[1]

[Vol . 2. No. 1. p. 1]

MAC-TALLA.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-ATHAIRNE, IULAIDH 1, 1893. No. 1.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIDHEACHD AN NASEACHDAINN.

Oiche Di-ciadinn, air an t-seachdain sa chaidh, bha coignear dhaoinogabhag ionnsachadh a bhi nan dotairean, a seoladh le bata beag air AbhinnL Assomption air son cridhealas dhaibh fein. Chaidh am bata thairis, agus bha iad uile air am bathadh ach aon fhear.

Tha seann duine coir a fuireach aig Amherst, N. S., aig a bheil coig duine fichead cloinne. Than duinnes sinne leth-cheud bliadhna sa coig a dhaois, ’s an duines oige tri miosan. Tha e na dhuine teoma, tapidh, a tha deanamh beolaind mhath le bhireic innealan-ciuil.

Chaidh Seumas Larkin e mhuinntir Eilean a Phriunnsa a mharbhadh leis a charbad-iarrinn aig Greenville, Maine, an la roimhe. Bha e fiachinn ri dhol air bords an carbard air ghluasad. Thuit e fodh na cuibhlichean, agus chaidh a dha chois a ghearradh dheth. Bha e coig bliadhna fichead a dhaois.

Tha fiosan a Manitoba ag innse gu bheil am barr moran nas adhartiche na bha e mun am so an uiridh. Chas n-eil cion uisge a deanamh milleadh an cearna sam bith dhen duthich. Tha na duchannan iar-thuathach air fad air an t-slighe gu bhi air an aiteachadh gu h-iomlan am beagan bhliadhnachean. Tha corr us ceithir ceud mile acaire fearinn fodh bharr air an t-samhradh so air nach deachidh sgriob dhen chrann riamh roimhe.

Tha teas anabarrach ann o chionn beagan laithean agus than talamh gu sgaineadh leis an tiormachd. Cha mhor gu robh uisge ceart ann air an t-samhradh so. Ged a bha frasan briagha ainn toiseach na seachdain sa chaidh, tham fiars am barr a nis cho feumach air uisge sa bha e riamh. Mur dig e an uine ghoirid bidh a bhliadhna sa tighinn nas fhaidair ais na bha bhliadhna chaidh seachad, ged a bha sin dona gu leor. Ach bidh sinn an dochas gun dig an t-uisge am beagan uine agus gum bi gach ni a tha fas air urachadhs air a neartachadh. Ged a than tiormachd cho mors na aiteachan so, tha Manitobasan Iar-thuath a mealltinn side a tha gle fhabharrach don bharr. Than t-uisgesan t-side bhlath a tighinn ma seach air chors gu bheil coltas fior mhath air gach ni.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal.

Aig aite ann an Quebec ris an abrar St. Joseph de Levis, ghabh fear Ioseph Morency gu dona air a bhean agus an sin loisg e oirre le dagas mharbh e i. Chuir e da pheileir troimhceann. Cha n-ei ach mu shia seachdainean on phos iad, ’s cha robh ise ach sia bliadhna fichead a dhaois. Thug esan e-fhein as agus bha daoine dhen bharail gun do bhath e e-fhein, ach fhuaireadh e an deigh singa fhalach fein ann am mulan feoir. Tha e nis air a dhunadhsa phriosan a feitheamh ri bhi air fheuchinn leis an lagh.

Tha lan am aig na tuathanich a bhi sealltinn a mach air son daolagan a bhuntata. Bha na biastagan so gle lionmhor an uiridh agus rinn iad call mor an iomadh aite, achs suarach na rinn iad an taca ris na ni iad air a bhliadhna so ma gheibh iad toiseachadh ceart mun cuirear bacadh orra. Chan eil iad coltach ri gaisidhean eile a bhios a tighnn air barr, bliadhna airs bliadhna eile dheth, ach aon uairs gum faigh iad greim air aite leanidh iad air o bhliadhna gu bliadhna, agus chan aithne dhuinn gun dfhuaireadh an aite sam bith innleachd air an sgrios cho buileach aon bhliadhnas nach do thog iad an ceann a rithist an ath bhliadhna: ’Sen aon rud a chuireas grabadh orranan obair chronailParis Greenair a mheasgnachadh ann an uisge, ’s air a chrathadh air barr a bhuntata, Tha e na phuinnsean laidir ach le bhi faicilleach cha dean e cron sam bith air duine bhios ga chur gu feum, agus cha mho a ni e cron sam bith air a bhuntata fhein. ’S coir do gach neach aig a bheil buntata a fas a bhi air fhaicill, agus, cho luath sa nochdas na daolagam an cinn, cur as dhaibh air an doigh as fhearr a dh-fhaodas e. Gabhidh e saothir mhor agus moran uine gu so a dheanamh, ach tham buntata na phor ro phriseil air son a leigeil seachad.



[2]

[Vol . 2. No. 1. p. 2]

GAOL GAIDHEALACH.

SGEULA FIRINNEACH.

Le Naill MacLeod,

III.

“ ’S iomadh car a dhfhaodas
Tighinn air na fearaibh.
Theagamh gun gabh iad gaol
Air an te nach fhaigh iad.”

Anns an earrainn mu dheireadh den sgeula so dhfhag sinn Domhnull agus Seonaid anns abhata, atogail a mach bho thir, air oidhche ghruamaich, le cuan borb agus iorguilleach air thoiseach orra. Bha sinn aguidhe soirbheis chiuin agus fhabhoraich a bhi cur leo a chum achala gus am bu mhiann leo dol. Ach cha bann mar sin a thachair; cha robh iad ach beagan mhilltean bho thirn uair a dheirich gaoth laidir agus doinionn shearbhn an aghaidh.

Bha iad acathachadh gu treun ri neart na fairge car uine, Domhnull acumail am misnich suas cho maths a dhfhaodadh e, ach mu dheireadh beiginn geilleadh, agus ruith leis aghaoith, ge be taobh a thogradh i an cur.

Bha iad mar sin air an iomain air falbh le neart na fairge, na neoil ghruamach os an cionn, na tuinn nam meallan gaireach abeucail mun cuairt dhoibh le buireadh fiadhaich. Bhan oidhche cho dorchas gun do chaill iad an cursa, agus bha eagal orra gum faodadh iad bualadh air na creagan agus a bhi air an call. Bha fios aca, ’thaobh an rathaid a bhaghaoth, gur e na Hearadh, no Leodhas, a cheud fhearann a bhuaileadh iad.

Tha micreidsinn nach robh inntinn Dhomhnuill agus Seonaid gle fhoiseil an oidhche sin; bha dochas agus eagal a cathachadh an agaidh a cheilen am broilleach. Cha robh eagal air bith air Domhnull, ach a thaobh Seonaid, bha fios aige gur ann le gaol gun cheilg dha fein a dhfhag i a dachaidh bhlath agus phailt, a cairdean agus a luchd-eolais, atilgeadh a chrannchuir maille ris-san, anns gach cruaidh-chas a dhfhaodadh tighinnn an aghaidh; agus dhearbh acheud oidhche nach robh iad gu bhi ainmig no faoin.

Bha brathair athar Seonaidn a Bhaillidh anns na Hearadh agusn uair a dheirich muinntir an taighe aiges amhadainn an deigh na h-oidhche air am bheil sinn abruidhinn, chunnaic iad bata beag ann an coltas eiginn ateannadh ri tir. Ruith am Baillidh agus cuid eile dhen teaghlach aige thuna chladaich, agus ciod bu mhochuir a dhioghnadh air aBhaillidh na Seonaid nighean a bhrathar feinfhaicinn anns abhata. Bha fios math aige gun robh Domhnull agus Seonaid suas ra cheile, agus thuig e air ball mar a bhachuis, gur e teicheadh a rinn iad. Chaidh neart thar cheart; cha robh ann ach a toirt bho Dhomhnull agus a glasadh ann an daingneach laidir dhen tigh, gus am faigheadh e cothrom air fios a chur guh-athair mar a thachair. Chunnaic Domhnull nach robh math dha toiseachadh le laimh laidir aig an am sin, agus cha robh aige ach, ’n uair a thainig beagan ciuine, air an latha sin fein, aghaidh a chur air Eilean-a’ -cheo, gun bhean gun leannan.

Ach fhuair eghob a chur ann an cluais Seonaid mun do dhealaich iad agus a radh rithe misneach mhath a bhi aice, nach rachadh aghrian fodha da uair gus am faiceadh irithist e.

Cha robh aig Seonaid ach a bhi ag amharc an deigh birlinn Dhomhnuill agusa seinn.—

Ma chaidh thu timchioll air an rudha,
Bidh mi dubhach as do dheigh,
Gus an cluinn mi thu bhitighinn
Gu robh gach slighe dhuit reidh.”

Bioghnadh leo an ath mhadainn ann an tigh athar Seonaid, cho fads a bha i gun eirigh, agus chaidh a mathair a dhfhaicinn ciod a bha cearr, ach cha robh air thoiseach oirre ach leabaidh agus seomar falamh: Seonaid cha robh ann. Chaidh fios do gach tigh agus baile, gun robh Seonaid air chall.

Bha neach eiginn a bha mach anmoch a thuirt riutha, gum fac e batafagail achladaich eadar uair agus da uairs amhadainn, Thug sinn iad gu chomh-dhunadh gur e teicheadh a rinn Seonaid, ach bha fios aca air cho fiadhaichs a bhan oidhche, agus an rathad a bhaghaoth, nach burrainn daibh an t-Eilean-Sgiathanach a dheanamh dheth. Dhfhalbh daoines eich air gach rathad, dhfhalbh a brathair le each agus rinn e air Caolas-na-Hearadh, afeoraich dhe gach neach a bhatachairt ris, am fac iad an leithid de sgiobatighinn an rathad.

Fhuair e fios mu dheireadh gun robh Seonaid gu seasgair, blath, ann an tigh bhrathar-athar. An uair a rainig e, cha bi an fhailte chairdeil a chuir e oirre. Thill e dhachaidh ann an cabhaig a dhinnseadh dhan teaghlaich gun robh i beo. Bha e dol a thilleadh an ath latha ga h-iarraidh, agus e ann an lan bheachd gun robh teicheadh Seonaid aig a cheann, agus gun dfhuair i am paileas deth.

Ged a chaidh Domhnull dhachaidh cha bann gu cadal air achuis; an rud a chuireas am fior Ghaidheal roimhe, chaneil e soirbh a chur as a cheann. Agus tha da ni anns nach robh Gaidheal math riamh air dheireadh, s e sin, gaol agus gaisgeadh; aguss tric a bha an dara h-aon dhiubh ag arach an aoin eile. Ach ged a tha gaolna ghaol, ’s iomadh draghus tuasaid a rinn e anns an t-saoghal, agus fhuair Domhnull agus Seonaid an cuid fein dheth.

Ach dhfhaodadh iad a radh mu a cheile le firinh, mar a thuirt Mac-Mhaighstir-Alasdair mun Phrionnsa
Ged spionadh sibh an cridhasainn,
S ar broillichean a sios a shracadh.


A CHARAID
Ma tha thun duil dad a leughadh nosgriobhadh ruig
Stor-LeabhricheanIc Fhionghain.
ri taobhTalla na Siorrachd,” (County Hall) ,far am faigh thu
Leabhrichean agus Paipearan dhe gach seorsa,
cho saorsa gheibh thu an aite sam bith.


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh. Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1883.



[3]

[Vol . 2. No. 1. p. 3]

Cha toir sibh usainn Tearlach
Gu brath gus an teid ar tachdadh.”

An oidhche sin fein fhuair Domhull iasad de bhata mor, comasach, agus chruinnich e deich-ar-fhichead de ghilleen oga cho sgairteds a bha eadar da cheann an Eilein. Thog iad na siuil ris an iubhraich gu h-aighearach, agus mhionnaich iad nach tilleadh duine beo dhiubh, agus nach fagadh iad clach gun tionndadh eadar am Buta-Leodhasach agus ceann Bharraidh, gus am faigheadh iad Seonaid.

(Ri Leantuinn)


Turus a Mharaiche.

Nuair sgaoileadh a naidheachd, ghreas Sgrioban-an-oir null agus thubhairt e riTalamh Dearg:” Ciod so tha mi cluinntinn umad? Saoil thu gun dean thu tuilleadh airgiod ann an tir choimhich? Oir gu cinnteach ni saoibhreas sgiathan dha fein: Fhreagair Talamh Dearg. “Tha mi sireadh saoibhreas maireannach agus fireantachd.” ’S fearreun san laimh na dithissa choill arsa Sgrioban-an-oir— ’s e gliongan aich an airigiodna phocaid.

Ach tha Babilon gu bhi air a sgrios, fhreagairTalamm Deargmairidh mamsa agus t-amsa mo nabuidhTalamh Deargach se uine airigiod, uime sin beannachd leat.

Ruith e tarsuinn an t-sraid chum failte chuir air bean a chridhe chruaidh a thainig chum malairt ris.

Dhinnis Sgrioban an oir dhi mu thiomchioll Talamh Dearg. Fhreagair ise, “Chreid mi riabh nach robh ann ach leith-chiallach; nis tha mi cinteach as.” Aig beul na h-oidhche dh-feuch Talamh Dearg rithisd ri impidh chuir air cuid eile Babilon fhagail.

Nuair a thagair e ri chairdean a reir na feola, thoisich iad uile a dhaon ghuth air an leithsgeul a ghabhail. Ben aon duine a dh-eisd ris gu toileach gille og da mainn Dearsadh a choinnich ris a tighinn a mach a buth fear nan cungaidhean. Nuair chuala Dearsadh iomradh air aiseag saor do thir eile, chuimhnich e air fear creideis araidh a thubhairt ris gu tric. “Paidh dhomh sin a thagam ortagus do bhrigh nach robh aig ni leis an dioladh e, thug e cluais da briathran Talam Dearg.

Ach cha ghealladh eadhon Dearsadh leantuinn ach as deigh beagan laithean mar so thachair ach a mhain a bheansa clhann gum b-fheudar dha Talamh Dearg dol a mach na aonar a giulan a mhaslaidh-san.

*Do ’n leughadair, ’san Eabhra ses brigh dha AdhamhTalamh Dearg.


Tha Uilliam Caimbeal, Seaforth, Ont., a sgriobhadh; “Badh cuimhne mhath agam air an la a fhuair mi ur leigheas fiachail. ’S en aon leigheas a rin n feum dhomh riabh. Reic mi K. D. C. rin feadhinn eile a thag radh gun do leighis e iad.


Litir Chabair-Feidh.

Chan eil moran naigheachdan agam ri thoirt dhuibh air an t-seachduinn so oir tha na coinneamhan Gaidhealach an ire mhath seachad airson na bliadhna agus tha na h-uile Gaidheal aig am beil an cothrom a toirt sgriob do thir an fhraoich a dhfhaicinn nan seann chairdean, agus a dhfhaotainn urachadh agus neartachadh bodhaig, ni air am beil mor fheum aig neach sam bith a tha gabhail comhnaidh anns a bhaile mhor so. Tha mi gle thoilichte litir fhaicinn bhoMac Dhananns an aireamh mu dheireadh a fhuair mi agus tha min dochas gun gabh na Gaidheil anns gach cearn an eiseamplair mhath a thug e dhaibh, air doighs gum bi urrad a litrichean a tighinn thugaibh bho gach taobhs nach bi duilgheadas sam bith agaibh ann a bhi lionadh gach taobh-duilleag de MHAC-TALLA le naigheachdan Gaidhealach, eadhon an deigh dhuibh a mheudachadh mar a tha sibh a gealltuinn. Ach carson nach dinnisMac Dhandhuinn tuilleadh mu dheighinn gnothaichean Gaidhealach ann an Louisburg? Bhitheamaid toilichte chluinntinn den aireamh de luchd-bruidhinn-Gaidhlig a thanns a bhaile sin, agus de na doighean a tha iad a cleachdadh gu bhi cumail suas an cainnt. Bheireadh naigheachdan den t-seorsa sin misneachd dhaibhsan a tha deanamh an dichioll air a bhi cumail suas cainnt agus cliu an sinnsear, agus chitheadh an saoghal nach eil sinn idir cho faisg air a bhass a tha moran a feuchainn ri dheanamh mach. Bheireadh e mor-thoileachas dhomh nam bitheadh na facaill so nam meadhon air a thoirt air cuid der leughaidearain an laimh a chuir ris a pheann. Chan eil fhios againn des urrainn duinn a dheanamh gus am feuch sinn.

CABAR FEIDH.
Lunnainn, 10-6- 93.


Gle Neonach.

Bha dithis thuathanach ann air am araidh aig nach robh ach each an t-aon, agus bha e na chleachdadh aca bhi deanamh an cuid treabhaidh am pairt, bhiodh iad an diugh, mar gum beadh, a treabhadh fearann aon fhear, agus am maireach fearann an fhir eile. Latha dhe na laithean thug fear de na tuathanich, fanear nach robh an t-each aige fein faisg cho coltach no cho reamhar ri each an fhir eile. Chuir so uiread iongatais airs nach burrinn dha gun fheorach, “Co air a tha thu biathadh t-each a Dhomhnuillnuair a tha e ann an coltas cho math seach meach-sa?” “Tha misarsa Domhnull, “a biathadh meach a h-uile geamhradh air arbhar air dhroch bhualadh.” “Ma ta,” ars am fear a chuir a cheist, “tha mise biathadh meach air arbhar air a bhualadh cho math as ghabhas e, agus ged a tha, tha e nas caoile na t-each-sa. ’S e rud as neoniche chunna mi ramh!”


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdas e uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth-dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.



[4]

[Vol . 2. No. 1. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimhn am sin.

Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

S e Mac-Talla an aon phaipear Gailigan America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J. G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 1, 1893.

Tha Deorsa, Diuc York, an aona mhac a tha beo aig Priunnsa Wales, gu bhi posda toiseach a mhiosa so, ri Ban-phriunnsa Mairi, a Teck, a cheart te a bha a bhrathir, Albert Victor, a dol a phosadh mur biodh gun dug am bas air falbh e. Chuir bean ard-riaghladair Chanada fios gu mnathan na h-ard fhlaitheachd air fad ag iarridh orra airgiod a chuir cruinn gus gibht bainnse a cheannach don bhan-phriunnsa. Cha n-eil baile mor no beag an Canada nach eil na mnathan an deigh suim a dheanamh suas air son an aobhir sin agusnuair a theid an cur uile cruinn, ni e sporan math airgid. Chuir baile Halifacs leis fhein tri cheud gu leth dolair ann. Cha n-eil fhios fhathast deghibht a bhios ann, ach tha fhios gum bi e na ni cho taitneachsa ghabhas faotinn, agus gum bi e lan fhreagarrach air a bhinochdadh amheas a tha aig muinntir Chanada air fad air a bhan-phruinnsa, a dhfhaodas, an ceann bheagan bhliadhnichean, a bhi na suidhe anns a chathir rioghail.

Chan eil an trioblaid a bha eadar Newfoundlands na Frangich thairis fhathast. Chan eil tuaireap sam bith a bristeadh mach an drasda; ach tha cuisean cho feumach air an reiteachadhsa bha iad riamh. Tha Sir Uilleam Whiteway Priomhair an eilean a dol a null do Bhreatuinn air an t-samhradh so a dhfheuchinn an urrinn dha toirt air an luchd-riaghlidh cordadh eigin a dheanamh ris na Frangich a bheir riarachadh don da phairtidh. ’Se sin ni nach bi ro fhurasda dheanamh mur ceannich Breatuinn na Franaich a mach a Newfoundland gu buileach, le pios fearinn a thoirt dhaibh an cearn eile dhen t-saoghal. Tha de dhfhearann aig Breatuinn an Africas an Asia, ’s an eileanan a chuains nach fhairicheadh i bhuaipe na thoilicheadh na Frangich, cho gionachs ga bheil iad. Agus dh-fhaodadh i sin a thoirt dhaibh a maireach, aite anns nach eil iasgair no tuathanach no fear eile gus a ghuth a thogail na h-aghidh. Chan eil teagamh nach e sin a chi i iomchuidh a dheanamh, agus mar sin bidh i aig sith ris na Frangich, agus i aig a cheart am a gleidheadh sith na tigh fein.

Tha am MAC-TALLA a nis air toiseachadh air bliadhna ur. Tha e dha uireadsa bha e roimhe, ’s a dha uiread leubhidh ann. Tha sinn an dochas gun cord e ri ar luchd-leubhidh a dha fheabhassa bha ecordadh riu roimhe, agus gum bi iad lan dheonach air a phris a tha sinn ag iarridh air a phaigheadh. Tha gu leor de Ghaidhil san duthich so gus paipear Gailig a chumail suas, agus ma chuirreas iad sin failte chridheil air a MHAC-TALLA, ’s gun gabh iad ris gu caoimhneil, ’s gum boidich iad a chumail suas, ni sinne ar cuid fein le bhi feuchinn ri dheanamh cho maths bu choltach dha a bhith, lan de naigheechdan an t-saoghil, s dhe gach leubhadh eilebhios taitneach ler luchd-leubhidh. Tha sinn an dochas mar an ceudna nach fhada gus am bi am paipear air a chur an uidheann nas fearr, le clo ur, us paipear math, laidir, agus theag amh mun teid an samhradh seachad gum bi enar comas ur am paipear mheudachadh an darra h-uair. Tha so aginnsam amharc agus tha sinn ag earbsa as na fior Ghaidhil air son cuideachadh. Tha sinn lan chinnteach nach leig iad leis an earbsa sin tuiteam gu lar.


Ann am paipear-naigheachd a thanig thuginn air an t-seachdain so tha sinn a leubhadh nam briathran a leanas mu chor na Spaine. So martha eg radh:— “Nach in duthich an Spain far am bheil na fir-lagha uile a diultadh car no cuirean oibreach a dheanamh! Am bheil ni air an talamh no anns na h-uisgeachan a tha fodhn talamh non aite sam bith eile a bheireadh air fir-lagha Chanada an mi ceudnadheanamh? Nan sguireadh iad de dhobair am maireachs gum fanadh iad nan tamh fad linn no dha, bhitheamid nar sluagh cho sonas cho fortanachsa tha beo.”


LeighsidhMinard ’s Linimentlosgidhean.


C . B. TRAVIS,
SYDNE,Y C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


THA
STOR SAOR SHIDNI
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.

Breacan Dheiseachan $0 .05
Aodach Dheiseachan .13
Bannan-Braghaid, as fhiach $5 .00 1.00
Aodach triubhis .27
Nelsons Liniment (25c.) .15

Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.

Bruidhridh na cleirich Gailig.



[5]

[Vol . 2. No. 1. p. 5]

Call naVictoria.”

Air Dior-daoin, an darra latha fichead dhen mhios sa dhfhalbh, rinneadh call cho mors cho uamhasachsa rinneadh riamh air cuan. Chaidh aVictoria, aon de na soithichean-cogidh bu bhriaghasa bfhiachaile bhan cabhlach Bhreatinn, a chur do ghrunnd a chuin faisg air Syira, le corr us ceithir cheud duine dhe na bha air bord. Bha cabhlach de shoithichean-cogidh Breatunnach a tighinn a stigh gu baile Tripoli ann an Siria. Bha iad a deanamh direach air an acarsaid, aVictoria san teis-meadhon, an Camperdown air an laimh chli, ’s an Edinburg air an laimh dheis. Nuair a bha iad mu choig mile bho tir thug an t-admiral ordugh dhaibh tionndadh mun cuairt agus a dhol nan sreathan an deigh a cheile, da long anns gach sreath. Bha mar so aig aVictorias aig aChamperdown ri dhol beagan air thoiseach air cach agus tionndadh mun cuairt. Bha iad cho dluth dha cheiles nach do chreid ceannard na Camperdown gur e tionndadh a bha air iarridh orra, oir tha e gle dhuilich a dheanamh nuair a tha na longan faisg air a cheile, agus gle chunnartach. Thoisich an Victoria co-dhiu air cur mun cuairt air ball, agus nuair a chunnic an Camperdown sin thoisich i-fhein, ach anns an tionndadh bhual a sron le neart gabhidh ann an cliathich na Victoria farm bu laige an comhdach-crnadhich, agus rinn i toll mor oirre farn do thoisich an t-uisge air dortadh a stigh. Tharruing an da shoitheach o cheile cho luathsa ghabhadh sin deanamh. Bha na soithichean eile direach air an cul agus mur biodh tapachd nan ceannardan bha na soithichean uile air a bhin sas na cheile. Tha e coltach nach do thuig aon sam bith gu robh an Victoria air a milleadh cho dona sa bha i. Bha na batichean a falbh o na soithichean eile gus na daoineshabhaladh, ach chuir an ceannard fios dan ionnsidh mach robh feum orra. Chaidh smuid a chuir rithe gus a toirt tir nam burrinn daibh; tha e na riaghilt an luingeas-chogidh Bhreatuinn, nuair a theid long a mhilleadhsi faisg air tir, gum bi a h-aghidh air a chur ri tir air ball, gus ma theid i fodha gum bi e nas fhasa a togail a rithist. Lean a Victoria air ruith fad dheich mionaidean, agus fhuair i mu dha mhile na bfhaisge air tir, ach an uair sin, mar gum bann am priobadh na sula, chaidh a toiseach fodh n uisge agus thoisich i air a dhol sios. Thachir so cho grads gu robh moran dhe na daoine air an dunadh gu h-iosal agus air am bathadh an sin. Bha chuid bu mho dhe na bha air clar-uachdar na luinge air an tilgeadh don uisge. Lean na h-innealan a bha cur na luinge air falbh, air obair, agus bha na propellers aig deireadh na luinge a dol mun cuairt le luaths an dealanich, agus nuair a bha iad aig uachdar an uisge bha iad aga tharruing sios leotha maille ris na daoine truagha a bha fiachinu ri iad fein a shabhaladh. Bha na cuibhlean mar so a dol mun cuairt agus bha gach aon a thigeodh nan coir na bhloighdean. Bha casan us lamhan nan daoine bochda air an tilgeadh fad as cionn an uisge, agus iad air an dath dearg le fuil. Fa-dheoidh bha an luing air fad air a slulgeadh sios gu buileach agus sguir an obair bhasmhor so agus thugadh air falbh an sealladh graineil a bha cur gaoir am feoil na h-uile bhag amharc air. Ach iadsan nach robh aona chuid air am bathadh, no air am marbhadh leis na cuibhlean-putidh, bha aca ri dhol troimh chunnart eile cho uamhasach ri aon dhiubh. An deigh dhan luing a dhol fodha, bhruchd an t-uisge stigh air na teintean, agus spraidh na h-innealan le fuainn tairneanich, agus sput an t-uisge goileachsan smuid a mach as a chuan agus fhuair iad-san a bha fhathast beo iad fein a snamh ann an uisge sgalldach. Cho luath sa chunnacas air bord nan soithichean eile gu robh aVictoria dol fodha, bha na batichean uile air an cur a mach, ach leis mar a bha i tarruing an uisge leatha, cha burrinn daibh a dhol faisg oirre; ach bha iad a deanamh na dh-fhaodadh iad gus na thigeadh nan rathad a thearnadh. ’Si bharail choitchionn gun dfhuair corr us leth na chaidh a bhathadh as an luing, ach bha iad aona chuid air an tarruing don chuinneag-thuatheal a rinn i dol fodhas air am marbhadh leis na cuibhlean no air an sgalldadh gu bas. Eadar oifigich us daoine bha seachd ceud sa h-ochd deug air bord, agus dhiubh sin chaidh mu cheithir ceud gu leth a dhith. Chan eil cunntas air call cho mor, air doigh cho uamhasach a thachirt do long chogidh Bhreatunnach riamh roimhe. Gu ma fada mun tig a leithid a rithist!

Chaidh bathadh muladach a dheanamh aig Canoe Cove, an Eilean a Phriunnsa, Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Chaidh nighean bheag le Iain Mac Rath, aois thri bliadhna, dhionnsidh an fhuarain far an robh am baine ga chumail a cur an uachdir dheth, agus air dhith a bhi fiachinn ri ruigheachd air an uachdar thuit i an comhair a cinn dan uisge. Nuair a fhuaireadh i an ceann beagan mhionaidean bha i marbh. Chaidh gach ni a ghabhadh deanamh fhiachinn rithe, ach cha robh e gu feum sam bith.

Faisg air Hamilton, Ontario, an la roimhe bhan carbad-iarrinn a teannadh air Drochid Humber nuair a thanig duine na ruith dh-ionnsidh an rathaid. Nuair a bhan carbad gu bhi aige loisg e air fheins an sin thilg e-fein air an rathad. Chaidh an carbad thairis airs bha a cheann air a ghearradh dheth. Cha daithnicheadh an duine idirs cha n-eil fhios cia as a bha e.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGA

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN



[6]

[Vol . 2. No. 1. p. 6]

MAC-TALLA.

Litir Bheag A Boston.

A Charaid, —Tha mo dheadh bhana-charaide, bean Sheumais Dhomhnullich, maille rium fein, a cur moran bheannachd gu MAC-TALLA air son a chuid Gailig. Cha mhor nach do chaill ise cainnt a mathar gu tur bhon a thanig i gu Boston, ach tha i nisega h-urachadh gu math. Tha mi fein a deanamh mo dhichioll ris an t-seana chainnt, ach tha cion a bhiga labhirt a deanamh milleadh mor orm. Ach chan eil mi fhathast cho fad air ais ri muinntir eile air a bheil mi eolach. Bha mi air cheilidh air fear an oiche roimhe, agus air dhomh a bhig innse dha mu thigh a bha sinn a cur air doigh an taobh stigh le fiodh cruaidh, ’s ann a dhfheorich e a dhioin am be sinhard pine. Sin an doigh air a bheil cuid a call an cuid Gailig ged nach eil iad idir a faighinn a chuid as fhearr dhen Bheurla. Bha sibh a feorach o chionn ghoirid am biodh an luchd leubhidh deonach dolar a phaigheadh air a phaipear nan rachadh a dheanamh a dha uireadsa tha e. Tha mise aon fhear a tha lan dheonach air sin a dheanamh latha sam bith. Gu ma fada beo am MAC-TALLA!

Is mise bhur caraid,
TEARLACH.


Seadh, a Sheonaidars aon de na h-eildearanse air tachirt air seana bhean air an t-sraid, “na thaghil am ministeir ur ort fhathast.” “Thaghil,” arsa Seonaid. “Agus cia mar a chord e ribh?” ars an t-eildear. “Meadhonach, gle mheadhonach; chan urrinn dhomh moladh mor sam bith a dheanamh air.” “Agus car son nach urrinn?” “Tha air son so, ma ta, riamh on thanig e, tha eg urnigh air son an t-side dhol nas fhearr, agus an aiten t-side bhi dol nas fhearrs ann a tha e sior dhol nas miosa.”

Bha duine coir ann an Alba uair a chaill a bhean agus te dhen chrodh aig an aon am. Bha na nabuidhean a deanamh na dh-fhaodadh iad gu co-fhurtachd a thoirt da thaobh bas a mhna, agus bha dithis no triuir nam measg a thuirt ris gu robh e furasda gu leor do dhuine measail, beairteach, mar-a bha esan bean eile fhaotinn gun a dhol ro fhadaga h-iarridh. “O, gu dearbh,” ars esan mu dheireadh, ’s e air fas sgith dhuibh tha mi faicinn gu bheil sibh uile gle dheonach air bean a thoirt dhomh ach chan eil duine agaibh atairgse mart dhomh an aite na te a chaill mi.”

Tha e coltach gu bheil Canada gu bhi ainmeil air son a cuid caise. Aig feill an t-saoghil bha ceud us coig deug thar fhichead duais air a thoirt seachad air son caise agus bha iad so uile ach naoidh air an toirt do chaise Chanada.

LeighsidhMinard ’s Linimentcannabhrist.


Orain Thaghta Albannach,
FACAIL US CEOL.
Tri ficheadsa h-aon deug dhe na h-orain as fhearr ann an lebaharsam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church and Colborne Sts. Toronto, Can.


Tha comunn urrais beatha ann am Paris nach cuir airgiod-urrais air beatha duine sam bith a bhios a dath fhalt.

LeighsidhDr Fowlers Extract of Wild Strawberry,cholera, cholera morbus, gearrach agus a h-uile euslaint eile dhen ghne sin. A phris 35 cent.

Tha e air a radh gun cum aona phunnd de dharc duine air chudthrom cuimseach gun a dhol fodha san uisge. Faodidh so a bhi fior gu leor, ach theid lathas bliadhna seachad mun teid sinn feinga dhearbhadh.

ThaMRS . ALVA YOUNG, Waterford, Ont. ,a sgriobhadh, “Bha mo leanamh gle thinn leis an tinneas shamhridh, agus cha drinn ni feum dha gus na dhfheuchDr . Fowlers Extract of Wild Strawberry,a leighis e gun dail. ’Se leigheas cho mathsa dhfheach mi riamh.

Ann an Turkestan, nuair a tha duine air son a bhi air a dhealachadh o bhean chan eil aige ri dheanamh ach, a cheud uair a dhiarras i cead a dhol a mach, a radh rithe, “falbh,” gun iarridh oirre idir tighinn air ais a rithist. Ma leigeas e mach i uair sam bith gun iarridh oirre tilleadh, tha e mar fhiachibh oirre-se fuireach air falbh fhads is beo i.

ThaMinard ’s Linimentri reics gach aite.

Bi cuibhteas do dhroch stamag
mun tig an cholera, Leigsidh
K. D. C.
am miar as miosa dheth.
Cumidh e uat an cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


DR . WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.

A Phris 25c. us 50c. am botuil.


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[7]

[Vol . 2. No. 1. p. 7]

Mo Dhachaidh.

[Tha an t-oran so air a thoirt as a phaipear ghasda ris an abrarThe Celtic Monthly.The sinnga chlo-bhualadh air iarrtas caraide a thag radh mur a bardachd so nach fhacesan bardachd riamh. ]

AN T SEISD:—
Seinn hiribh O, hiuraibh O, hugaibh O hi,
So agaibh an obair bheir togail fo mchridh’—
Bi stiureadh mo chasan do mdhachaidh bhig fhin,
Air criochnachadh saothair an la dhomh.

Rachadh treun-fhir an cein an deigh sonaisus gloir;
Us poitearan gorachnan toir don tigh osd;
Biodh spiocairean criondagan iarraidhsan or.
Gheibh mise lan-sholas nam fhardaich.

Seall thall thar an aisig am fasgadh nan craobh.
Am bothan beag glan ud, ’se gealaichtle aol
Siod agaibh mo dhachaidh— ’si dachaidh mo ghaoil,
Gun chaisteals an t-saoghal as fearr leam.

Tha maise an aite ag ardacha luaich;
Tha sobhragans neoineanancomhdach nam bruach;
Tha tomanga dhionadh o shion an taobh-tuaith,
S mun cuairt air tha cluanagan aillidh,

Tha nadursan aitud a ghnathcur ri ceol;
Mur e smeorachsan duilleach, ’se uiseagsna neoil;
No caochan an fhuarain ag gluasad troimhn lon,
No Morag ri cronan don phaisde.

O, mo dhurachds mo bheannachd dhuit, bheanag na loinn.
Tha fritheal mu mfhardaichs ag arach mo chloinn;
Do chridhes do nadur gun ardan gun fhoill,
Ach caoimhneas aboillsgeadhnad bhlath-shuil

Air claradh don fheasgars mi seasgair fo dhion,
Mun cuairt air achagailt bidh aighear gun dith;
Na paisdean ri abhachds am mathair ri sniomh,
S mo cridh-sair a lionadh le gradh dhaibh.

Air falbh uam amhor chuis an t-or agus cliu;
Chaneil annta ach faoineasus saoibh-ghloir nach fhiu;
Chan fhagainn mo dhachaidhs bean chagair mo ruin;
Gu bhi sealbhachadh luchairt le banrighnn.


Sean Fhacail.

Is stuama duine richuid.
Is suarach an cairdeas a dhfheumas a shior-cheannach.
Is tearc each a dhiultas a mhuing.
Is tearc teanga mhin gun ghath air a cul.
Is tiughaidam brad a dhubladh.
Is fhearr eirigh moch na suidhe anmoch.
Is fhearr fuachd caraide na blaths namhaid.
Is fhearrfhiachainn nabhisan duil.
Is fearr lan an duirn de cheaird na lan an duirn de dh-or.
Is fhearr leisgeul salach na bhi gun leisgeul idir.
Duine gun rath gun seol, ’s coir a chrochadh; ’s fear aig am bi tuillesa choir, ’s coir a chrochadh.
Dheanadh e rud-eigin do dh-aon duine, ach is beag achuid dithis e’, mar a thuirt Alasdair Mor mun t-saoghal.
Dheanadh e teadhair den roinneig.
Cu an da fheidh, is minig a bha fhiadh air chall.
Clachagnam bhroig, deargannam mhuilchinn, caileannan fhiacail, ’s mo leannang am fhagail.
Chan e gogadh nan ceann a ni an an t-iomradh.
Chan en latha math nach tigeadh, ach an duine dona nach fanadh.
Chan e na chosnar a ni saibhir ach na chaomhnar.
Chan en tochradh mor a nin tiomnadh beairteach.
Chan eil air an duine gun naire ach duine gun nairethachairt ris.


Bha mis air mo leigheas de Bhronchitiss den chuing leMINARD ’S LINIMENT.
MRS . A. LIVINGSTONE.
Lot 5, P. E. I.

Bha misair mo leigheas de dhroch loinidh leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN MADDER.
Mahone Bay.

Bha misair mo leigheas de dhroch bhruthadh a rinn mi air mo chois leMINARD ’S LINIMENT.
JOSUA WYNACHT.

A charaid, ’nuair a leubhas tu am paipear so, cuimhnich gu bheil thuga ghabhail a nis o chionn corr us bliadhna agus nach do phaigh thu air a shon fhathast, agus cho luathsa smaoinicheas tu air sin cuir do lamhnad sporan agus cuir an t-airgiod thuginn gun dail. Faodidh tubhi cinnteach nach eil am paipear soga chur a mach fad bliadhna gun moran airgid a chosg, agus on tha thusaga ghabhails coir dhuit a phaigheadh. Dean sin ma ta, agus bidh sinn fada fadanad chomain.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son dolair gu leth.

Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dhiarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann amPolitics. ”Chan eil eg iarridh a bhisparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil edol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhen t-seorsa sin aig na paipearan eile.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.



[8]

[Vol . 2. No. 1. p. 8]

MAC-TALLA.

Guth bhon Chamus.

Than t-side anabarrach tioram agus rud-eigin fuar o cheann da sheachduin. Tha curam mor air na tuathanich gu lean an turadh agus gum bi am barr air a mhilleadh mar a bha en uiridh.

Cha deach a bheag de dhiasg a ghlacadh air achladach aginn air an t-samhradh so. Tha iasg ann an deagh phris agus tha dochas aginn gum faigh na daoinetha call na h-uine mu thimichioll beagan deth co-dhiu.

Tha duil mhor aginn ris an rathad-iarruinn a thighinn nis faisgoirnn. Tha cuisean acoimhead gle choltach cho fad so, ach tha e gle luath barail a thoirt aig an am so, oir“ ’S ioma atharrachadh a thig air an oidhche fhad fhoghair.”

ThaCaorstaidha smaointeachadh nacheil cearna sam bith dhen duthich air a sgeadachaidh cho briagha le Nadur aig an am so ri beannanus gleannan Mhargaree. Tha e gle nadurra dhisebhi den bheachd sin; ach tha fios agam nan tigeadh i nall don Chamus agus a sul a thogail suas ri Beinn-na-Guiseadaidh gu faiceadh i sealladh a bhiodh ro thlachdmhor leatha agus a chuireadh na cuimhne mar a thuirt Mac Mhaighstir Alasdair:—

A choill gu h-uile fo lan-duilleach,
S i na culaidh-bainnse.”

Lusan cubhraidh mach abruchdaidh,
S cuid dhuibh cul-ghorm bainn.dearg.”

“ ’S ceolar, eibhinn, barr gach geige,
S an eoin fhein a damhsorr’ .”

SEONAID.
Iun 28 la, 1893.


Feasgar Di-sathairnesa chaidh, bha duinog a mhuinntir Loch Ainslie, Iain L. Mac Fhionghain, air a mharbhadh aig Bathurst, New Brunswich. Bha e mach ann an carbad le paidhir each: ghabh iad eagal romh ni eigin agus theich iad air. Thuit e mach agus bha e air a leonadh cho donas gun do dheug e feasgar Di-luain. Cho luath sa chaidh a ghoirteachadh, chuireadh fios gu chairdean, agus chaidh a bhrathir suas Di-luain, ach mun dranig e bha e marbh. Thugadh a chorp dhachidh gu bhi air adhlacadh. Cha robh e ach na dhuine gle og. Bha e fad geamhridh a dol don sgoilsa bhaile so agus bhan sgribhadair gle eolach air fad na h-uine sin, agus faodidh eradh nach robh aon a bha eolach air nach robh fior mheasoil air, agus nach toireadh cliu dha air son cho faicilleachs cho curamachsa bha e na ghluasad. Chan eil aon de luchd-eolis nach bi ro dhuilich a chluinntinn mubhas.

LeighridhMinard ’s LinimentDeideadh.


A Fhleasgaich a Eilein an Fheoir.

LUINNEAG.

A fhleasgaich a Eilein an fheoir
Do chomhradh a fhuair mi,
Gheall thu fhads a bhiodh tu beo
Gum biodh do storas buan dhomh.

Innseam, cuim nach innsinn duibh,
An ni mun dug e fuath dhomh;
Oidhchebha sinnsa bhal dannsa
Mheall an gille ruadh mi.

Mheall thu mi le sugradh bath,
Char thu mi le ddhuanais.
Do chomhradh ciuin air chulaobh chaich
Ghraidh na bi ga luaidh rium.

Suil mheallach ghorm aig mo ghaol
S mala chaol gun ghruaman;
Bu tu beul meacharach nam pog.
S gum beolach airn toirt bhuam thu.

Gur math thig sud air mo ghaol
Fasan nan daoinuaisle,
Briog is ghrinn den chorderoi,
S facings oir mun cuairt di.

Nuair a theid am feileadh beag ort,
Breacanis crios guaille,
S mi gun siubhleadh leat a dhol
Do sheombar nan daoinuaisle.

Gur a misetha gu galach
S tha tamull on uair sin;
Chuala mi gun dug thu gealladh
Bhanarich na buaille.

Far och nan och mar tha min nochd,
S trom mosnaichs mi fo sumairein,
S mi gun fhios agam dem fath
Mu bheil mo ghradh an gruaim rium.

S bidh tu siubhal air gach bal,
A manran ris gach guragaich;
Miseg altromas do phaisd
S mo chairdean ann an gruaim rium.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


D. MAC ILLINNEAN,
TAILEIR,
SIDNI, C. B.

Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsas grinnesis fhearr, feitheamh rin cur gu feum. Duine sam bith a dhfhagas a thomhas aig MacIllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadails cho fasantasa gheibhear a aite sam bith.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. C. Mac Eachuin.

titleIssue 1
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 1. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page