[113]

[Vol . 2. No. 16. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 21, 1893. No. 16.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac achuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Tha fios a Montreal ag innseadh gu bheil Sir Iain Abbott, a bha beagan uine na phriomhair air Canada, gu tinn, cho tinns nach eil moran coltais air gun teid em feabhas.

Dheug Iain Mac Fhionghain, duinog a mhuinntir a Bhai-n- Iar ann an ospidal am Boston, Di-ciaduinn air an t seachdain sa chaidh. Bha e na fhear-frithealaidh ann san ospidal agus cha robh e tinn ach beagan laithean mun deug e. Thugadh a chorp dhachaidh gu bhi air a thiodhlacadh.

Tha bean ghasda den ainm Henderson a cur seachad laithean a sean aoise aig Alberton, E. P. I., aig a bheil da dhuine dheug cloinne, tri fichendsa sia deug de dhoghaichean, ochd ficheadsa deich de dhiar-oghaichean [ ? ] triuir dh[ ? ] oghaichean; no aireamh a sliochd gu leir, da cheud, tri ficheadsa h-aon.

Bha side gle bhriagha aginn air an t-seachdain so. Ged a bha moch us anmoch gu math fuar bha chuid eile den latha blath gu leor, agus, rud as fearr a chordas rinn mun am son bhliadhna, bha turadh ann. Chan eil teagamh nach e so toiseach na h-aimsir ris an canar Samhradh beag nan Innseanach.

Rinneadh call gabhaidh leis an stoirm ann an Louisiana toiseach a mhios so. Tha iad a deanamh a mach gun do chaill corr us da mhile am beatha, agus gun do chailleadh fiach muillein dolar eadar taighean a bhristeadh agus barr a bha air a mhilleadh. Tha na miltean gun bhiodh no deoch aca, agus tha e na ni cumanta clann bheag fhaicinn a dol mun cuairt ag iarridh greim a dhitheas iad.

Tha cogadh a dol air adhart an ceann a tuath Africa eadar na Moorich, treubhan leth-fhiadhaich de na naisinnich agus na Spainntich, aig a bheil coir air Morrocco. Air an t-seachdain sa chaidh thug na Moorich ionnsaidh air gearasdan beag de shaighdearan Spainnteach a sgrios, ach fhuaras le cruaidh-obair an ruagadh air falbh. Chan eil fhios de fhadsa dhfhaodas an cogadh leantuinn, ach chan eil teagamh sam bith nach tig na Moorich gu striochdadh luath no mall.

Bham barr gu math tromsan eilean so am bliadhna ach leis cho fliuchsa bha chuid mu dheireadh den fhoghar cha dfhuair na tuathanaich a thiormachadhs a thionail a stigh cho mathsa dhfheumadh e. Chan eil curam sam bith orra, dhaindeoin sin nach bi pailteas bidh aca dan cuid spreidhe air a gheamhradh a tha nise gu math faisg air laimh.

Tha fear Hooper anns a phriosan an Ont., an drasda air am bheileas a fagail gun do phuinnseanich e a bhean. Bha bhean as a rian agus chuir e do thigh caothaich i, ach an ceann beagan uine, thug e as is nam bfhior dha fein bha e dol ga cur do thigh eile. Dhfhalbh e leatha, agus air an rathad dhfhas i tinns an ceann uair no dha bha i marbh.

Tha duin-uasal dan ainm P. ORafferty a fuireach ann am baile beag faisg air Montreal ris an [ ? ] Hochelaga, agus tha en deigh da cheud tunna de thalamh a thoirt a nall a Eirinn. Leis an talamh so tha edeanamh garadh anns a bheil e dol a phlanntachadh chraobhan us fhluraichean briagha, ’s nuair a bhios gach ni na aite fein, bheir e mar ainm airGaradh Eden.”

Tha gnothuichean gle fhad air ais anns na Staitean aig an am so. Tha chuid as mo de na meinnean air an dunadh suas, tha oibrichean eile nan tamh, no gle fhaisg air, agus tha na miltean de luchd oibreach aig nach eil cuirean ri dheanamh. Tha Clevelands an fheodhain eilethagabhail orra bhi giulain gliocas nan Staitean uile nan cinn fein, nan suidhe o chionn mios no dha dhfheuch de dhfhaodas iad a dheanamh a thaobh an luach is coir a bhi air a chur air an airgiod. Tha Clevelandsa phairtidh a deanamh a mach gur coir don luchd-riaghladh scur de chuinneadh an airgid aig an am so, ach tha moran eile air atharrachadh beachd, agus air an aobhar sin tha na coinneamhan aca a tarruinn moran uine, tha moran air a radh leo, agus fior bheagan air a dheanamh. Than t-eas-aontachadh so a thaobh cuinnidh an airgid an deigh call a dheanamh chan ann a mhain air na Staitean, ach ann an tomhas mor air duchannan eile mar an ceudna; bhiodh e uime sin na ni gle mhath don t-saoghal air fad nan deanadh seanairean agus daoine glice nan Staitean beagan cabhaig.



[114]

[Vol . 2. No. 16. p. 2]

PRIOMH-SHLUAGH NA H-ALBA.

LE AONGHAS MAC COINNICH.

Chaneil e comasach a dheanamh a mach le cinnteas ciod t-am de eachdraidh an t-saoghails an tainig daoine do na h-eileanaibh Breatunnach an toiseach. Chaidh, gu dearbh, moran a sgriobhadh, araonan Albas an Sasunn o shean, le cuid a bhagabhail orrabhi lan fhiosrach air aphuinc so, agus a chaidh co fada ri bhi ag innseadh ainm acheud righ, no na ceud ban-righ a bhair Alba. Ach tha luchd-eachdraidh ar la-nefaotainn a mach gu bheil cunntasan an luchd-seanachais ud, le beagan criathraidh, atuiteam gu lar, seadh nach feudar creideas sam bith a thoirt doibh.

Gidheadh chan- eil aobhar sam bith a chur an tegam, nach tainig clann-daoine gu maith moch gu bhi ag aiteachadh tir-mor na Roinn-Eorpa, ri oir thir na fairge, araon air an taobh sears air an taobh siar. Bha Noah beo 350 bliadhna an deigh na tuile; agus tha e coslach gun robh an talamh air a roinn leis eadar a chuid macs an sliochd roimh am a bhais, ni a tha Eber, an seathamh pearso Shem, acuran cuimhne leis an ainm a thug e air a mhac fein, Peleg, ged nach do sgaoil iad o cheile gu began uine an deigh sin, ’n uair a leig iad diubh togail Bhabeil. Chuir sliochd Iapheit, an deigh an sgapaidh a bhan sud, an aghaidh air eileanaibh nan cinneach, a reir a chrannchuir a thuit orra roimhe sud. Agus o nach robh leithid de ni is cabhlach air domhans na h-amaibh ud, tha e furasda chomh-dhunadh gun trialladh iad air an socair troimhn Asia Bheag, ri cois na mara, ’n am buidhnibh fo na cinn-fheadhna roghnaich iad fein, gus an ruigeadh iad an caolas ris an abrar, Bosphorus, eadar an Asia Bheags an Roinn-Eorpa, a tha co cumhangan cuid de aitibhs gum feudadh daoine labhairt ra cheile o gach taobh dheth air la feathach. Cha bhiodh doirbheadas sam bith, eadhon aig acheud luchd-turuis, ann am faighinn thairis air achaolas so. Aon uairs gun faigheadh iad cas air tirs an Roiun-Eorpa, dheanadh iad an ath sgapadh; aon bhuidheann adol an ear ri oirthir na Mara Duibhe, ’s an ceann beagan uine troimhn duthaich gu ceann na mara sear, gus an ruigeadh iad an Spainns an Fhraingan uine nach biodh fada; na h-uile ceum ri cois na marra. Nis, ’n uair a bheirear fainear cia co luath an deigh Tur Bhabeils a tha luchd-eachdraidh air taobh siar na Roinn-Eorpa, ri cois Muir Meadhontire, tha e sabhailte gu leoir a radh gun robh luchd-aiteachaidh air taobh tuath na Spainns na Frainge mar a bfhadalaiche 200 bliadhna an deigh na h-oibre ainmeil a bhan sud. Agus on a tha caolas na Frainge co cumhangs gun deanadh eithear gle shuarrach e ann an greis de la samhraidh, cha bhiodh iad uine sam bith gun tighinn a nail a dhfhaicinn ciod an seorsa duthcha bhan sud a tuath orra; agus mar sin sgaoileadh achuids achuid o cheann gu ceann den eilean, ’s o thaobh siar an eilein tarsuinn gu Eirinn. Nis ma than co-dhunadh so cothromach, bheireadh e dhuinn mun cuairt do dha mhile bliadhna re an robh luchd-aiteachaidhm Breatunn, ’s gun an t-iomradh is lugha, de nadur creideasach, againn air cionnas a bha iad beo ann, no ciod aghne caitheamh beatha a bhaca. Bu linnean dorchiad sud da rireadh, —dorchas na h-uile seadhre an robh aon ghinealach asiubhal, sginealach eile ateachd an deigh acheile, mar na fheur machrach no mar dhuilleach nan craobh, gun eadhon beul-aithris fein a bhitilgeadh uiread is gath soluis leis am faiceamaid cionnus a bha ar sinnsearan acaitheamh am beatha, no air an riaghladh, agus a reir coslais, nithe gu leantuinn mar so, gus mu dheireadh thall ad de smuainich an t-Impire Romanach air tighinn a nall a dhfhaicinn cionnus a bha dol doibh.

Ach ged nacheil aon chuid beul aithris no eachdraidh sgriobhtatoirt cunntas sam bith mu cheud luchd-aiteachaidh nan duthchanna so, gidheadh tha daoineolasach afoghlum ni eigin den doigh bhi-beo a bhaca le bhi cladhach anns an talamh. Tha luchd siubhail fadus farsuing, air muirs air tir, ag innseadh an doigh a bhaig Innseanach nao-challaichte cinn a tuath America, ’an toiseach na linn so, mureil gus an lan diubh, air gearradh na craoibhe dheth am bheil edol a dheanamh Canu, no feum sam bith eile timchioll air a ghne ionaid taimh a thaige. Fadaidhidh e teine ri bonn na craobhe, ’s an uair a bheir e lathrach innte sgriobaidh en sin air faibh lethuaigh-chloiche na bhios air a ghualadh dhethn chraoibh, ’s cuiridh en teine ris rithe’ ’s bithidh mar sin greis mu seach aige ga losgadh, gus an tuit i lecudthrom fein. Gabhaidh en rian ceudna gugearradhs an fhad iomchuidh, ’s anns na h-uile car eile a dhfheumar a dheanmah timchioll oirre gus am bi i ullamh air son an uisge ghabhail leatha. Aguss ann direach mar so a bha seann luchd-aiteachaidh Bhreatuinn, ’s na ceud linnibh, agearradh an cuid fiodha, ’s adeanamh an cuid eithrichean. Fhuaradh eithear beag mar so o cheann tearc bhliadhnachan air taobh deas amhuinn Chluaidh, ’n uair a bha iad acladhach air son port Ghlascho fharsuingeachadh. Tha i air a cladhach a mach a aon mhaide daraich, le teines le tuaigh chloiche, mar a tha na comharraidhean a tha oirre gus an lan diugh adearbhadh. Fhuaradh moran eithrichean eile cosmhuil rithe soan aitibh eile de Alba, co maith is timchioll air Glascho. Bhan seana Bhreatunnach mar an ceudna acleachdadh an inneil ud mar thuaigh-chatha. Fhuaradh o cheann ghreis


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.



[115]

[Vol . 2. No. 16. p. 3]

ciste-laidhe de chloich, air nach robh obair ghrinn, fo charn mor ann am monadh, ’an ceann a deas Alba. Anns achiste bha cnamhan duine de mheucachd neo-chumanta. Bha aon d a ghairdeanan ach beag air a sgathadh on ghualainn. Bha pronnag de chloich gle chruaidh aleantuinn ris achnaimh sgaithe. Thugadh am buile a rinn an obair ud le tuagh chloiche. ’Nuair a sheall am fear a bhuadhaichs achomhrag air a thuaigh chatha an deigh dol dachaidh, chunnaic e gun robh i gu maith cabach leis an sgealb a dhfhalbh as a faobhar. Tha n sgealb ud atighinn an aird, an deigh miltean bliadhna dhol seachad, a dhinnseadh a seanachais fein. Tha mar an ceudna cinn shaighdean a bha air an gearradh a ailbhinn dheirg aig achrann treabhaidhg an dusgadh suasan iomadh aite dhethn duthaich. Tha iadan cuid de aitibh co lionmhors gu bheil e soilleir gun do choinnich cuid de na treubhan acheile gu comhrag air an lathraich. Tha mar an ceudna cinn shleaghan, ’us sgeanan ailbhinng am faotoinns an talamh o am gu h aman caochladh aitibh den duthaich. Their seanachaidhean an Linn Chloiche ris na h-amaibh uds an robh ar sinnsearan agnathachadh uidheamus armachd chloiche. Nis chan urrainnear a thighinn ach gu aon cho-dhunadh a thaobh an loin a bha iad acleachdadhs na h-amaibh ud. Ge be sam bith deargadh a dheanadh an tuagh non t-sleagh a bhan sud air feoil, cha deanadh e dad sam bith air tionndadh talmhainn leo, no leis amhaide dharaich air am mo a burrainn e a chur de fhaobhar; ’s mar sin gur i cleiteag gle bheag fearainn a bhiodh aig an tuathanach bu dichiollaichen am measg, ’s mar bu trice nach biodh iad astri ri fearann idir, ach gu h-iomlan an urra ri measaibh fiadhaich nan craobh, ’s na ghlacadh iad de iasg air aimhnichibh, bliochdus buannachd eile an cuid spreidhe, ’s feudaidh e bhi, nis mo na riu sud uile, eunachdus fiadhach nam beann. Agus mar a bha moran den duthaich comhdaichte le coille o shliabh gu sal, ’s nach robh an luchd-aiteachaidh ro lionmhor, bhiodh an t-sitheann gu maith pailt.


Cleachdidh dotaireanMinard ’s Liniment.


Bha duine air a thoirt gu cuirt am Montreal an la roimhe air son cairteal dolair a ghoid air tuathanach a bha stigh sa bhaile. Bha so doirbh a dhearbhadh, agus bha lan dhochas aige gum faigheadh e ma sgaoil. Thug e seachad mar leisgeal air son gluasad amhrusach sam bith a rinn e, gu robh e air mhisg aig an am. Thuirt am breitheamh ris an siu nach toireadh e binn sam bith a mach air air son na meairle, ach gun toireadh e dha sia miosan dhen phriosan air son a bhi air mhisg.


Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB IV.

Bhan t-eileanFein-Earbsaair a chomharrachadhCunnartachannschairt-iuil. Bha cnoc ard na mheadhon da maim Fein-Ghloir, on d-thainig sgal gaoithe gu h-obann, ’na acairsaiddan gairmteBagh-na-Bosd, bha creagan folaichte dh-ionsuidh robh sruth laidir a ruith; agus ged bhan t-Eilean taitneach don t-suil, bha e sgriosail dha moran mharaichean.

Nuair chnuasaich Criosduidh a chuis gu math, thuair se e fein ann an droch staid; ach cha do dhiobair mhisneachd e, agus a dh-innse na firinn, cha robh e fior dhuilich airson tighinn gu Fein Earbsa.

Rinn am boltrach cubhraidh agus ceilearan nan eun iarratach dhol air tir ach fathasd cha b-fhiosrach e nach robh na craobhan a giulan ach duilleach a mhain. Bha na sruthanna uisge milis don bhlas, ach puinnseanta, agus anns a choill chrub nathrichean agus fiadh-bheathaichean.

Dhinnis Tuigse mar an ceudna do chriosduidh gum buineadh an t-Eilean dha fear cladhach uaighean araidh da mainn nt-seann nathair, neach bu sheolta, ach a neach bu mharbhtaich, de dhaoine, a gabhail tlachd ann bhi marbhadh mharaichean agus a tilgeadh an cuirp mhairbh mach air a chliathaich.

An sin ghabh Criosduidh eagal, an tuille fos do bhrigh gun d-sheid a ghaoth dh-ionnsuidh Fein-Earbsa. Chuimhnich e nis air na briathran tha sgribhte: “Tha an cridhe cealgach thar na h-uile nithe, agus tha e do-leigheas; co is urrainn a thuigsinn?”

Mar an ceudna; Is malluichte an neach a chuireas a dhochas ann an duine, agus a ni feoil na gairdean da, agus aig am bheil cridhe tha claonadh air falbh on Tighearn.

Oir bithidh e mar phreas seargta san ionad sgaoilte, nach mothaich am maith an uair a thig e; ach a tag-aiteachadh ionada loisgte an fhasaich, fearainn gun toradh agus gun chomhnuidh.

Dhfeuch Criosduidh ri dhol seachad air an Eilean, ach bha na gaothan an ceann; le cridhe dubhachn dh-aith on acair a chur a mach:

(Ri Leantuinn.)


LeighisMINARD ’S LINIMENTdruim ghoirt orm sa.
An t-URR. UILLEAM BROWN.

LeighisMINARD ’S LINIMENTgreim cluaise ormsa.
MRS . S. KANLBACK.

Leighis leMINARD ’S LINIMENTdroch sgamhan ormsa.
MRS . S. MASTERS.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[116]

[Vol . 2. No. 16. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNEOCTOBER 21, 1893.

Na Coinnimhean Gaidhealach.

Scottish Highlander.

Bha da chruinneachadh sonruichteam measg na coinneamhan Gaidhealach (agus bu lionmhor iad) a chaidhchumail re mhios so a tha direach air falbh.

Biad so co-thional Muinntir an Fhearainn, ann an Glaschu agus Am Mod Gaidhealach anns an Oban. Is math an comharradh e air staid dhochasach anns a bheil na Gaidheil an drasdan leithid so de choinneamhan a bhi aca airson an coirichean fein a chur an ceill agus an canain aosdachumail beo; ach aig an aon am feumar aideachadh nacheil na cuisean gu leir mar bu mhath le neach aig a bheil fior speis da dhuthaichs da chanain.

A thaobh a mhoid thugamaid comhairle cairdeil don mhuinntir a tha os ceann nan gnothaichean, gun a bhi cumail an ath-choinneimh bhliadhnail anns an Oban air eagal gum biodh barail cuid dhaoine air daingnicheadh, ann a bhi creidsinn gum bann airson buannachd abhaile sin a mhain a chaidh an Comunn Gaidhealach chur air chois. Chan e sin ar beachd-ne agus tha sinn an dochas gun cum an Comunn ri an ciad ghealladh nach gleidheadh iad Am Mod Bliadhnail ann an aon aite da bhliadhna an deigh cheile.

Mi bhios aite freagarrach a dhith far am faighear moran Ghaidheal agus pailteas airgid carson nach teid ar cairdean gu Glaschu? Tham facal dealachadh cho mor ann ar cluasaibh aig an am sous nach bi iongantas air duine air bith a bhi cluinntinn mu dhealachadh eadhon ann an Comunn an Fhearainn. Co dhiu is fhearr dealachadh na sior dheasboireachd agus theagamh gum bi ena bhuannachd do na croiteirean da chomunn a bhi stri an aghaidh an naimhdean an ait aon chomunnus na buill dheth an aghaidh a cheile.

Thugadh gach fear dhiu, ma ta, gun dail ainm fein mar bhall don chomunn sin a mheasas e nis fhearr, agus a reir ar barail-ne se sin an comunn a tha nis coltaiche ris a chomunn a bhagainn aig toiseach aghluasaid nuair a fhuaradh gach buaidh us leasachadh as airidh air ainmeachadh.

Than sean bhratach a nis air a togail le na ceart daoinibh a thog i air tus; leanadh na croiteirean i agus gheibh iad buaidhean eile.


Tha co-thional a Bhaisn- Iar an deigh gairm-a thoirt don Urr. A. Mac-ille-mhaoll a than drasda air a shuidheachadh am Malagawatch. Chuir tri eildearan deuga, ochd fichead sa coig deug de luchd-comanaich, a bharr air ochd fichead sa coig deug eile, an ainm ris a ghairm. Tha Mr. Mac-ille-mhaoil na shearmonaiche taitneach, agus ma gheibh muinntir a Bhai- ’n-Iar e, gheibh iad deagh mhinistear.


CEIEHIR LATHA DEUG. —Bha Padruig air a thoirt gu cuirt air son fear de na maoir a bhualadh agus thug am breitheamh dha ceithir la deug priosain. A cheud latha dhfhan e gu samhach, socair gusn do dhorchaich an oidhche, agus an sin thoisich e air bualadh an doruis, agusnuair nach robhas a toirt feairt air ghabh e na breaban dha. Thanig fear a phriosain far an robh e, ’s dhfheorich e de bha na bheachd. “Nach eil mi,” arsa Padruig, “air son a dhol dhachaidh.” “Air son a dhol dhachaidh!” arsam fear eile, “A dhuine gun tur, ciamar a tha thudol dhachaidhs agad ri bhi ceithir latha deugsa phriosan.” “Tha fhiosam fhin air sin,” arsa Padruig, “ach caite bheil mi gu bhi air an oidhche?”


Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile.

Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:

I. M. Mac Isaic, River Bourgeois.
A. N. Mac Amhlaidh, New Boston.
I. D. G. MacNeill, Acarsaid Chloinn Fhionghain.
Bean NeillIcIlle-mhoir, Salem Road.
Aonghas Mathanach, N . Gut, St. Anns.
Catriona Nic Ille-mhoire, do.
M. B. Mac Aoidh, do.
Seoras Mac Leoid, St . Anns.
Somhairle Mac Gilleain, St . Esperit.
Seumas Mac Aonghais, Kennington Cove.
Calum Mac-ille-ghuirm, Valley Mills.
An t-Urr H. P. MacPhearsain, W . Arichat.
Iain D. Mac Dhughail, Sowerby , Ont.
D Mac-ille-ghuirm, Bridgeville , N. S.
Calum Mac Leoid, Q , C, Chtn, P. E. I.
Aonghas Mac Fhearghais, Newark , N. J.

Tuilleadh anns an ath aireamh.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[117]

[Vol . 2. No. 16. p. 5]

NA TAILLEARAN.

LE IAIN.

THA e coltach gur in taillearachd an dara ceaird cho seans a thair an t-saoghal. Ach ged a tha ina ceaird shean agusna ceaird fheumail agus mheasailsan am a tha lathair, cha robh na Gaidheilsan am e dhfhalbh ag amharc oirre mar cheaird mheasail idir. Co nach cuala na facail so

Cha bu duine taillear,
S cha bu duiue dha dhiubh;
Chuireadh am fitheach le creig
Tri ficheads a dha dhiubh.”

Tha e coltach gu robh na Gaill iad fhein ann an tomhas den cheart bheachd; oir theireadh iad nach robh ann an taillear ach an naothadh cuid de dhuine.

Bha aobhar aig na daoine a bhann o shean air a bhith ag amharc sios air na taillearan. Tha sinn acreidsinn nach robh na taillearan, mar luchd-ceairde, air dheireadh ann an ni sam bith air luchd-ceairde eile na duthcha. Bha iad cho firinneachs cho onarach, cho measails cho cliuiteach, cho glics cho deanadach ris achuid eile de shluagh na duthcha. Ach on a dhfheumar aideachadh gu robh mi-mheas air an taillearachd mar cheaird, feumaidh sinn fios an aobhair air son an robh so mar so fhaotainn a mach. Chaneil so cho duilich ridheanamhs a shaoileas cuid.

S an aimsir a dhfhalbh bann le neart agus le treubhantas a bha an earran bu mho de na Gaidheilgan cumail fhein agus an teaghlaichean suas. A h-uile fear bu treises bu treines ann air bu mho a bha de mheas. Cha ghabhta anns an t-saighdearachd ach na daoine a bha mor, laidir, deas, dealbhach. Cha deanadh fear sam bith feum anns abheinn-sheilg ach fear a bhiodh luath, laidir. An am a bhithmarbhadh nam breacs nam bradan air an amhuinn, ben duine mor, laidir, a sheasadh ri fliuchadh ri fuachds ri anastachd, a dheanadh feum. A dhaon fhacal, biad na daoine a dheanadh obair chruadalach sam bith a thigeadhnan rathad air an robh meas aig achuid mhoir den t sluaghsan am ud.

Ged nach robh na daoine beaga, meata breoite cho fior lionmhorsan aimsir a dhfhalbhs tha iadnar latha-ne, bha aireamh ann dhiubh. O nach rachadh aca so air am beo-shlainte a thoirt a mach le treubhantas, agus le gniomharan cruadalach air muir no air tir, dhfheumadh iad obair no ceaird eiginn a roghnachadh leis an rachadh aca air iad fhein a chumail suas. Cha robh ceaird sam bith a baotruiume air duine beag, lag, meata nan taillearachd. Cha ro siosar is meuran is snathad aon chuid trom rin giulan o thaigh gu taigh, no o bhaile gu baile, no idir duilich rin oibreachadh. Mar sin, biad na taillearan mar bu trice daoine cho beags cho meatas a gheibhteadh eadar da cheann na duthcha. Gus o chionn ghoirid, agus ann an iomadh aite, is docha gus an lathan diugh, bann gle ainneamh a gheibhte duine og a bhiodh deonach a dhol a dhionnsachadh na taillearachd. Ach bfhearr leis na h-uile fear a dhol a dhionnsachadh na taillearachd na dhol a dhionnsachadh na breabadaireachd, nam beiginn dhaibh roghainn a dheanamh eadar an da cheaird. Tha corr is ceud bliadhna o nach do shuidh firionnach a dhfhighe air beairt eadar caolas Bharraidh agus caolas Bhearnaraidh. Bhaleithid de dhimeas air fear a bhiodhna bhreabadairs gu robh naire air daoine iomradh a thoirt air an ainm. Nam beiginn dhaibh iomradh a thoirt air, theireadh iad, “Breabadair, le cead na cuideachd.” Be so acheaird mu dheireadh anns an cuireadh duine sam bith aig am biodh meas air fhein a lamh.

Bha na greusaichean beagan ni bu mheasaile mar luchd-ceairde na na taillearan. Cha mhor spionnaidh a dhfheumadh fear a chur an ceill an am a bhithdeanamh bhrogan Gaidhealach. Cha bhiodh aige ach an iall a tharruinn le a leith laimh troimh tholl amhinidh. Anns an am ud cha robh daoine acur abheag a dhfheum air brogan, agus on a bainneamh le daoine laidir a bhithg iarraidh bhrogan dionach, dhfhaodadh an greusaiche toll a dheanamh don eill a bhiodh cho farsuinns gun tarruinneadh e troimhe i gun stri sam bith. Anns an am air am bheil sinn ag iomradh cha robh na greusaichean anns aGhaidhealtachd suas ri deanamh nam brogan le sreings le rosaidno mar a theirte riutha, “na brogan Gallda.” Agus on a bhachuis mar so, dheanadh duine beag, breoite, meata, greusachd cho maths a dheanadh e taillearachd.

A reir choltais nach robh meas mor anns an am ud air ceaird no air gairm sam bith a rachadh aig daoine air a dheanamh anns na taighean. Dearbhaidh an rann a leanas so

Fidhlear is taillear is cat,
Breabadair is greusaiches muc,
Maighstir-sgoiles cearc.”

Chaneil e duilich dhuinn an t-aobhar a thuigsinn air son an do chuireadh na tri chomuinn so cuideachd. Dhfheumadh am fidhlear a bhith aig abhlaths, a chionn nach freagradh fuachd no fliuchadh air an fhidhill. Cha bionnan ispiob mhor nan coig dos,” a sheasadh ri fuachd agus ri fliuchadh, agus a chuireadh brosnachadh anns an t-saighdear an am dha bhith dol don chath. Cha chualas ceol na fidhle riamh ri aghaidh blair. ’S ann a tha in comhnuidh far am bheil sith agus solas agus toil-inntinn.

Dhfheumadh an taillear a bhith faisge air an teine a chum e fhein agus an t-iarunn taillearachd a chumail blath. Bha tlachd aca riamh a bhith dluth air abhlaths. Mar a thuirt fear a bhadeanamh orain do thaillear

Culaidh-fharmaid an t-saoghail,
Fear nach saothraich aig fearann;
Leithid Eobhainn Ruaidh thaillear
S a shailean ri teine.”

Bhiodh an catna shuidhe an oir an teine mar bu trice, agus on a becheaird a bhith ris amheirle cha ro mor mheas air idir.

Bhiodh am breabadair salach le armadh an t-snath a bhiodh e fighe, agus bhiodh an greusaiche mar an ceudna salach le oladh an leathair; agus air an aobhar sin chuireadh an comunn ris amhuic iad.

Chuireadh am maighstir-sgoile agus achearc ann an cuideachd a cheile a chionn gu robh daoines an am acreidsinn nach freagradh fliuchadh air maighstir-sgoile nis mo na fhreagradh fliuchadh air circ.

(Ri Leantuinn.)


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach, agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.



[118]

[Vol . 2. No. 16. p. 6]

Litir bheag a Gleann-a- Garraidh.

A Charaid, —Tha an da dholar a thasam litir so air an cur ad ionnsaidh le dithisd chairdean a bhios ann ad chomain air son am MAC-TALLA chur dan ionnsaidh cho luath sa bhios e goireasach dhuit.

Tha cuid de na tha faighinn a MHAC-TALLA ann sa choimhearsnachd so an deigh dhaibh fein a leubhadhga chur gu feadhainn eile a dhfhaodas a bhi toilichte fhaicinn agus curga iarraidh air an son fein mas math leo e. Than sean-fhacal ag radh gur fearr an t-olc a chluinntinn na fhaicinn, ach tha mi a saoilsinn gum beil e air mhodh eile mun MHAC TALLA, gur fearr fhaicinn na cluinntinn mu dheaghinn. Tha sinn ro thoilichte bhi faicinn moran dhaoine urramach ann an iomadh aite air tighinn gu bhigad chuideachadh lem pinns len eiseamplair ann a bhicumail suas na Gailig.

Tha moran a dhoigirdh an aite so a bhruidhneas Gailig meadhonach math, ach dha nach aithne Gailig a leubhadh, agus tha mi smaointeacbadh gun cuidicheadh am MAC-TALLA iad gus am foghlum sin fhaighinn, rud nach deanadh call sam bith dhaibh, ach a dhfhaodadh a bhi feumail dhaibh iomadh uair nach saoileadh iad.

Chi thu ainm nan daoine aig am bheil duil ris a MHAC-TALLA bhuat aig bonn na litreach. Slan ieat a h-uile latha.

Do charaid,

AONGHAS MAC-ILLE-MHAOIL.
An Lagan, Ont,. Oct. 10, 1893.


DUINE SUARACH. —Fhuair sinn sgeula bheag o charaid an la roimhe, agusse ar barail gur em bodach mum bheil i air a h-innseadh duine cho suarachsa tha air ur-uachdar an t-saoghail. Reic e leth mairt ri aon de na coimhearsnich, agus a nis cha leig e leis boinne bainne thoirt uaipe, oir tha eg radh gur en leth toisich a reic e ris. Tha aig a choimhearsnach aig a cheart ri biadh us deoch a chumail rithe tri uaireansa latha. An la roimhe, thug a bho putag don bhodach le h-adhairc a chuir air laidhe na leapa e, agus tha e bruidhinn air am fear eile chursan lagh.


Tha Gilleasbig Fenton, South Essex, Mass., a sgriobhadh; —Dhfheuch mi iomadh seorsa leighis air son droch stamag, ach cha drinn aon diubh feum dhomh mar a rinn K. D. C. Chan urrinn domh gu leor a radh ga mholadh. Rinn e feum mor dhomhsas do mhuinntir eile.”

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, agus tha na prisean gle iosal.

INNLEACHDAN MHIC AN DUINE,” arsa Calum Banse leubhadh telegram a thanig da ionnsidh a ceann-a deas America. “Faic sibhsem fios so a thanig o aitetha miltean de mhiltean as a so, agus an inc leisn do sgriobh iadm ainm gun a bhi tioram fhathast!”


Minard ’s Liniment, caraid nan tuathanach


Sim bata Geancach a choisin an reis an New York air an t-seachdain sa chaidh. Bha i beagan us leth mionaid air thoiseach air an Valkyrie, ach sin Valkyrie a bhiodh air toiseach mur biodh gun do shrac cuid de na siuil aice. Tha Morair Dunraven, ceannard na Valkyrie ag radh nam bann air cladaichean Bhreatuinn a bhiodh iad, nach cumadh an Vigilant faire air a bhataige-san. Tha e deanamh a mach gu bheil an soitheach a bhi aineolach air gaothans air cladaichean Americaga fagail car coltach ri bo air a h-aineoil, ’s nach eil i cho comasach air deanamh air a son feinsa bhiodh i aig an tigh.


CumMinard ’s Linimentsan tigh.


Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


Ma tha thu saor o droch stamaig cha ruig thu leas eagal a bhi ort romhn cholera. Saoridh
K. D. C
thu o dhroch stamaigs o cholera.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdas e uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[119]

[Vol . 2. No. 16. p. 7]

LEATHANICH CHOLA.

Bha da mhac aig Iain Garbh, Iain Abrach agus Lachinn. ’S ann de shliochd Lachinn a bha Lachinn na Galig, Lachinn nan Osan, Lachinn a Chuairteir, no Mactalla. Shloinneadh e e-fein air ais mar so, —Lachinn mac Iain mhic Lachinn mhic Iain mhic Dhomhnuill mhic Ruari mhic Eachinn mhic Neill mhic Chaluim mhic Lachinn mhic Iain Ghairbh. Phos Seanair Lachinn, Lachinn mac Iain mhic Dhomhnuill, Catriona Chaimbal, Catriona nighean Iain mhic Mhurchidh. Phos athir Lachinn, Mac Lachinn mhic Iain a teis meadhon Chola, Fionnaghal Nic-Gilleain, Fionnaghal nighean Eachinn mhic Iain mhic Thearlich. Bha ceathrar mhac aige agus triuir nighean. Rugadh Lachinn am macbu shine ann an Cola. Bha e na sgoilair, na chainntair, ’s na sgriobhadair math. Chaidh e a dhfhuireach do Ghlaschu. Bha e a creic osan agus dheiseachansa bhaile mhor sin. Phos e Agnes Ashmore, nighean do mhaigstir-sgoila bham baile Pheirt. Bha aon mhac agus triuir nighean aige. Chaidh iad do Mhelbourne an Australia, ach cha n-eil fhios agam ciamar a chaidh dhaibh an sin. Nuair a bha Lachinn air leaba bhais chuir e fios don eaglis gun robh e ag iarridh gun rachadh urnigh a chur a suas air a shon. Nuair a thanig am fear leis an do chuir e am fios air ais dhfheoirich e dheth an deach urnigh a chur a suas air a shon. Chaidh, arsam fear eile. Co dhuine is ann sa Ghalig no sa Bheurla a bha i? Ann sa Bheurla fhreagir am fear ris an robh ebruidhinn. Och, arsa Lachinn mas ann sa Bheurla a rinneadh an urnigh tha eagal orm nach dean i moran feum dhomhsa. Chuir e mach Adhamh agus Eubh sa bhliadhna 1837. Chaochail e an Glaschu an November, 1848. Bu Ghaidheal de na Gaidheil e.

Thanig brathair do Lachinn na Galig, dom bainn Iain, do dh-America sa bhliadhna 1848. Tha a theaghlach ann a Wichita, an Kansas, is tha iad a faighinn air adhart gu math. Tha mac peathar dha, D. T. Macdhomhnuill, an Red Jacket, Michigan. Tha Galig, Beurla, a chainnt Ghearmailteach, ’s a chainnt Shuaineach aig an Domhnullach so gu math. Tha e na dhuine gasda; m-asail, is tha mi a creidsinn gun gabhadh e MAC TALLA nam biodh fios aige gu bheil a leithid ann.

Thanig piuthar do Lachinn na Galig am mach don duthich so. Bha i posda ri Iain Mor Mac-Gilleain ann a Wallas, Iain Mac Neill Mhic Lachinn. Bha Iain Mor na dhuine cho foghainteachsa bha n Cola ri am fhein, agus bhiodh e gu math tric a cur a spionnidh an cleachdadh. Bu bhrathair e do Lachinn Saorsa Cheapich, an Antigonish. Ged is ann a Cola a thanig Lachinn Saor is Iain Mor cha bann de theaghlach Chola bha iad. ’S ann do theaghlach Bhoraraig, meur do theaghlach Airdghobhar, a bhuineadh iad. Tha Lachinn air ainme achadh an Aiseirigh Mhic-an-Toisich.

Thig Lachinn Saor a chlisgeadh oirnn,
S gu bheil min duil nach misd sinn e,
Gu caradh chorpsna cisteachan
Ma tharlas bristeadh cheann ann.

Bha tri mic aig Eachann mac Iain Abrich, Eachann Ruadh, Ailain, agus Iain. Bha Ailain a fuireach ann an Achadh-nan-sabhall. Phos e Anna, nigh-do Mhac-Iain Airdnamurchan. Bha tri mic aige, Eachann, Raonull, agus Domhnull.

Bha Iain Mac Eachinn Mhic Iain Abrich a comhnuidh an Grisipoll. Phos e Fionnaghal, nighean do Mhac Fhionghain an t-Sratha. Bha aon mhac aige, Iain. Bha cethrar Mhac aig an Iain so, Lachinn, Iain, Eoghan, agus Tearlach.

Bha triuir mhac aig Lachinn, an siathamh Leathanach bha air Cola, Iain Garbh, Lachinn, agus Niall. Fhuair Lachinn Eilain nam Muc bhoathir. Bha da mhac aige, Eachann agus Lachinn. Bha Eachann posda, ach cha robh clann aige. Phos Lachinn Mari, nighean Sheumis Dhomhnullich, Fear Bhail’ -Fhionnlaidh. Bha da mhac aige, Eachann agus Domhnull. Chaochail Eachann gun mhac a thigeadh na aite. Be Domhnull a bhrathair an coigeamh fear de shliochd Lachinn Chola aig an robh Eilain nam Muc. Dhfhag Domhnull an t-Eilain sin agus chaidh e a dhfhuireach do Chornaig an Cola. Theirteadh mar sin Fear Chornaig ris. Bha da mhac aige, Lachinn Ghrisipuill agus Iain. Tha sliochd Lachinn ann an Dantzig am Prussia agus sliochd Iain an Sasunns an New Zealand. Chaochail Fear Chomaig an Duneideann. Rinn Gilleasbig Laidir marbhrann da, agus bu mhath a bfhiach dha sin. Bhiodh Gilleasbig ga fhaighinn fhein ann an trioblaid gu math tric, ach sheasadh Fear Chornaig leis. ’S e sin a thug air a radh,—

Ged a theid mi do Chola
Dhiarruidh cothruim san eucoir,
Cha n-fhuiluig iad mfhaicinn
Ach mar aiteal na greine.
S ann a tha mo chul-taice
Ann sa chaibeal gun eirigh,
Far a bheil mo luchd-eolis
Air an comhdach le cheile.

A. MAC G. SINCLAIR.


IarrMinard ’s Liniment, ’s na gabh an corr.

CAIRDEAS FAD AS. —Bha caraide do Sheumas Cubair latha feorach deth an robh cairdeas sam bith aige ri seann duine den aon ainm ris fein a bha air ur tighinn don choimhearsnachd. “Tha seorsa de chairdeas fad as ann,” arsa Calum. “De cho fad assa tha e.” “Bha coig duine deug cloinne aig mathair,” arsa Calum; ’s esan an duines sine, aguss misen duines oige.”


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[120]

[Vol . 2. No. 16. p. 8]

An Ti Uaine aig Domhnull Mac-Gilleaghlais.

Fhuair mi na duilleagan uaine
A chuir sibh an nuas do mionnsaidh.
S iad fein na duilleagan luachmhor,
Is aimmeil buadhan an sughidh.
Cuiridh e cailleachan gu boilich,
S nigheanan oga gu sugradh;
Cuiridh e bodich gu seanachas
S iad a dealradhsa ghnuis leis.

S misethan diomb ris na luchaidh
Thug iad cuid bhuam den ti chubhridh;
Ghabh iad fath oirrann san oidhche,
S bard an straighlich len cuid burich,
Ach bheir mise do na biastan
Duais an deanadis sa chuis so;
Gheibh mi cat gun iochd, gun truas ann.
S theid an ruagadh as na cuiltean.

Ach ged is math an ti uaine,
S ge tric aig uaislean na duthchi,
Is mor gur fearr ann am bheachd sa
An ti a chleachdadh an tus leinn.
Tha i taitneach do na mhionach,
S e gu gionach, dian ga sughadh;
Tha i fallan, blasda, milis
S cha mhor tinneas air nach druidh i.

Buaidh do na cheanniche ghasda
Nochd cho tlachdmhor a dheagh run dhomh,
Nuair a chuir e an ti uaine
Gam ionnsaidh an nuas le curam.
Bhon a chaidh an t-ol a cleachdadh
Cuiridh mi seachad an cuil i,
S olidh mi dhi a dheoch slainte
Nuair a thig la na bliadhnuire.

Nov . 8, 1882.


DUANAG.

A chuireadh gu Domhnull Mac-Gilleghlais air dha pasgen de nithean blasda a chur a dh-ionnsidh an ughdair.

Gur misan duine sunndach,
Gun churam dheth tha mi;
Tha caraid air mo chulthaobh.
Nach diult ann am chas mi;
Mac-Gilleghlais a bhutha,
Fear cluiuiteach na ghnathan;
Fear fiosrach, tuigseach, turail
Nach muchadh a Ghadhlig.

Chuir en nuas do mionnsaidh
Ti ur as math faileadh
Is punnd no dha de shiucar
Na chuirneinean aillidh.
Bhaghilead mar an sneachda
N am teachd air an fhasach;
S mar mhil an t-seilein lachduinn
Bha bhlas do na chairean.

Min Innseanach bha comhlriu,
S mar or bha i dearrsadh;
Stuth fallan do dh-fhir bhreoite,
Do dh-oigridhs do shar-laoich.
Gur h-iomadh gaisgeach deante
Measg ciad shluagh an ait so
A thogadh air a fuaraig
Gun nachdar, gun bhlathich.

Am pasgadh ann am paipeir,
Bho laimh an fhir bhaigheil,
Bha cuid de mheasan cubhridh
Nan duthchannan blatha.
Gur math air deireadh cuirm iad,
S fir shuilbheara, chairdeil,
Gu h-aighearach neo-chealgach
A seanachas mar bhraithrean.

Ge taitneach leam da-rireamh
Gach nirinn miaireamh,
S em bradan chuir gu sonnraicht
Ann bron as mo lathir.
Nuair chunnaic michruth ceutach
S ann leum mi mar phaisde
Le aighear is le eibhneas;
S e-fein am bradh sar-mhath.

O cumidh bhur cuid airgid,
S bhur seirbheisich thraillul,
A thighearnans a righrenn,
Is iompairean straiceil,
Bidh agam-sair mo dhinneir
Toilinntinn nas airde
Na dheoghlas sibh rir saoghal
Bho phlaosgan ur n-ailleis.

Dec . 20, 1882.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.


A h-uile seorsa Bhrogan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Murray & Mac Coinnich,
Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c .,
SIDNI TUATH, C. B.
H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 16
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 16. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page