[73]

[Vol . 2. No. 11. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 9, 1893. No. 11.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


ORAN.

Le fear da leannan air dhi fear eile a phosadh nuair a bha esan air falbh as an aite.

Fhir a shiubhleas mun cuairt,
Beir an t-soraidh so bhuam osn aird,
Dh-fhios na h-ighinn a fhuair
Mi caoin, farasd’, ’s mi cuallach bha.
Thug i gealladh as ur
S chaidh an comunn air chul a bha.
Sgeula dubhach a chruais
Gun do mhealladh i bhuam gu brath.
Ciod, a nighean, am fath
Mun do chuir thu mo ghradh air chul?
Cha n-fheil cuimhnair mar bha
Bho na ghlac thu air laimhm fear ur;
Air mar thaisbein thun gaol
Thug sinn seachad mar aon an tus;
Air do gheallaidhnean blath
S tu a tarruinn le gradh dhomh dluth.

Ach co aginn dheths fearr,
Mistha fhathasd mar bha san fheill,
No an techuir rium cul,
S a tham bann aig an umbidh bhreun?
Bidh am maireach bean og,
S blas na mealair a poig, fo msgeith s’;
Te a chridhe gnn gho
Sa bheoil mheachair nach dfhoghluim breug.


NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN.

Tha e air a radh gur ann aigMarquis Londonderrya than t-each as lugha air am beil cunntas. Cha thomhais e ach sia puinnd deug, agus chan eil e ach beagan us fichead oirleach a dh-airde.

Bhon dh-eug an t-Onarach Mr. Montgomery, a bha o chionn aireamh bliadhnachan na bhall den t-Seanadh, bha aite falamhsa Pharlamaid: Than t-aite sin a nis air a lionadh leis an Onarach Domhnull Mac-Fheaghais, Charlottetown.

Beagan uine mun dfhalbh an Dorcas air an turus air an deachaidh a call, fhuair fear de na h-oifigich dan bainm Hanna, a bheansa chlann, an dealbh air a tarruing aig Sidni-a- Tuath, agus bha iad a dol a thaghalga h-iarridh air an tilleadh. Tha an dealbh a nise deiseil, ach chan eil duine de na tha innte beo; bha iad uile, an t-athair, a mhathair agus a chlann, air am bathadh, agus tha iad an diugh fon fhod.

Than t-Urr. Iain Friseal, ministear a Chladaich-a- Tuath, an deigh an gairm a thugadh dha a Hogamah a dhiultadh; ’s fhearr leis fuireach far am beil e an drasd. Than t-Urr. D. B. Mac Leoid, ministeir Orwell, P. E. I., an deigh an gairm a fhuair e a Sidni a dhiultadh. Gheibhear litir o Mhr. Mac Leoid ann an ait eilesa phaipear so.

Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, dh-fhalbh gille beag aois thri bliadhna le Eachunn Mac Coinnich, ’san Eilean Mhor, on tigh trathsa mhaduinn agus cha dfhuaireas sgeul air gu ceann da latha. Bha mu thri cheud de na coimhearsnaich a siubhal na coille gu maduinn Di-sathairne, nuair a fhuaireadh e mu leth-mhile bho thigh athar. Ged a bha e gun bhlasad air biadh de sheorsa sam bith fad da latha, cha robh choltas air gun robh an sgios no an t-acras a cur dragh air, no gum bu mhisde air doigh sam bith beagan de uine chur seachad air falbh o dhachaidh.

Thanig tri longan-cogidh Fradgach a stigh don acarsaid toiseach na seachdain so, agus tha iad a falbh toiseach na seachdain sa tighinn. Tha iad nan soithichean coltach, agus bu shealladh gle bhoidheach am faicinn a tighinn a stigh, te an deigh te, na dha a bhair deireadh mar gum ann a coiseachd an lorgan na te bhair toiseach. Tha moran ann sa bhaile air am beil eagal gu bheil na soithichean Frangach a dolgar cur nar smuid uair no uair eigin, ach cha chreid sinn gu ruig iad a leas eagal sam bith a bhi orra.

A GRAND RIVER.— “Fios o charaid gu caraid.” Bha Maighstir Mac Carthy agus flasgach uasal don ainm Coinneach Mac Coinnich a Tuba Pharuig ag amharc air Eas Ghrand River air an t-seachdain romhn t-seachdain sa dh-fhalbh. Tha iad a brath an t-Eas a chuir na smuid, feuch am faigh na bradan suas gu Loch an Airidh. ’Nuair a thachras so, gheibh am fear turuissan dol seachad faile cubhraidh a bhradain akitchenna locha mar a tan drasda faile nan giumach deth AcarsaidL ’Archeveque.

A Choinnich thig a ris,
Se cho beag dhiotsa chi sinn ar leon.



[74]

[Vol . 2. No. 11. p. 2]

COMA LEIBH CO!

AS ANEILEANACH.”

Nach math an t-am an dthainig mi,” arsa mise.

Molaidh tu sinn uair a dhfhalbhas tu,” arsa fear an tighe, “ach suidh suas.” Bha ceathrar no choignear do luchd cuairt mar a bha mi fein a stighGaillus Sasunnaich agus aon ghillog Gaidhealach, a bha air folach dhachaidh a Sasunn, ris an abradh iad Maighstir Mac-a’ -Chubair, aguss e teisdeanas a bhaig fear an tighe air, gun robh e cho carach rir amhadadh ruadh. “Tha.” arsesan, “fichead car anns an t-sionnach, ach tha car- ’ar-fhichead ann am Mac-a’ -Chubair.” Bha na Sasunnaich gle ghaolach air a bhin ar cuideachd a dhfhaodainn ainmeanan nam beanns nan gleann, ach bha Mac-a’ -Chubair ag radh gun robh an spuaic-theangorra, ’us nach burrainn iad an ainmeachadh gu ceart. Ghabh mi feinus Mac-a’ -Chubair sraid mun cuairt an aite. Dhfheoraich mi dheth an robh fada on a thainig e do Charraig-a’ -Chaorainn, Thuirt e gun robh coig-la-deug on a thainig e ann.

Am faca tu, non cuala tu ni mi-nadurra sam bith on a thainig tu ann?” arsa mise.

Cha chuala,” arsesan— “chan fhaod e bhi gu bheil eagal nam bochdan ort.”

Dhinnis mi dha an rud a bha Paruig Ban ag radh rium. Rinn e gaire, ach ann am priobadh na sul, chlap an coileach a sgiathan agus thug en glaodh ud as ann am phoc’ -achlais fein! —thug, a cheart cho soilleirs a thug e riamh air an dunan, ’s en deigh ruaig a chuir air a choimhearsnach. Sheas mi ann an larach nam bonn, ’us mo lamh ann am phoc’ -achlais mur gum bithinn air mu thatadh ris an talamhus mi am sheasamh cho direach ri aon do charrachan nam Fiann. Choisich Mac-aChubair mu thuairmeas dusan slat bhuam agus an sin sheas eus sheall e thar a ghualainn an rathad a bha mi, mur gum biodh iongantas air gu de bha ga mchumail; ach, coma co dhiu, thoisich mi fein air tuigsinn mar a bha gnothaichean gu math, agus thuirt mi risus mi gaireachdaich, ’us a gabhail a null far an robh e, e leigeil burralaich an tairbh a chluinntinn dhomh, agus gum biodh agam riradh gun robh an fhirinn aig Paruig Ban an deigh a h-uile rud a bhann. Ach mun do leig mi am facal as mo bheul, chuala mi mar gun cuireadh an tarbhpudhas a shroin agus thug en langan ud as air mo chul-thaobh. Shaoil mi gun daithrich mianail ga seideadh orm. Ghearr mi cruinn-leum on talamhthainig e cho clis orm, agus ge be co chitheadh maodann uair a thionndaidh mi mun cuairt, tha eagal orm nach robh fiamh mo ghairorm. Bha mi afaireachadh coltach ris an duine choir chrabhach air an cuala mi iomradh uaireigin. Bha en a thuathanach, agus bha e latha ag urnuigh air cul garaidh agus ghuidh n gum biodh cogadh ann, lus gun cumadh e suas prisean an treud. Ach bha droch bhalaich air taobh eile agharaidh ga eisdeachd, aguss e rinn iad meall don bhalla a thilgeadh a sios air a mhuin, agus thug iad fein an casan as. Achs e thubhairt es eg eiridh— “A Thi bheannaichte, cha robh miciallachadh gum biodh an cogadh cho dluth laimh.” Ach a chum sgeul fhada a ghiorrachadh, ’s e bhann gun robh abhuaidh shonruichte sin aig Mac-a’ -Chupair ris an abair iad anns aBheurla, no ann an cainnt air chor-eiginventriloquism, ”agus bha i gu math aige cuideachd. Tha eagal orm gu bheil iomadh bodachus cailleach mu Charraig-a’ -Chaorainn a tha anns an lan bheachd nach dfhag sinn latha nan sithicheanus nan spiorad cho fad as ar deigh as a bu mhath le cuid a thoirt oirnn a chreidsinn. Ach ghabh mi feinus Mac-aChupair air ar n-aghaidh. Bha e air son gun rachadhmaid gu ruige tigh Ruaraidh Bhain a chums gum falbhadh e leinn leis a bhata a dhiasgach. Bha Ruaraidhna iasgair, ’n a fhear aiseig, ’sn a chroitear. ’Se duine bhann aig an robh moran do bhriathran achreidich, ach gle bheag da spiorad. Cha nigheadh e aodan ach fior chor-uair, ’s theireadh cuid nach do nigheadh ach ach an da uair e, an latha rugadh e, agus an latha phos e. ’N uair a bha sinn a null a dhionnsuidh an tighe, chunnaic sinn an gillaig Ruaraidhus e prabagachadh feoir ri taobh acheum-rathaid a bhanns an aite. Dhinnis Mac-a’ -Chubair dhomh gun robh am fleasgach so a bha eadar a bhin a bhalachs na ghille, air fasdadh aig Ruaraidh. Bhiodh e ri sgalagachass ri buachailleachd, ’s ri aiseag, ’us ris a h-uile rud a thigeadhn a rathad; aguss e ambrogachan t-ainm a bhaca air. ’S e mar thugadh am brogach air, latha thainig fear a mhuinntir Pheairt a dhiarraidh an aiseig, agus an neach ris an abair na h Earraghaidhealaichbalach,’ their na Peairtichbrogach.” ’S e a thachair air an latha bhan so, gun robh Ruaraidh trang aspealladh feoir, agus bha e air son abhalaich a chur air falbh leis a Pheairteach, ach chan fhalbhadh am Peairteach leis a bhalach air a shon; aguss e bhann gun deachaidh Ruaraidh agus am Peairteach thar a cheile gu searbh, salach. Theireadh esan, an drasds a rithisd: “a dhuine, chaill thu do riaghailt! am bheil thu smaointinn gu bheil misedol a dh fhalbh a mach air achuan comhla ris abhrogach?”

Cha chreid mi fein,” arsa Ruaraidh, “nam faiceadh tu cuan nach foghnadh e dhuit, gun tighinn air falbh air. An e an cuan a their thu ri lub nan tunnag?”


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur mam cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN



[75]

[Vol . 2. No. 11. p. 3]

Ach bfheudar do Ruaraidh falbh leis aPheairteach, bhon nach earbadh ebheatha ris abhrogach.” Sin mar a thugadh am brogach air, agus lean e ris, agus tha mi a creidsinn gun lean.

An uair a rainig sinn e thug Mac-a’ -Chubair greis acogadh air. Dhfheoraich mi fein dheth an seinneadh e oran dhomh, Thuirt Mac-a- ’ -Chubair gun deanadh e dhomh e cuideachd, nan togairinn.

Seinn dhuinn am fear mu dheireadh a rinn thu,” arsa Mac-a- Chubair.

Sheall am brogach mun cuairt air, mur nach biodh e cinnteach co diu sheasadh e fads a a bhiodh e gabhail an oran, no nach seasadh.

Caitam bheil do mhaighstir!” arsa Mac-a’ -Chupair.

Tha e thalls aphort acaradh lion,” arsam brogach.

O, ma tha, chan fhaic e thu.”

Tha sinn ceart gu leoir,” arsesan, “ach feumaidh sinn ar suil a chumail air achunnart nacheil sinn afaicinn cho math ris achunnart a tha sinn afaicinn. Ged a tha fios agam caitam bheil am bodach, chaneil fhios agam caitam bheil achailleach.” Ach co dhiubh thoisich eus thug e dhuinn an t-oran.

Ghabh sinn an sin a null don phort, far an robh Ruaraidh, agus dhiarr sinn air am bata chuir a mach, gun robh sinn air son dol a dhiasgach. “A dhiasgach ris amhuir-lan,” arsesan, “stadaibh gus an till e air a thrathadhus gum bi beagan do sheol-sruth againn.”

Ma tas ann agaibh fein as fhearr a bhios fios,” arsa mise, “ni sinn mar a tha sibh ag iarraidh oirnn.”

Dheirich e agus ghabh e suas gu mullach achnoic, ’us bha e sealltainn mun cuairt air, ach bha Mac-a’ -Chubair ag radh nach bann ris an t-sruth a bha e a fuireach, ach gus am biodh am feur cruinn aig abhrogach, agus tha mi creidsinn gun robh moran don fhirinn aige, a chionn an uair a bham brogach ullamh don obair a bhaige, ghlaodh e nall e agus dhfhalbh sinn.

An uair a chaidh sinn mu thuairmeas leth-mhile a mach on chladach thoisich sinn air fuasgaladh nam beart. “Ciod an seorseisg a bhios e coltach sinn a dhfhaotainn an so?” arsa mise. “Seorsa no dha,” arsa Ruaraidh. “Cnodain mar is bitheanta mun am so bhliadhna.” “Nach cuala sibh riamh an cnodan abruithinn?” arsam brogach.

Cha bhiodh iad fadadchuideachd-san uair a chluinneadh iad abruithinn thu,” arsa Ruaraidh. “Cha chuala iadsan no duineile an cnodan abruithinn.”

Gle cheart ma ta, feumaidh sinn tighn a dhionnsuidh a chomhdhunadh gur e balbhan a thann,” arsam brogach.

Ciod a bhios eg radhn uair a bhios e bruithinn?” ars Mac a’ -Chubair.

Bidh eg radhNa bruth mi,” arsam brogach.

Ach thoisich Ruaraidh air slaodadh a stigh, agus thilg e cnodan beo air urlar abhata. “Cha dthuirt am fear ud smid fhathast,” arsa mise.

Dean air do shocair,” arsam brogach, “gus am bi torr air muin a cheile dhiubh, agus cluinnidh tu ceol eilaca.” Acheud fhear a thug mi fein a stigh, rug mi ann am laimh air, ach ma rug, cha robh mi fada ga leigeal as; bha cho math dhomh breth air aghraineag, * cha robh bior a bhann nach robh tri orlaich air fad, agus cho biorach ri snathaid mhor. Ach thoisich a mhire-chath ann an da-rireadh. Bha Ruaraidhs am brogach aslaodadh a stigh air gach laimh dhiubh. Bha briogais olla air gach fear aca, ’us bheireadh iad air achnodan eadar an da ghlun, ’us ann am prioba nan sul bhan dubhan as, ’s air a thilgeil a mach a dhiarraidh fir eile, ach cha robh mises Mac-a’ -Chubair ach gle mhairnealachs aghnothach a bhann.

Bha sinn am feum an cnodan a chuir air urlar abhatas ar cas a chur air a mhuin, gus am faigheamaid an dubhan as. Chuala mi iomradh air feadhain a bhiodh tapaid, gus am biodh am fuil mun suilean, ach mur a robh i mu mshuilean-sa bha gu leoir mu mmheoir dhi. Ach an uair a thoisich iad air fas na bu gheinnes nach robh atighinn ach fear an drasdsa rithist, bha fear aig Ruaraidh eadar a dha ghlun an uair a thug e am mothar ud as, agus, arsesan, ann an deadh Ghailigna bruth mi.’ ’S ioma rud a theid a chuir air neach anns nach bi e cionntach, ’us tha eagal orm nach robh an cnodan ciontach ann a bhi bruithinn Gailig cho math ri sud.

Cha dthuirt Ruaraidh diog, ach bha ecumail a shuil gu math amharusach air an iasg. Bha so am brogach atabaid ri fears a toirt an dubhain asn uair a thuirt an cnodan, “na bruth mibhrogaich.” Thug am brogach an urchair ud dha gu ceann eilebhata. “Na dean, a shlaoightire,” arsan t-iasg. Bha Ruaraidhus en deigh fear a thilgeil a stigh a bha ga aornagaich fein ann am measg chaich, ’us Ruaraidh acumail a shuil dhfheuch an robh cainnt aig an fhear so. Is ann aigesan a bha sin. “A Ruaraidh,” arsan cnodan, “nach minig a bha fuil mo chinnich air do rudain?” Dheirich Ruaraidhn a sheasamh, “dhachaidh sinn,” arsesan. Rug e air an da shreang cearta comhla, shlaod e a stigh don bhatiad, us be sin am bata nach robh fadadoln a h-uidheam, gun smid atighin as an ceann. Ruaraidhs am brogach, fear aig gach ramh dhiubh, ’us mur an robh spionnadh ghairdean ga cur bu neonach leamsa. Thoisich cnodan ann an toiseach a bhata air seinn

Cul ri mleannan thug misan diugh,
Run nan cailin bha min deigh oirr’ .”

Cha robh roineag fuilt a a bhair ceann Ruaraidh nach giulaineadh ubhal air a barr, us cha robh am brogach fein fuathasach cinnteach as na cuisean a bhann.

Thoisich dha no tri do na cnodain a bhanns an deireadh air seinn leis an fhear a bhas an toiseach. Ghlaodh fears ecur nan car dheth aig casan Ruaraidh, “Cuin a ghlan thu t-aodan, a Ruaraidh?” Chrom Ruaraidh sios agus rug e air, agus thilg e mach air a mhuir e.

A shlaeightire,” arsa fear eile, “bhath thu mo dheadh charaid. Cha do chuir thusa boiseag don uisgair t-aodan on latha rugadh thu!” Thug Ruaraidh a leithid do shlaodadh air an ramhus gun do bhrist aphutag, ’us dhfhalbh e an comhair a chuil, mullach a chinn a sios eadar an da thothta ann am measg an eisg. Ach cha robh e fadag eiridhs a cur putag eile ann an aiten aoin a bhrist e. Thug mi fein suil mhi chiatach air Mac-aChubair, feuch an stadadh e da ioradhltan mun cuireadh en duine as a bheachd. Ach bha sinn ateannadh ris aphort, ’us mun gann a thug a sron cronan air aghainmheach bha Ruaraidh a mach aisde, ’us cha do sheall e as a dheigh, gus an drainig e dorus an tighe, ach bha na coimhearsnaich ag radh gun do nigh e aodan an oidhche sin mun deach eluidhe. Mun dfhag sinn am port, thug mi fhein air Mac-a- ’Chubair dol troimh phairt do na h-innleachdan aige a chionn cha robh toil agam am brogach fhagail ann an ioma-cheist mun chuis. Agus an uair a thoisich e air seorsa tuigsinn a dheanamh air aghnothach, arsesan— “Cainm so a thagaibh air.” “Tha,” arsa mise, “ventriloquism.” “Be bhi droll e gu dearbh,” arsam brogach, “tha e air a dheadh bhaisteadh.” Chaidh innseadh dhuinn gun deachaidh an gnothach a mhineachadh do Ruaraidh le cuid-eigin a chunnaic barrachd don t-saoghal ris fein; ach biodh sin mar a thogras e, cha robh do dhor no do dhairgiodn ar cuideachd-ne na bheireadh air a chas a chur ann am bata leinn gus an latha dhfhag-inn Carraig-a’ -Chaorainn, ged a bha e gaolach gu leoir air an da chuid.


FAIC SO.

Tha sinn a cumail uan Amhlan as fhearr ann an Sidnis tha sinng an reic nas saoire na neach sum bith eile. Tham Flur aginn leth-dolar nas saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris as isle.

Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.

Taghail aginn nuair a thig thu don bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh as fhearr a ghabhas faotinn.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.



[76]

[Vol . 2. No. 11. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thughinn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.

SIDNI, DI-SATHAIRNESEPTEMBER 9, 1893.

Ma chuireas amBacheloron dfhuair sinn sgeulachd bheag an la roimhe ainm thugainn, bu toigh leinn sgriobhadh thuige. Than sgeulachd gle eibhinn agus chord i ruinn gu math an am a bhi ga leubhadh, ach tha ni mo dha innte nach dean math dhuinn a chursa phaipear aig an am so. Mase so a cheud oidhearp a thug amBachelorair Gailig a sgriobhadh, thug e oidhearp gle mhath, agus bu choir dha a lamh fheuchinn oirre fhathast. Dhfhaoidte gum bi an ath sgeulachd nas fearr. Ach cha chuir sinn sgeulachd no ni eile, a aite sam bith, an clo gus am bi fhios againn co a sgriobh i. Tha so na riaghilt aig na paipearan uile, agus is riaghilt mhath i agus tha lan dhuil againne leantuinn rithe.


Maduinn Di-sathairne sa chaidh, an darra latha den mhios, bhambillair son Fein-riaghladh a thoirt do dh-Eirinn air a leubhadh an treas uair, agus chuir Tigh nan Cummantach an aonta ris, tri cheud us aon air a thaobh, agus da cheud, tri ficheadsa seachd na aghaidh. An latha roimhe sin bha aireamh mhath de dh-oraidean air an liubhirt, am measg chaich aon le Mr. Gladstone fein, a toirt sgriob chainidh orra-son a bha na aghidh agus ag radh aon nair eile nach drinn esan saphairtidh ann a bhi toirt Fein-raghladh do Eirinn ach an ni a bha mar fhiachaibh air Breatuinn a dheanamh o chionn fhada. Chosg an Tigh ceithir fichead latha sa dha a tighnn gu co-dhunadh a thaobh abhillso. Re na h uine sin bha 458 oraid air a liubhirt air taobh Fein-riaghladh, agus 938 na aghaidh. Thug Gladstone agus aphairtidh da fhichead uairsa seachd deug air an urlar len cuid oraidean, agus thug a phairtidh eile seachd fichead uairsa dha dheug. Cho luathsa bha Tigh nan Cummantach cuibhteas ambill,” chaidh a chur gu Tigh nam Morairean. Chan eil fhios fhathast gu de ni iad san ris, ach tha moran den bharail gum bi e air a thilgeadh a mach. Ma ni iad sin feumidh Gladstone a chuis a chur air beulaobh an t-sluaigh aon uair eile, agus ma theid an sluagh an sin air a thaobh bidhn t-olc an dan do na Morairean; ach mas ann a theid iad na aghidh, bidh Eirinn cho fada bho Fhein-riaghladh sa bha i riamh.


On Urr. D. M. Mac Eamuinn.

Gu DeasaicheMhac-Talla:

A Charaid Ghradhaich, —Ged nach dfhuair mi riabh an toileachadhd fhicinn, faodaidh mi gun ag no teagamh caraid a radh ribh. ’Chionn ler n-oidheirp gu MAC TALLA a chumail air aghart dhearbh sibh sibh fein nar fior charaid do Ghaidheil an t-saoghail gu leir, agus gu h-araidhdh do Ghaidheil Albainn Uir. Gun cinneadh gu math leibh, agus tha min dochas nach fhada gus am bi MAC-TALLA le naigheachdan gasda, le sgeulachdan eibhinn, agus le orain bhinne a thoirt foghluim agus toileachadh do gach teaghlach Gaidhealach san duthaich.

Tha mi acur thugaibh dolair air son bliadhna do MHAC-TALLA; agus tha min earbsa nach be e ri aithris air Gaidhil ar dutchcha nach burrainn dhaibh aona phaipear a chumail suas. Beannachd leibh.

Bhuir caraid dileas
DOMHNULL M. MAC EAMUINN.
St . F. X. College, Antigonish, Sept. 1.


On Urr. D. B. Mac Leoid.

Gu DeasaicheMhac Talla:

A Charaid, —Gheibh thusan litir so aon dolar ( $1 .00) air son bliadhna do MHAC-TALLA. Tha mi fadanad chomain air son na h aireamh a chuir thu thugam, agus air son an iomraidh a thug thu air a ghairm a thugadh dhomh le EaglaisSt . Andrew’ s, an Sidni. Tha e gle dhuilich dhomh an gairm sin a dhiultadh, ach chan eil mi faicinn gur urrinn domh a ghabhail. Tha min dochas nach bin uine ro fhada gus am faigh sluagh coirSt . Andrewsministear freagarrach mar a tha dhith orra.

Soirbheachadh le MAC-TALLA! Nan cluinneadh tu an liuthad moladh a thatar a deanamh air do paipear, agus an liuthad guidhe dhurachdach gum bi piseach air, bheireadh e moran misnich dhuit. Tha e gu math doirbh airgiod a thoirt a cuid de luchd Gailig, ach mur fosgail MAC-TALLA an sporain, bidh e na ni gle neonach a bharrachd air a bhi na aobhar duilichion.

Leis gach deagh dhurachd,
D. B. MAC LEOID.
Orwell, P. E. I., Ogust 15mh, 1893.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[77]

[Vol . 2. No. 11. p. 5]

Na Sean Sgeulachdan.

LE A. MAC G. SINCLAIR.

Diomhanas nan diomhanas,” arsa Domhnull Mugach, nuair a leugh e mun fhear a ghoid nighean an easbig. “Nach uamhasach an obair, arsesan, a bhicraobh-sgaoileadh a leithid sin de bhriagan air feadh an t-saoghail.” Cha do rinn Domhnull briag riamh ach an uair a bhiodh e gu buannachd shaoghalta dha. Mar sin, bha sgeulachdan nan diomhanas fior mhor na bheachd. Chan innseadh e sgeulachd fhaoin mu ghoid eich; ach nuair a bhiodh e creic eich dhinnseadh e gun robh e moran na bfhearr na bha e. Agus aig a cheart am bheireadh e an deagh aire nach innseadh e cron sam bith a bhiodh air. Nam be sean each a bhiodh ann, each a bhiodh fichead bliadhnadhaois, dhinnseadh Domhnull gun robh e ceithir-deug. Cha bu toigh leis a radh nach robh e ach ceithir-deug, ach nan digeadh a chuis teann air theireadh e sin cuideachd.

Bha na sean sgeulachdan Gaidhealach anabarrach taitneach. Bha cuid diu a bha air an cur richeile gu fior shnasmhor. Cha be bumailairean, no cealgairean, no daormunnan a dhealbh iad; ach daoine tuigseach, firinneach, blath-chridheach. Thigeadh dhuinn a bhi gu mor ann an comain Iain Chaimbail, an t-Ileach ionnsicht, uasal, eireachdail, measail a chaidh gudhichioll gun cruinneachadh. Chuir e am mach ceithir leabhrichean diu, ’s thatar an nis a cur am mach nan leabhrichean sin as ur. Dheanadh e feum mor do Dhomhnull Mugach, an t-snaoim chruaidh a thair a sporan fhuasgladh, agus an ceannach, ’s an leughadh gu curamach. Cha chosdadh iad dha ach sia dollair, agus is ni gur bhrigh sia dollair ann an coimeas ri sia fichead sgeulachd mhath. Bha Caimbalach Ile na chliu da chinneadh agus do na Gaidheil uile.

Bha moran de dh fhiosrachadh de bhaighealachd, agus de shonas am measg dhaoine ri am nan sean sgeulachdan. Chruinnicheadh buidheann chairdeil an ceann a cheile aig beul na h oidhche. Dhinnseadh fear sgeulachd mu shithichean, mu bhuidseachd, mu dhruidheachd, mu dhaoine a reic iad-fein ris an droch-spiorad, agus mu chrioch nan daoine sin. Dhinnseadh fear eile naidheachd nu bhochdan, no nu tha ghairm nan cat. Sheinneadh fear eile, no bean no nighean, oran a chuireadh fonn air gach cridhe. Gheibhteadh na h-athinnean, sgaoileadh a chuideachd, agus rachadh an luchd-ceilidh dhachidh gu sunndach, solasach.

Ach chuir an t-stri gu bhi nor agus a chabhag as don cheilidh. Nuair a tha daoine gu dichiollach a feuchinn ri airgiod a chur richeile, chan fheil uine aca gu dhol air cheilidh. Agus ged a rachadh cha bhiodh moran toileachidh aca. Leis mar a bhiodh an cridhe air an t-saoghal cha burrinn iad labhirt mu ni ann sam biodh brigh no taitneas.

Their cuid nach robh moran fiosrachidh aig na sean Ghaidheil. Chan urrinn mise sin a radh. Na sean daoine air an robh mi eolach cha bu daoine gun fhiosrachadh iad. Gheibhteadh eachdraidh, is sgeulachdan, is orain nam measg. Thug iad uile greis mhor ann san sgoil-oidhche. Sgoil-oidhche! An robh sgoil oidhche aig na bodich a thanig am mach as an t-sean duthich? ’S ann aca fhein a bhan sgoil-oidhche. Gu de a bhasa cheilidh ach sgoil-oidhche? Agus bu sgoil mhath i. Bha i math gus an inntinn a gheurachadh, gus a chuimhne a neartachadh, agus gu eolas a thoirt do noigridh mun t-sluagh bhon danig iad, mun duthich dom buineadh iad, agus mu euchdan Wallais, Bhruis, agus ghaisgeach eile.

Co dhiu a bha fiosrachadh am measg nan sean Ghaidheal no nach robh, bha sgeulachdan nam measg. Ach dhfhalbh na sgeulachdan. Chuir an t-aineolas, a mhorchuis, an ti, agus na paipearan naidheachd as daibh. Nuair a sguir na mnathan den bhrochan agus a thoisich iad air an ti cha bfhiach na sean sgeulachdan. Chan fhoghnadh an sin ach comhradh mu na fleasgichs na caileagan a bhiodh a gluasad an cuideachd a cheile, mun doighsan robhn te mu dheireadh a phos air a sgeadachadh, mu chuma aodich, mu bhoineidean is adan, mu chearcuills mu shumagan-cuil, mun chloinn a thanigs a bha ri teachd, agus gu sonnrichte mu mheud mhor, cabaireachd, struidhealachd, cealgaireachd, agus droch dhoighean am bana choimhearsnach. Nuair a fhuair na daoine na paipearan naidheachd cha robh uine aca air a dhol air cheilidh, agus chan eisdeachd iad ri sean sgeulachd. Cha bhiodh iadsan cho aineolachs a bhan aithrichean. Bhiodh fiosrachadh aig an fhearbu lagha tuir dhiu nach robh riamh aig a sheanair. Bhiodh iad a sas ann sna paipearan naidheachd cha luaths a bhiodh e dorcha gu leoir gu coinneal a lasadh. Leughadh iad le solas inntinn mu na mhort eagallach a chuireadh an gniomh an California, mu n aobhar a bha aig mnaoi oig ann an Chicago air litir-dhealachidh a thoirt da fear, mu chuilbheartachd tiolpadair-poca ann am Boston, mun doigh ann san do chrochadh am mortair mu dheireadh an Ontario, mun phrionnsa og mu dheireadh a rugadhsan Roinn-Eorpa, mu chuairtean is oraidean luchd-riaghlidh na duthcha, agus gu sonnrichte mu innleachdan riaghlidh a dheanadh an t-airgiod cho pailt agus gum faodadh daoine a bhi nan tamh leth na h-uine. Nach math an gnothach gun deachidh na sean sgeulachd as! Nach taitneach, blasda beannichte na nithean a thanig nan aite! Nach h-ann aig Domhnull Muguch a tha n t-aobhar ta ingealachd!


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas to air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


THA
STOR SAOR SHIDNI
(a dh-fhosgladh le C. Mac-Fhearghis.)
a deanamh malairt mhor am bliadhna.

Breacan Dheiseachan.. $0 .05
Aodach Dheiseachan. .. .13
Bannan-Braghaid, as fhiach $5 .00.. .. .. 1.0
Aodach triubhis.. .. . .. .27
Nelsons Liniment (25c.) .15

Sar Chunnradh,
F . A. CROWELL,
Fer-Gnothich.

Bruidhridh na cleirich Gailig.



[78]

[Vol . 2. No. 11. p. 6]

Ma tha duine math ri fhaotinn an diugh, sen duine nach dean gairenuair a chi en t-uisgesileadh agus fhios aige gu bheil aig luchd na bainnse nach dug cuireadh dha ri bhi muigh fodh na h-uile boinne.


LeighsidhMinard ’s Linimentamhach ghoirt


LITIR A EMERSON. —Bha misegabhailDr . Fowlers Extract of Wild Strawberryagusse mo bharail gur e leigheas as fearr a thann air tinneasan samhridh. Rinn e feum mor dhomh feins do mchloinn.
MRS . UILLEAM WHITLEY, Emerson, Man.


LeighsidhMinard ’s LinimentCrosdachd.


Anns a Ghearmailt, nuair a thatar a feuch ainn duine air son cionta sam bith, ma bhios au jury air a roinn sia an aghaidh sia, gheibh am piosanach ma sgaoil, ma bhios iad seachd an aghaidh coig, theid a chuis fhagail aig a bhreitheamh, agus ma bhios iad ochd an aghaidh ceithir, bidh am priosanach air a dhiteadh.


Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
ROBERT ROS.
Two Rivers, N. S.

Bha mi air mo leigheas on amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN A. FOREY.
Antigonish, N. S.

LeighisMINARD ’S LINIMENTcrupadh fheithean orm-sa.
MRS . RACHEL SAUNDERS.
Dalhousie.


Bhan dotair ainmeil air son a chrathaidh a bheireadh e air laimh neach. Aon latha thachai, gille beag air, air an rathad mhor, rug e air laimh airs thug em fasgadh abhaisteach dhi, agus dh-fheorich e, “Am beil thu gu math an diughille!” “Bha mi math gu leor,” arsam fear beags na deoir na shuilean, “gus an drug sibhse air laimh orm.

Tha I. Edward Moore, Caledonia, N. S., a sgriobhadh, Dh-fhiach mise K. D. C. air droch stamaig agus cha dfhuair mi a leithid riamh. Dh-fhiach mi iomadh leigheas ri mlatha agus moran dhotairean, ach cha drinn aon diubh feum cho mor dhomhsa inn K. D. C.

DROCH STAMAG AIR A LEIGHEAS. —Bha droch stamag a cur dragh orm fad cheithir bliadhna. Chunnami B. B. B. air a mholadh ann am paipear, agus thoisich mi air a ghabhail, ’s thuig mi an uine ghoirid nach robh a leithid ann. Leighis tri botill mis leighis iad gu math mi. —BERT J. REID, Wingham, Ont.

LeigsidhMinard ’s Linimentcnatan.

Air a bhliadhna chaidh seachad, chaidh tri mile coig ceud, ’s leth-cheudsa naoidh (3559) de shoithichean troimh rathad-uisge Shuez(Suez Canal). Bu le Breatuinn 2581 diubh sin; bhuineadh 292 don Ghearmailt, agus 174 don Fhraing. Cha deachidh troimhe fad na bliadhna ach da shoitheach leis na Staitean Aonaichte. ’Sin Fhraing a chuir mu dheadhinn an rathad-uisge fhosgladh an toiseach, ach chan eil in diugh a faighinn uiread demhathsa tha righachdan eile.

LEIGHEAS DO CHEANN-GOIRT. —Tha ceann-goirt mar is trice a tighinn o cheangal-cuim, droch fhuil, droch stamag, no tinneas-a ghruain. Leighsidh B. B. B. na h-euslaintean so uile agus mar sin leighsidh en ceann-goirt. Aon uairs gun toirear air falbh an t-aobhar, falbhidh an ceann-goirt.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.


Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh
K. D. C
an leigheas as fhearr a thann. Tha na dotairean as fearrga mholadh.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


DR . WOODS Norway Pine Syrup.

Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.

LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN

Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBHs an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.

A Phris 25c us 50c am botull


A. J. PEUTAN,
FEAR-ADHLACIDH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[79]

[Vol . 2. No. 11. p. 7]

Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D.

Chaidh na maraichean a thoirt na lathair aon as deigh aon. Be Eudmhor fear acfhuinn na Luinge. Bhaghuth mar beucail leomhann; be mac aon Dana o buidhean an teine ann am Babilon Deadh Mhisn-achduine cudthronachthainig esan o bhaile beag da mainm Beo-aig-Socair. Be Ceann-Cruaidh-seoladair foghainteach Mac Diotrephes, fear malairt speuclairean agus sean chraicionn sgriobhaidh; comh-cheangailte air taobh a Mhathair ris na Seasaich ann a Sraid a Cheo.

Thainig Cuilc-bhruite bho baile anSion den bheil caol smuid” ’se oganach euslainteach a bhann, agus do bhrigh gun d-innseadh dha nach robh a laithean gu bhi buan chuir so gu mor thrioblaid e; agus air cluinntinn da gun leighiseadhTurusann aSgeul a Mhor Aoibhneisgach gne sheorsa thinnisean agus eucailean dhaon e rithe chum a dheanamh slan. Bhuineadh Faicill do bhaile Comhairlean-Tarsuinn labhradh e ach ainimig agus sin fein as deigh chaich.

Air do na h-uile bhi nis ullamh gu seoladh, mhol na maraichean an Tighearna aig am bheil a throcairean a maireachduinn gu brath. Thug cuid fainear gu robh Peadar a seinn tuille is ard, am feadh bha tuchan air Tomas, air dha fuachd ghlacadh measg nan Creagan; sheinn Dearsadh coltach ri Babilonianach.

Chuir Criosduidh beagan uine seachad na aonar, comhlabhairt na chridhe fein, agus a fantuinn na thosd; an sin dh-feoraich e dhe Tuigse mu thimchioll an t-soithich, fhreagair esan, “Tha i togta de dharach siorruidh gun mheang bho toiseach gu deireadh. ’Se Athair ar Tighearn a dhealbh i o thoiseach an t-saoghail, agus a chionn gundleubh thu ann a Leabhar na Beatha gur h-E Caiptein na Slainte air a dheanamh foirfe tre fhulangasaibh, ’sann chum innse dhuit gun sheol e cuaintean neo-aithnichte a dh-fosgladh slighe nuadh agus bheo. Sheas e roimhn chrann, chuir e aghaidh ris a ghaoith, agus chomhraig e ris an doinionn anns an dearbh shoitheach so. Air a chrann toisich tha samhladh creathall, air a chrann mhor crann ceusaidh, air chrann-deiridh mar gum beadh uaigh-fhosgailte. ’Siad so ann a samhla Breth, Bas, agus Ais-eiridh ar Tighearna. Nuair theid na siuil a sgaoileadh, chith thu iad geal mar sneachda.

(Re leantuiun.)


Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

Bha Uilleam ag innse do Dhomhnull mu mhac da a bha air a dhol a mach an Iar, agus nach robh faotainn a shlainte. “Tha,” ars esan, “mo mhac an deigh moran tinneis fhaotainn on dh-fhalbh e, agus beigin da moran siubhil a dheanamh o aite gu aite. Ach tha mi taingeil gu bheil e fhathast ann an tir nam beo.” Bha Domhnull latha no dha an deigh sin ag innnse do nabuidh eile mar a bha dol do mhac Uilleam, agus, ars esanbfhearr dhan ghille bhochd nach dfhalbh e on tigh riamh.” “Agus caitem beil e?” arsam fear ris an robh e bruidhinn. “Tha e, ’n drasdaarsa Domhnull, “ann an aite ris an abrar Tir nam Beo, ge air bith den taobh a tha sin. Chan urrinn domh fhin a dheanamh mach; cha sgoilear mi.”


LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dhiarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann amPolitics. ”Chan eil eg iarridh a bhisparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil edol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhen t-seorsa sin aig na paipearan eile.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.



[80]

[Vol . 2. No. 11. p. 8]

Mar thug Alastair an Car a Uistean.

SGEULA FIRINNEACH.

Ann an Gaidhealtachd na h-Alba bho chionn ghoirid bha seann duine coir dam bainm Uistean na chomhnuidh leis fhein. Air feasgair araidh chaidh Uistean a cheilidh air ban-charaid agus a mac Alastair, no mar bu tric a theireadh iad risGorrie.” An deigh cuid mhaith dhen oidhche a chaitheadh ann an seanachas, ghabh an seann duine a chead dhiubh agus chaidh e air an t-slighe dhachaidh. A nis bha tlachd mhor aig Alastair ann a bhi deanamh cleasan gun chron air muinntir, agus gu sonruichte air seann Uistean. An deigh do Uistean a thurus a ghabhail dhachaidh chuir Alastair e fein ann an uidheam cho uasals burrainn e agus ghabh e rathad goirrid agus, air dha faotainn air thoiseach air Uistean, thionndadh e na choinneamh. Ghabh e air a bhi na choigreach agus dhfhaighnich e ann am Beurla, canan air nach robh mor eolas aig Uisteancait an robh tigh a mhinisteir. Thoisich Uistean air innseadh dha leis a bheagan Beurla a bhaigeagus be an seann duine a chluinntinn ris a Bheurla a cheart ni a bha Alastair ag iarraidh. Ach cha b-urrainn an duine coir a sheoladh mar bu mhaith leis, agus roghnaich e tilleadh maille ris a choigreach gus an dfhag e aig geata a mhinisteir e. Thug an coigreach ni-egin dha air son a choimhneis agus air faotainnainm agusaite-comhnuidh thubhairt e gun faiceadh e fhathast e mun fagadh e an duthaich. Bha e na cheisd mhor air Uistean co an duine uasal a choinnich e agus cha dfhuair e neach sam bith a b-urrainn a fuasgladh. Beagan laithean na dheigh so, choinnich Uistean gille og a chuala mar thug Alastair an car as, agus thubhairt e gum b-urrainn esan innseadh dha co an duine uasal a bhann agus gum be sin a charaid fhein Alastair. Dhfhalbh e gun dail gu tigh a bhana-charaid ach cha robh Alastair a stigh. “Seadh, a bhoirrionnaich,” ars Uistean.” an cuala tusa an obair a rinn do Mhac Alastair ormsa an oidche roimh? Nach do choinnich e mi air an rathad, agus nach do bhruidhinn e rium ann an Beurla chaol, chruaidh, ShasunnachShailoadh tu gur ann an Newcastle a rugadh eagus, on bha e na bfhurasda dhomhsa tilleadh gu tigh a mhinisteir na a sheoladh ann am Beurla, thainig orm a dhol a h-uile ceum gus a gheata leis.”

A nis, Uisteanars isenach eil cuimhne agadsa gun dfhag thusa Alastair na shineadh air an leabaidh nuair a dhfhalbh thu an oidhche bha sin?”

Air monair, a bhoirionnaich, gur tusa tha ceart. Bha an gille sin cheana.

Gun an corr a radh rinn Uistean direach air a ghille og a thubhairt ris gum be Alastair a bhann.

Nach dfhuair sibh a mach, a nis, Uistean, gur eur caraid Alastair a bhann?”

Thug Uistean suil choimheach air agus reitich e amhach. “Tha thusa, laochan,” ars esanbreugach, agus cha neil sin iongantach, sann de siol nam breugadairean a thainig thu!”

Cha dfhuair Uistean a mach gu la a bhais co e an duine uasal, agus cha mho bhachridhe aig neach sam bith a radh ris an deigh sin gum be a charaid Alastair leis an deach e gu tigh a mhinisteir.

CABAR-FEIDH.


ORAN.

DO SHIR IAIN MAC-GILLEAIN.

Tha mim shuidhair strath-riabhach,
Ho i no hu o;
S fada, fiadhich mo shealladh,
No ho i no ho i,
No i ri ri no hu o.

S fada, fiadhich mo shealladh,
Ho i no hu o;
Bfhearr gum faicinn Sir Iain,
No ho i no ho i,
No i ri ri no hu o.

S ena thighearna thall ud.
S cha bhiodh bodich an t-sughain
Gabhail cunntis na tfhearann.
Bfhearr gum faicinn an nios thu
An glaic diollid air seang each.


Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGAN.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear ionaid.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.

titleIssue 11
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 11. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page