[Vol . 2. No. 13. p. 1]
Mac-Talla.
“An ni nach cluinn mi an diugh cha’n aithris mi maireach.”
VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, SEPTEMBER 23, 1893. No. 13.
Dr. G. T. Mac Gilleain.
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.
SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.
Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.
HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.
D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean Phrionns’ Iomhair.
NAIGHEACHDAN NA SEACHDAIN.
Thuit I. Harry Mac Fhearghais fear-lagha an Toronto, mach air an uinneig an la roimhe, bhuail e air a chabhsair chruaidh gu h-iosal agus bha e air a mharbhadh.
Bha Louis Papineau a gabhail an an rathaid an la roimhe eadar Quebec us La Prarie, agus chaidh stad a chuir air le dithis dhaoine, agus thug iad uaithe na bh’ air a shiubhal de dh’airgiod, tri cheud dolair.
Ruith na carbadan-guail thairis air fear Iain Domhnullach faisg air Pictou Disathairne s’a chaidh, agus bha e air a mharbhadh. Bu ghobha e a mhuinntir a bhaile, ’s bha e bodhar, lapach, air dha bhi thairis air tri fichead bliadha sa deich a dh’ aois.
Bha Aonghas G. Mac Gilleain sealbhadair an Acadia House, air chuairt ghoirid am Baddeck ’sa Hogamah air an t-seachdain so air gnothuichean do na Saor-Chlachairean(Free Masons)comunn ann sa bheil thachd mhor aige, ’s anns a bheil e na ard fhear dreuchd. Bi’dh e air ais an Sidni feasgar an nochd.
Bha e na chleachdadh ann a Japan roimhe so, nam biodh boirionnach gun phosadh aig aois araidh, gun taghadh an luchd-riaghlidh duine de na coimhearsnich, agus dh’fheumadh e a posadh a dheoin no dh’aindeoin. Tha ’m Mikado no righ na duthcha an deigh stad a chuir air a chleachdadh sin.
Tha feill ri bhi ann on Charlottetown P. E. I., air an t-seachdain s’a tighinn, a toiseachadh Di-mairt ’sa dunadh Di-haoine. Tha reis mhor each ri bhi ann sa bhaile aon de na laithean sin, reis cho math sa bha ’sna mor-roinnean iosal o chionn iomadh bliadhna. Tha aireamh mhath de mhuinntir Cheap Breatuinn an duil a dhul thun na feille.
Bha duin’ og, Alasdair Mac Isaic a mhuinntir Judique, air a ghrad mharbhadh le breab a fhuir e o each air Di-mairt an deicheamh latha dhe’n mhios so. Bha e dol mu’n cuairt a ceannach chaorach; stad e aig ait araidh agus air dha bhi fuasgladh an eich as a charbad thug e breab dha sa bhroinn cho dona ’s gun d’eug e an ceann da latha.
Naigheachdan a Framboise.
Tha ’n t-side stoirmeil a th’againn chionn mios gle mhi-fhabhorrach do dh’iasgairean a chladaich so. Cha’neil teagamh na faigheadh iad a mach na bu trice nach faigheadh iad iasg gu leoir an drasda.
Thainig Uilleam Mac Leod dhachaidh thugainn a Boston bho chionn ghriod le bean og a mhuntir Mhabou ri ghuaillinn. Tha sinn uile tolichte am faicinn le cheile agus ma bheir sinn breth a reir coltas bho’n taobh a muigh, rinn e deagh roghainn. Tha sinn a creidsinn gu bheil na Staitean a deanamh feum do iomadh duine a mhuinntir an aite so, ach is trice chi sinn e tachairt a nuair a thig curam agus dragh orra an sud gur th’ ann air Ceap Breatuinn a bheir iad an aghaidh, agus uime sin se’n co-dhunadh gus an tig sinn nach eil Ceap Breatuinn cho dona an deigh a h-uile rud.
Bha moran as an aite so air an t-sacramaid a bh’aig Marion Bridge air an t-seachduinn sa chaidh ach tha iad ag radh gur a beag na bha ann a so an coimeas ri na bh’ann a aiteachan eile. Tha sinn a cluinntinn gu bheil mor shluagh a tional an sud aig an am ud, gach bliadhna, moran a bharrachd air na bhitheas a tional do dh’aon ait eile mun cuairtt, agus tha sinn a tuigsinn gu bheil e na chreideas agus na aobhar molaidh an aoidheachd ’san caoimhneas a tha muinntir an ait ud a nochdadh do choigrich aig a leitheid ud do am agus aig a h-uile am.
Chaidh each math le fear Domhnull mac Fhionghain a thoirt air falbh air oiche araidh bho chionn ghoirid. Bha duil aig a shealbhaidair nach robh an t-each ach an ait eiginn sa choimhearsnachd, ach an ceann de latha fhuair e mach gur ann a thugadh air falbh e le duin’ og a chunnac as mu’n cuairt aig an am ud. Lean Domhnull air an ruaig cho fada ri Port Hawkesbury, ach fhuair e mach an sin gu’n deachaidh an slaoitir ni b’fhaide; thug Domhnull an sin a chuis thairis do’n lagh agus cha ’n eil teagamh nach faigh e’n t-each luath na mall. Ach feumaidh sinn aideachadh gu bheil meirlich agus slaoitearan eadhon a measg Ghaidhil Cheap Breatuinn agus gur coir an cronuchadh cho geur ri feadhaina sam bith eile.
CEANN LIATH.
[Vol . 2. No. 13. p. 2]
Litrichean a Lunnuinn.
(Chaidh an litir a leanas a sgirobhadh an Lunnuinn air an treas latha de dh-Iulaidh, ’s cha d’ fhuair sinne i gus an 16mh latha de September. Chan eil teagamh nach ann a thug i sgriob gu Sidni an Australia.)
Fhir-deasachaidh ionmhuinn,— ’Se mo ghaol gach fior Ghaidheal a tha cumail suas a’ chainnt fein, agus cleachduinn nan Gaidheal mar a bha sin air an cumail suas anns na laithean a dh’fhalbh. Air an aobhar sin ceadaichibh dhomh mo mhor-speis dhuibh a chuir an ceill airson an doigh mhisneachail, chridheil anns an do sheas sibh ur cainnt gradhach ionmhainn ann bhur paipeir beag. Tha na Gaidheil uile anns a’ bhaile so gle thoilichte cluinntinn gu’m bheil MAC-TALLA gu bhi air a mheudachadh agus tha mi cinnteach gu’n dean iad an uile dhichioll air a’ chraobh-sgaoileadh air feadh na Gaidhealtachd. Ach tha sinn uile ag iarraidh fios ma’s e ur toil e bhuaibh cia mar a tha dol le ar cainnnt air bhur taobhsa de’n chuis? Tha fios againn gu’m bheil moran Ghaidheil ann an Canada a tha gle chomasach a bhi bruidhinn na Gaidhlig, ach am bheil iad ga h-ionnsachadh do’n cuid cloinn chum ’s gu’m biodh eolas aig an ath ghinealach air an doigh anns am feum sinn bhi g’ar neartachadh fein? Am beil i air a teagasg do na paisdean anns na sgoilibh? Oir s’i a chiad cheart ni agus ise a mhain a dheanadh sinn n’ar braithrean teann daingeann mar a bha ar sinnsearan. Tha mi cluinntinn cuid a radh. “Bha ar sinnsearan a cogaidh ri cheile, clann an aghaidh cloinn.” Tha fios agam air sin ach an measg an aon chlann bha’n cairdeas d’a cheile cho laidir ’s nach eil focal anns a’ Bheurla a dh’ainmicheadh cho mor ’s a bha e ach“clannishness. ”A nise tha eachdraidh ar duthcha a cur an ceill duinn gur e eas-aonachd a rinn ar sgapadh o’ cheile gu iomadh tir ag an toiseach agus ni’s mo. Faodaidh sinn an laithean ar sgapadh mata bhi fas nis glice agus feumaidh sinn an gliocas a fhuair sinn a chur an cleachduinn. Is urrainn dhuinn gun teagamh sam bith ar sluagh a thogail suas agus a cheangail lamh ri lamh mar fhine mhor, neartmhor. ’Se ar cainnt ghrinn mhilis a ni so agus ise a mhain. Cha’n urrainn dhuinn fuireach air son cuideachd riaghlaidh no Teachdairean Rioghail. Cha tig ar slainte le sin ach le cuideachadh agus misneachadh r’a cheile mar bhraithrean. Mar so feumaidh gach fior Ghaidheal a dheanamh agus tha mi cinnteach gur e MAC-TALLA am paipear a’s fhearr a th’ againn anns an urrainn dhuinn ar smuaintean a chuir roimh cach-a cheile. Tha mi’n dochas mata gu’n toir na Gaidheil air taobh eile na fairge bho iomadh aite sgeul dhuinn ag innseadh cia mar a tha cuisean Gaidhealach agus gu h-araidh a ’Ghaidhlig a soirbheachadh. Ma chuireas sinn ar guaillean agus cinn gu seasmhach r’a cheile mar is coir do chlann nan Gaidheal gheibh sinn a mach aig ceann beagan uine, an doigh a’s fhearr agus a’s feumaile a’s gu bhi a cumail suas ar seann cainnt. Ann an dochas gu’m biodh rum agaibh airson na litreach bheag so, agus a toirt moran taing dhuibh roimh laimh.
Is mi, Bhur caraid dileas
IAN S. MACAOIDH.
Fhir-dheasachaidh, —Cha’n eil mi fein gle mhath air sgriobhadh na Gaidhlig, ach ged nach eil, cha ’n urrainn mi gun focal a radh ’san doigh a’s fearr a tha ’nam chomas a chuir failte air MAC-TALLA. Tha e gu h-iomlan air a sgriobhadh ann an cainnt nan Gaidheal, ’s tha mor dhochas agam gu’m bi e air a chuideachadh leis gach neach aig am beil daimh ris a Ghaidhlig. Tha iongatas orm nach eil na daoine ’s na sgoilearan mora aig am beil uiread ri radh anns na paipearan Beurla mu dheighinn na Gaidhlig ’s nan Gaidheal, a toirt dhuinn beagan de’m beachdan anns a chainnt do’m beil iad a’ gabhail orra fein a bhi cho dileas. “Miann an airgid freumh gach uile.” Cha mhor gu bheil Gaidheal n’ar measg anns a latha th’ ann an diugh a sgriobhas facal ann an Gaidhlig, no ni oidhirp sam bith air a cumail suas mar a cuir e airgiod ’na phocaid, no mur bi ainm air a chur suas anns na paipearan-naigheachd mar dhuine mora cumhachdach a rinn uiread air son nan Gaidheal ’s nach bu choir gu brach siorruidh sguir ga mholadh.
Gach neach a tha dileas do’n Ghaidhlig,
Tha e cairdeil agus ceart;
Moladh cha chuir dragh gu brach air,
Urram no paigheadh cha ghabh.
Tha sinn fada ’n comain “Chabair Feidh” ’s nan Gaidheil ghasd’ eile ’tha toirt dhuinn na h-uirid de litrichean matha ’n drasd ’sa rithist, agus tha mi ’n dochas gu’n toisich Gaidheil eile an Lunnuinn air sgriobhadh thugaibh. Ma tha iad cho deonach air sgriobhadh na Gaidhlig sa tha iad air a labhairt aig coinneamhan comunn na Gailig, bheir mise m’ fhacal nach fhada gus a feum MAC-TLLA nan creag bhi toirt freagairt da’n ceol. Cha’n eil fios agam an deach aig MAC-TALLA air a rathad a dheanamh do Ghlascho ’s do na bailtean mora eile ’s am bheil na h uiread de Ghaidhil a comhnuidh. Cha’n fhada gus am bi e suas a bhruthach ma ’s e agus gu’n cuir na fior Ghaidheil thall ’s a bhos air feadh an t-saoghail an casan a dh’aon rathad ’s gu’n teid iad an guaillibh a cheile. Tha mi ’faicinn nach eil sibh air son facal a radh air“politics” ’s nach eil sibh air son neach sam bith a chaineadh. Tha sin gle mhath na aite fhein, ach ma tha sibh air son gum bi am paipear soirbheachail, feumaidh sibh a Ghaidhlig ’s na Gaidheil a dhion o’n mhuinntir a tha air son cuir as daibh; ’s ma ni sibh
Adan! Boineidean!
THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh na“County Hall”agus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a tha ’g iarridh.
AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN
no ni sam bith eile a’s o gnath leis na mhathan a bhi cur ma’n cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN
BATHAR SAOR
air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.
ADAN FODAIR
beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.
BATHAR UR
air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.
C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun, 1, 1893.
[Vol . 2. No. 13. p. 3]
sin, dionaidh iadsan sibhse ’s ur paipear. Cha robh fiamh air Gaidheal math riamh an fhirinn innse, ’s car son nach innseadh MAC-TALLA ’n fhirinn ’s an fhirinn uile, cho math ri paipean sam bith eile. Cha’n eil math bhi crubadh ’s na cuiltean le fiamh romh dhroch dhaoine ’s gu h-araidh a chuid sin a tha gabhail orra bhi nan cairdean dhuinn. Cha’n eil feum bhi sliobadh druim luchd an uilc air eagal gu’m bi iad gruamach ruinn. Cha dean an gruaim-san mor chron air neach sam bith a tha ceart na chainnt ’s na chridhe. Tha mi an dochas gu’m bi comas air a thoirt do da Gaidheil air am beachdan a sgriobhadh sa leughadh na’n cainnt fein mu dheinn gach ni is neach air am beil iad a gabhail speis, agus chi sibhse nach bi fada gus an gabh iad an cothrom. Is mi ur caraide dileas
CEANN-TARIBH.
Ar n-Aithrichean.
Cha’n eil al an latha ’n diugh a creidsinn no a tuigsinn nan deuchainnean troimh ’n deachaidh ar n-aithrichean an am a bhi ’g aiteachadh na tire thuathaich so, anns a bheil an diugh gach goireas air an cuir daoine feum, ged a bha i air atharrachadh sin ri’n latha-san. Tha sinn a toirt na h-eachdraidh a leanas a paipear beag Gailig da’m b’ainm Am Fear-Teagaisg, a bha air a chuir a mach an Ontario sa bhliadhna 1850. Tha sgriobhadair na h-eachdraidh a toirt cunntas air aiteach Aldboro, baile tha air a shuidheachadh air cladach Loch Erie, mu cheud us coig mile deug an ear air Hamilton.
“Thainig ann air a bhliadhna 1817 tri teaghlaich a’ [ ? ]arr Ghael; chaidh iad air tir air Quebec. Air an ath bhliadhna bha mu fhichead mach ’n an deigh as an aite cheudna. Bha sluagh a tighinn mar so eadar beag is beag; gus nach ’eil a nis mir mhath fearann ’s a bhaile gun bhi air a thogail.
Bha iad mu thri mile deug o’n aiteachas bu dluith dhoibh ’nuair a chaidh iad ann, air an duineadh steach ’s a choille mhor. B’eigin doibh ’dhol deich mile fichead air astar mu’m faigheadh iad biadh r’a cheannach, agus cha b’urrain iad, ’s an tilleadh, a thoir nis fhaide le h-eich no daimh na aite ris an abrar Port Talbot, ach a ghiulan as a sin tuiteadh is dusan mile tre ’n choille air a’ muin. ’S a gheamhradh, bha iad ’ga iomchair ri taobh an loch air an deigh.
Chaidh iad leis a cheud chruithneachd a thog iad deich mile fichead air an uisge g’a bhleith. Bhitheadh iad gle thric mios o’n bhaile air a’ ghnothuich sin, soirbheas ’nan aghaidh, agus cunnart is call ’gan comhlachadh. Bha, aon uair, dithis dhaoine air an t slighe dhachaidh, agus plur aca ’s a bhata; chaidh iad air tir ann aite araidh gu’n anail a leigeadh, agus an garadh fein, ann an tigh bha dluth dan loch, ni air an robh mor fheum aca, oir bha iad sgith, fuar, agus fliuch. Cheangal iad am bata ri craobh, no clach, air an traigh. Ach dh’eirich stoirm ’s an oidche, agus ’nuair ’chaidh na daoine a mach air an ath la an deigh an cuid, cha robh bata no luchd air sgeul. Dh’fhagadh iad gun biadh d’an teaghlaichean. Chualas aon ag radh gu bheil a nis baile beag, tighean-stoir, agus long-phort, ’s ana ite aig am b’abhast da ’san bhi ’tarrain a bhata air a chladach, s’ a codail air an traigh, an deigh dha teine a dheanamh le bioranan a thional e, agus a shupeir do mheal taois air a bhruich ’s a ghaineamh theth.
Cha robh an sluagh fad ’s an aite mu’n do thoisich tinneas ’n am measg, agus fiabhrus, leis an robh moran air an toirt air falbh; agus ni a dh’fhag a chuis ni bu mhiosa, cha robh lighiche aig laimh air an iarradh iad comhairle. Bha neach ag innse’ dhuine gu robh e aon uair aig adhlacadh, agus gu’m bu chianail bhi faicinn mar bha iad—gu robh coslas a bhais air aghaidh gach aon a bha lathair.”
Cha’n eil an so ach sgeul a dh’fhaoidte sgriobhadh mu iomadh aite eile araon an Ontario ’s anns na mor-roinnean iosal. Bha a cheud luchd-aitichidh san duthaich so a fulang moran tinneis sa faighinn moran saruchaidh, ach rinn iad aiteach, thug iad a choille mhor fodh chis, agus tha sinne ’n diugh a mealtuinn toradh an saoithreach.
O chionn coig bliadhna fichead thainig seoladair da’m b’ainm Hawbolt gu Thorburn. N. S., agus phos e nighean og aig an robh moran airgid; ach beagan uine ’n deigh sin thog e rithe leis an airgiod ’s dh’ -fhag e a bhean. Chaidh ise ’n ceann bliadhna no dha gu ruige Halifax far ’n do thoisich i fhein ’s fear Butler air deanamh suas ri cheile, agus ’nuair nach robh choltas air a cheud fhear gu’n tilleadh e, phos iad. Ach an la roimhe, do’n rud a b’iongataiche leotha na Hawbolt a thighinn dhachidh. Tha e ’n drasda ’cur impidh air a bhean am fear eile leigeil ma chul a ghnothich, agus a gealltuinn ma ni i sin gu’m paigh e air ais a cuid airgid agus nach fag ’s nach treig e i fhad sa bhios e beo.
Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
ROBERT ROS.
Two Rivers, N. S.
Bha mi air mo leigheas o’n ’amhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN A. FOREY.
Antigonish, N. S.
LeighisMINARD ’S LINIMENTcrupadh fheithean orm-sa.
MRS . RACHEL SAUNDERS.
Dalhousie.
Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha tha ’nar beachd.
Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.
Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-Smuid “Carrol” no air an “Worcester,” a tha ’seoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.
A. BAIN,
Fear-ionaid.
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.
Bi’dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.
Sgathain agus gloine uinneag air a phris a’s isle.
Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh ’s air an reic gu saor.
[Vol . 2. No. 13. p. 4]
MAC-TALLA.
A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00
Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha ’gabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.
Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhe’n MHAC-TALLA nasgidh.
Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill ’Ic Leoid, “Claisach an Doire.”
’Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.
Seolibh ’ur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
“Mac-Talla,”
Sydney, C. B.
SIDNI, DI-SATHAIRNESEPTEMBER 23, 1893.
Am measg nam paipearan a tha tigh’nn d’ar ’n ionnsidh gach seachdain, chan eil aon a’s cairdeile labhras mu MHAC-TALLA na Casket Antigonish. Chuir am paipear sin failte chridheil air ’nuair a thanig e mach an toiseach, agus chan eil cothrom a gheibh e nach toir e facal misnich agus molaidh dha. Tha moran de chairdean aig a MHAC-TALLA an siorramachd Antigonish, agus chuir aireamh mhor dhiubh an ceud eolas air troimh ’n Chasket. “A h-uile latha sona dha, ’s gun latha idir dona dha.”
Di-sathairne so tighnn, cha dig Mac-Talla mach idir. Tha ’n deasaiche ’cur roimhe sgriob a thoirt do Eilean boidheach a Phriunnsa, agus chan eil duine aige ghabhas curam a phaipeir fhad ’sa bhios e air falbh. Tha e ’n dochas nach bi an luchd-leubhidh a faotinn coire dha air son sin a dheanamh, ach gu’n gabh iad a leisgeal. Cha robh e seachdain a mach as a bhaile o’n thanig a cheud aireamh de’n Mhac-Talla mach, agus bhiodh e ’na fhaochadh mor dha beagan laithean a chur seachad an ait-eiginn eile. Chual e ’n la roimhe gu robh feill mhor ri bhi ’n Charlottetown, agus air dha cuireadh a bhi aige o chionn fhada dhol a mull a dh’fhaicinn a chairdean, smaoinich e nach robh mi a b’fhearr dha dheanamh na togail air ’s falbh. Ach bi’dh e air ais trath an ath sheachdain agus an deigh sin thig Mac-Talla mach cho riaghilteach sa b’abhist da, agus bi’dh a ghuth ri chluinntinn air feadh nan creag ’s nan cnoc cho laidir ’s cho aighearach sa bha e riamh.
Tha “Creag-an-Fhithich” a sgriobhadh thugainn a Sasuinn, agus am measg nithean eile tha e feorach am bheil sgoil sam bith an Canada anns sa bheil a Ghailig air a teagasg. Ma tha, tha e gealltuinn gu’n cuir e [ ? ]aichean Gailig d’an ionnsidh gu bhi air an toirt seachad mar dhuaisean. Chan aithne dhuinn fein gin de sgoilean ann sa bheil i air a teagasg, ach tha fhios againn gu bheileas a deanamh a bheag no mhor de teagasg Gailig ann an cuid de na h-oil-thaighean, mar tha Queen’s College an Toronto, Presbyterian College, am Montreal, agus, ma’s math ar barail, St. Francis Xavier College, an Antigonish. Tha fhios againn mar an ceudna, gu bheil leubhadh Gailig air a theagasg ann sna sgoilean Sabaid an iomadh aite. ’S aithne dhuinn aon aite ann sa bheil, ma dh-fhaoidte, coig teaghlaich fhichead de Ghaidhil, far an leubh a mhor-chuid de’n oigridh an canain mathrail gu math, agus sin tre shaothair aon duine a thegaisg i dhaibh ’sa sgoil Shabaid. Nam biodh duaisean sam bith againn fein ri ’thoirt seachad air son teagasg Gailig, bheireamid a cheud duais do’n duine choir so, ’s ar deagh dhurachd maille rithe. Chan eil teagamh againn nach eil moran eile air feadh Chanada a chaidh gu deagh mor air sgath cainnt an duthcha, gun ghuth idir a thoirt orra-san a tha dol gu cosdas cur a mach, us craobh-sgaoileadh leabhrichean. Ma theid aig aon d’ar luchd-leubhidh air fiosrachadh sam bith a thoirt duinn a thaobh teagasg na Gailig ann an sgoilean, no ’n Oil-thighean, no ’n sgoilean Sabaid, no ’n aite sam bith eile, bi’dh sinn fior thoileach cluinntinn uaithe.
A Ghailig an Gleann-a- Garraidh.
Tha Aonghas Mac ’Ille-Mhaoil an Laggan, Soirramachd Ghlinn-a- Garraidh a sgriobhadh da’r ’n ionnsidh mar a leanas,— “Ann am fheagairt na ceist a chuir thu mu Ghaidheil Ghleann-a Garraidh, faodaidh mi radh gu bheil seachd co-thionalan deuga de Ghaidheil Phrotstanach ann, agus ann an ceithir dhiubh sin tha Gailig air a searmonachadh. Tha coig no sia de cho-thoinalan de’n eaglais Chatliceach ann, agus is Gaidheil a chuid mhor dhiubh; ach tha aireamh mhath de Fhrangaich air faighinn nam measg o chionn fichead bhiadhna, agus tha beagan Eirionnach ann mar an ceudna. Cho fad ’sa ’s fios dhomhsa cha’n eil Gailig air a searmonachadh leis na sagairt aca, ach tha mi cinnteach gu bheil deagh Ghailig aig an easbuig Dhomhnullach a tha os an ceann. Tha Gailig air a bruidhinn anns na taighean leis an t-seann sluagh mar a’s trice, ach ’s i’ Bheurla a’s fearr le moran de’n t-sluagh og ged a theid aig a chuid mhor dhiubh air Gailig a thuigsinn ’s i labhirt gu math. ’Sa cho dhunadh ceadaich dhomh innse dhuit gu bheil gach aon a tha faighinn Mac Talla anns a’ choimhearsnachd so gle thoilichte leis. Beannachd leat an latha chi ’s nach faic.”
C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.
Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan a’s fearr.
Stoc math de dh’ accordeons, Harmonicas, teudan.fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.
Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.
STANDARD
Life Insurance Company
Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.
Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.
Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500
Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gun Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luath ’sa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.
W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.
SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.
ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.
[Vol . 2. No. 13. p. 5]
Leasan air Leughadh Gadhlig.
A Thearlich bhig, tha mi duilich nach deid agad air Gadhlig a leughadh. Chan fhaod a chuis a bhi mar sin; rach air obair agus ionnsich a leughadh. Bheir mi dhuit aon leasan an diugh, ’s dh’ fhaoidte gun dean sin fhein an gnothuch dhuit. Tha mi dhe ’n bheachd gun dean. Mur a dean innis dhomh agus gheibh thu fear eile.
Abir ah ri a, a ri e, e ri i, o ri o, agus oo ri u. Gheibh thu fuain nan litrichean so ann sna facail mathair, te, mi, mor, cu. Ma bheir thu an fhuain Bheurlach do dh-a san fhacal bard ni thu Baird dheth. Ma their thu ee ri e san fhacal te ni thu tea dheth. Mu their thu eye ri i san fhacal mi, ni thu my dheth. ’S ma their thu you ri u san fhacal cu, ni thu cue dheth. Ma leanas tu romhad mar so ni thu Beurla dhe’n Ghadlig uile.
Abir k ri c. Mur a h-abir ni thu ’n droch obir air cat. Cha ghabh ni deanamh de na litrichin see, aye, tee, ach sate. Ach ma their thu k, ah, t, gheibh thu cat asda air a cheud tarruinn.
Abir h ri sh agus ri th. Sheid a ghaoth. Nach e sin heid a ghaoh? Tha mi sgith. Nach e sin ha mi sgith? Ann an aon fhacal, ’s e sin thu, tha th gun fhuain sam bith. Their thu chan e hu ach u.
Rach seachad an fh. Tha ’n da litir so cho marbh ri sgadan saillte ach ann an tri facail. Gu de an fhuain a th’ aca an laimh an fhir? Chan fheil fuaim idir. ’S e tha thu ag radh an laimh an ir. Ann sna tri facail fhathast, fhein, fhuair tha fh a seasamh airson h. Ciamar ’tha sin? tha thu ’g radh. Na bi ’cur moran cheistean air t’ fhear-teagisg, air eagal ’s gun cuir thu ceist air nach urrinn e ’fhreagirt.
Chan fheil fuaim sam bith aig s an deigh t. Chan e ruith do’n t sabhal ’s thoir a staigh na h-uighean a b’ abhist dha d’ mhathair a radh riut, ach ruith do’n tabhal ’s thoir a staigh na h-uighein.
Abir v ri bh agus ri mh ann an toiseach facil. Chan fheil ann a bha mi ach va mi ’s ann a mhill mi ach vill mi. Gu de a their mi ri bh agus ri mh am meadhon agus an deireadh facil? Coma leat sin an drasd. Ma bheir thu an fhuaim cheart do’n cheud chuid de ’n fhacal ’se ’s docha gun dean thu ’mach a chuid eile. Nach h-fheil cuimhne agad nuair a bhiodhteadh a cur nan ceistean ort? Nam faigheadh tu a cheud da fhacal de’n cheist rachadh tu troimh ’n chuid eile dh’i mar gum biodh muileann-bualidh ann.
Abir y ri dh agus gh ann an toiseach facil. Tha cluasan agad cho math ri suilean. Feuch mata gun dean thu feum dhiu. Chan ann le d’ shuilean a dh’ ionnsidh thu bruidhinn, ach le d’ chluasan. Ged nach faic do shuil y ann sna facil dhuisg, ghearr, nach h-fheil do chluasan ag innse dhuit gu bheil i annta. Nach e yuisg, yearr, a their thu?
Leugh an cialltadh so, no sentence so, ach na cluinneam am facal sentence tuilleadh: —Dh’ fhalbh Iain sa bhata air a mhuir ghreannich, fhuair, dhoirbh, shalich an de. Bhiodh am facal dh’ fhalbh na chulidh-uamhais do dhuine aig nach biodh an t-eolas a tha ’nis agadsa, ach tha e gle fhurasda dhuit-sa ainm a thoirt dha. Tha fios agad gu bheil dh a seasamh air son y ’s nach h-eil fuaim idir aig fh. Mar sin their thu chan e dh’ fhalbh, ach yalbh, agus gheibh thu ainm an fhacil. Chan urrinn thu a dhol am mearachd ann san fhuainn aig bh an deireadh an fhacail. Ni thu v, a, no u dhe na litrichean so. Mar sin their thu ri dh’fhalbh yalv, yala, no yalu. Ma thuigeas tu am facal chan fheil e gu moran mugbidh gu de an t-ainm a bheir thu dha. Leughinn-sa an ciallradh a thug mi dhuit bho thoiseach gu deireadh mar so, —Yalv Iain sa vata air a vuir yreannich, uair, yoiru, halich an de.
Nis, a Thearlich, beachdich gu math air an leasan a thug mi dhuit. Ionnsich air do theanga e, agus rach thairis is thairis air gus an tuig thu e, ’s gus an deid agad air a chur an cleachdadh cho math ’s is aithne dhuit an sgian ’s a ghobhlag-bhuird a chur an cleachdadh ’nuair a bhios tu ag itheadh buntata agus isbean reamhar, blasda. Ma ni thu mar ’tha mi ag iarridh ort leughidh tu MAC-TALLA math gu leoir an ceann seachdain.
A. MAC G. SINCLAIR.
“Nuair bhios Murachadh na thamh bi’dh e ruamhar.” Chan eil tigh na parlamaid cruinn an Ottawa aig an am so, ’s tha ard-chomhairle Cuan Bhering air sgaoileadh, agus uime sin tha Sir Iain Thompson ’sa chompanaich agus Wilfred Laurier ’sa chompanaich fein, nan tamh, ach ma tha, ’s iad-san a tha trang a ruamhar. Tha iad a siubhal, gach buidheann air leth, bho aite gu aite a deanamh oraidean fada, briathrach, ann sa bheil gach pairtidh ag innse do’n t-sluage mu’n olc a rinn a phairtidh eile ’san am a chaidh seachad, mu’n olc a tha iad a deanamh aig an am a tha lathair, agus gu h-araidh mu’n olc a tha iad dol a dheanamh ’san am ri teachd ma bheirear an comas daibh; agus bheir iad iomradh aig a cheart am mu’n mhath a bha, ’sa tha iad fein a deanamh, agus a bhitheas iad a deanamh ma gheibh iad am comas. ’Se ’n comas a tha seoid an da thaoibh ag iarridh, agus si bharil a th’ aig moran air feadh na duthcha, (ge air bith de cho glic sa tha i) nach eil an da phairtidh ach mar bha Domhnull gus Iain air an cualas iomradh ann sna sean-fhacail. Bha Domhnull cho math ri Iain, ’s Iain cho math ri Domhnull.
Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig
MOORE & JOHNSTON,
far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.
’Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.
Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.
Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.
Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.
MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.
REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
“STOR SAOR SHIDNI”
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.
[Vol . 2. No. 13. p. 6]
Catriona Nigh’n Dughill.
LE AILAIN AN RIDGE.
Catriona nigh’n Dughill
Bu ghrinn a chruit chiuil i;
’Nuair ’sheinn i le sunnd
Sud na fuinn ’bu mhath gleusadh,
Bha m’ inntinn fo ionghnadh
Ri linn dhomh bhi ’dusgadh,
’S mi ’cluinntinn a chiuil ud;
Bu chiuin is bu reidh e.
Thug i solas do m’ chridhe
’Nuair thoisich i rithisd
Air cronan do nioghaig
Bu chridheil i-fein ris;
’Seinn orain do ’n leanahh,
Sud an ceol a bha tairis,
’Bha boidheach ri aithris,
’S mi ’m chaithris gu h-eisdeadh.
Air mo thaobh ann san leaba,
Eadar dhusgadh is chadal,
Thug mi uine mar bh’ agam;
Bha mi fada gun eirigh,
’S mi ’g eisdeachd an orain
’Bu ghrinne ’s bu bboidhche;
Bu bhinne e na ’n t-eoinein
’Bhiodh air meoirean nan geugan.
’S ann leamsa ’bu bhoidhch’ e
Na ’n uiseag air lonan,
’Si ’sior chur ri ceol
Ann san og-mhadainn cheitein;
Na ceileireadh smeoraich
A sheinneadh sna h-oganan;
B’fhearr leam gu mor e
Ma ceol as na teudan.
Cha robh ’phiob ’s i na deannibh,
Na ceol fidhle ’th’ air thalamh,
Chuirinn fein ris an coimeas,
’S bha mi tamull ga eisdeachd:
Guth cinn a bha fallain,
Bu bhinn leam do challan,
’S bu ghrinn ’bha mac-talla
’S a bhalla toirt beus d’ i.
Bean shiobhalta, choir i,
Gun mhiothlachd, gun gho innt’;
Gum bu dileas i dhomhsa,
’S tric a chomhn’ i mi ’m eiginn;
Bean laghach ’s i fialuidh,
Air an tadhail na ciadan;
Lamh a dheanamh na biatachd,
’S tric a riarich i feumich.
Thug i ’n duthchas bho ’mathair,
’Bhi gu fiughanta, baigheil;
Gu ’n d’ ionnsich i trath dh’i
Bhi gu nadarra beusach;
’S cha b’ e Dughall ’bu taire,
Fear cinin ’s e ro stathail,
Gun lub no gun ardan,
’S gun droch nadar fo’n ghrein ann.
Ged a tha sinn am Mabu,
Gum b’fhearr bhi mar bha sinn,
Ann an toiseach mo laithean,
Air airidh na spreidhe;
Ann an strath Choire-Laire
Bha sinn carantach, cardeil,
’S gach duine bho ’n danig sinn
Baigheil ri ’cheile.
Fhuair i ri phosadh
Fear suairc’ de Chlann-Domhnuill,
Nach gluaiseadh le gorich’.
Duine coir ’s e lan ceille.
Lan tuigs’ agus riaghailt,
’S e iochdmhor ro chiallach;
Fear glic ’s e gun mhiothlachd,
Duine fial ’na thaigh fein e.
Tha e nadarra stuama;
’S ann dasan bu dual sin
’Bhi gun ardan, gun bhruaillein,
Gun bhuaireadh gun leumraich.
E-fein is a bhraithrean,
Cha n-e aon ac’ a’s taire;
S mis’ a dh’fhaodas a radhinn
Gum bu chairdeil rinn fein iad.
Bha Ailain an Ridge, no a Mhaim, air oidhche araid ann an taigh Domhnullich am Mabu. Bha bean fear-an-taighe, Catriona nighean Dughill, a gabhail cronain do nighinn bhig a b’ ogha dh’ i agus i a feuchinn ri cur a chadal. Bha Ailain cho toilichte le binneas a gutha ’s gun do thoisich e air an oran na leaba. Bha an te dha ’n do rinneadh an t-oran, Catriona nighean Dhughill Chaimbail, de shliochd a Phiobaire Mhoir a bha sa Cheapich. Bha i na boirionnach gasda, measail.
LeighsidhMinard ’s Linimentamhach ghoirt
LeigsidhMinard ’s Linimentcnatan.
Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh
K. D. C
an leigheas a’s fhearr a th’ann. Tha na dotairean a’s fearr ’ga mholadh.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.
COMHRADH.
“De’n uair a tha e?”
“Tha e coig mionaidean an deigh tri.
“Ciamar a tha fios agad?”
“Nach do sheall mi air m’uaireadear.”
“Dh’fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”
“Cha’n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu’n am so ’n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel ’sa bha ’leithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogach ’s nach b’ urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda ’se uaireadear cho math sa tha ’san duthaich.”
“Co ’charaich e?”
“O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m b’aithne charadh.”
A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLCAIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.
Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .
Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.
TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RI’N REIC SAOR
[Vol . 2. No. 13. p. 7]
Turus a Mharaiche.
LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.
Nuair chuala Criosduidh na nithean so ghlaodh e: O doimhne saoibhris araon gliocais agus eolais De! Cia do-rannsachaidh a bhreitheanais, agus do-lorgachaidh a shlighean! Chaidh e air bord maille ri Tuigse, neach a ghairm na seoladairean dh-ionnsuidh an aitean fa leth, dh iarr e orra an acair a thogal ag is siuil a chur ri crann ni a rinn iad; agus air do na h-uile bhi ann a fonn obair, thionndaidh an soitheach mu’n cuairt agus bha i air ball a seoladh roimh gaoth fhabharach.
Rinn na Seoldairean gairdeachas chionn iad a bhi seoladh dh-ionnsuidh an t-saoghail nuadh ach chuimhnich iad orra-san a dh-fhag iad as an deigh ann am Babilon.
Bha Criosduidh fein ri bron airson a chairdean ag radh O gu’m biodh iad glic; gu’n tuigeadh iad so, gu’n tugadh iad fa near an crioch dheireannach, ma’m bi na nithean sin gu brach air a’m folach o an suilean!
Gu luath dh-fag iad Port an Aithreacais fad as an deigh; chaidh stucan Bron Diadhaidh fodha ’sa chuan, agus thionndaidh gach suil gu dochasach dh-ionnsuidh Tir a Gheallaidh ’n tra bha dream eile driopal, cuid leis na suil, cuid fo chlar; sheas Mairi agus Rut taobh ri taobh aig an deireadh, dh-amhairc iad suas gu Neamh agus chual iad oran nan Aingealan a deanamh gairderchas thairis air “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Nuair rainig a Soitheach a’n cuan fosgailt, ghairm Criosduidh na maraichean da ionnsuidh agus thubhairt e: Fanadh gradh brathaireil agaibh; bithibh air bhur faicill o fhearg corruich, gamhlas, mi-charthannachd agus gach uile mi-sheirc: bithibh-sa firinneach gu bas agus gheibh sibh crun na beatha.
An sin thug e do gach duine obair, do gach aon fa leth a reir a chomais. Sheol an soitheach le gaoth fhabharach.
’S ann ainimig a dh-fhag criosduidh a’n clar uachdair, ach bha e ri caithris agus urnaidh.
Ghabh e sealladh greine gach latha aig meadhon la; agus nuair nach robh grian ri fhaicinn, rannsaich e le mor churam ceud Leabhar cuntais “Sgeul a Mhor Aoibhneis.” Bha Tuigse aig a stiur, agus bha aon de na Maraichean a’n comhnaidh cumail suil ri fuaradh. Ann a seomar na Luinge theagaisg Crionachd—bean Tuigse—bean a’s clann Chriosduidh an to toil an Tighearna. Chuidch Marta le’ Mathair. Theagaisg Rut. Nuar thainig criosduidh a nios chum fois dh-feoraich a chlann iomadh ceisd dheth mu thimchioll an Turus—tuilleadh cheistean na bha na chomas a fhreagairt; air chor ’s gu’n dubhairt e gu tric riutha an ni so tha mi deanamh cha’n aithne dhuibhse a nis, ach bithidh fios agaibh air an deigh so.
(Ri leantuiun.)
SOP AS GACH SEID.
Tha tuathanach coir ann am baile beag an Quebec agus an la roimhe bhaist e an seachdamh paisde fichead. ’Sann dha fein bu choir a dhol a chumail taighe.
Ann an tigh-tasgaidh sheann sgriobhidhean am Pekin, ceann-bhaile China, tha air a ghleidheadh gu curamach a cheud fhoclair a bha air a chleachdadh ann an sgoilean na duthcha sin. Bha e air a chlo-bhualadh 1109 bliadhna mu’n d’ rugadh Criosd.
Tha sinn a faotinn gach seachdain paipear-naigheachd Frangach da’n ainm L’Evangline, a tha air a chuir a mach aig Weymonth Bridge, N. S. Tha e suas ri sia bliadhna dh’aois, agus tha corr us da mhile de luchd-gabhail aige. Tha e air a chuir na dheagh uidheam ’s chan eil a choltas a nochdadh gu bheil dith no deireas air. Nach bochd nach robh Gaidhil nam mor-roinnean so cho dileas do’n Ghailig ’sa tha na Frangaich d’an cainnt fein.
Bha iomad duine glic ann o thoiseach an t-saoghail agus rinn iad moran gliocais a chuir an ceill d’an co-chreutairean, ach cha d’fhuair iad a mach riamh doigh air cuideachadh le duine nach eil a feuchinn ri e fein a chuideachadh.
LeighsidhMinard ’s LinimentCrosdachd.
ThaMiss Agus Royce, Toronto, Ont. ,a rgriobhadh, —Bha mise dona le cion-cnamhaidh da bhliadhna dheug, agus bha mi air nairean r fulang pion mor. Ghabh mi K. D. C., agus rinn e bauachd feum dhomh air na rinn a h uile leigheas a dh-fheuch mi riamh. Tha mi nise nas fearr na bha mi o chionn bhliadhnachan.
Tha moran dhaoine san t-saoghal aig an am so a tha caitheamh a chuid a’s mo de’n uine ’s de’n airgiod a rurach ’s gach cuil air an smuainich iad a sireadh nithean seana air nach eil neach sam bith ach iad fein a cur luach. Bha fear de’n t-seorsa sin o chionn ghoirid a rannsachadh seann tigh ceannachd, agus fhuair e an sin am measg nithean eile craicionn cait air a lionadh ’s air a chuir suas air doigh cho ealanta ’s gur gann a dh-aithnichte nach b’e ’m beothach beo a bh’ann. Bhuineadh e do spiocaire de dhuine a dh’eug ’sa choimhearsnachd bliadhna no dha roimhe sin, agus b’i bharail choitchionn gu’n dug e gradh do’n chat nach dug e riamh do aon d’a cho-chreutairean. Thug am duine so leis e, agus air dha bhi ’ga rannsachadh thug e fa-near gu robh te de na suilean car fuasgailte, agus ’nuair a chaidh e ’ga cur ceart ’sann a thuit i as. Fhuair e an sin gu robh corr us ceud sovereign air a dhinneadh am broinn a chraicinn.
LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.
Chan eil air an taobh-sa dhe’n Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Se ’n aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.
Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dh’iarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.
Tha ’m MAC-TALLA tigh’nn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneach ’sa gheibh thu iad am paipear sam bith.
Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann am“Politics. ”Chan eil e ’g iarridh a bhi ’sparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil e ’dol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhe’n t-seorsa sin aig na paipearan eile.
Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am posta ’ga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu
J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.
[Vol . 2. No. 13. p. 8]
Mo Dhuthaich Fein.
(My ain countrie. )
’S tric mi trom, fann, sgith,
’S mi o m’ thir fein air falbh,
Feitheamh failte aoibhinn m’ athar
A dhol dhachaidh chum mo sheilbh;
Mo thoil-inntinn cha bhi buan,
Tric le gruaim bidh mi balbh,
Gus am faigh mi steach gu Parras
Chum na h-aitreabh ’s aille dealbh.
Gur a maiseach fluir an reidhlean,
’S gur a cubhra ceutach leam;
’S na h-eoin le ’n ceilear eibhinn,
Air bharraibh gheug a seinn;
Ach is faoin leam ceol nan eun,
Agus gloir us sgiamh an fhuinn,
Nuair a chluinneas ni na h-ainglean
Na mo Thir a seinn gu binn.
Is ro bheag fhathast m’ eolas
Air an aitreabh ghloirmhor shuas,
Ach gur h-e luchairt m’ athar
Is gur h-e mo dhachaidh bhuan;
Gum bi sinn ait—nach leor e?
A sior mhealtuinn gloir do luaidh,
Le gradh ’s le sith na chomunn
Ann an tir nan iomadh buaidh.
Mu ’mhathair mar bhios ciocharan,
’S mu nead bhios eunan og,
Gu uchd m’ Fhir-saoraidh dh’iarrainn
’Se a nise triall mo dheoin,
Oir mo leith’d- sa dh’uain gun diu
Ni o’n guilain suas gu foil,
’G an tional dluth ri cheile
Chum a dhuthcha fein fa-dheoidh.
Fhuair mi gealladh fior on righ
Gu’n tig la som bi dhornh cuirm;
Chum a luchairt rioghail, ghloirmhoir,
Ni e ’fhogarach a ghairm,
Le ar suil ’s ar cridhe lan,
Is le solas ard ar ’n anm,
Chi sinn “an Righ na mhorachd,”
Anns an Tir is oirdheirc ainm’.
Mo pheacannan bha ’n comhnuidh
’Gam fhagail bronach, trom,
Cha bha iad an sud na’s mo
Gu bhi ’leon mo chridh am chom;
Oir rinn fhuil mi geal, is siabaidh,
E an deur om’ ghruaidh gu lom,
Ann an sith nuair theid mi dhachaidh
Gu mo Thir a’s maisich fonn.
Gu cinnteach thig e ris
Oir is fior an Ti a gheall,
’S c-olionaidh e ’chumhnant riumsa
Ged nach aithne dhomhsa ’n t-am,
Ach a bhi feitheamh ghna ris
Thug E dhomh mar aithne theann,
A bhi deas le miann ’s le durachd
Gu bhi triall do’n duthaich thall.
Mar sin tha mi ri faire
’Sa seinn mu’m dhachaidh ghraidh,
A feitheamh ghna ’sa fuireach
Ri a chuireadh-san ’s ri ’fhailt
Gun tugadh e mar feum dhuinn
A chaidreabh fein ’s a ghras,
Chum gum bi sinn subhach sunndach
Dol an null d’ar duthaich aigh.
AONGHAS MAC LAOMUINN.
Liontal, E. P. I.
Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile.
Ainmean na feadhnach a phaigh an dolar air son bliadhna de’n MHAC-TALLA.
D. A. MacCoinnich, Dartmouth , N. S.
Niall MacCoinnich, Cape Geo. Har., C. B.
H. R. MacLeoid, Chicago .
Tearlach L. Domhunllach, Scottsville , C. B.
D. R. Stiubhart, Belle Creek, P. E. I.
D. K. Macll eathain, Berwick , Ont.
Tormad MacNeill, Marion Bridge, C, B.
Eos. Mac ’Ille-Mhoire, Marsh Lake.
V. A. Mac Illeallian, Port Hood.
Bean Iomhair Chaimbeil, Orangedale .
An t-Urr. A. L. Domhnullach, Lakevale , N. S.
Caipt. Calun Mac Leoid, Vancouver , B. C.
D. L. Mac ’Ilieathain, Mineral Rock, C. B.
Bhrist dithis mheirleach a stigh do thigh an Urr. Mr. Haddow an Guelph, Ontario, agus thug iad bhuaithe na fhuair iad de chuid airgid. Thug iad leotha tri dolair dheug a bha ’m poca thriubhsair, ach thuirt iad ris gu’m fagadh iad an t-uaireadair, nach robh leithid a dhith orra. Ach cho carach ’s ga robh iad, bha car no dha gun bhi annta; ann sa cheart phoca ’s an robh ’n t-uaireadair bha da fhichead dolair de dh’airgiod, ’s dh’fhag na mearilich an tigh gun dol na choir.
Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Tha ’chuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.
MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,
chi thu gu bheil gach seorsa bathair a th’aige cho math ’sa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.
Nuair a thig thu do’n bhaile, ’s coir dhuit a dhol ’ga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.
STOR MHOR UR!
Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadh ’s tha iad a reic mar a b’abhist daibh,—
MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.
A h-uile seorsa Bhrogan,
am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsa ’s fearr cosg a tha ’sa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.
Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.
Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.
C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.
Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peter’s, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.
Storichean Bhaddeck.
Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luain ’s Dior-daoin aig seachd uairean (7, p. m.) Bi’dh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romh ’n uair sin.
NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.
title | Issue 13 |
internal date | 1893.0 |
display date | 1893 |
publication date | 1893 |
level | |
reference template | Mac-Talla II No. 13. %p |
parent text | Volume 2 |