[49]

[Vol . 12. No. 7. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUINN, DI-HAOINE, OCTOBER 10, 1903. No. 7.


Cha dthainig ach gann cogadh air Breatunn riamh gun a faighinn neo-dheas air a shon. Nuair thòisich Stàidean aonaichte America ri iad fein a sgaradh uaipe, bha moran den chall a dhfhuiling i air aobharachadh leis cho neo-dheass a bha luchd-stiùiridh a h-armailtean air-son aimhreit de sheòrsa sam bith. Bha an ceart ni fior mu deidhinn nuair thòisich cogadh Bhonipart, agus bha e fior da-rireadh aig àm cogadh a Chrimea, nuair a fhuair miltean de cuid shaighdearan bàs le fuachds le acras agus am pailteas bidh is aodaich faisg air làimh ged nach robh iad gan ruigheachd. Tha comhairle chaidh a shuidheachadh air-son fhaighinn a mach ciod a baobhar do chogadh nam Boerach a dhol an aghaidh nam Breatunnachsa cheud dol-a- mach, ag innse gum be bu choireach nach robh an dùthaich deas air a shon, gu robh ceannardan an airm cho aineolach air dùthaichs air sluagh Africa mu Dheass a burrainn dhaibh a bhith. Bha cùisean an Ofaig an Airm nan droch bhrochan, agus a reir coltais tha iad mar sin fhathast. Tha daoine air an cur an dreuchd nach urrainn an dleasanas a choilionadh. Tha na h-uaislean dhen bharail gum buin gach ofaig airm dhaibh fein; ma tha uaisles beairteas aig duine, chan eil ofaig sam bith air a cumail uaithe air-son dìth eanachainn. Tha na daoines comasaiche mar sin gu tric air an cumail fodha. Cha robh Sir Eachann Domhnullach air streap na bàirde nasergeantmur be gun do ghabh ecommissiona roghainn air Crois Victoria, a choisinn e le threubhantas anns na h-Innsean. Agus eadhon an deigh dha direadh cho àrds a bha nachomas faighinn, ’s a bha e faotainn cliù air fads air leud na h-iompaireachd, bha e air a gheur-leanmhuinn gu la a bhàis leothasan nach robh deònach a chòir airofaig aideachadh a chionn nach bu spealg de theaghlach uasal e. Gus an teid am pòr sin a chartadh a mach, ’s am bi cothrom aig gach duine theid don arm dreuchd fhaotainn a reir a chomais, cha bhi cùisean nas fhearr na tha iad; bidh Breatunn cho neo-dheas fa chomhair an ath chogaidhs a bha i fa chomhair nan cogaidhean anns an robh làmh aice roimhe.

Tha gearain mhor ri chluinntinn o àireamh den luchd-imrich a thainig a nall a Breatunn o chionn bliadhna no dha. Chan eil iad a reir coltais afaighinn gach goireass gach sochair ris an robh dùil aca gam feitheamhsan dùthaich so. Bha moran dhiu air am briagadh a nall le luchd-gnothuich a tha riaghladh na dùthcha so acur a null gan iarraidh. Thatar eadhon apàidheadh faraidh cuid dhiu, ’s atoirt cuideachaidh dhaibh an deigh dhaibh ruigheachd. Agus bha sin atoirt orra bhig altrum an dòchais gun seasadh an riaghladh eadar iads gach cruaidh-chàs is bochdainn gu ruiges eodhon nithean a dhfhaodadh iad-fein a sheachnadh. Agus nuair a thuig iad nach deanadh an riaghladh gach ni a bha iadsan an dùil thòisich an gearain. Cha bann mar so a bhasan t-seann aimsir. Bha aig an luchd-imrich rim faradh fein a phàidheadh, ’s dhfheumadh iad deanamh air an son fein mar a bfhearr dhfhaodadh iad anns a choille mhoir dan robh iad atighinn. Chan eil teagamh nach robh moran dhiu air am mealladh a thaobh na dùthcha, ach ged bha cha robh dùil ri cuideachadh o neach no o ni ach on saothair fein. Agus than seòrsa sin nas buanachdaile do dhùthaich nas urrainn don t-seòrseile bhi. Chan eil duine no cuideachd dhaoine nach dean am beolaint fein gun bhi tarruinn á ionmhas na duthcha nan saibhreas sam bith dhi. Iadsan a tha deònach obrachadhs am beòlaint fein a chosnadh, gun chuideachadh iarraidh no ghabhail, air nach cuir cruaidh shaothair eagal no reòtachd a gheamhraidh greannis iad sin an seòrsa dhaoine is còir fhaighinn mar luchd-àiteachaidh do roinnean Iar-Thuathach Chanada.

Tha Righ Iomhar afaighinn cliù mor on thainig e dhionnsuidh achrùin, co-dhiu tha no nach eil e gachosnadh. Thatar atoirt creideis dha air-son crioch a chur air Cogadh Africa mu dheas, air-son muinntir na Frainge a thoirt gu bhi nas càirdeile ri Breatunn na bha iad o chionn iomadh bliadhna, agus air-son riarachadh cho mor fhaotainn do mhuinntir na h-Eirinns gu bheil sith is sàmhchair air an aiseag do chriochan na duthcha buaireasaich sin. Agus tha iadsan a thatoirt creideis dha air-son sin uile dheanamh a làn-chreidsinn, ma dhfheuchas e, gun teid aige air an troimhe-cheile thanns an àirden ear a thoirt gu crich. Ma tha iad sin ceart nam barail da thaobh, tha Iomhar an impis bàrr a thoirt air uile righrean na talmhainn mar fhear deanamh na sithe.

O chionn beagan bhliadhnachan air ais tha seorsa de chungaidhean-leighis ris an canar anns aBheurlapatent medicinesair fàs glé lionmhor. Air an duthaich, tha iad rim faighinn air chul gaeh cunntair, agus ann an iomadh buth-ceannachd thatar adeanamh barrachd airgid air an creics a thatar adeanamh air creic siucair is siabuinn. Ruithidh daoine gan iarraidh air-son gach eucail a thig nan rathad. Mas déideadh no caitheamh e, gabharlinimentnopanaceadha, agus cha chuirear fios air dotair gus am fairtlich a chuis orra fhein. Chan eil fhios aca-san a thag uisneachadh nan cungaidhean sin ciod air am bheilear gan deanamh, agus chan eil iad afeorach. Foghnaidh leo gu bheil iad air am moladh ann an sanasan nam paipeirean-naidheachd, agus air na an cliuthachadh anns na paipeirean beagasam bheil iad air am pasgadh. Than t-aineolas sin, co-dhiu, buailteach air beatha dhaoine chur an cunnart. Chan ainneamh leis na dotairean fhein mearachd a dheanamh a thaobh thinneasan is chungaidhean-leighis, agus nuair thachras sin dhaibhsan aig am bheil ionnsachadh is sgil, nach docha gu mor e thachairt dhaibhsan aig nach eil de sgil no de dhfhiosrachadh ach am barail fhein. Is tric le tinneas gle bheag tighinn gu bhi na thinneas bàsmhor mur gabhar aige na àm, agus chan ann aig na h-uile tha fios nuair dhfhàsas iad tinn ciod an tinneas a tha cur orra. Faodaidh e bhith gun gabh moran ioghnadh nuair a dhinnsear dhaibh gu bheil anns achuid as mo de nacure-allsa tha iad a cleachdadh stuthan a tha glé chronail don bhodhaigs don inntinn. Thaalcoholann an àireamh nach beag dhiu; gheibhearopiumismorphineann feadhainn eile, agus sin ann an tomhas nach beag. Tha lighichean urramach atogail an gutha gu làidir an aghaidh a bhi gan gabhail, ag radh gu bheil iad nam meadhon air bhi treorachadh dhaoine dhionnsuidh na misge, agus dhionnsuidh tràillealachd anopium ,rud a tha sheachd mhiosad. Is coir a bhi faiceallach mata, agus barrachd earbsa chur anns na dotairean a tha nar measg, agus nas lugha annta-san a thacur suas nam botulls nam bocsaichean beaga, muinntir ma dhfhaodte nach faca colaisde riamh, mur faciad on taobh a muigh e.


Tha geur-leanmhuinn nan daoine dubha asior dhol air adhart anns na Stàidean a Deas. Tha crochaidhean is losgaidhean air fàs cho cumantas nach eil eadhon napaipeirean buidheatoirt moran iomraidh orra. Mar is trice tha esan a thair a chur gu bàs aon chuid ciontach de choire-eigin, beag no mor, no air a ghabhail an riochd duine chiontaich. Ach rinneadh gniomh air a mhios so a tha nochdadh nach e peanasachadh nan ciontach a tha fa-near don t-sluagh gheal idir, ach cumail fodha no cur as gu buileach a dheanamh air na daoine dubha. Bha ministeir dam bainm Planving, duine dubh cliuiteach, air a chur gu bàs gun choire sam bith a bhi air a chur as a leith. Bha ecumail colaisde anns an robh e toirt foghluim da cho-luchd-duthcha. Cha robh an sluagh toileach a leigeil air adhart, cha robh iad afaicinn iomchuidh foghlum sam bith a thoirt do na daoine dubha a dhàrdaicheadh iad os-cionnn an ionaid anns am bheil iad. Air an aobhar sin bha Planving air a chur as an rathad.

Tha sgeul ur aig muinntir Halifacs. Bhan fhéill a bhanns abhaile sin an dara seachduin de September gle shoirbheachail. Ge be de bha cearr cha do shil an t-uisge mar a bàbhaist dha bliadhnachan roimhe; bha turadh ann on cheud la gu la deireannach na feille. Bha àireamh mhath sluaigh cruinn, agus thainig barrachd airgid a stighs a thainig o chionn àireamh bhliadhnachan.

Tha aon de phaipeirean Halifacs ag innse gu bheil e cluinntinn gu bheilear a creic deoch-laidir gu mi-laghail ann an Sidnis anGlace Bay.Tha an sgeul cheudna ri chluinntinn a bhos an so mu bhaile Halifacs. Agus tha sinn acreidsinn gu bheil i cho fior mun aon aitesa tha i mun da ait eile.

Tha Post a bhaile so a nis air churam fir-deasachaidh ur. Leig Mr. A. D. Gunn dreuchd an deasachaidh uaithe, agus thaaite air a ghabhail le Mr. F. T. MacKeen. Agus thaPadra Tursachair eirigh o na mairbh a dhearalachadh don chinne-dhaonna cul a chur ris anScott Act.

A reir orduigh a thainig on ard-riaghladh tha e nise mi-laghail bradan a mharbhadh le sreang is dubhan o mheodhon a mhios a dhfhalbh gus a cheud la de dhIun air an ath-bhliadhna.



[50]

[Vol . 12. No. 7. p. 2]

Tha cuideachdan ceannachd is ròidean-iaruinn ann am baile-mor Chicago a nise nach toir obair do dhuine sam bith a bhios ri òl, ri cluich air-son airgid no bhios ga ghiùlain fein gu mi-bheusach. Duine gheibhear ciontach an aon dòigh no dòigh eile caillidh eobair. Bu mhath an gnothuch feuchainn ri stad a chur air moran den òl a thadol air adhart am measg luchd nan ròidean-iaruinn an Canada. Cha bu chòir fear-òil a bhi air fhàgail aig obair sam bith anns am bheil e buailteach air beatha dhaoineile chur an cunnart. Achs ann a bhios achòir mar a chumar i.


SGIORRAIDHEANChaidh fear Iain Ricketts a mhuinntir Wales a mharbhadh ann am meinnDominion No. 2,anGlace Bay,Di-sathuirne sa chaidh, le spraidheadh fùdair. Bha e-fein coireach ribhàs, air dha tilleadh dhionnsuidh àiten spraidhidh mun dràinig an teinem fudar.

Bha fear Iain Shepherd, a mhuinntir Newfoundland, air a bhàthadh aigPort HoodDidòmhnaich, ’s e tilleadh gu soitheach air an robh e na mheat. Bha e leis fein aig an àm agus ged nach robh e fada bho thir cha robh comas air dolga chuideachadh. Cha robh ann ach duinòg, coig bliadhna fichead a dhaois.


Tha rabhaidhean gar ruigheachd cheana nach eil sinn fada on gheamhradh. Bha reothadh ann an caochladh chearnan den dùthaich o chionn ghoirid. Cha robh e ro-throm, agus mar sin cha drinn e moran cron.


AN DUTHAICH.

THAm fogharadh am measg Roinnean farsuing na dùthcha ann an tomhas mor seachad. Ann an toiseach an t-samhraidh bha tart mor anns an tir. Chunnaic gach neach ann an doigh glé dhùrachdach cia martha an Ti as àirde daonnan caoimhneil ruinn, agus abuileachadh oirnn gach beannachadhus soirbheachadh a tha sinn amealtuinn. Bho cheann bliadhna no dha bha na samhraidhean fionnar agus cha robh teas mor no dian idir againn. Re an t-samhraidh a tha gabhail seachad a nis le ceum deifireach cha robh aghrian fuasach làidir no loisgeach. Bàbhaist duinn a bhicreidsinn mur bitheadh teas làidir againn nach tigeadh am bàrr gu staid mhaith, agus, mar so, nach bitheadh ach fogharadh suarach, bochd againn. An uiridh agus anns abhliadhnathanis a làthair, ged nach robh teas laidir idir againn, thug na h-achaidhean lionmhor air feadh Chanada toradh reachdmhor, brioghmhor seachad. Tha sinn toilichtes taingeil gu leoir gu bheil anns gach cearna den dùthaich daoine gle thoilichte leis gach pailteas a tha againn, ann an cruithneachds ann an eornas coirce, ’s anns gach seorsa eile de thoradh beartach na talmhainn. Tha teachdaireachd thaitneach atighinn bho Iar-thuath na dùthcha gu bheil an cruithneachd araon pailtus reachdmhor agus mar so gu cum e suas an t-ainm agus a chliù a tha aige cheana ann am margaidhean farsuing an t-saoghail gu léir. Is i so da rireadh linn nan rathaidean iaruinn ann an eachdraidh Chanada. Tha sinn afaicinn le toileachas mor gu bheil rathad iaruinn ann an ùine ghearr adol a nasgadh Uinnipeg ri Bagh Hudsoin. Chaidh cuideachd uair no dha cheana suas gus aBhagh ud, a chums gu faiceadh iad no gu faigheadh iad a mach co dhiutha e comasach no nacheil do shoithichean seolaidh no do bhàtaichean smùide tighinn bhon Roinn Eorpa gus aBhàigh ud re cuibhrionn den bhliadhna. Chaidh cuideachd no dha cheana suas gus aBhàigh ud agus is glé bheag maith a rinn iad. Co dhiu a bha iadnan cadal no nach robh, dhfhaodadh iad fantuinn aig an tigh airson an fhiosrachadh bhochd a thug iad dachaidh leo. Tha dòchas làidir againn gu dean achuideachd a thanis a dol gu Bàgh Hudsoin, moran maith ann a bhinochdadhs a dearbhadh gu bheil e comasach agus furasda slighefhaotuinn troimh an Bhàgh re ceithir no cuig de mhiosan anns abhliadhna. Tha aig na Ruisianaich innleachd a thatabhairt doibh comas air an reothadh chruaidh dhomhainn a bhuineas do cheann mu thuath an dùthcha, ’bhristeadh agusfhosgladh suas. Chi sinn uile gle fhurasda gu bitheadh moran maith air a dheanamh don Iar-Thuath nam bitheadh cothrom airfhaotuinn no air a dheanamh airson cruinneachdus beathaichean reamhar a thabhairt bho Bhàgh Hudson ann an slighe dhireach, ghoirid gu margaidhean na Roinn-Eorpa. Is e da rireadh astar eagalach fadatha eadar Manitobas an Iar-Thuath gu léir agus Montrealus Halifacsus cearna air bith den chuan a tha air taobh an ear de Chanada. Tha mar an ceudna iasgachd àluinn anns aBhàgh ud, a bhuineas do Chanadas do Chanadamhàin. Thar coimhearsnaich anns na Staidean atabhairt gach bliadhna moran airgid as aBhàgh le bhig iasgach ann, ged nacheil coir air bith acabhi dol idir ann. Than t-àm aig iasgairean nan Roinnean a tha ri taobh na fairge ann ar dùthaich, sealbh a ghabhail agus a ghleidheadh air iasgaireachd Bàigh Hudsoin gu duineil, gaisgeil, dichiollach, neo-sgathach.

Bàbhaist do mhoran daoine ann an Canadabhicreidsinn agus ag radh gu bitheadh uisges frasan ni bu lugha againn samhradh an déigh samhraidh, do bhrigh gu robh a choille daonnan air a ghearradh sios, agus mar so, gu fàsadh an aimsir gu nàdurra nis tiorma. Is ann gun teagamh air atharrachadh dòighthan aimsir a nis. Ann an Ontario gu sònruichte, ’s ma dhfhaoidte ann an Roinnean eile de Chanada, tha frasan lionmhor atuiteam ren t-samhraidh. Cha do thuit uibhir uisge riamh roimhes a thatuiteam bho shamhradh gu samhradh air còmhnardanus cnoic agus lagan Chanada. On tha frasan sèimh, ùrail atuiteam gu tric air feadh an t-samhraidh, than t-ionaltradh maith, gorm, reamhar anns an dùthaich. Tha aobhar laidir aig tuathanaich Chanada a bhi fior-thaingeil gu bheil an t-ionaltradh co fallain pailt, oir, air an aobhar so, tha na mairt ann am mile bailetabhairt moran bainne seachad. Tha càises ìm air an deanamh air an dòigh so, agus tha na tuathanaich afaotainn moran airgid airson an càises an ìm. Is iad gun teagamh na tuathanaich daoines modha sonaisus soirbheachaidh anns an dùthaich gu léir. Tha iad afàs gle bheartach, on tha bliadhna an deigh bliadhna air an taobh, agus than càises an t-ìm afaotuinn prìse mhor ann am Breatunn. Is coir do na tuathanaich a bhi eudmhor daonnan airson deagh ainm a bhi aca ann am margadh àluinn Bhreatuinn. Anns a bhliadhnachaidh seachad, fhuair Canada faisg air ochd muillion deug dollair airson a chàisechur iad do Bhreatunn. Phaigh Breatunn an uiridh gle dhlùth air ceud muillion dollair airson ìm a thainig bho dhùthchannan céin. Fhuair Canada eadar ceithirus cuig muillion dollair airson a h-ìm. Chaneil ceann no crioch air an airgiod a dhfhaodas sinn ann an Canadafhaotainn ann am margadh beartach, riomhach, urramach Bhreatunn airson gach ìmus càise, airson gach cruinneachdus coirce, airson gach damh reamharus gach each laidir a chuireas sinn thar achuan. Gabhaidh mi comhairle Mhic Fhearghais, agus ni mi anns an ath litir luadh air gnothuichean eileair Parlamaidus rathaidean iaruinn ùra Chanada.

CONA.


LITIR A ALBA.

FHIR MO CHRIDHE: —Tha seorsa foghluim ann ris an canar Eun-eolas, agus ged nacheil ach fior bheagan dhen fhoghlum so agamsa, faodaidh mi beagan dhen bheagan a thagam a chur fa chomhair luchd-leughaidh aMHIC-TALLA. Agus is docha gun tarruinn mi aire fir as fhearr foghlum na mi fhin a dhionnsuidh aghnothaich, agus gum feuch e ri mo chur ceart, ma tha mi cearr.

Bha na Gaidheil o sheannan daoine tùrail, toinnisgeil, a bhagabhail beachd gu tric, dlùth air gach ni a bha rifhaicinn mun cuairt dhaibh. Mar bu trice, dhfheuchadh iad ri aobhair ghnothaicheanfhaotainn am mach, agus a mhineachadh cho maths a baithne dhaibh, araon don mhuinntir oig, aineolaich, agus mar an ceudna don t-seana mhuinntir nach robh gle mhath gu beachd a ghabhail air na nithean a bha rim faicinn gu tric mun cuairt dhaibh o àm gu àm.

Thug iad aire gun robh tri eòin àraidh rim faicinn aig àm blàth na bliadhna, agus an uair a thigeadh am foghar gu math a steach, nach robh na h-eòin so rim faicinn idir. Bha so acur ioghnaidh orra, agus an fheadhainn bu bheachdaidhe dhiubh, agus bu mhò déigh air fiosrachadh fhaotainn mu dheidhinn a h-uile rud annasach a bhiodh atighinn fan comhair, bhiodh iad gu tric asmaointean air cia mar a bha na h-eòin so adol as an t-sealladh an uair a thigeadh am fuachd, agus atighinn a rithist an uair a thigeadh am blàths.

Biad na tri eòin so, an clachairean, achuthag, agus an treabhna, no, an treun-ri-treun, mar a theirear ris an eun ann an iomadh àite dhen Ghaidhealtachd.

Anns an àm, bha iomadh beachd glé fhaoin am measg nan Gaidheal, glic, gleusda, tùrail agus tuigseachs mar a bha iad, agus be aon de na beachdan so, gun robh sìtheanan agus sithichean ann, agus o nach robh dòigh eile aca air cunntas a thoirt seachad air an aobhar air son an robh na h-eòin a dhainmich mi atighinn an àm abhlaiths, agus afalbh an àm an fhuachd, thainig iad gu bhithcreidsinn gun robh iad adol do na sìtheanan, agus, air an aobhar sin, theireadh iad, “Eoin Shìtheriutha. Cha do smaoinich iad riamh gun robh eòin ann a bhatighinn don Ghaidhealtachd á dùthchannan fadair falbh an àm abhlàiths, agus atilleadh air ais an uair a thigeadh am fuachd.

Bha eagal air daoine gu nàdarra roimh na sìthichean. Bha e air a chreidsinn, am feadhs a nochdadh iad caoimhneas mòr, agus a bheireadh iad cuideachadh is fuasgladh mor do dhaoine a bhiodhnan éiginn, nan tachradh gum biodh daoine réidh riutha, gun robh iad ro dheas gus dioghaltas a dheanamh air daoine an uair a bhiodh iad air am brosnachadh gu feirg. Air an aobhar sin, bheireadh daoine an aire mhath nach cuireadh iad corruich orra ann an doigh sam bith. Be sin an t-aobhar nach robh daoine deonach clachairean, no cuthag, no treabhna a mharbhadh. Rud eile a bha glé chomharraichte, agus be sin, gun deanadh daoine toileachadh ris na h-eoin shìthe an uair a thigeadh iad, cha bann idir a chionn gun robh meas mòr aca air na h-eòin shìthe, ach a chionn gun robh teachd nan eun so ag innseadh dhaibh gun robh blàths na bliadhna atòiseachadh ri tighinn.

Be an clachairean a cheud eun dhe na trì a thigeadh. Agus bhiodh daoine agabhail beachd air an àite anns am faiceadh iadna sheasamh e, nam bannna sheasamh a chitheadh iad an toiseach e. Bfhearr leotha gu mòrfhaicinn air iteig nafhaicinnna sheasamh; oir, mar is trice



[51]

[Vol . 12. No. 7. p. 3]

is ann air cloich is fhearr leis seasamh. Tha aobhar a bhithcreidsinn gur ann a chionn cho trics a chithearna sheasamh air cloich e, agus a chionn, ma ni e nead ann an garadh, no ann am bruaich an rathaid, gur math leis clachan a bhith mun cuairt den nead, a thugadh an clachairean mar ainm air. Tha na briathran a leanas anochdadh gun robh daoines àm a dhfhalbh acreidsinn nach robh ena chomharradh math air an t-soirbheachadh a bhiodh aca fad na bliadhna nam faiceadh iad an clachaireanna sheasamh air cloich luim: “Chunnaic mi an clachairean air cloich lùim; chunnaic mi seilcheag air talamh-toll; chunnaic mi searrach na seann làradhs a chùl rium; chuala mi chuthags gun am biadhnam bhroinn; agus dhaithnich mi nach rachadh abhliadhna leam.”

Gus an gabh duine beachd gu dlùth air na briathran so cha bhi e furasda dha a thuigsinn car son a labhradh iad; agus a bha iad air an creidsinn fad iomadh lìnn. Tha cuid dhiubh air an creidsinn ann an tomhas beag eadhoin gus an lathan diugh.

Be an clachairean acheud aon de na h-eoin shithe a bha ri fhaicinn. Thigeadh e anns amhios mu dheireadh dhen earrach mar bu trice. Dheante toileachadh ris an uair a thigeadh e, do bhrigh gun robh a theachd acur dhaoine ann an cuimhne gun robh an samhradh am fagusg. Ach mar a dhainmich mi mar tha, cha bu toigh le neach sam bith acheud shealladh dhe fhaicinnna sheasamh air cloich luim. Ar le daoine, gun robh achlach lomna comharradh air ganntar, agus air eis teachd-an-tir làitheil. Ged a bhan saoghal cruaidh air iomadh neach aig an àm ud, bha soirbheachadh aig iomadh neach mar an ceudna. Bha e air a chreidsinn gun robh fortan agus mi-fhortan dhaoine ann an tomhas mor atighinnnan rathad troimh na chitheadhs na chluinneadh iad. Agus feumar aideachadh gum bheil so ann an tomhas fior gu leòr, ged nach ann anns an t-seadh anns an robh daoineg a chreidsinn o shean. Is iongantach da rireadh ri thoirt fa near abhuaidh a chum math no uilc a tha aig na tha sinn acluinntinn agus afaicinn thairis air ar cridhe agus air ar n-inntinn.

Cha robh an t-seilcheag fhaicinn air talamh-tollna aobhar misnich don duine bhochd a bha cothachadh an t-saoghail le cruadhs a dhorn agus le fallus a ghruadhach, nas na bha an clachairean fhaicinn air cloich luim. Mar is trice, is ann air fearann math a chithear an t-seilcheag; ach is e talamh-toll fearann as miosa gu toradh a thoirt am mach a burrainn a bhith. Tha fhios aig na h-uile a dhfheuch ri barr a thoirt á talamh toll nach fhàs dad ann. Chan fhàs am fraoch fhein gu math ann an talamh-toll. Bolc an comharradh aon chreutair nach fhaicteadh ach ann an àm blàth na bliadhna fhaicinn ann an àite air an robh coltas ganntair agus bochdainn.

Bu ghlé thoigh le daoine, agus is glé thoigh leotha e gus an lathan diugh, uan, no laogh, no searrach fhaicinn agusaghaidh riutha. Is iomadh uair a chuala sinn na briathran so: “Chunnaic tu ruds achùl riut.” Bhasearrach na seann làradhs a chùl rium,” ’na dhroch comharradh. Cha tig uan na seana chaorach, no laogh na seana bhà, no idir searrach na seann làradh, gu bhithna bheathach math. Tha tuathanaich ghlice na dùthchadh gu leirg a chreidsinn so; oir reicidh iad crodh is eich is caoirich an uair a thig iad gu aois àraidh.

Bhachuthag ri tighinn aig aBhealltainn. Mar a tha am facal ag radh: “Gug, gùg,” arsachuthag, “latha buidhe Bealltainn.” Cha robh e air a mheasna chomharradh math air an t-sìde gun cluinnteadh achuthag roimh Bhealltainn; oir cha tig i gus an tig am blàths. Agus nan tigeadh am blàths tuilleadh is tràth, dhfhaoidteadhbhith cinnteach gun tigeadh sìde fuar an t-samhraidh. Bha daoine afaicinn gum bfhearr an t-sidfhuar a thighinnna h-àm fhein na i bhith fada gun tighinn. Ach bha daoine gu nàdarra toilichte an uair a chluinneadh iad guth na cuthaig aig an àm cheart. Cha bu toigh leotha a cluinntinn an uair a bhiodh am biadh cho ganns gum feumadh iad a dhol am mach as na taighean gun ghreim bìdh a ghabhail. Theirear gus an lathan diughgreim cuthaig,” ris abheagan bìdh a tha daoine cleachdadh a bhithgabhail mun teid iad am mach as na taighean anns amhadainn.

Ged a chluinneadh duine achuthag agairm mun éireadh e as a leabaidh, no, an deigh dha eiridh, agus mun rachadh emach as an taigh, cha bhiodh ena aobhar mi-thoileachaidh sam bith dha. Is e achuthag a chluinntinn acheud uair air abhliadhna, agus e gun a bhiadh a ghabhail a bhana aobhar mi-thoileachaidh, agusna chomharradh air mi-fhortan. Mas ann air feasgar a chualan duine a labhair na briathran ud achuthag, agus ma bha e gun ghreim bìdh a ghabhail fad an latha, chaneil e idirna ioghnadh ged a smaoinich e nach rachadh abhliadhna leis.

Is e eun iongantach a thanns achuthaig. Cha drinn i nead riamh. Is minic a chuala mi daoine ag radh, an uair a bhiodh rud ann nach burrainn daibh fhaighinn: “Bu cho fasa dhomh nead na cuthaig fhaighinn ris.” Cha bhi aice ach an aon ugh, agus cha mhò e na ugh glaisein. Tha ig a bhreith ann an nead eoin bhig mu mheudachd glaisean no ann an nead aghlaisein fhein, an uair a gheibh i an cothrom, mun toisich an glaisein ri gur air na h-uighean. An uair a thig na h-eoin am mach ann an nead aghlaisein, bidh eun na cuthaig gu nàdarra nas treise na eoin aghlaisein, agus bidh barrachds a roinn fhein aige dhen bhiadh a bheir an ghlaisein don nead. Ann an ùine ghoirid fàsaidh e cho mors nach bi rùm gu leòr aige fheins aig eoin aghlaisein anns an nead, agus tilgidh emach as an nead iad. Rud glé iongantach, bidh na glaiseanan an dùil gur e an eun fhein a bhios aca, agus leanaidh iad air a bhithga bhiathadh, chan ann a mhàin gus am falbh e mun cuairt air iteig, ach eadhoin gus am bi an t-àm aige falbh gu ruige dùthaich bhlàth.

Is ainneamh a chluinnear achuthag an deigh do dhara mios an t-samhraidh a dhol seachad. Mar a tha am facal ag radh: “LathFheill Peadair as t-samhradh theid achuthag dha taigh geamhraidh.” Is minic a chunnaic mi a dhà no trì dhe na cuthagan fad seachdain an deigh LathFheill Peadair; ach cha tigeadh diog as an cìnn. Ann am fior bheagan laithean an deigh LathFheill Peadair, dhfhalbhadh a h-uile seana chuthag as an duthaich, agus rachadh iad do dhùthchannan blàtha.

Tha na cuthagan òga rim faicinn gus an tig an Seann-Liunasdal. Chaneil còig latha deug on a chunnaic mi achuthag og air barr balla aghàraidh, agus an glaiseang a biathadh. Bhan glaisean an dùil gur e an t-eun aige fhein a bha e biathadh. Tha a leithid so atachairt gu tric anns an t-saoghal. Tha iomadh aon atoirt di-beatha agus aoidheachd glé fhialaidh do chreutairean a tha gu nàdarra nam fior naimhdean dhaibh.

Chuala sinn uile iomradh airgocan na cuthaig.” Is e so an t-ainm a bha, agus a tha, gu cumanta, air an eun a tha ri fhaicinn afalbh an déigh nan cuthag. Bha daoine anns an àm a dhfhalbh asmaointean gun robh na h-eoin so afalbh as deigh nan cuthag mar chomharradh air amheas a bha aca oirre. Ach tha e nis soilleir gu leor do gach neach aig am bheil cothrom air beachd a ghabhail air dòigh nan eun so, gur ann le naimhdeas a tha na h-eoin bheaga adol an deigh nan cuthagan. Tha iadgam faicinn ag itealaich dluth air na neadan aca, agus tha iad gu nadarra toileach a bhithg an fuadach air falbh. Cha toigh le eun sam bith eun eile fhaicinn atighinn dluth air an nead aige.

Chithear na glaiseanan truagha afalbh ann an cuideachd nan cuthagan òga, agus iadg am biathadh an duil gur e an sliochd fhein a tha iad abiathadh; agus o nacheil e furasda na cuthagan oga a dheanamh am mach o na seana chuthagan, tha daoine aig nacheil eolas orra asmaointean gur ann as deigh nan seana chuthagan a tha na glaiseanan an uair a tha iad abiathadh nan cuthagan òga.

Dhfhaodainn tuilleadh a radh mu na creutairean a dhainmich mi, ach chaneil uine agam an diugh. Is mi do charaid,

BODACHAN AGHARAIDH.
Taobh an Locha, 10, 9, ’03.


EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. XV.

ANNS AM BHEIL PASGAN NEILL MHOIR AIR FHUASGLADHIS ANNS AM BHEIL EOBHAIN AIR SEALLADH FHAICINN NACH DO CHORD RIS.

DHUIN an dorus mor air chùl ar curaidh, adùnadh a mach fuaim an t-saoghail gu léirs gafhàgail gu math brònach, o nach rachadh aige air pàirteachadhsan àr, a chinn na thùs na crìche a bha ri tighinn gu dlùith gun dàil aig Waterloo, a mùchadh lòchran dearrsach Bhoni gu bràth gu math na ba chlise na thàinig e am bith a cheud uair. Dhfhan Eobhain bàn àireamh mhionaidean nasheasamh le ceann crom, a caoidh mun char a chuir a chuibheall dhi a dhfhàg e na aonar air a thiodhlacadh beò, an uair a bhachompanaich ag imeachd gu lùthmhor, a chosnadh, is docha cliù dhaibh fhéins don dùthaich air àr glòrmhor aghaidh ri aghaidh ri naimhdean tapaidh. Thug na smaointean so air leum o thalamh am feirg ris na dàin; oir os cionn gach ni bha diomhaireachd aige thun an àrd-chomanndair nach robh gu fortanach air paipear, ach air a thoirt dha air mheomhair. Leis a ghluasad so thuit am pasgan trom a chuir Niall mor na lamhan thun an làr, gathoirt gu chuimhne fhéin. A cromadh sios thog Eobhain am pasg, ’s le laimh ag iathadh mun cuairt airsan dorchadas fhuair e mu dheireadh bocsa mor ri ceann an t-seilleir, ’s a suidhe sios air dhfhosgail e am pasgan. Fo lamhan fhuair e aodach agus air dhachumadh a leantainn le barraibh a mhiar, dhaithnich e gum bu thrusgan sagairt a bhann agus paisgte naluib bha geighleag bheag làidir iaruinn, agus, rud a thug mor thoileachadh do dhEobhain, dòrlach bhriosgaidean agus da bhotul de dheagh fhion. Gun dàil chaidh an Gaidheal nan dàil, ’s mun deach deich mionaidean seachads ann a bha e faisg air a bhi subhach aon uair eile. Bha e na shuidhe gu taingeil a nis, ’s a lamh gu diomhain a siubhal an aodaich, an uair a thachair pasgan beag paipear ris do nach tug en aire roimhe. Gafhuasgladh an tiotadh fhuair e dearbhadh eile air cho domhains a bha en comain Nèill mhoir, an riochd da choinneil chéire agus lasadain Fhrangach. An ùine ghearr bha coinneal laistaig Eobhain a caitheamh rionnag fhaoin bhuidhe sholuis mun cuairt, a leigeil ris do shùil fheòrachail Eobhain nam ballachan



[52]

[Vol . 12. No. 7. p. 4]

dorcha air an còmhdach le clòimh-liaths le fraigh-shnidhe. Sheall e an sin air a bhocsa air an robh e cho comhfhurtail nashuidhe, ach a cheud shùil a fhuair e dhi leum e air a chois cho ealamh ris an fhùdar, ’s aig a cheart àm chaidh an solus faoin as. Ciod bu bhòrds bu chathair dha ach ciste-laidhe! agus leis cho daingeanns a bha i cumail a làraich bha e tuigsinn nach robh i falamh. Thòisich gaoir fhuar neònach air siubhal pòraibh Eobhain bhàin; oir co an neach a tha no bha beò nach bi gisreagach na uairean aig amannan sònruichte nabheatha. Tha miachd dhe so co-cheangailte ri nàdar gach aoncuid aig am bi en uachdar daonnan, ach a chuid as motha bidh ga chuibhrigeadh gu math, ’s mar so ga fhalach buileach o shùilean an coimhearsnaich. Ach than t-sradag beò, ’s mar sin ged a theireadh Eobhain bàn ris fheins ri càch nach robh e creidsinn na leithid, dhfhairich e e-fhein gu math neònachsan àitùdlaidh ud an cuideachd nam marbh. Ach a cruinneachadh a chumhachd reusain chrath e dheth na faireachdainnean so, ’s a cromadh thug e làmh air a choinneil alasadh a rithist feuch am faiceadh en robh rathad no dòigh air faighinn as an àite uamhasach. An uair a bha i gu bhi laiste aige, thainig gu soilleir osna throm, dhomhain gu chluais, mar gum bann troimhn bhalla aognaidh, a toirt air an lasadan a chaitheamh gu làr le fiamh. “Cha bann á com mairbh a thainig an osna ud,” arsesan ris fhein, agus a smaointinn gun robh co-chreutair an gàbhadh non cràdh na bu mhiosa na staid fhein, chuir e roimhe gum biodh fios aige air barrachd mun chùis gun mhòran dàlach. Le so fhuair en solus air ghleus a rithist, is ghabh e gu socair suas ag amharc mar a bha e triall air-son fosglaidhsa bhalla, ach na bu mhotha na toll rodain chan fhaigheadh a shùil, no ni eilesan àite, ach torran sprùillich is connalaichtiurra nam bliadhnachan a dhaomagus gach ni air a chòmhdach le bron aognaidh na h-aoises le cloimh-liath. Mu dheireadh ann ann an oisinn chunnaic e tri no ceithir de bhloighean bhord tholltach nan seasamh, agus tòrr de chonnlaich linn air a dinneadh eadar iads am balla. Rug Eobhain air na buirds bhrist e nuas iad, ’s a cur a laimhe a stighsa chonnlaich tharruinn e uige i, ’s an ath mhionaid bha sgaoth rodan ma cheanns ma chasancuid dhiu beag, ’s cuid dhiu cnapach, ’s cuid eile a thug aghaidh gharbh dha, air an robh feusag fhada ghlas na h-aoise, is coltas gu math acrach orra uile gu léir. Thoisich Eobhain bàn air deanamh bualadh nam brat orra leis a gheimhleig, a cur an ratreut air a chuid nach do mharbh en ùine ghearr. A tionndadh aire air an oisinn a rithist fhuair e fosgladh ann, far an robh a réir coltais dorus uaireiginn dhen t.saoghal. Acromadh a chinn ghabh an Gàidheal a stigh gun sgàth is fhaair e e-fhein ann an seilleir eile air chumadh an fhir a dhfhàg e, ach na bu mhodha. A seasamh am meadhain an àite sheall Eobhain mun cuairt air, ’s aig an àm thainig an osna chràidh gu chluais a rithist ach gu math na bu dluithe. A gabhail suas thun a chinn eile chunnaic e coltas duine nashìneadh aìr an ùrlar anns an oisinn, ’s an toiseachs e crom os a chionn cha robh fios aige co-dhiu bha e beò no marbh. A dol air a ghlùinean ri thaobh chunnaic e gun robh a chuid aodaich na shròicean, ’s e còmhdaichte le fuil, ’s le dha laimh ceangailte air a chùlaobh bha e da rireadh nachulaidh-thruais.

Deoch! deoch, an ainm Dhé!”

Thàinig na briathran gu fann obhilean anns a chainnt Shasunnaich, agus ged a bhan laige air atharrachadh mor a thoirt as a ghuth, dhaithnich ar caraid Eobhain bàn gun cuale roimhe e barrachd is aon uair. Anns an atharrais thruagh duine bhan so dhaithnich esheann nàmhaid, Caiptean Adam, an aon duine air uachdar an t-saoghail a bha e feuchainn ri sheachnadhbha tachairt ris anns gach àitan tionndaidheadh eaghaidh. Ler féin-fhiosrachadh chi sinn so a tachairt daonnan mu choinneamh ar sùilean. Rachamaid don bhaile-mhor agus ma tha aon duine eadar a cheithir oisinnean air a bheil gràin againn, no aig a bheil fiachan oirnn nach teid againnsan àm a phaigheadh, tachraidh e oirnn aig gach oisinns anns gach taobh an tionndaidh sinn. Bha so a tachairt mar a chunnaic sinn do dhEobhain bàn mac an t-saighdeirs do Chaiptean Adam. A réir choltais bhan ceumannan daonnan a triall thun an aon mhargaidh.

Cha do thionndaidh Eobhain bàn air falbh o nàmhaid naairc, ach le truas dhfhuasgail elamhan, ’s a glanadh na fala obhilean thug e air pàirt dhen fhion òl, rud a thug faothachadh mor dha, ’s a tionndadh air a thaobh bhaanail a tighinn gu nàdarra aon uair eile. An ceann tacain dhéirich e air uilinn is ghlaodh e air-son tuilleadh fìon. Chum Eobhain am botul ribheul, ’s leis an laimh eile bha ecumail suas a chinn. An uair a bha Adam réidh thog eshùilean gu aodann Eobhain bhàin agus sheall e gu dùr air, agus sheall Eobhain air, ach cha robh gnù no naimhdeas idir nashealladh. Aig a mhionaid sin thainig atharrachadh mor air aodann a Chaiptean, ’s leis na deoir a sruthadh ri ghruaidheans a measgadh lefhuil, dheirich e na shuidhe le cuideachadh Eobhain.

Ah!” arsesan, “Eobhain, an toir thu mathanas gu bràth dhomh air-son na rinns na dhfheuch mi ri dheanamh ort?”

Na can an còrr mu dheidhinn,” arsEobhain, ’s e fàsgadh na laimhe a shìn e dha. “Tha againn uile ri mathanas fhaighinn; agus ciamar a thogamaid ar sùilean ag iarraidh mathanas air Dia, nan dùineamaid fhìn ar cridheachan ri glaodh ar co-chreutairean, ma thachair dhaibh a dhol uair is uair nar solussa bheatha so. Mar sin tha mitoirt làn mhathanas dhut, ’s na doireamaid iomradh gu bràth tuilleadh air.”

Ah, Eobhain,” arsa chompanach, “tha do nàdar fialaidh, tròcaireach, mar nach robh mise riamh, ach le cuideachadh Dhé, ma than dàn dhomh bhi beò, bheir mi ionnsuidh air a bhi nas fhearr. Ach Eobhain, Eobhain, bi taingeil nach do dhfhàgadh aig droch mhuime thu na dòige, a chruadhaicheadh do chridhe mar a dhéirich dhòmhsa, agus cha robh bhuaithe sin, a charaid, ach ceum no dha thun nan droch companachs an òil, ’s na gìll, ’s an deamhain.”

Dhinnis Adam a nis mar a dheirich dha on dhfhàg iad ceangailtaig an dìg e. Thainig buidheann dhe na Frangaich na rathad, agus o nach rachadh aige air e fhein a shaoradh le fianuis sam bith ach fhacal beòil cha do chreid iad a chùnntais. Mar sin rinn iad priosanach dhe, agus air dha ionnsuidh a thoirt air teicheadh bhuatha chaidh a ghlacadh a rithist, agus anns an ùpraid fhuair elot gu dona agus a ghiulan an sud gus an rachadh a chur gu bàssa mhaduinn. Gu fortanach dha chaidh a dhi-chuimhneachadh an uair a thainig gnothaichean is cuspairean bu chùramaiche fa chomhair a naimhdean air feadh na h-oidhche.

Bha e nis air fàs gu làidir air tàille fìon is briosgaidean Nèill mhoir chòir, agus air dhaibh sealltainn air a lotan chunnacas nach robhh-aon dhiu bàsmhor, ’s gur e bruthadh agus lotan ao-domhain feòla a chuid bu mhiosa. Air do Adam e fhein fhaighinn cho math bha e air chrith gus faighinn as an àite mun tigeadh na Frangaich a chur crioch air a bhinn. Bhan duine bochd gealtach agus eagallach, ’s gun chomas na airc air e fhein a chuideachadh, ’s gach rodan no ni a ghluaiseadh faisg dhaibh dheanadh e greim bàis air Eobhain, an dùil gun robh am bàs air a mhuin. An deigh a chomhairleachadh agus misneach a thoirt dha, dheirich Eobhain nasheasamh, ’s aig an àm chaidh an solus as. Air dha sealltainn uaithe chunnaic e rionnag fhaoin dhearrsach mu choinneamh, ’s a tarruinn na bu dluithe fhuair e ballan t-seilleir air tuiteam gu h-àrdsan oisinn, agus gath faoin soluis mu uiread gob snàthaid a tighinn a stigh fo stéidh an tighe. Ruith Eobhain agus fhuair egheimhleag, ’s a cur a neart mor an géill rinn e ann an uair no dha fosgladh air an rachadh duine cumantamach, ach gu mi-fhortanach nach gabhadh gun saothair mhor deanamh na bu mhotha air tàille da chreigsan stéidh, air gach taobh anns an robh meudachd mnor. Bha nis an solus aca na bfhearr, ged a bha craobhan mheass na luibhean mun cuairt a cumail a chuid bu mhothamuigh. Làn falluis is duslaich chaidh Eobhain far an robh Adam, ’s a toirt làmh air an trusgan a thug Niall mor dha, thuirt e ris: “A nis, a charaid, crioslaich thu fhein agus cuir so umad, agus tha mi cinnteach gum faigh thu rathad réidh mun àm so dhen latha do dhàite sam bith a thogras tu. Na cuir na maghaidh,” arsesan, ’s e faicinn Adam a dol a dheanamh sin, “tha fios agam theireadh tu, ’s cha bhi ann ach call ùine. Than trusgan beag dhòmhsa (cha robh so fìor) agus a bhàrr air a sin than toll beag dhomh, is leigidh e thusamach, agus ged nach bitheadhs ann mar so a bhiodh a chùis, oir thogadh e am barrachd amharuis nam faicteadh sinn còmhladh, ’s mar sin gabhaidh mise mùine, ach leanaidh mi thu an uair a gheibh min toll mor gu leor.” Fhads a bha Eobhain a labhairt bha e cuideachadh Adam gaéideadh fhein, ’s leis na briathran ma dheireadh bha e aige aig beul an tuill is phut emach e, agus le aoibhneas chunnaic e e dol as a shealladh am measg nan craobh.

A faighinn na geimhleig thòisich ar curaidh ri cladhach fo thé dhe na creagan, ’s an ùine ghearr thainig i nuas, na bu luaithe na bha en dùil, ’s mur biodh e air leum aotrom as an rathad bha e air a phronnadh. A leigeil a sgìos shuidh Eobhain sios air a chreag, ach mun do shocraich e e-fhein chuale coiseachd fhàillidh air a chùlaobhsan t-seilleir.

(Ri leantuinn.)


CATH NAN EUN.

(Air a leantuinn.)

IS ann an sin a bha bhanais, ’s be bhanais i, famhaireans daoine uaisle, ’s mac rìgh na Cathair uainenam meadhon. Chaidh am pòsadh, ’s thòisich an dannsa, ’s be sin an dannsa. Bha tigh an fhamhair air chrith bhomhullach gubhonn. Ach thàinig àm dol a luidhe, ’s thubhairt am famhair, “Than t-àm dhuit dol a luidhe, a mhic rìgh na Cathair Shìomain; thoir leat do bhean as am meadhon sin.” Chuir ise mach a làimh dhethn robh an lùdag agus rug e oirre air làimh.

Dhamais thu gu maith air an àm so cuideachd, ach chaneil fios nach coinnich sinn thu air dòigh eile,” thubhairt am famhair.

Ach a luidhe chaidh ìad. “A nis,” thuirt ise: “cadal cha dean thu, air neo bàsaichidh tu; feumaidh sinn teicheadh gu luath, oir gun teagamh marbhaidh mathair thu.”

A mach ghabh iad, agus air an loth dhuinn a bha anns an stabull, chaidh iad.

Dèan socair beagan,” ars ise, “agus cluichidh mise cleas air an t-seann laoch.”



[53]

[Vol . 12. No. 7. p. 5]

Leum i stigh, agus ghèarr i ubhallna naoi earannan, ’s chuir i , earrann dhi aig ceann na leapa, agus earrann aig casan na leapa; earrann aig an dorus-chadha, agus earann aig an dorus mhòr, agus a h-aon air taobh a mach an tighe.

Dhùisg am famhair, agus ghlaodh e, “Am bheil sibhsenur cadal?”

Chaneil fathast,” ars an ubhall a bha aig ceann na leapa. An ceann ghreis ghlaodh e rithist. “Chaneil fathast,” arsan ubhall a bha aig casan na leapa. Greis an déigh sin, ghlaodh e rithist. “Chaneil fathast,” thubhairt an ubhal aig dorus a chadha. Ghlaodh am famhair a rithist, ’s fhreagair an ubhal a bha aig an dorus mhòr. “Tha sibh adol nis faide uam,” arsam famhair. “Chaneil fathast,” arsan ubhal a bha air taobh a mach an doruis. “Tha sibh a teicheadh,” arsam famhair.

Leum am famhair air a chasan, agus gu ruig an leabaidh chaidh e; ach bha i gu fuar, fàs. “Tha cuilbheartan mo nighinn féin a feuchainn rium,” thubhairt am famhair. Air an tòir ghabh e.

Am beul an latha, thuirt nighean an fhamhair, gun robh anail a h-athar a losgadh a droma. “Cuir do làimh gu luath,” arsise, “ann an cluais na loth dhuinn, agus ge be ni gheibh thu innte tilgna ddhéigh e.”

Tha bior de sgitheach an so,” thubhairt esan.

Tilg as do dheigh e.”

Cha luaithe rinn e so, na bha fichead mile de sgitheach cho tiugh anns gum bu ghann do neas dol troimhe. Thàinig am famhairna dheanns sud en coinneamh a chinns amhach anns an sgitheach!

Tha cuilbheartan nighinn féin an so mar an ceudna,” thubhairt am famhair; “ach nam biodh agamsa mo thuagh mhòrs mo chorc choille an so, cha bfhada bhithinn a dèanamh rathad troimhe so.” Thill e dhachaidh air son na tuaidh mòires na corc choille, agus gun teagamh cha robh e fad adèanamh rathad troin sgitheach. “Fàgaidh min tuadhs a chorc choillen so, gus am till mi,” ars esan.

Ma dhfhagas,” thuirt feannag a bha ann an craobh, “goididh sinne iad.”

Ni sibh sin fhéin,” arsam famhair; “ach cuiridh mise dhachaidh iad.” Thill e agus dhfhàg e iad aig an tigh.

Ann an teas an latha mhothaich ise anail a h-athar a losgadh a droma. “Cuir do mheur ann an cluais na lotha, agus tilg na gheibh thu innte as do dhéigh.”

Fhuair e sgealb de chlach ghlaiss thilg e as a dhéigh i.

Ann am prioba na sùla, bha fichead mile de chreag mhòr ghlas air leuds air àirde as an déigh. Thàinig am famharna dheann, ach seachad air achreig cha robh comas dha dol. “ ’Se cuilbheartan mo nighinn féin rud is cruaidha thachair riamh rium,” arsam famhair. “Ach nam biodh agamsa mo gheamhlags mo mhatag mhòr cha bfhad a bhithinn a dèanamh rathad troimhn chreig so cuideachd.” Bfheudar tilleadh air an son, agus be féin gille sgoltadh nan clach! Cha robh e fada a deanamh rathad troimhn chreig. “Fàgaidh mi an acfhuinn an so, ’s cha till mi tuilleadh.”

Ma dhfhagas,” arsan fheannag, “goididh sinniad.”

Tha sins a roghainn agad; chaneil tìm tilleadh ann.”

Ann am bristeadh na fàire thubhairt nighean an fhamhair gun robh i mothachainn anail a h-athar a losgadh a droma. “Seall ann an cluais na lotha, a mhic an rìgh, air neo tha sinn cailte.” Rinn e so aguss e aotroman làn uisge a bhana cluais air an am so.

Tilgna ddhéigh e,” arsa nighean an fhamhair. Rinn e so, agus bha loch uisge fichead mile air fads air leudnan deigh. Thainig am famhair air aghaidh, ach leis an astar a bhaige, bha e ann am meadhoin an loch, agus chaidh e fodha, ’s cha do dhéirich e nis .

Air an ath latha, bha a chuideachd òg air tighinn am fradharc tigh athar-san. “Nis,” arsise, “tha mathair bàite, ’s cha chuir e dragh tuilleadh oirnn. Ach mun dtheid sinn nis faide,” arsise, “rach thusa gu tathar, agus innis gubheil mo leithid-sa agad; ach am bonn a tha agad ridheanamh, na leig le duine no creutair do phògadh: oir ma ni thu sin, cha bhi cuimhnagad gufaca tu riamh mi.”

Chuir gach neach mar a bha tachairt air fàilte is furan air, ’s thug e àithne da athairs da mhàthair, gun esan a phògadh; ach mar a bhan tubaist an dàn, bha seann mhial-chù de ghallasteachs dhaithnich i e, ’s leum i suas ri bheul; na dhéigh sin dhi-chuimhnich e nighean an fhamhair.

Bha isena suidhe aig taobh an tobair mar a dhfhàg e i, ach cha robh mac an rìgh atighinn. Ann am beul na h-oidhche streap i suas ann an craobh de dharach a bha ri taobh an tobair. Luidh i ann an gobhall na craoibhe fad na h-oidhche sin.

Bha tigh aig greusaiche dlùth don tobar, agus mu mheadhon a màireach, dhiarr an greusaich air a mhnaoi, idhol airson deoch dha as an tobar. ’Nuair a rainig bean a ghreusaiche an tobar, ’s a chunnaic i faileas na a bha anns a chraoibh, air saoilsinn dhise gum be faileas fein a bhann( ’s cha do shaoil leatha gu so gun robh i co brèagha), thug i tilgeil don chuman a bhana làimh, ’s bhrist i ris an talamh e, ’s thug in tigh oirre gun chuinneag gun uisge!

Cait am bheil an t-uisge, a bhean?” thubhairt an greusaiche.

A bhodaich leibidich, shuaraich, gun mhaise, dhfhan mi tuilleadh is fadan am thràill uisges connaidh agad.” “Tha mi féin a smaoineachadh, a bhean, gun deach thu air bhoile; falbh thusa a nighean, gu luaths faigh deoch do dathair.”

Dhfhalbh a nighean, agus air an dòigh cheudna thachair dhi. Cha do shaoil leatha gu so gun robh i co tlachdmhor, ’s thug in tigh oirre.

Nios an deoch,” arsa h-athair.

A pheallaig bhodaich nam bròg, an saoil thu gubheil mise gu bhim thràill uisge agad.”

Smaoinich an greusaiche bochd gun dthug iad car as am beachd, ’s dhfhalbh e féin don tobar. Chunnaic e faileas na gruagaiche san tobar, ’s dhamhairc e suas don chraoibhs faicear am boirionnach bu bhrèagh a chunnaic e riamh. “ ’S corrach do shuidheachan achs maiseach do ghnùis,” thubhairt an greusaiche. “Thig a nuas, oir tha feum dhuit car ùine gheàrrnam thigh-sa.” Thuig an greusaiche gum be so am faileas a chuir a chuideachdsan air bhoile. Thug an greusaich i gu thighs thubhairt e rithe, nach robh aige-san ach bothan bochd, ach gum faigheadh i a cuid dhe na bhann.

An ceann latha na dhàna dhéigh so, thàinig triùir fhleasgach uasal gu tigh a ghreusaiche, airson brògan a dhèanamh dhoibh, ’s an rìgh air tighinn dhachaidh, agus edol a phòsadh. Ach sùil don dthug na fleasgaich, chunnaic iad nighean an fhamhair, ’s ma chunnaic, chan fhac iad riamh te cho bòidheach rithe.

“ ’S ann agad a than nighean bhòidheach an so,” thubhairt na fleasgaich ris a ghreusaiche.

Ach chan e mo nighean-sa thann.”

Naile!” arsa fear dhiubh, “bheirinn féin ceud punnd air son a pòsadh.”

Thubhairt an dithis eile a leithid cheudna.

Thubhairt an greusaiche bochd, nach robh gnothuch aige-san ri a dheanamh rithe.

Ach,” arsiadsan, “farraid thusa dhi an nochd, agus leig fios ugainnemàireach.”

Nuair a dhfhalbh na h-uaislean, dhfharraid i don ghreusaiche, gu sud a bha iad ag radh
mu deibhinnse.

Dhinnis an greusaiche dhi.

Falbhnan déigh,” arsise; “pòsaidh mi fear aca a nochd fein, ’s thugadh e leis a sporan airgid.”

Dhfhalbh an greusaichenan déigh, ’s dhinnis en sin fein. Thill en t-òganach. Thug e ceud punnd don ghreusaiche, air-son tochar. Chaidh i a luidhe, agus an uair a bha aodach an òganaich dhe, dhiarr air deoch uisge as a chòrn a bha air a bhòrd air taobh thall an t-seòmair; dhfhalbh e, ach as asin cha dthigeadh e fad na h-oidhche, is greim aig air an t-soitheach uisge. “Oglaich thu,” thubhairt ise, “carson nach dig thu a luidhe?” Ach as aso cha digeadh e, gus an robh an latha geal am màireach ann. Thainig an greusaiche gu dorus an t-seòmair, agus dhiarr i air an slaodaire ballaich sin a thabhairt air falbh. Dhfhalbh an suiriche so, ’s thug en tigh air; ach cha do dhinnis e mar dhéirich dha don dithis eile.

Air an ath oidhche, thàinig an darna fleasgach, agus air an doigh cheudna nuair a chaidh i a luidhe, “Seall,” thuirt ise, “am bheil an crann air an dorus.” Air a chrann ghabh a lamhan gréim, agus as asin cha dthigeadh e fad na h-oidhche, as aso cha dthigeadh e gu latha geal am maireach. Dhfhalbh e fo sprochd is nàire.

Coma co dhiu cha dinnis e mar thachair don fhleasgach eile, agus air an treas oidhche, thàinig am fear eile, agus mar a thachair don dithis eile thachair dha. Am màireach thug ebhuinn as, ’s chan fhacas e sealltainnna dhéigh.

Nis,” arsan nighean ris a ghreusaiche, “is leatsa an sporan òir, chaneil feum agam-sa air; is feàird thuse, agus cha mhisde mise, air son do chaoimhneis dhomh.”

Bha na brògan ullamh aig a ghreusaiche, agus air an latha sin féin bha an rìgh gu pòsadh. Bhan greusaiche dol don chaisteal le brògan nan òganach, ’s thubhairt an nighean ris a ghreusaiche, “Bu mhaith leam sealladh fhaicinn de mhac an righ, mum pòsadh e.”

Thig leamsa,” arsan greusaiche, “tha mi mion-eòlach air seirbheisich achaisteil, agus gheibh thu sealladh air mac an rìghs na cuideachd uile.”

Agus an uair a chunnaic na h-uaislean am boireannach bòidheach a bhan so, thug iad i do sheòmar na bainnse, agus lion iad gloinne fìon dhi. ’Nuair a bha i dol a dhòl na bha sa ghloinne, chaidh lasair aiste, agus leum calman òirs calman airgid as aghloinne. Bha iad ag itealaich mun cuairt, ’nuair a thuit tri gràinnean eòrna air an urlar. Leum an calman airgiod agus ithear sud. Thubhairt an calman òir ris, “Nam biodh cuimhnagadnuair a chairt mim bàthach, chanitheadh tu siud gun chuid a thoirt dhomhsa.” A rithist thuit tri gràinnean eòrneile, ’s leum an calman airgiod agus ithear siud mar an ceudna. “Nam bitheadh cuimhnagadnuair a thubh mim bàthach chan itheadh tu siud gun mo chuid a thoirt dhomhsa,” arsan calman òir. Tuitear tri ghràinnean eile, ’s leum an calman airgiod agus ithear siud cuideachd. “Nam biodh cuimhnagadnuair a chreach mi nead na pioghaid, chanitheadh tu siud gun mo chuid a thoirt dhomhsa,” arsan calman òir. “Chaill min lùdagga dthabhairt a nuas, agus tha i dhith orm fathast.”

Chuimhnich mac an rìgh, ’s dhaithnich e co a bhaige. Leum e far an robh i, ’s phòg e i bho làimh gu beul, agus an uair a thàinig an sagart phòs iad an darna h-uair! Agus dhfhag misan sin iad. —Sgeulachd.



[54]

[Vol . 12. No. 7. p. 6]

LAGHANNAN TEAS.

AIG an fhocal Teas, tha bhrigh; is ciall do aon diubh an teas a mhothuichear nuair a chuirear an làmh am fagus do dhiarunn teth; agus don aon eile, aobhar an teas ud.

S i barail dhaoine ionnsuichte gur stuth corporra aobhar-teas; gu bheil smùirneanan an stuth so a ghnàth adealachadh o chéile, agus air an tarruing a dhionnsuidh gach eile. Tha e co aotroms nach gabh e tomhas; tha e a làthair anns gach rud, agus cha ghabh e sgaradh uapa. Bàigh do rud seach rud chan eil aige: ma chuirear peileir iaruinn, dearg theth ann am mèis do dh-uisge fuar, than teas agrad fhàgail an iaruinns a gabhail a steach don uisge, a ta a nisga theasachadh agus ag at. As amhéis gabhaidh e a rathad, agus sgaoilidh se e féin gu cothromach am measg gach a ta mun cuairt; agus on an dòigh so tha gach air aghaidh an t-saoghailga ghiùlan féin a thaobh teas.

Tha na rioghachdan teth a ghnàth acur teas a dhionnsuidh nan rioghachdan fuar; air chor agus nan sguireadh gathan na gréine o bhinan aobhar teas, agus nan seasadh an saoghal, gum bitheadh ann an ùine ghoirid, teas an t-saoghail air fad ionann. Theirear, ma dhfhaoidteciod è fuachd? an stuth corporra esan?” Chan e, is neo-làthaireachd teas e.

Feòraicheamaid a nis ciamar tha teas asiubhal o rud gu rud. Tha so atachairt ann an dhòigh: air acheud dòigh tre bheantuinn; ’s e sin ra ràdh gu bheil na nithe co dluth air a chéiles gu bheil iad abeantuinn; ’s an dara h-àite tre ghathachadh, dan ciall gu bheil an teasga thilgeadhna ghathaibh o nithibh teth a dhionnsuidh nithe fuar nacheil abeantuinn da, ach a tha astar uaithe, agus a tha air an teasachadh leis na gathan so. Ma chrochar peileir iaruinn dearg theth ann an seòmar, tilgear an teasna ghathaibh o uachdar apheileir anns gach rathad a dhionnsuidh ballachan, mullach, agus ùrlar an t-seòmair trebheil na gathan ag imeachd, ag at agus afàs mas cudthromaiche, air chor agus gu bheil achuid is teotha aig mullach an t-seòmair, agus achuid is fuaires is truime faisg air an ùrlar, Bhon ghrìosaich gus an stairsneach tha na gathan air an tilgeadh sacheart dòigh. Chithear uaithe so gu bheil tuille teas atighin á grìosaich air meadhon an ùrlair na bho ghealbhan na stuaidh, a thaga thilgeadh ann an cuid mhór a dhionnsuidh na stairsnich, nuair tha grìosach meadhon an ùrlair atilgeil a mach teas anns gach rathad.

Siùbhlaidh teas nas luaithe tre chuid de nithibh na tre chuid eile. Ma chuirear ceann slait iaruinn san teine, theid an teas roimhpe gu grad, fàsaidh i air fad co teths nach urrainnear beantainn da ceann a mach gun losgadh, gidheadh faodar so a dheanamh ri slait ghloine no fhiodha: ann an ùine glé ghèarr cha ghabh teas an iaruinn fulang, nuair a dhfhaodar beantuinn don t-slait ghloine gu oirleach on chuid a tha san teine, agus aig an àmga leaghadh leis an teas.

Tha an clàr a leanas aleigeadh ris duinn gun siubhail teas troimh mhiotailtibh nas luaithe na troimh nithibh air bith eile

Or 1000 mionaid.
Airgiod 973 mionaid.
Copar 898 mionaid.
Iarunn 374 mionaid.
Iarunn-geal 303 mionaid.
Luaidh 179 mionaid.
Marmor 23 mionaid.
Criadh Fhinealta 12 mionaid.

Chithear a nis gun siubhail teas còrr agus ceithir fichead uair nas luaithe tre òr na tre chriadh. Air an aobhar so tha làmh achoire iaruinn-ghil, phrais no chopair, gu bitheanta do dh-fhiodh; cha loisg an spàin adhairce as amhèis theth eanbhraich, an teanga mar a ni spàin fheòdair no airgid; gleidhidh aphoit chreadha an t-uisge non ti nas faide teth na aphoit mhiotailt. Tha fios aig gach neach gu bheil gloine brisg, gu sònruichte ma theid a teasachadh gu cabhagach, no ma tha i tiugh; ma chuirear uisge goileach ann an gloine thiugh, is bitheanta leatha bristeadh: tha an taobh a stigh dam bheil an t-uisge abeantuinn ag at leis an teas, nuair than taobh a muigh fuar agus mar a bhà e; agus mar so tha aghloin abristeadh. Ma thaghloine tanas ma theannaichear a thaobh gu h-athaiseach agus gu cothromach chan eil eagal dhi. Leigidh an clàr a leanas ris, an ùineghabhas teas a dhol tre stuthaibh còmhdaich:

Athar (beumlaidir) 576 mionaid.
Lion 1032 mionaid.
Clòimh-Chotain 1046 mionaid.
Clòimh-Chaorach 1118 mionaid.
Sìoda 1284 mionaid.
Bian beiste duibhe 1296 mionaid.
Clòimhteach agheóidh-Eidein 1305 mionaid.
Bian Maighiche 1315 mionaid.

Tuigear a nis gu bheil an cinne-daonna ceart a thaobh stuth còmhdachaidh: anns na cearnaibh teth tha cotan agus lìongan gnàthachadh; ann am Breatunn, gu sònruichtesa gheamhradh, tha stuthan de chlòimh nan caorach, agus sìodagan caitheamh, agus anns na rìoghachdan as fuaire, mar thaRussia , Norway,agus America mu thuath, tha iadgan còmhdachadh féin le béin nam béiste fiadhaich. Chan eil barrachd teas a chòmhunidh ann am bian na thann an cotan; ach gabhaidh teas tuillidh ùine a shiubhal troimh bhian na troimh chotan, agus mar so gleidhidh còmhdach de bhian teas achuirp nas fèarr na comhdach cotain. Cumaidh bian no clòimh a mach teas air acheart dóigh. Ann an dùthchanna teth than eigh reòtaga còmhdachadh le plaideacha geal ollas na tighibh-eighe, a chumail air ais teas na gréine agus an talaimh. Mar is faide agus is mìne am fionnadhs ann is blàithe e. Air ceithir-chasaich nan cearnaibh teth, tha fionnadh garbh, goirid agus tana, nuair tha luchd nan dùthchanna fuar air an sgeadachadh le clòimh no fionnadh tiugh, fada, min. Tha eunlaith, a chionn gu bheil an fhuil aca teth, air an còmhdachadh gu pailt; than còmhdach acasan, rin goirear iteagan, aotrom agus sleamhuin chum ruith tren athar, agus gleidhidh e teas an cuirp a stigh gu ro-mhath. Air eòin-athair nan cearna fuara tha barrachd còmhdachaich na tha air luchd nan cearna teth; agus air na h-eoin-uisge, no mhara, tha a thuilleadh air na h-iteagan, móran de chlòimhtich mhìn mu bhun nan iteagan, gu sonruichte air am broilleach, far am buail an tonn iad air an t-snàmh. Tha clòimh agheóidh-éidinn ro-luachmhor, agus air a h-uidhsneachadh ann an leapaichean rìghrean: cosdaidh punnd air chudthrom dhi punnd-Sasunnach, gu sònruichte don t-seòrsa a spìonas an t-eun féin o bhroilleach a linnigeadh a nìd. Tha muinntir na Tir-Uaine(Greenland)acleachdadh an linnig so a thoirt as an nead air dhi bhi crìochnaichte; than te ùr a than t-eun bochd adeanamh ábhroilleach, air a goid mar an ceudna, chum a reic ris amharsanda. Don mhuic-mhara, an ròn, agus bheathaichibh mara eile, thug an Cruith-fhear còmhdach do dh-ùille no reamhrachd, a thacuartachadh gach mìr dan corp, agus mar so a ghleidheas a stigh teas an cuirp. Air amhuic-mhara than còmhdachadh so gu bitheanta bho ochd gu fichead òirleach air tiuighead.

Chan eil gathan an gréine air an rathad a dhionnsuidh an talaimh ateasachadh an athair, gus am buail iad air an talamh agus am bheil iad air an tilleadh don athar. Their cuid nach do smuaintich a bheag uime so, nach urrainn sin a bhi ceart, a chionn gu bheil na dùthchanna fon ghréin nas teotha na iadsan tha fad uaipe. Chan eil teagamh sam bith nacheil teas an athair nas anns na ceud chearnaibh; ach ma thà, ’s ann a chionn gu bheil orra-san gathan na gréine abualadh nas dìriche air an talamh, agus mar sin gu bheil an talamh atilgeadh air ais don athar tuillidh teas. Nam biodh gathan na gréine ateasachadh an athair air an rathad on ghréin gus an talamh, bu chòir do mhullach beinne bhi na bu teòtha na a bun: ach tha fios aig gach neach nacheil achùis mar so: mar is àirde théid sinns ann is am fuachd.

Tha mullach beinne fichead mile troidh air àirde nas faisge air aghréin na an còmhnard aig a bun; gidheadh ann an dùthchanna teth, feudaidh an teas a bhi co mór gu h-ìosals nach urrainnear obair sam bith a dheanamh, gu sònruichte air abhlàr a mach, teas an latha, nuair tha mullach na beinne geal le sneachd agus eigh, a bhan sin bho lìnn gu linn. Tha so mar so air beanntaibh Asia agus America mu dheas, agussna cearnaibh sin tha aimsir gach seòrsa dùthcha a réir mar a dhìrear on chomhnard gus am mullach. Gu h-ìosal than aimsir teth, mar aimsir nan Innsean: aig àirde mìle no ochd mìle troidh, than aimsir cosmhuil ri aimsir na Frainge, ’nuair aig airde trì no ceithir mile-deug troidh, than aimsir mar a gheibhear i anns na h-àitean as faide mu thuath, a than còmhnuidh còmhdaichte le sneachd agus eigh. Rachadh na h-àitean tha dlùth air aghréin a losgadh gu tur mur bhith an t-athar no aghaoth: ’nuair tha aghrian abualadh air an talamh, than teas, ann an cuid mhòr, atilleadh air ais don atharga theasachadh agusga fhàgail nas eutruime, air chor agus gu bheil achuid so don athar a nis ag éiridh an àird, agus gu bheil achuid a bha gu h-àrd atéarnadh, agus agabhailàitesan. Thachuid so a nisga theasachadh le teas an talaimh agus adìreadh: tha mar so cuid adìreadh agus cuid atéarnadh. Tha achuid don athar a thair uachdar talaimh nan cearnaibh tha dlùth don ghréinga theasachach co mór agus co h-ealamhs gu bheil e agrad éiridh suas; tha achuid fhuar don athar aruithna àite. ’Nuair than teas abualadh gu làidir agus gu grad, than obair so adol air a h-aghaidh co luath, tha am muthadh co ealamh, agus luas an athair co mór agus gu bheil gaillionn mhór nan stoirm ag éiridh, agus, gu bitheanta, adeanamh millidh; ach chìtear a nis nach burradh do laghanna nàduir bhi air an cur air an aghaidh gun an t-athar, nach biodh feum annsan mur biodh e comasach air ruith o àite gu h-àite, gum fàsadh e ann an ùine ghearr, salach le anail bheò-chreutairean (oir cha las coinneal, agus cha mhair creutair beò ann an athar a theid a tharruing mar anail móran uairean) le smùid theineachan, droch bholaidhean, co làn do phuinsionan a chruinnicheadh air fad dluth don talamh, air dhoibh a bhi nas truime nan t-athar glan, ’s nach burrainn do bheò-chreutair sam bith a tharruing mar anail, agus gum bàsaicheadh iad. Chitear a nis gu bheil athar nan aiteacha teth aruith a dhionnsuidh nan cearnaibh fuara, ’gan teasachadh agusgan cumail o bhinan eigh thioram chruaidh; agus gu bheil athar nan àiteachan fuar aruith a dhionnsuidh nan cearnaibh teth, ’gan cumail o bhi air an losgadh. Mar is a sheallar a stigh air oibribh nàduir, is a neartaichear ar creideamh ann am bith, gliocas, cumhachd agus mòrachd Dhé.

ROB RUADH.



[55]

[Vol . 12. No. 7. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Oran a Mhathan.

A CHARAID: —ThaPeigidh Phabachafaighneachd rinn an t-òran so; cha robh fios aig an Domhnull on dfhuair i e bùghdar dha.

Be Aonghus Domhnullach— “Aonghas mac Dhomhnuillic Iain Bhàina bainm don fhear a chuir ri cheileOran a Mhathain.” Bha e chòmhnuidh ann am Mùideart, an siorrachd Antigonish. Chaochail e coig bliadhndeug air fhichead air ais. Bha an t-òran glé mheasail ri mo cheud chuimhne-sa. Thachair na driodartan a tha eg iomradhsan òran don mhathan, ma bfhior, an caochladh àiteachan air feadh sgireachdan Mhùideart, Chnòideart is Allt aBhàillidh.

Do charaid dileas,
LEUGHADAIR.
Antigonish , N. S. Sept. 24, ’03.


Cha robh ni bu mhò a chuir de dhragh air muinntir Chanada air a mhios a dhfhalbh na an sgeul gu robh obraichean mora an t- “Sooair an dùnadh suas. Bha na h-obraichean so air an cur air chois le cuideachd a chruthaich Mr. Clergue, Bha rathad iaruinn, muillnean phulp, obair-iaruinn, obair sholuis is rathad-sràide air an obrachadh leis an aon chuideachd agus bha na milleinean air an cosd riutha. Tha e coltach co-dhiu nach robh en comas aon chuideachd no aon duine ceartas a thoirt don liuthad seòrsobrach a bha air an cùram. O chionn àireamh mhios bhan obair a dol air ais, agus mun fhicheadamh la de September sguir i gu ìre bhig gu buileach. Tha tri miles coig ceud duine air am fàgail gun obair; agus roinn mhor den tuarasdail gun phàidheadh. Tha e ro-choltach gu robh tuilleadhs a chòir de dhairgiod air a chosd ris an obair, ’s gun do mhill sin creideas na cuideachd.

Bha fear Iain Mac-Coinnich air a mharbhadh air an rathad-iaruinn faisg airReserve Minesoidhche Di-luain sa chaidh. Bha e nashìneadh air an rathad faisg air tigh òil a thair a chumail le fear Wadden annsn do chuir e seachad a cheud chuid den oidhche. Bhan daorach air a fàgail an taighe agus thuit e nachadal air an t-slighe dhachaidhs bha e air a mharbhadh le càr. Bha e na dhuine singilte, ceithir bliadhna fichead a dhaois, agus dhfhàg e nadheigh a mhàthair a tha nabantraich.

Tha coithional Cléireach Ghlace Bay air a roinn. Tha an coithional ùr a cumail sheirbhisean ann an Talla Victoria, agus bidh iad an ùine ghoirid deas air-son gairm a thoirt do mhinisteir. Tha an seann choithional mar a bàbhaist anns an eaglais. Tha iad san mar an ceudna dol a ghairm ministeir ùr, air do Mhr. Forbess do Mhr. Meikle air chomhairle na Cléire an ceangal ris a choithional fhuasgladh.


Iadsan a Phaigh.

Iain M Mac Neill, Sidni Tuath
Bantrach Mhic Cuithein, Glace Bay
M I Mac Aonghais, Glace Bay
Iain M Mac Fhearghais, Port Morien
An t-Urr Alasdair Ros, Hogamah
Niall Mac Leoid, an Abhainn a Tuath
Murchadh Domhnullach, an Abhainn a Tuath
Caipt Domhnull Caimbeal, Bras dOr Mor
Iain Moireasdan, an Gut a Deas
Domhnull Mac Gilleain, Mèinn Chaledonia
An t-Urr Domhnull Mac Eamuinn, Sidni
Alasdair D Domhnullach, Sidni
Iain Mac Fhionghain, Sidni
Seumas Domhnullach, Sidni
An t-Urr A I Domhnallach, Whitney Pier
D H Mac Leoid, Whitney Pier
Iain A Mac Gillebhràth, Port Hood
Micheal L Mac Fhionghain, Lakevale
Aonghas Moireasdan, Lakevale
Domhnull Mac Phàrlain, Cox Heath
Aonghas Mac Leoid, Port Morien
Bean Iain Mhic-Nìmhein, Catalone
Alasdair Mac Neacail, Tom aBheithe
P D Mac-an-t- Saoir, Rathad nam Frangach
Aonghas Domhnullach, am Bàgh an Ear
Mairi Nic-Phéitiris, Grand River
An t-Urr U A Mac-a- Phearsain, Bail’ -Iain
Iain Benton, Tàilleir, Ridse Mhabou
Iain B Gillios, Gleann nan Sgitheanach
Leslie G Mac Corison, Nyanza
Domhnull Mathanach, Carribou Marsh
Iain Mac Aonghais, Allt nam Breac, Mira
Alasdair Mac Leoid, Allt nam Breac, Mira
Anna P Nic Laomuinn, Tiverton , Ont
Onarach A Mac Gillebhràth, Antigonish
Eachunn Mac-a- Phi, Brant , Mich
Iain R Domhnullach, Ryegate , Vt
An t-Olla J D Prince, Sterlington , N Y
Uilleam Mac Aoidh, Inbhirnis, Alba
Seumas Craigie, Peairt, Alba
Iain Rothach, Rudha Mharsden, N. Z.
Iain Ceampach, Waipu , N. Z.
Alasdair Ceampach, Waipu , N. Z.
Iain F Mac-a- Ghobha, Fort Steele, B. C.
Calum Mac-a- Ghobha, Belfast , P. E. I.
Ceit F. Nic Leoid, Peveril , Que.

Ma chuireasX. Y. Z.” ugainnainms a shloinneadh gheibh e MAC-TALLA. Fhuair sinn a chuid airgid, ach chan fhoghainnX. Y. Z.” mar ainm dha. Cha ruigeadh am paipeir e.


POSADH.
Air an 16mh de September, leis an Urr. D. Drummond, R. S. Grannd, Hillside, ri Beitidh A., nighean Iain Mhic-Coinnich nach maireann, New Dominion,Boulardarie.


MO RUN AIR MO LEANNAN.

LE BAINTIGHEARNA DOYLY.

LUINNEAG.
Mo rùn air mo leannan,
S tu dhùraichdinnleantuinn;
Gur cùbhraidhe tanail na ròsan.
Mo rùn air mo leannan,
S tu dhùraichdinnleantuinn;
S beag ioghnadh gach caileag bhin tòir ort.

S math thig air mo ghràdh-sa
Còtgrinn air dhath sgàrlaid;
S ann aig than cùl fainneach as bòidhche;
Sùil mheanmnach, chiùin, mheallach,
Nach feargach a sheallas,
S bu dearbh thu ri dghealladh an còmhnuidh.

Nuair chìteadh air làr thu,
Ged beireachdail càch ann,
Do cheum-sbheireadh bàrr air nas leòir dhiu;
S air sràidean Dhuneideann,
S tu gluasad gu h-eutrom,
Bhiodh miann aig gach air do phòsadh.

Bha fleasgaich na dùthcha
Gam shireadh le sùgradh,
S bha iomadh fear cùirteil an tòir orm.
S in uaislebhad ghiùlan
A choisinn mo rùn-s’ ,
Achs e mealladh do shùilean a leòn mi.

Phòs Maidsear Tomas Ros Iseabal, nighean do dh-Iain Mac-Leoid, triath Raasaidh, agus bha da nighinn aca, Ealasaid is Iseabal. Bha Ealasaid na bana-bhàrd. Bha i pòsda ri Sir Tearlach Doyly. Chaochail isa bhliadhna 1875.


IORRAM NA H-IMRICH CHUAIN.

LEIS AN URR. DOMHNALL MAC-RATH.

Chaidh sinne gu tràigh,
A choimheadachd chàich;
Cha till iad gu bràth an taobh so!

Long iaruinn fom bonn,
A sadradh nan tonn;
Tha feadhainn am fonn, ’s cuid tùrsach.

Clann bheaga ri gàir’,
Am màthair fo phràmh,
Fir mhorann an sàss iad ciùrrte;



[56]

[Vol . 12. No. 7. p. 8]

Fras-shileadh nan deur
Gu tosdach, ach geur,
A sealltuinn nan déidh le cùram.

Iad-féin dol an iar,
S an talamhdol siar;
Chan fhaicear leo sion ach Mùirneag.

Seall! Mùirneag dol uap
Dol fodhasa chuan,
S firs mnathan gun tuar gah-ionndrainn.

Than cridhe ga chnàmh,
S iad fagail rin
Nan eolachs nan daimh bhan rùn orr’.

Ni eiltha nan déidh,
Achs ni e nach tréig,
Blàth chomunn Dhé mun chùbaid.

Farn tricchruinnich sluagh,
A Shàbaids a Luain,
Le mor aires cluas don sgeula.

Mo ghuidhe gach ,
Gun ruig luchd mo ghràidh
Fa-dheoidh calas fèarr na Cùibeic.

An t-soiridh so bhuam
Dh-America tuath
Than caoraich is sluaigh mo chùraim,

N deagh bhuachaille-féin,
Biodh romhpas nan déidh
Gan dion o gach beudsin mùirnigh.


CAIT AN CAIDIL AN NIONAG?

LUINNEAG.
O càit an caidil an nionag an nochd?
O càit an caidil an nionag?
Far an caidil an nionag an nochd,
Is truagh nach robh mi fhìn ann.

An uair a dhfhàg an long an cala
Bha mo leannan fhìn innt’;
Is be mo mhiann bhith air na tonnaibh
Far an robh mo nionag.

An uair a thog iad rithe siùil
Bha mise tùrsach, cianail,
Is shuidh mi air a chnoc a bàirde
Gus an dfhàg i mfhianais.

Is truagh nach robh mimeasg nam ball
Ri bàrr nan crann a direadh;
S gum faighinn sealladh de mo luaidh
Air druim a chuain ged bhiodhmaid.

S ann agam fhin bhan nionag òg
Bu bhòidhche bhasan tìr so;
A deud mar chailc, a gruaidh mar ròs,
S a pòg air bhlas an fhiona.

Cha robh duinuasal bha mun cuairt
A chunnaic snuadh mo nionaig,
Nach robh an geall air deanamh suas
Ri bean a chuailein riomhaich.

Is ann ort féin a dhfhàs a ghruag,
Tha buidhe, dualach, fìnealt’;
Air dhreach an òir as bòidhche snuadh
Na dhualaibh troimh na cìribh.

Ged bheirteadh dhomhsa na tha dhòr
S an Olaints anns na h-Innsibh,
Gum bannsa leam bhithn nochd a seòladh
Còmhla ri mo nionaig.

Is mitha diombach dhe mo bhràithrean,
S dhe mo chàirdean dìleas,
A chum air ais mi gun do phòsadh
S tu cho bòidheach, fìnealt’.

Cha doir guth binn nan teud no oran,
S cha doir ceol na pìoba,
Is cha doir a théid na còmhdach
Air mo bhròn-sa diobradh.

An so ma dhfhàgas misam bliadhna
Fiachaidh mi le dìchioll,
Is seolaidh mi am mach a Grianaig
No a bhialaibh Lìte.

Theid mi do thìr nan coilltean mòra,
S gheibh mi pòg bho mnionaig;
N sin teichidh mairsneal is mo bhròn,
Is tillidh sòlas cridhrium.

Bha Domhnall Og Mac-CuitheinDomhnall mac Fhionnlaidha comhnuidh an Tota an Trotairnis san Eilein Sgitheanach. Dhfhàg e Tota is chaidh e dhfhuireach do Chille-Mhoire mun bhliadhna 1824. Phos e Peigi Pheutan, Peigi nighean Fhearchair Bhreabadair, agus bha coignear chloinne aige rithe, Alasdair, Iain, Domhnall, Mairi, agus Peigi. Rugadh Iain mun bhliadhna 1809. Rinn eCàit an cadal an nionagmun bhliadhna 1828. Rinn e orain eile cuideachd. Bha e na dhuine laidir, foghainteach. Chaochail e le caitheamh mun bhliadhna 1835. Goirid an deidh bàis Iain thainigathairs a mhàthair, Domhnall a bhrathair is a dhithisd pheathraichean do Cheap Breatunn. Dhfhuirich Alasdairsan t-seann dùthaich. Bha e a comhnuidh aig Port Cheasaig.

Bha Alasdair Peutan a comhnuidh am bràighe Chille-Mhoire. Thainig e do Cheap Breatann mun bhliadhna 1829. Bi Catriona a nighean an nionag air an do rinn Iain Mac-Cuithein an t-oran.


AN COMUNN COMHALLACH.

LE IAIN SINCLAIR.

FONN:— “Mor nighn a Ghiobarlain.”

LUINNEAG.
Air fàil il ithil ò ro,
Is -rin-o, seinnidh mi
Air fàil il ithil ò ro,
Is -rin-o, seinnidh mi,
Gu slàinte Comunn Chòmhaill,
Na seoid chridheil, eireachdail,
A chumadh suas a Ghàidhlig,
S nach fàgadh air deireadh i.

Mo shoraidh-sa gu Còmhall,
Tir bhoidheach nan lusanan,
Nan seamair is nan neònain,
Nan ròs is nan subhagan,
Nan coilltean maiseach, ceolmhor,
Le smeoraichean luinneagach,
Nam machraicheans nam mor-bheann,
Nam frog is nan sruthan glan’.

Is i sin tir a chaoibhneis,
An aoibhnis, ’s an t-subhachais,
An oilein, is an eolais,
S nan seod a tha curanta,
Is cumachdail, deas, ordail
Bhom broigsuas gum mullaichean;
S iad deas-chainnteach gun bhoilich,
Is seolta gun chluipeireachd.

Cha leig michaoidh air di-chuimhn
An tim bha mi maille riu;
Is och! is och! mo léireadh,
S e dhéignich thighnn thairis mi,
Bhith faicinn nach robh stàth dhomh
Bhith tàmhbheag na bfhaidan sin,
S na glinn gan cur fo chaoraich,
S na laoich as an dachaidhnean.

Na fineachan dan dualchas
Bhith uasal is eireachdail,
Is dìleas dan cinn-fheadhna
S dan righ is don eaglais ac’,
Gam fogradh as an rioghachd
Le màl, cìs, is eascairdeas
Nan uachdaran mhi-thruacanta,
Chruaidh-chridheach, bhleidireach.

Ge deacair so nar sùil-ne,
Bha chùis air a suidheachadh;
Oirs iomchuidh gum bi dùthchannan
Urair an tuineachadh.
S gun Bhreatunnaich a shàrach
Chan fhàg iad an t-eilein ac’,
Geds mor a bfhearr do phàirt diu
Bhith tàmh an America.

Mas es gum bi iad grìdeil
Is dichiollach, oidhirpeach,
Gun mhi-fhortan bhithn dàn dhaibh,
Ach slàn, laidir, adhartach,
Mum bi iad fadsan tir so,
Cho cinnteachs tha coillinnte,
Bidh aca crodh is caoraich,
Biadh, aodach, ’s mor ghoireasan.

Ged a than geamhradh cruaidh,
Reota, fuar, sneachdach, gaillionnach,
Bidh aca taighean blàth’,
S teine làidir a gharas iad,
Is cha bhith cùram fuachd daibh,
S coille bhuan rigearradh ac’ .—
Ma thig sibhnall a Còmhll,
Tha min dochas nach aithreach leibh.


The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.

Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000

ARD OFIS, TORONTO.

AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.

B . E. WALKER,
Ard Mhanager.

Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager

Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhen Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor

Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas dem faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhen t-saoghal.

BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhen bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


SYDNEY & LOUISBURG RY.

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhIun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 7
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XII No. 7. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page