[57]

[Vol . 12. No. 8. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. XII. SIDNI, CEAP BREATUINN, DI-HAOINE, OCTOBER 16, 1903. No. 8.


LITIR OC. C.”

A CHARAID,— “Am fear as fhaide bhios beòs es a chi.” Bha mise o cheann beagan ùine ann an earrann de Cheap Breatunn ris an canar Fourchu, ainm Frangach, ged nacheil an diugh cho fads is aithne dhomh, Frangach ri fhaotainn o cheann gu ceann deth. Ach bha eile ann. Bha aon uair, mar tha fios agaibh, còir aig na Frangaich air an tìr uile. Ach an uair a chaill iad Louisburg dhfhàg iad an nàbachd so air fad agus ghabh Gàidheil chòire seilbh air an àite.

Ach gu tilleadh ri msgeul. Chunnaic mi rud ùr ann am Fourchu. Tha fios agam gun duirt Solamh nach robh ni sam bith nuadh fon ghréin. Agus ged nacheil mise acur teagamh sam bith ann am fìrinn gach focal a thuirt Solamh, anns an t-seadh anns am bheil iad rin tuigsinn, gidheadh tha mi ag ràdh riut gum faca mise rud nuadh ann am Fourchu: agus is e sin a bhi fangadh nan giomach. Chualas chunnaic sinn a bhi cur chaorach am faing, ach gusn do chinn e an ceann an Fhuineadair(Mr. Baker)cha do smaoinich duine riamh air na creutairean spògach ud a chur am faing. ’S e na giomaich iuchrach a thatar a cur ann. Tha lagh an aghaidh giomach a chur gu bàs a bhios ag giùlain sìolaich. Ach bha na h-iasgairean, gu tric, gu gòrach air an son féin, a bristeadh an lagha le bhi nigheadh an t-sìolaich dhiubh agus gan toirt gu tìr. Bha na h-iasgairean mar sin adeanamh cron daibh féin. Nise, ’s en rud a rinnMr . Baker,a tha e fhein na fhear glacadh agus cornadh ghiomach, cairidh mhor a thogail a mach o thaobh a chladaich. Chuir e an sin fios gu iasgairean nan giomach, anns gach àite mun cuairt, gun robh esan a toirt aphrìs a bàirde air gach giomach iuchrach a bheirte ga ionnsuidh beò. Sin mar a bha. Thòisich na giomaich air tighinn nan ceudans nam mìltean, ’s mar a bha iad a tighinn bha iad air an cur don chairidh. Bha aige rim biadhadh gach cho cinnteachs cho cùramachsa bha e biadhadh an eich anns an stàbull. Bha àireamh mhath de bharailtean sgadain air an taomadh a mach uca gach maduinn gusn do dhealaich an sìolach riutha. Ann an ùine nach ro fada bhan t-uisge tiugh le giomaich bheaga nach bu mhotha na na ceann-phollagan. Chaidh an sin na màthraichean a thogail as an fhaing agus an leigeadh as thalls a bhos ri taobh nan cladaichean, agus chaidh dorus fhosgladh anns a chairidh agus cead an coise leigeil leis an àl òg. ’S es dòcha, an ùine nach bi fada, gum fàg sin na giomaich nas pailte air na cladaichean so na bha iad o cheann bhliadhnaichean.

Fhuair mi eòlas ann am Fourchu, ’s cha be sin an droch eòlas, air sàr charaide dhut fhéin, Mr. Niall Mac Gilleain. Bha mi air chuairt car ùine na dhachaidh fhialaidh. Thainig e o cheann ùine átir a Mhurain.” Tha e, mar tha fios agad, a faotainn MHIC-TALLA agus a cur luach air.

Chaidh mi as a sin gu Framboise. ’S e ainm Frangach a tha sin mar an ceudna, achs gann gu bheil Frangach an diugh an goir da. Fhuair mi eòlas ann am Framboise air caraid eile dhut, Mr. Tormod Mac Ascuill, a bha iomadh bliadhna na chomhairliche ann an siorrachd Richmond. Bha mi air aoidheachd fad seachduin maille ris-san, ’s cha do dhfhairich min t-seachduin idir fada na chuideachd. Thainig Mr. Mac Ascuill as na Hearradh, tir nan Leòdach. Ged is annsan Eilein Sgitheanach a tha caisteal nan Leòdach, bha uair a bha na Hearradh o cheann gu ceann aca, air dhòighs gun cainte gu minic Mac Leoid na Hearradh ris a cheann-cinnidh sin.

thagad air, ach de na làithean thug Mac Ascuill duine òg àrd, dreachmhor a nall air ghairdean, agus arsesan rium fein, “So agaibh Ceann Liath!” Sheas mis sheall mi air. “An e so,” arsa mise, “Ceann Liath? Is fhadon bha eòlas a phinn agam air.” Bha mi toilichte fhaicinn. Ach chan e idir an duina bha min dùil a thann. ’S e mo bharail nacheil gaoisnein liath nacheann. Sin agad gearr-iomradh air na chunnaic mi air mo chuairt aig an àm ud.

Tha mi fhein is Peigidh Phabach air duais a neach fhaotainn. Gu ma slàn don laimh a thug seachad na duaisean! Chaneil fios idir agam càitam bheil Peigidh. Ma tha gus nacheil fios aice-se co mise, chaneil ni de dhfhios agamsa co ise. Tha toil agam a faicinn agus crathadh laimhe thoirt dhi air sgàth an t-soirbheachaidh a bhagainn le chéile. Thainig an duais ormsa gun sùil ris. Cha do smaoinich mi aon uair air duais an uair a bha mi sgrìobhadh ga dionnsaidh. Thainig an rud a bhann orm mar sin am failmse. Cha duirt sin nacheil mi cur luach gu leòr air an duais.

Is cinnteach gum feum mises Peigidh a nise teannadh a leth-taobh agus leigeil le suinn eile feuchainn co bheir a mach na duaisean air an turus so. Bidh gach is fear dan aithne peann Gàidhealach a laimhseachadh a dol air obair. Coma leat co dhiu gheibh no nach faigh thu duais, co-dhiu ni thu feum dhut fein gus nach dean, ni thu feum do MHAC-TALLA; agus is e sin a tha dhìth oirnnaGhàilig a chumail suas. Slàn leibh.

C. C.


LAGHANNAN TEAS.

Bho chionn beagan bhliadhnaichean bha Tigh-stòir nan ceairdean ann am Paris air bheul tuiteam; bha na ballachan abrùchdadh a mach le cudthrom druim agus urlairean an tighe. Chomhairlich Mr. Mullard mòran tholl a dheanamhs na ballachan, mu choinneamh a chéile: anns na tuill so chaidh a chur gadan mòr iaruinn tre na seòmraichean bho bhalla gu balla, air chor agus gun robh ceann anns gach toll. Air na cinn bha bidhis(screw) ,agus don bhidhis so bhafreagairt bidhis eile a bhair a tionndaidh ann am meadhon lann tiugh làidir iaruinn. Dhfhadadh a nis téintean mòr a chum na sailthean iaruinn a theasachadh; dhat iad leis an teas air fad agus tiuighead air chor agus gun robh na cinn ni bfhaide mach bhon bhalla na bha iad air dhoibh a bhi fuar. Theannaicheadh na lannan leathann leis abhidhis ri taobh abhalla; air don tsail fuarachadh, chrup i ann am fad agus gairbhead, agus tharruing iad na ballachan ni bu dlùithe. Rinneadh so a ris agus a rìs gus an do sheas iad dìreach. Tha cuid do rudan ann a tha ag at le fuachd, ach is gann iad. Ma dhfhuaraichear uisge, ataidh e, bithidh e nis eutruime agus fàsaidh ena eigh at hasnàmh air uachdar an uisge. Tha uisge ann an am fàsna eigh ag at co mòr agus gun sgoilt e na creagan, gun sgàin e soithichean prais agus iarainn. Lìonadh toirmshlige(bombshell)le uisge, ’reothadh an t-uisge, agus a thiota sgàin i. Ann an slige eile làn do dhuisge sparradh geinn iaruinn tri puinnd air cudthrom; reothadh an t-uisge agus air ball thilgeadh an geinn 138 slat air astar.

Nam bitheadh eigh ni bu truime na uisge, rachadh i fodha, cha ghleidheadh i teas an uisge agus gheibheadh an t-iasg bàs; rachadh gach leac don eigh mar a thigeadh air uachdar an uisge fodha gus an grunnd, agus mar so thiormaicheadh ann an aon gheamhradh cruaidh reòtach gach sruthan, lochan, allt as amhainn anns gach cearna air aghaidh an t-saoghail, agus dhfhàgadh na cearnaibh ud, a thanan àiteachan-còmhnuidh àillidh agus fallain do dhuine, ainmhidh agus iasg, ’nan fàsaichean tioram cruaidh anns nach maireadh creutair beò. Tha eigh dealrach geal, carson nacheil i uaine no dorcha? Tha i geal a chionn nach toir geal seachad don athar teas an talaimh non uisge a tha foidhe, agus dealrach airson tilgeadh air ais teas na gréine; nam bitheadh i dorcha, leaghadh teas na gréine i, oir rachadh na gathan troimpe. Nan robh sneachd dorcha, shùigheadh e gathan teas na gréine co h-ealamh, leaghadh e co grad anns na cearnaibh sam bheil a bheag no mhór do shneachdas gun tigeadh ena aon bheum sléibhe a ghiulaineadh gach beò chreutair leis don fhairge. Ach a chionn gu bheil sneachda geal, tha teas na gréine, ga thilgeadh air ais ann an cuid mhòr don athar, agus tha sneachda leaghadh gu socrach; air acheert dòigh, a chionn gu bheil uisge ag at ann an am reothaidh tha eigh nis eutruime agus asnàmh airuachdar; a chionn gu bheil i dealrach cha leagh i gu h-ealamh agus cha mhò bheir i seachad teas an uisge a tha foidhpe, air chor agus gu bheil na creutairean a thanns an uisge a mairsinn beò an àite bhi air am milleadh, ni a thachradh, nan robh laghanna nàduir air atharrachadh càramh. Mar a tha fios aig gach neach, gabhaidh cuid do rudan tuilleadh teas airson an leaghadh na ghabhas cuid eile, agus is iomad ni a tha reòta ann an aon chearn a tha leaghte ann an cearna eile. Anns an eilein Melville, far an da chuir Caiptean Parry seachad geamhradh, bha an t-air-



[58]

[Vol . 12. No. 8. p. 2]

giod-beò reòta mar eigh. Ann an dùthchanna teth tha céir agus ròiseid bog mar ìm. Anns an Reul Mercury a tha dlùth don ghréin, bhitheadh ròiseid, geir, céir agus iomad ni a tha cruaidh air an talamh so, tana mar uisge. Bhitheadh uisge, ùille agus spiorad, ’nan smùid mar steam no athar. A ris anns an Reul Herschel a tha naoi uairean deug nis faide bhon ghréin na tha an talamh so, bhitheadh uisgena eigh a ghnàth, bhitheadh ùille cruaidh mar ròiseid agus ghabhadh airgiod-beò leudachadh le òrd mar luaidh no fheòdar. Ciod an t-eadar-dhealachadh atha eadar eigh agus uisge? faodar a ràdh gu bheil uisge air a dheanadh de dheigh agus teas; ’nuair a tha eigh aleaghadh, tha igabhail a stigh teas, agus nuair a tha uisgereothadh, tha teasga fhàgail. Tha cheart ni atachairt do shneachd. Feumaidh eigh cuid mhór do theas airson a leaghadh, agus tha cheart uireadga thabhairt seachad a ris an reothadh. Nam fàsadh uisgena eigh le cuibhrionn bheag do theas, reothadh gach uisges na cearnaibh fuar ann am beagan uairean. an t-samhraidh tha teas nan cearnaibh teth air a shùghadh le eigh nan cearnaibh fuar agus tha móran teasga thabhairt a mach le reothadh agheamhraidh, air chor as co fad agus a leanas uisge ri reothadh no eigh ri leaghadh, cha bhi móran mùthaidh air na h-aimsirean.

Tha eighga h-uidhsinneachadh ann am mòran do ghnothuichean feumail; gleidhidh i feòil bho ghrodadh. Tha na h-Innseanaich Americanach acleachdadh bhi tabhairt do na bailtean Breatunnach sithionn nam fiadh air a pacadh ann an eigh, agus is minic tha soithichean digan giùlan fad air astar gun ni mun cuairt di ach eigh. Ann an dùthchanna teth, tha uile sheòrsachan deochgam fuarachadh le eigh airson an òl. A deir SolamhMar fhuachd sneachdaidh ann an àm an fhogharaidh, tha teachdair dileas dhoibhsan a chuireas uatha e, oir ath-bheothaichidh e anam a mhaighstir.”

Anns abhliadhna 1760 chuir marsantan Hamburgh soitheach don Tir Uaine airson luchd eighe a reic iad a rìs aig pris mhòr. Bha ena chleachdadh bho chionn beagan bhliadhnachan a bhi cur shoithichean luchdaichte le eigh do Jamaica, ach air uairibh thachair don eigh a bhi air a droch phacadh, leagh i agus chailleadh na soithichean. Tha tighean nan Escimàach air an togail do eigh a thair a sàthadh mar chloich agus ga cur ri cheile: tha gach balla, stuaidh agus mullach do dheigh; air an taobh a stigh tha iad atilgeadh uisge a tha reothadh, agusga shlìogadh gus am bheil ena aon lic shleamhuin, a thaleigeil troimhe uiread do sholus agus a tha feumail.

Tha an t-athar aluidhe le cudthrom cùig puinnd deug air aghaidh gach oirleach ceithir chearnach don talamh; gu bheil cudthrom aig an athar tha furasda a dhearbhadh. Ma tha phoit uisge agoil gu làidir, cuiridh i thairis air a beul; thugadh am brod aisde agus sguiridh i chur thairis, a chionn gu bheil cudthrom an athair a nis air aghaidh an uisge. Don uisge tha sileadh, agus aluidhe air uachdar an talaimh car tamuill, tha cuidga ghiùlan air falbh mar cheo don athar agus tha cuid eile air a shùghadh leis an talamh. Bho uachdar na fairge agus gach loch, tha taisealdachd a chomhnuidh ag éiridh, air chor agus gu bheil aig gach am uisge an crochadh san athar. Anns amhuir Eadar Dha-Thir(Mediterranean)tha e air ìnnseadh dhuinn gu bheil an sruth a chòmhnuidh aruith a steach tre chaol Ghibraltair, agus nacheil sruth air bith atilleadh as, ach gu bheil e ag éiridh mar cheò le teas na greine. Tha an t-uisge a tha ghnàth ag éiridh mar cheò atilleadh a ris a dhionnsuidh an talaimh mar dhrùchd no sileadh mar uisge a dhfhionnarachadh agus a reamhrachadh aghruinnd, agus chum biathachadh nan aibhnichean. Tha cuid don uisge nacheil ag éiridh bhon talamh adol fodha agus abriseadh a mach theagamh astar mòr uaithe mar thobar fior uisge no meinnear. Smuainicheamaid a nis, ciamar a bhitheadh an saoghal nan sguireadh abhuaidh so. Cha tuiteadh fras, cha luidheadh drùchd, thiormaicheadh gach abhainn as tobar; chruinnicheadh uisgeachan an domhain uile sachuan, agus dhfhàsadh an talamh cruaidh-loisgte. —Cuairtear nan Gleann.


ORAN MOLAIDH.

A dheagh charaid, so dhut litir,
Tha aircuir sios am briathran bristeach,
A dhinnse dhut gur mor a mhisneach
A ghluais mo pheann,
Gu sgriobhadh ann am bàrdachd liotach
Mar thig nam cheann.

Ged tha dusan bliadhnno còrr
On thainig MAC-TALLAsan fheòil,
Thachruths a choltas mar bu nòs
Do chlann an fhraoich:
Cho bòidheach daths cho fallain clò,
S cho glic dhe aois.

Is ged nach fhaic mi e cho tric,
S a bha e roimhetighinn nar measg,
Tha dòchas math a stigh nar n-uchd
Nach fhadan ùine
Gus am bi e mach cho briosg
S a bha e aon uair.

Mo nàirs mo mhasladh air na Gàidheil
Tha deanamh dìmeas air a phàipeir,
A chionn gu bheil e beag de leughadh,
S nach fhiach e phrìs;
Achs math nacheil iad sud a pàigheadh
Do Cheasar cìs.

Ach buaidh is piseach air an dream,
A sheasas e gu duineil, teann,
S nach gearain, ged nach mor a ghreann,
S geds mall a theachd;
Oir chaneil aon de leithid ann
Tha iad ro thearc.

Tha buaidh air do luchd-sgriobhaidh grinn
Gu innse sgeul, ’s gu dàin a sheinn,
S gu eachdraidh laoich o linn gu linn
A chuir an geill,
S gu dearbhadh dhuinn le tuigsan cinn
Mun ghniomh tha treun.

Tha leithidConatearcsan tìr
Gu sgriobhadh Gàilig mu gach ni
Tha dol air adhart anns gach sgìr
Mun iath a ghrian;
E leantuinn, ’s e mo dhòchas fhìn,
Re iomadh bliadhn’.

ThaPeigidh Phabachlaghach, còir,
Na bana-Ghàidheil làn de spòrs
S de bhriathran ait, a bheir air òg
S air aoisbhi subhach;
Gu ma fadah-ainm an clò,
S a peann na shiubhal.

ThaBodachan aGhàraidhmall
Gu bhicur litrichean a nall
O thìr an fhraoich, nam bàghs nam beann,
S na fiùrain thapaidh;
Achs mor am math a thig opheann
Nuair ni eghlacadh.

Tha ùghdarTigh na Coillesàmhach,
Cha chluinn sinn facal uaithan dràsda,
Ged bha e uairs bu mhath a làmh
Gu sgeul a dheilbh,
A dearbhadh nach bi math gu bràth
Le fear na ceilg.

ThaA. M. S.” gu duineil, treun,
Acur a ghualainn le mor fheum
Ri ni sam bith a ghluaiseas ceum
Na cainnt neo-lapach;
Gu robh mor bhuaidh a teachd an déigh
Achuraidh thapaidh!

(Air a leantiunn air taobh 62.)


ROBINSON CRUSOE.

CAIB. I.

RUGADH mise ann am baile York, anns abhliadhna 1632. Thainig mi o dheadh theaghlach, ged nach bann de ghnath mhuinntir na duthchadh ud a bha sinn. Bu choigreach mathair, a thainig a Bremen, agus a ghabh comhnuidh ann am baile Hull. Bha ena mharsanta, agus dhfhas e gu math beairteach; agus an uair a sguir e dhen mharsantachd, chaidh e a ghabhail comhnuidh do bhaile York, far an do phos e mo mhathair. Thainig ise o deadh theaghlach dom bainm Robinson; agus an uair a rugadh mise, thugadh Robinson Creutsnaer mar ainm orm; agus mar a tha atharrachadh do ghnath atighinn air achanain ann an Sasunn, is e a theirear ruinn a nis, agus their sinn-fhin ruinn fhin e, agus tha sinn asgriobhadh ar n-ainm, Crusoe. Is e so an t-ainm a thaig mo chompanaich orm do ghnath.

Bha dithis bhraithrean ann bu shinne na mise. Bha fear dhiubhna Chornalair air reiseamaid Shasunnach a bhann am Flanders. Bhan reiseamaid so an toiseach fo chomannd duine ainmeil dom bainm Cornalair Lockhart. Agus chaidh mo bhrathair a mharbhadh ann am batal ris na Spainich faisge air Dunkirk. Cha chuala mi riamh ciod a thachair do mbhrathair eile, agus cho mho na sin a fhuair mathair is mo mhathair fios ciod a thachair dhomhsa.

Bu mhise an treas mac dhen teaghlach, agus o nach dionnsaich mi ceird sam bith, thoisich mi gu math trath ri miannachadh falbh a shiubhal an t-saoghail, agus a dhiarraidh an fhortain. Bha mathairna fhior sheann duine, agus thug e dhomh tomhas foghluim a bha gle mhath, araonna thaigh fhein agus anns an sgoil cho maths a bha anns an duthaich mun cuairt, agus bhana bheachd fear-lagha a dheanamh dhiom.

Ach cha robh obair sam bith a bfhearr leam na dhol gu muir; agus bha miann cho laidir agam air a dhol anns gun do chuir mi an aghaidh toil agus aithe mathar, agus an aghaidh a h-uile comhairleachadh a bha mo mhathair agus cairdean dileas eile atoirt orm. A reir choltais, bha e an dan gu nadarra dhomh a bhithg iarraidh mo bheatha a chaitheamh anns an doigh thruaigh, chruaidh, thrioblaidich, anns an do chaith mi i. Bha mathairna dhuine glic, stolda, agus an uair a thuig e roimh laimh ciod a bha mi cur romham a dheanamh, agus ciod a bha, a reir choltais, gu tachairt dhomh, thug e gu durachdach comhairlean orm a bha ceart agus glic, agus cothromach. Bha e tinn leis a ghreim-loin, agus air latharaidh chuir e fios orm don t-seomar anns an robh ena laidhe, agus reusonaich e rium gu teann, dluth ann am briathran a bha anabarrach durachdach, mu dheidhinn an ni a bhanam bheachd a dheanamh. Dhfheoraich e dhiom an robh aobhar sam bith agam, a bharrachd air amhiann laidir a bhagam air a dhol a shiubhal an t-saoghail, air falbh a taigh mathar, agus a duthaich mo bhreith is maraich, far am faodainn mo bheatha chaitheamh am measg dhaoìne a bairde inbhe na mi-fhin, agus far an robh a h-uile coltas gun deanainn mfhortan le curam is aire mhath a thoirt do mo dhleasdanas, agus aig acheart am mo bheatha chaitheamh le taitneas, agus gun chruaidh-chosnadh sam bith.

Thuirt e rium gur iad na daoine air an robh an saoghal afairleachadh anns an duthaich so, no daoine a bhamiannachadh gun deanadh iad fortan mor, a bhadol do dhuthchannan fad air falbh; agus thuirt e, gur ann air son ainm mor a dheanamh dhaibh fein anns an t-saoghal a bhan aireamh bu mho dhuibh adol a shiubhal an



[59]

[Vol . 12. No. 8. p. 3]

t-saoghail, agus a dhiarraidh an fhortain. Chomharraich e mach dhomh, gun robh an da shuidheachadh sofortan mor a dheanamh, agus cliu is ainm mor fhaotainn, tuilleadh is ard os mo cheann no tuilleadh is iosal air mo shon; nach robh mi air mo bhreiths air marach aon chuid ann an inbhe aird, no ann an inbhe iosal, ach ann an inbhe a bha, mar gum beadh leitheach mu leitheach eadar an da inbhe so, agus gun do thuig e o na chunnaics na chuale fad iomadh bliadhna, gum be an inbhe anns an robh mi, inbhe cho maths a bhair an t-saoghal, agus cha freagarrach gus beathan duine a dheanamh socair, sona; gun robh an suidheachadh a bha e comhairleachadh dhomh a roghnachadh, saor o na truaighean, o na cruaidh-chasan, on t-saothairs o na fulangasan don robh moran de luchd-ceirde an t-saoghail buailteach, agus gun robh e mar an ceudna saor on uabhars on t-soghalachds on ghloir-mhianns on fharmad a bha am measg na muinntir a bha ann an suidheachadh ard anns an t-saoghal.

Dhinnis e dhomh gum faodainn breith a thoirt air sonas na staide so anns an robh e deonach mo chur, le aon ni, agus be sin, gun robh moran de dhaoineilemiannachadh a bhith anns an t-suidheachadh so; gun robh righean gu tric acaoidh a chionn gun robh iad air am breith gu bhith ann an suidheachadh ard. Agus bha iad amiannachadh gu mor a bhith ann an suidheachadh a bisle.

Tha an duine bu ghlice a bha riamh air an t-saoghal atogail fianuis air athaobh so, mar an suidheachadh anns am mo am bheil de shonas ri fhaotainn, an uair a ghuidh e nach biodh aon chuidbochdainn no beairteasaige.

Dhiarr e orm beachd sonraichte ghabhail air aso, agus gum faighinn an comhnuidh am mach, gun robh trioblaidean troma na beatha so, ann an tomhas mor, air an roinn eadar an fheadhainn a bairde suidheachadh, agus an fheadhainn a bisle suidheachadh dhen chinne-daoin. Chomharraich emach dhomh gun robh na daoine nach robh aon chuid ann an suidheachadh ard, no iosal, ann an tomhas mor, saor o na tubaisteans o na trioblaidean lionmhor e bha buailteach dhaibhsan a bha ann an inbhe aird, no ann an inbhe iosail; agus nach be sin a mhain, ach nach robh iad cho buailteach do thrioblaidean cuirp agus do dhraghannan inntinns a bhamhuinntir a bha caitheamh am beatha gu saoghail, no ris amhuinntir a bha ri saothair chruaidh, agus a bha gu tric ann an éis a chion beidh is aodaich, agus mar sin a bha tarruinn thinneasan agus thrioblaidean orra fhein leis an doigh anns am bheil iad acaitheamh am beatha.

Chomharraich e am mach dhomh mar an ceudna, gun robh iadsan nach robh aon chuid bochd no beairteach, ann an suidheachadh moran na bfhabharraiche a chum am beatha chaitheamh anns gach deadh-bheus agus anns gach toil-inntinn namhuinntir a bha ann an suidheachadh a bairde agus a bisle na iad, agus gun robh sith agus sonas, mar bhan-oglaich, afrithealadh dhaibh aig gach am; gun robh stuamachd, agus measarrachd, agus samchair, agus slainte, agus comunn dhaoine coire, agus toileachas-inntinn, agus iomadh taitneas ion-mhiannaichte eile, aig amhuinntir aig nacheil aon chuid bochdainn no beairteas; gum be so an suidheachadh anns an rachadh daoine gu samhach, ciuin, sitheil troimhn t-saoghal, agus gu comhfhurtail am mach as, air dhaibh a bhith, ann an tomhas mor, saor o chruaidh-shaothair agus o dhragh, agus o churam trailleil mu dheidhinn an arain laitheil, agus o gach suidheachadh truagh iomaguinneach a thatoirt sith on anam, agus fois on chorp; nach biodh daoine anns an t-suidheachadh so air am brosnachadh gu farmad, no gu miann laidir air nithean mora; ach air dhaibh a bhith ann an suidheachadh comhfhurtail, adol gu samhach, socrach troimhn t-saoghal, agus ablasad air taitneasan neo-lochdach agus milis na beatha so, gum bheil iad sona, agus gum bheil iad afoghlum o am fein-fhiosrachadh gach latha mu dheidhinn sonas an t-suidheachaidh anns am bheil iad.

An deigh do mathar labhairt le mor-dhurachd rium ann am briathran caoimhneil, caranach, agus comhairle thoirt orm gun mi bhith mar a bha iomadh duine og eile, agus gun mi-fhin a thilgeadh an comhair mo chinn ann an truaighean do nach robh mi aon chuid gu nàdarra, no a thaobh mo shuidheachaidh anns an t-saoghal so buailteach, thuirt e rium nach robh mi fo eiginn sam bith gus a dhol a chosnadh mo loin. Thuirt e gum biodh e gu math dhomh, agus gun deanadh euile dhichioll a chum mo chur anns an t-suidheachadh a bha eroghnachadh air mo shon; agus nan tachradh dhomh a bhith mi-thoilichte anns an t-saoghal, gum feumadh gur e mo choire fhin a bhiodh ann, agus nach biodh aigesan ri freagairt air mo shon, on a rium e a dhleasdanas an uair a thug e rabhadh dhomh a thaobh nan nithean a bha fhios aige a dheanadh cron domh. A dhaon fhacal, thuirt e rium gum biodh e gle chaoimhneil rium nan socraichinn minntinn air fuireach aig an taigh mar a bha eg iarraidh orm, agus mar sin nach biodh lamh aige ann am mi-fhortan sam bith a thoirtnam rathad le misneach a thoirt dhomh gus falbh on taigh. Agus, ann an rathad a bhithcur crioch air a h-uile rud a bhaige ri radh rium, thuirt e, gum bu choir dhomh a thoirt fa near mar a thachair do mbhrathair bu shinne, don dthug e comhairlean agus earailean durachdach, mar a thug e orm fhin, gus a chumail e dhol don chogadh, ach cha ghabhadh e comhairle, agus air an aobhar sin, chaidh e don chogadh agus mharbhadh e. Ach ged a thuirt e nach sguireadh e dhurnuigh air mo shon, gidhuadh ghabh e air fhein a radh rium, nach burrainn gum biodh beannachd Dhe orm, nam bes gum bithinn cho amaideachs gum falbhainn a shiubhal an t-saoghail, agus gum faighinn mo dhiol uine na dheigh sid air a bhithsmaointean air mar a chur mi cul ris achomhairle a thug e orm an uair nach biodh rathad agam air achuis a leasachadh.

Bha na briathran so mu dheireadh a labhair mathair riumnam faisneachd, ged nach do smaoinich e-fhein riamh gun tachradh dhomh mar a thubhairt e; agus am feadhs a bha eg an labhairt, thug mi an aire gun robh esileadh nan deur gu frasach, agus gu sonraichte an uair a labhair e mu mbhrathair a chaidh a mharbhadh anns achogadh; agus an uair a thuirt e gum faighinn uine mhath gus aithreachas a ghabhail, agus nach biodh neach ann a bheireadh cuideachadh dhomh, bha inntinn cho mor troimh a cheiles gun do sguir e labhairt, agus gun dinnis e dhomh, gun robh a chridhe cho lan de bhrons nach burrainn e an corr a labhairt rium.

Rinn na briathran a labhair mathair rium drughadh anabarrach mor air an inntinn agam aig an am. Agus co air nach deanadh iad drughadh? Agus runaich mi nach smaoinichinn gu brath tuilleadh air falbh a shiubhal an t-saoghail, ach gum fanainn aig an taigh mar a bha mathair ag iarraidh orm. Ach, mo thruaighe! chaidh na runaich mi gu buileach as an t-sealladh. Agus a dhaon fhacal, an ceann beagan sheachdainean, chuir mi romham gun teichinn air falbh as an taigh air eagal gum faigheadh mathair cothrom air an tuilleadh chomhairlean a thoirt orm.

Ach an deigh so gu leir, cha do theich mi air falbh cho luaths a bha mi an toiseach asmaointean a dheanainn. Air latharaidh an uair a thug min aire gun robh saod math air mo mhathair, ghabh min cothrom air innse dhi gun robh mi suidhichtenam inntinn gum faicinn earann mhath dhen t-saoghal, agus nach burrainn domh gu brath minntinn a shocrachadh air obair sam bith eile, agus gum bfhearr do mathair cead a thoirt dhomh falbh, na toirt orm falbh an aghaidh a thoile. Thuirt mi rithe gun robh mi ochd bliadhna deug a dhaois, agus gun robh mi tuilleadh is sean gus a dhol a dhionnsachadh ceirde, nonam chleireach do dhfhear-lagha, agus gun robh mi cinnteach ged a dheanainn so, gun teichinn air falbh gu muir mun tigeadh crioch air an uine a bhiodh air a cur romham gus acheird, no an lagh ionnsachadh; agus nan iarradh i air mathair leigeadh dhomh a dhol gu muir aon turus, agus gun tillinn dhachaidhs gun marachd acordadh rium, nach fhalbhainn on taigh tuilleadh, agus gun geallainn, ri bhith moran na bu dichiollaiche na bha mi riamh, gus an tugainn a steach an uine a chaill mi.

(Ri leantuinn).


EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. XVI.

FLUR AILLIDH AN AITAOGNAIDHMAR SGAOILNA CHUALAS NA CHUNNAIC EOBHAIN AIG A CHNOCAN GHORM.

A TIONNDADH, air dhan gluasad fàillidh so a chluinntinn, chunnaic Eobhain sealladh a dhfhuadaich gach smaoin eile bhar na h-inntinn aige agus a thug na chuimhne le neart seann sgeulachdan mnathan sìthe na Gàidhealtachd. Ben sealladh a chunnaic e, boirionnach òg, air a h-éideadh an gorm non uaine, naseasamh mu choinneamh aig ceann eilen t-seilleir. Bha falt fada dubh sgaoilte muguailleans lelamhan paisgte ma chéile foh-uchd, bha i le sùilean gun bhriobadh a dùr bheachdnachadh air, mar neach fo riaghladh na trom-laighe. An ceann tacain, an deigh dhi bhithg amharc air ar curaidh mar so, ghabh i gu sàmhachs gu fàillidh troimhn fhosgladhsan oisinns chaidh i as a shealladh. Gu nàdarra ghabh Eobhain ioghnadh mor, agus ag eirigh lean e air a shocair i feuch am faigheadh e mach tuilleadh ma deidhinn. Bha gath faoin soluis a deanamh an rathaid on fhosgladh don t-seilleir eile agus lechuideachadh chunnaic ar curaidh an nighean òg air a ghluin aig a chiste-laidhe, ’s leh-uillnean air a h-uachdars a h-aogas tiodhlaicte na basan, bfhior ìomhaidh bròin, sàmhach, do-labhairt isan àm, air chor agus gun do chuir i gluasad mór air a Ghàidheal thruacanta, a bha mar so a faicinn a bròn diomhair. Gus co-fhurtachd a thoirt di, ghabh e far an robh i agus labhair e briathran caoimhneil rithe ann am Beurla, ach ma chuali e cha do ghluaiss cha do thog iceanns cha mhò fhreagair i guth. Labhair Eobhain a rithist an guth na bàirdes chuir e aig a cheart àm a lamh air a gualainn gus a h-aire dhùsgadh as an t-suain bhròinsan robh i. Aig a bhriathran thog iceann mar neach a dùsgadh á cadal, ’s ag amharc air os a cionn, leum i air a cois le eagal. Ach a faicinn nach robh olc fa near dha, agus a cluinntinn a chainnt eilthireach, sheas i air a bheulaobhs a togail a laimhe gu clàr a h-aodainn thòisich i air a suathadh, mar gum biodh i air son, leis a ghniomh, an ceò a sguabadh bhar a h-eanachainn is grian na tuigses an reusain a leigeil a dhearrsadh ann a rithist. A réir choltais chaidh leatha,



[60]

[Vol . 12. No. 8. p. 4]

oir mun do leag ilàmh bhrùchd na deòir osùilean gu frasach, gafàgail gle bhòidheach nah-airc, agus a toirt faothachadh mòr dhi. Tha co-fhurtachd nan deur aig na mnathan daonnan aig laimh, gus an cridhe làn aotromachadh, ach tha e air a chleith air na fir air-son reusan air choireiginn. Agus tha fios againn uile m faothachadh a bheireadh greis mhath chaoinidh dhuinn nar n-òige an uair a sgròbadh a phiseag sinn, nothachradh gnothuch mor eile nar beatha nach còrdadh ruinn. Mheudaich deòir na h-ighinn truas Eóbhain bhàin, is ghuidh e oirre, ged a bha cabhag air gus falbh aobhar a bròin innse dha, feuch an rachadh aigair a cuideachadh. Bha e tuigsinn glé mhath gun teagamh gum bann fo na bòrdaibh fuar làmh ris a bha aobhar a tùirse, ach bha amharus aige nach bann an dòigh nàdurra chumantathainig e mun cuairt. Mu dheireadh thog iceanns ghlan i na deòir air falbh osùilean, a bha dearrsadh mar a ghrian an déigh fras bhlàth shamhraidh.

A Bhreatunnaich chòir,” arsise, “gabh mo leisgeul; ach tuigidh tu, tha mo bhròn troms ga mmhùchadhsan àm. Tha min diugh taingeil gun do dhionnsaich mi do chainnt, air chor agus gun teid agam air mo thrioblaidean innse dhut, agus tha daodann ag innse dhomh nach dean mi sin an diomhanas. Gus sgeula goirid a dheanamh dheth,” arsise, “tha mo sheanamhair bhochd anns achiste shàmhaich so. Chaneil dàimheach eile no dlùth charaid agam air uachdar na cruinne ach aon bhràthair, agus tha e naphrìosanach aig na Frangaich, far nach fhaic mise gu dìlinn e. Dhfhàgadh nar dilleachdain sinn aice gu math òg, ’s chuir i mo bhràthair a dhionnsachadh lagha an uair a thainig e gu ìre, ’s bha e air leth fortanach, ach mise, thaobh mi bhi na mnighinn, chum i ritaobh fhein mi riamh o gach cunnart agus buaireadh uige so. ’Oir,’ arsise, ‘car son a theid mo Louisa bheag a mach don t-saoghal fhuar a dhionnsachadh rud nach bi feum aicair, ’s mo dhìleab uile gu léir gu bhi aice, oir bidh Pierre ceart gu leòr as aonais. ’”

Le so a radh thainig na deòir a rithist, ’s chaidh na lamhan geala suas gafrithealadh. Air a meòir chunnaic Eobhain bàn fàinne pòsda, ach a smaointinn na neochiontas gur dòcha gun robh e na chleachdadh aig gach san dùthaich chéin ud, cha do chuir e uidhreachd air.

A nis,” arsise, ’s icur a laimhe air muilichinn Eobhain gu fàillidh, banail, “a Bhreatunnaich chaoimhneil, on tha coltas treun ort bhithinn fada na dchomain nan cuidicheadh tu mi gus a chiste so a chur do dhàitesheallas mi dhut, gus an teid i, an uair a bhios sìth a riaghladhsan tìr chianail so, an àites freagarraiche. O, gabh mo leisgeul; cha do dhinnis mi dhut aobhar a bàis. Bha in droch shlàinte o chionn ùine, agus ghabh ileithid de dheagals de dhfhiamh, an uair a ghabh na Frangaich seilbh air an tigh, ’s gun do chaochail i ann an tiotadh. O, mo sheanamhair ghaolach, chan fhaic mi daogas còir gu bràth!” Le so chaidh i gu sileadh nan deur a rithist.

Chaidh an Gàidheal asàs an ceann na ciste, agus cho làidirs gun robh e bhadhiol ri dheanamh aigetogail, agus iomadh uair mun do rainig echlòsaid thearuinte ann an seilleir eile nach fhace fhathast, ghearain e fo anail air cudthrom na caillich. “ ’S na dhéigh sin,” arsesan ris fhein, “feumaidh gun robh i gu math cruaidh leis a ghleadhraich a rinn i an uair ud, ’nuair a leig mi sios a chiste.”

Ah, Eóbhain chòir, chreideasaich, bu mhòr dearbsasa chinne-daonna. Nam biodh do leithid pailt bhiodh an saoghal so na bfhearr gu mor.

Gus sgeula goirid a dheanamh dheth, faodar a ràdh nach robhseanamhair noseanairsa chisteach seudan luachmhor mar ri òr is airgiods gach ni bu luachmhoire na chéilebhuineadh don tigh. Be so an dòigh a ghabh am boirionnach òg innleachdach agus a companach pòsda gus an cuid a shàbhaladh an uair a thuig iad gun robh na Frangaich a dol a ghabaail seilbh air an dachaidh. Ach on bhan luchd trom, ’s am Belgianach gun mhoran spionnaidh, cha dfhuair iad achiste don dion-àitdhiomhair fo thalamh, agus ghabh isen dòigh so gus a faighinn ann, air do na saighdearan falbh, ach fear no dha a bha dion, agus chunnaic sinn cho fior mhathsa chaidh leatha. Theich a companach do bhaile-mor Bhrussels an oidhche roimhe so, agus air dhise gnothuichean fhaighinn, le cuideachadh Eobhain, a réir a miann, bha i fhein agus seann searbhanta gus a leantuinn air rathad diomhair air an fheasgar ud. Thug i fàinne luachmhor agus mìle taing don Ghàidheal air son a chuideachaidh. Agus an sealladh mu dheireadh a fhuair e dhi, bha i nasuidhesa chlòsaid gu brònach ri taobh na ciste, is deòir na tùirse non aoibhneis a sileadh gu frasach.

Gu h-ealamh ach gu sàmhach fhuair Eobhain an t-àite fhàgail gun fhios, mar a bha en dùil, don gheard. Ach air dha ballaghàraidh a shreap fo sgàth nan craobh, ’s e fhéin a leigeil sios air an taobh eile le briathran taingeil air a bhilean, chuale gàire magaidh rithaobh, ’s a sealltainn chunnaic e saighdear beag dubh Frangach a gabhail cuimse air le gunna as am faiceadh efhaileas, agus a bhàrr air a sin daga agus biodag iongantach richliathaich a gliogadaich.

Air dais,” arsesan, “an rathad a thàinig thu!”

Cha do thuig Eobhain na briathran, ach thuig en ciallachadh, agus thuirt e ris fhéin gun gabhadh e barrachd is aon fhitheach beag Frangach gus a chur do na seilleirean dubharithist, ged a bhiodh arm aige mu choinneamh a h-uile meur.

Air dais!” arsam Frangach beag a rithist gu feargach, ’s e leshùils lecheann a sealltainn a bhalla do dhEobhain, ’s e aig a cheart àm ga chumail nashealladh le deireadh na sùil eile. Bhan gunna gun teagamh cunnartach, agus thòisich Eobhain ma bfhior air streap a ghàraidh, ach an uair a bha e gu bhi shuas, mar an dealanach thuit es am briobadh na sùil bhan saighdeir beag aige air a dhruim-dìreach ri talamhs a làmh gu teann ma bheul. Bobair mionaid cùram a ghabhail da chuid airm, ’s bha e fìor thoilichte greim fhaighinn orra, oir bha e aig an àm gun bhall gus e fhein a gheard ach a dha laimh. A bristeadh a nuas plannta righinn àraidh coltach ri eidheann a bha fàs ris a bhalla cheangail em Frangach beag, ’s ga thogail chaith e gu h-aotrom e stigh don ghàradh gu tòrr meanglain is sprùillich taobh a bhalla, ’s ga fhàgail tharruinn e gu luath on àite.

Gu bha sud? Sheas e, air dha fuaim uamhasach a chluinntinn mar thàirneanaich, acur crith air an tìr mun cuairt. Thuig e gun mhoran strì gun robh am bàs nafhallus air àr fuilteach dlùth dhatàirneanaich nan canans nan arm sgriosail an cluasan iomadh laoch a bhasan àm a dùnadh an sùilean air an t-saoghal gu bràth. Dhfhairich Eobhain e fhein a fàs fuasach aotrom, thòisich a chuislean gu h-aon-ghuthach air leum le òrdugh na h-inntinn, anns an robh fuaim is faileadh a chogaidh air ion-mhire-chatha dhùsgadh. Ah, ciamar a gheibheadh e gu taobh nan Gàidhealsa bhlàr. Ach a dhol ann agus sin gun mhaille chuir e roimhe air a h-uile cor. Ghluais e gu lùthmhors chuir e aghaidh air an àird an robh muinntir a dhùthcha a cath, ach cho maths gun siùbhladh e, cha robh inntinn riaraichte, oir bha i air sgéiths cha robh na casan ach mall leatha. Uige so cha robh tachairt ris ach taighean fàs; ach mu dheireadh chunnaic e each ag ionaltradh ri taobh bothain, ’s chaidh e stigh air-son fhastadh no cheannach leis an fhàinne. Ach cha dfhuair e duines an uair a chunnaic e sin smaointich e gun toireadh e leis an t-each pios den astar co-dhiu. Anns an rùn so fhuair e pios ròpasa deanamh sròinein air chuir e air an each es leum e air a mhuins ghabh e gu luath air falbh. Faisg airQuatre Brasthainig e bhar muin an eichs a cur aghaidh air a dhachaidh leig e air falbh e. Mu dheireadh bha e dlùthachadh ris an àr; ach ciamar a gheibheadh e measg a chàirdean. Aig na smaointean so chuale mionnan is glòir gharbh a tighinn o chùl an tolmain ghuirm a bha dlùth, ’s a ruith suass a sealltainn gu fàillidh thairis chunnaic e sealladh a theab toirt air stracadh a gàireachdaich. Aig bonn a chnocain chunnaic e saighdear Gàidhealach air muin asail a bha lecheann ri talamh eadar a chasan a diùltadh a dhol na bfhaide. Bhan duine le briathran garbha Gàilig gabhrosnachadh, ’s an sin feuch an e briathran ciùin a bfhearr a fhreagradh e, bheireadh e greis air a phlapadhs a ghaoils a ghràidh aig air, ach cha ghluaiseadh an t-asal. Mu dheireadh thàinig e gu làr, rud nach robh doirbh, oir bha chasan fada gu math faisg air far an robh e, agus rug e air da chluais mhor an asail, agus thòisich e air a tharruinn suas an cnoc, ’s na briathran, “An tig thu nis, a shàtain? an tig thu nis?” aige ris air gach tarruinn. Ach cha tigeadh sàtan mar sud, is chaidh an saighdeir an sin thun a chinn eile feuch an ann a bfhasastiùradh. Ach air dha feuchainn ri snaim a chur air earball a bheathaich, chuir e naaghaidh cho cruaidh le shàilteans gum bfheudar don t-saighdeir toirt suas, ’s a seasamh pios air falbh on chunnart thòisich e gu fiadhaich air tachas a chinn. Nochd Eobhain e fhéin a nis, ’s air don t-saighdear aGhàilig a chluinntinn leum e le aoibhneas.

A sheòid,” arsesan, “tog air mo mhuin am beathachan grànda, o nach toir e fhéin leis mise, ’s chaneil math dhomh tilleadh thun a Chaiptean as aonais. Cheannaich an Caiptean e o mheirleach de mharsanta-pacan , agus air dhòmhsathoirt gu deochsa mhaduinn an diugh, a mach a ghabh e leam gu tigh a mhaighstir, ’s tha mi on uair sin gaphutadhs gatharruinn mar so.”

Ach an uair a chunnaic an t-asal gun robh dithis mhóra mu choinneamh a nis, dhfhalbh e leotha cho socair ri uan an còrr dhen astar.

Con reiseimeid dom buin thu?” arsEobhain, ’s iad a dol air adhart mar so.

Don 92,” arsa charaid ùr; “cha do choisich feur nas fhearr! Coisicheamaid gu math is pàirtichidh sinnsan leth as fhearr dhen bhlàr fhathast nan cuideachd.”

(Ri leantuinn.)


AN DUTHAICH.

THA moran dìchillus dùrachd a nis air feadh Chanada. Tha fuaimus farumus gleadhraich eagalach ann an cluaisean MHIC-TALLA chòir. Ma dhfhaoidte gu robh sealladh fada aig MAC-TALLA, an uair a thòisich e air tuineachadh a dheanamh ann a Sidni. Shaoil e agus chreid e gun teagamh gu robh lathatighinn anns am bitheadh fuaimus strailleadh uamhasach ann an Sidni, do bhrigh gu bitheadh dealas mor air a dheanamh ann a bhicur gu maith sònruichte gach gualus iarunn a tha ann an tomhas pailt ann an coimhearsnachd Shidni. Tha Sidniteachd air aghaidh gu gasda luath, agus tha cheana iom-



[61]

[Vol . 12. No. 8. p. 5]

radh taitneach air a dheanamh air feadh ar dùthcha air an iaruinns air an stàilinn a tha air an deasachadh ann an Sidni. Cosmhuil ri oibrean mora eile ann an Canada, tha sinn acluinntinn gu minic gu bheil dragh no connsachadh mor am measg nan daoinethacumail a mach gur iadsan a thug an t-airgiod seachad a chur an obair air chois, agus gur ann acasan a tha gach còir air gnothuichean na h-oibreriaghladh agus acheartachadh.

Tha aig an àm so moran seanachais air feadh Chanada mu dheibhinn gach beartais air muirs air tìr, air uachdar na talmhainn agus ann an uchd na talmhainn, a bhuineas duinn. Da rireadh tha ionmhas anabarrach againn anns an tir leathann, fharsuing a bhuineas duinn bho chuan gu cuan. Bha daonnan ann an Roinnean Chanadatha ri taobh na fairge air airden ear na dùthcha daoine inntinneach, gleusda, tapaidh, a rinn moran maith dan dùthaich fein agus aig an robh inntinn làidir agus smuaintean àrda, gasda, togarrach mu dheibhinn Chanada gu léir.

Gheall mi anns an litir mu dheireadh a sgriobh mi, iomradh a dheanamh mu Phàrlamaidean Chanada. Tha e co cìnnteach ris abhàs gu bheil Pàrlamaidean gu leoir ann an Roinnean iochdrach Chanada. Chaneil duine tuigseach air bith nach aidich gu bheil aona Phàrlamaid gn leoir da rireadh agus gun teagamh airson na tri no na ceathar Roinnean a tha ri taobh na fairge air an airden ear. Nam burrainn do na daoinethagabhail orra fein a bhi riaghladh cùisean na Roinne anns am bheil iad agabhail còmhnuidh comhairle cheart, ghlic a thabhairt seachad, dhaidicheadh iad gu h-ealamh gu bheil moran airgid air a phaigheadh a mach a dhfhaodadh a bhi air a ghleidheadh don dùthaich, do bhrigh gu bitheadh e comasach gach gniomhus lagh a dheanamh le aona Phàrlamaid a tha tri no ceithir Pàrlamaidean a deanamh aig an àm so. Tha e gle shoilleir gu bheil moran anns gach Roinn air am bheil mideanamh iomraidh aig nacheil iarrtus air bith gu tigeadh crioch air am Parlamaid fein. Tha iad mion-eòlach air eachdraidh am Parlamaid fein, agus air na daoine foghainteach agus ùr-labhrach a thug aires còmhnadh do ghnothuichean an dùthcha anns na bliadhnachan a dhfhalbh. Chaneil aobhar air bith againn aig an uair sobhisaoilsinn gu bheil iarrtus laidir air bith aig na daoinethariaghladh Roinnean iochdrach Chanada air aona Pharlamaid a bhi aca. Mur bheil cùisean cudthromach Chanada air an riaghladhs air an deasachadh ann an dòigh iomchuidh, phongail, chùramach, chan fhaodar a ràdh nacheil Parlamaidean gu leoir agus buill Pharlamaidean gle lionmhor againn an Canada. Gun teagamh is mor, is ro-mhor an t-suim aìrgid a tha sinn apaigheadh doibhsan a thagabhail os laimh cùisean cudthromach na dùthcharannsachadh agus a cheartachadh. Tha eagal mor air iomadh duine fiosrach aig am bheil gràdh blàth da dhùthaich nacheil buill ar Pàrlamaidean a nochdadh eolais no gliocais, no neart inntinn anabarrach. Ma tha Canadateachd air a h-aghaidh gu luath ann am foghlum, agus anns an tapadhs an tabhachd a tha dlùth-cheangailte ri ionnsachadh, bu chòir gun teagamh gu robh buill ar Parlamaidean a dearbhadh gu bheil iadmar nacheil iad idir a deanamhnis fearrus nis comasaiche na na daoinebhariaghladh Chanada anns na ginealaich a chaidh seachad. Thar leam gur e so an t-ochdamh mios on thòisich aPhàrlamaid ann an Ottabha air òraidean a liubhairtus air othail mhor a dheanamh anns abhliadhnathanis a làthair. Dhaithris aon de chàirdean MHIC-TALLA cheana, ann an litir a sgriobh e, gu bheil luchd na Pàrlamaid ann an Ottabhacainnt gun chrioch. agus mar sog itheadh suas na h-ùinebu choir doibh a chur gu feum dichiollach, dùrachdach, dealasach ann an seirbhis fhior chudthromach, éifeachdach na dùthcha. An deigh do bheagan, do ghle bheagan buill anns aPhàrlamaid am beachd a thabhairt seachad, ciod etha na buill eile adeanamh len òraidean fann, fada, ach adol thairis air aghrunnd an dara non treasamh uair, air am bheil aPhàrlamaid agus an dùthaich min-eolach, agus dem bheil iad seachd sgìth. Tha e co fior ris abhàs, gu deanadh achuibhrionn as modha de bhuill na Pàrlamaid caoimhneas mor don dùthaich nan cumadh iad an teanga, mur bheil aca eolasus toinisg nas fearr na tha iad ataisbeanadh. Tha iomadh neach, tha mi cinnteach dem bheachd fein, gu faodadh aPhàrlamaid ann an Ottabha barrachd mor maithus seirbhis a dheanamh ann an da sheachduin, na rinn iad anns na miosan a chaidh seachad.

Ni mi iomradh ann an litir eile air an rathad ùr iaruinn a tha luchd-riaghlaidh na dùthcha le oidheirp làidir a cur air aghaidh. Tha na seanairean airson beagan moilledheanamh gus am bi e comasach tuille eolais fhaotainn air a chearna den dùthaichagus air abheartas no air a bhochduinntrid am bheil an rathad ùr sodol.

Chaneil sinn acluinntinn moran aig an àm so, ann am Breatunn no ann an Canada, gu bheil e ceart agus iomchuidhus freagarrach comas a bhuileachadh air gach neach air guth a bhi aiges a thabhairt seachad airson daoineroghnachadh a dhol don Phàrlamaid. Tha ann an Ontario co dhiubh dearbhadh muladach rifhaotainn gu bheil olcus aimhreitus breuganus cealgaireachdus mionnan-eithich air an nochdadhs air an cleachduinn le àireamh nacheil beag de dhaoine dìblidh, bochd, ann an cùisean àrda, onorach na dùthcha.

CONA.


ISEABAIL NIC-SHIMIDH.

(Wilsons Tales of the Borders. )

(Air a leantuinn.)

CHAIDH deich seachduinean seachad mum faca mi sealladh eile dheth; agus nuair a thàinig e bha e cho dùrs cho droch-nàdarrachs ged bu mhi a dhearg nàmhaid an àite a bhean fein, agus cha robh eadhon sùil choibhneil no facal laghach aige don chloinn.

O, a Phadruig,” arsa mise, “gu tha cearr ort? Nach innis thu dhòmhsa do bhean fhein, a tha lan-dheònach a cuid fein a ghabhail de na bhios acur ort, mas aoibhneas no bròn e! An e obair a tha eagal ort a chailleas tuno gu ? “Cum do theanga, a bhean amaideach,” ars esan— “carson a tha thu cur dragh orm le dbhruidhinn gun tùr?”

O, Phàdruig,” arsa mise, “tha thucur deuchainn gun chiall orm le dghiùlain. Nach innis thu dhomh ciod is aobhar dha, no am bheil ni sam bith comasach air do dheanamh nas sona?”

Gabh a mach as mo shealladh!” ars esan!— “dìreach as mo shealladhagus ma bheir ni sam bith sonas dhomh bheir sin.”

Bha mo chridhe gu sgàineadh; bha mo chliabh a plosgartaich mar uchd eòin a bhair a ruagadh le clamhan gusn do thuit e dhionnsuidh an làr. Thuit mi ann an cathair, gun chomas dad a radh ach iarraidh air an nighinn bu shine i thoirt ugam deoch uisge; agus mun gann a bha na facail as mo bheul chaidh mi thairis ann an neul. Bha mi aig an àm ag altrum pàisde naodh seachduinean a dhaois, ach cha do nochd Pàdruig truas no iochd aon chuid ris an leanabh no rimhàthair. Ghabh e mach as an tigh, a slacadh nan dorsan as a dheigh, agus an oidhche sin fhein thog e air falbh a rithist gu Durham. Shaoil leam gu cinnteach gun cuireadh a ghiùlain crioch orm, ach bu diamhain dhomh feuchainn ri fhaighinn a mach ciod a baobhar dha. Chuir an trioblaid-inntinn mi gu laidhe na leapa fad cheithir-la-deug, agus thòisich am pàisde bochd a bhair chich agam ri cnàmhs ri dhol as aìr tàille mo thinneis.

Chaidh deich seachduinean eile seachad, ’s biad sin na seachduinean iomguineach, àmhgharach dhomhsa, agus cha dthàinig Padruig gar coimheads cha do chuir e ugainn litir no airgiod. Bha toil mhor agam tighnn thairis air achùis ri mathair, gus a chomhairle iarraidh is fhaotainn; ach smaoinich mi an deigh sin nach deanadh leasachadh sam bith air mo chor, agus gum bfhearr dhomh mar mhnaois mar mhàthair mo bhròn a chumail rium fein, ’s gun a leigeil ris don t-saoghal. Air an aobhar sin thiodhlaic mi màmhghair is miomguin na mchridhe fein, agus cha dfhuair neach fios air mo shuidheachadh uamsa, ach na gheibheadh iad o fhaicinn an atharrachaidh a bha air mo choltas. Ach bha mo chridhe gun tàmh goirt, agus am pàisde bochd, leis mar bha mise air mo chlaoidh, chaochail e na muchd. Fhuair mi fios a chur gu Pàdruig, ach cha dthainig e thoirt cuideachadh no comhurtachd dhomh gus mu leth-uair roimhn àm a bhatar a dol a thogail aghiùlain. Nuair chunna mi e tighinn a stigh dhfhàisg mi mo làmhan, is dheibh miO Phadruig! agus dheirich mi gu dhol na choinneamh gus mo cheann a chàradh nauchdoir smaoinich mi gum fhaighinn comhurtachd ann eadhon fhathast; achs ann a thuirt e gu fuar, coimheach mi bhi sàmhach, agus gun uiread is tighinn a bhreith air laimh orm, ghabh e cathair is shuidh e. Chaidh an fhàilte sin troimh mo chridhe bochd-sa mar shaighead. Dhiarainn aig an àm a bhi marbh cuide ris aphaisde, agus leig mi mi-fhin sios ann an suidheachan, agus ghuil mi gu goirt.

Nuair bhan tiodhlacadh seachad, agus a dhfhàg a mhuinntir eile an tigh, dheirich esan na sheasamh ag radh gu feumadh e bhi falbh. Dhfheumadh an obair a bhi air a cumail air adhart, agus cha burrainn do na saoir car a dheanamhsa mhaduinn gus an ruigeadh esan, agus le sin ghuidh e latha math leam.

O Phàdruig! a Phadruig!” arsa mise, “am fàg thu misan trioblaid sosam bheil mi? gu de rinn misort a choisinn do dhiomb dhomh? Bha uair ann nach déiligeadh tu rium mar so. Innis dhomh mo choire agus chaneil ni air uachdar an t-saoghail nach deanainn air son do thoileachadh.”

Chan eil an sin ach cainnt fhaoin, ghòrach,” arsesan.

Cha chainnt fhaoin no ghòrach i, a Phadruig,” arsa mise, “ach cainnt mnatha aig am bheil cridhe briste, cainnt màthar a tha caoidh a leanaibh. Tha deagh fhios agad gun leagainn-sa falt mo chinn fo do chasan a dheanamh seirbhis dhut, agus bha uair a dheanadh tusa sin air mo shon-sa. Ach chan ann mar sin a tha an dràsdaagus O, a Phadruig, an innis thu car-son. Gu rinn mi a chuireadh corruich art?”

Am bheil thu as do chéill, Iseabail, no gu tha cearr ort?” ars esan gu crosda; “nach eil mig innse dhut ga bheil an obair ri cumail air adhart, agus nach deanar car gus an ruig mise. Chan urrainn dhomh éisdeachd ri t-òinnsealachd nas fhaide-feumaidh mi falbhlatha math leat.”

A Phadruigmfhear-posda!” arsa mises mi tilgeadh mo làmhan muamhaich— “am bheil thu air-son mo mharbhadh buileach, glan? O, an sgàth a ghràidh a bhagad dhomh aon uair, ’s nam bòidean a thug thu, na tilg uat mi mar gum



[62]

[Vol . 12. No. 8. p. 6]

bu nathair mi. Is mise màthair do chloinneise bha thu aon uair ag radh bu docha leat na do bheatha fheinagus ciamar is urrainn dhut mfhàgailsan dòigh so.” Phòg e mi, agus car tiota shaoil leam gu faca mi deòir na shùilean. Ach a crathadh mo làimhes ag radhChan urrainn dhomh fuireach,” tharruinn e air falbh uam agus dhfhàg e an sud nam àmhghair mi.

Thòisich mile dòchas is àmharus ri eirigh suas na minntinn, ga mphianadh gu goirt. Bu mhi an aon bhean bu mhi-shona bha fon ghréin. Ach a dhaindeoin gach ni cha burrainn dhomh mi-fhin a thoirt gu olc sam bith a chreidsinn mu Phàdruig. Chan fhaca miaghaidh tuilleadh gus an robh an obaìr ud criochnaichte, agus bu ghle ainneamh leis sgriobhadh, ’s cha robh e ach an dràsdas a rithist acur not puinnd gam ionnsuidh a chumadh beò mi-fhins na pàisdean.

Nuair a bhan obair an Durham deas, fhuair e obair ann an Cheshire, a chaidh innse dhomh a mhaireadh a dha no tri bhliadhnachan. Bha na saoir uile còmhla ris; agus an ceann beagan ùine sguir e chur ugainn airgid gu buileach; agus bann le saothair chruaidhs le ànradh nach bu bheag a rachadh agam air greim bidh a chumail ris achloinn, agus an cumail ann an aodach mar mhuinntir eile; agus smaoinich mi a nise co-dhiù gu feumainn mo chors mo chràdh a leigeil ris do mathair.

Ach an dearbh ni a bha eagal orm a chluinntinn, ged nach deanainn de dheucoir air Padruigs gun creidinn gu faodadh a leithid a bhi fior, thainig e gu mchluais cho grad ri sgal tàirneanaich. Bha bean na mnàbachd a bha gle chàirdeil rium; agus ged nach dthug mi riamh iomradh air cùis mo mhulaid dhi, ach mi daonnan acumail coltas a bhi sunndach gu leòr orm ged bha chnuimh a cnàmh mo chridhe, thuig i gu math gu robh bròn diomhair agams gu robh mi sior dhol as le bhi air mo dhearmad. Bha i air a deagh dhòigh, agus bha aon mhac aice a bhag ionnsachadh na saoirsneachd aig Pàdruig, ’s ag obair comhla ris ann an Cheshire. Thug i aon latha cuireadh dhomh fhins don dithis phàisdean am feasgar a chur seachad aice agus cupan ti a ghabhail còmhla rithe. Ach dìreach nuair bhatar atoirt a stigh nan soithichean chuala sinn ceum trom air an staidhir, agus co thainig a stigh ach mac mo bhana-charaid agus coltas gle sgìth air. “A Sheonaidh, a ghràidh!” arsamhàthair, “gu thug dhachaidh thu aig an àm so? Am bheil fhios aig do mhaighstir gun dthàinig thu?” Fhreagair an gille bochd i nach robh, gun do theich e uaithe a chionn cho cruaidhs a bha e-fheins a bhana-mhaighstir air!

A bhana-mhaighstir, a bhalaich!” arsa mise, gu tha thu ciallachadh?”

Tha mi ciallachadh so,” ars an gille, “gu bheil e na dhroch dhuine, ’s gu bheil bean eile aige bharrachd oirbhse, agus teaghlach cuideachd!”

O a Phàdruig! a Phadruig an-iochdmhoir!” ghlaodh mise, agus thuit mi air an ùrlar mar gum bithinn marbh.

Bann le duilgheadas mhor a fhuair mo bhana-charaid mo thoirt gam ionnsuidh fhein, agus an deigh sin mo chiùineachadh. Ghuidh i orm ma bha ni sam bith a burrainn dhise dheanamh gus mo chuideachadh, mi gaainmeachadh, agus ghabh mi not choig puinnd an iasad uaipe, agussa mhaduinn am màireach mun robh neach eile air ghluasad, ghlas mi an tigh, agus le aon phàisde na muchds an t-aon eile air laimh agam ghabh mi rathad Charlisle don àirde deas. Uaireannan gheibheamaid ar togail ann an cairt tuathanaich no ghabhamaid beagan den astar ann an aon de na carbadan a bha ghabhail an rathaid, ach a chuid bu mhò dhen ùine bha mi coiseachds agiùlain nam pàisdean. Mu dheireadh an deigh turus fada sgìtheil ràinig sinn Macclesfield, am bailesan robh Pàdruig; ach nuair a rainig bha e anabarrach doirbh fhaighinn a mach càiten robh e còmhnuidh; ach mu dheireadh thaghail mi ann am bùthsan robhas a creic bathair-iaruinn, agus chaidh innse dhomh an sin gu robh e fuireach mu mhile gu leth sios taobh na h-aibhneagus tha mi smaoineachadh gum bainm don abhainn Bodlin. Dhfhalbh mi ma ta, ’s mo phàisdean a coiseachd ri mthaobh, oir bha mise cho claoidhtes nach burrainn dhomh nis an giùlain, agus chaidh mi sios taobh na h-aibhne gaiarraidh. Bha am fear beag, sgiths mar a bha e, aruith beagan shlat air thoiseach orms a buain neoinean is fhlùran eile agus ag eigheach an dràsdas a rithist, “O a mhàthair, so agaibh fear bòidheach! —bheir mi so dha mathair! —am bi fada gus am faic sinn e?”

Cha bhi, a ghaoil,” arsa mise, “chan fhada gus am faic sinn e nis.” Agus bha na deòir a ruith o mshuilean am feadhsa bha mi labhairt. Ach mar bha mig radh, bham fear beag mu dhusan slat air thoiseach orm, agus air dha bhi tionndadh oisinn àraid, dheigh e riumsa— “A mhàthair! a mhàthair! so agaibh mathair atighinn nar coinneamh!”

Leum mo chridhe briste gu mbheul. Ghlaodh mi ris a ghiullan gu bha eg radh. Ach air an fhacal rainig mi far an robh e agus chunnaic mi mu thilgeadh cloiche uam ach Pàdruig! —mfhear pòsdaagus àrd bhuidhe, air a còmhdach mar bhànrigh air ghàirdein aige, ’s searbhanta acoiseachd nan deigh agiùlain pàisde!”

Chunnaic mi am fear beag a ruith an coinneamhathar, agus chuala mi eg radh— “Athair, Athair! —so mo mhàthairs mo phiuthar!”

Ach chaidh mo cheann bochd-sa na bhreislich. Chan fhacas cha chuala min còrr, agus le ràn truaighe tduit mi gun mhothachadh air an fheur ghorm. Nuair thòisich mi ri tighinn ugam fein, dhfhairich mi bhi dòrtadh uisge fuar air maodanns air mo bhroilleach, agus air dhomh mo shuilean fhosgladh chunnaic mi gum be Padruig a bha gadheanamh. Eadhon an uair sin rachadh agam air mathanas a thoirt dha air-son na chaidh seachad, agus dhfheuch mi ri eirigh, ’s a sìneadh mo làimhe dha, thuirt mi, cha bann mar chronachadh, ach gu caoibhneil, “O a Phadruig!”

A bhean gun tùr!” ars esan, ’s eg amharc orm cho fiadhaich ri mathan, ’s e casadh fhiaclan, “Car-son a thainig thun so ga mchiùradhs ga mgheur-leanmhuinn? Till dhachaidh gu tathairtheirig far an togair thuthoir leat a chlannbheir mise dhut na chumas suas sibh; ach na faiceann do ghnùis gu bràth tuilleadh.” Bha na pàisdean bochda a rànaich timchioll orm, bha iad ga mphògadhs acur an làmhan mu mamhaich. Tha an neart cuirp is inntinn a fhuair mi aig an àm ud acur ioghnaidh orm gus an lan diugh. Dheirich mi na msheasamh, dhamhairc mi air an clàr an aodainn, agus thug a chionta air a cheann a chromadh fa mchomhair.

A Phadruig,” arsa mise, “mur eil mi airidh air gràdh do chridhe, cha ghabh mi mo lòn uat. Air sgàth nam pàisdean lurach a rug mi, tha mi toileach a bhi sireadh déirc fhads is beo mi. Obraichidh mi air an son gus an cosg na h-ìnean bhar mo mheòirean; ach bàsaichidh mi, a Phadruig, agus leigidh mi leòsan bàsachadh le acras mum blais iad air greim bidh uatsa! Beannachd leat, a dhuinan-iochdmhoir, mhi-thaingeil! —aguss e mo ghuidhe dhut nach fiosraich thu ri dbheò cràdh a chridhe bhochd a bhrist thu!”

Dhfhàg e mi far an robh mi. Chan eil fhios agam càiten deach an a bha còmhla ris, agus cha do dhfheòraich mi. Ach air eagal ur sgìtheachadh le sgeul ro-fhadabha min deigh na coig puinnd a ghabh min iasad o mbhana-charaid a chaomhnadh cho maths gu robh mi smaointinn gun toireadh na bhair fhàgail dhachaidh mi. Nuair bha sinn air ruigheachd mu fhaisg mile do Phreston, thachair oirnn air muin eich ach mathair a tighinn gar n-iarraidh. Dhinnis mo bhana-charaid dha gach ni mu dheidhinn na cùise, agus cha bu luaithe chuale sin na thog e rithe as mo dheigh air eagal gun deanta cron orm. Leum an seann duine liath bhar muin an eich, chuir e dha laimh timchioll orm agus ghuil e mar phàisde. Chur e sinn leis an ath choidse gu Carlisle; agus á sin thug e misesa chlann leis dhachaidh; agus fhuair mi mo mhuime na deagh mhàthair dhomh fhins na deagh sheanamhair don chloinn.

An uair a bha mo mhac mu ochd bliadhndeug a dhaois, chaochail mathair; agus a bharrachd air na fhuair mise an deigh mo phòsaidh, dhfhàg e roinn mhath agam nathiomnadh.

Cha chuala mi sgeul air mfhear-posda fad faisg air fichead bliadhna. Cha robh fhios agam co-dhiu bha e beò no marbh. Ach ghabh mo mhac na cheann a dhol dhionnsuidh na mara, agus mun robh e bliadhna air fhichead bha e na sgiobair soithich an America. Bha an soitheach na laidhe aig ceidhe an acarsaid New York nuair thainig leth sheann duine far an robh eduine air an robh choltas gu robh en deigh a shlàintes a chuid den t-saoghal a chall, agus ghuidh e air, air sgàth nèimhe a thoirt a nall do Shasuinn. Rinn mo mhac beagan ceasnachaidh air, agus gu biongantaiche leis na fhaighinn a mach nach bu duineilem baigeir truagh sin achathairathair neo-smaointeachail fein! Cha drinn e casaid sam bith na aghaidhoir, O, is uamhasach an ni do mhac labhairt riathair mar bhreitheamh acronachadh ciontaich. Cha leig mi leas innse gun dthug e leis dhachaidh e, ’s gun drinn e gach ni a bha nachomas a chum aiseag gu slàinte. Rinn mise nuair a ràinig e a bheatha gu càirdeil; thug mi mathanas dha mun gann a bha ùinaig air iarraidh. Bha e beò da bhliadhndeug an deigh sin, bha fior aithreachas air air-son mar a rinn e, agus chaochail e ag iarraidh mathanais air-son a pheacaidhs aguidhe bheannachdan dhòmhsas don chlòinn.


Oran Molaidh.

(Air a leantuinn o thaobh 58.)

Am measg do chàirdean thaC. C. ,”
S da rireadh togaidh e mo chridh
Bhi leughadh a chuid sgriobhaidh grinn
O àm gu àm,
Tha sruthadh sios o thuigsa chinn
Bhar bàrr a pheann.

ThaCabar-Féidhle dealas mor
Asgriobhadh ugainn mu na mòid
Tha cumail suas a Ghàilig chòir
Air feadh na tìr
A dhàraich iomadh fiùran òg
Tha garbhsan strì.

Gach dìleas gu deireadhan còmhnuidh,
Mas criochnaich min litir mar is còrr dhomh;
S fheudar aideachadh le deòin
Gur mor an loinn, tha
Airsantha toirt dhuinn an sgeòil
Mumhac an t-saighdeir.”

Nis sguiridh mi dhem litir thruagh,
Mas gabh sibh fadachd le mo dhuan,
Chaneil e tlachdmhor don a chluais
A bhi ga h-éisdeachd,
Ach chaneil dùil agam ri duais
Nuair theid a leughadh.

Do charaide,
COINNEACH A. MAC FHEARGHAIS.
L ’Ardoise, September25, 1903.



[63]

[Vol . 12. No. 8. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA.
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c.; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


ORAN DO SHIR COINNEACH GHEARRLOCH.

LE CAILEIN SIOSAL.

LUINNEAG.
Gum a slàn do Shir Coinneach,
Sheas a choinneamh mar a bàbhaist,
Cridheil, uasal, eolach, cliùiteach,
Mar cheann-iùil do Chlann nan Gàidheal.

Ochd ceud deug, naoi deugs tri fichead,
Sin a bhliadhnas math leum àireamh;
Fhuair sinn innte leinn Sir Coinneach,
N gaisgeach tapaidhs triath air Gearrloch.

Iuchair-ghliocais an taoibh tuatha,
Gum a buan an urram àrd e,
Ceann na céille, steidh nam buadhan,
Deagh Shir Coinneach uasal Ghearrloch.

Chan fheil Gaill aige gan àrach,
S iad na Gàidheil féin as cìnntich’;
Sheas iad cruadalach, ro dhìleas,
Le craoibh-shìnnsridh oighre Ghearrloch.

Tha gach tighearnas duinuasal
San taobh tuath gu léir ag ràitinn,
Nach h-fheil uachdran ann cho buadhach
Ri Sir Coinneach uasal Ghearrloch.

Tha gach òganachs gach buachaill’,
Tha gach tuathanachs gach armunn,
Deas gu éiridh leis gu h-uallach,
Mar bu dual do mhuinntir Ghearrloch.

S mairg a dhùisgeadh anns an uair sin
Aobhar gruaim no culaidh thàire,
S grad a chìosnaichte gach fuathas
Le Clann Eachainn Ruaidh á Gearrloch.

Fhads a ruitheas uisgá fuaran,
Fhads a ghluaiseas tonn air sàile,
Gus an tràigh na h-eoin na cuantan
Gun robh buaidh air teaghlach Ghearrloch.

1879.


ORAN

Do Thearlach Friseal-Mac-an-Toisichsa bhliadhna 1876.

LE MAIRI NIGHEAN IAIN BHAIN.

LUINNEAG.
O, soraidh slàn a Thearlaich leat,
Bhon chaidh thu suas don Phàrlamaid,
Chur impidh mu na Ghàidhlig
Air a càirdeans air a Bhann-righ.

An uair a ni thu éirigh ann,
Tha dùil agam gun éisd iad riut,
Bhons e do chialls do reusantachd,
S ar spéis dhuit a chuir ann thu.

Nuair fhuair ar clann an t-ùghdarras,
Gun ddhearbh iad uilan dùrachd dhuit,
Le tonair ard a dhùblachadh,
Ga dchur an cùirt na Bann-righ.

Gun ddhearbh thu dhuinn le dghniomharan,
Nach robh thu na do spiocaire;
S gur h-onarach a chhriochnaicheadh
Gach ni a bha fo dlàimh-sa.

Gur h-iomadh bochd is feumach
Dhan do shìn thu làmh na déirce,
Ach cha chualas riamh o dbheul e,
No galeughadh air a chabhsair.

Gur h-e a dhfhag cho bàigheil thu,
Na fiurain bhon do thàrmaich thu,
Thaobh tathar is do mhàthar;
Bainneamh àit am faictan samhladh.

Cha basgart air a thlàmadh thu,
Air taobh no taobh on dàinig thu,
Ach smior an lìn a bfhearr,
Is craobhan àrda len cuid mheanglan.

S a bhàrr air buadhan nàdarra,
Is uaisle air bheag stàtalachd,
Nuair choinnicheas tu do chàirdean,
S ann sa Ghàidhligni thu cainnt riu.

Ma dhiult iad isa Phàrlamaid,
S nach doir iad meas no àite dhi,
Gun cum sinn air an àilgheas i,
Bhons cànain tha gun mheang i.

A chànain ghasda mhòralach
A dhionnsaicheadh nar n-òige dhuinn,
Carson a leigtan deò aisde,
S gu leoir dhi air a Ghalldachd.

Cumaidh sinn na h-òranan,
Na sgeulachdans na stòraidhnean,
S na thug an t-Olla Leòdach dhuinn
An òirdheirceas ar cainnte.

Nuair bha sinn òg is gòrach,
Agus sgoilean gun an òrdachadh,
Chuir esan ugainn leabhraichean
Bha neònach anns an àm ud.

S nuair chriochnaicheadh a chùrsa leis,
Cha bann mar chraoibh gun ùbhlan e,
Oir dhfhàgadh measan cùbhraidh leis,
Bheir ùrachadhsa ghleann duinn.

Gach soirbheachadh, a Thearlaich, leat,
Is dùrachd math nan Gàidheal dhuit;
S gun labhair sinnsa Ghàidhlig riut
Nuair thig thu bhànsan t-samhradh.

Bha Albannach nam Mor-bheann
Tabhairt iomraidh air do phòsadh dhuinn,
S ni clann na Cloiche sòlas,
Gabhail òran air do bhangaid.

Ni Torr-a- Bheathain gàirdeachas,
Dun-ian agus Creag-Phàdruig,
S bidh tein-aighir air gach àirde dhiu,
Cur fàiltair bean-na-bainnse.

Gun deasaich iad na ròstachan,
Na bonnaich choircis eòrna dhi;
S gum faigh gach aon a dhòlas
Pailteas fìon’, is beoir, is branndaidh.

Bidh clann na Cloiche dichiollach,
Cur connaidh suas na phìleachan,
S bidh lasair le toilinntinn ann,
A chìtearsan Ruigh-Shamhraidh.

Nis beannachd leat, a Thearlaich,
Agus dùrachd luchd-na-Gaidhlig dhuit,
Is cumhachd bho na h-Ardaibh
Ga do shàbhaladh bho aimhleas.

Chan urrainn mi ga tfhàgail,
Ged nach ruig mi air mo làmhthoirt duit,
Le taing air son do bhàighealachd,
S do chàirdeis do na bhantraich.

Albannach nam Mor-bheann, “The Highlander, ”paipear naidheachd. A Chlach, Clach-na-Cùdainn, baile Inbhirnis.


OIGHRIG BHOIDHEACH ACHACURRACH.

LE EOGHAN MAC-COLLA.

FONN: —Young Munro.

LUINNEAG.
Rùn mo chléibh-san eiteag lurach,
Maighdeann ghrinn a mheadhoin chaoil,
Oighrig bhòidheach Achacurrach;
S iomadh gillethug dhi gaol.

N raoir, ’s mi air mo leababruadar,
Shaoil mi, ’luaidh, thu bhith ri mthaobh;
Dhùisg an sòlas tuilles luath mi;
Bfhada bhuam thun sin, a ghaoil!

S truagh gun a bhithn diugh, ’s tu làmh rium,
Aon uair eilen sgàth nan geug;
Far an tric mu dmhuineal tlàth-gheal
Bha mo làmh, ’s mo bheul ri dbheul.

Cuin a rìs an coill Dhailcheanna
Bhios baird bheag nam preas, le eud,
G éisdeachd leam do choireall binnealt,
Dhfhàg neo-mhilis an cuid theud?

Ciod an stà dhomh a bhithg innse
Maise tiomhaigh ghloin gun bheud?
Dealbh mo ghaoil a tharruing cinnteach,
S bàrd a mile dheanadh feum.

Stadaibh gus an dig an t-samhainn;
Bidh lionn-dubh air cuid nach saoil,
Faicinn Oighrig, neo-ar-thaing dhaibh,
Na bean-bainnsaig fear a gaoil.



[64]

[Vol . 12. No. 8 p. 8]

Litir a Lag an t-Slocain.

FHIR A PHAIPEAR, —Bha bean àraidh anns an dùthaich so a fhuair litir o charaid anns an t-seann dùthaich, an déigh dhibhifeitheamh gu math fada air a son. An deigh do dhfhear an taighe an litir fhosgladh agus a leughadh, bha a bhean air a doimheadachadh: cha robh anns an litir ach mu leth-dusan facal uile gu léir.

Car son am mi-shealbh,” arsise, “mur an robh aice nalionadh i, nach do dhinnis i gun robh tarbh aBhaile-mhór agus tarbh Cnoc-na-mònadh a sabaid?”

Ged a thòisish mi air sgriobhadh na litir so cha mhor naigheachdan ùr no annasach a thagam ri innseadh. Is ainneamh a tha mi gluasad on tigh; coltach ri faoileag an droch cladaich, mun cuairt ann an so fhéin. ’S e an ni a ghluais mi gu litir a chur ugad an dràsda mo mhìle taing a thoirt dhut fhéin agus don bhreitheamh urramach a chunnaic iomchuidh an dara duais a thoirt dhòmhsa air son litir no dha a chur mi gu MAC-TALLA. A dhinnseadh na fìrinn ghlan cha robh dùil agam ris. Thainig e orm mar thainig a chailleach air Eoghain.

Ach ged a tha leabhar Gàilig no dha agam, cha mhor a thasan aon taigh rium a leughas iad. Than saoghal air a dhol bhuaithe. Bha Gàidheal àraidh a chaith iomadh bliadhna dhebheatha air a mhuir, air tìr ann am port fad as. Tha e glé choltach nach ann am measg Ghàidheil a bha e co dhiubh. Thòisich e air deanamh òran mar a leanas:—

Misan so am measg na Spàintich,
S iad a cràgail mar na tunnag!
Bfhearrbhi comhla ri mo mhàthair,
G ol na blàthaich as a chuinneag.”

Is mi dhfhaodas a ràdh gu bheil miam measg na Spàintich” —gum ghuth ach Beurla, Beurla! Cho maths gu bheil aBheurla thaGhàilig pailt cho math rithe agus moran nas fhearr.

Mas fhiach na rannan a leanas a chur an clò bidh mi gu mór nar comain:—

Latha dhomh na monrachd,
Aig cornair na sràide,
A smaointinn air cho gorach
S cho neonachs a bhà mi,
S a liuthad dram a dhol mi
Le oigfhearan gun naire,
Bha smaointinn gum bu spors
Bhi ri goraichair an t-Sàbaid.

Thugainn don tigh-osda,
A Dhomhuill, a ghraidhein?”
Arsa gille coir.
(Be Di-domhnaich an la e).
Cha fhreagair dhut no dhomhsa
Bhi bronach air an t-Sàbaid,
Nuair a tha gu leor
San tigh-osda de chairdean.

Ud, a nis, a Dhomhuill,
Cha choir dhut mu dhiùltadh:
Faodaidh tu bhi sporsail
Gu leorgun bhisa chùbaid!
Thugainn! ’ille choir,
Bidh sinn comhla a sùgradh;
S tha fear tha math oir cool
Anns a chomhlanbhios mùirneach.”

Bhan sporran no mo dhòrn
Broinn mo phòcaid, ’s mi smaointinn
A liuthad dram a dhòl mi,
A dhfhag mo phòcaid aotrom;
Is mathair bochd an comhnuidh
S na deoir a ruith le aodann,
Nashuidh a stigh na ònar,
Is Domhull air an daoraich.

Cha teid mis’, a Phàdraig,
Gu bràth don taigh-òsda,
Bha mi na mo thràill
Air a thàilles cha neònach;
Is fhearr dhuinn a bhi fàgail
An t-àite so còmhla:
Oir chaneil na fior chairdean
A tàmhsan tigh-òsda.”

Thionndaidh e gu stràiceil,
Le tàir air mo chòmhradh:
Thalla dhan sgoil-Shàbaid,
A ghràidhein, gu h-òrdail;
Theid mise far an àbhaist
Measgthràillean,’ a Dhomhuill
On tha thusair fàs
Tuilles cràbhach dha msheorsa.”

Dhfhalbh e is dhfhàg e
An t-àite gu bòsdail;
A cosg a chuid an ud
S an t-àibhistear còmhlris
A mionnachadhs a caineahh,
Geds nàr a bha ghlòir aig’,
Gach eaglais is sgoil-Shàbaid,
Gach dàn agus òrgan.

A Thighearntha gu h-ard
Ann am Pàrras a comhnuidh,
A nochd, O na fàg mi
San fhàsach na mònar;
Ach O mo Dhia bi lamh rium,
S a ghnath bi ga mthreorach
Don tirsa bheil mo mhathar,
Mo chairdeans luchd-eolais.

PEIGIDH PHABACH.


MARBHRANN DO SHEONAID NIC-AN-T- SAOIR.

LE EOGHAN MAC-COLLA.

LUINNEAG.
O, seinnibh, ’illean, seinnibh leam
Rann gaoil mu mcheud ghradh boidheach;
S a ghleanns an tric a choinnich sinn
Chan fhaic sinn tuilleadh Seonaid.

O, seinnibh cliu na h-ainnir ud
Nach cùm rium tuilleadh còmhail,
Far am bu tric, gafaotuinn leam,
Mo chridhe leum le solas.

O, seinnibh nuair a thàrladh dhomh
Bhith faighinn failtes poig uaip’,
Cia mar bu mhomham shuil sud
Na coir air crùn righ Deorsa.

O, seinnibh nach ben t-ioghnadh
Mi bhithn sud mu mrùn cho sporsail;
Bu leoir a dreachchur eibhnis
Air an fheur a bha fo brogan.

Droch fhortan oirremheall i bhuam
Gu bhithmeasg Ghall a comhnuidh!
Ceart mar mo chridhespionadh bhuam
Bha dhomhsa dith mo Sheonaid.

Mo thruaigh mi nach sgeul bréige dhomh
An sgeul than diugh gam leonadh!
Mo léir-chreach gun do chaochail i,
S than saoghl na eallach dhomhsa.

Is ann a mhuinntir Ghlinn-Aora a bha Seonaid Nic-an-t- Saoir. Bham Bàrd gu trom ann an gaol oirre agus a rùnachadh a posadh. Cha robh i ach og nuair a chaochail i. Is e Iseabal Walkinshaw a bainm do Rosan an Leth-Bhaile. Bha a h-athair a fuireach ann am Paisley. Is e Nic-Lachainn a bha na màthair. Bha fior mheas aig a Bhard air Sìne Chaimbeul, “Sìne bhoidheach,” ach phos i fear eile. Bha en gaol air Seonaid Stiubhart sheachd bliadhna. ’S i an coigeamh leannan, agus an leannan mu dheireadh a bhaige, gus an damais an te a phos e ris.


The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.

Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000

ARD OFIS, TORONTO.

AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.

B . E. WALKER,
Ard Mhanager.

Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager

Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhen Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an aireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor

Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas dem faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhen t-saoghal.

BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhen bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


SYDNEY & LOUISBURG RY.

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhIun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 8
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XII No. 8. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page