruaidh leum, ’s an ùine gun a bhi fada ghabh e stigh geata beag a leum a mach as an dorchadas agus ghabh e gu stòlda gu dorus togail dhubh far an do sheas e ’s rinn e sitir. Thòisich a dha no tri choin ri deileann air a laimh chlì, ’s thainig iad gu garg ga ionnsuidh, ach co luath ’sa thainig iad dlùth do ’n each sguir iad is thòisich iad ri mireag aoibhneach mu ’n cuairt dha. Leum Eobhain bàn gu làr, agus gu socair, mar mhàthair a laimhseachadh leanabh tinn, thog e an Caiptean gu làr. A cur a laimhe os cionn a chridhe thug e mor-thoileachadh dha fhaighinn gu fann, gu math fann a bualadh; ach thuig e mur faigheadh e fear-sgil a chuireadh stad air an fhuil a bha dòrtadh o lotan, nach robh mhionaidean air thalamh ach gearr—gu math gearr. Air dha a bhi mar so crom os cionn a charaid uasail, chual e còmhradh ealamh, subhach a nall ga ionnsuidh, ’s a togail a chinn chunnaic e leth sheann duine air leth laimh agus currac dearg m’a cheann, a giulan soluis, agus cnapach gille mu dhusan bliadhna dh’ aois agus nighean bhòidheach òg mu ochd no naoi bliadhn’ deug na chuideachd. An uair a bha iad gu bhi aige dh’ eirich e na sheasamh, ’s ga fhaicinn ruith an nighean òg ga ionnsuidh, ’s leis an fhàilte, “O Jean, Jean!” chaith i a lamhan mu ’n cuairt air ga ’phògadh. An ath mhionaid leum i air falbh le sgriach eagail, ’s i air a thuigsinn nach b’ urrainn “Jean” fàs cho mor no cho garbh ris an fhear so, o’n a dh’ fhàg e air éigneachadh do dh’ arm Bhoni. Thainig a nis càch leis an t-solus, agus air dhaibh fhaicinn nach b’e ’n duine fhein a bh’ aca, chaidh an subhachas a smàladh na’n aogais. Thòisich an seann duine air bruidhinn, ach b’ fhasa le Eobhain druidean an Dùin a thuigsinn na chòmhradh. Labhair an Gàidheal ris ann am Beurla, ach cha d’ fhuair e mar fhreagairt ach crathadh cinn, ’s an sin dh’ fheuch e cainnt a mhàthar, a’ Ghàilig. Air do’n bhalach a chluinntinn ruith e air falbh le cabhaig mhoir, agus chrom athair le coltas truais is sheall e gu math leis an t-solus air an fhear a bha na shìneadh. A faighinn an lot thòisich e ’sa mhionaid le cuideachadh na h-ighinn is Eobhain air a chur air dòigh gu h-ealanta, a nochdadh nach b’e ’cheud uair dha a leithid a dheanamh. An uair a chunnaic iad gu ’m bu Bhreatunnaich ar curaidhean, cha b’ urrainn dhaibh caoimhneas gu leor no deagh-ghean a nochdadh dhaibh, ged a bha ’chaileag a’ cumail a cinn car crom air tàille na fàilte ’chuir i air a Ghàidheal.
Thàinig a nis am balach is leth sheann bhoirionnach beag làidir maille ris, a réir choltais bean an taighe, ged nach fhac’ an Gaidheal sealladh air dachaidh an teaghlaich so fhathast. Ghabh i so le lamhan sgaoilte gu Eobhain, ’s cha mhor nach do dh’ fhàiltich i e mar a rinn a h-ighean. “Mo gaoil! gràdh!” ars’ i so an droch Ghàilig. “Mo mhàthar-sa Gàilig—Gàilig mise cuidich! A balach gràdh! Gàilig sibhse!” Le ioghnadh is le toileachadh rug Eobhain air dha laimh a rithist air a bhana-Bhelgianach Ghaidhealaich so, agus tha eagal orm gu ’n do dh’ fhàisg e iad na bu chruaidhe le dhealas na bha e ’n dùil.
Chaidh brat laidir fhaighinn air an do ghiùlaineadh an Caiptean thun an taighe, agus air an rathad dh’ innis bean an taighe do dh’ Eobhain ann an cothlamadh Gàilig is Frangeis mu chùisean. Ghabh iad gu nàdarra Eobhain an riochd Eoin a mac, oir b’ ann dha a bhuineadh an t-each, agus bha ’n teaghlach còir fo mhor chùram a nis air dhaibh a thuigsinn mar a fhuair e e. Ach bha cabhag air ar caraid, agus cho luath ’sa chunnaic e an Caiptean an àite sàbhailte, an lamhan caoimhneil, càirdeil, far an rachadh an t-sradag fhaoin a bh’ ann fhathast de bheatha fhadadh suas, na ’n gabhadh e bhith, gu slàinte, dh’ fhàg e slàn aca, ’s air a stiùireadh pios an rathad le fear an taighe, ghabh e air adhart na aonar. Chaidh innse dha gu ’m faigheadh e air an rathad so thun a champa Phruiseanaich gun chunnart tuiteam an lamhan nam Frangach, cho sgapte ’s gu ’n robh ’n sgiathan a sìneadh. Le each math fodha ’nis; oir fhuair e ’n t-each o’n duine chòir air-son a ghiùlan, agus ged nach robh e ro choltach gu ’m faiceadh e gu bràth e, bha fios aige nach biodh e ’n call. A dol air adhart na chruaidh leum, bha ar curaidh a smaointinn gu ’n robh gach gàbhadh seachad, ’s e nis air tighinn gu math dlùth do ’n arm Phruiseanach, an uair a nochd mu fhichead saighdear Frangach, trupairean, air an rathad chumhang air thoiseach air, o chùl seann taigh mor fàs, aig an robh ’n darna ceann ris an rathad. Leis cho luath ’sa bha Eobhain a falbh bha e cho dlùth dhaibh mu ’m fac’ e naimhdean, ’s nach robh e comasach air tarruinn as an rib’ a null no nall; ach bha rathad fo chois ’s a cheann-uidhe air thoiseach air ’s an litir ri liubhairt, agus a bhàrr air a sin b’ fhearr leis gu mor am bàs a ghlacadh o aghaidh, a cath, na o chùl, a teicheadh. “Stad!” Thuig Eobhain gu math an t-òrdugh geur, ged nach b’ ann an Gàilig a thàinig e gu ’chluais, ’s cha robh e fada deanamh suas inntinn dé ’n dòigh an gluaiseadh e e-fhéin na chàs. A réir choltais chual’ iad e tighinn fada mu ’n do rainig e iad, is rinn iad deiseil air a shon, oir chaidh a nis tòrr mor de sprùilleach tioram dhe gach seorsa ’chur na theine taobh an rathaid, a fàgail a chuairteachaidh cho soilleir ris an latha. Thug an Gàidheal ma b’ fhior e fhein suas dhaibh gun stri, agus an uair a chunnaic a naimhdean so chuir a chuid bu mhò dhe ’n bhuidheann sios na h-airm is tharruinn iad beagan o chéile air son e liubhairt a chuid airm ’s gach ni eile bh’ aige maille ri shaorsa dh’ an chomanndair bheag a bha gu stàiteil air meadhain an rathaid ga ’fheitheamh. Ga ’chruinneachadh fhein, air chor ’s gu ’n saoileadh e le aotramas gu falbhadh e air iteig, chrom e sios is chuir e na spuir gheura ’san each, a toirt air leum air adhart le leithid de neart ’s gu ’n do chaith e each an ofigich Fhrangaich dh’ an dìg, ’s mar a bheithir, ’s iad a tuiteam le boil roimhe ’s air gach taobh dheth, bha e seachad is aghaidh air a’ champa Phruiseanach. Le iolach, bha iad na dhéigh na ’n cruaidh leum, is dh’ fhairich ar curaidh fead barrachd is aon pheileir a dol seachad air a cheann. O’n bha ’n t-each aige air a chlaoidh roimhe so, bha dithis no triuir de na Frangaich a tarruinn dlùth ’s an dràsda ’s a rithist a losgadh air. Dh’ fhairich e feòil an eich air chrith ri chasan, ’s a leum air adhart le cràdh thuit e air a ghlùin. Le tarruinn chruaidh o’n t-sréin bha ’bhrùid bhochd dhìleas air a chois, ’s le spàirn chaidh e ciad slat eile air adhart far an do thuit e marbh. Is gann a fhuair an Gàidheal saor o’n diollaid an uair a bha na Frangaich gu bhi aige; ach ’san àm chualas fuaim air thoiseach, ’s ag amharc chunnaic Eobhain bàn, ’s a nis i air tòiseachadh ri soilleireachadh, buidhean làidir thrupairean gu bhi aige. Thug na Frangaich mu ’n cuairt, ’s an ath mhionaid bha e air a chuairteachadh le pàirt dhe ’n bhuidhinn ùir, agus càch a ruag nam Frangach. Cha tuigeadh Eobhain an cainnt, ach dh’ aithnich e gu ’m bu Phruiseanaich iad, agus air dha an litir a shealltainn dhaibh, thug fear dhiubh dha each is dh’ fhalbh iad leis le mor urram thun an àrd-chomanndair, a chuir tuilleadh urram air, agus a thug dha ’san dealachadh cuimhneachan luachmhor. An déigh biadh a ghabhail na bu ghrinne na chunnaic e riamh roimhe, chuir Eobhain aghaidh air a chàirdean fhein air rathad ùr, agus each meanmnach Gearmailteach ga ’ghiùlan. Cha robh ’ni fortan na fhàbhar cho math air an turus so. Mar a thuit e ’n lamhan nam Frangach ’s mar fhuair e as, fàgaidh sinn an aithris gu caibideal eile.
(Ri leantuinn.)
[Vol . 12. No. 5. p. 4]
TEOIDHIDH FEOIL RI FINE.
SAN àm a dh’ fhalbh, ma dh’ fhaodte nach robh rian anns an rohh Gaidheil na h-Alba cho comharraichte do choigrich, ’s a bha iad ’n an spèis ’s ’n an dilseachd d’ an Daoine fein; agus air an là diugh, ged tha, am measg iomadh Creidimh ’us Cleachduin a tha ’drughadh a stigh do na Glinn, suaraichead mu’n Daoine air faotainn aite ’n am measg nach b’ aithne d’ an Aithrichean, tha ’n ceum-toisich aca fathast ’s an rathad so air luchd-aiteachaidh Bhreatuinn. Cluinnear gu minic am feart so ’g a mheas mar Chliu dhuinn, no ’g a thilgeadh mar Athais oirnn. Molar ’us cainear sinn air a sgàth. Tha Sean-fhocail a tha ’g a chur an ceill air aon doigh no doigh eile ro lionmhor; ach cha’n ’eil aon Sean-fhocal againn a tha ’g aithris na firinn ’n a lan-fharsuingeachd, oir tha iomadh taobh oirre, agus thug ar n-Aithrichean deagh aire do gach taobh. Tha ’n Cairdeas Gaidhealach ’n a ni tha do-thuigsinn do’n Ghall. Cha ’n ’eil sinne cho ullamh ’s a tha na Goill, ’s cha robh na Sean Daoine cho ullamh ’s a tha sinne, gu Caraid a’ radh ri Fear-eolais. ’S ann fior ainmig a theireadh ar n-Aithrichean Caraid ach ri aon d’ am fuil fein. Ach leanaidh sinne ar Cairdeas-fola moran na’s faide na ni na Goill; agus tha doighean againn air Cairdeas a dheanamh suas, agus tha dleasdanais a’ leantainn an lorg ar Cairdeis, air a’ bheil iadsan tur aineolach.
A rèir nan Sean-fhocal, tha ceathrar dhoighean ann a tha gu h-araid a’ cur an ceill daimh dhaoine d’a cheile, —Co-dhaltas, Cairdeas, Cleamhnas, Coimhearsnachd. B’e cheud cheum ’s a chairdeas Co-dhaltas. Air thoiseach air a’ mhac a rugadh o’n aon bhroinn, thigeadh am mac a dheothail an aon chioch: “Co-dhaltas gu ceud, ’us Cairdeas gu fichead;” “An Co-dhalta nach dearbh àite, ’s mairg a dh’ airich duine riamh;” “ ’S caomh le fear a Charaid, ach ’s e smior a chridhe a Cho-dhalta.” B’e ’n ath cheum clann na h-aon Mhathar. B’e fuil na Mathar a bu tiugha na fuil an Athar: “Is blath anail na Mathar;” Is sleamhuin an laogh a shlìgeas a Mhathair;” Cha ’n abair mi mo Bhrathair, ach ris a’ mhac a rug mo Mhathair.” Mu leanamh air dhroch-càramh theirteadh, “Cha b’ ann an uchd a Mhathar a bha e.” Cha robh fuachd ’us cion tluis na Muime air di-chuimhne; ’s cha robh truas ri ghabhail d’i: “Cha ’n iochd leam cnead mo leas Mhathar.” As deigh clann na h-aon Mhathar, bha ’n Teaghlach, Cairdean a reir an dluths’, ’s an Fhine: “Is miann le triubhas bhi measg aodaich; is miann leam fein bhi measg mo dhaoine;” “Teoidhidh Feoil ri Fine.” Bha Caraid do Charaid air a mheas mar do Charaid fein: “Mur e Bran, ’s e ’Bhrathair.” Cha robh ar n-Aithrichean, a reir coslais, a’ meas Cairdeas-posda ro dhluth. Theirteadh gun teagamh, “Cleamhnas am fogas, ’us Goisteachd am fad;” ach ’n a aghaidh so, tha ’n triuir Shean-fhocal a leanas: “Is fuar comunn an ath Chleamhnais;” “Cha dean mi da Chliamhain do’m aon nighinn;” Is fuar don’ Chleamhna.” Mu na Coimhearsnaich theirteadh: “Is fearr Coimhearsnach am fogas na Brathair fad’ às.”
Is snathainn tri-chaiste an Cairdeas Gaidhealach; agus is dluth a tha e air fhigheadh ann an Eachdraidh ar duthcha. Cha tuig coigrich a neart, agus ma dh’ fhaodte gu bheil a chumhachd thairis air caithe-beatha ar n-Aithrichean do-thuigsinn dhuinn fein. Feudaidh sinn na duail aireamh, ’s an spionnadh fa leth a dhearbhadh; ach cha bhi againn, ’n a dheigh so uile, ach beachd lag, faoin mu neart a’ cheangail a bha eadar ar n-Aithrichean ’s an Daoine. Am measg an Daoine fein, ’s ’n an dachaidh fein, bha iad laidir, misneachail: “Is dàna duine ’n a chuil fein;” “ ’S ard ceann an fheidh ’s a’ chreachann;” “Is dàna cù air òtraich fein;” “Is bean tighe an luchag ’n a tigh fein;” “Is binn gach eun ’n a dhoire fein.” Air an aineol, ’s ’n an aonar, bha iad lag, fann, meata: “Is diomhain gach cas air thìr gun eolas;” “Mar bho mhaoil am buaile choimhich;” “Mar fhear air carn;” “Cha ’n fhiach duine ’n a aonar;” “Is fuar leaba gun choi-leabach.” Agus ma thiunndas sinn o na Sean-fhocail gus na Baird, gheibh sinn a’ chliu cheudna air ar Luchd-duthcha; —àrd-mhisneach an uair tha iad am measg an Daoine, —an-earbsa an uair tha iad sgarte’ uapa:
“Duisg solas an talla nan stuadh,
Thill righ nam buadh le shluagh gu thir,”
chi thu anam a’ Bhaird a’ lasadh ’n a rann; ach thig smal air gnuis Chuchulhin an uair tha fear a dheis-laimh a’ dhith air:
“An d’ fhag thu mi, Fhearghuis bu chorr,
’S an sruth mor so ’tional ri ’m thaobh; “
agus cha nàr le Righ Mhorbheinn na deoir a shileadh aig uaigh Ghuill:
“Leig Fionn a thaice ri giuthas aosd’
A leag a’ ghaoth, aig ceann mhic Morna;
’N a dhuala liath bha dheoir am falach,
A’s ula geal an sranna na sine:
‘ ’S a laoich feara na Feinne,
An d’ fhag thu mise leam fein am aois. ’”
Agus cha ’n ’eil neach a chunnaic, ’n ar latha fein, an sealladh tiamhaidh sin, imrich as a’ Ghaidhealtachd do dhuthaich chein, nach faca iomadh curaidh treun,
“A dh’ fhuiling gailleann nan speur
Air cuan beucach nan geur fhras,”
’s a choinnich, gun taiseachadh, “Bàs ’n a mhile cruth,” a’ fàsgadh nan dorn, ri caoineadh, ’s ri bas-bhualadh, an uair a bha e ’gabhail a chead deireannach d’a Dhaoine ’s d’a Dhachaidh.
Co bhuaithe tha ’m feart no ’n fhailinn so ’n ar Luchd-duthcha ag eirigh? A’ bheil an speis d’ an Daoine, an earbsa asda, ’s an dilseachd dhoibh, a’ ruith ’s an fhuil, mar rian a bhuineas do na Gaidheil mar Shluagh; no ’n rian e a gheibhear, ann an tomhas neo-chumanta, fior mu Ghaidheil na h-Alba a mhain? Cha ’n ’eil mi smuaineachadh gu’n dearbh Eachdraidh an t-Saoghail gur rian so, air son a’ bheil na Gaidheal comharraichte mar Chinneadh; ged tha e comasach gu leoir gu’m biodh a leithid de rian a’ ruith ’s an fhuil. Gheibhear gun teagamh cuid de theaghlaichean gach Cinneadh a nochdas a’ bhuaidh so os cionn cuid eile, agus feudaidh e bhith os cionn cuid de theaghlaichean a’ Ghaidheil; air chor ’s nach gabh e dearbhadh gu bheil sinn mar Shluagh dealaichte o Chinnich eile anns an rathad so. Ann an tomhas tha gradh d’a Dhaoine ’s d’a Chairdean nadurra do’n duine. Am measg nan Creutairean chi sinn gradh agus iochd d’an Sliochd ’s d’ am Parantan, a naraicheadh moran d’ ar luchd-eolais, air a nochdadh. “Ma’s geal, ma’s dubh, no ma’s donn, is toigh leis a’ ghabhar a meann.” Ach, am measg nan Creutairean, saoilidh mi nach leanar an Cairdeas a bheag ’n as faide na bho Pharantan gu cloinn. Mu na Creutairean tha e gu sonruichte fior, gu’n teid Eolas thar a’ Chairdeis. ’N a oige ’s ’n a aois tha ’n duine na’s feumaile air cuideachadh na creutair sam bith; rè a bheatha tha ’shonas ’s a thruaighe na’s mo an crochadh r’a Cho-chreutairean; agus a thuilleadh air so, do bhrigh ’s gu bheil inntinn na’s farsuinge, tha ’bheachd mu ’dhleasdanas dhoibhsan a bhuineas d’a a’ sgaoileadh a mach na’s leatha ’s na’s faide. Tha mi meas gu bheil cumhachd Naduir a’ stad an so. Ach far a’ bheil Nadur a’ stad, tha Eachdruidh ’us Cleachduin a’ toiseachadh; agus anns a’ cheum so, feudar da-rireamh “dara nadur” a’ radh riu, —seadh dara nadur a chithear iomadh uair na’s treise na ’cheud nadur. Agus is coir a chuimhneachadh an uair a tha Cleachduin a’ gleidheadh a h-aite ré mhorain ghinealach am measg sluaigh, gu bheil brigh na Cleachduin a’ faighinn greim ’s an nadur no ’s an fhuil; ’s gu’m feudar le firinn a’ radh, gu bheil a Chleachduin nadurra do’n t-sluagh. Cha saoil mi gu’n ruigear a leas dol a rannsachadh air son rian sam bith ’s an fhuil Ghaidhealaich o thus, a chum an speis neo-chumanta a tha Gaidheil na h-Alba a’ nochdadh d’ an Daoine fein a thuigsinn. Tha cor naa Gaidheal ’s an Rioghachd o chionn ochd ceud bliadhna lan-chomasach air a’ bhuaidh so ’n ar Luchd-duthcha a mhineachadh dhuinn.
O linn Chaluim a’ Chinn Mhoir feudar a’ radh gu bheil an cumhachd Gaidhealach a’ dol an laigead an Albainn. Iomadh bliadhna roimhe sin, bha moran de’n chuid a bu toraiche de’n fhearann an lamhan nan Gall; agus cha b’ iadsan riabh a leigeadh às d’an deoin ni air am faigheadh iad greim. Ri linn Chaluim ghlac Coigrich leis an laimh laidir Rioghachd Shasuinn; agus bha ’n t-oighre dligheach ’n a fhogarrach. Phos Calum a’ Chinn Mhoir Mairiread piuthar oighre Shasuinn, agus lean moran de uaislean Shasuinn a Bhan-righ do Albainn. Thug iad Canain ’us Creidimh ’us Cleachduin an duthcha fein leo d’ an dachaidh ùir. Cha robh tuilleadh ach beag meas air Canain ’us Creidimh nan Gaidheal aig cuirt an Righ. Chaidh mar so a’ Chrioch Ghaidhealach atharrachadh na b’ fhaide Tuath ’s an Iar; agus riamh o’n latha sin, uigh air uigh, ’s ann a’ dol a’ Tuath ’s an Iar a tha i, ’s a reir coltais a bhitheas i, gus an ruig i ’n Cuan. Bha na Goill seolta, misneachail, treun; agus o’n àm so, bha cothrom an là aca. Chunnacas uair ’us uair bhuaithe sin iad fein ’s na Gaidheil guala ri guala, air iomadh àr-fhaich, a’ seasamh còir Albainn an aghaidh ain-thighearnais Shasuinn, ’us còir Bhreatainn an aghaidh ain-tighearnais na Frainge; ach cha ’n eil teagamh nach eil, o’n àm ud, an dà shluagh buailteach do bhi ’g amharc le suil chlaon, amhurusach air cach a cheile, agus nach faodadh na Gaidheil iomadh uair le reusan a radh, “Is fuar gaoith nan Coimheach.”
Ach an uair a bha mar so aobhar cumhachdach o’n leth a muigh aig na Gaidheil air son a bhi seasamh a cheile mar Chinneadh; dh’ eirich aobhar moran na bu chumhachdaiche ’n am measg fein air son a bhi seasamh a cheile mar Fhine. Sheachnadh na h-uaislean Gaidhealach cuirt an Righ; ach cha seachnadh iad cuid an Coimhearsnaich. ’N an Glinn iomallach cha ruigeadh Lagh orra; agus thainig gach Ceann-Cinnidh gu bhi ’n a Lagh dha fein ’s d’a luchd-leanmhuinn. Cha b’e Ceart ach Neart aig an robh an lamh-an-uachdar. An uair a b’e Comhairlean nach bu toigh leo, air an toirt seachad an Canain a bu bheag orra, a bha riaghladh na Rioghachd, sguir na h-uaislean Gaidhealach a thathaich na Cuirt cho tric ’s a bu choir dhoibh; agus cha b’ fheairrde iad fein, an Daoine, no ’n Duthaich an dearmad so. Dh’ fhas gach aon ’n a Righ thairis air na bheireadh umhlachd dha. Gun teagamh cheangail an Caithe-beatha so an Ceann-Cinnidh ’s an Fhine r’a cheile; agus thug e brigh d’ ar Sean-fhocail nach tuigear an àite eile. “Teoidhidh Feoil ri Fine;” “Is fada cobhair o mhnaoi ’s a muinntir an Eirinn;” “Is fada ’n eigh a Loch-A, agus cobhair o Chlann O’ Duibhne; “Cha do threig Fionn riamh caraid a laimh dheis.” Creididh mi nach robh am modh-riaghlaidh so air a chleachdadh an àite eile air doigh a b’ usa ghiulan na bha e ’s a Ghaidhealtachd; agus tha mi dearbhta gu bheil gus an là diugh iomadh deadh bheus cumanta ’n ar measg, a tha sruthadh o’n
[Vol . 12. No. 5. p. 5]
cheangal dhluth à bha eadar an Ceann-Cinnidh ’s a Dhaoine, ’san àm a dh’ fhalbh; ach ’s mor m’eagal gu bheil iomadh rian nach leir do’n t-suil, aig a’ bheil aite domhain, bunaiteach ’n ar Nadur a dh’ fheudtadh a’ lorgachadh gu riaghladh nan Ceann-Cinnidh; riaghladh a tha freagarrach air son cloinne, ach d’ a’ bheil e suarach do Dhaoine Saor geilleadh; riaghladh nach do ghleidh àite fada an tìr sam bith gun a thoradh amhuidh fhagail ’n a dheigh; riaghladh a sheas ceudan bliadhna tuilleadh is fada an Gaidhealtachd na h-Alba, ’s a chuidich na Gaidheil fhagail iomadh ginealach air deireadh air Cinnich eile nach ’eil na’s airde buaidhean na iad fein.
Cha ’n ’eil teagamh nach do chuidich gnè na Tìre, ’us caithe-beatha an t-Sluaigh an ceangal eadar na Sean Daoine anns a’ Ghaidhealtachd a theannachadh. Tha e air aideachadh air gach laimh gu’n do chuidich greadhnachas an Tire—na Beanntan arda, na Glinn uaigneach, na Coilltean dosrach, ’s an Linne bhruailleineach—ardachadh-inntinn a ghintinn am measg an t-sluaigh, a dhearbhas air smuain ’s ar canain gus an là duigh. Ach cha b’ ann mar Bhana-mhaighstir-sgoil a dh’ amhairceadh air n-Aithrichean mar bu trice air am Beanntan, an Glinn, ’s an Lochan; cha b’ ann, ach mar dhuilean aig an robh gun teagamh buaidh laidir thairis air an Smuain ’s air an Creidimh, ach gu h-araid a bha ’g an ceangal dluth ri cheile mar Choimhearsnaich. Bha luchd-aiteachaidh nan Gleann ’s nan Eilean sgarte’ o’n t-Saoghal mu’n cuaìrt doibh; agus do bhrigh sin bha gach baile ’n a shaoghal dha fein. Agus bha bochdainn na Tire a’ cuideachadh an ceangal eadar na Sean-daoine a neartachadh. A chum lòn a sholar d’an teaghlaichean b’ eigin comuinn a dheanamh suas, agus cunnairt a ruith nach tuigear gu ro mhaith an diugh. Agus tha fios againn uile gur e co-chomunn ann an cunnart an gad is righne ’s an Eolas. “Is toigh leinn, ’s an àm ri teachd, a bhi deanamh luaidh air na cunnairt a ruith sinn comhla’” arsa ’m Bard Romanach. Agus cha ’n fhaighear ’n ar latha-ne Companaich cho dluth ri Saighdearan ’us Seoladairean.
Bha mar so iomadh ni an Eachdraidh nan Gaidheal an Albainn a bha ’cuideachadh firinn an t-Sean fhocail a neartachadh. Cha ’n ’eil teagamh nach robh agus nach ’eil cumhachd mor aig an fhaireachduin thairis air ar Caithe-beatha, —anns a mhor chuid, gun amharus, air son maith. Ach cha ’n ’eil teagasg an t-sean-fhocail an comhnuidh a chum fior leas an t-sluaigh. Is cliuiteach an teisteanas air Sluagh gu bheil iad gaolach mu’n Daoine fein; ach ’s iomadh ni cliuiteach ann fein, a ghabhas a bhi air oibreachadh gu aimhleas an aite leas sluaigh. ’Se mo bharail gu’n do thachair so, ann an tomhas, ’s a Ghaidhealtachd mu thimchioll firinn an t-Sean-fhocail so. Cha d’ fhuirich sinn air ar n-each mor, —chaidh sinn thairis air. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil Cuingeachd-inntinn, Leth-bhreith, is Claon-bhaigh a’ leantainn an lorg an teagaisg, an uair a bheir thu leithid do gheill dha, ’s gu ’n seas thu do charaid—an coir no ’n eu-coir. A thuilleadh air so, ma chumas an ceangal r’ar Daoine sinn an comhnuidh f’an comhair, tha a’ bhuaidh cronail dhuinn. Chunnaic mi o cheann beagan bhliadhnachan aig aiseag leth-oireach mu Thuath, dà sheana ghille nach rachadh tri mile o’n dachaidh air eagal ’s gu’m basaicheadh an athair mu’n tilleadh iad. Cha robh an t-athair na bu tinne na bha e ré dheich bliadhna roimhe sin. Is caomh, blath an spiorad so; ach cha d’ ardaich a leithid so de spiorad cliu sluaigh, agus cha’n ardaich. Bha na gillean ud gun teagamh ni bu treise gairdean na Nelson; ach cha bu mhor a b’ fheairrde an saoghal sin, agus cha bu mhor, ma dh’ fhaodte, a b’ fheairrde an athair e. Saoilidh mi gu’m bu choir dhuinn air uairean a chuimhneachadh gu’m feud amannan a bhi ann am beatha an duine an uair is e ’dhleasdanas leigeadh “leis na mairbh am mairbh fein adhlacadh.”
Ach ged tha e comasach dhuinn cuid de dhoighoan fhaotainn a mach anns am feud ro-speis d’ar Daoine a bhi ’n aghaidh ar leas saoghalta, gu sonruichte ann an duthaich iomallach, neo-thorach mar tha ’Ghaidhealtachd; cha ’n ’eil na doighean so ach beag, faoin ann an coimeas ri neart na buaidh air son ar fior leas anns gach àm, agus ann an coimeas ris a’ chiiu a choisinn a’ bhuaidh dhuinn ’s an àm a dh’ fhalbh. ’S ann o’n bhuaidh, ann an tomhas mor, a tha ’g eirigh ar n-uaill ’n ar Sinnsearachd; agus a dh’ aindeoin gach caineadh a ni a’ Chleir air uaill, tha mi meas gu bheil an dlu-cheangal ris a’ bhuaidh so na Cleachduinean is cliuitiche a bhuineas duinn. Cha ’n ’eil neach a leugh a bheag de Eachdraidh nan Daoine a b’ urramaiche d’ ar Cinneadh, mar bha Daibhidh Mac-a- Leighe, nach faca an cumhachd a bh’ aig Eisimpleir mhaith an Aithrichean thairis air an deanadas. Cha ’n ’e suil an t-Saighdeir a mhain a lasas an uair a chluinneas e an earail: “Cuimhnich air na Daoine o’n d’ thainig thu.” Bhiodh e duilich, am measg gach cothrom a th’ againne air son ar crannchur ’s an t-saoghal ardachadh, a choisinn gleustachd agus seirc ar n-Aithrichean dhuinn, na ’n cailleamaid sealladh air an aon bhuaidh is luachmhoire, ma dh’ fhaodte, a thiodhlaic iad dhuinn, —Meas, agus Speis, agus Dilseachd d’ ar Daoine fein. Tha suaraichead mu’n Daoine, marbh ’us beo, agus mu’n Dachaidh a’ faighinn greim na’s dainge air Inntinnean nan Og an Albainn bho là gu là; agus feudaidh e bhith nach ’eil a’ Ghaidhealtachd air leth air a chorr de’n Rioghachd anns a’ cheum so. Is duilich mur ’eil. ’S e mo bheachd gu’m biodh spèis ar n-Aithrichean d’ an Daoine ’n a phris ro-dhaor ri phaigheadh air son gach sochair nach ’eil aca ’cheana a ghuidheamaid d’ ar Luchd-duthcha.
D. M‘K.
ISEABAIL NIC-SHIMIDH.
(Wilson’s Tales of the Borders. )
Chaidh an sgeul a leanas innse dhomh ’s mi air chuairt ann an siorrachd Dhumfries, ’sa bhliadhna 1827, leis an t-seana bhean chòir mu’m bheil i air a h-aithris. Rinn an sgeul drùghadh mor orm aig an àm agus feuchaidh mi nise ri innse mar a dh’ innis i-fein dhòmhs’ e. Ach o nach eil cinnt agam nach eil i fhathast beò atharraichidh mi ’n t-ainm, ged thug i làn chead dhomh an sgeul a sgriobhadh na’m faicinn fein iomchuidh. Bheir mi iomradh oirre air an aobhar sin, fo’n ainm Iseabail Nic-Shimidh.
Bha m’ athair, ars’ ise, air a dheagh dhòigh anns an t-saoghal. Bha fearann aige a’ criochnachadh air an abhainn Nith, eadar Dumfries agus Sanquhar. Bha e-fein ’s an t-uachdaran na’n companaich o’n bha iad na ’m balaich bheaga, agus b’ fheaird esan sin agus rinn e dòrlach math airgid. Bha e car mor as a chuid beartais, ach ged a bha fhéin, bha e na ’athair caoibhneil. Bu bhean á measg deich mile mo mhàthair—dh’ fhaodadh sibh deich sgìreachdan a shiubhal gun a leithid eil’ fhaighinn—dh’ aidicheadh m’ athair sin; agus bu chòir dha fios a bhi aige, oir bha i na mnaoi aige deich bliadhna fichead. Cha’n fhaca mi riamh o’n la a rugadh mi bean bu chiùine ’s a b’ fhearr nàdar; agus gun bhi ’n dòigh air bith spìocach, bha i cho gniomhach ’s cho gléidhteach ’s a bha i deagh-nàdarach. Agus cuide ri sin uile bha i anabarrach bòidheach. Cha robh de chloinn aca beò ach aon bhràthair a bha na bu shine na nise agus mì-fhein, agus bha sinn air an aobhar sin gle mheasail aig ar pàrantan, ’s gu h-àraidh aig ar màthair. Bha daoine creidsinn gu’n tigeadh fortan na m’ chois-sa dh’ ionnsuidh an fhir a gheibheadh mi; agus air dhomh fàs suas gu aois pòsaidh bha grunn de ghillean òga a’ gabhail orra bhi gle mheasail orm; ach air mo shonsa dheth cha robh meas sam bith agam air gin dhiu ach a h-aon, agus b’e sin Pàdruig Mac-Shimidh. Bha e na ’ghille car nàrach, agus cha b’ ann uaithe fein a bha fios agam gu robh gaol aig orm; ach bhiodh na h-eòlaich ga thilgeadh orm, agus ag radh, “Iseabail, mur gabh thu truas ri Padruig Mac-Shimidh, ni an gille bochd cron air fhein. Tha e gu bhi glan as a rian mu do dheidhinn.”
“Sguiribh dhe’r cuid magaireachd,” arsa mise,— “cha’n eil curam sam bith dha. Cha do bhruidhinn a cheart ghille riumsa riamh.”
Agus cinnteach gu leòr bha sin fior, cha do labhair e riamh rium. Ach bhithinn a’ toirt fa-near cho saidealta ’s a bhiodh e nuair a thachramaid ri cheile, mar a shealladh e air fhiaradh orm ’s a chuireadh e car na cheann mar gu’m biodh e air-son amharc taobh eile, agus tha cuimhn’ agam gu robh m’ inntinn-sa ’sa cheart suidheachadh; agus sin uile a chionn na h-eòlaich a bhi ga ’thilgeadh orm. Agus anns an eaglais air an t-Sàbaid, bu tric a thug mi ’n aire dha agus sùil aig orm; agus nuair a thuigeadh e gu robh mi ga ’fhaicinn thogadh e ’shùil dhiom ’s dh’ fhàsadh ’aodann cho dearg ris a mhorocco a bha cuibhrigeadh Biobuill an uachdarain.
Bha athair Phàdruig na thuathanach mar bha m’ athair fhein, agus bha sinn co-ionann ’san dòigh sin; ach bha esan a’ cur roimhe bhi na shaor-mhuilnean, agus bha e ’g ionnsachadh na ceairde sin ann an Dumfries. Aon latha bha sin, bha mise ’sa bhaile a’ deanamh beagan ceannachd do m’ mhàthair; ach dìreach nuair bha mi ullamh, thòisich stoirm uamhasach; shil an t-uisge na ’dheàrrsaich—cha’n fhaca mise leithid de thuil riamh. Cha robh na fasgadain ach gann ri ’m faicinn ’san àm ud, agus cha bu duine ’sa choig ceud aig an robh aon. Cha robh luchd-eòlais agamsa ’sa bhaile, agus b’ fheudar dhomh feitheamh ’sa bhùth ’san robh mi ’ceannachd. Ach dh’ fheith mi o cheithir uairean feasgar gu ochd uairean a dh’ oidhche, agus bha’n t-uisge cho trom ’sa bha e riamh—cha robh choltas air gu’n stadadh e idir. Bha e nise fàs dorcha, bha ’n t-eagal orm a dhol dhachaidh leam fhein ’san oidhche, agus chunnaic mi nach robh e chum feum sam bith dhomh feitheamh na b’ fhaide—mar sin dh’ fhàg mi a bhùth; ach mu’n deacha mi tri slatan o’n dorus co bhuail annam, ’s a cheann crom a’ dol an aghaidh na stoirme, ach Pàdruig Mac-Shimidh!
“O, gabh mo leisgeul, Iseabail,” ars’ esan, nuair a chunnaic e có bh’ ann.
“Cha leig thu leas do leisgeul a ghabhail,” arsa mise, “cha d’ rinn thu cron sam bith.”
“Cha’n eil agad ri dhol dhachaidh a leithid so de dh’ oidhche?” ars’ esan.
“Gu dearbh, ’s ann agam a tha,” arsa mise.
“Ma ta,” ars’ esan, “ma theid thu stigh dh’ an bhùth ’s ma dh’ fheitheas tu mionaid no dha gheibh mise iasad fasgadain.”
Smaointich mi gu robh e fuasach caoibhneil dha sin a dheanamh, agus chaidh e air ais do’n bhùth. Cha robh e air falbh ach mionaid no dha nuair a thainig e air ais na ruith ’s am fasgadan aige na laimh. Chaidh mi dh’ ionnsuidh an doruis cho luath ’s a chunnaic mi e, agus thog esan am fasgadan as mo chionn agus shin e ghàirdein dhomh. Cha ’n urrainn dhomh m’ fhaireachduinean aig an àm sin a chur an géill. Chaidh an t-uisge ’s gach ni eile as mo chuimhne, agus ’s ann
[Vol . 12. No. 5. p. 6]
tha ioghnadh orm nach do thuit an t-achlasan bathair a cheannaich mi do m’ mhàthair air an làr. Ach rinn mi greim air ghàirdean air agus choisich sinn air falbh—agus eadar mi-fhin ’s thu fhein bha mi toilichte e bhi còmhla rium air-son aobhar no dha.
Cha do shaoil leam riamh roimhe gu robh fasgadan na ni cho fior chomhartail. Chum e ar cinn cho tioram ’s ged bhiodh a ghrian a’ dearrsadh oirnn. Air an làr cha robh ’n t-side cho fior mhath, oir bha ’n t-uisge ’ruith na uillt tarsuinn an rathad, agus bha agamsa an caochladh àiteachan ri dhol fodha dh’ ionnsuidh nan glùinean an uisge ’s am poll no leigeil le Pàdruig mo thogail na uchd ’s mo ghiùlain thairis; rud a rinn e, ged bha strì gu leòr na m’ inntinnsa mu’n do leig mi leis a dheanamh.
Ach rainig mi dhachaidh, agus bha Pàdruig cho diùid ’s gu’n do shin e làmh dhomh a ghabhail beannachd leam gun uiread ’s a dhol a stigh còmhla rium.
“O,” arsa mise, “cha’n fhaod thu falbh mar sin—nuair a chluinneas mo mhàthair cho caoibhneil ’s a bha thu, na’m biodh fhios aice gu’n do leig mi leat tilleadh air falbh aig an dorus gun chuireadh a’ thoirt dhut tighinn a stigh, bhiodh i gle dhiombach dhiom.”
Thug mi air mar sin a dhol a stigh còmhla rium, agus nuair a dh’ innis mi do m’ mhàthair cho furachail ’s a bha e orm, agus mar a ghabh e ’m fasgadan an iasad air mo shon, ’s a thainig e h-uile ceum dhe’n rathad dhachaidh leam, cha robh fhios aice ciod a theireadh no dheanadh i. Cha robh ni fo dhruim an taighe tuilleadh is math air a shon. Thog i air a chòta, ’s a bhrògan ’s a stocainnean a chur dheth, agus thug i dha aodach is caiseart tioram le m’ bhràthair gus e ga’n cur uime. Tha cuimhn’ agam nach robh m’ athair aig an tigh—ma’s math mo bheachd bha e ’n Dunéideann aig an àm. Cha’n fhòghnadh le m’ mhàthair ach Pàdruig a dh’ fhuireach ri shuipeir; rinn e sin, agus thòisich e ri gabhail misnich ’s ri faighinn feuma d’a theanga. Chuireadh an t-suipeir air a’ bhòrd, agus ghabh e deagh bhiadh, agus bu mhise bha toilichte sin fhaicinn.
Dìreach nuair bha e air a chasan gu falbh, thionndaidh mo mhàthair a cùlaobh car tacain, agua ars’ esan riumsa ’s e cur na h-aide mu’n cuairt na ’laimh— “Slàn leat, Iseabail—cuin a dh’ fhaodas mi tighinn a rithist?”
“Ud, bi samhach!” arsa mise, gun bhi toirt fa-near gu dé bha mi ’g radh, agus gun mi smaoineachadh air bacail dha tighinn a rithist. Chrom esan a cheann, agus le osna dh’ fhalbh e gun uiread is aon fhacal eile a radh. Ach thainig oidhch’ an deigh oidhche, agus seachduin an deigh seachduin gun mise dh’ fhaicinn sealladh de Phàdruig Mac-Shimidh; cha robh de mhisnich aige na thigeadh a rithist, ged nach robh toil sam bith agamsa a chumail air falbh nuair a thuirt mi ris a bhi sàmhach.
Mu thri miosan an deigh so bha mo mhàthair air a grad bhualadh le tinneas agus thugadh air falbh i. Ni bha nàdara gu leòir, bha mise air mo chur na h-àite a chumail an taighe. Nise, bha muileann-gaoithe againn air an àite, agus bha rudeigin cearr oirre, agus bha saoir-mhuilnean ri tighinn as a bhaile ga ’cur ceart, agus fhad ’s a bhiodh iad ris an obair bhiodh aca ri ’m biadh a ghabhail ’san tigh. Bha mise ’n dóchas gu’m biodh Pàdruig air aon dhiu, agus cinnteach gu leòr bha e sin. Chuir sinn mar sin eòlas air càch a cheile rithist. A lion beagan is beagan leig Pàdruig dheth a bhi cho fior dhiùid ’s a bha e, agus fad bliadhna gu leith cha chreid mi gu robh da oidhche ’san t-seachduin nach d’ thàinig e ga m’ choimhead. Bha sinn gle shona le cheile. Bha meas aigesan ormsa, agus bha meas agamsa airsan. Ach chuir ’athair e do’n àirde deas fad bliadhna no dha gu dithis dhaoine mora ris an canadh iad Mr. Bolton agus Mr. Watt, air-son gu’m biodh a cheaird aige gu math ’s gu ro-mhath mu’n tòisicheadh e air a laimh fein. Ach mo chreach! ge b’e dé na fhuair e dh’ ionnsachadh mu chuibhlichean ’s mu mhuilnean ’s mu innealan, fhuair e ionnsachadh gu leòr an am mi-bheus ’s an droch-bheairt.
An uair a bha Pàdruig ’san àirde deas, phòs m’ athair an dara bean, rud a bha mise smaoineachadh nach robh toirt urram ceart do chuimhne mo mhàthar, agus chuir e dorran mor orm. B’ ann dh’ am fhior aindeoin a thug mi seachad iuchraichean an taighe do bhana-choigrich nach robh moran na bu shine na mi-fein, agus a leig mi leatha m’ àite ghabhail mar bhean-an-taighe. Cha robh toil agam a bhi fo a riaghladh idir, ach thuirt m’ athair gu feumainn a bhi ann air-neo an tigh fhàgail—agus gu dé b’ urrainn dhòmhsa dheanamh. Ach bha fadachd mhor orm ri tilleadh Phàdruig, ged nach biodh ann ach gu’m biodh agam tigh dhomh fhein far am faodainn deanamh mar a thograinn gun bhi cànran ri té eile.
Ach thainig Pàdruig mu dheireadh dhachaidh, agus ma thainig, bu mhor an t-atharrachadh a bh’ air tighinn air, agus cha b’ ann chum an fheobhais. Bha e moran na bu spaideile na bha e mu’n d’ fhalbh e, agus cha’n eil fhios agam cait àn d’ fhàg e dhiùideachd; ach cha do lean dad dheth ris a’ tighinn dhachaidh. Bha a chainnt air a h-atharrachadh gu mor, agus rud a chuir mulad agus oillt orm bha e làn de ghriosad ’s de mhionnan! —agus e mar nach biodh e ’toirt fa-near ciod a bha e ’g radh. Agus tha mi-fhein a’ smaoineachadh nach eil ni ann a dh’ fhàgas duine cho truaillidh ’s cho beag diù ris a chleachdadh pheacach, gun tùr sin. Tha e na’s suaraiche na’n drongaireachd. Cha’n aithne dhomh ni cho fior olc ris. Ach feumaidh mi so a radh air a shon, nach robh choltas air gu ’n d’ fhuaraich a ghràdh dhòmhsa ann an dòigh sam bith; agus chuir mi romham, cho luath ’s a bhitheamaid pòsda, gu’n toirinn air na droch cleachdaidhean a dh’ ionnsuich e a leigeil seachad.
Ach bu mhor mo mhulad is m’ ioghnadh nuair thug mi iomradh air a’ phòsadh ri m’ athair. Bu cho math dhut greim a dheanamh air ceann nathrach is feuchainn ri thoirt gu aontachadh. Bha e calg-dhìreach na ’aghaidh.
“Cha’n fhaigh, cha’n fhaigh,” ars’ esan; “cha’n fhaigh thu m’ aontasa gu bràth. Na ’n leiginn leat an spalpair gun ghràs ud a phòsadh rachadh e troi ’n mhile punnd a tha thu gus fhaotainn mar thochradh, agus bhristeadh e do chridhe cuideachd, mu’n ruitheadh da mhios dheug.” Cha robh feum sam bith ann a bhi ’caoineadh fa chomhair ’s a’ feuchainn ri reusonachadh ris. Bu cho math dhomh mo dheòir a shileadh air a chloich-mhuilinn iochdaraich an dùil ri ’taiseachadh. Ach bhòidich Pàdruig gu robh esan coma co-dhiù dhe m’ athair ’s dhe’n tochradh—bu mhise bha e ’g iarraidh, agus mise bhiodh aige. A dheanamh sgeul goirid dheth, nuair a fhuair sinn nach robh math a bhi strì ri m’ athair, ’s nach toireadh e ’aonta dhuinn air chor sam bith, bhriag Pàdruig mise gu teicheadh leis. Bha mo chogais ag innse dhomh nach robh mi deanamh ni ceart, agus gu’m biodh aithreachas orm air a shon. Ach a reir a chòrdaidh a rinn sinn thainig Pàdruig gu uinneag mo sheòmar agus an deigh beagan dàil a dheanamh dh’ fhosgail mis’ i agus chuir e suas fàradh rithe, am fàradh bu neònaiche chunnaic mi riamh—air a dheanamh air ròpan beaga air an ceangal eadar da mhaide. An deigh dhòmhsa a cheangal ris an uinneig dhìrich Pàdruig a nuas air agus ghiùlain e sios mise ’s bha sinn air an làr ann an tiotadh.
Bha aon de sheirbhisich ’athair a’ feitheamh astar beag o’n tigh, an ceann eich air an robh diollaid a chumadh dithis. Chaidh mis air cùlaobh Phàdruig, agus mharcaich sinn air falbh cho luath ’s a dheanadh casan an eich e. An latha sin fhein phòs sinn. Chuala mi nach d’ thug m’ athair, nuair a dh’ innseadh dha ’sa maduinn gu’n do theich mi, iomradh sam bith air cur as mo dheigh, ach gu’n do chrath e cheann gu muladach, ag radh, “A’ chaileag bhochd! mur seall i roimhpe seallaidh i na ’deigh. Bheir am bròn gu faireachadh i, agus chi i ’n latha ’sam buidhe leatha tilleadh dh’ ionnsuidh an taighe ris ’n do chuir i cùl ’san dòigh so. Ach thigeadh i nuair is àill leatha, air sgàth a màthar nach maireann, gheibh i an so dachaidh.”
Thuirt e so nuair nach robh a bhean ga éisdeachd. Bha mi riamh a’ creidsinn gu robh tomhas de’n fhàidheadaireachd ann am briathran phàrantan, gu h-àraidh nuair a labhras iad mu eas-umhlachd cloinne; agus na m’ chàs fhein fhuair mi gu’n d’ thàinig moran dhe na thuirt m’ athair aig an àm ud gu crìch.
Bha Padruig, co-dhiù, a’ deanamh gnothuich air a laimh fein, agus thòisich sinn gun dàil ri cumail taighe. Bha obair gu math pailt aig an àm; bha na muilnean-bualaidh a’ fas cumanta, ged bha moran de mhuinntir ghòrach a’ togail an guth gu làidir na’n aghaidh. Bha Pàdruig, a thaobh a bhi cho eòlach air Mr. Bolton ’s air Mr. Watt, a faighinn roinn mhath dhe’n obair agus da bhliadhna ’n dheigh dha tòiseachadh air a laimh fein bha coig saoir dheug aige a bharrachd air àireamh a bha ’g ionnsachadh. Bha Pàdruig na dhuine tapaidh, agus bha ’n aon sgeul aig na h-uile d’a thaobh, gu robh e deanadach, adhartach. Chaidh ceithir bliadhna seachad oirnn, agus fad nan ceithir bliadhna sin tha mi creidsinn nach robh bean bu shona na mi-fhein ri faotainn air fad no air leud an t-saoghail. Bha da phàisde òg againn, gille agus nighean. Bha mi air Pàdruig a bhristeadh cho math de na droch cleachdaidhean a dh’ ionnsaich e ’san àirde deas ’s nach tigeadh mionnan as uair sam bith ach nuair bhiodh fior dhroch fhearg air; agus ged bha sin a tachairt na bu trice na bu mhiann leamsa—oir bha nàdar gle chorrach aige—cha b’ fhada mhaireadh e, agus bhiodh e daonnan duilich na ’dheigh. Chuala m’ athair uiread mu ’dheagh ghiùlain ’s mu thapachd, agus mu cho caoibhneil ’s a bha e riumsa ’s ris a chloìnn ’s gu’n d’ thàinig e aon latha choimhead oirnn, agus an deigh dha a leisgeul fhein a ghabhail air-son a bhi feargach ruinn mu ar pòsadh, chàirich e mo thochradh-sa, mile punnd airgid, sios air a bhòrd dhuinn.
Mhair an sonas ’s an toileachas-inntinn sin ma ta ceithir bliadhna ’s còrr, ach cha do mhair e gu deireadh na coigeamh bliadhna. Bha obair aig Pàdruig an àit-eigin faisg air Durham nach biodh ullamh gu ceann bliadhna. Bha na saoir uile ach fear no dha aig an obair sin, agus Pàdruig fhein air an ceann. Cha robh e ri tighinn dhachaidh ach uair ’sa mhios; agus a’ cheud da mhios a bha e air falbh bha e gle chuimhneach air sgriobhadh na h-uile seachduin, agus thàinig e ga rn’ choimhead fhein ’s na cloinne tri uairean. Ach air an naodhamh seachduin cha d’ thàinig litir idir, no air aon de na tri seachduinean an deigh sin. B’ ann air an treas seachduin deug a fhuair mi an ath litir. Cha robh innte ach tri no ceithir de sreathan uile gu leir, agus cha robh a bhriathran idir cho caoibhneil no cho gràdhach ’s a bha iad anns na litrichean eile. Cha d’ thug e iomradh air ni ach gu robh e slàn, ’s gu robh e ’n dòchas gu’m bithinn caomhnach air gach ni fhad ’s a bhiodh esan air falbh, agus nach b’ urrainn dha a ràdh cuin a bhiodh na ’chomas tigh’nn g’ ar coimhead a rithist. Cha mhor nach do chaill mi mo mhothachadh—leugh mi an litir a rithist agus a rithist, agus mar a leugh mi shil na deòir gu frasach le mo ghruaidhean. “Gu dé air an t-saoghal mhor,” arsa mise rium fhein, “a thàinig air Padruig?”
(Ri leantuinn.)
[Vol . 12. No. 5. p. 7]
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
CHAIDH GRUAIM NAN SIANNTAN A CHADAL.
LE UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE.
Chaidh gruaim nan sianntan a chadal,
’S tha fèath air talamh ’s air cuan,
’S chaisg gaoth fhuaraidh na gaillinn
Gu sìth a h-anail o thuath.
Tha neoil shoilleir na h-iarmailt
A sgaoileadh cian air an cuairt,
’S a pògadh gathan na gréine
’Chuir blàths a chéitein a nuas.
Thainig fosgladh nam blàithean,
’S tha lusan àillidh nan raon
Ag éideadh dìthreabh nam beann
Is sraithean ghleann air gach taobh.
Tha bheo chruitheachd na ’maise,
’S buair air faichean le ’n laoigh,
’S gach tulach uain’ air a chòmhdach
Le breachnaich neoinein fo bhraon.
Rugadh Uilleam Mac-a- Leith, no Mac-Dhunléibhe mar theireadh e ris fein, ann an eilein Ile an 1808. Chaochail e an 1870. Bha moran de dh-ionnsachadh ’s de dh-fhiosrachadh aige. ’S e bàrd fior chomasach a bha ann.
MARBHRANN DO SHIR IAIN MAC-GRIOGAIR.
LE GILLEASBUIG CAIMBEUL.
’S ann air Diciadaoin thain’ an sgeul
A dh’ fhàg na ceudan cianail;
An t-aon là deug de mhios a chéitein
Dh’ eug am fear bu mhiann leinn.
Bha tuireadh bròin air aois is oig’
A ghabh gne eolais riamh ort.
Bhon dhùin am bàs do chaomh-shùil tlàth,
Tha iad gach là fo iargain.
Is ann air Eileinean na h-Oigh’
A fhuair thu còir mar riaghlair,
O Bhan-righ Bhreatuinn le lan deoin
Gu t’ ordagh ’chur an gniomh ann.
Ach ’s gearr an ùin’ a mhair thu beò;
Chnir Righ na glòir’ ga t’ iarraidh,
’S ann aige fein a b’ fhearr bha coir
Air spiorad mor na fialachd.
Is e Sir Iain ’tha mi luaidh,
An gallan uasal fior ghlan.
’S e fath mo bhroin gu ’n d’ fhalbh thu bhuainn
A null thar chuantan fiadhaich.
’S ann air Di-luain chaidh chreubh bha fuar
A chur ’san uaigh le ciadan,
An dùthaich aineoil fada bhuainn
An ciste luaidh’ gu dionach.
Chaidh iomradh air do bhàs an cein
Air fad ’s air leud na Criosdachd.
Gur h-iomadh suil ’bha sileadh dheur
Nuair than’ an sgeul gu ’n d’ chrioch thu;
Do chàirdean fein ’s do chlann gu leir
Ri tuireadh geur ga t’ iargainn;
Is d’ fhior bhean chomuinn agus ghaoil
Gu dubhach, caoineach, cianail.
Bha ciuchran truagh am measg do thuath’
Mar uain an deidh an dioladh;
Na deoir a tuiteam sios le ’n gruaidh
Is osnaich chruaidh ga ’m pianadh.
On than’ an sgeul thu bhi ’san uaigh,
’S nach d’ fhuair iad thu ri thiodhlac’,
Tha siod mar shaighdean geur ’nam feoil
A cur am broin am miadachd.
O, ’s beag an t-ioghnadh leam air dhoigh
Ged tha am bròn ga ’n léireadh,
’S a mhiad ’s a phairtich thu le d’ ghràdh
Ri tuath, ri daimh, is feumnaich.
Air truaghan riamh cha d’ rinn thu tàir,
Cha b’ e do nàdar fein e,
Ach iochd is gràdh o chridhe tlàth
Nach dug bonn graidh do ’n eucoir.
’S ann than’ am buille drùiteach, trom,
A dh’ fhag ar fonn neo-eibhinn.
An t-aon chrann uain’ a b’ aille snuadh
Ri gathaibh buan na greine,
Do thilgeadh sios o ’bhonn gu luath,—
Ceann-feadhn’ air sluagh ’bha treubhach.
’S ged tha na fiurain og’ a fàs,
Tha sinn fo chràdh mu ’dheibhinn.
’S e ’n ròs a’s traithe ’thig fo bhlàth
Gu tric a’s tràithe ’chrionas;
’S e ’n t-ubhall àillidh ’s fearr ’sa ghàrradh
’S tràithe ’theid a spionadh.
’S e gaoth a Mhàirt a dhochainn tràth
An crùn a’s àille fiamhachd;
’S e reodh a cheitein ’sgath a bhlàth
De ’n fhlùran àluinn chiatach.
Rugadh Gilleasbuig Caimbeul an Ionarchadainn am Bunraineach ’sa bhliadhna 1804. Chuir e am mach a chuid oran ann an leabhar ’sa bhliadhna 1851.
CUMHA LACHAINN MHOIR DHUBHAIRT.
LE UILLEAM MAC-DHUNLEIBHE.
’Fhir mhoir an do leagadh thu
Gu h-iosal,
Gun anail ’s tu dìblidh,
Fo ’n fhòid, fo ’n fhòid,
Ad shìneadh.
Sgal, pìob, sgal pìob,
Nach éisd thu, nach éisd thu,
Na ’s mò, na ’s mò.
Nuair a thogar fir Alba
Gu feara ghniomh, gu feara ghniomh,
’S gun thusa le d’ rìgh, le d’ rìgh,
’S gun thusa le d’ rìgh,
’S gun thu beò, ’s gun thu beò,
Bithidh na Leathanaich threun,
’S ceann-catha nan Ileach
Fo bhròn, fo bhròn,
O nach dig thu mar b’ àbhaist,
Gu àros Righ Seumas, Righ Seumas,
’S gun do thogadh leis féin thu,
’S tu òg, ’s tu òg.
Cha ’n fhacas o d’ latha air talamh
Na h-Eòrpa, na h-Eòrpa,
Air talamh na h-Eòrpa,
Fear eile do shamhuil. Do shamhuil,
’Fhir àillidh, fhir àillidh,
Cha d’ fhàgadh ad dhéidh dhuinn,
Ad dhéidh dhuinn, ad dhéidh dhuinn
On a rinneadh do d’ chreubh
Caisil-chrò, caisil-chrò,
On a rinneadh do d’ chreubh
Caisil-chrò.
Fhuaradh do chlaidheabh ad ghlaic,
Le gréim bàsmhor, gréim bàsmhor,
’S cha ’n fheil fear ann
’San àl so, ’san àl so,
A’s urrainn a làmhadh,
Fo ’n t-sròl, fo ’n t-sròl.
Togar do chumha le Muile,
’S le Ile, ’s le Ile;
Le urram a dh’ ìnnsear
Do chòir, do chòir,
Le urram a dh’ ìnnsear
Do chòir.
OGANAICH AN OR-FHUILT BHUIDHE
LE FIONNAGHAL NIC-EACHARN.
LUINNEAG.
’Oganaich an òr-fhuilt bhuidhe,
Leat a chinneadh sealg is sithionn;
’S ann ad ghruaidh a bhiodh an rudhadh,
Nuair a bhiodh tu ’siubhal bheann.
Nuair a dhìreadh tu na stùcan,
Leis a ghunna chaol nach diùltadh,
’S i do luaidhe ghorm is t’ fhùdar
Chuireadh smùid air feadh nan gleann.
Dhomhsa b’ aithne cuid de t’ àbhaist,
Ged nach innis mi ach pàirt deth;—
Iasg a linne ’s fiadh o’n àruinn
Nuair a thàirneadh cach an t-srann.
’Oganaich an òr-fhuilt shnìomhain
Dh’ fhag thu sac ’tha trom air m’ ìnntinn;
Is mur till thu ’nall do ’n tìr so,
Mo thoil-ìnntinn bidh air chall.
’S léir o’n bhlàth a th’ air mo ghruaidh-sa,
Gun dug mi dhuit gaol nach fuaraich;
Dh’ innis iad gun dug thu fuath dhomh,
Ach cha chreidinn, ’luaidh, an cainnt.
Nam biodh cùisean mar bu mhath leam,
Bhiodh tu ’d bhàillidh air an fhearann,
Còir agad o laimh Mhic-Cailein,
’S cha bhiodh m’ earrannsa dhi gann.
[Vol . 12. No. 5. p. 8]
Ged a bhithinn ann an iarainn
Fhad ’s bu bheò mi ga mo phianadh,
Cha leiginn do ghaol air diochuimhn’;
So a bhliadhna ’liath mo cheann.
Rugadh Fionnaghal Nic-Eacharn an Calagaraidh am Muile, ach is ann a mhuinntir Thiriodh a bha ’h-athair ’s a màthair. Dh’ fhàs i a suas ann an Calagaraidh. Chaidh i as a sin do Lagan-Ulbha, agus a Lagan-Ulbha do Sgorrabreac ’san eilein Sgitheanach. Bha oganach an òr-fhuilt bhuidhe na gheamair. Bha e a suiridhe air Fionnaghal agus gheall e a pòsadh, ach chuir e cùl rithe. Phòs e te eile, agus chaidh e thar chuantan. Nach b’ e ’n t-amadan truagh e nach do ghabh gu bhith na mnaoi is na màthair cloinne dha té aig an robh comasan inntinn ’Fhionnaghail? Rinn Fionnaghal oran dha an déidh dha pòsadh, ach cha ’n fhaca mi dheth ach an da rann so:—
Gur a mise th’ air mo sgaradh,
Liuthad oidhch’ rinn thu mo mhealladh,
’G innse gum bu mhi do leannan,
’S nach biodh bean agad ach mi.
Gur a mise th’ air mo léireadh,
Anns a mhadainn an àm éirigh,
Te eile pòsda riut, eudail,
’S do ghealladh breugach dhomh fhìn.
TUIREADH AIR SON A MHNATHA.
LE AONGHUS DOMHNALLACH.
Cha deid mi tuilleadh ’shealg an fhéidh,
Cha ruig mi ’bheinn a dh’ ianach;
Theid bochd na céir ghil bhuam na leum,
Cha dean mi feum le tialadh.
Air coileach géig cha chuir mi éis,
’S cha dean mi beud air liath-chirc;
Tha ’n t-sealg gu léir o m’ luaidhe réidh
Chuir bàs mo chéile sian oirr’.
Bha mais’ is ceutaidh ’m bean mo rùin,
Bha sgèimh na gnùis le suairceas,
Mo ghaol an t-sùil bu bhlàth ’s bu chiùin,
Gur dùint’ an nochd ’san uaigh i;
Ged bha mi ciùrrte ’cur na h-ùir’ ort,
Tha e dlùth ’s gach uair dhomh
Gu bheil thu beò an tir na glòir’,
’S tu seinn an òrain bhuadhmhoir.
Tha thus’ an nis aig fois ’san uaigh,
’S tha mise truagh gu leòir dheth!
Gach là is uair a call mo shnuaidh,
A smuaintinn ort an còmhnuidh,
Ged dh’fhalbh thu bhuam gu d’ dhachaidh bhuain,
Bidh mis’ a luaidh ri m’ bheò ort;
’S cha dig gu bràth ach Righ nan gràs
’Ni suas a bhearna dhòmhsa.
Cha’n ioghnadh dhomh ged bhidhinn ciùrrt,
Gun d’ chaill mi m’ iùl, ’s b’e ’m beud e;
Ceann bu tùrail, tuigs’ làn cùraim,
’Dheanadh cùis a réiteach’.
Cha ’n fhaicteadh smùirnein air do ghnùis ghil
Leis an t-sùil bu ghéire,
Ged bhiodh do chrannchur, mar nach b’ ainmig,
Tuilleadh ’s searbh ri ’leughadh.
O, Thus’ a shiabas diar a bhròin,
’Bheir sòlas do luchd-iargainn,
A Lighich’ mhoir ’ni ’n cridhe leòint’
A chur air dhòigh mar ’s miann leat,
Dean mis’ a threòrach ma ’sa deòin leat
Anns an ròd gu t’ iarraidh,
’S am faigh mi ’null thar bharr nan tonn,
Far an deach sonn nan ciad chath.
O, tuirling Thus’, a Spioraid Naoimh,
A theachdair chaoimh an t-sòlais,
Is taom gu saor a cuan a ghaoil
’Tha ’n cridh’ ’n Fhir-shaoraidh ghlòirmhoir,
Na bheir dhomh saorsa bho gach daors’
A th’ ann an saogh’l a bhròin so,
’S am faigh mi buaidh, tre fhuil an Uain,
Air peacadh, truaigh’, is dòruinn.
Rugadh Aonghus Domhnallach ann an Gleann-Urchadain ’sa bhliadhna 1804. Bu mhac e do dh-Iain Domhnallach a bha comhnuidh am Bunlevit, agus a bha na ’mhaighstir-sgoile agus na cheistear. Fhuair e roinn mhath de dh-ionnsachadh, agus bha moran de dh-fhiosrachadh aige. B’ àbhaist da a bhith cumail sgoil-sheinn. Bha e na bhàrd comasach. Chaochail e an 1874. Bu choir da luchd-dùthcha a dhàin a chur am mach. Tha iad tuilleadh is math gu ’m fàgail an cùil.
Iadsan a Phaigh.
Domhnull Mac Neacail, Ladysmith , B. C.
An t-Urr. Donn. Mac Leoid, Milan , Que.
Pàdruig Mac Iomhair, Tolsta, Que.
Alasdair Dughlach, High View, Assa.
Dr. D. H. Domhnullach, Welsford , N. B.
Eachunn Mac Fhionghain, Priceville , Ont.
Deorsa Mac Lathardaidh, Guthrie , Ont.
An t-Urr. I. Mac-an-Tòisich, Hopewell , N.S.
Alasdair Mann, Halifacs, N.S.
An t-Onarach U. Mac Gillebhràth, Denver
Caitriona Chamaran, Brownfield , Me.
A. R. Domhnullach, Albany , N. Y.
Dr. Uisdean Mac Neill, Chicago , Ills.
D. I. Mac Eachairn, Port Hastings
Eobhain Gillios, Braigh Mhargaree
Alasdair Ros, Abhainn Dhennis
D. R. Boyle, Arichat an Iar
Ioseph A. Domhnullach, Cùl Bhaoghasdail
Eobhain Mac Leoid, Gabarus
Tormad Mac Leoid, Sidni
Uilleam Buchanan, Sidni
Iain A MacGillemhaoil, Braigh Ghrand Mira
FHUAIR E AINM DHI.
Thachair Dùghall aon la air Gilleasbuig, fear nach fhac’ e o chionn treis a dh’ ùine air ais. “ ’Illeasbuig, a sheòid,” ars esan, “càite ’n robh thu ga d’ chumail fein o chionn fhada?” “Ubh, ùbh,” arsa Gilleasbuig, “an cuala tu idir gu robh mi na m’ laidhe tinn leis an influenza?” “Cha chuala, gu deimhinn, mis’ iomradh air do thinneas gu so. An influenza—agus gu dé ’n seòrsa tinneis a tha ’n sin?” “Tha e car doirbh dhomh sin innse dhut,” arsa Gilleasbuig; “ach an déigh dhut tòiseachadh ri dhol am feobhas bidh tu ga t’ fhaireachadh fein anabarrach leisg—cha ’n iarr thu ach gann cuirean a dheanamh fad fin-fuaineach an latha.” “A dhuine chridhe,” arsa Dùghall, “nach eil sin neònach. Tha mise ’sa cheart shuidheachadh sin o chionn fichead bliadhna, ach dh’ fhairtlich orm riamh gu ruige so ainm a chur air.”
FIOR MHOCH-EIRIGH.
“Is tu fhein a tha math air a mhoch-eirigh, a Phàdruig,” arsa ceannaiche ri balach Eirionnach a bha ’g obair dha; “cha ’n eil latha thig mi an so nach eil thusa romham aig t’ obair.”
“Ma ta,” arsa Pàdruig, “is suarach mis’ air a mhoch-eirigh an taca ri m’ athair. Sin agaibh far am bheil fear a dh’ éireas tràth.”
“Agus am bheil thusa ’g radh gu ’m bi t’ athair ag eirigh na ’s tràithe na thu fhein?” ars an ceannaiche. “Ma bhitheas, gu dearbh cha mhor cadail a ni e.”
“An e m’ athair?” arsa Pàdruig. “Gu dearbh na ’n rachadh esan a laidhe beagan na’s anmoiche na bhios e ’deanamh, choinnicheadh e ris fhein ag éirigh ’sa mhadainn.”
Chaidh Ruiseanach a bha air ùr-thighinn do America gu cala rathaid-iaruinn, agus dh’ fhaighnich e de dh’ ofigeach a bha ’n sin cuin a bha trèin àraidh a fàgail a chala. Dh’ innis an t-ofigeach dha an uair agus a mhionaid, agus dh’ fhàg an duin’ e ’s coltas a bhi làn riaraichte air. Ach an ceann bacain bha e air ais a rithist a’ faighneachd na ceist cheudna. “Nach do dh’ innis mi sin dhut an ceart-uair,” ars an t-ofigeach. “Dh’ innis,” ars’ an Ruiseanach, “agus tha mi fada na ’r comain; ach ’s ann a tha mi ’n dràsd a’ faighneachd air-son duin’ eile.”
Chaidh am prìosanach fhaotainn neo-chiontach leis a chùirt. “An deigh so,” ars am breitheamh ga ’chomhairleachadh, “feuch gu ’n seachainn thu droch cuideachd.” “Gu dearbh ’s gu cinnteach ’s mise ni sin,” ars am prìosanach, “cha ’n fhaic sibh ann an so mi an da latha so.”
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSAA . COX,
Ceann-Suidhe.
B . E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis anNEW YORKaig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
SYDNEY
&
LOUISBURG R’Y.
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’ Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.
A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.
A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.
A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 5 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 5. %p |
parent text | Volume 12 |