[121]

[Vol . 2. No. 17. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OCTOBER 28, 1893. No. 17.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Tha muinntir Nobha Scotia nas pailte a dhubhlan air an fhoghar so na bha iad o chionn iomadh bliadhna, agus tha iad a faighinn reic mhath dhaibh.

Bhuail da thrain na cheile faisg air Port Arthur, Ont., an la roimhe agus chaidh dithis dhaoine mharbhadh. Bha na carbadan aig an am a giulain luchd ti agus chaidh am milleadh gu dona.

Bha baile a tha faisg air Fredricton, N. B., cha mhor air a losgadh gu lar an la roimhe. Bha coig taighean fichead agus deich buithean air an losgadh. Than call air a mheas aig tri fichead mile dolar.

Tha fear Nathaniel Huestis a fhireach aig Tyron, P. E. I., a bha ceud bliadhna dhaois deireadh April sa chaidh. Rugadh e ann an Wallace, N. S., far an tainig a pharantan a Sasuinn. Tha e gu math tapaidh fhathast agus tha e ann an deagh shlainte.

Tha Feill an t-Saoghail gu bhi air a dunadh air an la mu dheireadh den mhios so. Cha robh an fheill a paigheadh gu ro mhath a cheud chuid den t-samhradh ach o chionn mios no dha dhoirt na h-uiread de shluagh a stighs gu robh i paigheadh gu math

Bha treud de ghillean am Montreal an la roimhe ag amharc air teine mor a las iad air son spors dhaibh fein, agus air dhaibh a bhi cluich mun cuairt air thug fear diubh putag do fhear eile agus thuit e san teine. Bha e air a losgadh cho donas gun dheug e an ceann da latha ann am pian mor.

Bha da fhichead Hungarian ag obair ann am Pendsylvania agus bha iad an deigh dorlach math airgid a chur ma seach anns a bhanc. Bha eagal orra co-dhiu gu robh am banc a dol a bhristeadh, agus thug iad as an cuid airgid, deich mile fichead dolar air fad, agus dhfhag iad e an lamhan fear dhiubh fhein gus a ghleidheadh. Dheirich iadsa mhaduinn an la roimhe, agus cha robh fear gleidhidh an airgid ri fhaotainn thall no bhos, ’s cha mho bha sgial air an airgiod. Tha iad a deanamh a mach gun dfhalbh iad cuideachd. Tham banc cho slansa bha a riamh.

Aon latha toiseach na seachdain so bha aon a dhuaislean Halifax a gabhail na sraide ann an carbad, agus ghabh an t-each eagal, ’s theich e, a tilgeadh an duine mach air a chabhsair. Bha te dhe chasan air a bristeadh agus aodunn air a dhroch ghearradh. Chan eil na dotairean fhathast cinnteach co dhiu thig e bhuaithe no nach tig.

Thaghail an t-Urr, M. A. Mac-a- Phearsain, sagart a Bhras DOir Bhig, ann an oifig a MHAC-TALLA Di-sathairne sa chaidh. Bidh sinn toilichte bhi faicinn ar cairdean uair sam bith a thig iad don bhaile, agus a bhi treis nan seanachas, gu seachd sonruichte ma ni iad mar a rinn an duin-uasal so, dolar fhagail againn air son bliadhna den phaipear.

O chionn latha no dha, chaidh cuid eiginn a stigh do stapull Robert Johnstone aig Sidni a Tuath, trathsa mhaduinn, agus thug e ionnsuidh air fear de na h-eich a ghoid. Bhan t-srian aige na cheann agus bha e deanamh deiseil gu falbh nuair a thainig Mr. Johnstone rathad an stapuill agus a bfheudar dha a chasan a thoirt leis. Chuireadh fear de mhaoir a bhaile air a luirg ach cho fad so cha dfhuair e sealladh air.

Tha duin og a mhuinntir Cheap Breatuinn den ainm Iain Mac Aonghais air a dhol air chall am Boston gun fhios dheirich dha. Dhfhag em baile sinsa cheud mhios den earrach, ’s en duil a dhol gu Westboro’, agus cha chualas sgial air bhuaithe sin. Chaidh am baile sin a rannsachadh, ach cha dfhuaras dearbhadh sam bith gun drainig e riamh. Tha cairdean dha am Boston agus tha iad fodh iomaguin mhor dha thaobh.

Thainig duine mhuinntir Bhaddeck gu Sidni-a- Tuath feasgar air an t-seachdain so agus air dha bhi tuilleadh us fadan comunnIc-an-Toisich, chaidh echadal ann an seann ghoileadair soitheach smuide a bha aig a chladach. Nuair a dhuisg esa mhaduinnse air fuarachadh gu math, fhuair e mach gu robhadsa bhrogan air an goid re na h-oidhche. Tha e air a radh nach ann a h-uile la bhios mod aig Mac-an-Toisich, achnuair a bhitheas mod aige fagaidh e cuimhneachan.



[122]

[Vol . 2. No. 17. p. 2]

NA TAILLEARAN.

LE IAIN.

(Air a Leantuinn.)

Ged nach robh meas air an taillearachd mar cheaird, bha meas air na taillearnan mar dhaoine. Bha iad mar bu trice anabarrach grinn, glan, speisealta, modhail, measail, uasalnan doigh. Cha robh aca ach ceaird a bha aotrom, glan, agus air an aobhar sin bhiodh iad an comhnuidh glan, sgiobaltanan eideadh. Mar bu trice cha be paigheadh air son gach ball aodaich a dheanadh iad a bhaca idir; ’s e bhaca tuarasdal suidhichte. Bheireadh muinntir abhaile, no ma dhfhaoidte, muinntir a dha no a tri de bhailtean tuarasdal suidhichte dhaibh, agus bha aca ri bhithdol mun cuairt o thaigh gu taigh agus o bhaile gu baile, an uair a bhiodh taillearachd ri dheanamh. Gheibheadh iad am biadh agus an leabadh cho maths a bhiodh rifhaotainn anns gach taigh anns am biodh iad ag obair. Bhiodh na mnathan-taighe agleidheadh pairt de na h-uile biadh annasch a bhiodh aca dhfheitheamh air na taillearan.

Bha cuid dhe na taillearan anabarrach math gu innseadh naigheachdan. Bu glethric leotha earann den fheasgar a chur seachad ag innseadh sheann naigheachdan do mhuinntir an taighe anns am biodh iad ag obair, agus don luchd-ceilidh. Cha robh solus cho pailts an am uds tha enar latha-ne. Abhliadhna nach biodh achudaig agus an suidhean pailt, bhiodh an solns gann; oir be colan na cudaig agus an t-suidhean solus bu phailte a bha rifhaotainn ann am measg nan tuathanach beaga. Bainneamh taigh anns nach biodh beagan choinnlean; ach bhithteadh caomhnadh nan coinnlean air eagal gun tigeadh coigreach air chuid oidhche don taigh. An uair a bhiodh an solus gann dhiarrteadh air an taillear an t-aodach a chur uaithe, agus sgeulachd a ghabhail. Thoisicheadh e air eachdraidh, no air bardachd na Feinne, agus mar bu trice bhiodh e faisge air ceud ghairm achoilich mun gabhadh iad mu thamh.

Anns am ud cha robh guth no iomradh air paipearan-naigheachd. Banns amhuillean, agus anns acheardaich, agus an taigh aghreusaiche, agus far am biodh an taillear ag obair, a gheibhteadh na naigheachdan a buire. Bha daoine cheart cho deidheil air naigheachdan urasan am uds a tha muinntir an lathan diugh. Cha robh naigheachd a bfhiach a h-aithris eadar da cheann sa duthcha nach biodh aig na taillearan. Mar so bha iad acosnadh deadh-ghean an t-sluaigh anns gach cearn den duthaich len cuid fiosrachaidh.

Dheanadh aireamh mhor dhiubh orain gu leor. Tha iomadh aon den cuid oran fhathast air chuimhe. Bha cuid mhor dhiubh mar an ceudna gle eibhinn, abhcaideach. Criochnaichidh sinnna thagainn ri aithris mun timchioll aig an am so le sgeula no dha innseadh de na chuala sinn o chionn dluth air da fhichead bliadhna.

Tha fear de theaghlach Mhicis Ailean a bha car socharach. Bha deidh mhor aige air a bhith sealgaireachd. Aig am araidh chuireadh fios air an taillear a chum cota sealgaireachd a dheanamh dha. An uair a bhan cota deas dhfheuchadh uime e.

Cia mar a tha ecordadh ribh,” arsan taillear.

Bha e gle fhreagarrach dhomh anns gach doigh, ach gu bheil e car fada,” arsa Macic ic Ailean.

Am fear a rinn fades eni goirid e,” arsan taillear.

Sgaoil an taillear an fhaitheam a bhair iochdar achota, agus chuir e faitheam eile air anns an robh cromach a leud. Dhfheuchadh an cota air an dara uair, agus thuirt e, “Than cota gle mhath a nis, ach gu bheil e car goirid.”

Am fear a rinn goirid es e ni fad, e,” arsan taillear.

Sgaoil an taillear an fhaitheam mhor, agus dhfhuaigh e faitheam bheag air mar a bhair an toiseach. An uair a chuir Macicic Ailean uime an cota an treas uair, dhaidich e gu robh e freagarrach gu leor dha.

Bha taillear eile an am Beinn-a- bhaoghta a bha anabarrach abhcaideach o laithean oige. An uair a bha ena ghille ag ionnsachadh na taillearachd, thachair gu robh duine faisge air an aites an robh e, fuireach ris an cainte Domhull Ard. Tha e coltach nach robhgille an taillear” (mar a theirte ris a h-uile gille og a bhiodh ag ionnsachadh na taillearachd) agus Domhull Ard gle reidh. Coma co dhiubh, thainig air a’ “mhaighstir taillear,” agus air aghille a dhol do thaigh Dhomhuill Aird a thaillearachd. Ma bha gus nach robh ball aodaich eile aca ri dheanamh do Dhomhull Ard, bhacota-mun- cuairtaca ri dheanamh dha co dhiubh. An uair a bhan cota ullamh gu irenam putan, dhiarr an taillear air aghille teannadh ri deanamh nam putan. Anns an am cha robh putain cho furasda faotainns a tha iad a nis. Mar bu trice ben taillear fhein a dhfheumadh na putain a dheanamh. So mar a bhithteadhgan deanamh: —Gheibhteadh pios leathairseana bhonn broige, ma dhfhaoidteagus ghearrteadh na bhideagan beaga cruinn e air chumadh putain, agus fhuaighteadh criomag den aodach mu gach bideig, agus bhiodh iadnan deadh phutain. Be cuid a ghille de dheanamh nam putan an leathar a ghearradhna bhideag cruinne. Ghearr an gille a cheud phutan, agus an uair a thug e da mhaighstir e, thuirt a mhaighstir ris, “Tham


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mnathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geals, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co
Sidni, Iun 1, 1893.



[123]

[Vol . 2. No. 17. p. 3]

putan so ro mhor.”

Cuireadh sibhse ann e mar a tha e; bidh an ath fhear nis lugha,” arsan gille.

Ach bhan ath fhear glebheag; agus thuirt am maighstir, “Tham fear so ro bheag.”

Cuireadh sibhse ann e; bidh an ath fhear nis mo.”

Se bhann gu robh putan mor is putan beag ma seach anns achota aig Domhull Ard.

Thachair an uair a bhan taillear so an deigh acheaird ionnsachadh gu robh eg obair ann an taigh araidh. Bha bean-an-taighe cho lan den droch amhruss gu robh eagal oirre gun goideadh e pairt den t-snath-fhuaghail. ’S e rud a rinn i, chuir i a cheirtle shnath anns a chiste, agus dhfhag ceann an t-snath aig an taillear a mach troimh tholl na glaise, agus ghlas ichiste, agus dhfhalbh i air cheann-gnothaich dhi fhein. Thuig an taillear gle mhath mar a bhachuis, ach cha do leig e dad air. Ach an uair a dhfhalbh bean-an-taigh bhrist en snath.

(Ri Leantuinn.)


Bho Amhainn Dhennis.

A charaid ionmhuinn, —Sfhad on bha duil agam focal a chur do dionnsuidh, ach an diughnuair thainig MAC-TALLA agus a chunnic mi ceist air a faighneachd a burrainn dhomh fhreagairt, smuainich mi nach deanainn dail na bfhade.

Tha sibh faighneach air son Ailain Mac Gilleain a chuir ri cheile na rannan man t-similair. Feudaidh mi innse gum be dluth choimhearsnach dhomh bha ann. Rugadh e ann an Colla agus thainig e dhan duthaich so na ghille og. Bha e na sgoilear math Gaelic agus bha toil mhor aige an canan sin a bhi air a chumail suas. Bha e fad an aghaidh cuid de nithean ur an lathan duigh, agus choisinn sin dha an rann a dheanamh man t-Similair oidhche thachair dha bhi ann sa coinneamh-chonnsachidh a bha ann an tigh-sgoile sa choimhearsnachd so mar dhainmich sibh sa MAC-TALLA. Bha meadhair math aige agus talann neo-chumanta deanamh rann, agus is duilich leam nach fueil moran dhiu an diugh ri faotuinn, or cha do sgriobhadh riamh iad. Chaidh iad gu tir na di-chuimhne, chaidh esan a bhathadh aig caolas an Narrows Maor mu dha bhliadhna an am so, e fein agus ogha brathair dha us iad a pilleadh bho Shidnidh le bata luchdaichde le gual.

Chan eil moran naigheachdan agam ri innse as an oisinn iomallach so do Cheap Breatuinn, ach feumidh mi aideachadh gu bheil comh-thional a Bhain Iar aig an am so a cur dorran orm le bhi cho follaiseach a briseadh air an deicheamh aithne, le bhi toirt gairm dhar minister a tha ro measail aginn fein.

Bha mi ro thoilichte litir fhaicinn ann sa MHAC-TALLA, bhoKhatagma sheann ban-chompanach sgoile a tha nise comhnuidh an Columbia Bhreatunnach. Tha i nochdadh nach do dhi-chuimhnich i an canain a labhair sinn gu tric ri cheilaig tigh-sgoile bonn na bruthaich.

Cia cho sgaptas am bi sinn measg dhuthaichean cein,
Tha smuaintean ar cridhe mar ghathan na grein
Agearradh troimhn astars asrachdadh tromhn cheo.
Sgar guilansan spiorad gu laithean ar-n- oig.”

Se so a cheud litir Ghaelic a sgriobh mi riamh agus mile beannachd air MAC-TALLA bhon dionnsuich mi am beagan so fein. Buaidh us piseach air gach am!

Is mise, do bhana-charaid dhileas.
E. D.
October , 21.


LeighisMINARD ’S LINIMENTdruim ghoirt orm sa.
An t-URR. UILLEAM BROWN.

LeighisMINARD ’S LINIMENTgreim cluaise ormsa.
MRS . S. KANLBACK.

Leighis leMINARD ’S LINIMENTdroch sgamhan ormsa.
MRS . S. MASTERS.


Ma tha toil agad do phathadh a chasg, ol an t-uisge fuar, an deoch a bha Adhamh ag ol. Gheibh thu nasgaidh e, agus ged a dholadh tu glaine bharrachd dheth, chan fhag e do cheann goirt. Rud eile dheth, chan fhas thu cho deigheil airs gun gabh thu dheth na ni cron dhuit.

Minard ’s Liniment, caraid nan tuathanach

Than t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S., ag radh: —An deigh K. D. C. a chleachdadh beagan uine tha mi dhen bharail gur leigheas math e. Mholainn dhaibh-san aig a bheil droch stamag a ghabhail.

An rud nach binn le daoine cha leig iad orra gun cluinn iad idir e. Ach neo-ar-thaing nach bi cluasan dhaoine gle fhosgailte ris an naigheachd a chordas riutha.

IarrMinard ’s Liniment, ’s na gabh an corr.

Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathair cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

Cleachdidh dotaireanMinard ’s Liniment

Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSEND & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[124]

[Vol . 2. No. 17. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNEOCTOBER 28, 1893.

Naigheachdan as aGhaidhealtachd.

Ma bhan samhradh tioram, teith, bha am foghar fliuch agus fuar gu leor. Cha robh ach fior bheagan de laithean tiorma againn o liunasdal. Nan tigeadh latha no dha de thuradh, an drastas a rithist, thigeadh a tri no ceithir de laithean fliucha fiadhaichnan deigh. Bha am barr gu math torrach ann an iomadh cearn dhen duthaich, ach ged a bhabhuain ullamh o chionn coig no sea sheachduinean tha beagan dhen arbhar fhathast a mach air na h-achaidhean. Na daoine a ghabh a h-uile almsadh a burrainn iad air an arbhar a chur a steach, chaidh aca air a chur fo dhion gun a bheag de dhomail sam bith.

Tha am buntata pailt anns gach aite. Tha e lionmharsan talamh, agus gle thioram. Ach cha do thogadh a bheag dheth fhathast.

Tha cuid mhath den sgadanga fhaotainn o chionn beagan sheachduinean ann am moran de na lochannan timchioll na Gaidhealtachd. Fhuaradh moran dheth, ann an Loch Teireardain agus ann an Lochbhrain air an t-seachduin so chaidh. Tha iad afaotainn riaghailt mhath dheth anns na lochannan timchioll an-Eilean-Sgiathanaich. A bhliadhna a bhios am buntatas an sgadan pailt cha bhi aobhar gearain aig daoine bochda.

Dheirich na prisean gle mhath air crodh agus air caoraich o thainig am foghar. Cha do thill beathach dhachaidh gun reic latha feill Shligeachain. Bha aphris dluth air da phunnd Shasunnach an ceann ni bairde air crodhs air aighean na bha i an uiridh. Aig na margaidhean mu dheireadh bha caoraich is uain mu cheithir no coig de thasdain an ceann ni bairde na bha iad deireadh an t-samhraidh. Tha iomadh duine bochd nis fhearr suidheachadh agus nis riaraichte inntinn an diugh na bha iad toiseach an fhoghair.

Oidhche air an t-seachdain sa chaidh bhrist neach eigin a stigh do stor Iacob S. Hart ann a Hogamh agus thug e leis aireamh de nithean air an dfhuair e greim. Fhuaradh air an urlar an lar na mhaireach paipearan an sid san so air am bogadh an kerosenes cuid diubh air an leth losgadh. Tha iad a deanamh a mach gu robh e mar so a feuchainn, aonachuid ris an tigh a chur na theine, no gu robh e lasadh nam paipearan air son solus a chumail ris fein fhadsa bhiodh e cruinneachadh na bha e toirt leis. An deigh sin bhrist e stigh don stapull a bha faisg air laimh agus thug e nach fear de na h-eich. Thug e leis e gu tom coille agus an sin mharbh em beathach bochd, ’ga ghearradhs ga chaobadh as a cheile air doigh cho graineil a ghabhadh a bhith. Nuair a fhuaireadh a bhruid, bha na suilean air an spionadh as, amhach air a gearradh agus a chorp air a riabadh as a cheile. Bha badan aodaich lan fala air am faotainn an suds an so mun cuairt air an aite san robh e. Cha drinneadh gniomh cho graineil air an eilean so riamh, agus ge air bith co rinn e mar as luaithe nithear greim airs ann as fhear don duthaich air fad.


Eachdraidh Beatha Chriosd.

Than leabhar so, a tha air ur chur a mach, a tighinn o laimh an Urr. Iain Mac Ruairidhsan Eilean Sgiathanach. Than eachdraidh air a toirt gu h-iomlan ann an briathran a Bhiobuill air an taghadh as na ceithir soisgeil. Tha gach ni air am beil na soisgealaichean a toirt iomradh air an innse gu simplidh, soilleir o bhreith gu bas Chriosd. Neach sam bith a leubhas an leabhar so o thoiseach gu deireadh, bidh e nas fiosraiche mu ghniomharan an t-Slanuighear, agus mun ordugh anns an robh egan cur an gniomh, na bha e riamh roimhe. Than leabhar air a dheagh chlo-bhualadh agus air a chur ann an comhdach math. Tha e air a chur a mach leArchibald Sinclair, 10 Bothwell Street, Glasgow, Scotland.Gheibhear e leis a phosta air son tri tasddain us tri sgillinn.

Tha sinn a faicinnsaPresbyterian Witnessgu bheil cothional Mhira an deigh a chuid mu dheireadh de na seann fhiachan a bhaig an Dotair Mac Leoid orra a phaigheadh. Bha mile dolar de na fiachan so air a cho-thional o chionn aireamh bhliadhnachan, agus tha e nis air a phaigheadh uile. Tha muinntir Mhira rim moladh air son an tapachd, agus air son an dilseachd den neach a shaoithrich nam measg cho fada, ’sa tha nise air a leagail sios le tinneass le seann aois.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gum Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[125]

[Vol . 2. No. 17. p. 5]

Litir as an Eilean Sgiathanach.

Fhir mo chridhe, —Mar a tha fios aig na seana Ghaidheil air gach taobh dhen chuan, tha atharrachadh mor air tighinn air beachdan agus air cleachdaidhean an t-sluaigh o chionn leith cheud bliadhna. Tha am fearas-chuideachdbu ghnath a bhith aig na Gaidheilsan am a dhfhalbh a nis air a leigeadh a cleachdadh gu beag-ni, agus tha doighean ura aca mar is trice air a bhithcur seachad na h-uine. Chaneil midol a radh aig an am so gum bu choir do na Gaidheil cul a chur gu buileach ris an fhearas-chuideachd a tha air eirighnam measg o chionn bhliadhnachan, ach is i mo bharail nach bu choir dhaibh na seann doighean a leigeil air dichuimhn idir. Tha cuimhne mhath agamsa air an doigh anns am biomaid acaitheamn nan oidhcheannan fada geamhraidh o chionn da fhichead bliadhna. An uair a gheibheamaid am fodar deante rachamaid air cheilidh do thaigh an taillear, no do thaigh aghreusaiche, far am biodh, mar bu trice, comhlan math cruinn. Nam biodh fear dhe na bhiodh air cheilidh gu math gu gabhail sgeulachd, bheirteadh air toiseachadh ri sgeulachd a ghabhail, agus neo-ar-thaing nach suidheamaid gu socrach, samhachga eisdeachd gus am biodh e dluth air amheadhon oidhche. Bhiodh sgeulachdan de gach saorsa air an aithris. Am fear aig nach biodh sgeulachdan air an Fheinn bhiodh sgeulachdan aige air gach treubhantas a bhiodh na Gaidheil adeanamhs an am a dhfhalbh. Agus am fear aig nach biodh sgeulachd bhiodh sean-fhacail, no tomhaiseachain aige. Air an doigh so bha morair de sgeulachdan, de shean-fhacail, agus de thomhaiseachain air an cumail air chuimhe. Ach on a bha na sgeulachdan mar bu trice gu math fada, cha bhiodh e cho furasda an cumail chuimhne. Tha moran dhe na sean-fhacail air chuimhne fhathast, nar measg-ne anns aGhaidhealtachd. Rinn an Siorram Mac Neacail nach maireann feum mor an uair a chuir e mach leabhar shean-fhacal o chionn aireamh bhliadhnachan. Ged nach dfhuair an leabhar luachmhor so faighneachd anns amhargadh cho maths a shaoileamaid a gheibheadh e, cumaidh e moran shean-fhacal air chuimhne, a bha air thuar a bhith gu buileach, glan air an leigeadh air dichuimhne. Tha aireamh mhor de dheadh shean-fhacail am measg an t-sluaigh air feadh na Gaidhealtachd nach deachaidh a sgriobhadh riamh fhathast. Chaneil teagamh agam nacheil moran de dheadh shean-fhacail am measg nan Gaidheal ann an America mar an ceudna. Nach bu ghasda an cur seachad uine dhaibh anns na h-oidhcheannan fada geamhraidh a bhith gu curamach asgriobhadh gach sean-fhacal agusg an cur a dhionnsuidh aMHIC TALLA far am biodh iad air an leughadh agus air an cumail air chuimhne leis na ceudan de Ghaidheil air feadh an t-saoghail gu leir? Gun fhios nach bu mhath le cuid fios fhaotainn air an doigh as fhearr air an teid aig daoine air na sean-fhacail a chuala iad a chionn fada a thoirt a dhionnsuidh an cuimhne, faodaidh mi an doigh a bhaig Gaidheal air am bheil mi ro eolach innseadh dhaibh. An uair a thoisich an duine so ri cruinneachadh nan sean-fhacal, becheud ni a rinn e h-uile aon a bhair chuimhne aige fhein a chur sios air paipear. Thug en aire gu robh moran shean-fhacal air an labhairt mu thimchioll nan ainmhidhean. Mar dhearbhadh air so gabhamaid cu is cat is cearc: “Is fhearr don chu a dhfhalbhas no don chu a dhfhuiricheas.” “Is olc an cu aig nach bi lan a bheoil de dhranndan.” “Ge math an cu cam cha fhreagair e thalls abhos.” “Ge be bhuaileadh mo chu bhuaileadh e mi fhein.” “Taigh gun chu gun chat gun leanabh beag, taigh gun ghin gun ghean gun cheol-gaire.” “Cu beag is earball mor air.” “Ged a bhiodh an cu ruadh bhiodh a chraicionn geal.” “Cha mhisde aghealach na eoin a bhith comhartaich rithe.” “Is iomadh doigh air cu a mharbhadh gun a thachdadh le im.” “A h-uile cu air achu choimheach.” “Biodh cu agad ach na beathaich cuilean.” “Mirechuilein ris an aois.” “Cu gun mhaighstir” &c .

Is fheairrd an cal an cat a chur ann.” Miann achaitsan traighs cha toir e fhein as e.” Am fear a bhiosna thamh cuiridh e na caitsan teine.” “Tha e cho breugachsa than cat cho bradach.” “Fois cait an griasaich.” “Suil cait air siaman.” “Mac achait dom bu dual aluch a mharbhadh.” “Ciod sam bith ni a chi nochluinn thu cum an cat mun cuairt.” Leig e an cat as aphoca.” “Cho ruidhinn ris achat.” &c .

Modh na circe gabhail alla rithe.” “Cha be a reiceadh achearcsan la fhliuch.” “Cridhe na circe ann an gob na h-airc.” “Is beag orm an rud nach toigh leam, eireagan adolnan coilich.” “Is math abhliadhna ni am madadh-ruadh searmon do na cearcan.” &c .

Dhfhaodainn leantuinn air an obair so nis fhaide na rinn mi, ach leigidh so fhein ris dhuinn uile cho furasdas a tha e sean-fhacail a chruinneachadh ma ghabhas daoine an doigh cheart gu sin a dheanamh.

Is e fior bheagan dhe na tomhaiseachain a tha air chuimhne am measg an t-sluaigh an diugh an coimeas ris na chuala mise an uair a bha mi og. Thugadh oidhirp ann an duilleagan a Ghaidheil o chionn fhichead bliadhna air cuid dhiubh a chruinneachadh, ach is e fior bheagan a chaidh a chlodh-bhualadh dhiubh. Tha aireamh mhath dhiubh fhathast air chuimhne, agus chaneil teagamh sam bith nacheil iomadh a h-aon ann an Canada aig am bheil cuimhne air fear is fear dhiubh. Bu choir dhaibh an sgriobhadh agus an cur thun aMHIC-TALLA. Nan deanadh iad so bhiodh gach neach aig am bheil meas air seann litreachas nan Gaidheal anabarrach fadanan comain. Tha moran teagaisg agus gliocais airfhilleadh a steach araon anns na sean-fhacail agus anns na tomhaiseachain. A dhaindeoin cho moiteils gu bheil daoine an lathan diugh as an cuid gliocais agus foghluim, cha teid aca air briathran cho glics cho geurchuiseach a chur an altaibh a cheile ris na briathran a thagainn anns na sean fhacail agus anns na tomhaiseachain. Dhfheuch mi ris gach tomhaiseachan air am bheil cuimhne agam a chur dionnsuidh. Tha min duil gur e coig deug ar fhichead a tha mi cur ugad, len cuid fhreagairtean. Is e bhithgeurachadh na h-inntinn am feum sonraichte a thanns na tomhaiseachain, agus ma chuireas tu ann an clodh iad cha toir thu na freagairtean do dluchd-leughaidh gu ceann na seachduin air achuid as luaithe. Tha eagal orm gu bheil an litir so tuilleadh is fada mar tha, agus mar sin chan abair mi an corr an drasta. Ma bhios mi beo agus air chomas sgriobhadh, cluinnidh tu uam an uine gum bhith fada. A la a chis nach fhaic. Is mi do charaid.

IAIN.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.



[126]

[Vol . 2. No. 17. p. 6]

Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. IV. —Air a Leantuinn.

Air don dithis ghillean an cladach a ruigheachd, leum iad le gairdeachas; ged thug iad fainear mirein de longibhriseadh agus cnamhan dhaoine marbh air an traigh. Ghluais Tomas air faontradh air feadh nan creagan air a chladach, ach dhinntrinn Peadar an fridhe chum an cnoc a dhireadh.

Bha e air fuadan a thiort, agus cha bfhiosrach o co dhuibh bha e dol air adhart no air ais; gidheadh a smuaineachadh gum be luas adhartachd, ruith e gus na bhuail e ri craobh mharbh agus na shil an fhuil sios air aodan.

Cha chualas torman a chuain nis mo; ni mo cha robh e na chomas beachdachadh air a ghrein.

Bha eoin creich ag iadhadh timchioll air, thuislich e mar duine air mhisg, gus fadheoidh na thuit e sios air badan dris. Chaidil e, agus bhruadair e gun drainig e mullach Gloir Dhiomhain.

Fadheoidh dhuisg e chum bhi cluinntinn gaire, agus a beachdachadh air gnuis shubhach maighdean, sgeadaichte ann a sgeimh ghliongarsaich agus aodach mar a ghealach. Bha i caitheamh slabhraidhean, lamh-fhailean, mutanan, fainneachan, seudan cleoca agus currachd; ghluais i le amhaich sinte mach agus suilean mi-gheimnidh.

Dheirich Peadar air a chasan mar gum bitheadh e fathasd a bruadar; ghairm e gu h-athaiseach ga chuimhne ciod a thachair, agus dh-fheoraich den ribhinn co i.

Fhreagair ise; “ ’Se so Eilean mathairs aithne dhuinne e fon ainm an t-Eilean Sgiamhach.”

Dhamhairc e mun cuairt air agus thubhairt eAch caite bheil an fhairge?” Fhreagair ise mhainCeadaich do thabhairt dhionnsuidh Tigh mathair agus do chreuchdan a shlanachadh.” Lean e i, agus le mor bhrosgal thug i air gach ni muSgeul a Mhor Aoibhneisa dhi-chuimhneachadh ga threorach mar dhamh chum a chasgradh.

(Ri Leantuinn.)


Bha Domhnull Ban us Iain Donnnan cairdean gle mhor aig a cheile, ach aon latha mhi-chord iad mu ni eiginn, agus throid iad gu salach. Bha beagan fhacail Bheurla an ceann Iain, agus nuair a theirig a Ghailig dha, rinn em feum a bfhearr a burrainn dha dhiubh. Chuir so Domhnull na thamh ann am mionaid. Air dha bhig innse do charaide mar bha eatorra, thuirt e, “Chan abradh e facal rium mu dheireadh ach liar! liar!! agus tha mi cinnteach nach robh sion an sin ach gu robh mi briagach.”


DUANAG.

Tha oidhche na samhn
A tarruinn oirnn teann,
S tha misam measg Ghall a tamh;
Be maighearbhi dluth
Do chomunn mo ruin
A baithne dhomhn tus mo la.

Cha chluinn mi aon la
Ga labhirtsan ait s
Ach Beurla neo-fhaileach, fhuar,
S a bharail an ceann
Gach duine gu teann
Gur h-i an aon chainnt do shluagh.

Nam bidhinn-san drasd
Le Aonghus mo ghraidh
Bhiodh aginnsa Ghailig bhinn
Gach naidheachd is sgeul,
A baite na cheil
S bu sholasach, reidh bhiodh sinn.

Bhiodh othailn ar ceann
Ri oidhche na samhn
S cha be bhi ri call ar miann;
Gum bfhearr leinn bhig ol
Na fuaraig mun bhord,
S ag itheadh nan cno gu dian.

1857.


CumMinard ’s Linimentsan tigh.


Glanidh agus neartichidh
K. D. C
an stamag gun milleadh no lagachadh sam bith a dheamh.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa tha san duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e? Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI, - - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR.



[127]

[Vol . 2. No. 17. p. 7]

PRIOMH SHIUAGH NA H-ALBA.

LE AONGHAS MAC COINNICH.

Chan fhaod teagamh sam bith a bhi a thaobh na h-aidmheil a bha aig seann luchd-aiteachaidh nan eileanan Breatunnach. Bin aidmheil Dhruidheach a bha na Ceiltich Phaganach uile aleantuinn anns gach aite den Roinn-Eorpas an robh iad, araon air tir-mors anns na h-eileinibh. Agus bi sin an aidmheil a bha acaan Alba mun do sgaoil an creidimh Criosduidh ann. Tha cuid de luchd-eachdraidh ag radh gun robh na Druidhich air an roinnn an tri orduighibh; an ceud ordugh, na sagarta; an dara ordugh na feallsanaich, no daoine glice; an treas ordugh na Barda. Achs es coslaiche, ged a bha aitaig an da ordugh so mu dheireadhn am measg, gum biad na sagarta a mhain na Druidhich, an lan sheadh an ainme. Chan urrainnear dad a radh le cinnteas mu thimchioll theagasgan nan Druidheach air son an aobhair so, nach do chuireadh focal diubhan sgriobhadh riamh. Cosmhuil ris na cinnich iodhal-aorach uile a bhabonntachadh an aidmheil air sgeulachdaibh a dhealbhadh gu h-innleachdach, bha iad acumail an teagasgan co diomhairsa ghabhadh deanamh. Chan fheudadh neach air bith dad fhaotainn a mach mun timchioll ach ordugh nan sagartaibh og, a dhfheumach aireamh bhliadhnachan a thoirt air clo bhualadh air an cuimhne na dreabhlainn ud nach feudadh iad a chomh-pairteachadh ri neach sam bith nach biodh dhethn ordugh fein. Ach ged nacheil dad sgriobhta mu an teagasgan, tha nis leoir sgriobhta mun gniomharaibh om feudar an teagasgan a bhreithneachadh. Bhan aidmheil a bha aig cinnich fhiata an t-saoghail, ’na h-aidmheil fhuiltich, ain-tighearnail. Bhiodh iad ag iobradh dhaoinair an altairibh dan diathaibh breige. Bhiodh iad adeanamh fiosachd on doigh an sruthadh an fhuil as an lot an deigh an sgian a chur ann, agus on chradh-chrith a bhiodh a tighinn air an neach a lotadh gus am basaicheadh e. Mar bu trice, ged nach bann a ghnath, ’s ann ri ciontaich, a bha reir an laghair an diteadh gu bas, a bhiodh iad abuntainn mar so. Cha robh teampuill idir acair son aoraidh. Bha aghne aoraidh a bhacas an deas-ghnathaidhean air am frithealadhs an achadh fhosgailte. Ach bhiodh aitean sonauichtacair son aoraidh, anns an robh buailtean air an deanamh de chlachaibh morair an cur nan seasamhs an talamh. Bha cuid diubh sin bu mho na cheiles tha aireamh mor dhiubh gus an diugh, faisg air a bhi co slans a bha iad riamh, air feadh eileanaibhus tir-mor na Gaeltachd. Mar bu trices ann a measg nan craobhan daraich a bhiodh an doireachan, far am faighteadh craobhan daraich. Bhachraobh dharaichna h-aon den cuspairean aoraidh. Bha mor ughdarras aig na sagartaibh thairis air an t-sluagh anns gach treubh fa leth. Biad na sagrata, araon luchd-deanamhs luchd-frithealaidh an lagha. Cha bhiodh e tearuinte do dhuine sam bith, ard no iosal, cur an aghaidh am focail no an reachdsan. Nan iomsgaradh iad duine o an comunn, bu co maith dha bhi marbh feins a bhi beo. Biad na sagarta mar an ceudna luchd-reiteachaidh ghnothuichean eadar na treubhan fa leths na rioghachdanan deigh cogaidh. Bhiodh an t-aite na an dreuchd a burramaiche aca measg gach treibh no duthaichs an robh iad. Bha iad ag aoradh do ard-dhia, riaghlair an t-saoghail. Fon aimn Bel bha iad ag aoradh don ghrein, a bhana dia iocshlaint aca, a chionn gur h-ann le teas na greine a tha na luibhean afas. Bha dia cogaidh aca, ’s dia malairt, ’us dia deasbhriathrachdus bardachd. Tha e coslach gur h-anns an aird an ear a dheirich aghne aidmheil so an toiseach; oir tha luchd-eachdraidh ag innseadh gur h-em focal Greugach, Drus, a thaciallachadh, craobh-dharaich, freum na ainme, Drui no Druidh. Anns an Uilioc bha iad afaicinn samhladh neo-bhasmhoireachdbhiodh ise fa bhlath an uair a bhiodh nadur gu h-iomlan seargta, agus a thaobh coslais marbh. Cha ghearradh iad uair sam bith i ach air an t-seathamh la de aois na gealaich. Sgathadh aon sagartan trusgan geal on chraoibh i le coran oir, ’s bhiodh sagartan eile acumail brat geal gus a glacadh co luthsa thuiteadh i, oir bha iad asmuaineachadh nam buineadh i idir don talamh gun cailleadh ifeartan. Bha mar an ceudna an ais-innleachd ris an abrar an sgoil-dubhn am measg; ’s chaneil teagamh air bith nach robh iadga chleachdadh cuideachd. ’S ann a chionn gur ann acasan a thoisich e, ’s gur iad bu trice a bhag a chleachdadh, a theirear druidheachd risn ar canain-ne, ’s e sin cleasachd nan Druidhean. Feudaidh e bhi gun do ghabh iad aon leasan on diadhachd fhirinnich dheth an drinn iad am feum fein, le bhiteagasg don t-sluagh gur sithus sonas a gheibheadh iadan deigh am bais. ’S an aimsir is ro shine re na Linn Chloiche bha treun-laoich achath air an adhlacadh len innealaibh cogaidh san, aciallachadh gun robh iad gu bhicogadhs asealgaireachdan saoghal nan spiorad, mar an so. Ach an deigh sin, re na Linn Phrais, thainig iad gu bhig an adhlacadh len armaibh air am briseadh aciallachadh gun robh iad gu fois a ghabhail tuilleadh. Ach chan urrainn a bhi againn ach barail co dhiubh is iad na sagarta Druidheach a thug gus an atharrachadh borchd so iad no nach iad, a chionn gu bheil eachdraidh na tosd air aphuin e.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glainne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhnidh na cleirich Gailig.



[128]

[Vol . 2. No. 17. p. 8]

AM FONN.

FONN— “An nochd gur faoin mo chadal dhomh.

O! sid am fonn a chuala mi
An uair a bha mi og,
Min cluain ri uchd mo mhathar,
Is mo chridhesnamhna ceol;
S nuair chuala mi a rithist e,
Aig nighinn ghil nam bo,
Gun thalaidh i mo chridhe leis,
Smi mireagaich mun chro!

Bu tric, o sin, ’ga chlaistinn mi
Mu eadradh, ard-thra noin,
S mi beadradh, air an airidh,
Ri mo Mhairi aillidh, oig;
No feadh nan glacag faileanta
S an tarladh dhuinn, gun gho,
Bhi coinneachadh, gu manranach,
Fo sgailean choill nan cno.

Ach beiginn domhsan airidh
Agus Mairi chur air chul,
Is siubhal fad on aite sin
S an robh mo ghradh is muigh,
A sheasamh, anns na blair,
An aghaidh namhaidean ar duch’ :—
S an latha dhfhag mim Braighe
Righ! bu chraiteach maigne bruit’!

O! sid am fonn a chula mi,
S a chuaileinich mu mchridh
As tric a dhuisg dhomh sealladh
Air mo leannan, ’s air mo thir;
An uair a bhithinn, airtealach,
Nam chairtealan, le sgios,
Gun taislicheadh e manam
Nuair a chanainn e leam fhin!

Ach thog am fonn an trasa dhomh
Fath canrain agus broin;
Oir dhuisg e iomhaigh Mairi
Is mo mhathar, ’s iad fon fhoid
Gach caochladh agus sarach
Thainig air na Gaidheil choir,
O n ams na bhuail an dan ud mi
Le gradh, ’nuair bha mi og!

EAGAR.


SEARMONAN GAILIG. —Shearmonaich an t-Urr. Mr. Sinclair a Toronto, searmon Gailig ann an Orillia, Ont., air a cheathramh latha deug dhen mhios so. Bhan latha gu math stoirmeil, ach ged a bha, chruinnich aireamh mhath a dheisdeachd, moran dhiubh a thainig astar fada. Tha e taitneach a bhi faicinn an tlachd a thaig na h-uiread de na Gaidhil de chainnt an aithrichean. —Orillia Packet.

Shearmonaich Dr. Mac Aoidh, ann an Gaidhlig, ann an Toronto air an t-sabaid mu dheireadh, agus bithidh searmon Gaidhlig eile air a toirt air an ath shabaids an aite cheudna leis an Urramach Mr. Iain Ceanadidh, bhon Eilean Arrain. Tha duil ri coithional mor, —North American Scottsman.

Tha Mr. D. A, Bruce, Charlottetown, E. P. I., air chuairt an Ceap Breatuinn air an t-seachdain so. Tha stor taillearachd aige ann an Charlottetown, agus tha e deanamh moran oibreach, chan ann a mhain an Eilean a Phriunnsa ach an Nobha Scotias an aitean eile. Tha en drasda feuchainn ri chur an ceill do dhaoinen taobh so gu n dean e obair moran nas fearr s nas saoire na ni na taillearan aca fhein, agus tha aireamh mhathga chreidsinn.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.

A h-uile seorsa Bhrogan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 17
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 17. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page