[97]

[Vol . 2. No. 14. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 7, 1893. No. 14.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHEACHDAN NA SEACHDAIN.

Air an t-seachdain sa chaidh thuit ceithir oirlich de shneachda ann an taobh tuath Shasuinn. Bhan t-side roimhe sin anabarrach blath.

Bha Mr. Douglas, fear-gnothuich na cuideachd a tha deanamh K. D. C., sa bhaile Di-sathairne. Tha e siubhal Cheap Breatuinn air ceann gnothuich don chuideachd.

Bhan t side gle fhliuch deireadh na seachdain sa chaidhs toiseach na seachdain so, agus bha ghaoth a seideadh gu laidir. Ach tha i nise air fas ciuins tha side bhriaghas turadh againn aon uair eile.

Bha tuiltean mora ann anJapano choinn ghoirid agus aig aite ris an canar Gifa bha suas ri seachd ceud tigh air a sguabadh air falbh, bha ceithir mile deug tigh air a lionadh le uisge, agus chaidh da cheuds da fhichead duine bhathadh. Chaidh deich mile fichead sluaigh fhagail gun dachaidh.

Chaidh duinog dam bainm Iain A. Domhnullach a mharbhadh ann am meinn anArizonaair an naodhamh latha den mhios sa chaidh. Bha e fein us fear eile dol sios don mheinns chaidh rud-eigin cearr, ’s chaill an dithis acam beatha. Bhuineadh an Domhnullach do Mhabou far am beil a pharantan a comhnuidh.

Ranig soitheach-smuid RuiseanachSan Franciscoan la roimhe le luchd de bhian nan ron, an luchd bu phriseile bha riamh aig aon soitheach. Bha corr us tir mile deug thar fhichead bian roin aice air bord, ’s bfhiach gach fear dhiubh coig dolair dheug. Bha aice mar an ceudna aireamh mhath de bhein luachmhor eile a thug pris an luchd gu coig ceud mile dollar.

Tha duine dubh dan ainmEdward Wheary, a tha na bhalbhan, ann sa phriosan ann an Fredericton, N. B., air son bean brathar dha a mhort. Bha an teaghlach uile air falbh ach Edward us bean a bhrathar agus a triuir chloinne. Nuair a thanig iad dhachidh, fhuair iad corp na mna air an urlars an ceann cha mhor air a ghearradh on choluinn.

Chaidh soitheach smuid ur a thogail an Dumbarton an Alba air a bhliadhna so, agus tha a sealbhadairean a deanamh a mach gur i soitheach luchd as mo a than diugh air an t saoghal. Giulainidh i luchd anns am bi seachd mile tunna de chudthrom, agus bheir i leatha aig a cheart am coig ceud deug de luchd-turuis. Tha i gu bhi ruith eadar Liverpool us Philadelphia agus ni in t-astar sin ri ochd latha.

Dhfhag an soitheach smuid Carlo R. Genoasan Eadailt, air turus gu Brazil an ceann a deas America, air a choigeamh latha deug de Iulaidh ach an latha roimhe bfheudar dhi tilleadh dhachaidh. ’Nuair a ranig iBrazilbha aireamh de na bha air bord tinn leis a cholera, agus chan fhaodadh i dhol gu tir. Eadar i dhfhacail na h-Eadailt us tilleadh air ais dheug ceud us ceithir deug air bord, ’s bha seachd duine deug tinn nuair a ranig i Sardania.

Tha aireamh mhor de na meinnean guail an Sasuinn nan tamh, chionn dha no tri mhiosan, na gualadairean a diultadh oibreachadh gus an teid an tuarasdal a mheudachadh. Tha roinn mhor dhiubh an nis an imis a dhol bas leis an acras, an t-airgiod bhaca ma seach nuair a sguir iad a dhobair air teirgsinn. Tha moran diubh ag ithem beagan bidh a thaca amh oir chan urrinn daibh gual a cheannach gus teine dheanamh bhruicheas e dhaibh Tha e air a mheas gu bheil fichead mile de mhnathans de chloinn anns an t-suidheachadh thruagh sin.

Bha fheill bhliadhnall Eilean PhrionnsIomhair air a cumail ann an Charlottetown air an t-seachdain sa chaidh, a toiseachadh Di-mairt sa criochnachadh Di-haoine. Bha i air gach doigh gle chreideasach araon don eileans don luchd-riaghlidh ged a tha sinn a tuigsinn nach robh i uile gu leir suas ris mar am bha i bliadhnichean roimhe. Cha dfhuaireadh air adhart leis na reisean cho math sa bha duil; Tharruing a cheud reis moran uine a thaobh na h-eich a bhi cho faisg air a cheile ann an luaths, agus thanig an t-uisge mun dfhuaras cach a chur. Bhan t-side gle fhabharrach gu feasgar Dior-daoin, ach leis an uisge thighinn an uair sin, chaidh gach ni air ais gu mor seach mar bhitheadh e nan robhn turadh air leantuinn.



[98]

[Vol . 2. No. 14. p. 2]

TEAGHLACH CHOLA.

Be Lachinn Mac Eachinn Ruaidh an Seathamh Mac-Gilleain a bha air Cola. Thogadh e ann an laithibh oige ann an teaghlach Mhic-an-Toisich. Bha e na dhuine glic curamach. Bha Cola, Cuimhnis, Rum, Achalianain, agus na Drimnin aige. Fhuair e coir air Eilain nan Muc bho Easbuig nan Eilainean. Phos e Fionnaghul, nighean Thormaid Mhic-Leoid, Dhunbheagain. Bha coignear chloinne aige, Iain Garbh, Eachann, Niall, Catriona, agus Seonaid. Fhuair Eachann Eilain nam Muc bhoathir. Bha Niall a comhnuidh ann an Druimnacroise.

Phos Iain Garbh, seachdamh Leathanach Chola, Fionnaghal, nighean do Shir Dughull Caimbal, tighearna Achadh-nam breac. Bha triuir mhac aige, Eachann Ruadh, Iain Thota-Raonuill, agus Eoghan a chaidh a mharbhadh an Ionarcheiteinsa bhliadhna 1651. Phos Eachann Ruadh, Mor nighean Eachinn Thorloisgte. Bha da mhac aige, Lachinn agus Domhnull. Chaochail e roimhathir.

Be Lachinn Mac Eachinn Ruaidh an t-ochdamh Leathanach a bha air Cola. Phos e Mor, nighean do dh-Iain Muideartach, chaidh a bhathadhsa bhliadhna 1687. Dhfhag e aon mhac, Iain Garbh.

Chaidh Iain Garbh, naoidheamh Leathanach Chola, a mharbhadh le tuiteamas ann an Duneideann. Cha robh e ach ochd bliadhna deug de dh-aois. Thanig Domhnull, brathair athar, a staigh air Cola na aite.

Phos Domhnull Chola, an toiseach Iseabal, nighean do Shir Ruari Mac-Leod, Fear Thalasgair. Bha aon mhac aige rithe, Eachann. Phos e a rithisd, Mor, nighean de Shir Tormaid Mac-Leoid, Fear Bhearnara. Bha ceathrar chloinne aige rithe, Lachinn, Iain, Eoghan, Niall, agus Catriona. Chaochail e sa bhliadhna 1729. Dheug Iain agus Niall nan daoine oga.

Be Eachann Mac Dhomhnull an t-aona Mac Gilleain deug a bha air Cola. Bha e na dhuine tuigseach, measail.

Phos e nighean Alasdir Chaimbail, tighearna Loch-nan-eala. Bha coignear nighean aige. Chaochail e sa bhliadhna 1756. Ged a bhachridhe leis na Stiubhartich, chum a ghliocas e gun eirigh le PrionnsTearlach. ’S ann aige a bha an clarsair mu dheireadh an Earraghaidheal, Murchadh Domhnullach, no, mar bu trice a theirteadh ris, Murchadh Clarsair. Dhionnsich Murchadh aig Ruari Dallsan Eilain Sgitheanach. Chaochail e an Cuimbuis am Muile. Bha mac aige don bainm Iain, ach faodidh e a bhith nach h-eil gin de shliochd beo an duigh.

Be Lachinn, darna mac Dhomhnuill, an darna Leathanach deug a bha na uachdaran air Cola. Bha e posda, ach cho robh gin chloinne aige.

Be Eoghan, ceathramh mac Dhomhnuill, an treas Leathanach deug aig an robh seilbh air Cola. Phos e Seonaid, nighean Dhomhnuill Mhic-Leod, Fear Thalasgair. Bha ochdnar chloinne aige, Domhnall, Alasdir, Eachann, Tormaid, Ruari, Ailain, Eoghan, agus Mor. Chaidh Domhnull a bhathadh aig Ulbha sa bhliadhna 1774. Rugadh Eachann sa bhliadhna 1755. Bha e na ard-sheanailair ann san arm. Chaochail e sa bhliadhna 1849. Ged a bha e na ridiresna ard-sheanailair is moran airgid aige, ’s ged a bha e ceathar fichead bliadhnasa deich de dh-aois, cha robh e riamh cho glics gun do phos e. Bha Tormoid, Ruari, Ailain is Eoghansan arm cho math ri Eachann. Cha do phos Tormaid no Eoghan. Bha Ruari posda, ’s bha aon nighean aige, Mor. Bha Ailain posda, ach cho robh gin chloinne aige.

Be Alasdir, Alasdir Ruadh, an ceathramh Leathanach deug, a bha na thighearna air Cola. Dhionnsich e an lagh. Bha duine araid a thanig am mach do dh-America a Cola no Rum ga mholadh airson cho mathsa roinneadh e ceartas eadar luchd-comhsachidh. An robh e cho math ri Maoise? arsa fear a bhag eisdeachd ris. Cho math ri Maoise! fhreagir e; cha n-fhaca Maoise latha riamh a sgoilteadh en lagh na bfhearr na Tighearna Chola aginn fhin. Phos Alasdir Ruadh bana-Chamaranach. Bha aon mhac aige, E ghan, agus sianar nighean. Chaochail e sa bhliadhna 1835. ’S ann air a shon a fhuair mise mainm. Alasdir Mac-Gilleain.

Gur a mor an luchd-leanmhuinn
A bhaig Alasdir ainmeil sodh-eug,
Tighearna Chola agus Chuimhnis;
S e do bhaschuir am chuimhne mo sgeul,
Bha thu smachdail mar shaighdear,
Bha thu macanta, caoimheil am beus.
Cridhe soilleir gun fhoill thu
Dan robh ceartas a boillsgeadh mar ghrein.”

Be Eoghan Mac Alasdir an coigeamh fear deug de shliochd Iain Ghairbh aig an robh coir air Cola. Rugadh e sa bhliadhna 1782. Bha e na Choirneal ann san arm. Thog e caisteal eireachdail, caisteal Dhruim-fionn, faisg air Tobar-Mhoire. Chaidh e gu domhain am an ainbheach. Be deireadh na cuise gun dfheum e an oighreachd a reic, ni a rinneadh sa bhliadhna 1836. Be Eoghan an Leathanach mu dheireadh a bha air Cola. Chaochail e sa bhliadhna 1861. Bha e posda da uair. Dhfhag e ceathrar ghillean, Alasdir, Iain, Uilleam, agus Eoghan, agus coignear nighean, Mairearad, Catriona, Ealasaid, Iseabal, agus Sine. Chaochail Alasdir an Africa sa bhliadhna 1875. Bha Iain na ard-sheanailairsa arm. Chaochail e sa bhliadhna 1882. Bha e posda, agus bha triuir nighean aige. Chaochail Uilleamsna h-Innseansa bhliadhna 1867. Bha Eoghan na chaiptin san arm. Chaochail e sa bhliadhna 1870. Cha dfhag gin de na gillean mac na dheidh.

A. MAC G. SINCLAIR.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FAIC DHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug. Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.



[99]

[Vol . 2. No. 14. p. 3]

FIRST LESSON IN READING GAELIC.

Call A ath, just like the wordath ,a kill. Call I like the word i, she, or like the E in English. Call Ea like e in the word bet, as infear ,a man. The long souud of ea does not exist in English, but you can find it by lengthening the sound of e in bet. You have it in the Gaelic wordscearr ,wrong, fearr ,better, andgearr ,cut. If you listen to a lamb bleating, you will find that he knows it very well. Call Eu like A in English, as infeum ,need, ceum ,a step. Call O by its name in English. Call U uth, like the worduth ,udder.

Call C k, as incir ,a comb. Dont call it see. It is never sounded in Gaelic like S.

Call ph F, as inphos e,fos e, he married. Fh is silent, as inbean an fhir ud,bean an ir ud, that mans wife. There are three exceptions to this rule; fh is sounded like h infhathast , fheinorfhin , fhuair.

Call sh and th H, as insheid e,heid e, it blew; tha e,ha e, he is. There is one exception to this rule; th is silent inthu ,thou. You dont sayha hu,thou art, but ha u.

S after t is silent, as inrach don t-sabhal,rach don tabhal, go to the barn.

Call bh and mh, at the beginning of words V, as inbha mi,va mi, I was, mhill e,vill e, he spoiled. Call dh and gh at the beginning of words Y, as indhearbh e sin,yearbh e sin, he proved that, ghearr e an t-slat,yearr e an tlat, he cut the switch.

Than leasan so airson ghillean oga agus nigheanan oga a leughas beurlas a thuigeas Galic agus aig a bheil urad de thurs gu bheil iad a cur romhpa gun deid aca air MAC-TALLA a leughadh an ceann beagan sheachdainean. Gheibh iad leasan eile an uine ghoirid.

A. MAC G. SINCLAIR.


Litir a Columbia Bhreatunnach.

A MHAC-TALLA Ionnhuinn, —Sfhada bho na bha romham focal no dha chur thugad a dh-aithris cho toilicht us a tha mi a bhi faotainn a MHAC TALLA na huile seachduinn.

Smath leam a bhi faicinn aireamh cho mor de litrichean ann am MAC-TALLA bho iommadh cearn, ach tha mi duilich nach thug aon do na Ghaidheal as fhear a sgriobhas a Ghaidhlig na mise anns a chearn so oidheirp air litir a chur dur nionnsuidh.

Tha moran do luchd Gaidhlig anns an oisinn iomallach so do Chanadase sin muinntir a tha comasach air a ghaidhlig a thugsinn agus a labhairt, seadh, co pailt agus nach bitheadh e gle shabhailt do neach neach eile a chaineadh anns a Ghaidlig air an t-sraid. Ach tha roinn mhor a cumail a mach nach urrain iad an seann canain so a leughadh no a sgriobhadh, agus se sinn as coireach nach eil iad a cur a dhiarraidh a MHAC-TALLA. Ach co diubh smath leo na horain agus na naidheachdan eibhinn a chluintinn a bhi air an leughaidh.

Bhan t-side gle thioram ann a so bho cheann cor agus mios, ach tha an t-uisge air toiseachd air taomadh agus feumadh e bhith gur e an leigh is ail leinn mar a tha e air a radh gum bheil e co gann ann a Columbia Bhreatunnach.

Tha mi cluinntinn gu bheil am barr agus am feur gle mhath anns an duithaich so am bliadhna, ach tha aon ni a tha a cumail an ite so air ais gle mhor, agus se sinn, na bheil ann do sheann fleasgach, gad nach eil iad deonach a bhi gairm an aimn sin diubh.

Ged do their ir riu na bachelors,
Cha neil cuid diubh seann gu leor;
Cha be an aois a thug an t-ainm daibh,
No dhfhag iad nan cuisean broin.

Ach a bhi comhnaidh na naonair
Gun mnathan aig na seoid;
Gad a tha gu leor an Ceap Breatuinn,
A fhreagraidh air an t-seorsa.

Feumaidh sibh mo leithsgeul a ghabhail air son an drochspelladha tha air an sgrobadh so, oir tha mise air a Ghaidhlig mar a bha fear eile, “Cha do ionnsuich mi idir i, dhfhas i annam.”

Do bhana charaid,
KATAG.


Tha Gilleasbig Fenton, South Essex, Mass., a sgriobhadh, —Dhfheuch mi iomadh seorsa leighis air son droch stamag, ach cha drinn aon diubh feum dhomh mar a rinn K. D. C. Chan urrinn domh gu leor a radh ga mholadh. Rinn e feum mor dhomhsas do mhuinntir eile.

Ann a Hawaii, duthich mun cuala sinn moran air a bhliadhna so, chan eil ach tri fichead sa ceithir de shaighdearan, ’s ged nach eil ann ach ghrunnan beag sin, tha trinir de sheanalairean os an cionn. Cha mhor nach eil a chuis mar a thaa sean fhacal Gaidhealach ag radh, “Ceannard thar fhichead air an fhichead saighdear.”

LeighsidhMinard ’s LinimentDeideadh.

A charaide nach do phaigh am MAC-TALLA, —Na cuir an corr dail ann, ach suidh sios an nochd agus sgriobh litir bheag thuginn, agus cuir dollar na broinn. Nuair a gheibh sinne do litir cuiridh i aoibhneas mor oirnn, oir chan eil a leithid do litir a tighinn darnn ionnsidh ro thric.

LeighsidhMinard ’s LinimentCrosdachd.

Tha e air fhagail air muinntir Australia, gur iad an sluagh as truime air ithe feola a thair an t-saoghal. Agus na h-Eadailtich, cha mhor gu bheil iad ag ithe feol idir.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig

UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[100]

[Vol . 2. No. 14. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.

SIDNI, DI-SATHAIRNE OCTOBER 7, 1893.

Tha sinn a toirt dar luchd-leughidh aig an am so eachdridh ghoirid air Teaghlach Chola, o pheann an Urr. A. Mac Gilleain Sinclair. Bhan eachdridh so air a roinn na da earainn air son an cur an da aire amh den MHAC-TALLA. Air don deasaiche bhi air falbh toiseach na seachdain so, ghabh an cho-bhuailtear an gnothuch na laimh fhein agus chuir en darra earann an clo, ’s dhfhag e cheud earann air choinneamh na seachdain sa tighinn. Tha MAC-TALLA mar so coltach ris an oraidiche a roinn an ceann-labhairt na shia cinnsa thuirt an sin gun toisicheadh e aig an darra points gum fagadh e cheud phoint gu deireadh.

Bha coinneamh mhor a Chomuinn Ghaidhealich ris an abrar am Mod air a cumail, an san Oban air Di-mairt an darra latha deug den mhios sa dhfhalbh. Bha aireamh mhor sluaigh a lathair agus chaidh gach ni air adhart cho riaghailteachs bu mhiann le Gaidheal sam bith fhaicinn. Tha sinn an dochas a bhi comasach air cunntas ceart a thoirt air a Mhod anns an ath aireamh tha romhainn mar an ceudna cunntas athghearr a thoirt air a Chomunn uasal a chuir am Mod air chois, air chors gum bi fios aig na Gaidheil air an taobh so den chuan mhor ciod e a tha na Gaidheil air an taobh eile a deanamh air son na Gailig.

Tha sinng iarraidh bhi toirt mile taing do ar cairdean air son an tlachd tha iad a gabhail anns a phaipeir againn agus gu h-airidh air son an tomhais cuideachaidh tha iad toirt dhuinn thaobh an oidhirp tha sinn a deanamh chum ar cainnt mhatharail a chumail suas. Bithidh suil againn ri nithe mor ann an rathad cobhair bho chlann nan gleann nam beanns nam breacan. Tha Gaidheil gu leoir ann an Canada, na dhfhaodadh am paipeir so chumail suas air leithid do dhoighs nach tigeadh trioblaid na cruaidh-chas air a chaoidh. Agus tha sinn an dochas nach teid a radh chum ar mi-chliu gum beigin don MHAC-TALLA dol a dhith do bhrigh mi-churaim ar luchd duthcha.

Am measg iomadh ni eile bhios sinn toirt air aghaidh bithidh e anns an t-sealladh againn bhi dearbhadh eadhon air luchd na Beurla fhein gum bheil a Ghailig feumail, ’s gum feum eadhon iadsan, tionndadh gu h-ionnsachadh, leis am bu mhiann eolas ceart bhi acair eachdraidheach agus nadur chanainean.

Chan urrainn sinn aicheadh gum bheil muiuntir ann an tomhas mhor sguir dhe bhi labhairt na Gailig ach tha e taitneach bhi toirt fainear gum bheil ar sgoilearan air tionndadh da h ionnsuidh, ’s co aig tha fios nach fhaod iad neamhnuidean fhaotuinn innte nach do shaol leo fhaotuinn.

Air ar son fein, tha sin gu lan dheth na bheachd, nach tuigear aon chuid Beurla, no Greugais, no Laidunn, mar bu choir doibh bhi air an tuigsean, gus am foghlumar iad ann an solus theid thilgeadh orra bhon Ghailig; ’s tha sin lan chreidsinn nacheil an la fad as, anns am bi a chainnt bhriagh, uasal so, air a teagasg gu follaiseachs gu cumanta ann an ard sgoilean gach dutchs feadh an t-saoghail.”


Litir Bho Acarsaid Cloinn Fhionghain.

Gu Fear Deasachaidh a Mhac Talla:

Chan eil feum ann a bhi toirt seachad leisgeulan air son a bhi cho fada gun sgriobbadh gur n-ionnsaidh. Tha barail agaibh fhen air an aobhar cheana, ’s chaneil buannachd ann an tuilleadh a radh.

Tha sibh a thoirt iomradh air feodhain a bhios a faotainn coire dar paipeir airson nach robh e mar sid, ’s mar so; ach gabhadh sibh an leisgeul, a chionn tha fios agaibh, “Gu feum an gearain a bhi ann, co dhiu.” Agus tha fios gu math. “Gun sgaoil am fear a bhios na thamh gur e fein as fhearr lamh air an stiuir.” Ach an fear nach dean cuideechadh, fanadh e na thosd, a chums nach cuir e dragh air an stiuradair a tha deanadh a dhichill. Chaneil mi idir ag radh gum bheil paipeir saor o mhearachd air gach doigh; ach caite an bheil an ni talmhaidh a tha saor o mhearachd? Nam biodh a leithid sin do ni rifhaotainn, bhitheadh e am measg seachd ioghnaidhean an tsaoghail. Tha mi an dochas air an aobhair sin ann an aite a bhistri ri coire fhaotainn, gur h-ann a chuireas gach Gaidheal a ghuallainn ris aghnothach gus an oidhirp chliuteach agaibh a dheanadh cho iomlan is a tha en comus dhi a bhi. Mile thaing don na deagh sgoilearain Gaidlig a tha sgriobhadh ugaibh litirean agus eachdraidhean Gaidhealach as gach cearn don tsaoghal. On nach eil dad a dheolas agam air a bhi sgriobhadh Gaidhlig criochnichidh mi an litir bheag so le bhi guidhe buaidh is soirbheachadh leis a MHAC-TALLA.

Is mise,
IAIN D.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.



[101]

[Vol . 2. No. 14. p. 5]

BROSNACHADH GHALGACUIS.

Ceann-feadhna nan Gaidheal nuair a bha iad adol a chur Cath ri feachd na Roimhe.

AIR A CHUR ANN AN GAIDHLIG LE P. MAC PHARLAIN.

A mhuinntir mo dhuthcha, agus mo cho-shaighdearan. Nuair a tha mi toirt fainear an aobhar mun do tharruing sinn ar claidhmhichean, agus am feum a tha againn air buile tarbhach a bhualadh mun cuir sinn a rithisdsan truaill iad; tha mi mothachadh dochas aoibhneach ag eiridh suas am inntinn gum bi air an lathan diugh, slighe air fhosgladh chum saorsadh Bhreatuinn a thoirt air a h-ais, agus a chum cuing sgreitidh traillealachd na Roimhe a chrathadh dhinn. Tha aGhaidhealtachd fathast saor. Cha burrainn uile-chumhachd ghreimeil na Roimhe ar saorsadh a ghlacadh. Achs ann a mhain le treubhantas a choimhdar i. Chan ion duibh fiughair a bhi agaibh, gun dtheid sibh as o luchd-creachaidh a chinne-daoine trid baighealachd. Nuair a cheannsuichear na duthchanna air am fasa ruigheachd, theid iad an sin air an aghaidh do-n ionnsuidh-san air an deacaire buaidh a thoirt. Agus ma bheir iad buaidh air an talamh uile, bheir iad a rithisd oidhirp air am feachd a chur gu taobh thall a chuain mhoir, a shealltuin nacheil fathast rioghachdan neo-aithnichtann air an dthoir iad ionnsuidh, ’s an tabhairt fo chis do dh-iompaireachd na Roimhe. Oir tha sinn a faicinn, ma mheasar tir cumhachdach, gun tabhair na Roimhich ionnsuidh oirre, ’chionn gum beil a ciosnachadh cliutach; ma tha i saibhir, tha iad a teachd le fiughair ricobhartach, ma tha i bochd, le deigh air alladh. Than airde n ear agus an iar, an airde deas agus tuath, aghaidh na cruinne gu h-iomlan, air an saruchadh len cogadh; than saoghal mun iath grian ro-bheag airson an gionaich agus sannt. ’S iad fein an t-aon sluagh a chualas riamh a bha co deidheil air rioghachd bhochd ri rioghachd shaibhir acheannsachadh. ’S coltach gur e am priomh-shonas a bhi creachanh, ’sa cogadh, ’sa dortadh fola; ’s an uair a dhfhasaicheas iad duthaich, ’s nach fagar duine beo innte is urrainn airm a thogail nan aghaidh, an sin their iad gun dthug iad sith don tir sin. Dhorduich nadur fein do na h-uile dhaoinibh gum bi am mnathan agus an clann ro-ionmhuinn leo, ach tha dearbh-chinnt agaibhse, a mhuinntir mo Dhuthcha, gum beil na fleasgaich air an dthugadh buaidh air an tarruing air falbh, a dhianamh suas feachd na Roimhe. Tha mnathan, peathraichean, agus nigheanan nan daoine a gheill daibh, an dara cuid, air an eigneachadh, no air an truailleadh le seoltachd nan creachadairean an-iochdmhor sin. Tha toradh an dichioll air a shlaodadh a dhianamh suas cis a leagadh orra le gionaich fhoir-neartach. Tha na Breatunnaich a cur am machraichein ach tha na Roimhich chiocraich gam buain.

Tha ar cuirp air an sarachadh adianamh oibre daibh; agus is e buillean agus tair am buidheachas a tha againn an colorg ar saoithreach. Tha iadsan a rugadh nan traillibh air an ceannach, agus air an cumail suas len sealbhadairibh; ach tha an tir neo-shona so atoirt duais airson ibhi fo dhaorsadh, agus a beathachadh na h-aiteam a tha ga toirt ann. Agus is e ar cuid-ne den mhi-chliu as fior chraitiche, o chionn gur iad muinntir an Eilean so asdeireannaiche a thainig fon chuing thruaillidh. Is e am fuath a tha againn air an-tighearnas, a choire as mo a tha brosnachadh nan an-tighearnan, foirneatach sinnar n-aghaidh. Tha sinn a bhi cho fada bho bhaile mor ar rioghachd, agus air ar dion a thaobh naduir leis achuan chuisleach uaibhreach a thagar cuairteachadh, ’gar fagal buaiteach dan anamharuis; oir tha fios aca, gum beil Breatunnaich air am breith le fior ghradh air saorsadh agus tha iadsan am meas, gur duthail dhuinn a bhi smuaineach air achothrom a ghabhail, uair no uair-eiginn, air sinn fein a shaoradh bhon cuibhrichibh. Mar so, mo chairdean, le sinn a bhi air cur an duileachd, agus air ar fuathachadh, mar is eiginn duinn a bhi, leis na Romhaich, cha-n ion duinn fiughar a bhi againn ri daorsa chuimsion fein a mhealtinn fodhpa. Cuireamaid romhainn ma ta, ann an ainm gach nitha naomha, agus chum gach ni is caomh leinn a dhion, oidhirp fhoghainteach a thoirt, mur ann a dhfhaighinn cliu, air achuid as lugha, gu bhi tearuinte; mar ann a chumail suas meas Bhreatunn, mar as lugha chum ar beatha a dhion. Cia dluth a bha na Brigantich air a chuing a chrathadh dhiubh fo stiuradh Boirionnaiche! Loisg iad ionad-comhnuidh Roimheach; thug iad ionnsuidh air na Legoinaibh Roimheach nan campa. Mur dthugadh mar shoirbhich leo, orra a bhi tuilles earbsach asda fein, bha an gnothach ach criochnaichde, agus nach dean sinne, muinntir na Gaidhealtachd, aig am beil ar criochan fathast saor, ’s aig am beil ar neart gun lughdachadh; nach toir sinne oidhirp, mo cho-shaighdearaibh, air cail-eiginn a dhianamh, a nochdas do na creachadairibh coimheach sin, gum beil aca tuille ri dhianamh na bha iad am barail, mun dthoir iad buaidh air an Eilean uile.

(Ri Leantuinn.)


Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[102]

[Vol . 2. No. 14. p. 6]

AN COTA BREACAIN.

LE DOMHNULL DOMHNULLACH AN TIRIDHEADH.

Rinn Iain Mac-Faidein, taillear, cota don bhard. Na n bfhior e-fhein bha e ro thoilichte leis.

FONN. —Gur h i bean mo ghaoil an Spainteach.

Mo bheannachd a dhol an ire
Don fhearrinn gu grinn mo chota;
Cha n-fhaic mi nas fhearr a sheasas
Air fleasgach no air fear posda,
Nuair a ni mi orm a dhunadh,
Taobh a chuil chan-fhaicear sgod air,
S tric a feoraich anns gach ait iad,
Cait an dfhuair an taillear fhoghlum.

Fhuair efhoghlum ann san tir so,
S rinn e deise riomhach dhomhsa;
De bhreacan ro mhaiseach aluinn
Ni iomadh la dhomh mar chomhdach:
Cot’ ’tha eireachdail rifhaicinn
Se fior thaitneach air gach doigh leam;
Peiteag a dhfhoghnadh don Bhaillidh,
S fuaigheal laidir air gach poca.

Feumidh gach taillearsan duthich
Dolthoirt greis de dhuinne comhlris,
Gus an ionnsich iad a chuma,
S bidh iad am buidhinn rim beo dheth.
Bidh mi taingeal dha ri mshaoghal
Chionn e thighnn an taobh son mhointich.
Air a buill than deisefuireach,
S gheibh in t urram air gach comhail.

S bhon a rinn thu i cho finealt’,
Bidh mistrith ruit gus am pos mi;
N uair a gheibh mi bean is paisdean,
Togidh mi de mnadar gorach,
Tha mi toilichtann am inntuin
Leis gach ni mun deise bhoidhich;
Aigfheabhass a rinn thudeanamh
Chuireadh i sgiamh air fear-posda.

Thairneadh cota na deadh chuma
Am fior bhuarridh gu bhi sporsail.
Nach faic sibh fhein mar a tha e,
H-uile snaithean dheth co boidheach;
Gun a choimeas aig duinuasal
Air an taobh a tuath den mhointich.
Their Mac-Farlainn rium an ceart uair,
Meal es thoir an t atach dhomhsa.

Mo lamh-sa gum faigh thun t-atach,
Ma bhios mise fada comhlriut;
S fearra dhuit na aodach ur e,
Bheir en cuirt nan gillean og thu;
Amhirc air gu geur le dshuilean,
Mar tha na clair-chuil an ordagh;
S nam bu mhi Iain Caimbeal, taillear,
Bhiodh a phataram amphoca

Achs ann tha e-san ag ratinn,
Cha lean mi gu brath an doigh sin;—
Cota farsuing air a bhialthaobh,
Is deagh liad ann mu na bhodhan,
Sa h-uile butan dhethn dunadh
Eadar na gluineans an sgornan;—
Sin a chumabhasan fhasan
Nuairbha miss Mac Cainteal comhla.

Cha n-fheil an diugh ann san aite
Ged tha taillearan gu leoir ann,
A h-aon ach mi fhin a ni i,
Ged a bha i fior mhath, boidheach.
S miosan t-sochair e namheirle,
S ionnan sins mar tha Mac-Curidh,
Leig en t-seana chuma troimh mhiaraibh,
S cha riarich e gillean oga.

Na fleasgaich a bhann ri mlinn-sa
Cha robh iad riomhach no sporsail;
Bha iad uasal, fearail, fialidh,
S gheibhinn ciallach iadnan comhradh,
Chunnig mise gillean gasda
A rachadh a mach Di-domhnich
A dh-eisdeachd searmain don chlachan,
Lem briogisean glasa clotha.

An sin labhair Domhll Mac Ruaridh,
S taillear uaisleanrinn do chota;
S ann is coltach e ri staoidhs
A bhiodhcur loinn air maighdinn sporsail;
Cha n-fheil a leithidsan fhasan
Ach aig marsanta, no drobhair
Bhios afalbh le crodh do shasunn,
S bata gias-darichna dhorn aig’.


LeigsidhMinard ’s Linimentcnatan.


Ma tha Droch Stamag a cur dragh ort gabh
K. D. C
an leigheas as fhearr a thann. Tha na dotairean as fearrga mholadh.

Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHLCAIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[103]

[Vol . 2. No. 14. p. 7]

Litir a Srath-Alba.

S taitneach rin leughadh na litrichean a thainig do t-ionnsuidh o chionn ghoirid. Aithnichear air fuaim an airgid mas ann an tigh-cuinnidh ceart a rinneadh e. ’S toigh leam am fuaim a thaig na litrichean tha atighinn thugad a Sniosart, a Lunnuinn, a oil-thigh Antigonish, a Bailefast is a aitean eile. Tha iad a nochdadh gu soilleir gum beil daoine eolach tuigseach agus ard ann am foghlum nam fior chairdean duit. Tha iad so agus moran eile lan chomasach air cuideachadh a thoirt duit, agus ni iad e mar an ceudna. Ged nach samhlaichinn mi fein riu ann an doigh air bith, ach a mhain ann an deagh dhurachd, gidheadh cha di-chuimhnich mi idir thu. Cuiridh mi ni-eigin do t-ionnsuidh o am gu am mar a cheaduicheas uine dhomh.

S neonach leam nach eil an t-Olla Mac Nis, an Cornwall, Ont., a togail a ghuth air do thaobh. Feuch nach do dhi-chuimhnich thu dhol air cheilidh air chums gum faigheadh e eolas ort. Tha mi meallte mar dean e gniomh caraide riut.

Feuch nach bi thu toirt cluas don mhuintir dom fasan bhi faotainn coire. Thoir dhuinn, de bhiodh glan, gach atharrachadh as urrainn duit, agus gabhadh na h-uile fear an rud a thaitneas ri bhlas fein. Tha thu deanabh gle mhath; ’se sin beachd a mhuinntir dom fearr is aithne breth a thoirt. Tha na h-aireamhan mu dh-ireadh den MHAC-TALLA cho maths gun ean mi mar thuirt Gilleaspuig Eutrom ris an duine a bhas a rian. Bheachdaich Gilleaspuig air gu geur a stigh tren uinneig: Am feur bochd a bha stighs e cur nam both dheth ri cainnts ri gleadhar. “Sin thuars Gilleaspuigs math an coltas a thort. Lean romhad mar sins tha t-aran fuinte.” Sin mar a their mise mun MHAC TALLA. Lean romhad mar sins cha churam nach soirbhich leat.

C. C.
Strath-Alba, E. P. I.


Bha mi air mo leigheas de dhruim ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
ROBERT ROS.
Two Rivers, N. S.

Bha mi air mo leigheas onamhaich ghoirt leMINARD ’S LINIMENT.
IAIN A. FOREY.
Antigonish, N. S.

LeighisMINARD ’S LINIMENTcrupadh fheithean orm-sa.
MRS . RACHEL SAUNDERS.
Dalhousie.

Tha duine am baile mor Lunnainn a tha anabarrach gealtach, agus re nan seachd bliadhna chaidh seachad, bha e gach latha deanamh corr us mile dhastar nach ruigeadh e leas mur biodh gu robh stor fudair air aon de na sraidean roimhe agus bha eagal air gum faodadh i teine ghabhail. An latha roimhe fhuair e mach nach robh srad fudairsan stor sin o chionn ochd bliadhna.


Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

Ach co dhiubh bha eagal air Criosduidh fein roimhn eilean na nach robh, dhamhairc moran dhiubsan bha air bord air le tlachd, an dochas gun cuireadh iad an cas aon uair eile air talamh tioram. Dhinnis Tomas, a rinn uaill a moran cnuasachd, da bhrathair gum be ainm an eilean Sgiamhach. “Feumaidh gur aite comharraichte thannfhreagair Peadar, “oir tha mi cluinntinn gairm-coilich.” “Faod sinn dhol air tir?” dh-fheorich Tomas. “Cos urrainn ar bacadhghlaodh Peadar. Thug iad ionnsuidh mar gu leigidh iad sios anGealladh,” ach bhac Eudmhor iad ag radh gu feumadh iad cead fhaotuinn bho Chaptein Criosduidh. Dhiarr Peadar cead dheth Athair achse freagradh a fhuair e, “Na bi air do bhuaireadh leis an olc.” Ghreas air ais dhionnsuidh a bhrathair ann a feirg, ag ra, “Bu mhiann le ar t-athair sinn bhi nar leanabain a chaoidh.” Chuala Tuigse iad air dha bhi gabhail seachad, agus thubhairt e. Bithibh-sa nar cloinn an an ceilg. Dhearrs suilean Pheadair mar le teine.

Dhfas Tomas gruamach tra sheas na h-oganaich taobh a spaisdearach timchioll an t-soithich mar aon de na balaich aotram a feadalaich airson gaoth sgairteil. Chomhairlich e dhoibh an Lagh a ghabhail nan lamhan fein.

Aig an naodhamh uair den la thainig fe; dhealraich a ghrian gu garg orra, thuit clo codail orra uile agus suain; dhfas eadhon suilean Chriosduidh fein trom-cheannach. Ach dhamairc Peadar agus Tomas, aig an robh nis barr graidh do shaimh na bha aca do Dhia, air Fein-Earbsa le suilean miannach. Mar as mo a dhamhairc iadsann bu mhaisich a dhfas e dhoibh. Bha Tomas dearbh chinnteach gu robh na craobhan maith chum bidh agus mar an ceudna taitneach don t-suil agus nan craobhan ra miannachadh a dheanamh neach glic.

Thubhairt Peadar; “ma streapas sinn an cnoc ud chi sinn uile rioghachd an domhain, agus an gloir. Gheill iad don bhuaireadh.

Thilg Peadar dheth a Chota, thug e leum do n chuan agus shnamh e air tir; ach chaidh Tomas le cas thioram air ramhach. Air do chriosduidh bhi air a dhusgadh leis an fhuaim ghairm e air ais iad, ach dhiult iadsan.

Thubhairt e ris feinS iad na nithibh so toiseach thruaighean, “agus bha run air dhol air an toir annsaGhealladh.” Dhfaodadh e sin a dheanamh mar be gu n d tug Tomas leis na Raimh. Dhiarr e comhairle air Tuigse, a fhreagair e Gheibh am peacaidhean a mach iad.


LeighsidhMinard ’s Linimentamach ghoirt.


Chan eil air an taobh-sa dhenAtlanticach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dhiarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann amPolitics. ”Chan eil eg iarridh a bhisparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil edol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhen t-seorsa sin aig na paipearan eile.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.



[104]

[Vol . 2. No. 14. p. 8]

FOGRADH NAN GAIDHEAL.

Bha daoine treun, ainmeil, gaisgeil ann an Gleann-a- garaidh anns na laithibh o shean. Ann am bliadhna Thearlaich dheirich sea ceud ceatharnach sgairteil le Mac-mhic-Alastair ann an aobhar aPhrionnsa agus lean iad e gu sliabh Chuil-fhodair. Ach mu dheireadh bhuin an t-Uachdaran cho leibideach riutha ionnus gun dfhag moran diubh an duthaich gu dol a dh-America. Chaidh cuid diubh do na Statachan Aonaichte, agus chaidh feadhainn eile do Chanada far an dthug iad Gleann-a- Garaidh mar ainm air an earrainn sin den tir anns an do ghabh iad comhnuidh. Ach chaill Mac-Mhic-Alastair e fein an oighreachd sin bhon dfhuadaich e air falbh an sluagh, agus tha i a nis ann an lamhan choigreach. Nuair a bha an t-oighrena leanabh agus a bha riaghladh na h-oighreachd ann an lamhan na Bain-tighearna, a mhathair, chuir i air falbh a h-uile duine a bha ann an Cnoideart. leag i na tighean, agus chuir i teine riutha gus an losgadh mar a bha Padruig Sellar adeanamh ann an Cataobh. Bha cuid de theaghlaichean anns an robh mnathan agus clann og, mhaoth, a mach air an toin fad na h-oidhche gun fhardoich gun fhasgadh ach na gheibheadh iad anns achuid a bhanan seasamh de bhallachan nan tighean ris an do chuir iad cabair an aird air an do sgaoil iad plaideachan gus aghaoth a chumail o bhi seideadh orra.

Bha seann duine Iain Dughallach aig an robh teaghlach. Bha e ann an easlainte agus bha dithis mhac dha ann an Eilginnnan laidhe gu tinn leis aBhric. Dhiult e falbh aig an am sin gus an rachadh e am feobhus agus an tigeadh an mic aige dhachaidh nan leighiseadh iad on Bhric. Ach thainig am Baillidh agus na maoir gus an tigh a leagail; chuir iad a mach Iain Dughallach as an tigh, thilig iad an airneis a mach air an dorus, agus leag iad an tigh gu lar. Fad na h-oidhche bha an teaglach bochd sin a mach air na cnoic fo na speuraibh lom gun dion gun fhasgadh. Nuair a dhfhalbh na maoir chruinnich Iain Dughallach na clachan agus am fal ri cheile, chuir e suas iadnam balla, chuir e cabairnan seasamh an taice ris abhalla agus air na cabair sgaoil e plaideachan, seann siuil, agus sgrathan gu seorsa de dhion a chuir fasgaidh air fein agus air a theaghlach. Ach mo thruaighe! an ceann seachduin phill na maoir air an ais agus leag iad am bothan diblidh aige gu lar.

Chan eil an so ach aon saimpleir den obair chruaidh a rinn Baintighearna Mhic- ’ic-Alastair ann an Cnoideart. Bu searbh ri innseagh an sgeul nan cuireamaid an ceill a h-uile gniomh ain-iochdmhor a rinn abhean so air an t-sluagh bhochd gus am fogradh a mach as an tir gu caoraich agus feidh a churnan aite. Ach thainig e mun cuairt ann am Freasdal De gun do chaill teaglach Mhic- ’ia-Alastair an oighreachd. Cha-neil ainm no iomradh orra ann an tir an sinnsear, agus cha-n- iongantach e. Is gann a gheibhear aon dhen fhine Dhonullach ann an Gleann-a- garaidh no ann an Cnoideart. Dhfhuadaich Mac- ’ic-Alastair an toiseach air falbh an sluagh, as an tir, agus chuir Breitheamh na talmhainn a rithist air falbh Mac-Mhic-Alastair, “Leis an tomhas len tomhas sibh, tomhaisear dhuibh a ris.”


Tha C. H. Harrington & Co., an deigh an tigh-ceannachd a dheanamh nas modha na bha e. Tha e nise tri stoiridhean a dhairdes air a chur an uidheam cho math no nas fearr na tigh-ceannachd sam bith eilethasa bhaile. Than siucar, an ti, a mhin, am flur, ’s gach ni dhen t-seorsa sin air an cumail ann an rum dhaibh feins tha na brogan air an reic ann an rum eile. Than stor air a h-uile doigh fad air thoiseach air mar a bha i roimhe, agus a nochdadh gu soilleir gu bheil C. H. Harringtonsa chuideachd a soirbheachadh gu math.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.


A h-uile seorsa Bhrogan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B,


Mac Gillies & Mac achuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p. m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.

titleIssue 14
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 14. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page