[105]

[Vol . 2. No. 15. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 14, 1893. No. 15.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac achuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & RICH T.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHEACHDAN NA SEACHDAIN.

Bhan t-side air an fhoghar so gle mhi-fhabharrach don iasgach. Cha bhi faisg uiread eisg aig na h-iasgaireansa bhacan uiridh.

Chaill da fhichead duine am beatha ann am meinn am Michigan le uisge a bhruchd a stigh orras iad aig an obair. Thanig an t-uisge o abhainn a bha faisg air laimh.

Rugadh leanamh-gille ann anNew Yorkan la roimhe, a tha na oighre air fichead muillean dolar. Is ogha e don fhear nach maireannJay Gould. ’S ann gu posadh athair us mathair a ghille so a chaidhJay Gouldfein an turus mu dheireadh a bha e mach air dorus a thaighe.


Tha Herald Sidni-a- Tuath ag innse sgeul bheag air an t-seachdain so agus ma tha i cho fior sa tha i cho neonach foghnidh i. Bha lair leMr . Iain Nisbetair a cumail ann am pairce dhuinte, agus tha e coltach nach robh a caiseart a cordadh rithe ro mhath, oir dhfhosgail i air doigh eigin an geata agus choisich i air a socair fein gu ceardachElliott, agus as a sin cha rachadh i gus an dthug an gobha dhi na cruidhean, a bha air am fagail oirre tuilleadh us fada.

Re a gheamhridh sa chaidh bha corr us leth-cheud mile tunna de ghual air a chur a mach a seann mheinn Shidni, agus air a chur na thorr aig beul an tuill a dhfheitheamh air an t-samhradh. Ben torr guail bu mho a rinneadh aig aon mheinn an Ceap Breatuinn riamh, ach than cnap mu dheireadh dheth air falbh roimhe so maille ri corr us ceud mile tunna a chaidh a chladhach re an t samhridh. Ma leanas an t-side gu maths nach tachair sgiorradh sam bith a chuireas maillair an obair, bidh da cheud mile tunna air a chur air falbh as an aon mheinn sin mun sguir i toiseach a gheamhridh. Tha muinntir aigm bu choir fhios a bhi ag radh gum bi sin air thoiseach air aon mheinn sam bith an Ceap Breatuinn non Nobha Scotia. Tha na meinnean eile a deanamh cha mhor cho math, agus can eil teagamh nach i so bliadhna cho math do mhuinntir a ghuail sa thanig o chionn fhada.

Bha reis air a cur air an t-seachdain so an acarsaidNew Yorkeadar soitheach scolidh Geancach dan ainm am Vigilant us soitheach Breatunnach dan ainm anValkyrie. Bha iad ri ruith deich mile fichead coig uairean. Thanig fios feasgar an de gu robh iad an deigh an treas reis a chur, ’s gu robh an soitheach Breatunnach mu chairteal mionaid air thoiseach air an te eile. Than soitheach Geancach mar so an deigh an reis a chall.


Gaidhil Lunnuinn.

Tha na comunnan Gaidhealach anns a bhaile so a nis a cur an ordugh air son coinneamhan a gheamhraidh agus iadsan aig am beil deidh air coisir-chiuil, dannsadh no a leithid sin chan eil eagal sam bith orm nach fhaagh iad an leoir diubh. Chuala mi gun robh an class Gaidhlig gu bhi toiseachadh a rithisd air an ath mhios agus gum beil na Sgoilearan Gaidhlig as fhearr a thanns a bhaile gu bhi air a cheann. Bithidh e na dha earrann, aon air an sonsan nach eil ach a toiseachadh air a chainnt ionnsachadh agus an aon eile airson na muinntir aig am beil beagan eolais cheana. Tha cheud earrann gu bhi air a teagasg le Mhr. Uilleam MacIlliosa agus is i so an tritheamh bliadhnatha e gabhail na h-oibre so os laimh.

Tha teagasg na dara earrainn gu bhi air a roinn eadar triuir Ghaidheil a tha ainmeil am measg an luchd-duthcha airson an sgoilearachd, ’s iad sin an Leighiche Mac Illiosa, an Leighiche Mac Dhomhnuill agus an t-Urramach N. Mac-Neill, L. L. D. Eadar iad sin chan eil teagamh sam bith agam nach bi foghlum ri fhaotainn aig a chlass so nach tric a gheibhear aig a leithid agus tha min dochas gun gabh moran de mo luchd-duthcha an cothrom so air eolas fhaotainn mu dheibhinn ar seann chanain, ar duthaich agus na daoine bhon dthanig sinn. Bha Mod a Chomuinn Ghaidhealach anns an Oban air an 12mh la na choinneamh eireachdail a reir gach cunntas a fhuair mi mu dheibhinn. Tha mi toilichte gum beil muinntir a faicinn mu dheireadh gum beil ni-eigin ann ar cainnt agus ar ceol is fhiach a ghleidheadh an cuimhne. Gom biodh aireamh na muinntir sin a dol am meud!

CABAR FEIDH.



[106]

[Vol . 2. No. 15. p. 2]

TEAGHLACH CHOLA.

Be Iain Garbh a chead Mhac-Gilleain a bha air Cola. Bu mhac e do Lachinn Bronnach, triath Dhubhairt, agus da mhnaoi, nighean Mhic-Leoid Dhunbheagain. Rugadh e mun bhiiadhna 1416. Bha e na dhuine luidir, calma, misneachail, agus na fear-cogidh math. Thug Alasdir Mac-Dhomhnuill, morair nan Eilainean bhon bhliadhna 1423 gu 1448, coir dha air Cola agus air Cuimbuis ann and am Muile. Cheannich e Rum bho Ailain Mac Ruari, tighearna Mhuidairt.

S e Niall og a cheud Mhac-Neill a fhuair coir air Barra. Thugadh dha i leis a Bhrusach. Thanig Murchadh a mhac na dheidh, Ruari Mac Mhuchidh an deidh Mhurchidh, agus Gilleoinean Mac Ruari an deidh Ruari. An deidh bais Lachinn Bhronnich phos Gilleoinean a bhanntrach aige, mathair Iain Ghairbh. Fhuair e coir bho Mhorair nan Eilainean air Barra agus air Baothasdal sa bhliadhna 1427. Bha e na dhuine fior fhoghainteach, mar a bha Domhnull Mor Mac Ruari Bhain agus iomad fear eile a mhuinntir Bharra.

Bha Domhnull Mor uair ann am baile Naoimh Iain, an Newfoundland. Bha soitheach aige dha fhein agus bhiodh e a dol gle thric don aite sin. Thachir do shoitheach a Eilain a Phrionnsa agus do shoitheach Dhomhnuill a bhim baile Naoimh Iain aig a cheart am. Air oidhche Di-sathuirne bha sabaid shalach ann sa bhaile eadar seoladairan agus cuid de mhuinntir a bhaile. Chaidh cinn a ghearradh, agus uinneagan a bhristeadh. Bha beagan de dhaoine Dhomhnuill agus de sgioba an t-saoithich a Eilean a Phrionnsa na seasamh air an t-sabaid; a beachdachadh air an t-sraid; ach bha cuimhne aca air an rud a thubhirt an clag a bhan Sgain, —An rud nach buin duit na buin da, agus mar sin chum iad bho luchd na tuasaid. Nuair a bha h-uile ni seachad agus a bha iad a falbh gun soithichibh thanig buidheann laidir de ghraisg a bhaile nan deidh, ag radh riutha gur h-iad a bhrist na h-uinneagan agus a muidheadh gabail orra. Fhreagir na Gaidheil gu siobhalta, oirs e Gaidheil a bha annta, nach h-iad. Chreid ceannard nan daoine a bha nan deidh iad agus leig iad leotha. Moch air maduinn na Sabaid thanig Domhnull Mor far an robh na daoine bho Eilain a Phrionnsa. Bha, arsesan, muinntir a bhaile a cur oirbh gur sibh a bhrist na h-uinneagan an raoir. Bha, arsiadsan, ach cha do bhean sinne do ni sam bith. Tha fios agam air a sin, arsesan; oir dhinnis na daoine agam fhin dhomh mar a bha; ach clann an uilcgraisg a bhaile so, bheir misorra nach bi iad a cur bhreug oirbh. Dhfhalbh e a suas a dh-ionnsidh an taighesan robh na h-uinneagan briste. Lean a sgioba fhein agus sgioba an t-soithich eile. Ann am beagan mhinaidean chruinnich sluagh mor timchioll air. Bha sibh, arsesan, a cur air na daoine agamsa agus air feadhinn eile gur h-iad a bhrist na h-uineagan an raoir. Tha miseg radh ruibh nach iad. Aidichibh gu bheil sibh breugach, airneo faighibh duine dhomhsa de mhuinntir a bhaile a sheasss tri buillean rium. Cha dfhuaradh an duine a bha a dhith air. Bha muinntir a bhaile ro eolach air Domhnull; bha fios aca gu math nach robh duine nam measg a ruigeadh a leas lamh a chur air.

Dhfheuch Gilleoinean, tighearna Bharra, ri Cola a chumail dha fhein. Cha robh Iain Garbh ach og agus bfheudar dha teicheadh. Thill e an ceann bliadhna no dha air ceann beagan dhaoine gaisgeil. Chaidh e air tir aig an acarsaid fhalich an Cola. Chum e roimhe gu Grisipoll far an robh Mac-Neill. Chuireadh blar fuilteach an sin, ann san do thuit Mac-Neill agus a chuid daoine. Bhiodh Iain Garbh air a mharbhadh le Mac-Neill mur bhith gun do chuidich fear de chuid daoine, dom bainm an Gille Riabhach, leis. Fhuair an Gille Riabhach baile Dhearbhaig mar dhuais. An deidh do dh-Iain Garbh seilbh fhaighinn air Cola thug e Barra air, chum e seilbh air an eilain sin re sheachd bliadhna. Thug e an sin seachad e don oighre dhligheach, a bhrathair fein.

Thionndaidh Morair nan Eilainean an aghaidh Dhomhnuill Duibh Mhic Ailain, ceann-cinnidh Chloinn-Chamarain. Thug e fearann Lochiall bhuaithe, agus thug e coir do dh-Iain Garbh air. Thachir so mun bhliadhna 1440.

Phos Iain Garbh Iseabal, nighean Mhic-Shimi. Bha da mhac aige, Iain Abrach agus Lachinn.

Be Iain Abrach an darna Mac-Gilleain a bha air Cola. Phos e nighean do dh-Eoghann Mac-Gilleain, Tigherna Ghlinn Urchadain. Bha da mhac aige rithe, Iain og agus Eachann. Chaidh a mharbhadh aig a Cheapich le Domhnull Dubh Mac Ailain. Fhuair Domhnull Dubh greim air a choir a thug Morair nan Eilainean do dh-Iain Garbh agus chuir e san teine i. Ann san troimhe-cheile a bha ann sheas Clann-Ghillonfhaidh gu laidir air taobh Iain Abrich. An deigh a bhais, chuir iad a bhanntrach aige agus a dhithisd mhac dhachidh do Chola. Bha Leathanich Chola cho taingail dhaibhs gun do ghearr iad air claich oscionn doruis Caisteal Bhreacachaidh na facil a leanas; —Mac-Gillonfhaidh sam bith a thig don chaisteal so gheibh e tearmunn.

Be Iain Og an treas Mac Gilleain a bha air Cola. Bha aon mhac aige, ach chaochail e roimhe fhein. Chaochail e e fhein mun bliadhna 1558. Thanig Eachann a bhrathair a staigh air Cola na aite.

Be Eachann, mac Iain, Abrich mac Iain Ghairbh, an ceathramh Mac-Gilleain a bha air Cola. Bha e na sgoilair math


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.



[107]

[Vol . 2. No. 15. p. 3]

agus na dheagh bhard. ’S e an Cleireach Beag a theirteadh ris am bitheantas. Is e a rinn Caismeachd Ailain nan Sop. Bha e posda da uair. Leis a cheud mhnaoi, Meubh, nighean Alasdir mhic Iain Chathanich, bha triuir chloine aige, Eachann Ruadh, Mairearad, agus Seonaid. Leis an darna mnaoi, Fionnaghal, nighean Ghuaidhre Mhic-Alasdir an cinn-tire, bha da mhac aige, Ailain Achadh-an t-sabhail agus Iain Ghrisipuill. Thug e suas an oighreachd do dh-Eachann Ruadh a mhacsa bhliadhna 1559, bliadhna an deidh dha fhein a faighinn.

Be Eachann Ruadh, mac a Chleirich Bhig, an coigeamh Mac Gilleain a bha air Cola. Phos e Mor, nighean do dh-Eachann Og Dhubhairt, agus piuthar do Lachinn Mor. Chaochail e na dhuinog. Dhfhag e aon mhac. Lachinn.

A. MAC G. SINCLAIR.


AN LA AN DEIGH A BHREITHEANAIS.

(MONTGOMERYSThe Day after Judgement.” )

Tha crioch air laithibhs bliadhnaibh tim,
Air soilise grein’, air gealachs reult’,
Leig talamhs cuan am mairbh fodh chis
Us theich, nuair ghlaodh an t-aingeal treun,
Na nithean diomhair uil airn inns
Thairis tham breith, seulaichtgach binn,
S bidhn duine fad na bith-bhuantachd.
Mar ta e nis, gun chaochlaideachd.

Bho Adhamh nuas gus neach as oig
Da shliochd, cha deachaidh aon diubh as;
Nach beigin seasamh aig a mhod,
Mas call no saoradh anma leis
Chaidh cuid fo ghnuis a Bhreitheimh sios
Gu doruinn uamhasach gun chrioch;
Dhruid droghltas iad an slochd a bhroin
Con teanga dhinnseas meud an leoin?

Ach feuch? na fireain, bho lamh dheas
An Righ, gu gloir ag eiridh suas,
Gu tosdach air chuan chriostal sheas
Aireamh gun aireamh, nan naomh shluagh.
Us Esan dhfhuiling air a chrann,
Uil oibre nis air teachd gu ceann
Mar Fhaidh, mar Shagart, us mar Righ;
Fo stol a chois na h-uile ni.

Ann fein do chi gach uile shuil
(Trath shleuchd gach uachdranachd na lathr)
Fior lanachd iomlan Dhe nan dul
Na h-uil’ ’s na h-uile, Dia a mhain.
N sin freagraidh bith-bhuantachd gu binn
An t-oran ni na naoimh a sheinn;
Am fonn a thog iad, tus an slaint,
Ni mhuinntir shaoirta sheinn gu brath.

An t-oran ud, do-labhairt binn,
M bi mi gu siorruidh seinn gu h-ard?
Nom measg nan aingidh a dol sios
Do shlochd gun iochdarn darra fais.
Iosa, mo bheath’ ’s mo sholus fein!
Tha dfhocal ann am chris am bheul,
Nis deonaich dhomhsa, trid do ghras,
Manam a theasriginn on bhas.


CUMHA

Do Mhr. Uilleam Siosal a chaochail am Pomquette, an Siorramachd Antigonish, ’sa bhliadhna 1884.

LE IAIN SIOSAL.

AIR FONN. —An Talla wbu ghna Mac-Leoid.

Ged is eiginn domh gluasad,
Tha mi muladach, gruamach,
S bidh lionn-dubh air mo ghruaidhean a chaoidh.
Ged is eigin &c .

S mi bhig ionndrain an armuinn
Bu mhor chliu anns gach aite
S gun duineil annthug barr ort ri m linn.

Bha thu iriosal, uasal,
Cha robh ardan riut fuaighte,
Beul tairis nan duanagan grinn.

S tric bha mi an solas
Maille riut ann ad sheomar,
S tu a leughadh dhuinn doighean gach linn.

Air cho fads ga robhn oidhche,
Le meud aighir us aoibhneis,
Cha dthig cadal le foill oirnn no cis

S beag an t-ioghnadh do bhraithrean
Bhi cho dubhachsa tha iad,
Tha craobh-mullaich an garaidhsa chill.

An coigeamh la deug den Earrach,
Sann a fhuair sibh an sgaradh,
Chaill ribh buachaille-beallaich meo chli.

Fear a leughadh a choir dhuinn
Gach la feilles Di-domhnaich
Dhfhag thu mulad us bron anns an tir.

Tha de pheathraichean leointe
S tric a sileadh nan deoir iad
Chan eil aighear no ceol leo ach faoin.

Nuair a thigeadh tun airde,
Bu leinn dfhuran us efhailte,
S bhitheadh na coimhearnaich lamh riut gach taobh.

Nam dhuit suidhe gu ddhinneir
Gheibhte gloinneachan fiona,
Bho lamh sona meo-chrion ga toirt duinn.

Ach niss muladach tha mi
Chan fhaic mi tuille fear t-abhaist
Mhaighstir Uilleams e do bhas rinn ar claoidh.

Bho nach bard mi ni oran
No chuireas facail an ordugh
Guidheam t anam bhin solas nan naomh.


Rugadh Iain Siosal, a rinn an cumha so, sa bhliadhna 1801, ann am Balinasloe, Galway. Bliadhnan deigh sin thainig teaghlach athair gu Srath-ghlas. Anns a bhliadhna 1823, thainig e do America. Tha e fathast beo, slan, ann an Glasburn, Antigonish. Bem bard Domhnull Siosal, brathair a sheanair. Tha teaghlach mor aige. Bogha dha an t-Urr. Aonghas Siosal, D. D., a dheug an Antigonish an uiridh. Fhuair sinn an t-oran bho Uilleam Siosal a tha na mhaighstir-sgoile, ann a Heatherton.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[108]

[Vol . 2. No. 15. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.

SIDNI, DI-SATHAIRNEOCTOBER 14, 1893.

Tha chuid as mo de na meinneadairean a bha nan tamh am Breatuinn an deigh dhol a dhobair a ris air an tuarasdal a bhaca roimhe; ach tha moran dhiubh a seasamh mach fhathast agus a feuchinn ri cach a chumail on obair cuideachd. Chan eil teagamh nach till iad so iad fein an uine ghoirid, ’s nach bi na meinnean uile air obair an ceann beagan sheachdainean

Chan eil e ro choltach gum bin corr mu dheaghinn cogadh eadar an Fhraing us Siam. Than Fhraing laidir, seach Siams rinn i an cothrom sin a ghabhail oirre, ’s bfheudar do Shiam geilleadh. Rinn Breatuinn us rioghachdan eile ann an doigh shiobhalta na dhfhaodadh iad gus an Fhraing a chumail gun a creachadh, ach rinn an rioghachd sin de chreachadh na bha sabhailte dhi dheanamh. Cha robh rioghachdan an domhain riamh uine fhada nan tamh no reidh ri cheile, ’s chan eil mor choltas air gum bi; tha e cho fior mu rioghachdansa tha e mu dhaoine, a bheist as mo ag itheadh na beist as lughasa bheist as lughadeanamh mar a dhfhaodas i.

Chan eil e cur ionghnadh mor sam bith oirnn daoine as na Staiteansa duthchannan eilesan bin teass na meanbh-chuileagan a cur dragh orra a bhi tighnn air cuairt shamhridh don duthaich aginn fein, ach chan eil sinn a tuigsinn cia mar a bhiodh daoine cho deigheil air fuachds gun rachadh iad a chur seachad miosan an t-samhridh an Greenland. Tha soitheach beag direach air tilleadh as an duthaich fhionnair sin le sgioba de dhaoine beairteach a bha air falbh fad an t-samhridh a gabhail a ghnothuich air an socair air falbh o shraoilich s o stuir nam bailtean mora. Tha iad a gabhail orra gun do chord an turus riutha gu fior mhaths tha iad a cur rompa dhol air ais air an ath shamhradh.


A St. Anns.

A Charaid Ionmhuinn. —Tha mi faicinn gum beil duine us duine cur thugad dolar an drasdas rithist air son MHAC TALLA. Tha mise ma ta cuir thugad mo dholar fhein an duigh. Ged a bheirinn eidherap air beagan naidheachdan a chur thugad tha cho fada on nach do sgriobh mi guth Gailig us gur thann tha eagal orm a bhios mo litir coltach ri cuaran a Leoghasachtruimeach air thairreachus nach dean thu fhein na duine eile amach de bhios mi ag iarridh gus a radh. Mu chor na ducha cha neil moran agam ri radh co dhui. Mar tha fhios agaibh chean bha tiormachd an t-samhraidh cho mor us gun dhag e gach seorsa por fad air ais. Cha robh a feur dad nas troma, ach tha na thann deth nas fhearr na bha e an urridh: Cha neil am buntata cho math an cumantas us a bha e an urridh. Cha do rinn na daolagan mor dheifir idir, ach thainig an dubhadh gle luath air an cuid dhaitichean. Le fluichad an dhfoghar tha bhuain car fadalach aig cuid a dhaoine; ach tha anstarbhar gu math nas fhearr na bha e air a bhliadhna cheidh seachad.

Tha cuisean gle fhad air aiss na Staitean am bliadhna. Tha moran do dhaoine og air falbh as an aite so muigh a sin, agus se cunntas bochd tha tighinn bhuath. Ach ged tha e duilich le muinntir bhi cluinntinn leithid sin do naidheachds math leo iad bhi beo slan. Sann tha e duilich nuair thig naigheachd mhuladach am bais dachaidh, mar s minig tha tighinn anns na h-amannan tha so. Thainig naigheachd gruaimach den seorsa sin dhachaidh den coimhearsnach againn o chionn corr us mhios ma Alasdair Mac Amhlaidh, a dheug am muigh ann an Colorado air an dara latha do cheud mhios a dhfoghar. Bu mhac e do Aonghas mach Amhlaidh anns a Gut a Tuath. Dhfhalbh e o chionn beagan us bliadhna, us bha e na ghille og, tapaidh, coimhneil agus gle mheasail aig na h-uile bha eolach air. Cha robh e tinn ach coig latha.

Seiginn domh sgur a sgriobhadh air eagal us gu bi mo litir draghail duit. Ach ma bhios e draghail dhuit a clo-bhualadh tilg air falbh e, ach cuimhich nach tilg thu air falbh na dolair tha mi cur thugad uam fhein us o chairdean eile ann sa litir so.

Sian leat a charaid an lathachls nach fhaic.

CEANN DUBH.
St. Anns, Sept . 30, 1893.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[109]

[Vol . 2. No. 15. p. 5]

AM MOD GAIDHEALACH.

Bha choinneamh mhor so air a cumail anns an Oban Di mairt, an darra latha deug den mhios sa dhfhalbh. Bha cuideachd mhor de dhuaislean s de dhislean a lathair. Ged a bha Mod na bliadhnan uiridh cho maths gu robh gach aon riaraichte leis, bha mod na bliadhna so na bfhearr air a h-uile doigh. Bha am Morair Gilleasbuig Caimbeal, mac do Dhiuc Earra-Ghaidheal, anns a chathair, agus se tha gach aon ag radh nach robh fear-caithreach aig coinneamh riamh bu shunndaiche chuir a lamh ris an obair a bha ri dheanamh na esan aig a Mhod. Ann a fosgladh na coinneamh thug e iomradh air an t-soirbheachadh a bha leantuinn an lorg an saoithreach roimhe so agus a reir coltais a Mhoid am bliadhna gu robh an soirbheachadh ceudna gu bhi leothana dheigh so. Thuirt e mar an ceudna gum faodadh e bhi nach bann san Oban a bhiodh an ath Mhod, ach am baile eigin eile, ach ge be aitem bitheadh e, gun deanadh esan uile dhlchioll air a chumail suas. Dhfhosgladh an sin a choinneamh agus an deigh luchd na coimh-shreip uile chluinntinn bhuilich na breitheamhna na duaisean. Air son sgeulachd Ghailig, fhuair Iain Mac Faidein an Glascho a cheud duais agus A, Stiubhart, Gleann-liobhain an darra duais. Air son Eadartheangachadh o Ghailig fhuair Alasdair Stiubhart, Palmont, a cheud duais, agus Miss I. Nic Griogar, ’san Oban, an darra. Sgriobhadh Gailig, —Iain Mac-Ille-Dhuibh san oban a cheud duais. Rosg(prose)Gailig, Iain Mac Faidein, a cheud duais. Niall Ros, Gleanndail, an darra duais. Bardachd Ghailig, —Niall Ros, a cheud duais, Iain Mac Faidein an darra, ’s A Stiubhart, an treas, Labhairt earann de Ghailig, —Niall Ros, a cheud duais, Gillesbuig Munn, Oban, an darra duais. Leughadh Gailig, —Mr. Munn, a cheud duais, Niall Ros an dara duais. Coisir-chiul oigridh, —fhuair da choisir-chiuil san Oban a cheud san darra duais. Bha deich puinnd, us seachd puinnd gu leth air an tairgse mar dhuaisean air son seinn coisir-chiuil, agus bha barrachd othail air a dheanamh ri iad-san a chluinntinn na ri ni sam bith eile bhacair a Mhod. Bha aireamh de choisirean a lathair agus bfheudar do na breitheamhna an cluinntinn uair us uair mum burrinn daibh na duaisean a bhuileachadh le ceartas. Thugadh a cheud duais do choisir Chaluna Chillen Glascho, an darra duais do choisir an Obain, agus thug am Morair Caimbeal coig puinnd as a phoca fhein do choisir Bhailechulish. Bha duaisean eile air an toirt seachad air nach ruig sinn a leas iomradh a thoirt aig an am so. Thugadh na duaisean dhaibh-san a choisinn iad leis a Bhain-tighearna Chaimbeal.

Bha coinneamh bliadhnail a chomuinn air a cumail aig deireadh a Mhoid. Bham Morair Gilleasbuig Caimbeal air a chur a stigh mar cheann-suidhe air son na bliadhna. Thug an t-ionmhasair suas gu robh gach ni ceart a thaobh airgid, agus bha iad uile lan riaraichte leis mar a chaidh cuisean leis a Chomunn air a bhliadhna dhfhalbh. Than comunn deonach air an ath Mhod a chumail am Peart mon Ionair-nis, ach mur a toir Gaidheil nam bailtean sin misneach gu leor dhaibh, bidh e san Oban air an ath bhliadhna rithist.

San fheasggr chruinnich an sluagh don talla chur seachad uair no dha ag eisdeachd ri ceol, agus chuir iad an tim gu deagh bhuil. A bharrachd air na sheinn na coisirean-ciuil dhaibh, fhuair iad cuibhrionn mhath bho Sheonaid N. Nic Lachlinn a bha lathair, ribhinn og aig a bheil guth cho binn, ’s Gailig cho blasdas gu bheil i deanamh deagh bheolaind air seinn dain bhriagha na Gaidhealtachd anns gach cearna den rioghachd.

Bhan comunn Gaidhealach air a chur air chois o chionn tri bliadhna, agus gu firinneach tha e deanamh obair mhath anns a Ghaidhealtachd le bhi dusgadh suas an t-sluaigh gu bhi faicinn an luach bu choir dhaibh a bhi cur air an canain agus air gach ni Gaidhealach. Tha runtan a Chomuinn mar a leanas agus, chithear gu soilleir gur e math an duthcha a tham beachd nan uaislean aig a bheil an riaghladh. Tha MAC-TALLA a guidhe saoghal fada agus soirbheachadh math dhaibh feins don Chomunn Ghaidhealachs don Mhod.

RUNTAN.

1. Gum bi ceol agus litreachas na Gaidhealtachd air an cumail suas agus air an leasachadh,

2. Gum bi aGhaidhlig air a teagasg anns na sgoilibh.

3. Gum bi Mod bliadhnail air a chumail, aig am bi duaisean air am buileachadh air son ciuil agus litreachais Ghaidhlig, agus air son oibre ealanta Gaidhealta.

4. Gum bi leabhraichean air an cur a mach bho am gu h-am de na sgriobhaidhean a choisinneas duais, cho mhath ri feadhainn eile a mheasar airidh leis aChomunn.

5. Gum bi airgiod air fhaotainn a stigh a chum obair aChomuinn a ghiulan air aghaidh.


Air an fheill a bhan Charlottetown cheannich Mr. D. J. Domhnullach, Bridgeport, paidhir de dheich bhriagha dhubha air an dthug e ceithir cheud dolar. Thug na h-eich so mach a cheud duais air an fheill air son a bhi na bu choltaiche ri cheiles na bu fhreagarriche air bhig obair comhlath na paidhir sam bith eile.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[110]

[Vol . 2. No. 15. p. 6]

Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

Aig amaibh mar so mhol e sgil Tuigse gus fadheoidh an dubhairt iad ris: “Nach tusa an caiptein?”

Mas tu carson tha thu cur de chomhairle ri Tusgse?

Fhreagair Crlosduidh: Do bhrigh gun robh e maille ris ris mar neach a dh-altrumadh maille ris: agus be a theachd gach le, deanamh gairdeachusna fhiannuis an comhnuidh.

Is leisan comhairle, agus fior ghliocas; is leisan tha neart, that E treoiachadh ann a slighe firinteachd ann a meadhon ceumanna breitheanais, agus iadsan a dh-eisdeas ri ghuth meallaidh iad fabhar an Tighearna. Aig cluinntinn nam brathran so bha iad nan tosd; ach dh-oibrich a cheist aca mar beinn an inntinn chrosduidh: thoisich e air tuille earbsa chur na ghliocas fein-chuir e tuille siuil rithe, agus bha comh dhunadh do bhrigh gu robh a Soitheach a suibhal luath gu robh i suibhal gu fabharach,

Mhair so re laithean araidh. Air don aimsir bhi breath air uairibh thuiteadh e na chadal air a chlar-uachdar agus air bhi aig, na bheachd fein, beagan ra dheanamh, bu tric rachadh e don t-seomar fo chlar far an d-rinn a bheansa chlann gairdeachas na lathair.

Air la araidh, chuir e seachad moran uine fo chlar, agus ged chuir Tuigse uair as uair fios thuige ga cheasnachadh, cha tug e suim dha sin; ach feuch gu h-obann chual e glaodh, “Fearann an ceann!” Ruith e suas agus thuair e Tuigse cuir na stiuir cruaidh ri fuaradh. Chaidh an Soitheach a thoirt mun cuairt agus thubhairt criosduidh gu muladach, “Tha mi air seachran am-chunntas.”

Dh-feoraich e de Thuigsen robh fios aige caite an robh iad agus thuair em freagradh so: “Tha fior eagal orm gu bheil sinn ach beag air cladach Eilean Fein-Earbsa; agus mus ann mar so a tha, ceud gu leth mile as ar cursa.” Chriothnaich Criosduidh agus dh-irislislicheadh e an lathair Tuigse agus na maraichean. Bheireadh e an Saoghal gu leir nan robh air eisdeachd ri comhairlean Tuigse; ach, bha e nis tuilleadh as anamoch.


Minard ’s Liniment, caraid nan tuatha ach

Tha Gilleasbig Fenton, South Essex, Mass., a sgriobhadh; —Dhfheuch mi iomadh seorsa leighis air son droch stamag, ach cha drinn aon diubh feum dhomh mar a rinn K. D. C. Chan urrinn domh gu leor a radh ga mholadh. Rinn e feum mor dhomhsas do mhuinntir eile.”

Cleachdidh dotaireanMinard ’s Liniment.

TUILLRADH RIS AN AIREAMH. —Aig Baddeck, September19mh la, rugadh do Thearlach Ros, Nrc; air an 20mh la, do Iain I. Domhnullach, mac; ’s air an 27mh la, do Nial Domhnullach, nighean.

IarrMinard ’s Liniment, ’s na gabh an corr.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

CumMinard ’s Linimentsan tigh.

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


Ma tha thu saor o droch stamaig cha ruig thu leas eagal a bhi ort romhn cholera. Saoridh
K. D. C.
thu o dhroch stamaigs o cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air muaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdas e uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[111]

[Vol . 2. No. 15. p. 7]

BROSNACHADH GHALGACUIS.

(Air a Leantuinn.)

Ach an deigh so uile, co iad na Roimhich cumhachdach so? Co dhiubh a tha annta de no daoine basmhor mar sinn fein? Nacheil sinn afaicinn iad ciontach ann am mearachd, agus ann an laigsinn mar dhaoine eile? Nacheil sithgam fagail meath-chridheach? Nacheil saibhreasgan truailleadh? Nacheil iad adol gu ana-bharr anns na dubhailcibh as duaichnidh, agus am faod sibh a shaoilsinn gum beil iadsan a tha comhsarraichte ann an dubhailc, sonruichte ann an cruadal cuideachd? Ciod, ma ta roimh am beil eagal oirnn? An innis mi dhuibh an fhirinn, mo chairdean? S ann a thaobh ar n-eas-aonachd eadaruinn fein a fhuair na Roimhich na h-urad cheannais oirnn. Tha iad agabhail cliu daibh fein o dhroch ghiulanan naimhdean. Tha iad adianamh uaill as na rinn iad fein, agus nan tosd mu na dhfhaodamaid a dhianamh nan aghaidh, nam bitheamaid a dh-aon run. Co e am feachd ainmeil Roimheach so? Nacheil e air a dhianamh suas le shluagh bho iomadh duthaich; cuid nis teomach air cogadh no dream eile; cuid nis murraiche na cheile air cruaidh chas fhulang. Tha iad fuireach comhla am feadh a tha achuis a soirbheachadh leo. Thugaibh ionnsuidh ghreimeal orra; saraichibh iad, agus chi sibh gum bi sin am barrachd eas-aonachd nam measg-san, na thasan am sonar measg-ne. Am faod aon neach a shaoilsinn, gum bi daoine bho Ghaul, bhon Ghearmailt, agus le naire canam e, muinntir Bhreatuinn fein, a tha gu nar mi-chiatach a co-aontachadh le luchd-spuinnidh na Duthcha. Tha mi ag radh, am faod aon neach a bharaluchadh gum beil iad sin air an cumail ri cheile le dillseachd agus carthannachd; cha-neil, ’se eagal, ceangal na sith nam measg-san. Agus an trath sguireas geilt a dhoibreachadh air inntinn a chumasg mhor shluaigh sin, bheir iadsan a tha an drasd fo eagal, fuath dan an-tighearan an-iochdmhor. Tha air ar taobh-ne, gach ni is urrainn ar brosnachadh gu cruadal.

Cha-neil misneach nan Roimheach, mar ar misneach-ne air a dusgadh suas le eagal gun tuit ar mnathan agus ar clannan lamhaibh ar naimhdean.

Cha-n eilathair no mathairan so aca mar tha againn, gu masladh a thoirt daibh ma threigeas siad iad nan sean aois. Cha-neil tir aca an so gu cogadh as a leth. Cha-neil annta ach co-chruinneachadh suarrach de choigrich, ann an duthaich, air a bheil iad aineolach; air an gearradh a mach bhon tir fein, air an iomadruideadh a stigh leis a chuan; agus tha dochas agam, air an toirt thairis dhuinne mar chobhartach, gun seol sam bith aca gu dol as. Na cuireadh fuaim ainm Roimheach faitchios oirbh; ni mo a chuireas dealradh lonnrach an oir na an airgid air an armachd sgleo air ar suilibh. Cha-n ann le or, no le airgiod, a lotar no a dhionar daoine; ged is ann len samhuil sin a bhitheas iad nan cobhartach nis tarbhaiche dhaibh-san a bheir buaidh. Thugamaid gu misneachail an aghaidh air a phrasgan neo-aontachail so. Gheibh sinn am barrachd neart uapa fein. Fagaidh na Breatunnaich thruaillidh, a tha nam measg, a chuir cul ri leas an duthcha iad, agus thig iad dar n-ionnsuidh ne. ’Nuair a chuimhnicheas na Gaul air an t-saorsa a bha aca romh so, ’s gur iad na Roimhich a chuir gan di i, treigidh iad na h-ann-dlighich sin, agus cuiridh iad le luchd chothachadh na saorsadh. Leanaidh na Gearmailtich eisimpleir muinntir an duthcha, na Usipii, a dhfhag o cheann ghoirid iad. Agus co roimh an sin a bhitheas eagal oirbh? Beagan de dhaighnichibh air an leth riaruchadh le freiceadan; beagan bhailtean, air an aiteachadh le daoine air an sarachadh agus air an claoidh: tha aimhreit abuadhachadh nam measg, ag eiridh o straichd an uachdaran, agus o cheann-laidiread nan iochdaran. Tha air ar taobh-ne armailt a dhaon run ann an aobhar an duthcha, am mnathan, an clann, am parantan aosda, an saorsainn, agus am beatha. Air cheann an fheachd so, tha dochas agam nacheil mi mi-mhodhail, nuair a their mi gum beil Ceann-feadhna, a tha ullamh chum gach comas a tha aige ghnathachadh, a reir mar tha iad, agus gu bheatha a chur an cunnart gar treorachadh gu buaidh laraich agus gu saorsadh. Cuiream a nis crioch air an earail so, a mhuinntir mo Dhuthcha, agus mo cho-luchd-saoithreachaidh, le chuirnar cuimhne, gur ann ri ar giulan air an latha an diugh a tha ar sith agus ar saorsadh ann an earbsa, no sibh a striochda do namhaid straiceil uaibhreach, leis gach dosguinn a bhitheas na cho-lorg. ’Nuair ma ta, a theid sibh an sas ann a cuimhnichibh air na daoinibh bhon dthainig sibhagus smaoinichibh air bhur sliochd fein.


LeighisMINARD ’S LINIMENTdruim ghoirt orm sa.
An t-URR. UILLEAM BROWN.

LeighisMINARD ’S LINIMENTgreim cluaise ormsa.
MRS . S. KANLBACK.

Leighis leMINARD ’S LINIMENTdroch sgamhan ormsa.
MRS . S. MASTERS.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Nach coir, uime sin, do gach neach a leubhas Gailig a bhi gabhail a phaiphear so. Ma tha meas agad air cainnt do shinnsir, ’s ma tha thu deonach a cumail beo, cuiridh tu a dhiarridh a MHAC-TALLA leis a cheud airgiod a gheibh thu.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Chan eil am MAC-TALLA a gabhail taobh seach taobh ann amPolitics. ”Chan eil eg iarridh a bhisparradh a bharailean fein air duine sam bith. Chan eil edol a thoiseachadh air duine sam bith a chaineadh. Tha e fagail gach gliocas us goriche dhen t-seorsa sin aig na paipearan eile.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J. G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney , C. B.



[112]

[Vol . 2. No. 15. p. 8]

An Similair.

Bha coinneamh-chonnsachidh aca ann an cearn air choir-eiginn den eilein so. Air oidhche araids e a cheist a bhaca, co as fearr an similair non stobh? ’S ann sa Ghadhlig a bhan connsachadh a dol air adhart. Labhir fear dom bainn Ailain Mac-Gilleain air taobh an t-similair ann sna briathribh a leanas:—

Mo shimilair gur laghach thu,
S gur loinneil leam do dheann;
Is tu nach fagadh tinn mi
Ged a bhidhinn iseal fann.
S ann thairneadh tu gach fotus bhuam
Am machmeasg cheo nam beann,
Cha dug thu fath air gearan dhomh,
S cha dealich mi riut ann.

A bhocsa ghreannich iaruinn;
Gur a h-iargainneach do ghreann
Le tamhich chaoil gun eireachdas,
S le dtheine mugach, mall.
Tha spogan dubha, lorcach ort,
Mar mhathan olc nan gleann;
S cha n-fhaigh mi dearsadh soluis bhuait
Ged bhristinn riut mo cheann.

An urrinn neach sam bith innse dhuinn cait an robh am fear a rinn na rannan so a fuireach?


Nionag og an Or-Fhuilt Dhuinn.

LUINNEAG.

Nionag og an or-fhuilt dhuinn;
Tha cainnt do bheoil na cheol ro bhinn;
Thug tailleachd barr air al gach linn,
S gur mortha loinn na firinn ort.

Nuair a thanig min aite,
Is mi fada bho mo chairdean,
Fhuair mi uasal, suairce, cairdail
Maighdean bhan nam miog-shuilean.

Nighean an fhir ruaidh on Apuinn
Air an taobh a tuath den aiseag,
O ghleann uaine gorm nan gaisgeach
Thogadh creach nan Liobhanach.

Tha do chairdeas ri Gleann-Comhann
S ri Glean-Cuaichan t-sluaigh neo-choihich,
Cairdeas mor is sloinneadh domhinn;
Co bu chomhnard sinnsre riut?

Tha do ghruaidhean mar an t-siris,
Suil mar dhriuchd air chul a ghlinne,
Taghidh chiuin a giulan grinnis,
S beulbu bhinne, shiobhalta,

Chi mi thu mar chraoibh an garadh,
Gach aon mheanglans iad fo bhlath orr’,
Druchd nan speur orra dluth thearnadh,
S eoin nam barr ri binn cheol dhuinn’.

Ged a gheibhinn aois mo sheanar,
S a bhi sgribhadhh-uile mionaid,
N coigeamh trian cha deaninn aithris
De mhaise na ribhinn ud.


On Rudha Tuath.

Fhir-dheasachidh ionmhuinn: —Chaidh iomadh latha seachad o nbha duil agam sgriobag a chur dour n-ionnsuidh, agus gu cinnteach cha bhithinn gus a so gun sin a dheanamh, nan saolinn gun deanadh mo chuid sgriobhidh comhnadh sam bith ribh anns an oidhearp chliu-thoilltinnich a tha sibh air a bhi toirt a chum a Ghaidhlig (a chainnt as fearr a thann) a chumail suas. Saolidh mi nam biodh na h uiletha comasach air aGhaidhlig a leughadh, adeanamh an dleasanais a thaobh a MHIC-TALLA, nach tigeadh eis air rim beo, ach an aite sin gur ann a bhiodh e tighinn air adhart ann a meudachd, ’s a ghuth a dol nis treise, air chors nach biodh Gaidheal air aghaidh na cruitheachd nach cluinneadh e le aoibhneas. Tha min nochas gum bi aluchd-gabhail a sior dhol nis lionmhoire, gus am bi gach teaghlach Gaidhealach air taobh thallsa bhos a chuainga fhaotinn, ach a mheud dhuibhs nach cuir Gaidheal no Gaidhlig sent as an cuid sporain. Bha tuil mhor uisgeachan againn air an t-sabaid sa chaidh. Ghiulanadh air falbh da dhrochaid leathas rinn i moran millidh air muillean-sabhaidh Mhurachidh Dhomhnullich. Dheug Iain Mac-Illinean, aon de eildeareabh a chothionail so, o chionn seachdain. Dhfhuiling e moran re na h-uine ghoirid a bha e tinn, ach bha e striochde do thoil an Tighearna. Chan aill leam an litir sodheanam fada, ’s mar sin criochnichidh mi.

Slan leibh.

Is mise mo charaid dileas.
M. D.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig 207 Queen St., Charlottetown, F. P. I. Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.


A h-uile seorsa Bhrogan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.

titleIssue 15
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 15. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page