[Vol . 2. No. 10. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 2, 1893. No. 10.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.
Ri aon de na stoirmeannan a bh’ann o chionn ghoirid rugadh air a dha dheug de bhatichean iasgich a St, Pierre faisg air Eillean Phoil, agus mur biodh tapach an fhir a tha cumail an taigh sholuis bha iad fein ’s na bha air bord, —mu dheich duine fichead, —air an call. Cho luath sa bha ’n stoirm seachd fhuair iad a dhol air an ais gu St. Pierre.
Bha Mr. Iain Camaran, a Ontario, ann an Sidni air an t-seachdain so a gabhail ainmean us airgiod air son paipearan a th’ air an cur a mach an Toronto air son a bhi nan cuideachadh do luchd ceannachd. Is Gaidheal Mr. Camaran a thanig a mach a Inbhirnis, ach tha e nise ri ceannachd ann an Ontario. Bha e gle bhuidheach de thurus do Cheap Breatuinn.
Chailleadh soitheach da’m b’ainmHarold, anns a Bhay of Funday Dior-daoin air an t-seachdain s’a chaidh. Dh-fhag i Sidni-a- Tuath deireadh na seachdain roimhe sin agus bha i air cladach a deas Nobha Scotia ris an stoirm. Fhuair i as gu tearuinte ach nuair a ranig i mu choinneamh Wolfville bha na tonnan cho garbh ’s gun do chuir i car dhith, a dol do’n ghrunnd leis a huile duine bh’ air bord.
Maduinn Di-luain s’a chaidh bha oifigeach soitheach air a thoirt gu cuirt aig Sidni-a- Tuath air son a bhi ri mi-riaghilt air an t-sraid. An deigh dha cain throm a phaigheadh, leigeadh ma sgaoil e, ach am feasgar sin fein chaidh a thoirt gu cuirt a rithist air son a bhi cluich nan cleasan ceudna, agus chaidh cain throm eile leagail air. Chan eil teagamh nach bi e na’s faicilliche ’n ath uair a theid e air tir.
Tha ’m bradan anabarrach pailt ann an an Columbia Bhreatunnach. Di-mairt air an t.seachdain s’a chaidh ghlacadh barrachd air na ghlacadh ann an aon latha riamh roimhe. Cha roth bata mach a rug air na bu lugha na coig ceud iasg, agus bha moran a rug air corr us mile. Chan eil na h.iasgairean comasach air feum a dheanamh dheth uile le cion salainn. Leag am pailteas so a phris air ball, agus an diugh gheobhar aireamh sam bith de na bradain air coig sentichean am fear.
Oiche Di-haoine air an t-seachdain s a chaidh, aig Souris, P. E. I., bha seoladair a mhuinntir Gloucester, Mass., air a leon gu dona le seoladair eile. Bha seoladair eile air a dhroch ghoirteachadh le claich a chaidh a bhualadh air ’sa cheann. Bha aireamh mhor de sheoladairean Geancach air tir agus bha iad fein us seoladairean an aite gle shearbh an aghaidh a cheile. Air eagal gum biodh tuaireap sam bith na’m measg Di-sathairne, chaidh na saighdearan a ghairm a mach, ach gu fortanach cha robh feum sam bith orra.
Bi’dh cuimhne air ceud mhios an fhoghair 1893 iomadh bliadhna ’n deigh so mar mhios anns an d’ rinneadh call mor air muir ’s air tir. Cha robh a leitheid de stoirm ann o na bha ’n stoirm mhor ann fichead bliadhna air ais. Rinneadh call mor air soithichean anns gach aite; tha naigheachdan ura tighinn a h-uile latha. Bha call na “Dorcas” na ni cho cianail sa thachair o chionn fhada. Bha’n soitheach sin maille ris a bhata guail a bha i toirt leatha air a turus gu Halifax, agus rainig i cho faisg ri deich mile air a ceann-uidhe ach an sin bhuail i air na creagan agus cha robh duine dhe na bha air bord air fhagail a dh-innse sgeoil. Nam biodh an caiptean air an “Dorcas” fhuasgladh o’n bhata eile tha e cinnteach gu leor gu’m faodadh e ’n acarsaid a thoirt a mach gu sabhailt, ach bhiodh e ’n sin a fagail deichnear d’a cho-chreutairean aig a bhas, agus cha deanadh e sin. Lean e ris an “Etta Stewart” gus an tug an stoirm agus na tuinn buaidh orra ’s an robh iad uile air an slugadh suas leis an doimhne. Bha ceathrar ar fhichead air bord an da shoitheach am measg an robh bean phosda, nigheanan oga agus dithis chloinne. Fhuaireadh na cuirp uile ach dithis, Tormoid Mac Griuridh, a mhuinntir Chatalone, agus te de na h-igheanan a bha air bord a bhata-ghuail. Thugadh dhachidh corp a Chaiptein ’Ic Fhearghais agus corp Sadie Musgrave toiseach na seachdain so, agus ranig corp Chaluim ’Ic Asguill, a mhuinntir Louisburg oiche Dior-daoin. Bha cach air an adhlacadh aig a chladach far an robh na soithichean air am bristeadh.
[Vol . 2. No. 10. p. 2]
COMA LEIBH CO!
AS AN “EILEANACH.”
Dh’fhag mi baile mor na toite, agus na straighlich, as mo dheigh air an naoidheamh latha do chiad mhios an fhoghair, ann an carbad na smuid; thug e aghaidh anns an airde tuath ’us cha bu mhall a cheum. Cha robh mi anns a’ Ghaidhealtachd o chionn ioma bliadhna roimhe, ach chuir mi romham gu’n rachainn am bliadhn’ ann, agus o ’n a chuir mi romham e rinn mi e. Bu ghoirid an uine gus an d’ thug sinteagan an eich-iarruinn mullach nam beann, ’us coill’ nan coireachan, anns an t-sealladh, agus mar a bha Eachunn Tristeach ag radh mu na tighean a bha e faicinn ’n uair a bha e dol do Phaisley,— “Ma b’ fhada bh’ uainn iad cha b’ fhada g’ an ruigheachd;” ach coma co dhiubh, cha b’ fhada gus an d’ rainig mi mo cheann-uidhe, agus na ’n abradh neach ri m’ shean athair gu ’n tigeadh duin’ a baile Ghlaschu gu Tigh a’ Ghnopain ann an ochd uairean do thim, theireadh e gu’n robh ’n t-am curam a ghabhail dheth. Ach bha mis’ aig Tigh a’ Ghnopain, agus leis nach robh moran do shoillse latha agam an deigh ruigheachd, cha d’ fhuair mi moran seallaidh air an duthaich mu’n cuairt air an fheasgar ud, ach bha mi gle thrath ’sa’ mhaduinn air feadh nan cnoc ’s na rudhachan, agus an uair a thill mi a dh’ ionnsaidh an tighe mu naoi uairean, bha mi faireachdainn mar gu ’m bu mhath leam rud-eigin fhaotainn r’ a itheadh, agus an uair a fhuair mi sin, agus mi fein a chuir air doigh, ’s e thainig ann am cheann gu ’n coisichinn gus an ruiginn Tigh Charraigsa’ Chaorainn, a bha ochd mile bh’ uam, agus gu ’m fuirichinn ann car oidhche, no mhath dh’fhaoidte a dha dhiu, na ’n cordadh mo thurus rium. Fhuair mi gach seoladh a bha bh’ uam o’ fhear an tighe agus dh’fharraid mi dheth, am biodh e coltach gu’n tachairean air seann duine no seana bhean a bheireadh dhomh seann sgulachd, no seann oran, agus ’s e thuirt e rium “Bithidh e coltach gu leor gu ’n tachair thu air Paruig Ban nan rann, agus m’ a bheir e dhuit ‘Oran an Ridire,’ ’their thu nach robh do shaothair a nasgaidh an uair a thilleas tu.” Dh’ innis e dhomh far am bitheadh e coltach gu ’m faicinn e, “ach,” ars’ esan, “leig ort nach d’ rinn tu ach tachairt air le tuiteamas, agus na h-iarr air ach an rud a thogaras e fhein a thoirt duit. Ma shaoileas e gu’n deachaidh tu a dh’ aon obair d’ a ionnsuidh bidh e cho balbh ri foid moine. Dh’ innis e dhomh coltas Pharuig—gu ’m biodh e buachailleachd nan caorach, gu ’n robh cu dubh aige, aig an robh a chluas dheas agus a chas thoisich chli, geal.
A mach ghabh mi, agus an deigh dhomh dha no tri do mhiltean do ’n astar a choiseachd, thainig cu dubh na cluaise gile agus rinn e comhart air cnocan crioman beag an taobh thall dhiom. Chunna mi duine beag liath ag eiridh a pill fhroinnich os mo chionn, ’us e ’gabhail a nuas ann am choinneamh, agus an uair a thainig e ann an astar bruidhne dhomh, thubhairt e, gu ’n robh latha math ann. Fhreagair mi fein e. An sin thubhairt e o’n a bu choigreach mi gu ’m b’e modh dhasan iarraidh orm suidhe, agus rinn sinn sud le cheile air tom fraoich.
“C’ aite,” ars’ esan, “an d’ ionnsuich thu ’Ghailig?”
“Cha d’ ionnsuich mi idir i,” arsa mise, “dh’fhas i annam.”
“Ach c’ ait’ an d’ rugadh ’s an do thogadh thu? ars’ esan.
“Ann am baile Ghlaschu,” arsa mise.
“Fhir mo chridhe!” ars’ esan, ’s e breth air laimh orm, “cha ’n urrainn moran sin a radh rugadh ’s a thogadh ann am bail’ Ionarnis.”
Thug mi fein lamh air adharc a bh’ ann am phoca, cha ’n e adharc fhudair, ach adharc anns an robh deur beag do Mhac-an-toisich.
“An ol sibh deur uisge-bheatha?” arsa mise.
“Mata, ’s mi dh’ olas,” ars’ esan—agus an uair a dh’ ol sinn air a cheile, thuirt e rium gu ’n robh e smaointinn gu ’n robh an da chuid deadh uisge beatha agus deadh Ghailig againn ann an Glaschu. Cha d’ innis mi dha nach d’ rinn mi ach fhaotainn ann an Tigh-a’ Ghnopain air a’ mhaduinn ud fhein.
“An seinn sibh dhomh seann oran?” arsa mise.
“Nach deanadh fear ur an gnothach?” ars’ esan.
“Gasda!” arsa mise.
“Mata, bheir mi dhuit ‘Oran an Ridire mhoir. ’”
“Co e an Ridire mor?” arsa mise.
“An rud nach buin duit na buin da,” arsa Paruig, “ach bha sinn sean-athair aig sean athair an Ridire mhor, nach robh ’n a ridire idir, ris an abradh iad ‘Domhnull dubh nan cath,’ agus dh’eirich Domhnull as an uaigh o chionn ghoirid, agus so agad mar a labhair e ris an Ridire. Thachair air oidhche shonraichte gu ’n robh an Ridire ’n a shuidhe ’n a sheomar, far an robh leabhraichean, as dealbhan, agus armachd a shinnsearachd an crochadh air a’ bhalla. Cha robh duin’ aig ach e fhein agus botul branndaidh. Bha e ’fas gu math anmoch ’s an oidhche, no gu math trath ’s a’ mhaduinn, dh’ fhaoidte gur a h-e a’s fhaisg’ air an fhirinn, agus leis a bhi feuchainn gu math tric gu de am blas a bh’ air a’ branndaidh. ’s e thachair gu ’n do chaidil e, agus chunnaic e an dorus a’ fosgladh agus co a thainig a stigh ach Domhnull dubh nan cath. Shin e suas a lamh agus thug e nuas an luireach-mhailleach a bh’
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
ABTHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. heannichean a bhrist ann an Nobha Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 10. p. 3]
aige fhein bhar na taruinn air an robh i an crochadh, ’us e ’n a sheasamh air an urlar, ged nach b’ urrainn an Ridire mor ruigheachd oirra gun a bhi ’n a sheasamh air a’ bhord. Chuir e uime an luireach agus thug e nuas an claidheamh mor. Shlaod e mach as an truaill e agus sheas e mu choinneamh an Ridire; agus so agad,” arsa Paruig, “na briathran anns an do labhair e ris: ”—
ORAN AN RIDIRE MHOIR.
AIR FONN.—
“E ho ro, mo Mhairi lurach,
G’ an tug mi mo ghaol cho buileach.”
Bha mi ’m chadal, ’s tim dhomh dusgadh,
Iorguill mhor air feadh na duthcha,
Sluagh g’ an ruagadh ’us g’ an sgiursadh,
Anns gach cuileag agus frog.
An gleann ’s an robh mi fhein ’n uair dh’fhag mi,
Bha ceol fidhl’ ann, bha ceol gair’ ann,
’N diugh cha ghluais ach uamas samhchair,
Shaol mi gu’m bu bhas gach beo.
Sheas mi fein air cnoc a’ Charnain,
Ghlaodh mi, C’ait’ am bheil na Gaidheil?
Fhreagair, ’s thuirt Mac Talla, C’aite?
Aileis fhas air cainnt mo bheoil.
Tionndaidh riumsa, cum fo d’ shuil mi,
Innis dhomh mu chor na duthcha,
Freagair mi oir [ ? ] leamsa t-umhlachd,
Faic tha ’n claidheamh ruisgt’ am dhorn.
An d’ thainig creachadair do’n duthaich,
Le airmailtean lionmhor, siubhlach.
An d’ rinn plaigh an sluagh a mhuchadh—
Cia mar fhuair a’ bhruid ann coir?
Seall damh cabarach na ciabhaig,
A dh’ fhag mi beo am morachd fiadhta,
Tha e ’n diugh mar chaora phiatain,
A dh’itheas am biadh a’ d’ dhorn.
Ged a chi mi air an stuchd e,
Cha chosdainn ris grainnean fudair,
Bu choltaiche corc a’ bhuidsear,
’Se callta mar bhruid a’ chro.
Am bheil thu ’m barail gur h-uaillse,
Bhi ’direadh nan beann le h-uabhar,
A’ losgadh fudar agus luaidhe,
Chum an ruadhag thruagh a leon.
C’ ait’ a nis ’bheil siol nan gaisgeach,
A chomhraig ri m’ thaobh ’s na batailt,
Sliochd nan sonn a dhion mo bhratach,—
An deach an sgapadh air son oir?
Bho nach miann leat do chomh-chreutair,
Seach ainmhidhean balbh an t-sleibhe,
Mar a bha Nebuchadneser,
Theid do chuir le treud an fheoir.
So mo chlaidheamh-s’ —chaill e fhaobhar,
Cha ghearr e dhomh beum air taobh dheth,
’S ann ni mi dheth slachdan-druigheachd,
A ni ’s an aonach dhiot tom-eoin.’
An uair a labhair e na facail mu dheireadh do’n oran, thog e an claidheamh mor os cionn a chinn mar gu’m biodh e dol g’ a bhualadh air an Ridire.Ghearr esan aruinn-leum bhar na cathrach agus bhuail e mhala le ’leithid do smuid air taobh eile an t-seomair, ’us gu’n do thuit an luireach-mhailleach aig Domhnull dubh bhar na tairuinne air an robh i’n crochadh a nuas ma mhullach a chinn. Ghlaodh e “mort,” ’s e air a mhagan air an urlar; ach an uair a thainig a sheirbhiseach ’s a bhuail e aig an dorus, cha b’ e ’m buidheachas a b’ fhearr a fhuair e. Thuirt e ris a ghabhail do leabaidh, nach robh ann ach am burraidh. Chaidh e’n sin far an robh a charaid, am botal branndaidh, ach cha robh deur air a mhas. “Ach,” ars Paruig, “tha mi cinnteach gu bheil mi ga d’ chumail tuillidh a’s fada.” “Sibh fein nach ’eil,” arsa mise; “ach o ’n a tha fiuthair agam ’ur faicinn an uair a thilleas mi, gabhaidh mi nios an rathad mor. Tha mi ’dol gu ruig Tigh Charraig-a’ -Chaorainn.
“Tha gnothuichean mi-nadurra g’ am faicinn ’s g’ an cluinntinn ’s an tigh sin an drasd.”
“Gnothaichean mi-nadurra,” arsa mise. “ ’S fhearr dhuibh gun toirt orm tilleadh an rathad a thaing mi. Gu de na gnothaichean a th’ ann?”
“O, tha ’n crodh a’ geumnaich, na mucan a’ sgiamhail, ’s na coilich a’ glaodhaich.”
“Ach nach ’eil sin ’n a ghnothach nadurra gu leoir?”
“Stad ort, a charaid,” ars’ esan, “na tog thusa mise gus an tuit mi, tha e nadurra gu leoir air a’ mheadhon-latha, ach cha ’n eil air a’ mheadhon-oidhche. Ach cha bhi mi ga d’ chumail ni ’s fhaide. Latha math leat, agus ma chi mi thu an uair a thilleas tu, bheir thu dhomh sgeul air na bochdain.”
“Beannachd leibh,” arsa mise, “ ’s gu dearbh is mi fhein nach ’eil sgith d’ ar cuideachd. Bheir mi oidhirp air ’ur faicinn an uair a thilleas mi ’s e sin ma leigeas na bochdain leam tilleadh;” ’us leis a sud a radh ghabh mi air m’ aghaidh, gus an d’ rainig mi Tigh Charraig-a’ -Chaorainn, agus rainig mi e an uair a bha iad a’ dol a shuidhe gu’n dinneir.
(Re leantuinn.)
Tha ’Ghearmailt an drasd a bruidhin air da fhichead muillein marg a chosg ann an togail soithichean-cogidh. Tha ’n Fhraing us Ruisia a fas gle laidir air a chuan agus tha ’Ghearmailt a dol a thoirt ionnsidh air cumail suas riutha, no mas urrinn di, a dhol air thoiseach orra. Tha rioghachdan na Roinn Eorpa o chionn bhliadhnichean ag armachadh ’s a neartachadh nan armailtean, gus a bheil an diugh a leithid a dh-eagal aca romh cheile ’s nach eil aon seach aon diubh deonach toiseachadh air an aimhreit.
LeighsidhMinard ’s Linimentamhach ghoirt.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
[Vol . 2. No. 10. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thughinn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNE SEPTEMBER 2, 1893.
THA aireamh de mhuinntir nan Staitean an Iar a bruidhinn air gum bu choir daibh feuchinn ri Columbia Bhreatunnach a cheannach bho Bhreatuinn, agus tha cuid diubh cinnteach ’nam barail fein gun teid leotha. Tha iad a dol a thoirt ughdaras do Chleveland air ceud muillein dolair a thairgse air a Mhor-roinn sin! Tha earbsa mhor aig na daoine so as an cuid airgid, tha iad an duil gun dean e rud sam bith air an smaoinich iad, ach ’se ’s docha gu faigh iad a mach nach eil Columbia Bhreatunnach no mir sam bith eile de Chanada ri chreic air son airgiod no or. Tha moran fearainn aig Breatuinn anns gach cearna de’n t-saoghal, ach ged a tha chan eil i faicinn gu bheil dad aice ri sheachnadh.
Tha na breitheamhna a’s comasiche tha ’m Breatuinn ag aontachadh gur e ’n t-Urr. Iain Mac Griuridh aon de Mhinistearan an Eilein Sgiathanich, sgriobhadair Gailig cho math ’sa tha ri fhaotinn an diugh. Tha ’chuid Gailig cho glan, simplidh, ’sa dhoigh sgriobhidh cho ceart ’s nach eil duine ann a bheir barr air agus ’se duine gle ainneamh a thig suas ris idir. Cha bheag an toileachadh, ma ta, a ni ar leughadairean nuair a dh-innseas sinn dhaibh gu bheil an duin’ uasal so gu bhi ’sgriobhadh dh-ionnsaidh a MHAC-TALLA. Tha litir aginn uaithe anns a bheil e ag radh ma bhios e na chomas idir gun cuir e ni eigin thuginn uair ’sa mhios no ma dh-fhaoidte na’s trice. Tha sinn fada ’n comain Mhr. ’Ic Griuridh air son so a ghealltuinn, agus tha sinn lan chinnteach gum bi a sgriobhidhean fior thaitneach do gach aon a leubhas iad.
THA’N sean-fhacal ag radh gur e “biadh an darra duine puinnsean an duin’ eile,” agus cha n-eil neach a thug bliadhna no dha a deasachadh paipear naigheachd nach abair gu bheil e cho fior ri facal a chual ’e riamh. Sgriobhidh cuid thuginn ag innse dhuinn cho buidheach sa tha iad de na sgeulachdan a bhios aginn ’sa MHAC-TALLA, ach cha n-eil ait ac’ idir do na h-orain; b’fhior thoigh leotha sinn ’gan cumail as. Cuid eile a their ruinn gun gabhaidh iad na h-orain a roghinn air ni sam bith eile. Tha cuid eile ’n toir air seann eachdridhean Gaidhealach, ’s cha n-iarradh iad ach sin fein. Agus tha moran a tha deigheil air a bhi faighinn naigheachd an na seachdain. ’Sa mhaduinn an de fhuair sinn litir agus dolar o dhuin-uasal a tha sinn cinnteach a tha gabhail aireamh mhath de phaipearan eile, ach tha e ’gabhail a MHAC-TALLA air sgath nan naigheachdan a gheibh e ann. Agus mar sin air adhart. Gach aon o’n cluinn sinn a thoirt dearbhadh as ur air firinn an t-sean-fhacail, ’s air gliocas an fhir a chuir na cheile ’n toiseach e.
A Charaid, —Tha mi cinnteach gu robh th ’gabhail fadachd nach robh mo dholar air son an darra bliadhna dhe n MHAC-TALLA ’gad ruigheachd. Gheobh thu e anns an litir so, agus companach aige bho mo charaid, Murachadh Mac-Leoid. Bu mhath leam barrachd a dheanamh air son do chuideachadh, ach deanadh a h-uile neach a tha ’ga ghabhail a dhichioll air son aon ainm fhein agus aon dolar fhaighinn air son a MHAC-TALLA agus saoilidh mi nach bi thu ’tolach.
A bheil aon idir anns na mor-roinnean so a thogas am peann a leag bas Dhr. Blair? neach a sheas cho duineil ri do ghuallainn air taobh nan Gaidheal agus na Gaidhlig cho fada sa bha e na chomas, neach nach faca mise riamh, ach air a bheil cuimhne aig mo pharantan agus aig iomadh aon eile anns a sgireachd so far an robh e air chuairt, car uine, na oige, agus an treine ’neairt. Air leam gu robh mo charaid, an t-Urr. A. Mac Gilleain Sinclair airidh air fhalluinn tuiteam air, agus mar sin gu faicinn pios bho ’pheann uair us uair. Tha eagal orm gu bheil e fas rud-eigin gallda oirnn!
Tha mi toilichte bhi faicinn “C. C.” a Strath Alba a deanamh cho math. Cha chreid mi, na’n cuireadh tu beagan impidh air, nach tugadh e cunntas a bhiodh gle thaitneach dha do sheann luch-leughidh air a chuairt do “Thir nam Beann,” agus gu h-araidh do’n Eilean Sgiathanach beagan bhliadhnachan air ais. Chan ann air son a chur an clo a tha mi sgriobhadh nam beagan fhacail so, ach a mhain air son leigeil fhaicinn duit gu bheil mi cur luach mhor air an oidheirp a tha thu deanamh air son cumail suas na canain a’s fearr a tha agam, ged a tha maibealais Bheurla agam comhla rithe. Ach ma thuirt mi facal sam bith a bhios a chum cuideachadh leat, dean a feum a thoilicheas tu dheth. Is mise do charaid,
IAIN D. MAC LEOID.
Valleyfield , P. E. I.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 2. No. 10. p. 5]
Litrichean a Eilean a Phriunnsa.
A MHAC-TALLA Ionmhuinn,— ’S fhada bho na bha romham facal no dha chur thugad a dh-aithris mo thoileaches-inntinn a bhi faicinn na Gailig a beothachadh suas as ur “a dh aindeoin muiseag nam Gall,” agus a taisbeanadh nach eil i ro dheonach bas fhaotuinn gun ghleachd agus gun chathachadh gu duineil, calgarra, treun, airson a beatha mar bu nos le ar sinnsir o shean.
Mo shoiridh do MHAC-TALLA a tha deanamh a leithid a dh-oidhearp uasail chliuteach air a bhi cumail ann an cleachdadh na canain “bhlasda, ghasda, shughmhor, anns na dh fheuch na baird an durachd. ’S mis’ gu brath nach toir mo chul rith’, gus ’n duinear mo shuil ’sa chadal.” Ach feumaidh na Gaidheil a tha sinn ann a thuigsinn nach dean a bhi guidhe piseach us buaidh leis a MHAC-TALLA an gnothuch mur dean sinn ar dleasanas fein ’sa chuis, agus ar lamh a chur gu dligheach, uasal, onarach air an sporan, an dolar a chur gu suilbhearra thuige, mar sin a co-fhreagairt an fhacail le gniomh. Tha mi fein a cur an da dholair so thugad air mo shon fein ’s air son mo bhrathair, ann an dochas gun dean cach an dlighe gu cubhaidh, agus co-dhiu ni no nach dean, co-dhiu leigeas iad deireas air MAC TALLA no nach leig, biodh fhios agad gun do choisinn thu meas us urram gach fior Ghaidheal a chuala t-iomradh?
Ach tha eagal orm gu bheil mo litir a fas mi-thlachdmhor fada, agus mar sin co-dhunidh mi aig an am so. ’S docha gu faigh mi almsadh air beagan fhacail chur thugad fhathast an uine ghoirid, mur foghain so fhein leat dhe mo chuid scrobaidh. Gun bi MAC-TALLA a sior chinntinn, sultmhor, dreachmhor snuaghmhor, gun di, gun ghainne, gun dolum! Is e sin durachd
Do charaid dileas,
AONGHAS MACLAOMUINN.
Liontal, E. P. I., Ogust 17mh, 1893.
Litir o “Chabar-Feidh.”
Tha mi gle fhada ’n comain “C. C.” an Eilean a Phriunnsa, airson am freagairt a thug e dhomh mu dheibhinn na Gaidhlig anns an eilean sin agus tha mi cinnteach gu ’m bi bhur luchd leughaidh uile toilichte chluinntinn gu’m beil na h-urraid do Ghaidheil fhathast dileas do chainnt an sinnsear. Nis, tha mi ’n dochas gu’n dean iomadh neach an aitean eile mar rinn “C. C.” agus mar so gu’m faigh sinn beachd ni ’s fhearr mu aireamh nan Gaidheal agus mu fhior staid na Gaidhlig.
Cha’neil teagamh sam bith nach eil ath-bheothach sonraichte a dol air aghaidh an drasta co-cheangailte ris gach ni Gaidhealach agus ’s ann againn fhein a bhitheas a choire mur dean sinn feum de’n chothrom agus mur aisig sinn canain ar gaoil do ’n aite bhuineas di am measg chanainean na domhan.
’S math leam a bhi faicinn aireamh cho mor de litrichean ann am MAC TALLA bho gach cearn. Bheir iad so toileachas mor do bhur leughadairean agus cha mhisd an luchd-sgroiobhaidh iad fein a bhi ’cleachdadh an smuaintean a chur sios anns a Ghaidhlig. Tha iomadh neach nach d’ fheuch riamh ris a so a dheanamh a tha smuaineachadh gur ni gle fhurasda e, ach ris an neach sin ’s e thirinn-sa “Feuch do laimh air, mo charaid, agus chi thu ciamar a gheibh thu air adhairt” Ach air an lamh eile tha moran a tha comasach gu leoir air litir ghasda ’sgriobhadh ach tha iad ro shocharach agus leisg air toiseachadh.
Thug mi sgriob troimh ’n Ghaidhealtachd o chionn ghoirid agus shaoil mi nach fhaca mi an duthaich riamh a coimhead cho math. Ged a bha ’n samhradh gle theth bha ni bu mho de uisge ’san taobh tuath no bh’ann an cearnan eile de’n tir agus mar sin tha ’m barr gle mhath agus ma gheibhear air a thional gu sabhailt e cha bu choir uireasbhuidh bhi air duine no ainmhidh fad a gheamhraidh.
Tha teas anabarrach againn an so ochionn corr ’s seachduinn, an teis-mheidh a dol cho ard ri 93 anns an dubhar an de agus an diugh. Tha moran a tuiteam marbh anns na sraidean, air am bualadh leis a ghrein, agus mur d’ thig atharrachadh air an aimsir gu h aithghearr bithidh aithris ri dheanamh air moran call beatha.
CABAR-FEIDH.
Lunnuinn, 18, 8, ’93.
Faic So!
Ainmean na muinntfr a phaigh an dolar air son a MHAC-TALLA. Tha sinn an duil a bhi cur sios an ainmean bho sheachdain gu seachdain mar a chuireas iad an dolar thuginn. ’S iad so an fheadhain a chumas suas am MAC-TALLA agus a Ghailig ma bhitheas iad air an cumail suas. Buaidh us piseach air an ceann!
Alasdir Peutan, Mabou.
Domhnull Caimbeal, Baddech Mhor.
Domhnull Mac Cuish, Cow Bay.
Iain A. Mac Isac, Sidni Mines.
I. R. Mac Leoid, Am Bai ’n Iar.
Coinneach Mac-an-Toisich, do.
Iain Mac Leoid, Tekoa, Wash.
Dotair Mac Leoid, Spokane, do.
An t-Urr. D. B. Mac Leoid, Orwell.
Ailain Mac Phiocair, Cow Bay.
Ailain Mac Leoid, International Pier.
Tormoid Mac Asguill, Framboise.
I. I. Mac Leoid, Crapaud Corner, P. E. I.
U. I. Siosal, Antigonish, N. S.
Domhnull Domhnullach, St . Andrew,
Aonghas Mac Gille-Mhoire, Marsh Lake
Uilleam Mac Leoid, Mac Crimmon, P.O. Ont.
S. Mac Neacail, An Amhinn Mheadhonach.
A. D. Mac Neill, Orangedale .
Iain Mac Fhionghain, Naw Canada.
Padruig Mac Fhionghain, do.
M. Mac Laomuinn, Liontal, P. E. I.
A. Mac Laomuinn, do.
D. C. Domhnullach, Cow Bay Road.
Fearchar Mac Illinnean, An Amhinn Mheadhonach.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
THA
“STOR SAOR SHIDNI”
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.
Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, a’s fhiach $5 .00.. .. .. 1.0
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15
Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 10. p. 6]
MAR BHA, MAR THA, ’S MAR A BHITHEAS:
Tearlach, an Griogalach, ’Sna Fridhean.
(LE MAIRI NIGHEAN IAN BHAIN.)
AIR FONN— “Thug mi gaol do’n fhear bhan.”
MAR A BHITHEAS.
Nuair bhitheas an Griogalach ’sa chill,
Is a chuimhne fo’n fhad,
Bithidh cliu Thearlaich ga sheinn
Anns na glinn leis na baird.
Nuair a thig iad Oidhche Shamhn’
As gach gleann am bi’n tamh,
A dheanamh stapagan is cabhraich,
Mar chuimhne air na bha.
Eiridh seann duine liath,
Corr is ciad, air an lar,
’S innsidh esan dhoibh gu foill,
H-uile doigh mar a bha.
Tha cuimhne agam nuair bha mi og,
Mas robh brog mu mo shail,
Tearlach Friseal-Mac-in-Toisich
Cuir doigh dhuinn air mal.
Eiridh diunnlach gun chearb,
’S ni e dhearbhadh de chach,
Gun cual’ esan aig a sheanbhair
An dearbh ni mar bha.
E tigh’nn ri cur is cathag dian,
Bha cur sion as an lar,
Gu bhi seasamh air an ceann,
’N aghaidh ainneart na graisg.
Caman aig air chaol da dhuirn,
Leis an durachd a b’fhearr,
’S chuir e taoghal air an sroin,
’S Ian Ord mar ri cach,
Eiridh maighdean le pros,
Dh’innse storaidh do chach,
Gun robh ’seanair aig a bhord,
Leis an oganach bhan.
Their an te bhios air a chuibble,
Bithidh cuimhn’ air gu brath,
Fhad ’sa bhios caothach air na beanntaibh,
Is tuinn air an traigh.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
Aig toiseach na ciad-bliadhna so, bha e na fhasan aig statichean ann an arm na Gearmailt a bhi cur faine anns gach cluais, agus uiread fhaineachan air am meoirean ’sa ghabhadh cur orra. Chan eil teagamh nach eil air an la ’n diugh moran ’san arm agus as an arm a bhiodh deonach an ni ceudna dheanamh ’nan ceadicheadh am fasan dhaibh. Tha daoine cho deigheil air a bhi ’san fhasan ’s nach leig iad le ’n co-fhurtachd no le ’n reusan cur na aghidh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrosdachd.
LeigsidhMinard ’s Linimentcnatan.
ThaI . Edward Moore, Caledonia, N. S. ,a sgriobhadh, Dh-fhiach mise K. D. C. air droch stamaig agus cha d’fhuair mi a leithid riamh. Dh-fhiach mi iomadh leigheas ri m’ latha agus moran dhotairean, ach cha d’rinn aon diubh feum cho mor dhomh ’sa inn K. D. C.
Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
ROBERT ROS.
Two Rivers, N. S.
Bha mi air mo leigheas o’n amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN A. FOREY.
Antigonish, N. S.
LeighisMINARD ’S LINIMENTcrupadh fheithean orm sa.
MRS . RACHEL SAUNDERS.
Dalhousie.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Di-ciadinn aig seachd uairean (7. p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nam Cleireach.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. D MHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.
BURDOCK BLOOD BITTERS
Riaghiltichidh e ’n stamag, an gruan ’s na h-airnean, glanidh e ’n fhuil ’s bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ.
LEIGHSIDH E
DROCH STAMAG, DOMLASACHD,
CEANGAL-CUIM, CEANN GOIRT,
TEINE-DE, EASBA-BRAID,
LOSGADH-BRAID, STAMAG GHEUR,
TUAINEALICH MEUD-BHRONN,
LOINE, GALAIREAN CRAICINN.
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLCAIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Donghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR.
[Vol . 2. No. 10. p. 7]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D.
Bha Tomas ach beag air aomadh gu dhol air ais; ach cha b’ urrainn da mhathair, aig an robh baigh ris cumail oirre fein o ghlaodhach aig airde a guth, “Mo Mhac, Mo Mhac!”
Lot na briathran e gus a chridhe; ged bha inntinn fo theagamh; thionndaidh e chulaobh air Seasach, agus ruith e dh-ionnsuidh a “Gheallaidh.”
Air do na clachan bhi fluich le cobhar, shleamhnuich agus thuit e, a crathadh an anail as a chom air na creagan dheth ’n robh urrad miagh aig.
Bha e caoidh ro mhuladach. Ghair Seasach aig a thuisleadh; ach thairg an Teachdaire Slainte dha. Dheirich e air a chasan, agus le corp bruite sgrobaich e steach do’n “Ghealladh.”
Thionndaidh a ghaoth gu stoirm; dh-at na tuinn gu h-ard agus bhrist iad thairis oirre.
Ghabh Tomas eagal ro mhor; rinn briathran Seasach ni bu ghealtaich e. Bha iad math nis leoir ann a fe air a chladach, ach gu’n fheum air bith ann a stoirm air an doimhne mhoir.
Thog an Teachaire e steach do “Sgeul a Mhoir Aoibhneis.”
Nuair shocraich e chas air a chlar uachdair, ghlac e misneach, agus thubhairt e ri Imanuel, “Mo Thighearn agus mo Dhia!” Chaidh am freagradh so thoirt dha: Air son gu faca tu mi, a Thomais, chreid thu: is beannaichte iadsan nach faca, agus a chreid.”
Mar so rainig an Teaghlach gu leir “Sgeul a Mhoir Aorbhneis.”
III CAIB.
B’oidche sud a bha iomraiteach. Nuair chuairtich an dorchadas iad dhealraich “Sgeul a Mhor Aoibhneis” le solus Neamhaidh. Dhorduich Imanuel dha cuid araidh air bord Criosduidh agus a theaghlach a rusgadh agus a nighe o gach uile shalachar feola; bha an seann trusgain air an tional na’n torr, agus air an tilgeil thar na cliathaich, am feadh thubhairt Imanuel: Tilgidh mi ar ’n uile lochdan ann an doimhneachdaibh na fairge: cridhe nuadh bheir mi dhuibh agus ar peacanna agus ur n’ aingidheachd cha chuimhnich mi ni’s mo.
An sin bha an sith sruthadh sios mar amhainn, agus d’fhireantachd mar thonna na fairge. Air an oidhche sin ghabh iad tamh a’n samhchair agus an earbsa chinnteach, a cadal fois muinntir thaghta Dhe. Anns a mhaduinn bha na h-uile nithe nuadh; agus b’ iad am feasgar agus a’ mhaduinn an ceud la.
Nuair thainig Criosduidh air bord a chlair uachdair, bha e air fhailteachadh le Tuigse, a thubhairt ris, “Se toil an Tighearna gu’m biodh tusa na’d Chaiptean air an t soitheach so.” Fhreagair Criosduidh. “Cha’n aithne dhomh ciod tha thu ’g radh.”
Fhreagair Tuigse, “feumaidh sinn umhlachd a thoirt dha guth Imanuel.”
Choisich Criosduidh air clar uachdar na Luinge mar neach ann a’m bruadar.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
LITIR A EMERSON. —Bha mise ’gabhailDr . Fowler’s Extract of Wild Strawberry, agus ’se mo bharail gur e leigheas a’s fearr a th’ann air tinneasan samhridh. Rinn e feum mor dhomh fein ’s do m’ chloinn.
MRS. UILLEAM WHITLEY, Emerson, Man.
Tha luchd-riaghlidh China an deigh an inntinn a dheanamh suas nach teid iad a dheanamh dioghaltas sam bith air coigrich nan duthich air son mar a thatar a deiligeadh ri muinntir China anns na Staitean.
LEIGHEAS DO CHEANN-GOIRT. —Tha ceann-goirt mar is trice a tighinn o cheangal-cuim, droch fhuil, droch stamag, no tinneas-a ghruain. Leighsidh B. B. B. na h-euslaintean so uile agus mar sin leighsidh e ’n ceann-goirt. Aon uair ’s gun toirear air falbh an t-aobhar, falbhidh an ceann-goirt.
Bu choir do gach aon a tha gabhail ’sa leughadh MHAC-TALLA, feuchinn ri aon leughadair eile fhaotinn dha. Cha chuireadh e dragh mor air duine sam bith sin a dheanamh, agus dheanadh e feum mor do’n ghaipear. Bhiodh an aireamh a tha ’ga ghabhail air a dhublachadh.
DROCH STAMAG AIR A LEIGHEAS. —Bha droch stamag a cur dragh orm fad cheithir bliadhna. Chunna’ mi B. B. B. air a mholadh ann am paipear, agus thoisich mi air a ghabhail, ’s thuig mi an uine ghoirid nach robh a leithid ann. Leighis tri botill mi ’s leighis iad gu math mi. —BERT J. REID, Wingham, Ont.
Tha e air a radh gu bheil amhinn an ait-eigin ’sna Staitean ’s gu bheil cumhachd aig a h-uisgeachan gach ni a theid innte thionndadh gu cloich. Tha ’n amhinn iongatach so faisg air an aite ’san d’fhuair daolagan a bhunata an arach ’nan oige, agus air do mhoran diubh a bhi dol do’n uisge, tha iad air ball air an tionndadh gu bhi nan clachan beaga nach dean call no milleadh air bun no barr buntata. Nach iomadh tuathanach a tha ’n diugh a guidhe gu’n digeadh fras mhath throm de dh’uisge dhe’n t-seorsa sin air a bhuntata!
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 10. p. 8]
MAIRI LAGHACH.
LE DUNNACHADH DUBH NAM BO.
Tha an t-oran so air a dheanamh dha fein ’s da thriuir nighean. Ann an Sar-Obair-nam-Bard, tha “Mairi Laghach” agus oran Ghlinn Smeoil air am measgadh.
Ho mo Mhairi laghach,
’S tu mo Mhairi bhinn,
Ho mo Mhairi laghach,
’S tu mo Mhairi ghrinn,
Ho mo Mhairi laghach,
’S tu mo Mhairi bhinn,
Mairi bhoidheach lurach,
’Rugadh anns na glinn.
Ged is fuar a ghaillionn,
’S ged tha ’n reodhadh ann,
Ged tha ’m monadh fiadhich,
’S ged tha ’ghrian air chall,
Tha gamhnichean ri’m bleodhan,
Feol ghabhar gun mheang,
Aran, im, us caise
’S cha bhi trath oirnn gann.
Mi ’m shineadh ’sa bhuthaig
Gun churam, gun sgios,
Air an leabidh choinich,
Dh-fhoghnadh i do’n righ,
Uisge glan na fuaran
Na chuartagan grinn,
’S ciu bhios teas no fuachd ann
Thig e nuas na still.
’Nuair a thig a bhealltuinn,
B’ annsa bhi ’s na glinn;
Ged robh ’n t-aran gann
Bi’dh amhlan air da-fhilt;
’S measgach, gruthach, uachdrach
Buannachd a chruidh laoigh.
’S lonaid a chinn chuachich
Cuir mu’n cuairt a mhig.
Nuair a thig an samhradh
Bi’dh a choill fo bhlath,
Bi’dh na h-eoin a seinn
A dh-oich’ agus a la,
Gobhair agus caorich,
’San crodh laoigh le’n al,
’S Mairi bhan ’ga ’n saodachadh
Ri aodann charn.
’S feumail dhuinn thu ’Mhairi
’Nuair a thig am blas,
’Cuartachadh nam bo,
’S tu ’n comhnidh air an sgath;
Bi’dh tu dol do’m bhuaile
’S d’ fhalt mu d’ chluais a fas,
A bleodhan a chruidh ghuaillfhionn
’S bi’dh a chuach fo bharr.
Na’m biodh Seonaid laidir
Chuir a lamh ’san im,
Peigi ris an al
Us Mairi mu’n chrodh laoigh,
Bhithinn-sa cho statail
’Dol gu airidh leibh,
’S nach malairtinn m’ aite
Ri fear ard ’san tir.
Thug ur ’n abhachd barr
Air ailleas righrean mor,
B’ annsa na na straidean
Duilleach ’s barr an fheoir,
Flurichean an fhasaich
’Toirt dhuibh cail us treoir,
Struthain ghlan nan ard-bheann
Chuireadh slaint ’s gach por.
Cha n-eil inneal ciuil
A fhuaireadh riamh fo’n ghrein
Dh-aithriseadh air choir
Gach ceol bhiodh againn fein;
Uiseag air gach lonan,
Smeorach air gach geig,
Cuthag us gug gug aic’
Maduinn churaidh cheit.
ALASDAIR AN RIDSE.
Chaidh coig tunna deug de sgadan a chuir gu Boston a Canada an la roimhe. Air a bhliadhna so chaidh suas ri ceithir cheud mile (400,000) giomach beo a chuir a Nova Scotia do na Staitean, luchd leth-cheud soitheach ’sa sia.
Chan eil leigheas ann as fhean air droch-stamag na
K. D. C
Glanidh e n stamag ’s leighridh e gu buileach e
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
title | Issue 10 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 10. %p |
parent text | Volume 2 |