[65]

[Vol . 12. No. 9. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

Vol. XII. SIDNI, CEAP BREATUNN, DI-HAOINE, OCTOBER 30, 1903. No. 9.


CRIOCHAN ALASCA.

Thainig saothair na comhairle bha nasuidhe ann an Lunnuinn mu chrioch Alasca gu crich. Tha a bhreith a thug iad a mach calg-dhireach an aghaidh Chanada; fhuair na Geancaich barrachd eadhon sa bha iad ag iarraidh, agus cha bu shluagh riamh iad nach iarradh na bhuineadh dhaibh. Tha Canada air a dunadh a mach on chuan mhor gu h-iomlan cho fada deas riPortland Canal.

Faodaidh e bhith gu bheil a bhreith ceart agus cothromach, achsi bharail choitchionnsan duthaich so nach eil, agus tha deagh aobhar air chul na barail sin. Bha a chomhairle air a deanamh suas de thriuir Gheancach, dithis Chanadach is aon Sasunnach, Morair Alverstone. Bha Canada is Breatunn ag iarraidh gum biodh daoine a duthchannan eile air an cur air a chomhairle, daoine aig nach biodh aobhar air-son breith sam bith a thoirt a mach ach breith cheart. Ach ri sin chan aontaicheadh na Staidean; cha robh ann ach, “Taghadh sibhse ur triuir fein agus taghaidh sinne an triuir so.” Agus on triuir a thagh iad, bu diomhain amharc air-son breith nach biodh gu h-iomlan air taobh an duthcha fein, oir bha iad barrachd is aon uair an deigh am beachdan mun chuis a chur an geul mun deach an taghadh idir. Cha burrainnear sin a radh mu aon den triuir eile, agus theid e sios ann an eachdraidh an t-saoghail, ged fhuair na Staidean na dhiarr i nach bann bho chuirt a bha comasach air breith chothromach a thabhairt. Tha e soilleir nach drinn Morair Alverstone ach aontachadh le tagradh nan Staidean air-son sith a ghleidheadh eadar an da dhuthaich.

Chan eil aig Canada ach feuchainn ris a bheairt as fhear a dheanamh dhen bheairt as miosa. Ma chaill i stiallag fhearainn air an robh coir aice, tha gu leor fearainn aice air am faod i fas ann an sluaghs ann an saibhreas. Ged tha crioch Alasca bhi air a shuidheachadh an aghaidh a toile buailteach air a cur gu draghs gu cosdus mun Yukon, cha chuir e maille mhor sam bith oirre ann an cearnan eile. Is mor an t-sochair an t-sith, agus chan eil e ro-choltach gun gabhadh a chuis socrachadh air doigh eile ach mar a rinneadh gun an t-sith a bhristeadh. Ged a sheas na Canadaich an coirichean an aghaidh nan Staidean, ’s ged athill iad na dhfhan beo dhiu dhachaidhuair no dha roimhe so, cha bu mhath an leisgeul sin air-sonfùidse, fùidse, choilich chaimeigheach riUncle Samaig an am so. Cha bhiodh e na chomharradh gliocais dhuinn a bhi deanamh uaill as na chaidh againn air a dheanamh rissan am a dhfhalbh; agus co aige tha fios, an deigh an altachaidh a fhuair e o chionn beagan bhliadhnachan a toirt an saorsa do na Cubanach agus bho na Filipinich, nach eil e na fhear-cogaidh nas fhearr na bha e? Chuir Canada a h-aonta ris a chomhairle mun do shuidh i, agus cha choir dhi fearg a nochdadh a chionn nach dfhuair i breith a bfhearr. Rinn an triuir Gheancach na bha duil againn a dheanadh iad agus chan eil teagamh nach drinn Morair Alverstone na bharail fein an ni a bfhearr a burrainn dha. Tha coguis ghlan aig Canadasa chuis, agus is fhearr sin na moran fearainn.


TEAGASG NA GAILIG.

Co-dhiu a tha aGhailig afaotainn bas no nacheil tha e soilleir gum bheil iomadh fear is te a tha fathastga labhairt, ’s ga sgriobhadh, ’sga seinn. Tuigear so o na thachair aig aMhod aig Ionarnis far an do chruinnich cuideachd ainmeil Ghaidhealach o chionn ghoirid. Rinn am Marcus Tullibardine oraid eireachdail aig achruinneachadh so a bha nochdadh gum bheil barrachd chairdean aig na Gaidheil an diugh na bha aca beagan linntean roimhe so. Tha an fhianuis so fior; agus ma chailleas aGhailig a blas agus a meass ann aig na Gaidheil fein a bhios achoire. Chaneil e gu moran rath a bhi deanamh fuaim mhor gu follaiseach mu shubhailcean na Gailig mureil an luchd-labhairt ag altrum na canain. Ach bidh duil againn ri gnothuichean is fearrna dheigh so ann an cearnan a bha car narach mu chanain an sinnseir uige so. Tha aon bhuidheans aGhaidhealtachd nacheil cho dileass a bu choir dhaibh a thaobh na cuis so. ’S iad so na Ministeirean. Thuirt an searmonaiche ainmeil Mac Rath Mor a bha aon uair an Grianaig, gum biodh an sluagh adeanamh ris na ministeirean mar a nithear ris abhuntata bheag, bidh iadg an itheadh, ’sgan caineadh. Tha na Gaidheil ag itheadh na Gailig a gheibhear o na ministeirean, ach chaneil ina uairean cho blasda no cho fonnmhors a bu choir dhi. Tha tomhas don leisg anns achuis so. Bidh na fir so gle ealanta anns aBheurla anns an cuir iad tomhas do smuains do shaothair, ach ni searmoinean nach do chost moran draghs nach dionnsuich iad riamh a chur air paipeir achuis air son na Gailig. Tha cuid diubh a tha faotainn paidheadh gle mhath air son na Gailig: am bheil an toradh a reir an airgid? —Times.


AN DUTHAICH.

Tha daoine air feadh Chanada gu léir min-eolach air beartasus toradh na h-àirden Iar-thuath. Than cruinneachd afàs nis modha bliadhna an deigh bliadhna. Tha eòlas as fearr air fhaotuinn bho àm gu àm mu dheibhinn achuibhrinn den chearna sud de Chanadatha glé dhlùth air an fhairge reòtatha air ceann mu thuath America. Chaneil teagamh air bith gu cinn cruinneachd reachdmhor, craobhach anns na h-ionadan iomallach ud. Thaghrian adearrsadh le solus làidir fichead de na ceithir uairean fichead anns an latha. Tha mar so teasus solus air am buileachadh gu saoibhir air na h-àitean iomallach a tha fada mu thuath, agus air an aobhar so, than cruinneachd agus gach bàrr eileruigheachd cinneisus pailteis gasda. Thacheist sofaotuinn moran aire: cia mar a bhitheas e comasach toradh lionmhor, brioghmhor na h-àirde tuath a ghiùlan ann an ùine ghearr gus aBhaile rioghail (Montreal) agus thar a chuain gu margaidhean farsuing Bhreatuinnus na Roinn-Eòrpa? Is e comhairles teagasg nàduir fein gu rachadh gach cruinneachdus coirces ionmhas eileghiulan thar lochan leathannus domhain Chanada gus achuan mhor luasganach a tha eadar ar dùthaich agus Breatuinn. Tha rathad-iaruinn no dhatabhairt gu cùramach, deifireach stòrais na h-àirden Iar-thuath gu ceann an loch as àilles as modhatha againnan Loch as àirde(Lake Superior) .Thanis eadar na lochan claisean uisgetha ceithir troidhean deug air doimhneachd. Is urrainn do shoithichean le luchd trom imeachd thar na lochanus troimh na claisean uisge bhon loch as àirde gus aBhaile rioghail far am bheil cabhlach de bhàtaichean smùide daonnan deas n t-samhraidh, air son gach cruinneachdus coirces peasairus beathach caol no reamhar a thabhairt ann an ùine ghearr thar a chuain.

Is ann do Iain Young, duine tuigseach, aghartach, aig an robh a dhachaidh anns aBhaile rioghail, a bhuineas cliù ro mhor, oirs ann leghliocasus lethapadh a chaidh an amhuinn a dhoimhneachadh eadar am Baile rioghail agus Cuebec. Tha soithichean a thatarruing faisge air deich troidhean fichead a tighinn a nios bhon chuan gus aBhaile rioghail. Tha oidheirp aig an àm so air chois airson clach-chuimhne eireachdail a thogail do Iain Young.

Tha marsantachdus malairt Chanadafàs gach bliadhna nis modha, agus tha, air an aobhar so, àireamh iongantach de bhàtaichean smùidetighinn bho iomadh tirus cearna gus aBhaile rioghail. Tha e feumail gu rachadh acarsaid aBhaile soleudachadha agus a dhoimhneachadh ann an tomhas mor agus gu sgipidh, ealamh. Chaidh ceithir bliadhna seachad on thòisich iadsan a thagabhail cùraim den acarsaid air aitean a dheasachadh anns am bi e comasach do bhàtaichean morachuain air luchd a chur a mach agus a thabhairt a steach gun mhoille no mhairnealachd air bith. Tha iad an diugh far an robh iad ceithir bliadhna roimhe so. Is gann a bhitheadh e comasach do bhalachain barrachd moilles connsachaidh gun fheum a dheanamh na tha iadsan a nochdadh a tharéir am beachd fein adeanamh gniomharan foghainteach as leth acarsaid aBhaile rioghail. Chosd na bàtaichean smùide moran airgid, agus an uair a chaillear aon aca air na creagan no anns acheò, tha call eagalach atuiteam air a chuideachd dam buin i. Is àbhaist doibhsan aig nach robh eòlas no cùram no tapadh gu leoir airson an long a bha an earbsa riusheòladh agus a thearnadh gu sàbhailte, ceart, a bhig radh nocumail a mach gu robh sruthan làidir, uaigneach ann am meadhon a chuain, agus gu tug na sruthan son soitheach mor trom as a cùrsa. Tha



[66]

[Vol . 12. No. 9. p. 2]

n t-àm aig an lethsgeul bhrònach so sgur, oir chaneil neart no fìrinn ann. Cuireadh luchd-riaghlaidh na dùthcha suas tighean soluis gu leoir ann an uisgeachan agus anns an t-slighe as eiginn do bhàtaichean achuain a ghabhail. Air an deireadh thall rinn an luchd-riaghlaidh suas an inntinn gu tainig an t-àm fadheoidh, mar a thàinig e bho cheann fada, anns an tig e doibh cùram daingeann, teann a ghabhail de na Frangaich a thacumail a mach gu bheil iad min-eolach air gach sruthus creagus àite domhainus eu-domhain a tha ann an amhainn ghasda Chanada. Dhearbh na stiùradairean(pilots)iomadh uair nacheil ach daoine bochd gun eolas no toinisg aca. Is iomadh soitheach gasda a chaill iad no a chuir iad air na creagan. Is fhearr gu mor fada doibhsan dam buin na soithichean smùide tuarasdail faoilidh, ceart a thairgseadh agus a thabhairt do cheannardan an longan; oir gheibh iad air an dòigh so, ’s chan fhaigh iad air dòigh eile, seòladairean tapaidh, geur-inntinneach, fiosrach, a sheòlas an soithichean gu tearuinte, gasda, anns an stoirm agus anns acheò, ’s air am bi nàires rughadh gruaidhnuair a tha iomradh air a dheanamh air sruthan làidir uaigneach a thatabhairt na luinge as a cùrsa am feadh a than cuan farsuing air gach taobh di.

Feumaidh mi eachdraidh an rathaid-iaruinn ùir fhàgail gus an ath litir a sgriobhas mian rathad-iaruinn a thadol gus achuan a tha air taobh an iar Chanada.

Tha fios muladach air feadh ar dùthcha gu léir, gu do bhuaidhich leis na Staidean ann an cùisean Alasca. Baithne do luchd-riaghlaidh nan Staidean riamh othail eagalach a dheanamh agus bagairtean uamhasach a thogail an uair a bha connspoid air bith aca le Breatunn. Fhuair iad an dòigh fein daonnan. Cha robh ach Breatunnaich bhochd, ghealtach air an roghnachadh airson cùiseans coirean Bhreatunn agus Chanadadhion agus a sheasamh. Bfhearr an Ridir àluinn Iain Mac Dhomhnuill leis féin na gach SasunnachNorthcotes Riponus fir eile— ’bha maille ris ann an deanamh Cùmhnant Washington. Bheireadh càch gach nidhiarradh iad do na Staidean. Sheas Mac Dhomhnuill leis fein gu duineil, foirmeil an aghaidh nan Staidean agus as leth coirean dligheach, ceart Bhreatuinn agus Chanada. Shuidh se daoine mar bhreitheamhan air cùisean Alasca ann an Lunnainn. Chuir na Staidean tri daoine null, ged a thubhairt gach aon diu nach atharraicheadh iad am beachd mu dheibhinn Alasca. Bham Morair Alverstone, breitheamh àrd ann an Sasunn, maille ris an Ridir Tette, Frangach onorach, a thanis na fhear-riaghlaidh thairis air Cuebec, agus Maighstir Aylesworth, fear-lagha foghluimte bho Thoronto, air an roghnachadh airson cùiseanus coirean Bhreatunn us Chanadadhion agus a dhearbhadh. Chuir na fir-lagha a bha air taobh Chanada, ann an òraidean pongail, geur, soilleir agus comasach, an géill cia co ceartus co iomchuidhs a bha e gu rachadh gach nibha Canadag iarraidh a thabhairt di, oir bha gach cùmhnant le Ruisia gu buileach air a taobh. Bha gach neach a leugh gu cùramach reusanachadh nam fear laghabha air taobh Chanada cinnteach gu faigheadh Canada sealbh air a sruthans air a lochans air a calachan fein. Dhaontaich Alverstone leis na Staidean. Bha mar so ceithir an aghaidh dithis. Bha Tette agus Aylesworth gle dhuineil agus gle dhìleas do Chanada. Fhuair càch le còmhnadh Alverstone lamh an uachdair orra. Gheibh Alverstonena dheigh so àite taobh ri taobh le Ashburton ann am beachd gach Gaidheilus Gall ann an Canada. Chaneil e idir iongantach gu bheil fearg gle mhor air feadh Chanada an diugh on chaill sinn aon uair eile fearannus lochan a bhuineadh da rireadh duinn. Tha na Staidean daonnan féineil, sanntach, agus ciod en t-aobhar a tha againn a bhi measail orra? Gu tha iad atabhairt do Bhreatunn no do Chanadas fhiach iomradh a dheanamh air no buidheachas a thabhairt air a shon? Mas mor cliù nan Staidean aig an àm so, cha mhaith da rireadh.

CONA.


URNUIGH DHURACHDACH. —Rinneadh an urnuigh a leanas, mas fhior, le tuathanach coir Gallda de mhuinntir Siorrachd Dhunbreatunn, ’s abhliadhna 1804, an uair a bha na Frangaich abagradh air tighinn a nall.

A Dhia beannaich an tigh sos gach duines beathach a tha stigh, ’s mar dha mhile de dha thaobh an tighe. O, beannaich am mart, agus amhin, agus an garadh-cail, agus baile mor Dhunbreatunn.

Beannaich an Trup Glas a than gearasdan Hamilton. Is gillean sgairteil, fearail iad. Cha bionnan iad fheins na cileagan Shasunnach, a bhuaileas an cas air cloich, agus a their: ’Am fear ud anam na cloiche,’ mar gum biodh anams a chloich.

O, tog garadh-droma laidir eadar sinns na Frangaich, ach fear gu mor is treasa eadar sinns na beistean Eirionnach.

A Thighearna, teasraig sinn bho bhuidsichean, agus bho bhana-bhuidsichean, ’s bho gach biastaig a shnaigeas air feadh an fhraoich.

A Thighearna, cuir braighdean dubailte mu amhach righ na Frainge, agus thoir dhomhsa ceann na teadhrach, gus a thoirt air cheann leam an rathad is aill leam. Amen.


Tha cleachdadh na dichillna buannachd mhoir air a sgath, fein. Is e so fior shaorsa an duine sin a ta iriosal. Tha ecur dealachaidh ro chomharraichte eadar e agus an neach sin eile a tha ciontach agus truagh. Is e so fior shuaicheantas an urraim a ta aigesan t-saoghal, agus is e so a bheir air gun abair e, “Tha mi acumail maite fein am measg mo cho-chreutairean, a chionn gun do choisinn mi e.” Tha ega fhaicinn fein saor agus neo-eiseimeileach, agus anns gach comunn faodaidh e a cheann fein a thogail suas.


Tha cumhachd mor aig luchd-deanamh is reic dibhe laidir anns an duthaich so agus anns gach duthaich eile anns am bheil iad. Bidh iadsan aonaichte nuair bhios muinntir na stuaime air an roinn, agus air an aobhar sin tha iad gu tric comasach air an doigh fein a bhi aca nuair nach bu choir sin a bhith. Tha so atoirt air moran aig am bheil math is leas an duthcha nam beachd a bhi call am misnich, ’s ag altrum an eagail gur mo iadsan a tha nan aghaidh na iadsan a tha leotha.


Chan e saibhreas mor, no fuil uasal a ni duine sona. Than da chuid aig moran de na daoinibh as truaighe air an talamh. Is sona, siochail, beannaichte an ti sin aig am bheil cumhachd gu cur suas gu foighidneach le deuchainnean, agns aig am bheil taingeileachd gu comhfhurtachd a shealbhachadh. Than ti sin atarruing sonais a cuisibh eugsamhla na beatha, agus eirichidh gu math dha a bhos agus thall.


ROBINSON CRUSOE.

CAIB. II.

AN uair a chuala mo mhathair gun robh micur romham am muighs a mach falbh a shiubhal an t-saoghail, ghabh i corruich mhor rium. Thuirt i rium gun robh fhios aice nach biodh e a chum feum sam bith dhomh bruidhinn ri mathar mu dheidhinn aghnothaich; gun robh fhios gle mhath aice nach biodh mo thurus air falbh a chum mo bhuannachd, agus gun robh ioghnadh gu leor oirre gun smaoinichinn air a leithid an deigh nan earailean agus nan comhairlean glice, caoimhneil a thug mathair orm. A dhaon fhacal, thuirt i rium, nan cuirinn mi-fhin a dhith, nach robh comas air; agus gum faodainn a bhith cinnteach nach fhaighinn a h-aonta fhein no aonta mathar gu brath, agus air a son fhein dheth, nach biodh lamh sam bith aice na mo bhas, agus nach biodh agam gu brath ri radh gun dthug mo mhathair cead dhomh an uair a bha mathairnam aghaidh.

Ged a dhiult mo mhathair facal a radh ri mathair mu dheidhinn aghnothaich, chuala mina dheigh sid gun dinnis i do mathair a h-uile facal a thuirt mi rithe, agus gun duirt mathair rithe, agus e fo dhragh mor mum dheidhinn, “Dhfhaodadh am balach ud a bhith gle shona nam fanadh e aig an taigh, ach ma dhfhalbhas e as an rioghachd, bidh e cho truagh dheth ri duine a bha riamh beo: chan urrainn mi maonta thoirt dha.”

Chaidh dluth air bliadhna seachad mun dfhalbh mi, ged a bha mi fad na h-uine atoirt cluas bhodhar do gach comhairle a bheirteadh orm gus fuireach aig an taigh, agus an airethoirt air mo ghnothach. Agus bu tric leam a bhith reusanachadh ri mathairs ri mmhathair air son iad a bhith cho fior fhada an aghaidh dhomh falbh agus fios aca gun robh minntinng am tharruinn air falbh.

Ach air dhomh tachairt a bhith ann am baile Hull, agus gun smaointean sam bith agam teicheadh, thachair fear dhe mo chompanaich rium agus edol gu ruige Lunnainn ann an luing leathair, agus chomhairlich e dhomh gu laidir falbh comhladh ris; agus thuirt e rium nach cosgadh mo thurus dad dhomh. Cha do chuir mi mo chomhairle ri mmhathair, agus cha mho a chuir mi fios dan ionnsuidh gun robh mi falbh, ach leig mi leotha fhaotainn am mach mar a bfhearr a dhfhaodadh iad. Agus cha diarr mi beannachd Dhe, no beannachd mathar, agus cha mho a smaoinich mi air an t-suidheachadh anns an robh mi, no idir air ciod a dhfhaodadh tachairt dhomh.

Anns an droch uair, mar a tha fhios aig Dia, air acheud latha de mhios mheadhonach an fhoghair, ’s abhliadhna 1651, chaidh mi air bord na luinge a bhan latha sin fhein adol a sheoladh gu ruige Lunnainn. Tha micreidsinn nach do thachair a leithid de mhi-fhortan ri duinog dhe mo sheorsa riamh roimhes a thachair rium mun robh mi abheag a dhuine air bord, agus lean am mi-fhortan so rium anabarrach fada.

An ceann beagan uine an deigh don luing a dhol am mach á amhainn Humber, thoisich aghaoth ri seideadh agus an fhairge ri eirigh ann an doigh a bha eagallach. Agus o nach robh mi aig muir riamh roimhe, bha mi anabarrach tinn, agus bhan cridhe air chrith agam leis an eagal. Thoisich mi ri smaointean air aghnothach ghorach a rinn mi, agus air a radhnam inntinn fhin, gum bu mhath an airidh ged a thainig breitheanas o neamh orm a chionn mi bhith cho aingidhs gun dfhalbh mi á taigh mathar, agus gun do



[67]

[Vol . 12. No. 9. p. 3]

chuir mi cul ri mo dhleasdanas. Thainig a h-uile comhairle mhath a thug mo pharantan ormnam chuimhne as ur, agus na deoir a shil mathair, na briathran durachdach a labhair mo mhathair rium, agus bha mo chogais, agus i fhathast gun fhas cho cruaidhs a dhfhas i on uair ud, ’g am dhiteadh gu trom a chionn gun drinn mi dimeas air gach comhairle a fhuair mi; agus gun drinn mi dearmad air mo dhleasdanas do Dhia agus do mathair.

Fad na h-uine so bhan stoirm asior fhas na bu treise, agus bhan fhairge asior eirigh na bairde, ged nach robh i faisge air a bhith cho ards a chunnaic mi i iomadh uair on uair ud. Cha robh i cho ards a chunnaic mi i beagan laitheanna dheagh sid. Ach bha i mor gu leor gus mfhagail tinn an lathud, o nach robh annam ach seoladair og air nach robh eolas sam bith air marachd.

Bha min duil gun sluigeadh a h-uile stuadh suas sinn, agus a h-uile uair a thuiteadh an long sios eadar na stuadhannan, bha min duil nach eireadh i gu brath tuilleadh. Agus an uair a bha mi anns an t-suidheachadh dheuchainneach so, bhoidich agus runaich mi iomadh uair, ’nam bes gun deonaicheadh Dia gum faighinn leam mo bheatha air an turus ud, agus gum faighinn mo chas air tir aon uair eile, gun rachainn direach dhachaidh do thaigh mathar, agus nach seasainn air bord luinge ri mo bheo shaoghail; gun gabhainn comhairle mathar, agus nach cuirinn mi-fhinna leithid sid de shuidheachadh truagh gu brath tuilleadh.

Thuig mi gu soilleir an uair ud, gun robh na labhair mathair rium fior mu dheidhinn an t-suidheachaidh anns am bu shona a bhiodh duinecaitheamh a bheatha, agus chuimhnich mi air cho comhfhurtails a bha e fhein acaitheamh a bheatha, agus nach robh e riamh ann an suidheachadh truagh, trioblaideach aon chuid air muir, no air tir; agus chuir mi romham gun tillinn dhachaidh gu taigh mathar dìreach mar a rinn am mac strodhail.

Mhair na smaointeanan glice agus stolda so fhads a mhair an stoirm, agus beagan uinena dheigh; ach air an ath latha, thuit aghaoth, agus shocraich an fhairge, agus thoisich mise ri fas eolach air mar a bhiodh gnothaichean air muir. Ach air a shon sin, bha mi gle stolda fad an lathud; oir bhan tinneas-mara gun fhalbh buileach dhiom. Ach anamoch feasgar bha na speuran glan, cha robh deo ghaoithe ann, agus ann am beul na h-oidhche, bha side ann cho briaghas a burrainn duine iarraidh. Cha a ghrian fodha gu soilleir, agus dheirich i acheart cho soilleir an la-iar-na-maireach. Agus o nach robh ach gann deo ghaoithe ann, agus am muir cho lom, agus a ghrian adearrsadh air, bha mi smaointean gum be sealladh cho briaghas a chunnaic mi riamh.

Chaidh mi gu math air an oidhche, agus dhfhalbh an tinneas-mara dhiom, agus bha mi gle shunndach. Bha ioghnadh gu leor orm an uair a chunnaic mi cho ciuin, samhachs a bha am muir an deigh dha bhith cho fiadhaichs cho uamhasach an latha roimhe sid.

Agus a nis, air eagal gun leanainn ris an ruintean matha agus glice a chuir mi romham, thainig mo chompanach, a mheall air falbh on taigh mi, far an robh mi, agus thuirt e, ’s e cur a laimhe air mo ghualainn: “Seadh, a Rob, cia mar a tha thug ad fhaireachadh fhein? Tha mi cinnteach gun robh eagal mor ort an raoir; nach robh a nis, ged nach robh ann ach oiteag shuarach ghaoithe?”

An abair thu oiteag shuarach ghaoithe ris asid,” arsa mise; “bhan stoirm dhearg ann.”

Stoirm, amadain,” arsesan. “An abair thu stoirm ris asid? Cha bfhiach sid a bhithbruidhinn air. Ma bhios an long dionach laidir, agus gum bi farsuinneachd cuain againn, cha chuir sinn uidhireachd sam bith air uiread sid de ghaoith. Ach chaneil annadsa ach am fior dhroch sheoladair, a Rob. Tiugainn comhladh riums gun olamaid cupan punsha, agus cuiridh e a h-uile rud dhe sid as ar cuimhne. Nach fhaic thu cho briaghas a than t-side nis?”

Gu sgeula goirid a dheanamh dhen earrainn mhuladaich so dhe mo naigheachd, rinn sinn mar a bha na seoladairean adeanamh anns an am; rinneadh am punsha, agus chuir iad amhisg orm leis, agus le aingidheachd na h-aon oidhchud, bhàth mi na rinn mi de dhaithreachas, na ruintean matha a chuir mi romham, agus a h-uile smaointean bhronach a dheirich suasnam chridhe mu dheidhinn mar a chaith mi mo bheathas an am a dhfhalbh. A dhaon fhacal, mar a shocraich garbh-thonnan na fairge an uair a thuit aghaoth, mar sin, mar an ceudna, dhfhalbh gach crith, agus eagal, agus curam a bhormsa mu dheidhinn mo bheatha, agus thainig gach iarrtus laidir a bha agam roimhe sid gu falbh as an rioghachd air ais, agus dhichuimhnich mi gu buileach gach boid agus gealladh a thug mi an uair a bha minam eiginn.

Fhuair mi uair is uair cothrom air smaoineachadh air mar a thachair dhomh, agus bha na smaointeanan glice, mar gum beadh, afeuchainn air uairibh ri tighinn air ais a rithist. Ach thilg mi dhiom iad, agus chuir mi cul riutha mar gum be galair a bhiodh annta, agus fo bhuaidh na dibhe agus na cuideachd a bha maile rium, fhuair mi lamh-an-uachdar orra, agus ann am beagan laithean, fhuair mi buaidh air mo chogais cho maths a dhiarraidh duinog sam bith dhe mo sheorsa.

Ach bha agam ri dhol fo dheuchainn eile fhathast; agus mar a tha gu tric atachairtna leithid de shuidheachadh, runaich am Freasdal mfhagail gu buileach gun leithsgeul. Oir mur gabhainn ris na chaidh mi troimhe mar shaorsa, bha an ath dheuchainn gus a bhith cho cruaidhs gun aidicheadh am fear bu chruaidhe cridhen ar measg gun robh e ann an cunnart mor, agus feumach air truas agus air trocair.

Air an t-siathamh latha dhuinn a bhith aig muir, thainig sinn don acarsaid aig Yarmouth. On a bhan t-side ciuin agus blath an deigh na stoirme, cha do chuir sinn astar mor sam bithn ar deigh. On a bhaghaothn ar n-aghaidh, bfheudar dhuinn acrachadh an so. Bhaghaoth on aird an iar-dheas, agus bha sinn aig acaire fad seachd no ochd de laithean. Thainig moran de shoithichean eilesteach don acarsaid, on a bha i na h-acarsaid shabhailte anns am faodadh soithichean tamh a ghabhail gus an tigeadh soirbheas fabharrach leis am faigheadh iad a dhol a steach don amhainn, no air falbh a dhionnsuidh aon bhaile-puirt dom baill leotha dhol.

Dhfhaodamaid a bhith air faotainn suas don amhainn mur be gun robh aghaoth tuilleadh is laidir; agus an deigh dhuinn a bhith aig acaire ceithir no coig de laithean, sheid aghaoth anabarrach mor. Ach air a shon sin, on a bhan acarsaid math agus fo ainm a bhith sabhailte, agus on a bhan long agus a cuid acfhuinn gu math laidir, cha robh curam no eagal sam bith air an sgiobair no air an sgiobadh. Chuir iad seachad an uinenan tamh, agus iad gu mear, subhach mar is gnath le seoladairean a bhith. Ach air madainn an ochdamh latha sheid aghaoth na bu mhos na bu mho, agus bfheudar na croinn arda a thoirt a nuas, a h-uile rud a dheanamh a ghabhadh deanamh gus comas a thoirt don luing seasamh ris an stoirm.

Mu mheadhain latha, dheirich an fhairge cho ards gun robh i bristeadh a steach air toiseach na luinge, agus shaoil sinn uair no dha gun robh itarruinn an acaire. An sin dhordaich an sgiobair an t-acaire-bais a chur am mach. Mar so bhan da acaire foceann, agus bha na cablachan air an leigeadh am mach cho fads a ruigeadh iad.

(Ri leantuinn.)


EOBHAIN BAN MAC AN T-SAIGHDEIR.

LE SEUMAS N. MAC FHIONGHAIN.

CAIB. XVII.

SUAS CEUM MOR EILESAN FHARADHMAR A DHFHAILTICH EOBHAIN BAN AN DIUC IARUINNAM PARIS GHREADHNACH.

CHA ruig sinn a leas a ràdh mun latha no mun bhlàr so, ach gun do chath Eobhain gu duineil, treun, guala ri guala le charaid ùr, gus an do chriochnaich am blàr, anns an reiseimeid ainmeil ud, an 92reiseimeid Ghàidheal a bha nan Gàidheils na làithean ud. Cha bionnans mar tha gnothuichean an diugh. An uair a bhios bearna rilionadhs na reiseimeidean Gàidhealach (mar a theirear) cuirear féile beag is boineid bhiorach air gach fear a thig an rathad, co dhiù bhios ann Iudhach no beadagan caol, glas á Lunnainn. Is óbh, óbh! co ach iadsan? —smior nan Gàidheal! Ach tha bhuils a bhlàth. Bhiodh echeart cho nàdarra diollaid an eich dhuinn a chur air druim a mhairt mhaoil, an dùil gun deanadh sin each math dhi, ’s a bhin dùil gun deanadh féile beag is boineid bhiorach gaisgich Ghàidhealach dhen t-seòrsud. Ged nach robh ar curaidhsan trusgan Ghaidhealach an ud, bha gràinne mullaich na culaidh sin aige gu mathlàn a chìnn de chainnt nam beannan iuchair a chuireas cridhan fhìor Ghaidheil air mhiresa chath, ’s gu co-fhaireachduinsa bhròn non aoibhneis, agus mar sin chaidh iomadh làmh chàirdeil na ghlaic gafhàilteachadh don rancaichean treun. An oidhche sin chaidh ainm sios am measg nan Gàidheal mar sheirdsean mar a bha e measg nan Gall. Bhan t-atharrachadh furasdadheanamhsan àm, oir chaill iad iomadh laoch air àrQuatre Bras,agus a bhàrr air a sin chunnaic Eobhain an Caiptean, a thaobh a bhrath a bhaige thun an àrd-chomanndair, a bha e air-son a thoirt seachad gun dàil. Chunnaic an caiptean am màidsear le Eobhain nachuideachd, is chaidh iad an sin thun a chòirneil, agus mar sin suas gus an do ràinig iad bàrr an fhàraidh far an robh an comanndair fhéin. Ann am beagan bhriathran dhinnis Eobhain dha mar a dhéirich dhaibh, agus ged nach dubhairt an duine mor moran ris a Ghaidheal òg, chòrd a ghluasad gu mor ris, mar a thuig na h-ofigich a bha eòlach air a dhòighean. An uair a dhfhag càch làthair an diuc, dhéibh e air ais air a chòirneal Ghàidhealach.

An aithne dhut an duine òg ud?” arsesan.

Chan aithne gu pearsanta, mo thighearna. Tha e nis na sheirdsean nam reiseimeid. Ach tha mi tuigsinn gur echeart òganach air am biodh mo charaid Mac-a- Ghobhabruidhinn gu tric, ’s ga msgìtheachadh a seinn muchliùs muspionnadhs mu thapachd. Ach tha mi nis a tuigsinn gun do thoill eh-uile lide dheth.”

Ah! chaneil teagamh. A réir a chainnt tha mi tuigsinn gu bheil ionnsachadh math cumantaige, agus tha mo shùileans mo chluasan ag innse gur taghadh an t-saighdeir e. A dhaon fhacal chaneil ni eadar e is cothrom air tionndadh a mach na roghadh is taghadh an ofiigich, mar tha mise tuigsinn, ach cion an airgid. Agus gu fìrinneach tha e bhi pailt aig iomadh aon nach



[68]

[Vol . 12. No. 9. p. 4]

do thoill e, a toirt dhuinn, mar tha fios agadsachòirneil, iomadh amadan gun eanachainn mar ofigich, ’s a cur iomadh uair beatha dhaoine nan lamhan. Ofigich!” arsesan, ’s fiamh gàire tighinn air a ghnùis thana, ghlais; “ofigich! nam biodh am pòcaidean falamhs gun chàirdean cumhachdach rin cùl, ris nach earbte dhol nan aonar don tobar, mun rachadh iad an comhair an cinn ann, ’s an t-uisga shalach. Ach thig an lathaach coma cha bhi sinn gafheitheamhsa chàs so. Co na h-ofigich a mharbhadh noleònadh gu dona na dreiseimeid an diugh, a chòirneil?”

Am Màidsear Friseal, mo thighearna, ’s an Caiptean Domhnullach; agus thaLieutenantMac-an-t- Saoir air a leòn cho donas gu bheil eagal orm nach bi e beò, agus—”

Ni sin an gnothuch, a chòirneil. Than t-àm so cabhagach is moran againn ri dheanamh, agus feumaidh sinn na leithid sin a dhàm bristeadh air iomadh lagh is riaghailt. A dhaon fhacal faic gum faigh ar caraid an Gàidheal òg so àite Mhic-an-t- Saoir, agus gheibh sinn na paipeirean an ordughnuair a bhios nas lugha again ridheanamh.”

An ath mhaduinn gu moch bu mhor ioghnadh agus faodar a radh toileachadh Eobhain bhàin, agus bu mhors bu làn-chridheach an co-ghàirdeachas a rinn a chàirdean ùra maille ris, agus ma bha farmad aig a h-aon ris cha do nochd e en ud, oir fhuair e ma sgaoil air dhòigh air choireiginn mu na dhéirich dha air an turus iomraiteach a thug e gu buil cho math, ’s gun robh iad a sealltainn air mar churaidh treun. Cha mhò a thug am fortan a thainig na rathad air Eobhain bàn a shròn a thogail aithneachadh na bàirde na dhfhàg nàdar i, agus fhreagair e chlais ùr so cho nàdarras ged a dhfhàsadh e innte. An deigh beagan cadail a dheanamh air an latha so, fhuair e òrdugh a dhol air adhart le beagan de ghillean taghte roimhn chuid sin den arm, mar fhreiceadain toisich, ’s iad uile gluasad air adhart gu àite sònruichte dlùth do bhaile-mór Bhrussels. Bhan dùthaich gu léir air an latha so, an seachdamh latha deug de mhios meadhonach an t-samhraidh, beò leis na Frangaich, stuadh air chùl stuaidhe dhiu, ’s iad uiles an aghaidhean air an aon chala. Bha e furasda thuigsinn gun robh mionaid shònruichte tarruinn dlùthlatha bha ri bhi ainmeil an eachdraidh an t-saoghalan latha ro-òrdaichtebha dol a chur crìoch air cumhachd Bhoni gu bràth. Bha nàdar fhein an latha so mar gum beadh a cograich mun chrìch. Bha i aig fois mhi-nàdarra, mar gum biodh isan dorus ag éisdeachds air a h-obraichean àbhaisteach fhàgails a h-aire uile air an latha mhor a bha dlùth Waterloo. Cha do thachair nis fhiach ainmeachadh air an turus so do dhEobhain, no gus an robh e na aonarsan fheasgar beagan mhìltean on champa. Bha e smaointinn tilleadh do chuideachd chàich o nach robh e faicinn dad amharusach sam bith, oir bha òrdugh cruaidh aca seorsa duine sam bith nach riaraicheadh iad, no air an gabhadh iad amharus a ghlacadh. Mar a chaidh a ràdh bha ar curaidh a dol a thilleadh, an uair a chuale marcaich an nuas uige, air nach robh moran cabhaig a réir choltais. Bha each aig a Ghàidheal air-son an turais so, ’s a tionndadh sheas e dìreach air an rathad roimhn mharcaiches thug e òrdugh dha seasamh. Cha do leig an duinair gun cuale e, ach leis na briathran, “Teann as mo rathad,” bha edol a ghabhail seachad gun an còrr freagairt. Ach bha òrdugh soilleir aig Eobhain bàn, agus ged bu rìgh e cha robh e dol galeigeil seachad mar sud. “Seas!” Thug en t-òrdugh seachad a rithist, ach bha fear achleòca ghlais, anns an robh e tiodhlaicte thun nan cluasan, a leantuinn roimhe le, “Seas a thaobh! seas a thaobh! An cualthu mi?” Ach cha do sheas ethaobh: na aghaidh sin shìn e mach a chròg mhor, ’s a breith air sgòrnan air an fhear eile tharruinn e leghairdein laidir as a dhiollaid e, is thug e air a bheulaobh fhein e. “Car son,” arsesan, “nach do—” Cha deach e na bfhaide, oir aig a mhionaid sin fhuair e sealladh air da shùil bhiorach, fheargach ag amharc airsan dorchadascha mhor nach do dhfhairich e iadach bann air an t-sròin aig an duinelaidh a shùilean le eagal agus uamhas. Co bhaige ach an Diùc Iaruinn, àrd-chomanndair an airm Bhreatunnaich! Cha mhor nach do stad anail Eobhain bhochd, air dha so drughadh air an inntinn aige. A leigeil as an diuc car cabhagach, mar iarunn dearg, leum e gu làrs rinn e ùmhlachd mar bu chòir, is dhiarr e mìle maitheanas air an duine mhor air-son an diol a rinn e air. Cha do leig e dad air, no gun cuale e, ach a toirt sùil bhuaithe thuirt e gu h-aithghearr, “Glac an t-each agams thoir ann an so e,” agus aig a cheart àm rug e fhein air srian each Eobhain. Fhuair an Gàidheal greim air an each is chuidich en diuc don diollaid air ais, agus mun dfhuair e socrachadh innte, thainig triuir no cheathrar de dhàrd ofigich an diuc nan cruaidh-leum, is thug e nan cuideachd aghaidh air Brussels. Bha Eobhain a smaointinn gun robhchùrsa saighdeireachd aig a ceann, o nach dug an diuc freagairt sam bith dha; ach anns an dealachadh thionndaidh e riss dhfhaighneachd en làthair chàich, an robh e dol thun abhàl mhoir a bha ri bhisa bhailen oidhche ud, ach gun fheitheamh ri freagairt a Ghaidheil ghabh e air falbh.

Faodar a radh gun deach Eobhain, ’s e nis na ofigeach, greiseag thun abhàl an oidhche ud; ach bha en dùil a h-uile mionaid gun digeadh teachdaire uige le brath nach robhsheirbhis a dhìth air an righ na bfhaide, ach cha dàinig. Air dha bhi dol troimhn talla rìomhach, ghreadhnach, am measg nan ceudan sgeadaichtes gach dathsa bhogha-frois, thachair an diùc ris, ’s e dian chòmhradh ri seanalair ainmeil eile. Air don diuc an Gaidheal mor so fhaicinn, ledheise bhallach, bhòidheach, sheall e air gu geursan dol seachad, ’s air dha aithneachadh thainig fiamh gàire air a ghnùis.

Mar a thàinig crioch aithghearr air a bhàl, air dhaibh a chluinntinn gun robh na Frangaich a tarruinn dlùth, ’s mar a ghluais iad iad fhein, ’s gach ni eile, tha iomraiteach an iomadh eachdraidh, agus sgriobh iomadh ùghdar ainmeil uime. A dhaon fhacal bha e na mhèinn bheairteach do sgriobhadairean riamh uige so, agus bidh e mar sin fad iomadh linn fhathast. Ga fhàgail mar sin aig muinntir nan sluasaidean mora, cha toir misas ach làn no dha mo spàinne bige fhìnsan dol seachad. Mar tha fios aig an leughadair, fhuair an reiseimeid Ghàidhealach dom buineadh Eobhain bàn cliù mor latha Waterloo, oir be a cuid shaighdearan a ghabh a mhire-chath mhor, ’s gus greasad air a bhi am bad nam Frangach, ghlac moran dhiubh greim air stiorapan nan trupairean treuna, naScots Greys,air dhaibh a dhol seachad orra nan cruaidh leum thun nan ceatharnach bu treuna bhaig Boni. Nam measg so bha Eobhain bàn. Agus bu mhiorbhuilteach aon acathilleadh beò riamh á measg na h-eachraidh, eadar an naimhdeans an càirdean, ’s am Bàs na bhoil air gach taobh a cùnntas na gràinnsich, ’s gun fheum aigair an ud a sheann speal gheur a thoirt á pasgadh ann. Cha robh cuimhnaig Eobhain ro mhath air ni, on a rug e air stiorap air each mór glas a thainig na chruaidh leum seachad air, no gus an dfhuair e e-fhéin na shìneadh fo each mor Frangach, a bha fàsgadh na beatha as, cha robhthùr nochiall ro mhath aige. Bha cuimhne mhùgach aige gun robh eich is daoinetuiteam air gach taobh dhe, ’s gun robh gach Frangach a bhasireadh a bheathadol ga làr air dhòigh air choireigin, ’s gun robhghairdeanan daonnan ag iathadh mun cuairt air, le arm anns gach laimh gagheard, gun òrdugh sam bith o inntinn. Ach thòisich e air smaointinn gu reusanta, air dha e fhein fhaighinnsan t-suidheachadh chunnartach so, agus dhfheuch e rineart a chur an géill gus e fhein a shaoradh, ach cha robh sin furasdadheanamh far an robh e. Mu dheireadh fhuair e leth char a chur dhe fhein air chor agus gum faigheadh e sealladh na bfhearr mun cuairt, ’s air dha sin a dheanamh chunnaic e sealladh a thug air a shùilean a dhùnadh. An ath mhionaid dhfhosgail e iads e air gluasad a chluinntinn dlùth dha. Chunnaic e seanalair Breatunnach astar bhuaithe air a ghlacadh fo each mar a bha e fhein, ’s e le iomadh spàirn a feuchainn ri faighinn cuibhteas e. ChualEobhain gluasad eile, ’s a tionndadh a shùl an taobh sin chunnaic e saighdear Frangach air a dhroch leòn, ach guineach, nimheil, eadhons na mionaidean deireannach fhéin, bha e gashlaodadh fhein rathad an t-seanalair, is gràin bhàis a dearrsadh nashùilean. Bha béigneid mheirgeach aige eadarfhiaclan, agus mar so bha e gu mall ach gu cinnteach a giùlan abhàis thun a Bhreatunnaich aig nach robh cothrom air e fhein a dhion. Le sreamadh gàire aognaidh air a ghnuis ghlas-neulaich, bham Frangach gu bhi aige, agus thuig Eobhain gum biodh gach ni seachad am beagan mhionaidean mur an rachadh aige fhéin air faighinn saor. Le spàirn chruaidh fhuair e air a bheul-fodha, ’s a breith air chois air each marbh eile dlùth dha tharruinn e e-fhein as, ’s a leum a null, ged a bha e brùite, rug e air an Fhrangach is ghiùlan e e gu àiteile, agus gafhàgail am measg a sheòrsa fhein, ruith e air aiss thug en seanalair as an ribe bhàissan robh e, ach a faicinn nach rachadh aigair coiseachd, ghiulan e e gu luath gu àite sàbhailte, air dha trup dhe na Frangaich fhaicinn a tighinn air aghaidh. Air dha an t-ofigeach fhàgail, co chunnaic e gu stòldag amharc air ach an diuc, a thionndaidhsan àm ri ofigeach ri thaobh leis na briathran: “Dhaithnich mi gun robh stuth ceart, nach meataicheadh teine, ’s a Ghàidheal òg ud, agus nam biodh moran dhe leithid agams fhado bha Bonaparte fo chìs.” Cha robh na briathran so air an ciallachadh air-son cluasan Eobhain, ach chuale iads dhfhàg iad e na bu thoilichte na ged bu leis òr na h-Eòrpa. Cha ruig sinn a leas an latha mor so a leantuinn nas fhaide, oir tha fios againn uile air a chrìchs mar a chaidh crioch aithghearr air dòchasan Bhoni gu dìlinn, ’s gum bfheudar dha e fhein a thoirt suas dha naimhdean buadhmhor an uair a dhfhairlich air teicheadh air falbh do na Staidean Aonaichte. Agus nan greim iarnaidh fàgaidh sinn e, on a chaidh a ghrian fodha nis gu bràth.

Ghabh na curaidhean buadhmhor air aghaidh do bhaile-mor Pharis, agus nan cuideachd ar curaidh Eobhain bàn, agus ann an sin chunnaic e ioghnaidhean a bha e smaointinn a bha do-dheanteadh do inntinn dhaoine dheilbh. Ach ged a bha beatha shòghmhor, shonacann mar bu trice, bha iad air an cuairteachadh le iomadh cunnart o ghamhlas a naimhdean furachail, a bha gun teagamh a cumail aodainn bhriagha riuthanuair a bhiodh iad nam buidhnibh làidir air an latha; achs iomadh aon a ghluais a mach an slàinte a dhamharc a bhaile mhor air an oidhche, nach do thill riamhs nach cualas iomradh air an crich uige so. Gu follaiseach cuideachd, bhiodh iomadh uair còmhstris na taighean-òil, ’s bhiodh



[69]

[Vol . 12. No. 9. p. 5]

claidhnean is dagaichean gu tric an tarruinn. Bha gu h-àraidh aon bhaidein de dhofigich Fhrangach a deanamh dichill gus a leithid so aobharachadh. Bha gach fear aca so gle threun agus coimhlionta air gach seòrsairm, agus gu h-àraidh bha ceannard a bhaidein so ainmeil a thaobh spionnaidh agus crosdachd, agus cha robh bhuaithe ach beum a thoirt do dhofigeach Breatunnach sam bith a thachradh ris, air-son toirt orra éubhach a mach far am biodh esan daonnan buadhmhor, agus is iomadh òganach teith, àrd-inntinneach a chuir am màidsear borb Frangach gu bàs mar so, gus mu dheireadh an robh eagal mor roimhe nam measg.

Air aon oidhche bha seisear de dhofigich Bhreatunnach cruinn aig cuirm bheag dhaibh fhein aig bòrd am fear dhe na taighean òsda so, agus nam measg bha Eobhain bàn mac an t-saighdeir agus ofigeach òg Gàidhealach eile. Am meadhain na cuirm chualiad straighlich bhòsdail a tighinn thun an doruis, ’s an ath mhionaid nochd am Frangach mor borbsa chàirdean air bathais an ùrlair mun coinneamh. Sheall am Frangach gu ladarna mun cuairt, ’s a sin chaidh bacag air ma bfhior agus bhual en gairdein fear dhe na Sasunnaich, a bhacur glainfhìon thun a bheòilsan àm, a dòrtadh a h-uile boinne dheth air Eobhain a bha làmh ris le gàire magaidh.

(Ri leantuinn).


TIR NAM BEANN, NAN GLEANNS NAN GAISGEACH.

BHIODH en a ni dàna, agus, ma dhfhaodte, ann an iomadh cuideachd, ’n a ni cunnartach a radh, ged nach mor dhaoine tha cho gaolach ri Gaidheil na h-Alba mun Daoines mun Dachaidh fein, gu bheil iad suarach mun Duthaich. Cha mho bhiodh e ceart, tha mi meas, co-dhiu gun ni-eigin de mhineachadh, dol a chur suaraichead mun Duthaich á leth nan Gaidheal. Chaneil neach a chunnaic abheag no mhor do ghiulan aGhaidheil an Tìr choigrich, nach faca iomadh comharra follaiseach air a bhaigh ra Chinneadh, ra Chanain, ’s ra Dhuthaich. Tha fios againn uile air achumhachd tha aig cliuus onoir a Dhuthchas a Dhaoine thairis air inntinn an t-Saighdeir Ghaidhealaich, a chum a bhig a bhrosnachadh gu gniomhan euchdach, airidh air a Thirs air a Shinnsirachd. Anns na bailtean mora, gu h-araid o chionn beagan bhliadhnachan, tha gluasad aGhaidheil ro chomharraichte. Chaneil baile mor, no ach gann baile beag, am Breatunn, anns nacheil Comunn Ghaidhealach, dam priomh dhleasdanas a bhi dearbhadh don t-saoghal mun cuairt doibh, an àm san an-àm a rèir beachd morain, gur sluagh sonruichte iadsan, ’n an Eideadh, ’n an Ceol, ’n an Canain, ’n an Cleachduin, ’n an Sinnsearachd, ’sn an Eachdraidh.

Agus ma leanas sinn na Gaidheil do dhuthchannaibh cein, gheibh sinn dearbhadh nach facas, ma dhfhaodte, riamh roimhe air speis Sluaigh don Tìr a dhfhag iad. Their Luchd-turuis ma tha toil agad fior Ghaidheal fhaicinn, gum feum thu Albainn fhagail, ’s imrich a dheanamh do Chanada no do Australia. Tha e air aithris gum faighearn ar latha-ne barrachd den fhior fhuil Ghaidhealaich, de fhior Chleachduinean, ’s de fhior Chainnt nan Gaidheal air raointean Australias an coilltean Chanada, na gheibhear an Albainn. Chaneil teagamh nacheil na Gaidheil an Albainn adol an teirceads an laigead; ach nach mor an t-aobhar gairdeachais, ged tha ar Cinneadh acrionadhs an Rioghachd so, gu bheil e neartachadh taobh thall aChuain, —nach Bàs ach caochladh Beatha than dàn dar Sluagh. ’S ann le smuaintean dubhach, trom, a chuimhnicheas sinn air na milteans na deich miltean a dhfhogair ainneart as an Tìr fein; ach is ann le aoibhneas mor a leughas sinn nochluinneas sinn mar a shoirbhich ler Luchd-duthcha an Rioghachdan céin, ’s gu sonruichte mar tha Tìr an duthchais, fuars mar fhuair iadsan i, cho blathn an cuimhne. Con t-suil nach las, con cridhe nach plosg, an uair a dhinnsear gu bheil aGhaidhealtachdsaGhailig cho muirneach thairissa tha i aig baile; gu bheil am Fogarrach a teagasg canain agus deagh chleachduin aithrichean da Chloinn; ’s gu bheil aChlann ag adhlacadh nan Aithrichean ann an Cill a thair a h-ainmeachadh air aChills abheil an Sinnsearachdn an luidhe mu Thuath? “Tir nam Beann, nan Gleann, ’s nan Gaisgeach!” Chaneil cearn den talamh air an do chuir an Gàidheal a chos anns nach cualas an fhuaim; agus chaneil àites an cualas i, nach do dhuisg i an cridhe aGhaidheil na faireachduinean is luachmhoire a bhuineas da. Tha do cheann nas airde, ’s do cheum nas farumaiche, an uair a chluinneas tun radh air cabhsair abhaile mhoir; is tric a neartaich an smuain misneach, ’s eadh, agus creideamh an Eilthirich ri am trioblaidus deuchainn an Tìr chein; agus nach minic a chaidh an Saighdear Gaidhealach le iolaich an coinneamh an Namhaid, le suil na h-inntinn suidhichte airTir nam Beann, nan Gleann, ’s nan Gaisgeach.”

Ach ged tha so uile fior, is eigin aideachadh an uair a rannsuicheas sinn ar Canain, ar Sean-fhocail, ar Bardachd, agus eadhon ar n-Eachdraidh, nach faigh sinn ar Cinneadh atoirt dearbhadh cho laidir air an gradh dan Duthaich, ’s a dhearbamaid á Daoine anochd, air cho liutha doigh, speis cho mor agus gradh cho teth dan Daoines dan Dachaidh. Tha e comharraichte nacheil focal againns a Ghaidhlig a fhreagras don fhocal Bheurlapatriotism , ’s do na focail a than daimh ris. Their sinDuthchasris acheangal tha eadar Duines Aithrichean; agus chan ann ris acheangal tha eadar Duines a Dhuthaich. A ris, cha chleachd sinnTireachasanns an t-seadh so, ged tham Foclairg a eadar-theangachadh lepatriotism .Agus their sinnTiorail,” no, mar shaoileas mi bu choir a radh, “Tìreil,” ri blaths, tearuinteachd o ghaoiths o uisge; ag eirigh, tha mi meas, on fhein-fhiosrachadh chruaidh a bhaig ar Daoine air cunnairt Maras Monaidh; mar tha gun teagamhTìrfein aciallachadh, chan e Duthaich, ach Fearann, eadar-dhealaichte o Fhairge. Theireadh na Sean DaoineChaneil Duthchas aig Mnaoi no aig Sagart;” agus feudaidh e bhi gur es ciall don radh, gum be Duthaich na Mnà Duthaich a Fir, agus gum be Duthaich an t-Sagairt Duthaich na h-Eaglaisan Saoghal, noDuthaich is fearr, eadhon Duthaich neamhaidh.” Ache e mo bharail gur e fior sheadh an t-Sean-fhocail, gum be dleasdanas na Mnà a Daoines a Dachaidh a threigsinn airson Daoines Dachaidh a Fir, agus gum be dleasdanas an t-Sagart an Saoghal a chur air chùl, a chum e fein a thoirt suas da dhreuchd, ge be cearn dan rachadh a ghairm. Tha e gun teagamh fior gu bheil ar Canain easbhuidheach anns na focail a tha cur an ceill ceangal Dhaoine rin Duthaich; aguss e mo bheachd far nach faighear am Focal gur ann ainmig a gheibhear an Smuain.

Is co-ionann sgeul do na Sean-fhocail. Tha aon, gun teagamh, ateagasg an atharraich, ach cha chluinnear ach ainmig e, “Cumhachd do charaid, agus Traillealachd do namhaid, a Dhuthcha.” Chaneil an radh a ghabh sinn mar steigh fathast sean, ged tha e siubhlach. Chan fhaighear e am measg nan Sean-fhocal a chlo-bhualadhs abhliadhna 1785. Anns an Roimh-radh do shaothair Oisein a sgriobh Eobhan Mac-Lachainn gheibhearTìr nam Beann, nan Gleann, ’s nam Breacan;” agus tha mi meas gur ann on chainnt so a dheirichTir nam Beann, nan Gleann, ’s nan Gaisgeach.” ’S e theirteadh o sheanCnuic, ’us Uisg’, ’us Ailpeinich;” agus nam fuilingeadh Sliochd Ailpein dhuinnAlbannaicha radh an àiteAilpeinich,” theirinn gum ben sean fhocal a bu fhreagarraiche nam fear ùr. Ach chaneil teagamh nach es brigh don radh so aosdachd Chlann-Ailpein, agus chan e ceangal nan Gaidheal rin Duthaich. ’S ionann teagasg don t-sean rann;

Cinnidh Scuit saor am fine,
Mur breug am faistine;
Far am faighear an Lia-fail,
Dlighe flaitheas do ghabhail.”

Agus ciod is ciall don radh sin a chithear air gach clar, ’s a chluinneur anns gach coinneamh Ghaidhealach, “Clanna nan Gaidheal an guaillibh a cheile,” ach so, earail do na fineachan Gaidhealach an sean naimhdeass an eas-aonachd a chur a thaobh, ’s a cheile sheasamh mar aon Sluagh ri aghaidh sluaigh, agus chan ann mar Luchd-duthcha air-son còir an Duthcha; chan eAlbainnnoGaidhealtachd,” achClann nan Gaidheal.” Cha chualas riamh an earail so cho caithreamachs a chluinnear in ar latha fein. Is fuaim thaitneach i gun teagamh don chluais agus don chridhe. Ach gheibhear aobhar broins a ghairdeachas; oir chan urrainnear a dhi-chuimhneachadh cho feumail a than earail, agus cho liutha uairs a bhaClanna nan Gaidheal,” chan ann an guaillibh ach an amhaichean a cheile.

Chan fhaighear dearbhadh is laidire air gradh Sluaigh dan Duthaich na gheibhearn am Bardachd. Gheibh sinn Bardachd cuid de Rioghachdan air a lionadh le spiorad gaisgeil, eudmhor airson urram an Duthcha os cionn cuid eile; agus gheibh sinn an rian so ann am Bardachd na h-aon Duthcha nas comharraichte an aon linn, na gheibhear e an linn eile. Is comharradh soilleir an comhnuidh aBhardachd air amheas a bha aig Luchd-aiteachaidh na Tìre air an Duthaich; oir anns a cheum so gu sonruichte feudar a radh gur iad na Baird teangadh an t-Sluaigh. A réir mo bheachd chaneil faireachduin cho luachmhor do Shluaigh ri cliu an Duthcha; agus chaneil seol air an fhaireachduin a neartachadh cho comasach ri saothair nam Bard. Is sona an Sluagh a tha air am brosnachadh le fuinn am Bard fein gu bhi seasamh cliu an Duthcha anns gach àms anns gach àite. Is an-aoibhinn do na Daoine agus don Tir anns nach do sheinn Bard mu dhleasdanas agus mu luach Gradh-duthcha. Ciod an teagasg a gheibh sinn o na Baird Ghaidhealach air aphuinc so? Leugh thairis saothair nam Bard is ainmeile tha againn, agus feoraich dhiot fein cia meud dan rann a tha comasach air smuaintean cothromach a ghintinnn a dinntinn mu thimchioll do Dhuthcha agus do dhleasdanas di. A mach o Oisein, agus ma dhfhaodte os cionn Oisein, ’s e Donnachadh Bàn Mac-an-t- Saoir agus Mac Mhaighstir Alastair is a fhuair de bhuaidh thairis air inntinneam ar Luchd-duthcha a sheinn an Gaidhlig. Cluinnean neach aig abheil cliu a Dhuthcha dlù da chridhe, ag aideachadh gun deachaidh an fhaireachduin luachmhor sin altrum no neartachadh le òrain nam Bard so. Gheibh sinn gun teagamh, am measg moran de ranntachd gun toinisg, greadhnachasus aillidheachd na Tire air an cur an ceill am Bardachd oirdheirc. Gheibh sinn ar Canain, ar Ceol, ’s ar Cleachduin air am moladh airson buaidhean a tha dligheach dhoibh, agus airson iomadh buaidh nacheil. Ach caite abheil e air a



[70]

[Vol . 12. No. 9. p. 6]

sparradh oirnn gur e ar dleasdanas, agus gum bu choir gum be ar miann, cliu ar Duthcha a bhi luachmhorn ar suilean do bhrighs gur i ar Duthaich i; ’s ar Canain, ar Ceol, ’s ar deagh Chleachduin altrum do bhrighs gur iad dileab ar n-Aithrichean dhuinn?

Agus ma thiunndas sinn o bhardachd gu eachdraidh nan daoine so, ciod an dearbhadh a gheibh sinn air achumhachd a bha aig Gradh-duthcha thairis air am beachdan no air an gluasad? Cha robh, o chionn mile bliadhna, àm an Eachdraidh na Gaidhealtachd anns an robh a leithid do chothrom aig Bard air a ghradh da Dhuthaichs da Chinneadh a dhearbhadh, ris an àm anns an do shaothraich an dithis dhaoine so. Ach ciod am feum a rinn iad don chothrom? Tha Donnachadh Ban acogadh leis na Deorsachan; ach tha a chridhe leis na Stiubhartaich. Thainig aimsir an dearbhaidh, anns an robh daoine ann da-rireadh ma bha iad riamh ann; ach ciod e gluasad Dhonnachaidh? Chaidh e don arm dhearg airson duais. Aig an Eaglais-bhric theich e, ’s chaill echlaidheamh; beigin achoire chur air achlaidheamh. ’S ann le toil-inntinn a dhinnseas e gun do chaill a thaobh fein an latha:

Bha ratreut air luchd na Beurla,
S ann doibh fein a beigin teicheadh.”

Gun teagamh cha robh Donnachadh Bàn ach ògs an àm so; ach caite am faighearn a bheatha fhada, non a iomadh rann, dearbhadh air gaol dealasach, durachdach, teth aBhaird da Dhuthaich no do fhior leas a Dhuthcha?

Bu duine eile Mac Mhaighstir Alastair. Duine smisneachail, treun, ’n a chorp, ’sn a inntinn; agus fior Bhard. Duine a thug suas uile chridhe, uile neart, agus uile inntinn do Thearlach Stiubhart, co-dhiu tamuill. Duine a thoilleas urram agus meas airson nam feartan cuirp agus inntinn a bhuilicheadh air; agus, ann an tomhas co-dhiu, airson na buil gus an do chuir e iad. Ach cha be aobhar a Dhuthcha a dhuisg misneach an t-Saighdeir, nolas anam aBhaird.

Leanaidh mi cho dlu ri dshailtean,
S a ni bairneach ri sgeir-mhara.”

S e sailtean Thearlaich, ’s cha be sailtean Albainn a leanadh am Bard cho dlù. Dhuine do-thuigsinn air iomadh doigh; le buaidhean nach buineadh do mhoransuil gheur, cluas cheolmhor, cuimhne laidir, eolas farsuing; ach le aignidhean borb; ’s le nadur cho salach ris na ronnan tombaca a bhan comhnuidh asruthadh o bheul. Seinnidh e duanag cho binns a chaidh a sheinn riamh an Gaidhlig; ann am maiseChruthachaidh gheibh e toilinntinn nach fairich neach ach am Bard a mhain; cluinnearFuaimus farum abhlairanns gach sreath deMholadh an Leoghainn:” ach ciod e dheth sin? Ma thig an neach is diblidh no is suaraiche tarsuinn air, fagar maise na Banaraich; chaneil sùil air aillidheachd Allt-an-t- Siucair; theid eadhon aobhar Thearlaich Stiubhart a chur a thaobh; airson gach neimh, ’us puinnsean, ’us sailche, a thilgeadh air an deoraidh thruagh a ghabh de dhanachd air fein a shuil a thogail, an uair a bhachoimlisg iongantach so de Chlann Domhnuillagabhail an rathaid mhoir, olc air mhaith le cach e.”

Agus mas e so cliu nan crann ùra, ciod a theirear mun chrionaich? ’S e mo bheachd gum feudar a radh nach dearbh aBhardachd Ghaidhealach, seachad air Bardachd Oisein, gur pobull sinne aig an robh mor ghradh dar Duthaich, anns an t-seadh is airdes is freagarraiche airson cliu Sluaigh a sheasamh fa chomhair an t-saoghail. Agus ciod e teagasg ar n-Eachdraidh? Tha aimsir gu sonruichten ar n-Eachdraidh, ris an seall sinn air ais le h-uaill, mar dhearbhadh air ar treuntass air ar n-aonachd;— ’s e sin mar a sheas ar n-Aithrichean cho gaisgeil an aghaidh nan Romanach, agus, iomadh ceud bliadhnan a dheigh sin, air taobh nan Stiubhartach. Choisinn ar Sinnsirean cliu maireannach dar Cinneadh airson misnich, gaisge, ’s dilseachd anns na h-àmannan sin; agus rinn Seanachaidheanus Baird, Ghalldaus Ghaidhealach, lan cheartas dar sluagh anns na cuisean sin. Ach cha mhor de chuig-ceud-deug bliadhna a than aimsir sin acomhdach; agus nacheil e fior gur ann roinntes nach ann aontebu trice bha na Gaidheil re a chorr dar n-Eachdraidh? Agus eadhon am measg nam Fineachan a dheirich le Tearlach Stiubhart, nach faigh sinn, taobh ri gaisge air nach dthugadh barr, ’s ri dilseachd nach facas a samhuil, iomadh comharraair apheacadh a bha gu furasdag iadhadh mur sluagh,” —eas-aonachd? Nach be riamh cleachduin nan Gaidheal a h-uile fear a bhi deanamh dha fein? Agus is mor mo churam nach do rainig sinn fathasd mar shluagh air an fhirinn, gur ann air bunait na h-Aonachd a mhain a thogar aitreibh na Morachd. Gu deimhinn bu tigh roinnten a aghaidh fein tigh aGhaidheil an Albainn; agus chan en t-aobhar ioghnaidh gun do thuit e, ach gun dfhan e cho fadan a sheasamh.

Cluinneamaid brigh na chaidh a radh uile.” Thug na Gaidheil dearbhadh laidir re an Eachdraidh air an speis dan Daoine feins dan Dachaidh fein; agusn ar latha-ne chi sinn iomadh comharra soilleir air an speis dan Duthaichs dan Cinneadh. Ach o chionn mile bliadhna chan fhaigh sinn Gradh-duthcha air a nochdadh am measg ar Daoine, mar a chithear anns na Rioghachdan a ghleidh aite-toisich an Eachdraidh an t-saoghail. Feudaidh e bhi gum be ar Crannchur a shonruich ar Cleachduin anns a cheum so; feudaidh e bhi gum be ar Cleachduin a shonruich ar Crannchur. Tha e fior gun dthug ar Sinnsearachd dearbhadh air Misneachus Dilseachd airidh air inbhe a bairde na shealbhaich iad. Ach bhan Dilseachd an comhnuidh do Dhaoine, ’s cha bann do Chuis; dan Dachaidh, ’s cha bann dan Duthaich. Cha deirich iadn an iarrtuis os cionn Cuisus Coir am Fine fein. Chaill iad mar so an aon smuain is luachmhoires is cumhachdaiche air thalamh air son cliu Sluaigh ardachadh,— ’s e sin beachd cothromach air an dleasdanas dan Duthaich fein mar an Duthaich, agus dan Sluagh fein mar an Sluagh. Is tric a be aobhar aChinn-chinnidh euceart, foirneart air Fine eile; agus ged bhiodhaobhar ceart cha bhiodh e buan, oir,

Mar reul ruiteach re an laoich,
Is gearr ge h-aoibhinn adhearrsadh;”

ach tha aobhar do Dhuthcha ceart an comhnuidh, agus thacliu, o linn gu linn, ’n a dhleasdanas soluimte don Luchd-aiteachaidh.

Ann an eachdraidh an t-Saoghail tha e fior nach e neart no misneach a mhain a choisneas cliu maireannach do Shluagh, ach beachd cudthromach air an dleasdanas dan Duthaich agus aonachdus eud airson a cliu a chur am farsuingeachd. Ciod eile rinn Duthaich bheag na Gréign a Ceann-iuil don t-sean Shaoghal, ’s na h-eisimpleir do na Rioghachdan gus an diugh? Chiosnaich na Romanaich an Saoghal, ach ciamar? Leis gach Romanach ionnsachadh o oige gu bhi cumail suas cliu a Dhuthcha anns gach ceum da bheatha agus leis an leasan asparradh cho teann, ’s nach robh Romanach, re an Eachdraidh urramaich, a muigh no aig baile, cia air bith a dhreuchd no inbhe, nach robh air a lionadh le eud air son a Dhuthchas a Shluaigh. Ciod a thug comas do Rioghachd bheag Albainn dùlan a thoirt re iomadh ceud bliadhna do fheachd cumhachdach Shasuinn, ’s a Coirs a Creidimh a ghleidheadh saor; ciod, ach beachd cudthromach an t-Sluaigh air an dleasdanas sholuimte a chuireadh orra mar Rioghachd na sochairean luachmhor a fhuair iad on Aithrichean a thiodhlacadh dan Cloinn? Ciod a dhardaich cliu Shasuinn am measg nan Rioghachdan? Tha gun teagamh an Tìr torach, ’s tha cothrom na mara aice; ach ciod em feart a ghlac an cothrom, ’s a dhuisnich cho maith e. Gheibh thu an fhreagairt am beul Nelson aig Trafalgar: “ ’Se earbsa Shasuinn gun dean gach fear a dhleasdanas.”

Anns a cheum so bha teagasg nan Gaidheal easbhuidheach. A mach o Oisein, chaneil Bard Gaidhealach againn aig an robh beachd dligheach air dleasdanas Dhaoine dan Duthaich. Cha robh Bard againn ach esan a sheall air ais, mun cuairt da, ’s air thoiseach air; ’s a theagaisg nach be crioch do dhleasdanais, mar Ghaidheal, an Saoghal a ghabhail mu dcheann, ’s dfhortan a dheanadh, ach gun robh fiachan trom agad ri dhioladh do dghinealach fein, do na ginealaich a chaidh thairis, ’s dhoibhsan a thig ad dheigh:

Cia as tha sruthan na bha ann?
Cuin a thaomas an t-àm tha falbh?
Caitan ceil aimsir a da cheann?
An ceathach tha mall, ’s nach gann,
A taobh ballach le gniomh nan seod.”

O chionn iomadh ceud bliadhna than Gaidheal, mar gum bann, adol roimhn t-Saoghal an coinneamh a chùil. Tha e tighinn beo air an àm a dhfhalbh; mar bha Mac Cruimein, ’n a aoissn a laige, cluich air abhata nam port a chluich e, ’n a oigesn a threise, air a phiob. Ach cha bheathaichear cliu Sluaigh air an lòn so an comhnuidh. Mas en giomach e, ged tha shuilean eadar a dhà spòig, chaneil iad aghnathn a dheigh. “Cuimhnich air na Daoine on dthainig thu,” —ro cheart agus ro fhreagarrach; ach cho ceart agus cho feumail, “Cuimhnich air an daoine a thig ad dheigh.” Is ann a mhain an uair a gheibh thu greim teann air smuain Oisein, ’s a sheallas tu ort fein mar aon de na tinneachan tha deanamh suas Slabhraidh Eachdraidh do Shluaigh, a dhfhairicheas tu gur e do phriomh dhleasdanas do bheatha orduchadh, air dhoighs nach bi coimhliontachd na Slabhraidh air a bhriseadh, no a neart air a lagachadh le do dheanadas-sa. Bheir an smuain maise agus morachd do dghluasaid; —cuiridh i misneachs aGhealtaire; ni i Treubhach den Troich. Chaneils aGhaidhlig ainm againn airson a leithid so de dhuine; agus is duilich nacheil. ’S an àm a dhfhalbh, chan amhairceadh ar n-Aithrichean fada an aghaidh spreidh aGhoill iomain do na beanntan; ach cha ghoidheadh iad facal da chainnt. Thug an ginealach a chaidh thairisPatronthar Galldachd, ach dhfhag iadPatriota muigh. Nach faod sinn gun toibheum, a radh; “Bu choir dhoibh sud a dheanamh, agus gun so fhagail gun deanamh.” Tha mi meas gum buidhneadh ar Sluagh ann an cliu, barrachd na chailleadh ar Canain ann am maise, nan abairteadh á so suas, “Tir nam Beann, nan Gleann, ’s namPatriot . ”

D. MK.


Tha beatha an duine air a roinnna tri earrannan, agus is iad sin, an earrann a bha, an earrann a tha, agus an earrann a bhitheas. Bu choir dhuinn a bhi air ar teagasg leis an am a chaidh seachad, buannachd fhaotainn on am a ta lathair, agus gu bhig ar giulan fein nis fearr air son an ama ri teachd.

Tha an neach sin a tha an comhnuidh fo dheagh mhisnich acleachdadh leighis, a bhios chum slainte, an da chuid, don chorp agus don anam.



[71]

[Vol . 12. No. 9. p. 7]

Nova Scotia Furnishing Co., LIMITED.

A chuideachd as motha than Canada air son deanamh us creic
AIRNEIS-TAIGHES BRAIT-URLAIR.

THA STOC MOR DAONNAN AGAINN AIR LAIMHNAR TAIGH-CEANNACHD AIR
Sraid Shearlot, Sidni.

Tha sinn acreic gach seorsinnsridh air an cuirear feum am broinn taighe.
Tha ar prisean ceart. Taghail againn.

Ceannaich on Chuideachd as Motha, ’s caomhain tairgead.”


MACEACHUINN & MACCABE,
FIR-LAGHA.
Ceannach us creic fearainn, Airgead Iasaid, &c ., &c .
A. J. G. MACEACHUINN. IAIN J. MACCABE


HEARN & MACDONALD,
FIR-TAGRAIDH, NOTAIREAN, &C ., &C .
D . A. HEARN.FIONNLADH DOMHNULLACH


ROS & ROS,
FIR-LAGHA, NOTAIREAN, &C .
Airgead ri thoirt seachad an iasad.
UISDEAN ROS. HOWARD S. ROS, B. A.


HARDISON ’S PHARMACY.
An Stor-chungaidhean as fhearr a tha ann an Sidni.
Air oisean Sràidean Shearlat agus Prince.


C . P. MOORE,
BATHAR CRUAIDH.
Iarunn, Uidheaman Saoirsneachd, Uidheaman Gaibhneachd, Tairnnean, &c .


DR. G. T. MACGILLEAIN,
DOTAIR FHIACAL.
OIFIS: —Os cionn Stor Harrington.


C . R. BOWN,
URRASACHADH TEINE AGUS LEACAN GLAINE.


C . V. WETMORE,
URRASACHADH TEINE, BEATHA, SGIORRAIDH, & LEACAN GLAINE.
An tigh a Chommercial Bank,


J . E. BURCHELL,
URRASACHADH BEATHA AGUS TEINE
anns na cuideachdan as fhearr am Breatunns an America.


ROYAL BANK OF CANADA
CORPAICHTE 1869.
ARD OIFIS, HALIFAX , N.

EARRAS, $3 ,000,000.00
EARRAS PAIGHTE 2,481,000.00
AIRGEAD TAIMH 2,500,000.00

Luchd-Riaghlaidh:
Thomas E. Kenny,Ceann-suidhe.
Thomas Ritchie,Iar-Cheann-Suidhe.
Wiley Smith, H. G. Bauld, Hon.Daibhidh Mac Iain.
Edson L. Pease, Genl. Mgr., Montreal.

Meur-Oifis ann an Sidni.
J . E. BURCHELL,Fear-Gnothuich.

Tha gach gnothuich is abhaist a dheanamh ann am bancaga chur air adhart, agus tha
BANCA-CAOMHNAIDH
ann anns am faodar suim sam bith o dholar suas, a chur air riabh 3% ’sa bhliadhna.


DAIN AGUS ORAIN, le Alasdair MacFhionghain. Air an deasachadh le A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 35c.

ORAIN, le Iain Lom Mac-Dhomhnaill. Air an deasachadh leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. A phris 30c.

MACTALLA NAN TUR, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Tha orain le iomadh bard, sean is og, anns an leabhar so, moran nach robh riamh an clo, agus moran eile ann air dreach nas fhearr na chunnacas fhathast iad. A phris: 25c; sia air $1 .25; dusan air $2 .00.

FILIDH NA COILLE, leis an Urr. A. Mac-Gilleain Sinclair. Orain a Bhaird Mhic-Gilleain, maille ri cunntas taghte de dhorain eile, a bharrachd air orain is eadar-theangachaidhnean le Mr. Sinclair fhein. A phris, leth-dolar.

PUBLISHERS “MAC-TALLA,”
Sydney, Cape Breton, Canada.


NIALL MacFHEARGHAIS,
Ceannaiche Taillear.
Na h-Aodaichean as fhearr agus na Fasain as ùire.


[Dealbh]
A. J. BEUTAN,
(Alasdair Mac Iain Bheutain)

CISTEACHAN-LAIDHE
dhe gach seorsabeag us mor, geal us dubh, agus dhe gach seorsa fiodhacruaidh us bog. Aodaichean Dubha agus Anart Geal, agus na h-uile seorsa Bathar-Airgeid us eile nach urrainnear ainmeachadh an so.

Faodar comhradh a dheanamh ris a cearna sam bith dhen duthaich air anTelephone No. 62.
Sidni, Feb. 8, ’01.
A. J. BEUTAN.


Bathar Cruaidh
Tuaghannan
Saibh
Locraichean
Glasan
Tairnean
Sgionan, etc.
Aonghas Mac Leoid
Paipear-balla
Paint
Olla
Putty
Varnish
Gloine
Etc., etc.


MANUFACTURERS LIFE INSURANCE CO.

Ard-Oifis: TORONTO , CANADA.
J. F. JUNKIN, Esq., Managing Director.

Tha a chuideachd so a creicpholiciesdhe gach seorsa thathar a cur a mach air son urras-beatha. Gheibhear gach fiosrachadh a dhiarrar, agus na prisean, bho

C . W. SEMPLE, General Agent, Sydney, C. B.
M. B. FERGUSON, Special Agent,Sidni.
M . LEBETTER, Local Agent,Sidni Tuath.


Iadsan a Phaigh.

Iain Camaran, Grand River
Alasdair N. Domhnullach, Port Morien
Niall Mac Amhlaidh, Port Morien
Iain Mac Gillfhinnein Port Morien
I. I. Domhnullach, Huntington
Fionnladh Mac Citheagain, Reserve Mines
V. Beuton, Amaguadas Pond
Iain Dillon, an t-Eilein Cruinn
Iain Mac Rath, an Abhainn Mheadhonach
Anna Chaimbeal, Ceap Nor
Iain Mac-Fhionnghain, am Pòn Mor
Vincent Mac-an-t- Saoir, am Pòn Mor
Micheal Mac Fhionnghain, Glace Bay
A. D. Mac Cuthais, Salem Road
Bean Alasdair Mhic-Rath, Sidni
Iain Gillios, Sidni
Domhnull I Moireasdan, Sidni
Colla Domhnullach, Sidni
M. H. Mac-Neill, Sidni
D. M. Mac-Mhuirich, Sidni
Bean C. Mhic-an-Toisich, Malagawatch .
Uisdean C. Mac-Aoidh, Malagawatch .
Calum Domhnullach, Tairbeart, St. Anns
Iain Mac Gillemhaoil, Sidni Mines
Iain M. Rothach, Canoe Lake
Iain Moireasdan, Lakevale
Ruairidh Moireasdan, Cobh a Gheòidh
Iain Mac Leoid, Sidni Tuath
Domhnull I Mac Gilleain, New Aberdeen
D. R. Domhnullach, Acarsaid Bharrachois
Domhnull M. Mac Neill, Eilein Christmas
Calum Mac-Gille-Ghuirm, Valley Mills
Ceit C. Dhomhnullach, Grant , South Cove
A. D. Mac Leoid, Baile-Shearlot, E. P. I.
An t-Urr. E. Domhnullach, Stanley , E. P. I.
Aonghas Sutharlan, Elmsfield , N. S
Domhnull Mac-a- Ghobha, Duntroon , Ont.
Sìne Bhellairs, Springbank , Ont.
Mairearad Ghunn, Dieux Rivieres, Ont.
Uisdean Mac-Colla, Strathroy , Ont.
Am Brathair Ananias, San Francisco, Cala
Bean Eachuinn Dhughallaich, Exeter , N. H
Uilleam Mac-Dhaibhidh, Pacific Grove, Cal
Murchadh Gillios, Quincy , Mass.


Ma dhitheas tu teanga na caora, bidh tumèilich ri dbheò.

Millidh smugaid cuideachd.

S e do bheatha fuireach, achs e do bhuidheann falbh; chi thu dorus do thighe fhéin bho dhorus mo thighe-sa.

Taillear aghogan ime, ’s figheadair na fuaraig.

Gabh an latha math as a thoiseach.


AISEIRIGH NA GAIDHEALTACHD.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D.D.

Togaidh na Gaidheil an ceann,
Cha bhi iad am fang nas ,”
Rùisgte fo chasaibh luchd sannt,
Nan truaghanaibh fann gun treòir;
Bidh daoina siubhal nam beann,
Air srathaibh nan gleann gu leòir;
Chithear ann mnathan is clann
A mireadh le dannsas ceòl.

Teichidh na caoirichs na féidh
Nuair chluinneas iad éibh an t-sluaigh,
Ruithidhs cha seall iad nan déidh
S iad uile gu léir nan ruaig;
Theid ciobairean mora nan treud
Nam breislich a spleuchdadh suas;
S forsairean luinnseach, gun fheum,
Nan deannaibh a leum nan cruach.

Tha fearann fada nathàmh
Gun duine gu àiteach ann;
Chuireadh an sluagh as an àit
Air fògradh thar sàile thall;
Tha caoirich mhaol-cheannach bhàn
Air srathaibh is àird nam beann,
Is uain a mireadhs a leum
Mun tulaichs am béibhinn clann.

Far an robh soisgeul nan gràs
Gasheirm ann an càirdeas dhuinn,
Pobull a tional gach tràth
Air laithibh na Sàbaid cruinn,
Cha chluinnear ach langanaich fhiadh
A bùirich air sliabhs air beinn,
S comhartaich chon air an leirg
San àit an robh sailm gan seinn.

Theid cuibhlean Freasdail mun cuairt.
Bidhn taobh a than uachdar shios,
Is éiridh an t-iochdarsuas
Le ceartas bith-bhuan an Triath
Togar na làraichean aosd’,
Na h-ionadan sgaoilt o chian,
Bailtean tha fàsail is faoin
S tha nise làn fraoich is ian.

Càirdean nan Gàidheal le fonn
Tha nis air am bonns gach àit,
Cothrom gu fhaotainn don t-sluagh
An deas agus tuath gun dàil,
Le rùn gun aisigear dhaibh
Am fearann a chaill iad fein
Nuair dhfhògradh mach iad gun taing
Le h-ain-iochd is ainneart geur.

Theid Clanna nan Gaidheal gu léir
An guaillibh a chéile cruinn,
Mar anns na làithibh o chéin
Rinn Calgach an treun, ’s na suinn
A chog ri Aighriochol garg
S ri cumhachd armailt na Ròimh
Le còmhrag fuileachdach searbh
Aig slios a Gharbh-mhonaidh mhòir.

Gaidheil America thall
S a chlann a thàinig nan déidh,
Cuidichidh leotha san àm,
Mar chairdibh nach mealls nach tréig;
Togaidh som misneach on làr,
Is ni iad co-spàirn le chéil’,
A chum gum faigh iad air ais
Gach coir a bha aca bho chéin.

Slan gu robh Gladstone an àigh
As caraid a ghnàth don Tuath,
An t-uasal ainmeil thug bàrr
Le ghliocas ro àrd gun uaill;
Deonaicheadh Freasdal nan gràs
Mor aois dha le slàinte bhuain,
Gu ceartas fhaotainn do chàch
Le reachd na Pàrlamaid nuaidh.

Ceud fàilt! air gaisgeach nam buadh
An inbhear nan stuadh aig Neis,
A thionnsgail Sgeuladair nuadh;
Ar dùrachd-ne buaidh bhi leis
Na oidhirp a chobhair an t-sluaigh
An aghaidh nan uaibhreach borb,
A chreach iad le foireigin chruaidh
Gun chàirdeas, gun truas nam bolg.

S le Dia an talamhs a làn
Is chuir e sliochd Adhaimh ann,
Dhullaich en Cruinne so dhoibh
Mar oighreachd dhiongail nach gann;
Cha daithn echur fo na féidh,
No fhagail aig spréidh is eòin;
Ach chuir e gach ni fon ghréin
Fo riaghladh sliochd Eubhle còir.

Co a thug comas na truaigh
Do dhaoinibh tha uasal àrd
Fearann a thabhairt on t-sluagh,
S am fògradh thar chuan gun bhàigh?
Nach bfhearr bhi faicinn nan gleann
Lan bhan, sgus clann ran làimh,
Na brùidean fiadhaich gun chéill
A siubhal an t-sléibh len àl?


RUAIG NAN TIGHEARNAN.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D.D.

An cuala sibh an nis an sgeul,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Theich na creachadairean geur,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Dhfhalbh na Forsaireans na féidh,
Theid na caoraich as an déidh,
Gheibh an sluagh am fearann réidh,
Bidh iad éibhinn, cridheil ann.

Sud na fir a rinn an call,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Chreach iad daoine bochda, fann,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Chlaoidh iad mnathan agus clann,
Loisg na tighean os an ceann,
Ged bhiodh sneachdas reodhadh teann,
A cur greann is crith orra.



[72]

[Vol . 12. No. 9. p. 8]

Sud na daoine bha gun truas,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Bha neo-bhàigheil ris an tuath,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Chaidh am màl a thogail suas,
Thàinig bochduinn agus truaigh,
Dhfhàg sin tana, glas, an gruaidh,
Cha robh snuagh sam bith orra.

Leis an ainneart fhuair iad còir,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Air an oighreachd nach bu leò,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Tha iad sanntach air an òr,
Ghlac iad fearann pailt gu leòr;
Dhfhuadaich iad gach duine beò,
Sean is òg mar chitheadh iad.

Ann an Cataobh dubh gun tuar,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Rinneadh obair a bha cruaidh,
Haoi! Ho! na tighearnan!
Cha robh iochd ann ris an t-sluagh,
Ach am fògradh thar a chuain,
Gus an coilltibh farsuinn, buan,
An ceann tuath America.


TRIALL NAN CROITEARAN.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D. D.

Gabhaidh sinnen rathad mór,
Gabhaidh sinnen rathad mór,
Gabhaidh sinnen rathad mór,
Olc air mhath le càch e.

Olc air mhath le bodaich bhaoth,
Bhios ag earbsa as am maoin,
Len cuid threudan air gach raon,
Caoraich mhaola, bhàna.

Chaidh gach gleann is ailean réidh,
Chur fo mheanbh chrodh agus spréidh,
No mar àros aig na féidh,
Air na sléibhtibh àrda.

Shaltair iad fon cois gun truas,
Daoine bochda, falamh, truagh,
Agus dhfhògair iad an sluagh
Len lagh cruaidh, neo-bhàigheil.

Cha robh cùisean mar so riamh
Aig ar n-athraichibh o chian,
Nuair a bàbhaist daibh bin triall
Feadh nan sliabhs nam fàsach.

S bochd ri aithris e gu fior,
Thàinig caochladh air an tir,
Chan fheil òigridh loinneil, ghrinn
Anns na glinn mar bàbhaist.

Ach thig leasachadh gu luath,
Theid a chuibhle chur mun cuairt,
Nithear ceartas ris an t-sluagh,
S gheibh na h-uaibhrich bàirlinn.

Nuair theid Gladstone air an stiùir
Anns an riaghladh mar cheann-iùil,
Toisichidh gach ni as ùr,
Is cha bhi chùis mar bhà i.


TUIREADH

nighinn air son a leannain ann an tir Phictou.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D. D.

LUINNEAG.
Thug mi gaol, gaol, gaol,
Thug mi gaol don fhear bhàn,
Thug mi luaidh dhuit a ghaoil,
Och chan fhaod mi bhi slàn.

Och is mise tha fo leòn!
S mi na mònar an tràth s’;
S cruaidh leam aobhar mo bhròin,
Fhuair mo Dhònallach bàs!

Shiubhlainn leat air feadh an t-saoghl
S luchd mo ghaoil air mo chùl;
Nam biodh tusa ri mo thaobh
Bhithinn aotrom fo shunnd.

Shiubhlainn leat air muir is tìr,
Feadh nan Innseachan thall;
Nam biodh tusa na mo chòir
Cha bhiodh leòn orm no call.

Ach a nis bhon chaidh tu eug
Bidh mi deurach do ghnàth;
Och! is trom air an fheur
Bhios mo cheum h-uile .

Ged a sheasas mi aig tuaigh,
S brònach truagh leam an t-àit;
Cha bhi choinneamh ud ach cruaidh,
S tusam fuar-ghlaic abhàis.

A nionaga nan leadan donn,
Feadh nan tom so tha tàmh,
Deanaibh maille rium co-bhròn,
Oir cha bheò fear mo ghràidh.

O! nach gabh sibh riumsa truas,
S mi gu truagh air mo chlaoidh,
Cosmhuil ris a chaillich-oidhch’,
Feadh na coilltean a caoidh.

A nigheana na Beinne Guirm,
Cha chuis-fharmaid mi féin,
Bhon nach faic sibh fear mo ghaoil,
Ri mo thaobh air an fhéill.

Nuair a bhios mi ann am shuain,
Bidh mi bruadar gun tàmh
Air an òganach shuairc,
Bha na buaisle na càch.

Chuir mi umam culaidh bhròin,
Ged bu neònach an gnàth;
S tha mi cianail gu leòr
Ged nach eòl sin do chàch.

Tha mi fàsgadh nan dòrn,
Air mo leòns air mo chràdh,
Bhon nach dfhuair mi bhi pòsda
Ri òigear mo ghràidh.


MAIRI LURACH.

LEIS AN URR. D. B. BLAR, D.D.

LUINNEAG.
! mo Mhàiri lurach,
S tu mo Mhàiri ghrinn,
! mo Mhàiri lurach,
S tu mo Mhàiri bhinn,
! mo Mhàiri lurach,
S tu mo Mhàiri ghrinn;
Mhàiri bhoidheach laghach,
S tu mo roghainn fhìn.

Nuair a théid mi dhfhuireach
Anns a choille mhoir,
Bidh mi aoibhneach, subhach,
Aighearach gu leoir,
Ma bhios Mairi mar-rium
Teichidh gal is bròn;
Cha bhin aimsir fada
Gabhail thairis oirnn.

O! thig leam don fhàsach,
Fàg do mhuinntir féin;
Tir do bhreith is tàraich,
Fàg sin air do dhéidh.
Ged a bhiodh o cruaidh leat
Sgaradh uath gu léir,
Na cuireadh e ort smuairean
Dol thar chuan leam féin.

Thig air falbh gun dàil leam,
Fag do mhàthair chaomh,
Do phiuthar is do bhràthair,
Tuile chàirdean gaoil;
Is thig leamsa thairis
DhAmeirig nan craobh,
Tir ro ghreadhnach fharsuinn,
Ged nach faicear fraoch.

S truagh nach robh thu, Mhairi,
Leamsan fhàsach thall,
Feadh nan coilltean dlùths an
Dùthaich tha gun cheann.
Cha bhiodh bròn no airsneal
Orm, no fadal ann;
Nam biodh tusa làmh-rium
Bhithinn slàn gach àm.

Ach mar déid thu leam-sa,
Bidh mi tùrsach trom;
Cha bhi gean no sunnd orm,
Bidh mi ciurrtam chom;
Chaoidh cha seinn mi òran,
Luinneag, ceòl, no fonn.
Ni do ghaol ro shearbh mi
Mur a falbh thu leam.

Iona, July 29, 1851.


The Canadian Bank of Commerce
RIS AM BHEIL AIR AONADH
THE HALIFAX BANKING COMPANY.

Earras Paidhte $8 ,700,000
Airgiod Taimh 3,000,000

ARD OFIS, TORONTO.

AN T-ONORACH DEORSA A. COX,
Ceann-Suidhe.

B . E. WALKER,
Ard Mhanager.

Ofis an LUNNAINN (Sasunn) aig 60Lombard St., E. C.
S. CAMERON ALEXANDER, Manager

Ofis an NEW YORK aig 16Exchange Place,
WM. GRAY agus H. B. WALKER, Agents.

Tha ceud is ceithir meur dhen Bhanca so air feadh Chanada is nan Staidean Aonaichte, am measg am bheil an àireamh a leanas anns na Roinnean Iochdrach.

HALIFAX , H. N. Wallace, Manager.
Amherst Antigonish Barrington
Bridgewater Canning Lockeport
Lunenburg Middleton New Glasgow
Parrsboro Sackville St. John
Shelburne Springhill Sydney
Truro Windsor

Gach seorsa gnothuch banca.
Ceannaichear is reicear airgid is notaichean Breatunnach.
Gheibhear Litrichean Creideas dem faodar feum a dheanamh ann an cearna sam bith dhen t-saoghal.

BANCA CAOMHNAIDH.
Tha Banca Caomhnaidh a nise fosgailt aig gach meur dhen bhanca.
Gabhar suim sam bith air riadh, eadhon suim cho beag ri aon dolar.

Meur ann an Sidni.
P . C. STEVENSON, Manager.


ANNS AN STOR UR
LE STOC MOR DE DH
Uaireadairean, de Sheudans de Ghloineachan Sula
ANN AN TOGALACH MHIC GUAIRE
air Sraid Shearlot.
K . Bezanson,Stor Sheudan agus Ghloineachan Sula.


[Dealbh]

Bidh fior chomhfhurtachd agadnad dhachaidh nuair a bhios gach airneis us grinneas air a thaghadh le rian agus tuigse. Aguss en ceud ni is coir aire fhaotainn am brat-ùrlair a theid air na seomraichean. Gheibh thu againne
Brat-urlair is Airneis
dhe na seorsachan as fhearr, agus gach ni eile air an cuir thu feum air son breaghachd do thaighe.

Cuir a dhiarraidh Leabhrain anns am bheil gach ni a tha sinn a creic air ainmeachadh. Paighidh sinn faradh do chearna sam bith de Cheap Breatunn.

Gordon & Keith, A. T. GRANT, Manager.


SYDNEY & LOUISBURG RY.

TIM CHLAR.

A toiseachadh Di-luain an 15mh latha de dhIun, bidh na treineachan a ruith mar a leanas:—

A fagail Louisburg aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 7.59 a. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 8.35 a. m.

A fagail Shidni aig 7.00 a. m., Glace Bayaig 9.43 a. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 10.35 a. m.

A fagail Louisburg aig 5.30 p. m., Glace Bayaig 6.21 p. m., ’sa ruigheachd Shidni aig 7.00 p. m.

A fagail Shidni aig 8.00 p. m., Glace Bayaig 8.43 p. m., ’sa ruigheachd Louisburg aig 9.30 p. m.

A ruith mar so gach latha ach Di-domhnaich.

J. R. MAC IOSAIG, Traffic Manager.


Mac-Talla.
Air a Chur a Mach Uairsan Da Sheachduin.

A PHRIS.
Bliadhna, $1 .00
Tri Miosan, .30
Sia Miosan, .50

Cuirear am paipear air a phris so gu luchd-gabhail an Canada, anns na Staidean, agus ann am Breatunn. Cuirear e gu luchd-gabhail ann an New Zealand, ’s an duthchannan cein air-son $1 .26. no 5s. 3d. ’sa bhliadhna. Thaphris ri bhi air a phaigheadh toiseach na bliadhna. Biodh gach litir is eile air a seoladh gu
PUBLISHERS MAC-TALLA,
Sydney, Cape Breton.

titleIssue 9
internal date1903.0
display date1903
publication date1903
level
reference template

Mac-Talla XII No. 9. %p

parent textVolume 12
<< please select a word
<< please select a page