[Vol . 2. No. 12. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 16, 1893. No. 12.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
ARCHIBALD & CO. ,
CEANNICHEAN.
Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
Naigheachdan Pearsanta.
Bha’n t-Urr. Daibhidh Drummond, as an Eilean Mhor, agus a bhean, sa bhaile air an t-seachdain so.
Tha Mr D. I. Mac Leoid a bha o chionn aireamh bhliadhnaichean na fhear cumail leabhrichean sanAcadia House ’sa bhaile so, a nis an Glace Bay ri ceannachd air a laimh hein, agus tha sinn a cluinntinn gu bheil a soirbheachadh leis gu math.
Bha Mr Iain D. Domhnullach a Great Bend, Pennsylvania, sa bhaile Dior-daoin. Tha dachaidh Mhr. Dhomhnullaich ’sa Cheann Dearg, agus tha e ’n drasda air chuairt ag amharc air a chairdean, an deigh a bhi sna Staitean aireamh bhliadhnichean.
Bha bean Iomhair Chaimbail a Orangedale sa bhaile Dior-daoin, agus chuir i h-ainm sios air son bliadhna dhe’n MHAC-TALLA. Is nighean i do’n Urr. Mr. Gunn nach maireann, a bha uine mhor na mhinistear am Broad Cove, agus a bha ainmeil air son cho measail ’sa bha e air a chainnt mhathrail. ’Na latha fein cha robh duine ’n Ceap Breatuinn bu cheairte labhradh Gailig na e,
Tha Domhnulll Caimbeal, Eildear, Baddeck Mhor, a sgriobhadh thugainn mar a leanas,— “Tha mi gu mor an comain an t-sar dhuin-uasail sin am Port Hawkesbury, Mr. A. Bain, a tha paigheadh phaipearan naigheachd air mo shon o chionn aireamh bhliadhnaichean. Tha e na dhuine snasail, caoimhneil, air a h-uile doigh, agus ’sann dhasan bu dual sin. Gun duaisicheadh an Ti a’s airde e, agus gum beannaicheadh se e.”
Tha fios a St. Pierre ag innse mu sheoladair bochd a fhuair a leithid de dhroch laimhseachadh air bord soitheach iasgaich ’s gun dug e galair a bhais. Cha robh e air cuan riamh roimhe agus ghabh gach aon a bh’ air bord brath air, ’s bha cuid diubh a gabhail air gu bruideil. Beagan uine an deigh do’n t-soitheach tigh’nn gu port dh-eug e. Fhuaireadh ballan dubha air a chorp far an robhas ’ga bhualadh. Chaidh iad-san a bha cionntach a pheanasachadh le ’n cur do’n phriosan, cuid a fhuair coig bliadhna, cuid da bhliadhna, agus cuid eile bliadhna. Cha d’ fhuair iad dad tuilleadh sa choir.
Duanag do Mhinistear Chill-an-Ionair.
Gu’n faca mi bruadar
’Chuir smuairean gu leoir orm,
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi
An leannan ’bha agam
An nochd ’dol a phosadh;
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi.
’S tu ’s mills’ o’n dig pog,
Is gur faghluimt’ air labhirt thu
An Gaidhlig ’s am Beurla,
’S gur reidh ’thig an Laideann leat.
Cha n-fhaicear ’ad dheidh leinn
Fear d’ eugis ’s a’ chrannaig so;
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi.
Bu chaoimhnail leam t’ fhailte,
’S b’e m’ adh a bhi comhl’ riut;
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi,
’Nuair ’chaidh thu orm seachad
Bu mhearachd bha mor e;
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi.
Nan deanadh tu m’ iarridh
Gun rachinn gu d’ bhanis leat,
Is dheaninn dhuit maighdean
’Bhiodh dileas is tairisneach;
Cha bhiodh air do chulaobh
Aon ni ’bhiodh an an fhios dhuit,
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi.
Ach thagh thusa cailin
Nam meall-shuilean modhar;
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi.
Tha ’mala gun ghruaman,
’S i ’s binne guth orain;
Bha mi ’nam chadal is dhuisg sud mi.
’Si m’ athchuinge bhuan-sa
Gach buaidh a bhi maille ruibh;
’Bhi sona le cheile
Gun eislean, gun an-Shocir,
Crodh bainne ma ’r buaile
’S’ clann uallach mu ’r teallach dhiubh;
Bha mi ’n am chadal is dhuisg sud mi.
Tha Mr. Iain A. Mac Dhiarmaid an deigh tigh-bidh fhosgladh faisg air Oifig a Phosta, far am faigh neach biadh aig am sam bith de’n latha air pris gle reusanta. Tha tigh-bidh de’n t-seorsa so gle fheumail an aite sam bi daoine falbh sa tighinn bho choig uairean sa mhaduinn gu deich uairean feasgar, agus tha sinn cinnteach gu bheil am fear so ann sna deagh lamhan air son riarachadh a thoirt do na h-uile ’thig an rathad.
[Vol . 2. No. 12. p. 2]
Litir as an Eilean Sgiathanach.
Fhir mo Chridhe, —Gu ma fada beo thu ’s ceo as do thaigh! Is e so mo dhurachd dhut an latha ’chi ’s nach fhaic. Bu choir do na h-uile Gaidheal ann an Ceithir Ranna Ruadha an-Saoghail meas a bhith aca ort, a chionn gur tu a tha ’cur a mach an aon phaipear naigheachd a labhras riutha, o sheachduin gu seachduin, ann an cainnt mhilis, bhlasda nan Gaidheal. O’n a tha mi fhein cho Gaidhealach ri fad monadh seasaidh mi air do thaobh fhad ’s is beo mi. Tha fhios agam gu bheil aireamh mhor de Ghaidheil air feadh gach cearn de Chanada, agus o’n a tha baigh aca gu nadurra ris an t-seann duthaich, cha mhisde leotha iomradh a chluinntinn air cor na muinntir a tha ’nan comhnuidh ann an Gaidhealtachd na h-Alba. O’n a thachair dhomhsa tomhas math de dh’eolas a bhith agam air suidheachadh an t sluaigh air feadh earann mhor de Shiorrachd Rois, de Shiorrachd Ionarnis, agus de Shiorrachd Earraghaidheil, bheir mi oidhirp air beagan a sgriobhadh o am gu am mu thimchioll nan nithean a shaoileas mi a bheir fiosrachadh agus toilinntinn do m’ luchd-duthcha ann an America.
Tha aireamh mhor de luchd-daimh agam ann an Canada. Bha da phiuthar-athar agus piuthar-mathar dhomh posda ann an Canada. Tha naire orm aideachadh nach ’eil fhios agam c’aite am bheil an teaghlaichean a nis a gabhail comhnuidh. Cha do sgriobh a h-aon dhiubh riamh do m’ ionnsaidh agus mar sin cha robh fios agam cia mar a chuirinn litir do’n ionnsuidh. Tha mar an ceudna aireamh mhor de chairdean, de luchd-daimh agus de luchd eolais agam ann am Manitoba. Tha mo phiuthar posda ann, agus tha ceathrar no coignear de chloinn bhraithrean m’ athar ann. Ach cha’n ’eil mi ’faotainn sgriob litreach o h-aon seach aon dhiubh. An uair a sguir iad fhein a fhreagairt mo litrichean-sa sguir mise bhith sgriobhadh do ’n ionnsuidh-san.
Ach o’n is ann mu Ghaidheil Chanada a bha mi labhairt, faodaidh mi radh gur ann an Cnoc-na-monadh am Beinn-a- bhaoghla a rugadh mi. Is e Tormad og mac Iain ’ic Aonghais, a theireadh iad ri m’ athair. O chionn corr is leith cheud bliadhna chaidh moran a Beinn-a- bhaoghla agus a da Uibhist gu ruige Ceap Breatunn agus Eilean a’ Phrionnsa. Nam measg so bha Domhull Mac Ca[ ? ]maic , no, mar a theirteadh gu cumanta’ ris, Domhnull Mac Aonghais ’ic Lachlainn, agus a bhean, Mairi piuthar m’ athar. Bha aireamh de theaghlach aca mu ’n d’ fhag iad Beinn-a bhaoghla. Chuala mi uair is uair o chionn iomadh bliadhna gu robh iad gle mhath air an doigh. Tha mi creidsinn gu bheil cuid dhe’n teaghlach beo fhathast.
O chionn da fhichead bliadhna dh’ fhalbh Seumas Mac Dhomhuill ’ic Bhannain le ’mhnaoi ’s le ’theaghlach a Beinn-a- bhaoghla gu ruige Canada. Cha’n urrainn mi chuimhneachadh co’ cheart aite do’n deachaidh iad. B’i Fionnghalla piuthar m’ athar a bha posda aig Seumas. Bha sinn a’ cluinntinn uapa an drasta ’s a rithist, agus bha iad a’ toirt cunntais gle fhabharach mu ’n aite anns an robh iad. Ma ’s math mo chuimhne fhuair iad air an aghart gle mhath.
Bha piuthar-mathar dhomh (Peigi) posda ann an Eilean a’ Phrionnsa, ri Aonghas Mac-a- Phearsain (Aonghas Mac Neill Bhain.) Bha dithis nighean de theaghlach aca. Cha ’n ’eil fada o’n a chuala mi iomradh orra.
Tha mi ’n dochas gu bheil cuid dhe na cairdean air an d’ thug mi iomradh ann am meag na muinntir a tha ’leughadh a’ MHIC-TALLA gu riaghailteach o sheachduin gu seachduin. Bheireadh e mor-thoileachadh dhomh fhein agus a dh’iomadh neach eile araon ann an Gaidealtachd na h-Alba agus ann an America a bhith faicinn litrichean o am gu am anns a’ MHAC TALLA, coltach ris na litrichean a chuir C. C. ugad a Strath-Alba, P. E. I, agus an seann duine coir, Aonghas Mac Ille-Mhaoil, a Gleann-Garaidh, Ont., agus moran eile. Ged is ann an Canada a rugadh ’s a dh’araicheadh Aonghas, cha do chuir e cul ri seana chanain aosda nan Gaidheal riamh, ’s cha chuir. Gu ma buan e.
A nis, bu choir do na Gaidheil aig am bheil meas air a’ Ghailig seasamh gualainn ri gualainn mar a dheanadh na Gaidheil o shean, agus am MAC TALLA a chuideachadh le’n cinn, le’m pinn s le’n sporrain. Tha ’n dleasdanas so gu sonraichte mar fhiachan air Gaidheil America. Tha coir aca air cliu fhaotainn, do bhrigh gur ann ’nam measg a chuireadh air a chois an aon phaipear naigheachd Gailig a th’ air an t-saoghal. Shaoileamaid gur ann an Alba fhein a rachadh a’ cheud paipear-naigheachd Gailig a chur air a bhonn. Ach cha ’n ann. Tha car de naire orm gu feum mi aideachadh gur ann a tha cuid mhor de na Gaidheil a th’ ann an Alba, cha’n e mhain caoin-shuarach mu ’n Ghailig, ach eadhon a’ deanamh tair is tarcuis oirre. Cha ’n ’eil de dhuinealas annta na chumas suas aon de na Miosachain Ghailig a dh’fheuch sgoilearan matha agus fior Ghaidheil ri chur a mach. An aon Mhiosachan air am bheil ainm Gailig(Celtic Monthly)ann an Alba, cha’n ’eil e fhathast bliadhna’ dh’ aois. Mur b’e na bheil de Bheurla agus de dhealbhannan Ghaidheal urramach ann, cha seasadh e fada. Cha mhor Gailig a th’ ann idir. Bhiodh moran a bharrachd Gailig ann nan saoileadh am fear-deasachaidh gu’n cordadh sin ris an luchd-leughaidh. Tha
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun, 1, 1893.
Adan! oineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGA
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mnathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
[Vol . 2. No. 12. p. 3]
sean fhacal ann a tha ’g radh gur e farmad a ni treabhadh, Faodaidh e bhith gu’n gabh Gaidheil na-Alba farmad ri Gaidheil America, agus gu ’n cuir iad paipear-naigheachd Gailig air a chois dhaibh fhein,
Tha aon ni ann a tha ’toirt misnich dhuinn a thaobh na Gailig anns an rioghachd so, agus ’se sin, gu bheil a’ Ghailig a nis air a teagasg ann am moran dhe na sgoilean anns a’ Ghaidhealtachd, agus gu bheil an Crun a’ toirt airgid seachad air son a bhith ’ga teagasg mar a bheirear seachad air son meur sam bith eile de dh’ fhoghlum a th’ air a teagasg anns na Sgoilean.
Ach ged a tha gluasad ann am measg nam Fineachan Gaidhealach o chionn aireamh bhliadhnachan, cha ’n ’eil a thuar orra fhathast a bheag a dheanamh a chum a’ Ghailig a chumail suas. Tha dochas againn air a shon sin gu ’n dean iad ni eiginn air a son an uine gun bhith fada.
Ged a tha toil agam moran nithean eile innseadh dhut cha bu mhath leam do sharuchadh le litir ro fhada ’chur a d’ fonnsuidh anns a’ cheud dol a mach. “Ma bhios mi beo gus am faigh mi bas,” mar a thuirt am fear roimhe, cluinnidh tu uam gu math tric. Thoir mo bheannachd-sa do gach Gaidheal treun, tapaidh a tha ’seasamh gu duineil air do chul o latha gu latha. Is e lionmhorachd nan lamh a dh’ fhagas an obair eutrom. Ma sheasas do chairdean lionmhor air do chul cha’n eagal nach teid gach cuis leat.
Is mi d’ fhior charaid,
IAIN MACRUAIRIDH.
’Sniosart, ’san Eilean Sgiathanach, Aug . 23.
Naigheachdan as a’ Ghaidhealtachd.
Bha teas is tiormachd againn air feadh na rioghachd gu leir a bha anabarrach o mheadhon an earraich gus an do thoisich uisgeachan ri sileadh mu thoiseach a’ mhios mu dheireadh do’n t-samhradh. Cha’n ’eil duine beo aig am bheil cuimhne air earrach is samhradh fhaicinn cho fior bhreagha ’s a bh’ againn air a’ bhliadhna so. Rinn daoine curachd mhath, agus bha iad ullamh dhi moran ni bu traithe na b’ abhaist dhaibh. Tha ’m barr ag amharc gle mhath, agus tha ’chuis coltach gu ’m bi daoine ullamh dhe’n bhuain gu math trath. Ma gheibh iad an t-arbhar fo dhion gu sabhailte, bidh cuid mhath de dheagh shiol air. Tha am buntata air thuar a bhith gle phailt anns gach aite. Tha’n tuirneip neo-chumanta math air feadh na tire gu leir. Ach tha ’m feur gann. Chum teas is tiormachd an t-samhraidh gun fhas e. Ged a bha teas mor ann an Alba bu shuarach e seach an teas a bh’ aca ann an Sasunn. Chuir so call mor air gach neach aig an robh crodh is caoraich ri’n reic. Leis cho gann ’s a bha ’m feur araon an Sasunn agus air taobh an ear na h-Alba cha b’ urrainn na drobhairean Gallda agus na drobhairean Sasunnach tighinn do’n Ghaidhealtachd a cheannach chruid no chaorach. Cha do reiceadh an dara leith de ’n spreidh fhathast. Tha daoine bochda ’nan eiginn a chion airgid a phaigheas am mal, agus na cunntasan troma th’ aig na marsantan nan aghaidh. Thug na h-uisgeachan troma a bh’ againn an drasta ’s a rithist o chionn shia seachduinean fas air an fheur agus air an tuirneip, agus tha na prisean air crodh ’s air caoraich ag eirigh beagan o chionn beagan sheachduinean. Mar dhearbhadh gu bheil a’ phris gu h-olc faodar ainmeachadh gu robh gamhna air an reic air Feill Phort-righ air a’ mhios so, air son punnd Sasunnach am fear! Reic aon duine bochd a bha na eiginn an aon ghamhain a bh’ aige air son coig tasdain deug!! Bha na prisean dluth air a bhith cheart cho iosal ann an da Uibhist ’s am Beinn-a- bhaoghla air Feill an t-samhraidh. Tha dochas againn gu’m bi iad moran ni ’s fhearr air an ath mhios. Bha na prisean faisge air an aon doigh anns na h-Earradh, ann an Leodhas, agus air feadh gach cearn eile dhe’n Ghaidhealtachd.
Chaidh iasgach an sgadain gu mor ’nan aghaidh ann an Steornabhagh agus ann am Barraidh am bliadhna. Ach rinneadh iasgach math ann an Gallaobh, ann an Ceann-Phadraig, agus ann an aiteachan eile, deireadh an t-samhraidh agus o thainig am foghar.
Tha obraichean gle ghann air a’ Ghalldachd ’s air a’ Ghaidhealtachd o thainig a’ bhliadhna. Air an aobhar sin tha moran de dhaoine luatha laidir anns an duthaich a dheanadh obair gu leor nam biodh obair ann dhaibh. Cha ’n ’eil aca ach feuchainn ri cur suas le cuisean mar is fhearr a dh’ fhaodas iad. An rud nach gach leasachadh feumar cur suas leis.
LeigsidhMinard ’s Linimentcnatan.
Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
ROBERT ROS.
Two Rivers, N. S.
Bha mi air mo leigheas o’n amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN A. FOREY.
Antigonish, N. S.
LeighisMINARD ’S LINIMENTcrupadh fheithean orm-sa.
MRS . RACHEL SAUNDERS.
Dalhousie.
Thilg Frangach da’m b’ainm Charbonnear e fein fodh na carbadan smuide aig Montreal an la roimhe, agus bha e air a phrannadh gu bas.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
COMHRADH.
“De ’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
FAIC SO.
Tha sinn a cumail uan Amhlan a’s fhearr ann an Sidni ’s tha sinn ’g an reic na’s saoire na neach sum bith eile. Tha ’m Flur aginn leth-dolar na’s saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a’s isle.
Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid.
Taghail aginn nuair a thig thu do’n bhaile agus faic ar Brogan, —an cunn radh a’s fhearr a ghabhas faotinn.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
[Vol . 2. No. 12. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNESEPTEMBER 16, 1893.
Air an t-seachdain s’a chaidh thug sinn d’ar luchd-leubhidh oraid ghasda mu “na seann sgeulachdan” o pheann an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair. Air an t-seachdain so tha sinn a toirt dhaibh litir as an Eilean Sgiathanach agus naigheachdan Gaidhealach o’n Urr. Iain Mac Ruairidh. Agus air an t-seachdain so ’tighinn gheibh iad o Mhr. Sinclair, “Leasan air leughadh Gadhlig.” “Tha sinn cinnteach gu’n cuir gach aon a tha leubhadh a MHAC-TALLA o sheachdain gu seachdain an luach a’s coir dha air na sgriobhidhean so; tha iad lan airidh air an leubhadh uair no dha.
Ann an seann oran air am b’abhist duinn a bhi eolach tha iomradh air a thoirt air bodaich araidh “a bhiodh trath a dol do’n leabidh, ’s fadalach ag eiridh.” Ach bodach sam bith an Sidni tha ’n duil turus a ghabhail air an rathad iaruinn an drasd ’s fheudar dha bhi air atharrachadh sin no cha teid a thurus leis. Tha’n t-each iaruinn a togail air a h-uile maduinn aig coig uairean, nu’n gann a gheibh an coilleach cothrom air gairm, agus cha bhi e air ais gu faisg air deich uairean san oiche. Tha e gle dhoirbh cur suas le leithid so gun a bhi gearain, agus cha chuireadh e ioghnadh sam bith oirnn ged a bhiodh muinntir Shidni us Shidni-a- Tuath an uine ghoirid a cur an gearan air beulaobh luchd-riaghlaidh an rathaid.
Thachair do bhill an Fhein Riaghlaidh an ceart ni a bha moran a cur air mhanadh dha; cha bu luaithe fhuair na Morairean greim air na thilg iad a mach e mar ni nach b’ fhiach a bhi cosg uine ris. Cha n’eil teagamh a nis nach cuir Gladstone a chuis fa chomhair an t-sluaigh an uine ghearr, agus an sin faodaidh sul a bhi againn ri cath cruaidh eadar e fein us naimhdean an Fhein Riaghlaidh. Tha aon ni a bhios na neart mor do Ghladstone ann san t-stri, ’se sin gu’n do dheilig na morairean air an doigh cheudna ri reachd eile a chaidh troimh Thigh nan Cumantach gun cha mhor guth a bhi air a thogail na aghaidh. Bha ’n reachd sin a toirt cumhachd do luchd riaghlaidh Lunnuinn air cis a leagail air moran fearainn nach robh roimhe so a paigheadh sgillinn. Bhuineadh moran de’n fhearann so do chuid de na morairean fein, agus thilg iad a mach am bill gu taireil. Bheirear so fa chomhair an t-sluaigh, agus bidh e air a mhineachadh dhaibh gu soilleir, agus chan eil teagamh nach cuidich e gu aire ’n t-sluaigh a thoirt air falbh o Fhein Riaghladh, agus mar sin, nuair a theid iad a thoirt breith, dh’ fhaoidte nach ann air Fein Riaghladh a bheir iad breith idir, ach air na Morairean. Ach gheibhear deireadh gach sgeoil a nasgaidh, agus chan eil ni a’s fearr dhuinne air an taobh so dhe’n Atlantic na feitheamh gus am faic sinn ciod a thachras. Ach ’si bharail choitchionn gun d’ rinn na Morairean gu h-aimideach nuair a chuir iad as do bhill nan Lunnuinneach, oir tha ’n sluagh air fada ro dheonach air e bhi na lagh san rioghachd gum bi cis air fearann ’s air seilbh an duine bheairtich cho math sa bhios air cuid an duine bhochd.
Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile.
Ainmean na feadhnach a phaigh an dolar air son bliadhna de’n MHAC-TALLA.
Caiptean R. Mac Coinnich, Flat River, P. E. I.
Calum Mac Coinnich, do.
An t-Urr. Tearlach Camaran, Durham , Ont.
Donnacha Mac Coinnich, Milton , C. B.
An t-Urr. Alasdair Grannd, Loch Ainslie.
An t-Urr. D. M. Mac Eamuinn, St . F. X College, Antigonish.
An t-Urr. Dr. Domhnullach, do.
M. D. Mac Carmaic, Launching , P. E. I.
Dr. G. Gillis, Dundas , P. E. I.
Calum Mac ’Illeallain, Narrows Creek, P. E. I.
Domhnull Mac ’Illeallain, do.
M. D. Domhnullach, do.
Domhnull Peutan, Cardigan , P. E. I.
Calum Mathanach, Vancouver , B. C.
I. C. Douglas, do.
Donnacha Mac Rath, do.
Aonghas Domhnullach, North River Bridge, C. B.
I. Mac Cuinn, Round Island, C. B.
Ailain Mac ’Ille-bhrath, McPherson P. O., N. S.
Murachadh Domhnullach, Ceap Nor, C. B.
A. Peutan, Loch Lommond.
A. Mac Fhearghais, do.
R. A. Mac Asguill, Fourchu.
Alasdair Shaw, Hay Cove.
Donnacha Mac Fhionnlaidh, Grand River.
Murachadh I. Mathanach, do.
An t-Urr. D. Drummond, Boulardarie .
Mairi A. Dhomhnullach, An Ceann Dearg.
Uilleam Ros, Flat River, P. E. I.
Bean Neill ’Ic-llle-Mhicheil, Hogomah.
D. I. Mathanach, Beinn Hogamah.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’accordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
[Vol . 2. No. 12. p. 5]
SGEUL MU CHOIRE-NA-SITH.
Thachair dhomh, (a deir fear eolais o’n d’ fhuair sinn an sgeula,) bhi siubhal, o chionn beagan bhliadhnaichean, troimh Gharbh-chriocha na Gaeltachd, troimh mhonachan fiadhaich, far nach robh aon rathad, ’nuair a thuit domh, air feasgar samhraidh, bhi air mo chuairteachadh ann an ceo dumhail, ’nuair bha mi gabhail athghoirid thairis air guala beinne, cho ard ’s a bha san duthaich. Mar bha agh orm, bha fear cuairtich nan criocha farsuing sin maille rium san am, a thug mi leam gu m’ sheoladh gu bearradh ard, as am faicinn sealladh air a’ ghleann chum an robh mi dol. Fada mun d’ rainig sinn am bearradh so, thuit an ceo co dumhail, ’s gu’m b’amaideach smuaineacha’ dol ni b’fhaide air ar n-aghaidh. Bha Eachunn Ruadh, saighdear a bha maille rium, ’na dhuine tuigseach; bha e fada san arm: chuir e suas an cota-dearg fo’n Cheannard urramach sin Ailean an Earrachd. Bha e maille ris ann an ioma cath cruaidh, agus b’ fhiach e eisdeachd gach sgeul a bh’ aige mu gach sealladh deistinneach a chunnaic e. ’Nuair a thuig e nach robh e tearuinte imeachd ni b’ fhaide air bile nan sgairneach a bha fodhainn, threoruich e mi gu bun na frithe, far an robh ionad dionach ’sam feudamaid fuireach gu maduinn. ’Nuair a bha sinn a’ tearnadh, dh’ fheoraich mi dheth an robh na creagan a bha ’na bheachd fada uainn. “Tha creagan an ni’s leoir far am bheil sinn, agus tha uamh fhasgach goirid o’n aite so,” ars’ esan; “ach ’s coma leam iad; tha e co math dhuinn an seachnadh, ’Se so,” a deir esan, ann an guth iosal, mar gu’m biodh e cagarsaich a’ m’ chluais, “ ’s e so Coire-na-sith; agus, a dh’innseadh na firinn, b’ fhearr leam a bhi fliuch leis a’ cheo, na fasgadh iarraidh anns na h-aiteachaibh grannda sin.” — “Cha ’n fheud e bith, thubhairt mi ris, “gu bheil thusa, Eachuinn, a creidsinn a leithid sin do amaideachd; gun teagamh cha’n’ eil thu ach ri feala-dha.” —Feala-dha ann no as,” deir esan, “is coma leam iad; mar thubhairt an seann duine, Fhad ’sa dh’fhuiricheas an t-olc uainn fuiricheamaid uaithe. Thig air t’aghart, tha sinn dluth do Uamh na h ochanaich; ach beannachd ’nan siubhal, ’s ’nan imeachd, ’si ’n nochd Di thaoine, ’s cha chluinn iad sinn.”
Thug mi air seasamh car tamuill, ’s thoisich mi air cur an ceill da faoineachd a leithid sin do smuaintibh. Chual’ e mi gu deireadh, gun stad a chur air mo sheanachas; ach a socrachadh a bhreacain thar a ghualainn, ’s a’ toirt sgrogadh a nuas air a bhoineid, ghramaich e ni bu inne am bata bha ’na laimh, agus thug e ceum air aghaidh, ag radh, “Bi bruidhinn an drasta, eisdidh mi riut am maireach; gabhamaid seachad air an am; cha’n aite so gu moran seanachais a labhairt.” — “Dean stad, Eachuinn,” thubhairt mi ris, “tha mi cur romham an oidhche chur seachad ann an Uamh na h-ochanaich, —fuirich leam, ’s na fag mi. Ach ma tha eagal ort”— “Eagal!” ars’ Eachunn, ’s e tionndadh air a shail; “bi air t’ earalas, a dhuine choir, agus tagh do chainnt, ge nach tig dhomhs’ a radh, ’s tu fein a’ cheud fhear a chuir eagal as mo leth.” — “Tha mi g iarraidh maitheanais,” thubhairt mi ris; “thig leam do’n uamh, agus feuchaidh sinn ciod a th’ agad ann an luib do bhreacain, ’s ni sinn reite.” — “Theid mi leat,” ars’ an saighdear coir, “agus fuirichidh mi leat, ged a bhiodh e lan do na Frangaich, gun teachd air na creutairibh leibideach, faoin sin, nach ’eil, ’s math a dh’ fheuidte ann idir, ged tha leithid do sheanachas mu’n timchioll.” Bha sinn a nis aig beul na h-uamha, agus sheas Eachunn Ruadh. “Sin i agad a nis,” a deir e; “ ’s urram na h-uaisle do’n choigreach, gabh air t’ aghart.” Chaidh sinn a stigh fo dhion, agus shuidh sinn air a’ cheud chloich chothromaich a fhuair sinn. Cha robh mo chompanach ro dheonach air moran cainnte: bha e sgioblachadh a bhreacain, ’nuair a ghrad-thog e ’cheann mar gu’m buaileadh peileir e. “Ciod e so?” a deir e, ’s e farcluais: “mur creid thu mise, creid do chluasan.” Thainig a nuas oirm sa’ cheart am sin ceol tiamhaidh, binn, nach d’ fhiosraich mi eisdeachd r’a leithid riamh roimhe; agus bha dearbh fhios agam nach b’ ann o aon inneal ciuil a b’ aithne dhomh a thainig e. Cha’n fheudadh so gun mhor ioghnadh a chur oirnn: bha ’n oidhche dorcha; bha ’n t-aite udlaidh uaigneach; bha sinn fada o thigheadas dhaoine, a measg garbhlach chreag, ann an coire fiadhaich. Eagal cha robh orm, oir bha mi lan-chinnteach gu’m bu cheol saoghalt’ a bh’ ann, agus chuir mi romham, nam b’ urrainn domh, fhaotainn a mach cia as a thainig e. “An teid thu suas leam, Eachuinn?” “Theid,” ars’ esan, is e cur seachad na bha e toirt as a bhreacan: “ ’s minic a thachair e mar so fein, eadar am bile san deoch. Shaoilinn gu’m biodh e co math fuireach gu maduinn; ach coma co dhiubh, gabh air t’ aghaidh, leanaidh mis’ thu; ach cuimhnich am fear a theid san dris, gun iomair e teachd as mar a dh’ fheudas e.” Ghabh sinn suas, —am feadh a bha an ceol a’ sior fhas ni b’ airde: fa dheireadh, thainig leus soluis oirnn: sheas Eachunn beagan air deireadh, ’s nuair a chaidh mi timchioll stuchd craige, chunnaic mi sealladh nach teid gu luath as m’aire. Dh’fhan mo chompanach far an robh e, theagamh a’ smuaineachadh gu’m faca mi tuillidh ’sa bu mhiann leam. Bha lasan chridheil theine aig ceann shuas na h-uamha o ghiuthas seachdta a bha pailt mu’n aite; agus ’na shuidhe aig an teine bha leth sheann duine laidir colgarra, currachd ard molach air a cheann, anns an robh dos do ite an fhirein, agus a chom uile air a chomhdachadh le bein fhiadh agus earb. Bha lan shealladh agams’ air-san, ge nach b’urradh dha-san mis’ fhaicinn. Bha e cluiche gu surdail air da thruimb mhor Abrach, a bha air an deanamh ’san am sin gu h-ealanta dluth do sheana chaisteal dubh Inearlochaidh. An crochadh ris gach meur d’a lamhaibh, bha clag beag airgid a rinn fuaim anabarrach binn, agus o’n do tharmaich a’ cho’ -sheirm a chuir ormsa na h-urrad iongantais, agus nam feuidte radh, a chuir mo chompanach fo eagal co mor. “Thig air t’ aghart,” thubhairt mi gu samhach ri Eachunn. “Am bheil iad an sin?” thubhairt e. “Am bheil iad a’ dannsadh san t-solus, no ri fleadhachas cuirme?” Dhluthaich e gu sgathach ri m’ thaobh, agus air dha a’ cheud phlathadh fhaicinn do’n fhear-chiuil, thug e sitheadh seachad orm, a’ glaodhaich a mach le aighear nach b’urrainn da cheannsachadh, “Iain mhoir nan creag, an tusa tha ’n so? Mo bheannachd air do cheann molach, ’s mi tha toilichte t’ fhaicinn!” Dh’eirich Iain bochd, ’s chuir e failte oirnn, a’ tilgeil tuillidh mhaidean air an teine. Shuidh sinn mu’n cuairt air a’ chagailt; agus dh’aidich Eachunn coir, oir cealg cha robh ’na chom, nach b’urrainn da gu brath a bhi co taingeil ’sa bhuineadh dha, airson nach d’ fhuair e cead tilleadh, mar bha run air nuair a chual’ e’n ceol. “Is ioma sgeul,” thubhairt e, “a chuala mi riamh mu Choire-na-sithe; ’s nam bithinn a nochd air tilleadh gun so fhaicinn, bha mo sgeula fein chum an dearbhadh. Cha tugadh am ministeir fein orm a chreidsinn nach robh na daoine-beaga ann an Uamh na h-ochanaich.” Dh’ fheoraich mi dheth, an robh da rireadh eagal air? “Eagal!” deir esan, ’s e suathadh air falbh an fhallais fhuar a bha fathast air a ghnuis; “air naile bha, ’s gu leoir dheth, barrachd ’sa bha riamh orm a’ dol sios do’n bhlar le Ailein an Earrachd: ach ma bha, cha bhi tuillidh mu’n ghnothach cheudna.”
Tha so a’ leigeil ris duinn cia co faoin an ni o’n eirich seanachas duthcha mu ni bha iad gnathaicht’ a chreidsinn; agus nan rannsuicheadh daoine gu mionaideach mu ’thimchioll, thuigeadh iad gur e bh’ ann, an aite a bhi na chuis-eagail, culaidh-abhacuis agus fearas-chuideachd.
—Air a toirt a Leabhar nan Cnoc.
Bidh coig muillein deug buiseal crithneach ri sheachnadh am Manitoba air bhlsadhna so. Chan fhaod a bhith gu’m bi ’n t-acras oirnn.
POSADH.
Sept. 5mh, leis an Urr. D. Drummond; Muracha Mac Dhiarmaid; Millville, ri Anna Nic Amhlaidh, Choille Mhor, Boulardarie.
“Mac-Talla ’s an“Scottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dh’orain Albannach air son da dholair.
[Vol . 2. No. 12. p. 6]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A. D. D.
Gu tric ’si n-acair t-aon dhocas slainte: Cha de dhiobair i riamh nuair a ghreimich i air a charraig. Tha ’n compaisd, mar a ta fios agad, ’n comhnaidh comharrachadh ri aon earrann de’n speur. Foillsichidh a Ghloine fhad sheallaidh so dhuit brigh nan nithe ri’m bheil dochas, dearbh-chinnte nan nithe nach faicear. Tha iomadh nithe eile chum do chuideachadh an Soitheach a sheoladh—mar a ta Leabhar-lathail “Sgeul a Mhoir Aoebhneis” air a ceud Thurus—cart iuil a nochdadh a’n cursa ceart.
Leabhar-teigisg ris an abrar Leabhar na Beatha, agus iomadh eile. Tuille fos gheibh thu pailteas stor airson an Turuis; bithidh aran air a thoirt ’s bithidh ar n’ uisge cinnteach; agus ma tharlas gu’m tig euslainte a choir an t’ Soithich, cha ’n eil agad ach gairm air Doctair Saor Ghras tha air a luaidh mar an Leigh mor.
Be Cridhe Subhach Mac Aoibhneach a sheol o chionn fada ann a “Sgeul a Mhor Aoibhneis;” ach air dha bhi deigheal air ceol a’s dannsa dh-fhan e air deireadh air Athair gus an d’rinn guth an Aingil clisgeadh chuir air.
Thainig Timoteus bho Og-Chrabhadh, —baile bha ceudan mile bho Babilon; air dha bhi air arach gu caomhall le shean-mhaithir a chomhairlich e le a h osna dheireanach e dhol air bord “Sgeul a Mhor Aoibhneis.”
Nuair bha iad uile cruinn air a chlar-uachdair bha Criosduidh fo mhor ioghnadh gu ’n ghabh iad ris mar an Sgiobair.
Thionndaidh e rithist ri Tuigse agus thubhairt e ris, “Cia mar tha so, agus gu ’n annam ach fear-tire agus nach aithne dhomh aon ropa o rop eile?” Fhreagradh e: “Ma tha aon agaibh a dh’uireasbhuidh gliocais, iarradh e o Dhia a bheir do gach neach gu pailt.” Do bhrigh gu’n sheas Criosduidh fo ioghnadh, ghairm Eudmhor le glaodh ard, “Tri iolaich air son Caiptein Criosduidh!”
Thog na h-uile air bord an guthan; agus ghlaodh iad le ard-iolach agus chuala Criosduidh guth o Neamh coltach ri guth Imanuel, ag radh, “Na biodh eagal ort oir a ta mise maille riut.”
Thuirling Spiorad an Tighearn air, Spiorad a ghliocais agus na h-inntinn fhallain.
Tra bha na Maraichean mar so deanamh gairdeachas, chualas glaodh o’n traigh.
Dh-amhairc Criosduidh agus Chunnaic e Dearsadh a crathadh a lamhan. Dh-fheoraich e dheth Tuigse. “A’n cuir sinn a’n “Gealladh” air a toir, agus chaidh a fhreagradh, “Esan a thig air sheol eile, is gaduiche agus fear-reubainn esan.”
Air dha Dearsadh toirt fainear gu robh beagan moille, ghabh e cuisean na lamhan fein; leum e do’n fhairge agus shnamh e dh-ionnsuidh an t’ soithich.
Air dha na Maraichean bhi trocair each, chuidich iad e steach, thug iad iosad aodaich dha. Mar so dh-inntrinn Dearsadh steach do “Sgeul a Mhor Aoibhneis,” ach cha b’ ann anns a “Ghealladh.”
(Re leantuiun.)
LeighsidhMinard ’s LinimentCrosdachd.
ThaMiss Agus Royce, Toronto, Ont. ,a rgriobhadh, —Bha mise dona le cion-cnamhaidh da bhliadhna dheug, agus bha mi air nairean r fulang pion mor. Ghabh mi K. D. C., agus rinn e bauachd feum dhomh air na rinn a h uile leigheas a dh-fheuch mi riamh. Tha mi nise nas fearr na bha mi o chionn bhliadhnachan.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aire sam bith, us tha na prisean gle iosal.
LeighsidhMinard ’s Linimentamhach ghoirt
Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh
K. D. C
an leigheas a’s fhearr a th’ann. Tha na dotairean a’s fearr ’ga mholadh.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
DR . WOOD’S Norway Pine Syrup.
Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
LEIGHEAS CINNTEACH AIR
CASADICH US CNATAN
Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH ’s an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile.
A Phris 25c us 50c am botuil.
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLCAIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 2. No. 12. p. 7]
An deigh Moran Laithean.
An deigh do Ruairidh a bhi deich bliadhna air falbh o’n bhaile bheag ’san d’ fhuair e arach, smaoinich e gu’n rachadh e dh-fhaicinn cia mar a bha cuisean a dol dhaibh-san a bha na dheigh. ’S gann gun d’ aithich e ’n tigh a b’abhaist a bhi aig athair nuair a ranig e; bha e air a dhath dearg agus bha ’n da chraobh leamhain a bha faisg air an dorus air an toirt air falbh. Dh-amhairc e air na h-uinneagan, ach na h-aghaidhean a chunnaic e ’g amharc a mach air, b’ aghaidhean choigreach iad. Dh-fhalbh e an sin agus thaghail e air a sheann luch-eolais o’ir bha, fadachd air gus an cuireadh e failte, orra agus gus am faiceadh e de’n fhailte chuireadh iad-san air-san.
Cha d’aithnich am ministear e idir an toiseach. Ach an sin thubhairte. “An tu th’ann a Ruairidh? A dhuine, nach ann ort a thanig an t-atharrachadh! ’S fheudnar gun do chinn gu math leat. Saoilidh mi gu bheil thu deich bliadhna nas oige na bha thu falbh.” Chaidh e stigh do bhuth a cheanniche, agus ’s e thuirt esan ris, ’s e ceangal suas punnd siucair, “ ’S gann a dh-aithnicheas mi thu idir. Chan urrinn nach d’ fhuair thu moran tinneis o’n dh-fhag thu ’n tigh. Theirinn-se gu bheil thu fichead bliadhna nas sine na bha thu ’n uair sin.”
Chunnaic e Domhnull Mac Sheumais, air an t-sraid, agus ghlaodh e ris, “ ’S mise Ruairidh Donn a bha fad bliadhna na sgalaig agaibh. Sheall Domhnull gu geur air agus fhreagair e, “Ma’s tu, ’bhallaich ’s ann ort a thanig an t-atharrachadh. Tha thu co-dhiu, leth-cheud punnd na’s truime na bha thu nuair a bha thu agam-sa.”
Thaghail e aig an fhear-lagha, agus an deigh do’n duin’ fhoghluimte sin na speuclairean a chur uime chrath e ’cheann air a shocair fhein agus thuirt e, “S tu th’ ann a Ruairidh, ’s tu th’ ann gun teagamh. Ach nach iongatach leam cho caol, cruaidh, biorach, sa dh-fhas thu. Cha mhor gu bheil greim air do chnamhan.”
Chunnaic e, ’n ceangal ri craoibh air taobh na sraide, an seann each ban a bha aig athair o’n bu chuimhne leis, an t-each de’n d’rinn e peata nuair a bha e og, ’sa bha cho measail air ’ [ ? ] gun toisicheadh e ri sitrich ris ge be aite ’m faiceadh se e. Chaidh Ruairidh null far an robh a sheann charaid, ach ’sann a sheas an t-each ban air ais agus laom e a chluasan ris mar a dheanadh e ri coigreach.
Thionndaidh Ruairidh bochd air falbh, ’s gach ni a bh’ann a cur duilichinn agus mulad air, ach ann am priobadh na sula bha duine beag liath ri thaobh a rug air laimh air ’sa chrath i gu cridheil. “A Ruairidh ’ille,” ars esan, “do bheatha ’n duthich. ’S tu tha coltach riut fein. Dh-aithnichean thu an ceann-a- deas America ged nach fhaicinn riamh ach aon sealladh dhiot. Agus a nise, eadar mi fhin ’s tu fein, am bheil cuimhne agad air na h-ochd tasdain deuga a thug mi dhuit beagan mun d’ fhalbh thu. B’fherr leam gu’m b’urrinn dhuit an toirt dhomh. Tha mi gle fheumach orra.” Nuair a chuala Ruairidh so smaoinich e gu robh ’n t-am aige bhi cur aghaidh air a bhaile-mhor.
Oran, no Laoidh.
LE DOMHNULL I. MAC RATH.
Moch ’sa Mhaduinn ’n am dhomh eirigh,
Thug mi ceum a mach leam fein,
’Gabhail ioghnaidh ri bhi ’g eisdeachd
Ris an t-seisd a bh’ as a bheinn;
Creagan Scalpa, ged is cruaidh iad,
Tigh’nn a nuas an coinneamh ’n cinn,
Air an tilgeadh as an laraich
Far ’n do thamh iad iomadh linn.
’S ann a chi mi ’tighinn buidheann
Leis gach uidheam tha fo’n ghrein,
Fir nach fagadh clach gun tionndadh
Chuireadh ni g’am ionnsaidh fein.
Ged is corrach ard Beinn Khelly,
Theid a levelleadh gu reidh
Le neart dynamite us fudair
A ni ’smuideadh ris an speur.
’S mor an t-ioghnadh daoine glice
Gum bi iad cho tric dol cli
Le bhi saoilsinn gur cuis fharmaid
’M fear tha sealbhachadh gach ni.
Mas a taisbeanadh a fhuair mi
No mas bruadar, so a bhrigh
Gu bheil cnuimh annta ’si criomadh,
O’n a chiomach gus an righ.
Ged bhiodh ionmhasan an t-saoghail
Air an taomadh ann an torr.
Cha bhiodh cridhe air a lionadh
Ach a miannachadh a chorr;
Chan iarr nadar do na neamhan,
’S miann leatha na meinnean oir;
S d an roghain a rinn Demas
Nuair a threig e ’n t-Abstol Pol.
’S ann air diomhanas ’s air faoineis
A tha cuid de dhaoine beo,
’G iarridh sonas ann an saoibhreas,
’G iarridh aoibhneas ann an sogh;
Ged a chruinnicheadh iad ri cheile
Moran feudail agus stoir,
B’fhearr dhaibh lan an duirn le suaibhneas
Na bhi ’m buaireas leis a chorr.
Ach an t-ionmhas ’theid a thasgadh
Ann an cuirt nam flaitheas shuas,
Sud a chuibhrionn a’s ro fhear
’S nach bi gu brach air a thoirt bhuainn;
Ged rachadh na neamhan thairis,
Ged theicheadh talamh agus cuan,
Cha tig uireasbhuidh na charaibh,
Bidh e maireannach bith-bhuan.
’S lionmhor gealladh tha do’n fhirean,
Bidh iad cinnteach dha gu leir,
Thig am beannachd air mar dhileab
Trid na h-iobairt thug Mac Dhe;
’N ti tha dion a shluaigh o’n chorruich
An diomhaireachd a bhroillich fein
Co an ait an t-sluaigh, ach Esan
B urrinn seasamh anns a bheum?
Ged chuireadh an saoghal suas e,
’S mor an culaidh-thruais an daoi.
Ciod ni inbhe, gloir no urram
Do an duine theid a dhith?
A pheacaidhean gniomh us dearmaid,
Bi’dh mar armailtean ’ga chlaoidh
Cumail seisde ri a chogais,
’S leanaidh ’n cogadh sin a chaoidh.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 12. p. 8]
IORRAM.
Chunnacas bruadar an raoir,
Thu ’bhi sinte ri m’ thaobh;
’S chum sud tamull de’n oidhch’ am chaithris mi.
’S ann aig rudha ’n taigh lair
Ghabh mi cead dhiot Di-mairt;
Thuit mi ’m mulad ’ach b’ aill leam aidaeachadh.
Suil ’gan dug mise bhuam
As do dheidh ’s tu ’sa chuan,
Lion trom-dhubhachas truagh ’s droch bharail mi.
A Mhic Eachinn nan srol
Tha ’d sgiobair gle og,
Ged tha misneach gu leoir is aithn agad.
Nuair a theid thu air stiuir
Na leig claonadh ’ad shuil,
Eagal aomidh, a ruin ghil, thairis d’i.
’S’n uair a chi thu muir mhor
’Si a tighinn le croic,
Feuch gu’n iarr thu g’ a coir le leannanachd.
Thig dhuit cota nan eang
Air a chumadh gu teann,
Fhir nach d’ fhoghluim an sgranig ach ceannaltachd.
Sgriob do phoig’ th’air mo bheul
S-i a tighinn gu reidh,
Tha mi ’n duil nach h- ’eil breug nad ghealladh dhomh.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fer-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear ionaid.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
title | Issue 12 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 12. %p |
parent text | Volume 2 |