[Vol . 12. No. 6. p. 1]
MAC-TALLA.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha ’n aithris mi maireach.”
Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, SEPTEMBER 18, 1903. No. 6.
Ann am Breatunn cha’n eil fir-pàrlamaid a’ faighinn tuarasdal no duais sam bith air-son na tha iad a’ toirt do’n dùthaich de’n uine ’s de’n saothair. Cha’n eil e doirbh thall an sin daoine matha fhaotainn a tha ’n da chuid comasach agus deònach air gach dleasanas a bhuineas do luchd-pàrlamaid a choilionadh gun chosdus sam bith do’n t-sluagh. Ann an Canada, cha b’ urrainn a’ chùis a bhi mar sin. Is dùthaich ùr i anns am bheil aig a mhor chuid ri’m beòlaint a chosnadh air aon dòigh no dòigh eile. Feumaidh am fear-lagha, an lighiche, an tuathanach ’s am fear-ceairde cumail ri obair air-neò tuiteam air deireadh agus call fhulang. Air an aobhar sin thatar a pàidheadh luchd-na-pàrlamaid. Cha’n eilear ga ’thoirt dhaibh mar thuarasdal, ach mar dhuais air-son a bhi fàgail an gnothuich fein air sgàth na dùthcha. Nuair chaidh Canada aonadh, ’sa shuidhicheadh an àrd-phàrlamaid, bha mìle dolair ’sa bhliadhna air a thoirt dhaibh; b’ àbhaist do’n phàrlamaid aig an àm sin a bhi na ’suidhe mu thri miosan gach bliadhna. Beagan bhliadhnachan air ais chaidh an duais a thogail gu mile ’s coig ceud; bha suidhe na pàrlamaid an uair sin air sìneadh gu coig miosan. Am bliadhna tha i cheana na suidhe corr is seachd miosan, agus bidh i air a chuid a’s lugha na suidhe mios eile. Chaidh àireamh dhe na buill fa chomhair a Phriomh Mhinisteir air an t-seachduin s’a chaidh ag iarraidh tuilleadh tuarasdail airson na bliadhna so; ach chaidh an t-iarrtus sin a dhiùltadh. Thuirt Sir Wilfrid Laurier riutha nach seasadh an dùthaich ris a chòrr. Tha esan, a reir coltais, de’n bharail gu ’m faodadh a phàrlamaid a bhi moran na bu sgiobalta na tha i mu chùisean na dùthcha. Thatar a marbhadh moran ùine ag eisdeachd ri òraidean gun bhrìgh ’s ri connsachadh gun fheum. Na’m biodh an tuarasdal na bu lugha na tha e, cha’n eil teagamh nach biodh gnothuch na duthcha air a chriochnachadh an ùine bu ghiorra. Tha na pàrlamaidean fada so glé sgìtheil air an t-sluagh. Agus rud a’s cronaile, tha iad trom air bhi cumail nan daoine a’s fhearr ’s a’s comasaiche o bhi gabhail gnothuich ri cùisean-riaghlaidh. Cha’n iadsan a’s fhearr buadhan inntinn gu tric a’s iarrtaiche air bhi air an cur do’n phàrlamaid; agus do dhuine comasach cha’n eil mile no coig ceud deug dolair na iomlaid ro-mhath airson da no tri ràidhean dhe’n bhliadhna. B’ fhearr gu mor feuchainn ri suidhe na pàrlamaid a ghiorrachadh na bhi ’g iarraidh tuarasdail nam ball àrdachadh.
DROCH SMAOINTEAN.
Co as a tha na droch smaointean a’ tighinn? Tha iad a’ tighinn as a chridhe. Tha ’n Tighearn’ Iosa Criosd, an neach aig am bheil fios air staid a’ chridhe, ag innseadh so dhuinn; oir tha e ’g radh, “Oir is ann as a’ chridhe a thig droch smuainte, mortadh, adhaltrannas, striopachas, gadachd, fianuis breige, toibheum.”
Thig droch smaointean a steach do gach uile chridhe; oir tha ’n cridhe air a chumadh air aon doigh; tha dorsan air mar a tha dorsan air taighean.
Ma thig droch dhaoine, truagha, truaillidh, thun do dhoruis, agus gu’m buail iad aige, ciod a ni thu? Theid thu thun an doruis; seallaidh tu orra ann an clar an aodainn; their thu riut fhein nach urrainn dut barail mhath a bhith agad orra, ach air a shon sin is dòcha gu’n leig thu steach iad; ach ged a leigeas tu steach iad, cha dean thu cairdeas no comunn sam bith riutha. Air an aobhar sin, cha ’n urrainn iad truaillidheachd an nadair a chompàrtachadh riut. Sin dìreach mar a thachras an uair a dh’ éireas droch smaointeanan ann an cridhe duine aig nach ’eil tlachd ann an droch smaointeanan.
Ach an duine a tha truagh, truaillidh e fhein, an uair a thig duine truagh, truaillidh eile thun an doruis aige, agus a dh’ iarras e cead a dhol a steach gheibh e cead anns a’ mhionaid, do bhrigh gu ’m bheil co-chomunn gu nàdarra eadar aon duine truaillidh agus duine truaillidh eile. Mar a tha ’n seanfhacal ag radh: “Aithnichidh na leith-chiallaich a cheile.” “Eoin na h-aon iteig gheibhear cuideachd iad.” So mar a tha tachairt a thaobh dhroch smaointeanan. Ma gheibh iad aoidheachd thig iad tric gu leòir; agus fàsaidh iad na ’s lionmhoire a h-uile latha gus mu dheireadh, am bi cridhe an duine air a lionadh cho lan leotha ’s nach bi àite sam bith aig smaointeanan math’ ann.
Tha droch smaointeanan nàdarra do na h-uile. Tha a ghné fhein anns gach creutair. Tha ’m puinnsean anns an nathair gu nàdarra; tha ’n tiger gu nàdarra an geall air fuil; agus an leomhann mar an ceudna. Agus cha ’n ’eil e ann an comas duine sam bith atharrachadh a thoirt air nàdar nan creutairean so. Cha mhò na sin a tha e ’n comas duine sam bith atharrachadh a chum math a thoirt air duin’ eile. Is e Dia a mhain aig am bheil comas air cridheachan glana a chruthachadh ann an daoine. Bha fhios aig Daibhidh air a’ so an uair a thuirt e: “Cruthaich annam cridhe glan, a Dhé; agus ath-nuadhaich spiorad ceart an taobh a staigh dhiom.”
Faodaidh gu ’n teid aig daoine air iad fhein agus daoin’ eile a chumail gun a bhith ’cur an gniomh uilc gu follaiseach anns an t-saoghal, ach ma tha an cridhe làn de dhroch smaointeanan, cha ’n urrainn dut a radh gu ’m bheil iad ’nan daoine diadhaidh.
Faodaidh daoine am bas fhaotainn ged nach biodh lot, no creuchd ri ’fhaicinn air an taobh am muigh dhe ’n cuirp. Mar is trice, is ann o thinneasan a tha ’g obair air an taobh a staigh de dhaoine a tha na galairean a’s doirbhe ri an leigheas. Their an luchd-sgil ruinn an comhnuidh, gu ’n rachadh aca air iomadh galair a leigheas na ’m b’ e ’s gu ’n rachadh aca air ’fhaicinn.
Is iomadh duine air an d’ thainig atharrachadh o ’n leith am muigh aig am bheil a chridhe cho lan de dhroch smaointeanan ’s a tha ’n t-ugh dhe ’n bhiadh. Faodar deise mhath, bhriagha a chur air duine cho aingidh agus cho truaillidh ’s a sheas ann am bròig; ach cha dean an deise mhath duine fiorghlan, firinneach, onarach dheth. Cho fad ’s is fhiosrach sinn, cha robh olc sònraichte sam bith ri chur as leith an duine shaoibhir; ach, air a’ shon sin, an uair a dh’ fhosgail e a shùilean anns an t-saoghal thall, b’ ann an ifrinn a fhuair e e-fhein.
Ach ged nach urrainn duine sam bith a chridhe fhein, no cridhe duin’ eile a ghlanadh, gidheadh, an uair a ghlanar an cridhe le cumhachd a ’s airde na cumhachd duine, feumar feuchainn le dichioll mor ri ’chumail glan. Tha e air innseadh dhuinn le daoine a tha eòlach air gàradaireachd, gur e an aon dòigh air luibheannan nàdair a chumail o lamh-an-uachdar fhaotainn anns a’ ghàradh, frasan matha a chur anns a’ ghàradh, a chum gu ’n cum iad fodhpa na luibhean a tha fàs gu nàdarra. Tha ’n t-Abstol Pol ag radh ris na Philipianaich, a bha air an iompachadh, ach a bha aig a’ cheart am, car lag anns a’ chreideamh: “Fa dheoidh, a bhraithrean, ge b ’ e nithean a tha fiorghlan, ge b’ e nithean a tha ion-ghraidh; ge b’ e nithean a tha ion-mholta; ma tha deadh bheus air bith ann, ma tha moladh air bith ann, smuainichibh air na nithibh sin. Na nithean sin araon a dh’ fhoghluim, agus a ghabh sibh, agus a chuala, agus a chunnaic sibh annamsa, deanaibh; agus bithidh sith Dhé maille ribh.”
Is ann mar so is fhearr a theid againn air gach droch smaointean a chumail am mach. Ma lionas tu do thaigh le daoine diadhaidh, cha bhi na daoin’ ann-diadhaidh toileach tighinn an còir do thaighe. Ma bhios tu ’sior àrach smaointeanan diadhaidh ’na d’ chridhe, fanaidh na droch smaointeanan air falbh uat. Cha ’n ’eil eadhoin an duine aingidh toileach gu ’m faiceadh daoine diadhaidh an obair aingidh a bhios e deanamh, no idir na smaointeanan a bhios ag eirigh suas ’na chridhe.
A réir mar a tha facal Dhe a’ teagasg dhuinn, cha ’n urrainn neach sam bith a tha ’g arach droch smaointeanan a dhol a steach do rioghachd nèimh.
Rud sam bith a bhios grod ’na bhroinn, cha dean daoine ach a thilgeadh uapa. Tilgidh iad uapa an ubhal a bhios grod, mar a ni iad air a h-uile rud eile a bhios gun fheum; ach tha cuid dhiubh a’ smaointean aig a’ cheart am nach tilg Dia uaithe na droch dhaoine truagh, truaillidh aig am bheil an cridheachan air an lionadh le smaointeanan cho truaillidh, agus cho gràineil ’s nach leigeadh an nàire leotha fhein, an uair a tha iad ann an cuideachd a cheile, uiread is iomradh a thoirt orra ann am briathran soilleir.
Gu deimhin tha smaointean cridhe an duine olc gach aon latha, agus mur glan Dia an cridhe, bidh e gun ghlanadh idir.
Ach tha dà sheòrsa dhaoine ann. Tha feadhainn ann a tha coma co dhiubh a bhios na taighean aca glan, no nach bi; ach tha feadhainn eile ann nach bi toilichte mur bi an
[Vol . 12. No. 6. p. 2]
taighean air an cumail glan a h-uile latha ’s a’ bhliadhna. Tha ’n duine aingidh coma co dhiubh a bhitheas no nach bi smaointeanan a chridhe ceart no cearr; tha e mar gu ’m biodh bean-taighe ann a bhiodh coma co dhiubh a bhitheadh no nach bitheadh a taigh glan cho salach. Ach tha mnathan-taighe ann nach bi mionaid toilichte anns an latha mur bi na taighean aca cho glan ’s a ghabhas deanamh. An neach anns am bheil nàdar glan, bidh toil aige bhith glan e fhein, agus a bhith ann an àite glan.
A charaid, ciod e staid do chridhe-sa? Am bheil e glan, no am bheil e mar gharaidh ùdluidh anns am bheil creutairean ro ghràineil a’ gabhail taimh? Na bi na ’s fhaide aineolach air staid do chridhe. Tha mòran dhaoine a’ faotainn a’ bhàis gun fhios gun fhaireachadh dhaibh fein le tinneas a’ chridhe. “Is ann a pailteas a’ chridhe a labhras am beul.” Gabh beachd sònraichte air do chainnt.
IAIN.
FACAL THALL ’S A BHOS.
Cha’n fhiosrach mi c’uin a leugh mi earrann dhe’n MHAC-TALLA a thaitinn cho math rium ris an earrann sin, anns an àireamh mu dheireadh, far am bheil sibh a’ tairgse trì duaisean (leabhraichean a bu chòir a bhith anns gach dachaidh Ghàidhealach an Canada) air son na tri litrichean a’s fhearr a theid a sgriobhadh gu MAC-TALLA eadar so is deireadh na bliadhna. Tha mi ’n dòchas gu’m bi MAC-TALLA air a bhreacadh le litrichean. Tha iomadh Gaidheal is bana-Ghaidheal “thall ’s a bhos” a’ sgrìobhadh litir phongail na ’m feuchadh iad ris. Is aithne dhomh fhein iomadach Gaidheal a bhruidhneas a’ Ghàilig gun chearb, agus na ’n cuireadh iad an smaointeanan air paipear theid mis’ an urras gu’m biodh na litrichean aca fior thaitneach le d’ luchd-leughaidh. “ ’S e lionmhorachd nan làmh a ni ’n obair aotrom.” Tha a’ h-uile car a tha MAC-TALLA ’cur dheth a còrdadh rium fhìn. Tha gach facal o thaobh gu taobh dheth fior mheasail agam. Gun teagamh is e do mhiann a bhi “anns a h-uile cruth do na h-uile dhaoine” a chum ’s gu’m bi a’ Ghailig air a craobh-sgaoileadh air feadh an t-saoghail. Tha MAC-TALLA airidh air cuideachadh gach fior Ghaidheal. ’S ann na ’n lamhan a tha e: tha e na’n comas a dheanamh a cheithir uiread ’s a tha e, agus tha mi cinnteach gu’m bi e sin a dh’aithghearr.
“Ma tha Eóghain beag an dràsd’,
’S ann a’ fàs a bhitheas e.”
Am measg gach mathas eile a th’ air MAC-TALLA cha’n ’eil a ghuth lag an àm bruidhinn am mach mu’n mhisg. Agus ma tha peacadh eile ’san tìr a tha air a thoirmisg le lagh Dhé is dhaoine ’s e am peacadh sin misgeireachd. Tha e air innseadh a nise gu bheil grùdair, no fear-deanamh stuth-làidir, as na Stàidean, a bràth taigh fhosgladh, dlùth air an taigh-sgoil ann an Sidni, air son stuth làidir a dheanamh. Cha’n ’eil taigh-grùdaireachd ann an cearn eile dhe’n Eilean àghmhor so. Cha ’n iongantach leinn ged a bhiodh ministeirean an t-soisgeil a togail an gutha na ’aghaidh. ’S e Ceap Breatunn, faodaidh mi a radh, dachaidh nan Gaidheil air an taobh so dhe’n chuan— “tir nan sonn ’s nan curaidhean.” An leig iad leis an ni so dol air aghart? Ma sheasas iad ri gualainn a chéile cha leig.
Tha “Peigidh Phabach” a’ toirt iomradh dhuinn air treuntais na seana Ghàidheil— ’s gu dearbh fhéin ’s iad a bha treun! Am bheil sinne cho measail air na seana Ghaidheil, ’s a bu chòir dhuinn a bhith? air an cleachdainnean ’s air an àbhaistean? air an dìlseachd ’s am bàigh do gach ni a bha firinneach, onarach, direach? Ma tha, mar a tha ’n seann sgeul ag radh, “ ’s e a chlach a’s àirde a chlach a’s ìsle” ’bhitheas de’n taigh-ghrùdaireachd, a tha togail a chruth grànda cho faisg air an taigh-sgoil.
Chuala mi air innseadh o chionn fada mu Ghaidheal àraidh a bha anabarrach treun. Thogadh e coig mosgaidean air bàrr a mheoirean—a cheithir meoirean ann am baraille ceithir dhe na mosgaidean, agus an coigeamh mosgaid air a sìneadh tarsuinn air stoc nan ceithir eile. Thainig a chairdean do Cheap Breatunn far am bheil iad a còmhnuidh gus an latha ’n diugh. ’S e Domhnullach a b’ ainm dha. Chaidh e as a bheachd ann am blàr Waterloo agus thionndadh e air a chuid daoine fhein. B’ fheudar dhaibh peileir a chur ann. Cha chreid mi nach e ’m peileir so a ghiorraich a laithean.
Anns a’ bhliadhna 1881 chuir an Siorram Mac Neacail am mach an leabhar luachmhor agus eireachdail sin, “Seanfhacail Ghailig.” Ged a tha dlùth air ceithir mìle seanfhacal ’san leabhar, cha’n ’eil iad uile ann. Chuala mi-fhìn seanfhacail nach fhaca mi ’san leabhar aige. Is cinnteach gu’n cuala tu fhein agus moran dhe d’ luchd-leughaidh am facal so: “Ma bhios tu beò bitheadh, ’s mar a bi bi agad,” ach ma dh’ fhaoidte gu bheil pairt diubh aineolach air mar a dh’ eirich am facal. A réir ’s mar a chuala mise chaidh sagart uaireiginn dhe ’n t-saoghal a choimhead air bean a bha tinn na ’sgìreachd. An uair a bha e ’deanamh deiseil gu falbh thug i iomradh air bó a bha bochd anns an t-sabhal, agus bhiodh i fada na ’chomain na’n rachadh e a dh’amharc oirre. Air son a toileachadh chaidh an sagart do’n t-sabhal, agus an uair a chunnaic e a bhó thuirt e, “Ma bhios tu beò bitheadh, ’s mar a bi bi agad,” is dh’fhalbh e. An ceann latha no dha cha robh cnead air a bhoin. Ach am beagan ùine an déidh so chuala a bhean air a d’thug mi iomradh gu’n robh an sagart tinn le at-bràghad, agus thog i oirre a choimhead air. An uair a chaidh i stigh far an robh e, ’s e a thuirt i ris, “ Ma bhios tu beò bitheadh, ’s mar a bi bi agad!” Chuimhnich an sagart am facal, ’s rinn e gàire; bhrist air an at, ’s chaidh e na’s fhearr. Tha eagal orm gu bheil tuilleadh ’s a chòir dhe na Gàidheil dhe ’n bheachd so a thaobh MHIC-TALLA.
So mar a mhol Niall Mac Leòid am paipear Gàilig, agus criochnaichidh mi le ’bhriathran:
“Gu’n robh do theachdaireachd le buaidh,
Gu torach buan a’ fàs fo bhlàth;
Mar lòchran laist’ air carraig chruaidh,
’G ar seòladh suas gu suaimhneas àrd!
Gleus suas do chlàrsach duineil treun,
Air cliu ’s air euchdan shiol nan sonn;
’S cluinneadh an t-àl a thig ’n ar deigh,
Do ghuth air teudan binn nam fonn!”
CLUARAN.
An ceathramh là deug de mhios meadhonach an Fhoghair.
FACAL A L’ARDOISE.
A DHEAGH CHARAID, —Tha mi faicinn nach ’eil aon sam bith eile a’ gabhail air fhéin guth a chur ugad o’n àite so, agus ged a rinn mi-fhìn uair no dha roimhe so beagan fhacal a chur do d’ ionnsuidh, cha robh mi ach feuch an gabhadh cuid eile m’ eisimpleir. Ach cha ’n ’eil e coltach gu bheil e an dàn do MHAC-TALLA moran de nithean càilmhor fhaighinn as an iomall so de Cheap Breatunn, ma ’s e bhur seirbhiseach umhail a bhios an earbsa ris.
Tha ’n duine air chul na speal a’ deanamh obair mhor aig an àm so. Tha ’n t-sìde fàbharrach agus tha ’m bàrr feòir neo-chumanta math. Fhad ’s a bhios slàinte agus saibhlean làn air a bhuileachadh air na tuathanaich cha ’n eagal daibh. Ach ’s còrr dhaibh gun dearmad a dheanamh air cuimhneachadh air an t-slighe o ’m bheil na h-uile ni math a teachd chum feum do mhac an duine.
Tha ’n rathad-iaruinn a bha dùil aig muinntir a bhiodh air fhosgladh gu Louisburg, air a chriochnachadh gu ruige St. Peter’s. Bha dòchas mor aig sluagh na siorrachd so, am measg chàich “Ceann Liath,” gu ’m biodh e dlùth a bhi ullamh roimhe so. “Ach ’s tric bha dòchas luch is dhaoin’ gun mhoran stàth.” Tha e air innseadh gu bheil Mac Coinnich agus Mann a’ tairgse na tha air a chriochnachadh dhi a cheannach. Ma dh’ fhaoidte ma gheibh iadsan greim air gu ’n cuir iad troimhe gu ’cheann-uidhe e.
Tha mi duilich nach ’eil MAC-TALLA a toirt dhuinn facal dhe na bheil a’ dol air adhart ’san àrd-phàrlamaid. ’S math a dh’ innseadh “Cona,” na ’n toilicheadh e, ciamar ’tha cùisean a’ dol. Cha mhisde paipear sam bith iomradh a thoirt air gnothuichean na dùthcha. Tha paipearan againn an Canada a bheir dhuinn gu pongail naigheachdan dhe ’n t-seòrsa so, agus nach truaill iad fhein le bhi cur sios air taobh seach taobh ’nuair nach freagair e dhaibh.
Tha mi toilichte gu ’n do chriochnaich sgeulachd “Aladin.” Gu dearbh ’s beag tlachd a th’ agam fhein dhe na h-ùr-sgeulan gòrach ud. Cha’n ann a cur sios air an deagh laimh a tha ga ’n cur ’s a’ Ghàilig a tha mi idir. Ach nach mor a b’ fhearr dha a lamh fheuchainn air nithean a bhiodh a chum barrachd math do ’n luchd-leughaidh. Cha chòir do MHAC-TALLA a bhi toirt uibhir a dh’ àite do sheann nithean, agus nithean ùra(original)na ’s leoir r’a sheachnadh.
Agus tha ni eile bu ghle thoil leam fhaicinn: barrachd litrichean. Gu robh buaidh le “A. M. S.” Is truagh nach robh na h-uile pears’ -eaglais Gàidhealach cho eudmhor ris air taobh na Gàilig. Ach ’s ann tha mhor chuid dhiubh caoin-shuarach co-dhiu bhios i beò no marbh. Agus ged a thuirt an Diuc Earraghàidheal nach maireann “gu ’n robh i air thoiseach air gach cànain gu aoradh a dheanamh do Dhia,” gidheadh tha i air a cur air chùl ann am mòran de choimhthionalan agus searmoinean fada Beurla air a h-àit’ a ghabhail.
Ach tha ’n t-àm agad sgur. Ma bheir sibh cùil do ’n litir leibideach so, cluinnidh sibh uam fhathast mu ’n ruith mòran ùine. A’ guidhe fogharadh math do luchd-gabhail ùr do ’n MHAC-TALLA. Is mi bhur caraid,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
September 1, 1903.
Air a mhios a dh’ fhalbh thainig naodh ceud de mhuinntir Newfoundland do Cheap Breatunn; thainig iad air a Bhruce gu Sidni Tuath, agus as a sin sgaoil iad do’n dà Shidni ’s do na mèinnean far am bheil iad ag obair. Tha àireamh mhor dhe ’sluagh a’ fàgail Newfoundland na h-uile bliadhna.
[Vol . 12. No. 6. p. 3]
EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.
LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.
CAIB. XIV.
NA PHRIOSANACH AIG NA FRANGAICH—COMHRADH AN T-SEANALAIR—AM FRAOCH A NOCHDADH OS CIONN NA LILI.
BHA toil aig Eobhain a chuid bu mhotha dhe ’n astar chunnartach a chur seachad mu ’n nochdadh lòchran òirdhearc nan speur ’san ear, agus mar sin dh’ fheuch e dé rachadh aig an steud Ghearmailteach air a dheanamh, is chuir e gu dhùlan e. An uair a bha e ’n dùil gu ’n robh cheud ghàbhadh seachad, chunnaic e ceathrar no cóignear de na Frangaich a tighinn air a chaothach air a laimh chlì air son gearradh roimhe. An uair a chunnaic ar curaidh gu ’n robh iad so le ’n eich mhora, chumhachdach air thuar a bhi roimhe, thionndaidh e stigh air frith-rathad air a laimh dheis, ’s a bualadh an eich le ’chuip ’s le ’spuir, chaidh e pios math astair le luathas gaoth Mhàrt na Gàidhealtachd. A feuchainn ri taighean a nochd mu choinneamh a sheachnadh, thionndaidh Eobhain bàn sios taobh pàirc ghorm fhàs a chunnaic e. A faicinn nach robh cunnart sam bith a chitheadh an t-sùil air thoiseach, ’s a cluinntinn fuaim a naimhdean na ’dhéigh, bhual e ’n t-each a rithist, ach ann am briobadh na sùl, chaidh an t-each sios fodha, agus fhuair e e-fhéin ceithir slatan air thoiseach ’sa bheul fodha ’san fheur ghorm. Air a chrathadh ’s air a bhruthadh gu dona, bha ’n Gàidheal gun chomas éirigh mionaid no dha, agus thàinig ’san ùine sin na Frangaich ghuineach, naimhdeil air a mhuin, is bha e na phrìosanach da rireadh. Mar na geòidh bha iad a godail mu ’n cuairt da, agus beòil fhuara ’n cuid ghunnachan ris an uchd aige, air chor ’s gu ’n cuireadh an gluasad a b’ fhaoine bhuaithe a bheatha ann an cunnart. Gun dàil rugadh air an each aige, is thugadh air a dhol air a mhuin far an do cheangladh gu teann, cruaidh e. Chunnaic e nis gu ’m b’e ròpa mor cainbe a bha ceangailt’ eadar da phosta taobh na pàirce, a chaidh m’a chasan an eich ’sa thug gu talamh e. Le srian an eich ceangailte ri each fear dhe na saighdearan, ghabh na Frangaich air falbh leis a phrìosanach ’s an cuid airm air ghleus, deas na ’m feuchadh e ri cleas sam bith nach còrdadh riutha. Gun dàil rainig iad seann taigh mor iosal, air a chuairteachadh le craobhan mheas is achaidhean lìn, air am pronnadh ’s air an stampadh sìnte uaithe air gach taobh ach a h-aon. Mu ’n cuairt nan gàraidhean bha moran shaighdearan a faighinn fo ’n uidheam is ofigich rìomhach a falbh ’s a tighinn gun abhsadh na’n cruaidh leum. Am measg na h-ùpraid cha deach moran uighreachd a chur air a Ghàidheal; oir, a réir choltais, an tùs latha bhiodh buailteach air a bhi fuilteach, bha aire gach duine air a smaointean ’s air a ghnothuch fhéin. Threoraich a bhuidheann a ghlac e am prìosanach gu dorus mor an taighe, ’s a leum a stigh chluinnt’ an ceannard a dian chòmhradh ri ofigeach a bha stigh. Chuir am fear so fios mu ’n ghnothuch do sheòmar diomhair a chomanndair, ’s an ùine gun bhith fada thàinig saighdear mòr ruadh a mach is dh’ òrdaich e Eobhain fhuasgladh bhar an eich. Fhuair ar curaidh faothachadh mòr le bhi saor ’s na cuird chruaidhe, ach bha ’lamhan ceangailte le glas-laimh, ’s air thuar a bhi mar sin ùine mhath, a réir barail nam Frangach. Thionndaidh am Frangach ruadh ris agus dh’ iarr e air ann an droch Bheurla a leantuinn, is ghabh iad a stigh. A reir coltais bha ’n comanndair a gabhail fadachd, agus ’s gann nach do dh’ éirich a ghruag air ceann Eobhain air dha na briathran so a chluinntinn a tighinn a mach as a sheòmar ann an deagh Ghàilig: “A Nèill mhòir, a Nèill mhòir, nach greas thu ugam leis an t-Sasunnach!”
“Tha mi tighinn! tha mi tighinn, ’s e agam air chlaigeann!” ars’ am Frangach ruadh, ann an Gàilig a cheart cho math.
“A stigh leis, ma ta!” ’S an ath mhionaid fhuair Eobhain e fhein air beulaobh leth sheann duine cnuacach, làidir, a bha, a réir coltais, aon uair cho dubh falt ri sgiath an fhithich, ach a nis a th’ air a chothlamadh gu math le geal. Na shuidhe aig bòrd is glaineachan air a shròin, ’s e gu trang a sgrìobhadh, lean an seanalair (oir bu sheanalair e) air stiùradh a phinn greis mu ’n do thog e ’cheann. Bha ’chleòca ’s a chuid airm na’n carn air ceann a bhùird, deas gus an caitheamh uime ann am mionaid. Mu dheireadh rinn Niall casad, is thog an duine mor a cheann.
“O, ho!” ars’ esan, “tha mi ga d’ thuigsinn, a Nèill mhòir: tha thu gabhail fadachd. Ach cum dlùth dhomh fhìn an diugh, a Nèill, mu ’n tuit thu ’n gàbhadh cho mor ’sa chaidh ar n-athraichean latha Chùilfhodair. Agus dé dh’ éireadh do m’ Ghàilig ’san uair sin mur biodh duine agam ris an cosguinn i. Ach eadar dha sheanachas, a Nèill, nach iomadh buideal leanna a thràigh an Sasunnach mor sin mu ’n do dh’ fhàs e uiread sin! Ged tha thusa moiteil mu d’ mheudachd ’s mu d’ spionnadh, chuirinn geall gu ’n sguabadh am fear mor sin an t-ùrlar leat.”
Ghearr Niall leum o’n ùrlar air dha so a chluinntinn. “Ged a bhiodh e uiread ri Notre Dame,” ars’ esan, “bheirinn mo leud fhìn as an t-Sasunnach bu mhotha bhrùth bròg riamh, ’s cha bu mhor a b’ fhiach an còrr, agus—”
“Air do shocair, air do shocair, a Nèill. Is dòcha gu ’m faigh thu an cothrom mu ’n teid grian an latha ’n diugh fodha, air do leud a thoirt á iomadh Sasunnach mòr, ma dh’ fhaoidte clann pàirt dhe ’n fheadhainn a bha ruith d’ athar oidhche Chuilfhodair. Ach a nis cuiridh sinn ceist no dha air an t-Sasunnach mhor so, oir cha d’fhuaradh paipeirean no ni a b’ fhiach an t-saothair air ’nuair a ghlacadh e.”
Le so a radh thionndaidh e ri Eobhain, a bha gu stòlda ’g éisdeachd a chòmhraidh iongantaich Ghàilig so, an dùthaich chéin am measg naimhdean, agus thainig e thun a cho-dhùnaidh gu ’n robh e fìor gu ’n robh Gàilig ri ’cluinntinn ’s gach cearn dhe ’n t-saoghal, agus nach d’ fhuaireas oisinn dheth fhathast anns nach robh Gàidheal, agus gu ’m faodadh e bhi fìor gu leor, mar a thuirt dùin’ àbhachdach ris an robh iad a tachairt na chuairtean ’s gach àite, gu ’m biodh Gàidheal na ’shuidhe mullach a “Chroinn Thuathaich” na ’m faighte gu bràth e. Labhair an seanalair ris ann am Fraingeis, ach chrath Eobhainn a cheann ris, is thainig fiamh gàir’ air.
“Cha ’n ’eil mi ga ’r tuigsinn idir,” ars’ esan; “cha fhreagradh a chainnt bhog sin ’sna beanntan fuara ’san d’ fhuair mise m’ àrach.”
Leum an seanalair air a bhonn. “An gabh e bhith! an gabh e bhith gur Gàidheal thu!” ars’ esan ’s e sìneadh a laimhe dha. “Sacre!dhi-chuimhnich mi gu ’n robh do lamhan ceangailte. A Nèill, fuasgail ’sa mhionaid e. —Ach stad ort. An e Caimbeulach a th’ annad?”
“Cha ’n e!” ars’ Eobhain ’s e deanamh gàire. “Cha mhi Diuc Earraghàidheal no aon de ’chinneadh. Agus air-son nan glasan leibideach so, ged a dh’ fhàg mi orm iad uige so, cha ruig Niall a leas an dragh a ghabhail, oir tha iuchair Ghàidhealach agam an so nach bi fada ga ’m fosgladh.”
Leis na briathran chuir Eobhain a dha laimh tarsuinn air a chéile, ’s a cur car no dha an aghaidh cuir ’s a ghlais, thug e garbh ribe orra, is bha i aige na da bhloigh air an ùrlar.
“Ah!” ars’ an seanalair ’s e deanamh gàire subhach, “nach duirt mi riut, a Nèill mhòir, gu’n rachadh aige air an t-ùrlar a sguabadh leat. Tìr an fhraoich gu bràth! Tìr an fhraoich gu bràth!”
“Ma ta,” arsa Niall mòr, ’s e tarruinn air fhiaradh ri Eobhain ’s ga thomhas le ’shùil o làr gu mullach, “cha ’n ’eil mi ’g radh nach b’ fhasa dha sguab eile ’ghabhail ri Niall mòr; agus ged a thogadh mise ’san Fhraing, tha mi deònach car no dha fheuchainn ris air ’ur beulaobh.”
Chuir briathran Nèill gu gàireachdaich càch, a toirt air an t-seanalair a ràdh: “Sin thu fhéin, a Nèill: nochd thu fraoch do phòraibh os cionn na lili ’s na briathran ud. Is fhad o chuala mi, ma tha aon ni air thalamh a’s fhearr leis a Ghaidheal na sporran math reamhar gur e deagh shabaid. Ach ’illean,” ars’ esan ’s e ga ’tharruinn fhein suas, “gheibh sibh ’ur sàth dhiù le chéile mu ’n téid a ghrian fodha ’n nochd. Agus faodaidh tusa ’bhi taingeil, ’ille òig, gu ’n d’ fhuair na Frangaich greim ort; oir is ni cinnteach gu ’m bi an t-Iompaire do-chiosnaichte buadhmhor an diugh mar a’s àbhaist, agus theid na Sasunnaich dhubha ’s na Pruiseanaich a’ sguabadh bhar aghaidh an fheòir. Ach tha mi duilich, duilich a bhi faicinn na Gaidheil thapaidh guala ri guala ris na Sasunnaich bhronnach, a bha riamh dhaibh am fuath. Is leòr e,” ars’ esan, ’s a shùil a lasadh, “gus toirt air cnàmhan ar n-athraichean tionndadh ’san ùir! Ach, an uair! an uair! Ruith, a Nèill mhòir, is òrdaich an t-each agam mu ’n cuairt, is againn ris an t-Iompaire ’choinneachadh aig Ligni.”
Thòisich an seanalair, air do Niall a dhol á sealladh, ri cur uime ’s ri bruidhinn ri Eobhain aig a cheart àm. “D’ ainm?”
“Eobhain Mac Dhùghaill.”
“Ah! fine mo sheanamhar. A nis, Eobhain, ’s e mo ghnothuchsa do—Och! an cleòca cearr! Tha Niall mòr dìleas, ach tha e na ’s fhaide ’sa chois na tha e ’sa cheann. Mar a bha mi ’g ràdh, ’s e mo ghnothuchsa do ghleidheadh gu cùramach, ach biodh sin a dol. Rach leinn an diugh, oir tha do sheòrsa dhìth air Napoleon, ’s cha bhi cùram nach fhaigh thu suas ’san fhàradh fo ’sgéith. Agus a bhàrr air a sin, theid agad air seirbhis a dheanamh do d’ chàirdean an uair a chiosnaicheas sinn Breatunn ’s a bhios Boni ga ’riaghladh, agus cha mhisd thu mi-fhìn ri d’ chùl gus do chuideachadh.”
“Gabhaibh mo leisgeul,” ars’ Eobhain, “ma dhiultas mi ’ur tairgse chaoimhneil. Ach ’s fhad o chuala sibh gu ’m brist aon sop a bharrachd druim a chamhail; agus mar an ceudna, cho treun ’s cho ealanta ’s gu bheil an lòd a tha Boni a’ giùlan air a chur suas, tha eagal orm gu bheil sop a bharrachd air mar tha, ged nach biodh e ’feuchainn ri sopag eile ’chur os a chionn idir. A bhàrr air a sin,” ars’ Eobhain ’s e deanamh gàire, “is cinnteach nach biodh ann do na Gàidheil ach leum as an teine do ’n ghrìosaich; oir ’s docha gur i sheanamhair a chuireadh e air mullach Beinn Nibheis ga ’r riaghladh, o’n tha e air na càirdean eile ’riarachadh mar tha.”
Is gann gu ’n creideadh an seanalair a chluasan air dha so a chluinntinn, ach cha dubhairt e guth, ged a bha e ’g amharc gu math diombach.
“Tha ’n t-each deas ga ’ur feitheamh aig an dorus,” arsa guth Nèill mhòir, ’s e tighinn a stigh do ’n t-seòmar.
Thionndaidh an seanalair ris: “A Nèill mhòir,” ars’ esan, “faigh leth-dusan saighdear agus treoraich an Caimbeulach so do ’n t-seileir dhorcha gu h-iosal a chuideachd nan rodan ’s nan daol, o’n is e a’s fhearr leis na cuideachd nam Frangach.” Le so a radh thionndaidh an seanalair air a shàil is ghabh e mach.
Dh’ éubh Niall mòr air na saighdearan, ’s ga’m
DOMHNULL NAN ORD.
IS ann Mhac Iain Stiubhairt na h-Apunn a thàrmaich teaghlach Ionar-na-h- Aighle. B’ e Alastair, mac do Ailein an treas Mac Iain Stiubhairt, an ciad fhear dhiubh. Phòs e Mairearad nighean do Dhomhnull nan Lochan am Mùideart. Cha robh aca ach aon urra chloinne, Dòmhnull, agus thainig esan a stigh an àite ’athar. A réir coltais is ann an Eilein Stalcaire bha Alastair a’ tuineachadh. Moch maduinn shamhraidh dh’ éirich e ’s chaidh e do Eilein nan Gall, eilein beag a bha làmh ri Eilein Stalcaire. Thug e leis an tuagh-Abrach ’na laimh, ball-airm a bu tric a bh’ aig na Gàidheil ’s an àm ud. Rinn e sìneadh air lianaig ghuirm, ’s leig e thuagh air làr. Bha e fhein agus Fear Dhun-Staibhinnis a mach air a chéile agus ’s dualach gu ’m facas e ’san eilein: thàinig Cailein Uaine, bràthair Fhir Dhun-Staibhinnis, le daoine ’s bàta a ghabhail fàth air. Thàinig iad air gun fhios dha. An uair a thainig e am fradharc Alasdair, ghabh e air gur h-ann a thagairt càirdeis air a thainig e; ach, an uair a thuig e nach robh e air fhaicill, thug e sùil air an tuaigh a bha làmh ris an fhear eile air an làr, agus mu ’n d’ fhuair e dol air a thapadh rug e oirre ’na laimh—bha fhios gu math aige mur biodh e ealamh, gu ’m biodh daor an ceannach aige air a thurus, agus thuirt e, “Is math an tuagh so, ’Alastair, na ’m biodh a leòir samhaich innte?” Thuig e gu ro mhath ciod a bh’ air aire Chailein Uaine, agus gun tuilleadh éisdeachd, rug e air an tuaigh; ach thàinig na daoine aig Cailein agus chuir iad as da.
Cha robh Dòmhnull a mhac ach ’na mhaotharan air a’ chìch: bha e air bhanaltrumas aig Mòraig, bean Rob a’ Pheitidh, gobhainn Mhùideart. Cha d’ fhoghainn le Cailein Uaine bàs Alastair a bhi air a lamhan: chuir e roimhe cur as do ’n phàisde—bha fhios aige nach biodh a’ chùis gun aicheamhail. Ach cha deachaidh an gnothuch air mhìthapadh do mhuime Dhòmhnuill; thrus i leatha e, agus thug i Mùideart oirre leis, gun umhail do dhuine no do bheathach. Dh’ innis i do ’n ghobhainn mar a dh’ éirich, agus ’s e bh’ann gu ’n do dh’ aontaich iad an leanabh a thogail ’us àrach agus urra chloinne dhaibh fhein a dheanamh dheth, gun innse do choimhearsnach no do dhuine eile, gus an tigeadh e gu inbheachd.
Is ann mar so a bha. Chaidh Domhnull a thogail us àrach an teaghlach Rob a’ Pheitidh. An uair a thainig e gu gnè spionnaidh, bu tric leis làmh-chuideachaidh a thoirt do ’n ghobhainn ’s a’ cheardaich. Bha e làidir, gramail; agus ciod sam bith ris an cuirteadh e cha chuireadh e cualag air, cha chuireadh ’s gun fhios nach b’ ann leis a’ ghobhainn a bha e.
Latha de na làithean, an uair a bha e mu ochd bliadhn’ deug a dh’ aois, thuit da a bhi ’s a’ cheardaich. Dh’ iarr an gobhainn air an t-òrd mor a thogail a bhualadh a mach tinne mhoir de dh’ iarunn. B’ òrd da-laimhe e do dhuine sam bith, ’s cha b’ ion do ghlas-ghiullan dol ’na dhàil air atharrachadh, ach rug Domhnull air ’na leth-laimh agus dh’ obraich e leis ’s cha bu luaithid anail e; agus cha ’n e sin a mhàin ach rug e air fear eile ’s an laimh eile ’s dh’ obraich e leotha le buille mu seach, gus an do chuir e fhein ’s a ghoistidh a mach an tinne. A ghoistidh choir, Rob a’ Pheitidh, cha do ghabh e dad air; ach an uair a chaidh e stigh ’s a fhuair e cothrom air Móraig dh’ innis e dhi mu Dhomhnull. Is e bh’ ann gu ’n do chuir a’ chàraid chòir, cheanalta rompa gu ’n innseadh iad do Dhòmhnull mar a bha ’chùis, co b’ e, agus co leis am bu leis e. A leth taobh chuireadh fios air Dòmhnull, agus dh’ innis iad an dìol déisneach a rinneadh air ’athair agus an caol-thearnadh a bh’ aige fhéin. Bhuin an sgeul so gu guineach, goirt ris; rug a ghoistidh eadar a ghlacaibh air: “A dhalta chridhe,” ars’ esan, “b’ fheudar do d’ oilein ’s do d’ ionnsachadh a bhi gus a nis an ceilt; ach tha dòchas agam nach dean thu dìmeas air d’ fhuil, agus gu ’m bi cuimhne agad air cruadal nan daoine bho ’n d’ thainig thu.”
An sin thug an gobhainn da claidheamh, a rinn e a roghainn òrduigh, de smior an iaruinn agus na cruadhach air a shàr fhadhairt, ag guidhe gu ’m biodh e ’na ìmpidh air a thoirt sàbhailt as gach cruadal, agus a theasraiginn bho gach gàbhadh us cunnart. Ghlac Dòmhnull an claidheamh le faoilte gu fearghleus; ’s cha do leig e le bharr-dheis laidhe fo mheirg ’san truaill. Chuir e roimhe an aicheamhail a thoirt a mach; ach mu’n gabhadh e dad os laimh leig e chùis am mèinn a mhuime. Chomhairlich ise dha dol gu bràthair a mhàthar, Domhnull òg nan Lochan. Ghabh bràthair a mhàthar ris le mùirn ’s le fàilte, agus thairg e cuideachadh us comhnadh dha na ’n deanadh daoine us airgiod e, gus a chuid fearainn a ghleidheadh air ais dha—chaill e e an uair a thuigeadh nach bu bheò esan—an t-oighre.
An uair a thill Domhnull do ’n Apuinn, agus a dh’ innseadh mar a dh’ éirich dha, thugadh a dh’ aon fhacal “Domhnull nan òrd” air. Cha robh Nàdur lombais mu a gibhtean da; bha e giar-fhaclach, fileanta, làidir, iasgaidh, clis. Rinn na feartan inntinn us cuirp so e ’na roghadh ’s taghadh a’ chinn-fheadhna. Bu chulaidh-eagail do luchd-dòbheairt e; agus cha b’ fhada gus an d’ fhuair naimhdean a chinnidh ’s a chàirdean fios-faireachdainn air sin. B’ e ’n ceud ghniomh a rinn e cur as do Chailein Uaine. (Is e fear de dhaoine Dhomhnuill nan òrd a chuir as do Chailein Uaine ’s e a’ snàmh thar Lìobhunn. “Is glan an fhuil a thug thu do bhric Lìobhunn,” arsa fear de dhaoine Chailein ’s e ’faicinn na saighde air chrathadh ’na uchd. “Bu ghlaine na sin,” arsa fear de dhaoine Dhomhnuill, “an fhuil a thug thusa do phartain Eilein nan Gall. ”) Cha d’ fhoghainn leis sin; cha do sguir e gus an do chuir e gu buil naoinear de thigh Dhunstaibhnis.
Cha b’ fhada gus an d’ thàinig gnìomharan Dhomhnuill gu cluasan Mhic-Cailein, agus dh’ fheuch e ri ’chur fo chìs, ach dh’ fhairtlich air; fhuair Dòmhnull a mach gu ’n robh e a caitheamh foille air, agus ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug e taobh Loch Odha air ’s gu ’n do thog e creach bho ’n tuath sin. Tha ceithreamh òrain fhathast air chuimhne mu ’n turus so:—
“Domhnull nan òrd, dalt’ a’ ghobhainn,
Ailleagan nan lùireach leobhar,
Thog e creach bho thaobh Loch Odha,
Nach dian Mac-Cailein a toghadh,
No ’mhac, no ’iar-ogh’, no ogha.”
Chuir deanadas Dhòmhnuill corruich nach bu bheag air Mac-Cailein, agus chuir e roimhe a chuid daoine a thogail agus greim a dheanamh air leis an laimh làidir. Ach chaidh e rithist gu ’smaointean mu ’n chùis agus chunnaic e aige fhein nach biodh e sàmhach dha—bha cinneadh a mhàthar na Mùideartaich agus na Camronaich ro lìonar làidir, agus ’s e rinn e moidhein a chur air Mac Iain Stiubhairt dh’fhiach an d’ thugadh e air Domhnull sìth a dheanamh agus a’ chreach a chur air a h-ais. Chuir esan agus cinn-fheadhna eile an cinn ri cheile, agus mhaoidh iad air mur deanadh e dìoladh-fiach agus sìth, nach tàirneadh iad claidheamh ’na aobhar ach gu ’n leigeadh iad eadar e fhein ’s Mac-Cailein. Cha robh déidh aig Domhnull air cur a mach air a chàirdean, agus smaoinich e gu ’n d’ rinn e gu leor a dhiol bàs ’athar, agus ’s e rinn e gun fhiamh gun eagal, gun duine ach e fhein ’s a ghille, dol gu Mac-Cailein a shocrachadh na cùise. Thachair Mac-Cailein orra goirid bho ’n chaisteal, agus ma ’s fhior is i so an fhàilte chur Domhnull air:
“A Mhic-Cailein ghrìomaich, ghlais,
Is beag an tlachd a th’ agad dhìom;
’S ’n uair a philleas mi air m’ ais,
Ma is mò a th’ agam dhìot.”
Chaidh iad air sùrd còrdaidh; agus eadar feala-dhà ’s a rìreadh is coltach nach robh a’ ghlas-ghuib air Domhnull; bu mhò us mor le Mac-Cailein a lachanaich—fàgail a lean cian ri ’iarmad, agus dh’ iarr e air sealltainn air creig àraid a tha ’m braigh Aird’ -Chonghlais—creig a tha gu math coltach ri ceann duine ’s a bheul fosgailte. Dh’ fharraid e an sin deth an robh fhios aige c’ ainm a bh’ oirre. Thuirt Domhnull nach robh. “Is sud agad ma ta,” arsa Mac-Cailein, “an Gàire Grànda.” Thuig Domhnull co air a bha e ’tighinn, agus an tionndadh na boise thuirt e:
“Gàire Grànda ’s ainm do ’n chreig,
Us fanaidh i mar sin a ghnàth;
Gheibh thu leithid agad fhein,
Ma sheallas tu ’n eudann do mhnà.”
Is iad na cùmhnantan a chuir Mac-Cailein mu choinneamh, creach a thogail á Mùideart agus té eile á Atholl: bha e ’n dùil mar son gu ’n cuirteadh as da gun làmh a bhi aige fhein ’na bheatha. Dh’ aontaich Domhnull ri so, agus thug e Mùideart air. Dh’ innis e do bhràthair a mhàthar an t-slighe air an robh e agus chuir e a chomhairle ris. Thuirt bràthair a mhàthair ris gu ’n robh daoine ’s a choimhearsnachd a bu bheag air, agus na ’n togradh e gu ’m faodadh e an creach a thogail; agus an uair a thigeadh a’ chùis gu chluasan-sa gu ’n cuireadh e an tòir air, air sgàth sgoinne, ach nach biodh ro-chabhag air. Is ann mar so a bha. Chaidh e an sin do Atholl ’s rinn e an cleas ceudna. Thill e rithist gu Mac-Cailein ’s rinn iad an réit.
Bha Domhnull turus a’ tilleadh dhachaidh á Siorrachd Shrìobhla far an robh e air cheann cobhartaich air choireiginn, agus thaghail e an tigh ’s an robh banais gu bhi an oidhche sin. Cha d’ rinneadh biadhtachd a b’ fhiach riutha; agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad an dàil biadh na bainnse agus a’ chuid nach do dh’ ith iad mhìll iad, agus thug iad ris a’ bhruthach. Shin iad air Domhnull ’s cha b’ fhada gus an robh iad suas ris. Ghlaodh fear de na daoine riutha, a’ fanaid orra air son na dh’ òl iad de ’n eanbhruich:
“Stiubhartaich bhuidhe nan tapan,
A bheireadh glag air a’ chàl.”
Thug fear de dhaoine Dhomhnuill tionndadh air fhein, ’s tàirnear e an t-saigheid ’s e freagairt:
“Ma tha ’n tapan againn mar dhùthchas,
Is dù dhuinn gu ’n tarruinn sinn taifeid.”
Chuir e an t-saighead romh a chridhe, agus ’s e bh’ ann gu ’n deachaidh iad uile an dàil a chéile, ’s thuit moran diubh air gach taobh.
Bha Domhnull pòsda da uair. Ris a’ cheud mhnaoi, nighean do Iain Stiubhart am Bun-Raineach, bha ceathrar mhac aige—Alastair, a dh’ eug gun phòsadh; Donnachadh, a thàinig a stigh ’na àite fhein; Ailein, o ’n d’ thainig Tigh Bhaile- ’Chaolais; agus Iain, ris an abairteadh Iain Dubh mac Dhomhnuill. Aig an fhear so bha Leitir-Shiùna. —An Gaidheal.
CATH NAN EUN.
BHA àm ann uair anns an robh na h-uile beathach is eun a’ cruinneachadh gu cath. Thubhairt mac rìgh Cathair Shìomain gu ’n rachadh e a dh’ fhaicinn a chath, agus gu ’n d’ thugadh e fios cinnteach dhachaidh do dh’ athair an rìgh co a bhiodh ’na rìgh air na beathaichean air a bhliadhna so. Bha ’n cath seachad mu ’n d’ ràinig e, ach eadar aon fhitheach mòr dubh agus nathair, agus bha aogas gu’m faigheadh an nathair buaidh air an fhitheach. ’Nuair a chunnaic mac an righ so, chuidich e ’m fitheach, agus le aon bhuille thugar an ceann de ’n nathair. ’Nuair a leig am fitheach anail, ’sa chunnaic e gu’n robh an nathair marbh, thubhairt e, “Air son do chaoimhneis dhòmhsa an diugh, bheir mise sealladh dhuit; thig a nios a nis air bun mo dhà sgéithe.” Chaidh mac an rìgh suas air muin an fhithich agus mu ’n do stad e, thug e thairis e air seachd beanntaibh, seachd glinn, agus seachd mionaidhean. “A nis,” ars’ am fitheach, “am bheil thu faicinn an tigh’ ud thàll; falbh a nis d’a ionnsuidh; ’s i piuthar dhòmhsa a tha gabhail còmhnuidh ann agus théid mis’ an urras gu ’r e do bheatha. Agus ma dh’ fhoighneachdas i dhiot, ’an robh thu aig Cath nan eun, abair thusa, gu ’n robh. Agus ma dh’ fheòraicheas i dhiot, am faca tu mo choltas-sa, abair thusa gu ’m faca, ach bi cinnteach gu ’n coinnich thu mise moch am màireach anns an aite so.”
Fhuair mac an rìgh gabhail aige gu maith ’s gu ro mhaith air an oidhche so—biadh dheth gach biadh, is deoch dheth gach deoch, uisge blàth d’a chasan ’s leaba bhog d’a leasan. Air an ath latha, thug an fitheach an sealladh ceudna dhà thairis air seachd beanntaibh, seachd glinn, agus seachd monaidhean. Chunnaic iad bothan fad’ uatha ach ge b’ fhad uatha, cha b’ fhada ’ga ruigheachd. Fhuair e gabhail aig’ air an oidhche so gu maith mar an ceudna; pailteas biadh is deoch, is uisge blàth d’a chasan, ’s leaba bhog d’a leasan. Air an treas maduinn an àit an fhithich fhaicinn, mar air na h-uairean roimhe, co thug coinneamh dha, ach an t-òganach a bu dhreachmhoire a chunnaic e riamh, agus pasgan aige na làimh. Dh’ fhoighneachd mac an righ do ’n òganach so, am fac’ e fitheach mòr dubh.
Thubhairt an t-òganach ris, “Cha ’n ’fhaic thu ’m fitheach tuilleadh, oir is mise am fitheach a bha ’sin; bha mi air mo chuir fo gheasasbh agus ’se thusa a choinneachadh a dh’ fhuasgail mi, air son sin, tha thu a’ faotainn a phasgain so. Nis,” ars’ an t-òganach, “pillidh tu air t’ ais air a chois-cheum cheudna, agus bithibh tu oidhche anns gach tigh mar a bha thu roimhe; ach am bonn a tha agad ri dheanamh, ’na fuasgail am pasgan sin a thug mi dhuit, gus am bi thu anns an àite bu mhiannaiche leat a bhith chòmhnuidh.”
Thug mac an rìgh a chùl air an òganach, agus thug e aghaidh air tigh athar, agus fhuair e aoidheachd aig peathraichean an fhithich ceart mar a fhuair e ’dol air aghaidh. Nuair a bha e dlùthachadh ri tigh athar, bha e ’dol troimh choille dhùmhail; air leis gu ’n robh am pasgan a’ fàs trom, agus smaoinich e gu ’n sealladh e gu dé a bh’ ann. ’Nuair a dh’ fhuasgail e ’m pasgan, cha b’ ann gun iongantas a chur air fhéin. Ann am prioba na sùla, faicear an aon àite bu bhrèagha a chunnaic e riamh, caisteal mòr, agus lios, anns an robh na h-uile seòrsa meas is luibhean mu’n cuairt air a’ chaisteal. Sheas e làn iongantais, agus aithreachais air son am pasgan fhuasgladh. Cha robh ’na chomas a chur air ais a rithist, agus bu mhiann leis an t-àite bòidheach so a bhith air an lagan bhòidheach uaine a bha fa chomhair tigh athar. Ach sùil do ’n d’ thug e, faicear famhair mòr, ’s e gabhail d’a ionnsuidh.
“ ’S olc an t-àite anns an do thog thu do thigh, a mhic an righ,” ars’ am famhair.
“Seadh, ach cha b’ ann an so bu mhiannaiche leam e ’bhith, ge do thachair e ’bhith ann gu tubaisteach,” arsa mac an rìgh.
“Ciod an duais a bheireadh tu air son a chur air ais ’sa phasgan mar a bha e roimhe?”
“Ciod an duais a dh’ iarradh tu?” arsa mac an righ.
“Ma bheir thu dhomhs’ a cheud mhac a bhitheas agad, ’nuair a bhitheas e seachd bliadhna dh’ aois,” ars’ am famhair.
“Gheibh thu sin ma bhitheas mac agam,” thubhairt mac an rìgh.
Ann am prioba na sùla chuir am famhair gach lios is gàrradh is caisteal ’sa phasgan mar a bha iad roimhe.
“Nis,” ars’ am famhair, “gabh thusa do rathad féin, ’s gabhaidh mise mo rathad féin; ach cuimhnich do ghealladh, ’s ged nach cuimhnich thusa, cha di-chuimhnich mise.”
Thug mac an righ an rathad air, ’s an ceann beagan laithean ràinig e ’n t-àite bu mhiannaiche leis; dh’ fhuasgail e ’m pasgan, agus bha ’n t-àite ceudna dìreach mar a bha e roimhe, agus an uair a dh’ fhosgail e dorus a chaisteail, faicear an òigh bu dhreachmhoire air an d’ thug e sùil riamh.
“Thig air t-aghaidh, a mhic an righ,” ars’ an nighean bhòidheach, “tha gach ni an òrdugh air do shon, ma phòsas tu mise, an nochd féin.”
“ ’S mis’ an duine a bhitheas toileach,” thubhairt mac an righ; agus air an oidhche sin féin phòs iad.
Ach an ceann latha is seachd bliadhna co ’m fear mòr a chithear a tighinn a dh’ ionnsuidh a chaisteal ach am famhair. Chuimhnich mac an rìgh a ghealladh do’n fhamhair, agus gus a so, cha d’ innis e do ’n bhan-righ a ghealladh.
“Leig thus’ eadar mise ’s am famhair,” ars’ a bhan-righ.
“Cuir a mach do mhac,” ars’ am famhair; “cuimhnich do ghealladh.”
“Gheibh thu sin,” ars’ an righ; “ ’nuair a chuireas a mhathair an òrdugh e air son a thurais.” Sgeadaich a bhan-righ mac a chòcaire agus thug i do ’n fhamhair air làimh e. Dh’ fhalbh am famhair leis, ach cha b’ fhad’ a chaidh e, ’nuair a chuir e slatag ann an làimh a ghille-bhig. Dh’ fheòraich am famhair dheth, “Na’m bitheadh an t-slatag sin aig t-athair, de ’dhèanadh e leatha?”
“Na ’m biodh an t-slat so aig m’ athair, ghabhadh e air na coin ’s air na cait na ’m biodh iad a dol a chòir biadh an rìgh,” ars an gille beag.
“ ’S tusa mac a chòcaire, ’” ars’ am famhair. Beirear air dha chaol cois’ air, agus sgleogar e ris a chloich a bha ri thaobh.
Thill am famhair air ais a dh’ ionnsuidh a chaisteal ann am feirg is cuthach, is thubhairt e, mur cuireadh iad a mach dhàsan mac an rìgh, gu ’m b’ e ’chlach a b’ àirde a chlach a b’ isle bhiodh do ’n chaisteal.
Thubhairt a bhan-righ ris an righ, “Feuchadh sinn fhathast e; tha mac a bhuidealair an aon aois ri ar mac féin.”
Sgeadaich i mac a bhuidealair, agus thugar do ’n fhamhair e air làimh. Cha deach am famhair ach goirid, nuair a chuir e ’n t-slatag ’na làimh, “Na ’m bitheadh an t-slat so aig t-athair,” ars’ am famhair, “dé a dhèanadh e leatha?”
“Ghabhadh e air na coin ’s air na cait ’nuair a bhiodh iad a tighinn dlùth aìr botail ’s air gloineachan an righ.”
“ ’S tusa mac a bhuidealair,” ars’ am famhair, is spad e ’n t-eanchainn as air an dòigh cheudna. Thill am famhair, ann am feirg is corruich ro-mhòr. Chrith an talamh fo ’bhonn, ’s chrith an caisteal ’s na bh’ ann. “Mach an so do mhac,” ars’ am famhair, “oir ann am prioba na sùla ’s e chlach is àirde ’chlach is ìsle bhitheas do ’n aitreabh.”
’S e bh’ ann gu’m b’ eiginn mac an rìgh thabhairt do ’n fhamhair. Thug am famhair e d’a thigh féin, agus thog e mar mhac dha féin e.
Latha do na làithean, ’s am famhair bho ’n bhaile, chuala an t-òganach an ceòl bu bhinne a chual’ e riamh, ann an seòmar a bha ’m mullach tigh an fhamhair.. Sùil do ’n d’ thug e, chunnaic e an aghaidh bu bhrèagha a chunnaic e riamh. Smèid i air e thighinn ni bu dlùithe dhì, agus thubhairt i ris, e dh’ fhalbh air an àm so ach e bhith cinnteach e ’bhith anns an àite cheudna mu mharbh mheadhain na h-oidhche so; agus mar a gheall, choimhlion. Bha nighean an fhamhair ri ’thaobh ann am prioba na sùla agus thubhairt i ris, “Am màireach gheibh thu do roghainn ri phòsadh mo dhà phiuthar; ach abair thusa nach gabh thu a h-aon dhiubh ach mise; tha m’ athair air son gu ’m pòs mi mac rìgh na Cathair Uaine, ach ’s coma leam e.”
Air an latha màireach, thug am famhair a mach a thriùir nighean is thubhairt e, “Nis, a mhic rìgh na Cathair Shìomain, cha do chaill thu air a bhith leamsa cho fada: gheibh thu air son bean aon do ’n dithis is sine do m’ nigheanaibh, agus bithidh cead agad dol dhachaidh leatha, an déigh na bainnse.”
“Ma bheir thu dhomh an té bheag bhòidheach so,” arsa mac an righ, “gabhaidh mi air t-fhacal thu.”
Las fearg an fhamhair, agus thubhairt e, “Mu’m faigh thu sin, feumaidh tu na tri nithean a dh’ iarras mis’ ort a dheanamh.”
“Abair romhad,” arsa mac an rìgh.
Thug am famhair do ’n bhàthaich e. “Nis,” ars’ am famhair, “tha innear nan ceud damh an so, agus cha deach a chartadh o cheann seachd bliadhna. Tha mise ’dol o’n bhaile ’n diugh agus mar bi ’m bàthach so air a chartadh mu ’n d’ thig an oidhche cho ghlan ’s gu’n ruith ubhall òir o cheann gu ceann dith, cha ’n e mhàin nach faigh thu mo nighean, ach ’s e deoch dhe d’ fhuil a chaisgeas mo phathadh a nochd.”
Toisichear air cartadh na bathaich, ach bu cheart cho maith teannadh ri taomadh a chuain mhòir. ’N déigh mheadhoin-latha ’s am fallus ’ga ’dhalladh thàinig nighean òg an fhamhair far an robh e ’s thubhairt i ris, “Tha thu ’ga d’ phianadh, a mhic an righ.”
“Tha mi ’n sin,” arsa mac an rìgh.
“Thig a nall,” ars’ ise, “agus leig do sgios.”
“Ni mi sin,” ars esan; “cha ’n eil ach am bàs a feitheamh orm co dhiu.”
Shuidh e sios làimh rithe. Bha e cho sgith, agus gu ’n do thuit e ’na chadal ri ’taobh. ’Nuair a dhùisg e, cha robh nighean an fhamhair ri fhaicinn; ach bha bhàthaich cho glan cairte ’s gu ’n ruitheadh ubhall òir bho cheann gu ceann dhith.
’Steach thigear am famhair, ’s thubhairt e, “Chairt thu ’m bathach, a mhic an righ.”
“Chairt mi,” ars’ esan.
“Cha do chairt thus’ i co dhiu,” thubhairt mac an righ. “Seadh! seadh!” ars’ am famhair, “bho ’n a’ bha thu cho tapaidh an diugh, gheibh thu gus an àm so am maireach gu tubhadh a bhathaich so le clòimh eóin gun dà ite air an aon dath.”
Bha mac an rìgh air a chois roi ’n ghréin. Ghlac e a bhogha ’s a bhalg-saighead a mharbhadh nan eun. Thug e ’m monadh air, ach ma thug, cha robh na h-eòin cho furasda ri ’m faotainn. Bha e a ruith nan déigh, gus an robh am fallus ga ’dhalladh. Mu mheadhon-la co ’thigeadh ach nighean an fhamhair.
“Tha thu ga d’ phianadh, a mhic an righ,” ars’ ise.
“Tha mi,” thubhairt esan; “cha do thuit ach an dà lon dubh so, agus iad air aon dath.”
“Thig a nall, ’s leig do sgìos air a chnocan bhòidheach so,” arsa nighean an fhamhair.
“ ’S mi tha toileach,” thubhairt esan. Smaoinich e gu ’n cobhaireadh i air air an àm so cuideachd. Shuidh e sios làimh rithe, ’s cha b’ fhad a bha e ’n sin gus an do thuit e ’na chadal; agus a nuair a dhùisg e, bha nighean an fhamhair air falbh. Smaoinich e tilleadh thun an tighe, ’s faicear am bàthach tubhte leis na h-itean.
’Nuair a thàinig am famhair dhachaidh thubhairt e, “Thubh thu ’m bathach, a mhic an righ.” “Thuibh mi,” ars’ esan.
“Thubh cuid-eiginn i,” ars’ am famhair.
“Cha do thubh thusa i,” arsa mac an rìgh.
“Seadh! Seadh!” ars’ am famhair. “ ’Nis,” ars’ am famhair, “tha craobh ghiubhas ri taobh an loch ud shios agus tha nead pioghaid ’na mullach. Na h-uibhean a gheihh thu anns an nead, feumaidh iad a bhi agamsa gu mo cheud-lòn; cha ’n fhaod a h-aon a bhith sgàinte no briste, agus ’s e còig a tha ’san-nead.”
Moch ’sa mhaduinn, dh’ fhalbh mac an rìgh far an robh a chraobh, ’s cha robh sin duilich amas oirre. Cha robh a leith-bhreac ’sa choill’ air fad. Bho ’bonn gu ruig a ceud mheanglan, còig ceud troidh. Bha mac an rìgh a dol ceithir thimchioll air a chraoibh. Thàinig ise ’bha daonnan a deanamh furtachd dha: “Tha thu air call craiceann nan làmh ’s nan càs, a mhic an rìgh.”
“Ach tha,” ars’ esan, “cha luaithe shuas na shìos mi.”
“Cha ’n àm fuireachd so,” arsa nighean an fhamhair. Shàth i meur an déigh meur, gus an d’ rinn i fàradh do mhac an rìgh gu dol suas do nead na pioghaid. ’Nuair a bha e aig an nead, thubhairt ise, “Dean cabhag a nuas leis na h-uibhean, oir tha anail m’ athar a’ losgadh mo dhroma.” Leis a chabhaig a bh’ air-san, dh’ fhàg ise ’lùdag am mullach na craoibhe. “Nis,” ars’ ise, “théid thu dhachaidh leis na h-uibhean gu luath, agus gheibh thu mise ri phòsadh a nochd ma dh’ aithnicheas tu mi; bithidh mis’ agus mo dha phiuthar air ar n-éideadh anns an aon trusgan, agus air ar deanamh coltach ri’ chéile. Ach seall thus ormsa ’nuair a their m’ athair, falbh le d’ mhnaoi, a mhic an righ; agus chi thu làimh gun lùdag.”
Thug e na h-uibhean do’n fhamhair. “Seadh! seadh!” ars’ am famhair; “bi ’deanamh deas chum do phòsadh.”
(Ri leantuinn.)
CAILEAN BEAG,
MAC DHUGHAILL ’IC IAIN.
’S E duine innleachadh a bh’ ann an Cailean, ach cha b’e duine a bh’ ann idir aig an am mu ’m bheil mi nis a’ dol a labhairt, ach balach. Ciod e ’sam bith an toil inntinn a bha e faodainn ann a bhi cur chon agus choileach a shabaid, tha e duilich a thuigsinn, ach cha robh ìnnleachd a bha ’na cheann—agus bha iad lionar—nach feuchadh e gus an obair bhorb ud a thoirt mu’n cuairt. ’S minig a b’ fheudar do dh’ Eilidh ruadh, te a mhuinntir a’ bhaile anns an robh Cailean a chòmhnuidh, dol air chasaid air Cailean, agus ’s minig a fhuair Cailean—mar a theireadh e fein—a laimhseach air tàileamh casaidean Eilidh.
Bha coileach briagha aig Eilidh—Coileach Gallda, torcunn(dorking) ,mar a theireadh i fein, agus ’s minig a chaidh aig Cailean air a’ choileach aig Eilidh a chur a shabaid ris a’ choileach aig Mòr an t-Srath; agus chuireadh sud Mòr an t-Srath agus Eilidh a throd, agus chòrdadh cath nan coilaách ri Cailean gu gasda.
Ach ged a b’e ’n coileach aig Eilidh eun bu truime na ’n t-eun eile, ’s e am bitheantas a bha faodainn na cuid bu mhiosa dheth; agus thug sud air Eilidh a h-uile rud a b’ urrainn i a dheanamh gus na h-eòin a chumail o chéile; agus bha sud a’ fàs ni b’ fhasa a dheanamh o na bha an t-eun fein a’ fas coma de ’n obair anns an robh daonnan tuille call na buannachd. Ach air latha araidh, fhuair Cailean an cothrom, agus bha e a’ deanamh a dhìchill gus na coilich a chur a shabaid, ach cha rachadh na coilich a shabaid air a shon. Co dhiu, fhuair e greim air na coilich, agus cheangail e air earball le ròpa iad. Bha fios aige gu ’n cuireadh sud na cait ann an sgòrnaibh a chéile; ’s o ’n a chuireadh e na cait ann, c’arson nach cuireadh e na coilich.
Ach bha Cailean air a mhealladh le bheachd fein an uair ud; cha rachadh na coilich a shabaid idir anns an dòigh ud; ’s ann a bha an darna fear a’ tarruing an fhir eile greis ma seach. Mhothaich Eilidh do na coilich, agus a nùnn a bha i ’na ruith, ’s i ann am beachd gur h-ann a’ shabaid a bha iad; ach an uair a chunnaic i mar a bha, ’s ann a dh’ eirich spiorad uaibhreach àrdanach innte an aghaidh an neach a rinn an gniomh mollaichte ud, mar a thuirt i fein. Dh’ fheuch i ri breith air na h-eòin gus an leigeil ma réir, ach dh’ fhaodadh Eilidh a ràdh mu na coilich mar a thuirt Donnachadh Ban mu ’n eilid—
“ ’N uair a shaoil mi i bhi buailte,
Sud an uair a b’ àirde leum i.”
An uair a shaoil Eilidh gu ’n d’ fhuair i greim air na coilich, sud an uair a b’ airde leum na coilich. Ach leis na leumannan a bh’ ann thainig an t-earrbal ás a’ choileach aig Mòr an t-Srath, agus dh’ fhaodadh coileach Eilidh, a bhi mòr as fein an latha bh’ ann a sud: chaidh e dhachaidh agus dà earball aige.
Cha ’n ’eil teagamh nach robh amharas aig Eilidh gur h-e Cailean a rinn an droch ghnìomh ud; ach cha bu toil leatha dol a chasaid air o nach robh i cinnteach. Cha b’ fhada gus an d’ fhuair i dearbhadh—no co dhiu, na bha ’na dhearbhadh gu leòir le Eilidh. Thachair boirionnach oirre a thuirt rithe gu ’m faca ise Cailean agus coileach anns gach achlais aige. Bu leòir sud. A mach a ghabh Eihdh gu tigh Dhughaill ’Ic Iain, a dhol a chasaid, turas air am minig an deachaidh i roimhe sud.
Mar a thachras do gach neach aig nach bi coimhseas glan, cha robh Cailean fuasach socrach ged a bha e stigh ’na shuidhe; bha e a’ sealtainn troimh an uinneag an dràsd ’s a rithisd gus am faca e Eilidh a’ tighinn, agus an sin smaoinich e gu ’m b’e ’n gliocas dhàsan a chasan a thoirt leis ris a’ bhruthach, agus bha e a’ gabhail a mach air a shocair fhein, gu fàilidh, air eagal gu’n tugadh neach ’sam bith an aire dha. An uair a ràinig e faisg air an dorus, chunnaic e gu’n robh a’ mhuc mhòr, ’s a ceann ann an soire, as an robh i ag itheadh biadh a chaidh a thoirt dhith. An sin bhuail rud-eiginn eile ann an inntinn Chailein. Thill e air ais agus fhuair e an ladar; bha poit làn uisge air ghoil an crochadh ris an t-slabhraidh, agus thog e steall as a’ phoit leis an ladar, agus ghabh e sìos a chatha, gun neach a thoirt an aire do’n rud a rinn e. An uair a chuala e fuaim coiseachd Eilidh, agus a chunnaic e a faileas a’ dùbhradh anns an dorus, thilg e an t-uisge goileach a bh’ aige anns an ladar air druim na muice. Cho clis ris an fhùdar ris an rachadh sradag theine, bha ’mhuc a mach air an dorus, a chruinn-leum, a’ dol mu chasan Eilidh agus ’ga togail leatha air a druim, agus ma sheinn muc riamh ceòl, sheinn muc Dhùghall Ic Iain ceòl-mòr an latha bh’ ann a sud. Ach ma sgriach a’ mhuc, neo-ar-thainig mur do sgriach Eilidh. Cha robh duine beag no mòr a bha stigh nach do leum a mach cho luath ’s a b’ urrainn iad. Cha robh Eilidh ’na bana-mharcaiche mhath agus cha deach aice air fuireach ’na diolaid fuathasach fada, agus an uair a thàinig a’ chuideachd a mach, fhuair iad ’na sineadh air an làr i, agus fad ’s a bha càch a’ cuideachadh Eilidh gu éirigh, bha Cailean a’ toirt a’ mhonaidh air, far an d’ fhuirich e fad an latha, gus na chuir an oidhche agus eagal nam bòcan dhachaidh e.
Naidheachdan.
Tha an cóigeamh la deug dhe’n ath mhios air a chur air leth air-son La Taingealachd. Tha e mar sin ri bhi air a chumail am bliadhna mu’n aon àm ’s a bha e ’n uiridh. Bliadhnachan roimhe sin bhatar ga ’chumail ro-anmoch air-son a bhi freagarrach do’n dùthaich so.
Tha Padruig, righ Servia, a’ faighinn thrioblaidean gu leòr. Tha e air a chuartachadh leòsan a mhort am fear a bh’ air a chrùn roimhe, agus cha’n eil fhios aige nach tachair dha fhein mar a thachair dha’n fhear sin. Tha sùil shanntach aig Russia air Servia, agus tha a h-oifigich air an aobhar sin gun tàmh a’ brosnachadh aimhreit. Tha Padruig a bagradh mur dean Ruisia na’s fhearr ris na tha i deanamh aig an àm so gu’n leig e ’n crùn uaithe.
Tha na paipeirean ag innse gu robh cuid de na buanaichean a dh’ fhalbh as na Roinnean Iochdrach gu’n giùlan fein gu mi-rianail air an rathad do’n Iar Thuath. Ann an aon bhaile beag an Cuebec rinn iad troimhe-cheile fuathsach. Bha’n t-òl, mar is àbhaist, aig bun na h-aimhreit. Tha deoch làidir ga chreic gu pailt ann am bailtean, beag is mor, an cois an rathaid-iaruinn. Fhad ’sa bhitheas faodar a bhi cinnteach gu’n eirich tuasaidean am measg luchd gabhail an rathaid nach eil ga thur sheachnadh.
RUN AN IUDHACH. —O cheann beagan do bhliadhnachan thòisich na h-Iùdhaich air coinneamhan a ghleidheadh a ghabhail comhairle r’a chéile mu’n dleasnas a thaobh an seann dùthaich féin. Ach cha’n ’eil iad buileach aonsgeulach mu’n cho-dhunadh. Ma théid iad a steach a cheannach Phalestine tha eagal orra gu’n tig an Ruisianach aon là an sgrìobadh ás an tir. A bharrachd air sin tha e soilleir nach ’eil iad gionach air dol dhachaidh do thìr nach ’eil a nis co-dhiù a’ sruthadh le bainne, ’s le meala, ’s le fìon. Chaochail saothair an duine agus mar thoradh na mallachd thàinig an Turcach a steach ’nuair bha cupan an Amoraich anns an t-seadh so làn. Uime sin cha’n ’eil na h-Iùdhaich dian ann a bhi ’g iarraidh dhachaidh do’n t-seann dùthaich. Air dòigh no dhà tha i cho cruaidh creagach ri Wales agus mu’n aon mheud. Ach tha tairgse eile aig na h-Iùdhaich. Tha fearann neo-àitichte farsuinn ann an taobh Sear Africa far an do thog sinne Railway aig costus mhiltean do òr agus tha cuid do’n tìr air a tairgse do na h-Iùdhaich le Breatunn far am feud iad greim fhaotainn air cuid do uachdar na talmhainn anns am feud iad mar chinneach clos fhaotainn d’an casan ànrach. Co-dhiù a tha oidhirp do’n t-seòrsa so glic no nach ’eil tha cothrom do thomhas saorsa aca anns an rathad so. —Oban Times.
Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.
A chuideachd a’s motha tha ’n Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHE ’S BRAIT-URLAIR.
THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMH ’NAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.
Tha sinn a’ creic gach seors’ innsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.
“Ceannaich o’n Chuideachd a’s Motha, ’s caomhain t’ airgead.”
MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE
HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH
ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.
HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean a’s fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.
C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .
DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.
C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.
C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,
J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan a’s fhearr am Breatunn ’s an America.
ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.
EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00
Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Gen’l. Mgr., Montreal.
Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.
Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am banca ’ga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.
DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.
ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.
MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach na ’s fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.
FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dh’orain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.
PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.
NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean a’s fhearr agus na Fasain a’s ùire.
[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)
CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsa—beag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodha—cruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.
Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhe ’n duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.
Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.
MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.
Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.
Tha a chuideachd so a creic “pholicies” dhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dh’ iarrar, agus na prisean, bho
C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.
Thachair sgiorradh muladach aigSydney MinesDi-luain s’a chaidh. Bha dithis ghillean le Iain Young, fear tri ’s fear ceithir bliadhna dh’ aois, a cluich an feadh an taighe, agus fhuair iad greim air daga bha ann an drathair. Dh’ fhalbh an urchair as an daga ’s chaidh am peileir an ceann fir dhiu. Dh’ fhairtlich air na dotairean am peileir fhaotainn, agus chaochail an gille.
Chaidh Ioseph Organ, sgiobair soithich, a bhàthadh ann an Sidni Tuath air an t-seachduin s’a chaidh. Chunnacas e mu dheireadh feasgar Diordaoin, agus fhuaireadh a chorp fo cheidhe ghuail feasgar Di-luain air an t-seachduin so. Thatar dhe’n bharail gu’n do thachair an sgiorradh ’se ’dol air bòrd an t-soithich an deigh dorchadh na h-oidhche, gun do bhuail a cheann an aon de na maidean, agus mar sin nach robh na ’chomas éigheach air-son cuideachaidh. Bha e mu leth-cheud bliadhna dh’ aois, agus dh’ fhàg e bean is teaghlach ann an Sasunn.
Bidh moran de’r leughadairean duilich a chluinntinn gu’n do chaochail Uisdean Mac-Fhearchair, mac do’n Urr. Alasdair Mac-Fhearchair nach maireann. Cha robh e tinn ach latha no dha; roimhe sin bha e na shlàinte àbhaistich. Bha an Dotair Stiubhart á Halifacs air a thoirt ga ionnsuidh oidhche Di-sathuirne, ach a dh’ aindeoin gach ni a rinneadh, chaidh e na bu mhiosa agus chaochail e oidhche na Sàbaid. Bha e da bhliadhn’ air fhichead a dh’ aois, na ghille ciùin, caoibhneil, air an robh mor mheas. Bidh a bhàs na bhuille ghoirt do’n teaghlach, agus na dhuilichinn mhor d’ an càirdean ’s do’n luchd-eòlais.
Chaochail an t-Urr. Gilleasbuig Mac-Coinnich, sagartLow Point,seachduin gus a bhòn-dé. Bha e air a bhualadh tinn la na Sàbaid roimhe sin ’s e a’ searmonachadh ’san eaglais, agus bha e sior dhol na b’ ìsle gus ’n do chaochail e. Bha e na ’shagart o chionn da fhichead bliadhna ’sa tri. Seachd bliadhna fichead bha e saoithreachadh ann an Creiginis, agus o’n bhliadhna 1887 bha e ann anLow Point.Bha e tri fichead is ochd bliadhna dh’ aois. Bha e measail aig a shluagh féin agus acasan uile aig an robh eòlas air. Bha e air a thiodhlacadh aig Eilein Christmas, an t-àite ’san d’ fhuair e bhreith is ’àrach,
HO RO, MO RUN, GUR CANNACHTHU
LE DONNACHADH BAN CAMARAN.
LUINNEAG.
Ho ro, mo rùn, gur cannach thu,
Ho ro, mo rùn, gur meallach thu;
’S tu ’n òg-bhean bhòidheach, chuimir, shuairc,
A fhuair mo luaidh ’s cha ’n aireach leam.
’S tu ’n tuairneag shuaicheant’, shàr-mhaiseach,
Le d’ chuailean cuachach, fàinneagach,
Mu chùl do chinn na ’laighe sliom,
’S gur math thig cìr an càradh ann.
Mar eal’ a snàmh nan linneachan,
Mar uainean bàn ’s an fhireach thu,
Mar uiseig chiuin bhinnich nan speur,
’S mar fhuaim nan teud tha m’ annsachd-sa.
Mar tholman fo bhrat neoinean thu,
Mar lili bàn nam mor-bheann thu;
Mar osaig chiùin air aghaidh flùir
Tha anail chùbhraidh m’ òg-bheansa.
Mar shoills nan reul do thlàth-shuilean,
Mar dhaoimean ann an sgàthan iad;
A sealltuinn caomh le ’n làn de ghaol,
’S gu bheil gaeh aon fo thàir leotha.
Chaochail Donnachadh Bàn Camaran an Astralia.
GLEANNDARUAIL.
LE IAIN SINCLAIR AN EILEIN A PHRIONNSA.
FONN: —Cumha Airdmèarnaig.
Slàn le gleanntan mo ghaoil,
Is le beanntan an fhraoich
Dhosaich, ghucagaich, chaoin, làn glòir
Le ’shugh meal’ agus céir
Aig na beachan ’sa ghréin,
’S iad ga ’n sàsach’ gu réidh le sògh;
’S e na fhasgath ri fuachd
Do na caoraich ’s do ’n uain,
’S do na cearcagan ruadh, na lòn.
Slàn le bànruinn gach glìnn
Gleanndaruail mo chrìdh’,
Far an d’ àraicheadh mi o m’ òig’;
Gleann nan coilltean ’s nan raon,
Gleann nan glacag ’s nan craobh,
Gleann nan aighean, nan laogh ’s nam bò,
Gleann nam bradan, ’s nan grìs,
Gleann nan cam-lùban mìn,
Gleann a’s pailte ’san cìnn gach pòr!
Far am binne na h-eòin,
Far an grinne na h-òigh’n,
’S iad gu ceileireach, ceòlmhor, còir;
Modhail, beusach, gun ghruaim,
Teisteil, cùirteil, ciùin, suairc’,
Tuigseach, fòghluimte, stuaim, gun phròis;
Dreachail, meachair, gun mheang,
Ann am pearsa ’san cainnt,
’S iad deas, nòsail, gun sgraing, gun sgleò.
A’s na fleasgaich is àill’,
Foinnidh, fearail làn bàigh,
Uasal, smearail, air sràid ’s aig mòd;
’S iad àrd-inntinneach, dian;
’S anns an tìr am mor mhiadh;
’S iad a sheasadh gun fhiamh a chòir;
’Rachadh foirmeil gu strì,
’Bheireadh naimhdean fo chìs,
Is nach géilleadh gu siorruidh beo.
Mun cuir gleann ’tha mu ’n cuairt
Dheth trom chranndachd an fhuachd,
Bidh Gleann àillidh mo luaidh-s’ na ghlòir;
Bidh chraobh-ubhal fo bhlàth,
Bidh an duilleach aig ’fhàs,
’S ceileir cuthaig an sgàth nam fròg;
’S Mac-Gilleain le ’phiob,
’N àm na gréin bhith ’dol sios,
A toirt fuaim ás an tri le ’cheòl.
’Achadh-teangain an àigh,
Soraidh slàn leat gu bràth,
’S leis gach neach a tha ’tàmh air t’ fhòid.
Slàn le cuideachd mo ghràidh,
Slàn le m’ athair ’s le m’ mhàth’ir,
Slàn le m’ pheathraichean bàigheil, òg;
Slàn le m’ bhràithrean gu léir,
Slàn le m’ chàirdean ’s luchd-spéis,
Slàn le uiseag nan speur ’s a ceòl!
’S éiginn dòmh-sa nis triall,
’Dh-fhàgail dùthaich nan triath,
Is nam filidh, nan cliar, ’s nan seòd;
Tir na h-earba, ’s an fhéidh,
Agus iolair nan speur,
Is na h-eala, nam peuc, ’s nan còrr;
Tir nan sìthean, ’s nan cruach,
Is nan dùn, is nam bruach,
Tìr nan doire, nan cluan, is nan còs.
Ged tha ’n tir so lan bhuadh,
’S iomadh diomb ’tha rith’ fuaight’;
Cha chum ceileir na cuaich rium lòn.
Tha na fearainn ro dhaor,
Is na tuarasdail saor,
’S cha ’n fheil farraid air saothair dhaoin òg.
Ach fo ’siùil ’nis tha ’n long.
’Tha gu m’ aiseag thar thonn,
Gu Astralitha, fonn an fheòir.
ORAN SUGRAIDH.
LE IAIN MAC COINNICH.
LUINNEAG.
Hoireann o gur mi tha tùrsach,
Thriall mo mhànran, dh’fhàg mo lùgh mi,
Cha ’n fheil càil agam gu sùgradh,
Gus am faic mi rùn mo chéille.
’S truagh nach robh mo chaileag ghreannar
Mar rium fein fo sgéith nam beanntan;
Far am biodh a chuthag shamhraidh
Seinn ’sa ghleann an àm dhuinn éirigh.
Laidhinn oidhch’ ’sa choill ri ceò leat,
Far nach cluinneadh Goill ar còmhradh;
Barrach nan crann ga nar còmhdach,
Gus an éireadh deò na gréin’ oirnn.
Bheirinn ruaig a bhuain nan cnò leat,
A ghuanag a ghluasaid mhòdhair,
Far am bi coileach na smeoraich
’Cuir fàilt’ air an lò ’sna geugan.
Tha do ghruaidh mar shnuadh nan ròsan,
Cha chuir sin ort uaill no mòrchuis,
Ged is gil’ thu, ’luaidh, na ’n t-òinean,
’S na canach nan lon ’sa chéitean.
B’e mo mhiann is trian de m’ àilleas,
Teannadh dian ri bial do mhànrain,
Cha ’n fheil ciall, no rian, nach fàg mi,
Mur a tàr mi bho ’n a Chléir thu.
Tha thu aoidheil, caoibhneil, càirdeil,
Gun ghiomh, gun uabhar, gun àrdan,
Ged a fhuair mi ’measg na gràisg thu,
Bhiodh ’san t-sàile tarruinn éisg as.
Gu ’n d’ fhuadaich iad mi ’s tu Mhàiri
Gu còsan nan creag mar fhàrdaich;
’S bu cheol duinn fuaim nan tonn gàireach
’Ruith gu tràigh gu càir-gheal, beucach.
’S trom mo chridh’ an diugh ga t’ fhàgail
Aig na Gallaich, b’e mo chàs e,
’S nach earbainn thu ri mo bhràthair,
Ged ’s mac mo mhàthar féin e.
Ged a thàr mi nise triall bhuat,
Air m’ fhacal cha b’e mo mhiann e;
B’ fhearr leam thu na nighean iarla,
Gun dad ga do dhion ach léine!
Ach, a rùin, cha doir mi fuath dhut,
A dh’ aindeoin na their an sluagh rium,
Ged a thogadh iad ort tuaileas,
Their mise gur buaitheam bréig e.
ORAN A’ MHATHAIN.
Tha an t-oran air a dheanamh mar gu ’n rachadh duine as déidh a’ mhathan le gunna, agus gu ’n digeadh e cho dlùth air ’s nach robh cothrom aig a’ mhathan air teicheadh. ’S e rinn e, ma b’ fhior, labhairt ris an duine mar tha ’n t-oran ag innseadh.
AIR FONN— “Mór Challum.”
AN DUINE.
“Moch ’sa mhaduinn rinn mi triall,
Le cuilbheir gun fhiaradh agam,
Chunnaic mi fear dubh na spòg
Na ònar aig taobh an rathad;
Thainig mi stigh air cho dlùth,
’S nach d’ fhuair e ùin’ air dol na tharruing,
’S dh’ innis e gach car chuir e riamh dheth,
O’n rinn e triall as a gharaidh.”
AM MATHAN.
“Ged a fhuair thu tighinn ga m’ ionnsuidh,
’S tu falbh air d’ ghlùinean ga d’ fhalach,
Cha tug mise mart no laogh bhuat,
’S cha d’ rinn mi caora leat fheannadh;
’S ged a tholl thu air do thriùsair,
’Tighinn ga m’ ionnsuidh leis na caran,
Seall air a chothrom a fhuair Daibhidh
Air Righ Saul ’s cha d’ rinn e spadadh.
’S gu’n robh sinn ann ceathrar bhràithrean,
Ged tha pàirt diubh nach ’eil maireann,
B’ ann diubh Claraidh agus Fearchar,
Fhuaireadh an sàs iad fo mhaidean,
Cha ’n ’eil sgeul agam air Fionnladh,
Mur deachaidh e an grunnd na maiseadh,
Mise ga ’n ionndrainn ’s ga ’n caoineadh,
Bràithrean mo ghaoil nach tig dhachaidh.”
Labhair e ’sin le guth fann:
“Tha mise air fàs mall, a charaid,
Ged tha gach duine ’tha mu ’n cuairt
Ag iarraidh mo bhualadh thairis;
O’n mhill an déideadh mo dheudach,
’S tha mo léirsinn air a dalladh,
’S mo spògan air fàs cho maol,
’S nach dìrich mi an craobh ach ainneamh.
B’ eòlach mi mu Allt Mhic-Càra,
’S iomadh là chaidh mi air thairis;
Bha mi aig a mhuileann shàbhaidh,
’S oidhch’ am bàthach Iain ’ic Eachainn;
’S bha mi ’n clìreadh Aonghuis Mhàmaidh,
’S tric a bhà mi ann ga m’ fhalach;
Bha mi oidhch’ ag ithe càthadh,
Aig muileann àrd Raoghaill ’ic Callum.
Bha sinn oidhche an Gleann Bòcan,
Far an d’ rinn sinn mòran calla:
Ach ’s e Claraidh ’rinn an eucoir,
Bha choire gu léir m’a chasan;
Thuirt sinne gu ’n robh e gòrach,
Is gun dòigh air gin diubh shailleadh,
Cuiridh sinn co dhiubh ’san fhang iad,
Ged a tha sinn gann de shalann.
Bha mi oidhche shios air chuairt,
’S mharbh mi ’n gamhainn ruadh air Ailein;
Chuir mi an damh breac bh’ aig Ioseph
Ann an linne mhoir ’sa mhaisidh;
Ghoid mi piatan a bh’ aig Mìcheil,
’S e fhein na shìneadh na chadal,
’S dh’ ith mi pàirt dheth air mo dhìnneir
’S an t-seann chlìreadh a bh’ aig Callum.
’S iomadh àit’ an dug mi cuairt,
’S bha mi shuas an gleann a falach:
Bha mi ’n sabhal Dhomhuill ’ic Neill,
’S cha d’ rinn mi sian ann as an rathad,
Ach gu’n chagainn mi iall sùiste
’Fhuair mi suainte ann air tarrang,
’S dhòirt mi barailt’ ’san robh siol aig’,
’Nuair leum mi sios far an fharaidh.
Latha dhomh ’s mi falbh leam fhìn,
Thainig Innseanaich na ’m charamh,
Tighinn le tuaghannan ga m’ ionnsuidh,
Bha fear dhiubh ’giulan sgian-tharruing;
Chruinnich iad mu ’n cuairt na ’n sgaoth dhomh,
Gus mo chuir an craoibh gu h-ealamh,
’S cha chluinninn guth ach Sabasi,
Gus na thàr mi as an sealladh.
’S gur a mise ’tha gu tùrsach,
O’n bha mi aig cùirt nan cailleach,
Nàraich iad mi, ’s iad a còmhdach
Gu ’n robh mi ’g òl an cuid bainne;
Cha robh tlachd aca dha m’ sheòrsa
’Bhi tighinn air còrsa a bhaile,
’S iad bhi faotainn an còmhnuidh
Làrach mo spògan ’san talamh.
Fhuair iad coireach mi ’sa chùirt,
’S iad najuries ’rinn am breamas;
Chaidh an siorram air mo thòir,
’S gu ’m bu ghòrach e ga m’ leanailt;
As mo dhéidh a sud le dhùdaich,
Gus na thùch air fad an latha:
’S mise ’sa chraoibh leamhain mhoir
’S a bheil an toll, aig ceann na maiseadh.
’S gur a diombach mi do ’n t-sluagh
’Tha ’n dràsd’ air uachdar an fhearainn,
’S gun sian a dh’ iochd aca ri creutair
’Bhios leis fhein air feadh nam beannan;
Tha gach duine ’n ard ’san iosal
’Cur thrap is lion ann am charamh;
’S ged bha mi an geilt roimh Thearlach,
’S e caraid a b’ fhearr a bh’ agam.
’S ann air Claraidh ’bha am bian,
Gur esan a bu chiatach lainnir:
’S àlainn ann ancarry - allthu,
’N déidh do chàradh anns an fhasan;
Air a sgaoileadh mu na h-uaislean,
’Cur eagal air fuachd ’s air cathadh,
’S cuid eile ’chiasan an truaghan
Suaint’ air uachdar an casan.
’S gur tric mi smaointean an còmhnuidh,
Far an robh sinn òg a fantuinn,
A cleasachd ann an còs craobhaidh,
’S càch a tarruing chaorach dhachaidh;
’S ann a bha an leaba mhìn,
’Dh’ fhóghnadh do’n Rìgh tha mi ’m barail;
’S e tarrachal bh’ air seann Ghi-hoe
Bha againn mar bhousdair gu cadal.
Fhuair mi an t-oran éibhinn so o Dhomhnull Mac Eacharn a mhuinntir Creignish an siorrachd Inbhirnis. Tha Domhnull na ’sheinneadair math, agus cha ’n ’eil crioch air na th’ aige de dh’ orain. B’ e Alasdair mac Eóghain bhàin, a rinn iomadh oran gasda, brathar a sheanamhair; agus cha chreid mi nach ’eil grìd na bàrdachd ann an Domhnull fhein. Bha Alasdair a fuireach ann an Interval Shiudaig. Cha robh fios aig Domhnull co ’rinn an t-òran so.
PEIGIDH PHABACH.
The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.
Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000
ARD OFIS, TORONTO.
AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.
B. E. WALKER,
Ard Mhanager.
Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager
Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.
Tha ceud is ceithir meur dhe’n Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.
HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor
Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas de ’m faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhe ’n t-saoghal.
BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhe ’n bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.
Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.
ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudan ’s de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.
[Dealbh]
Bidh fior chomhfhurtachd agad ’nad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Agus ’s e ’n ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan a’s fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.
Cuir a dh’ iarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.
Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.
SYDNEY
&
LOUISBURG R’Y.
TIM CHLAR.
A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dh’ Iun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—
A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.
A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.
A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.
A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.
A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.
J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.
Mac-Talla
Air a Chur a Mach Uair ’san Da Sheachduin.
A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50
Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Tha ’phris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.
title | Issue 6 |
internal date | 1903.0 |
display date | 1903 |
publication date | 1903 |
level | |
reference template | Mac-Talla XII No. 6. %p |
parent text | Volume 12 |