[129]

[Vol . 2. No. 18. p. 1]

Mac-Talla.

An ni nach cluinn mi an diugh chan aithris mi maireach.”

VOL. II. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 4, 1893. No. 18.


Dr. G. T. Mac Gilleain,
DOTAIR FHIACAL,
SIDNI - - - C. B.


SIOSAL & CROWE,
Fir-Tagridh, Comharlichean
Notairean, &c .
SIDNI, C. B.
CAILEAN SIOSAL. W. CROWE.


Mac Gillies & Mac Eachuin,
Comhairlichean agus Fir-Tagraidh aig Lagh,
Sidni & St. Peters, C. B.
Ioseph A. Mac Gillies. A. J. G. Mac Eachuin.


HEARN & HEARN,
Fir-Tagraidh, Notairean, &c ., &c .,
SIDNI & ARICHAT.
J . H. HEARN. D. A. HEARN.


D. A. Mac Fhionghain,
Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc.
Baile-Sheorais, Eillean PhrionnsIomhair.


NAIGHECHDAN NA SEACHDAIN.

Rinn Canada gle mhath aig Feill an t-Saoghail. Thug a cuid caisesa cuid ime mach moran dhuaisean, agus a nise tha na cearcan a cosnadh an cuid fhen dhiubh.

Chaidh duine dan ainm Iain Conroy, a mhuinntir New Brunswick a chur don tigh-oibreach air son crodh us eich a choimhearsnaich a phainnseanachadh. Tha e gu bhi ann ceithir bliadhna deug.

Tha muinntir Ontaria, air la na bliadhnuire so tighinn a dol a thoirt dhuinn am barail air an deoch laidir, co dhiu is coir i bhi air a reic mar ni sam bith eile, no air a bacail air fad. Tha dochas mor aig cairdean na stuamachd gun teid an latha leotha.

Cha robh ach aon mhulchag chaise a Ceap Breatuinn ri faicinn aig feill an t-saoghail ann an Chicago, agus bha i sin a factoridh chaise Mhabou. Cha robh ach aon mhulchag a Nova Scotia na bfhearr na i, ged a bha aireamh mhath ann dhiubh.

Di-sathanne sa chaidh, chaidh Carter Harrison, Mayor Chicago a mhoirt le duine caothaich dan do dhuilt e oifig. Thainig e dhionnsaidh an taighe aige, chaidh e stigh, agus chuir e tri peilearan ann. Bha Harrison marbh an ceann fichead mionaid.

Ranig soitheach-smuid San Francisco an la roimhe, agus bha aice air bord seachd duine deug a tilleadh as na meinnean oir an Alaska, aig an robh air an siubhal tri fichead mile dolarsa deich denstuth phriseil sin. Chladhaich iad an uiread sin leotha fhein ann am bliadhna.

Dheug Ioseph Peutan, duinog a mhuinntir Leitches Creek, ann an Sidni-a- Tuath oidhche Di-haoine air an t-seachdain sa chaidh. Bha e o chionn fhada tinn le tinneas-a- chridhe, ach bha e aig obair Di-haoine agus chuir e seachad am faasgar gun ghearain gu robh ni sam bith cearr air, ’s ghabh e mu thamh mun am a babhaist da. An ath mhaduinn fhuaireadh marbhsan leaba e. Bha e na ghille ciuin stuama ris nach robh dad dona ri radh.

Ged do bhruicheadh tu na clachan ann an im, bhiodh iad cho cruaidh sa bha iad riamh. Air a cheart doigh, ged a bhiodh droch dhaoine air an cuartachadh le saoibhreas agus urram, bhiodh iad fhein cho cruaidh-chridheach sa bha iad riamh.

Thug cleireach an aon de bhuithena Montreal lamh air botull de dholla truisg an la roimhe, agus dhol e lan a bheoil dheth. Cha do chord am blas ris, agus dhol e deur beag a botull eile gun suil a thoirt air den stuth a bhann. Thachair gur e bhann puinnsean gabhaidh, dhfhas e tinn agus an ceann da uair bha e marbh.

O chionn beagan uine bhrist duine ann an Port Dalhousie, Ontario, a stigh do thigh agus bha roimhe a reir gach coltais, rud sam bith a thigeadh na rathad a ghoid leis. Thug am fear a bha stigh fa-near dha a tighinn troimhn uinneig, loisg e air, ’s mharbh e a [ ? ] . Thug e e-fhein suas don lagh, ach an deigh an cas a rannsachadhsa reusanachadh a mach, thug an luchd-lagha saor e.

O chionn treis a dhuine bha luchd-dreuchd an rathaid iaruinn aig Mulgrave a faotainn dragh mor le meairlich. Bha bocsaichean gu tric air am bristeadh, agus nithean air an toirt asda a bhacur call mor air an fheadhain dam buineadh iad. Air an t-seachdain sa chaidh rugadh air triuir dhaoine a dhaidich gu robh iad ciontach, agus chaidh an cur a stigh a dhfheitheamh air cuirt an ath shamhraidh.

Tha Clevelandsa phairtidh an deigh a chuid eile de luchd-deanamh-lagha nan Staitean a thoirt gu striochdadh, agus bidh nise gach cuis air a ceartachadh a thaobh cuinneadh an airgid. Nuair a theid gnothuichean a shocrachadh mar sin, chan eil teagamh nach tig cuisean gu bhi nas rianaile air feadh nan Staitean na tha iad. Bha moran boil us breislich am measg cheannaichean us luch-oibreachsan duthaich sin o thoiseach an t-samhraidh sa chaidh, agus bha chuid mhor den choire ri chur air na laghannan a bhair an deanamh a thaobh an airgid. Tha iad so a nis air an tort air falbh agus tha e na aobhar dochais gun teid gach ni na aite fhein, agus gum bi na Staitean an uine ghoirid cho soirbheachails cho pailt sa bha iad roimhe.



[130]

[Vol . 2. No. 18. p. 2]

SUIRIDH PHARUIG- ’IC-AN-TUAIRNEIR.

Tha Paruig Mac-an tuairneir aithnichte gu math cheana feadh na duthchas cha ruigear a leas moran a radh mu thiomchioll. Theagamh gur aithne dhuibh e moran nas fhearr na mi fhein; ach cha chreid mi nacheil miseolach air cuid da eachraidh air nacheil fhios aig a h-uile h-aon. Bha Paruig, mar is math is aithne dhuibh, na dhuine diuididh, athach fad a laithean, a rachadh a steach do na frogan roimh fhuaim gath ard na droch fhacail; agus bha en a ioghnadh do na tri sgireachdan aig am a phosaidh caiten do ghlac e a mhisneach Ciorstan-nic-aghlaisein iarraidh mar mhnaoidh; agus tha e na ioghnadh fhathast anns an aite don ghineal a rugadh bhuaith sin. Bithith sibh fadan am chomain, ma ta, ma dhinnseas mi dhuibh marthachair a chuisach air a chumhnant sonach feoraich sibh co dhinnis dhomh e. Cha robh aiteach Pharuig nas mo na s lugha na tha e an drasdair aon seisearach (ach sin eadar da sgeul.) An deireadh na bliadhna da fhichead thainig earchall air aon do na h-eich aige leis a ghalar-ghreadhainn. Bha e gle dhuilich mu dheidhinn so, araon airson luach an eich, air sgath a bheothaich fhein agus an dragh a bhitheadh aige fear eile fhaighinn a lionadhaite. Thachair dhabhig innseadh don ghobhainn mar a dheirich dha. A, dhuine soarseasan bu choir dhuit dol a nunn do Bhail’ -an-fhuarain a dfhaicinn DhonnachaidhIc-a- ghlaisean mun lair bhig ghlais aige. Bha e direach ag radh rium a la roimhe gun robh i tuilles aotram air son na h-oibre aige-san; agus gun robh e a smaointeach a creic. Tha ina beothach faicilleach, smiorail agus bhitheadh i anabarach freagarach dhiutse. Tha mi fhein a dol ceum an rathad an deigh mheadhon latha, agus mas math-leat theid mi a-stigh anns an dol seachad, agus innsidh mi gu bheil thu tighinn a nios agus ciod air son.” “Gu dearbh, Chaluim,” arsa Paruig, “bithidh mi fuathasach toilichte ma ni thu sin air mo shon. Bha mi smaointeachadh timchioll abheothaich sin mi fhein; ach a thaobh na coimhearsnaich a bhi gun stad a tilgeil Ciorstan a nighean ormged nach dthubhairt mise riabh nas mo nala mathanns an dol seachad. Naile! dheanainn ruds am bith mum faiceadh iad mi dol do Bhail’ -an-fhuarain nas lugha na bhiths leisgeul sonnruichte agam.” Tha an gobhainnna dhuine pratach, abhachdach mar is aithne dhuibh uile, agus deur barail, ’nuair a chaidh e do Bhail-an-fhuarain agus gun do dhinnis do Dhonnachadh gun do chuir Paruig Mac-an-tuairnear e suas a dh-aon obair a dhinnseadh dha gun robh e tighinn anns an anamoch a dhiarradh Ciorstan air mar mhnaoidh; agus gurobh aige gu bhi smaointeachadh air a chuis eadar an da am agus freagradh cinnteach a thoirt dhanuair tigeadh e. Chaidh an gobhainn fhailteachadh gu cridheil, caoimhneil; dhiarradh a thighinn-a- stigh agus fuireach gu thrath-feasgair; agus bha a h-uile urram air a thoirt do gach facal a thubhairt e, gach ceisd a chuir e agus gach barail a thug e.

Tha Paruig Mac-an-tuairnearn a ghille coir grunndailarsan seann tuathanach, aguss e bheatha gu laimh mo nighinn las am bith anns an t-seachduin. Thigeadh e air aghart, a Chaluim, gun chuireadh, gun iarraidh air a ghnothach air a bheil aire. Ged a bhitheadh agam ceud nighean, gun ghuth air nacheil agam ach an t-aon, chan iarrainn a dhaon dhiubh posadh na bfhearr na Paruig Mac Dhonnachaidh Mhic-an-tuairnear, —mac an deagh athar.” ’Nuair a bham feasgar dorcha gu leoir chuir Paruig a bhreacan ma ghuaillibh agus chaidh e suas taobh na callaide rathad Bhail’ -an-fhuairain. Air bualadh dha aig an doras chaidh a bheatha dheanamh le bean an-taighe agus bha e air a stiuireadh gu modhail a staigh dan t-sheomar-shuidhe far an robh fear-am-taighe garadh a ladhran ris an teine, sgeadaichtena dheise chaomhanta agus ann an gean math a feitheamh air a theachd. An deigh a bhi treis a cnacaireachd mun t-side, mu phrisean, galar a bhuntata, agus iomadh ni den leithid sin, thug Paruig os cionn buird an gnothach mun dthainig e le bhig radh. “Tha mi am beachd gun do dhinns an gobhainn dhuibh gu robh mi tighinn a nios an nochd, a Donnachaidh, agus debha mi tighinn ma dheidhinn.” “Gu dearbh dhinnis e sin ars an tuathanach, “an da chuid gun robh thu tighinn agus a ni mum robh thu tighinn ma dheighinn; agus so tha migrath gun do chuir bean an tighes mi fhein ar cinn ri cheile an deigh ar trath-feasgair agus tha sinn araon lan-thoilichte mun gnothach.” “Os math leam sinars Paruig, oir, a dhinnseadh nam firinn, bha suil agam oirre bho chionn treis air ais, agus bu ro-mhath leam a faotainn. Tha ina creutair boidheach, soitheamh; agus than gobhag radh gum bheil i math gu obair aig rudsan bith ris an cuirear i. “Bhon is leam fein i, a Pharuig, theagamh nach bu choir dhomh so a radharsan tuathanach, “ach tha i cho maths a tha i cho boidheach. Chaneil ann am maise ach blath a sheargas ri uine co-dhiu; agus tha mi toilichte nach ann airson a boichead a mhain a tha thug a sireadh ach gu bheil thu cuir an urram as airde air a deagh bh[ ? ] . Thubhairt thu gu sonnraicte gu robh i na deagh orbriche agus tha miseg a dhearbhadh; bha ina cuideachadh agus bha comhfhurtachd dhomhsa ann an sin. Tha in siod, ’s chan fheum in ath-iarraidh nis am bith a bha dhith orm a dheanamh.


Adan! Boineidean!

THA
Mairi A. Nic Fhionghain
air a bhliadnha so a cumail stor ri taobh naCounty Hallagus tha i deiseil gu bhi feitheamh air aon sam bith a thag iarridh.

AD NO BOINEID,
RIBINNEAN,
FLURICHEAN,
ITEAN NO GEUGAN

no ni sam bith eile as o gnath leis na mhathan a bhi cur man cinn. Tha moran de nithean eile aice nach gabh ainmeachadh an so. Thig thusa agus
FICADHUIT FEIN


BATHAR SAOR

air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichean dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodicnean-uachdar, &c ., ’s iad uile gle shaor.

ADAN FODAIR

beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c ., air leth pris.

BATHAR UR

air tighinn agus a tighinn. Pailteas do gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn.

C . S. JOST, & Co.
Sidni, Iun 1, 1893.



[131]

[Vol . 2. No. 18. p. 3]

Bithidh sinnga h ionndrainn gu goirt, ach—” “Tha mi saointeachadh gu bheil i slan, fallain, gun mheangarsa Paruig, “cha n eil i sean co-dhiu; tha cuimhnagam gu math nuair a fhuair sibh i, agus—” “Tha e fior gu bheil i og nas leoirachs e sin coirrebhios daonnan a leasachadh,” thubhairt an tuathanach mar gum bitheadh e bruidhinn ris fein,” ach chan ann a h-uile lathig Paruig Mac-an-tuairneir air a toir.” Bha samhchair ann eatorra car tacain am feadh a bha Paruig a tionndadh a bhoineid bho ghlun gu glun: ach ma dheireadh, gun e thogail a chinn thubhairt e, “agus cia meud a bhios sibh a sireadh oirre Dhonnachaidh?” A sireadh oirre! a ghaoil a Mhaithis, a Pharuig, na cluinneam facal air a leithid sin idir! —ged a fheumas mi aideachadh gu bheil tuilleadh barail agam ort nacheil thu diultadh a ceannach direach mar a rinn Iacob roimhe so Rachel. Tha e leigeil fhaicinn dhomh gu bheil i a dhith ort air a son fhein a mhain. An aite bhig iarraidh airgid air a son rinn sinn suas ar n-inntinn rud-eigin a thoirt leatha, agus rud-eigin is fhiach an t-saothair, ged nach abair sinn an nochd gu de bhios ann.”

Air cluinntinn so dheirich Paruign a sheasamh air a chasan agus dhfhosgail e a shuilean le iongatas air fiughantachd a chairid, agus sin na bu mhogun robh e modhachail air nach burrainn da a thairgse a ghabhail. Mar bu dual dha bho athair tha spiorad na neo-eismeileachd ann nach leigeadh leis a bhin eismeil duine beo am faodadh a leasachadh; agus fhreagair e mar so, “Dhonnachaidh-Mhic a-ghlaisein, tha mis air bheag bhriathraibh ach seasaidh mi ris na their me. Tha do thairgse tuilles riasanta agus chan urrain dhomh ghabhail. Cha duinaig a bheil moran saibhris mi ach, bheir mi ann do laimh £20 air a son; agus chan iarr mi leatha, ’s cha ghabh mi leatha ach seann bhrangas ma ceann ga toirt air leathad thun an rathaid mhoir.” “Dean suidhe, Pharuig, dean suidhe, a dhuine, ’s leig leinn cur a mach air a cheile ma tochradh. Ach tha do bhriathran a cur ioghnadh orm. Car son brongas?” “Car son tochradh?” dhfhaodadh Paruig fhoighneachd, ach cha thubhairt e diog; dhfhairich e fhein troimh cheile. An deigh tacain thainig e ga ionnsaidh fein agus thubhairt e. “Dhfhaodamaid solus fhaotainns a dhol don stabull ga faicinn agus theagamh gun tig sinn gu cordadh an deigh sin.” Cha ruigear a leas dol an sin, a Pharuig; tha i gu h-ard an staidhir.” “ ’S neonach an t-aite sin a ghleidheadh na laire glaisesmaointich Paruig, ach mun robh uinaige facal a radh chaidh an tuathanach gus an dorus agus ghlaodh i.” ’Chiorstain, a Chiorstain, trothad a so.” Thainig Clorstan a-stigh mar gun robh faraires an tigh agus i fo rudha gruaidh bho chlar a h-aodainn gus a smig. “So agad Paruig Mac-an-tuairneararsa h-athair, “agus is docha leam gun do dhinnis do mathair dhuit de thag a thoirt an so—” Dhfhairich Paruig a chridhe maothachadh an taobh a stigh dheth agus mulcna mhuineil cho mor ri dha dhorn— “ged nach robh sibh riamh ri suiridhe baithne dhuibh a cheile a h-uile la dur beatha agus ler deagh cheill ni sibh caraid freagarach da cheile, tha mi creidsinn. Tha Paruig ag radh gu bheil easan fior-thoilichte dfhaotainn, a Chiorstan. Bheil thusa toileach mar an ceudna? Fhreagair i gu foill. “Thaanns an osna bu chaomhaile, nach mor nach do chuir Paruign a bhreisleach. Thainig fuaimn a eanchainn mar gum bitheadh nead seillean ann, thionndaidh a shuileann a cheann, thuit a chean-naodach as a mheoir agus sheas e mar sin fad choig minaidean cho neo-ghluasadach ri bean Lotnuair a dhfhas i na carraig shalainn. Des am bith a bharail a bhaige, gu brath chan fhaighear a mach, achse so na thubhairt e, agus bfhearr leam gun cluinneadh sibh e. “Gu dearbh a chairdean, ’s i so a mhearrachd as sona leam a thachair dhomh uile lathain mo bheatha. Thainig min so an cinnseal na lair ghlais a cheanneach, ach na h-aite fhuair me an nighean. Ach, ma tha sibhse toilichte, ’s amhuil tha mise.”

Bheir sibh fainear gu bheil am mac as sine aig Paruig air ainmeachadh air a ghobhainn.

V.


LeighisMINARD ’S LINIMENTdruim ghoirt orm sa.
An t-URR. UILLEAM BROWN.

LeighisMINARD ’S LINIMENTgreim cluaise ormsa.
MRS . S. KANLBACK.

Leighis leMINARD ’S LINIMENTdroch sgamhan ormsa.
MRS . S. MASTERS.

Chann eil iuchair ann as fhear a dhfhosglas cuid de ghlasan na iuchair airgid. Ach an dorus nach gabh fosgladh ach le iuchair airgid, feumaidh gu bheil ni eiginn cearr air a ghlais aige.

Than t-Urr. M. P. Freeman, Gasperaux, N. S., ag radh: —An deigh K. D. C. a chleachdadh beagan uine tha mi dhen bharail gur leigheas math e. Mholainn dhaibh-san aig a bheil droch stamag a ghabhail.

Rugadh gille ann an Kentucky an la roimhe, gille boidheach, lurach, aig a bheil athair a tha tri fichead bliadhnasa dha dheug a dhaois, agus mathair a tha tri ficheadsa h-ochd. Thugadh Grover Cleveland mar ainn air. Tha braithrean aig an urra bheag so a tha nan seanairean o chionn aireamh bhliadhnachan.


Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig
UILLEAM W. DILLON,
SIDNI, C. B.

Bidh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach.

Sgathain agus gloine uinneag air a phris as isle.

Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidhs air an reic gu saor.


Comunn Long-Smuid a Chuain a Tuath.

Cha chosd e ach coig dolair bho Hawkesbury, atr Caolas Chanso, gu baile mor Bhoston, sna Staitean, air an Long-SmuidCarrolno air anWorcester,” a thaseoladh bho Hawkesbury a h-uile DI-HAOINE.

A. BAIN,
Fear-ionaid.


Taghail aig Stor
MATHESON , TOWNSED & CO. ,
agus faic na tha aca de
Bhathar de gach seorsa,
agus e ri reic gu saor.
Math ar Duthcha thanar beachd.



[132]

[Vol . 2. No. 18. p. 4]

MAC-TALLA.

A PHRIS BHLIADHNAIL - - - $1 .00

Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a thagabhail a phaipear a chur gu mor am meud air a bhliadhna so.

Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e bliadhna dhen MHAC-TALLA nasgidh.

Neach a chuireas thuginn sia dolar us sia ainmean, gheibh e leabhar NeillIc Leoid, “Claisach an Doire.”

Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig an America agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas.

Seolibhur litrichean gu
J . G. MacKINNON,
Mac-Talla,”
Sydney, C. B.


SIDNI, DI-SATHAIRNE, NOBHEMBER 4, 1893.

Tha eagal oirnn gu bheil cuid der cairdean gar di-chuimhneachadh. Tha moran diubh nach do phaigh air son a MHAC-TALLA fhathast. Tha sinn an dochas nach bi sin againn ri radh moran nas fhaide. Deanadh gach aon a dhleasanas fheins bidh gach ni ceart.

Tha e ro choltach gu bheil na h-Arabich a cur rompa cogadh cruaidh agus searbh a chur ri muinntir na Roinn-Eorpa. Tha iad fheins na Spainntich aig obair cheana agus chan eil fhios de fhadsa leanas iad mur cuir Breatuinns rioghachdan laidir eile an cinn cuideachd gus na h-Arabich a chumail fiodha. ’S iad so an sluagh a chaidh an ire mhath air an Roinn-Eorpa uile chur fodh’ ’n casan corr us mile bliadhna roimhe so, agus bha chuis a dol leotha gu math gus an dfhuair iad garg thilleadh o na Frangaich. Riamh uaithe sin tha iad a dol air ais, agus than cumhachd a dol nas lugha gach latha gus a bheil iad a nis air an aireamh am measg threubhan fiadhaich Africa us Asia.

Dheug Sir Iain Abbott ann am Montreal feasgar Di-luain sa chaidh. Bha e tinn uine fhada. Bha e na Phriomhair air Canada an deigh bas Shir Iain Domhnullaich, agus bhan obair cho trom airs an iomgain cho mors gun na bhrist air a shlainte cho donas gum bfheudar dha an onair a leigeil uaithe. Bha e on uair sin air falbhs an Fhraing, ’s anns an Eadailt, an dochas gun rachadh e na bfhearr le bhi air chuairt anns na duchannan blatha sin, ach cha bann mar sin a bha, agusnuair a thill esan t-samhradh sa chaidh bha fhios aige fheins aig muinntir eile nach robhuine fada. Bu duine a chuir moran de laithean seachad ann an tigh na parlamaid, agus a rinn moran oibreach ri latha fein. Rugadh e faisg air Quebecsa bhliadhna 1821, agus bha e mar sin tri fichead bliadhnasa dha dheug a dhaois. Rinn a Bhan-righ ridire dheth air a latha breith fein an uiridh.


Clanna nan Gaidheal an Guaillibh a Cheile,

Iadsan a phaigh am MAC-TALLA:

Domhnull Dewar, Laggan , Ont.
Iain MacIlle-mhoire, “ “
Tormod Mac Leoid, New Victoria, C. B.
Domhnull D. Mac Leoid, Framboise .
Raonul Domhnullach, Loch Side.
Alasdair Friseal, Dunbheagain, Ont.
Calum Dewar, do.
Iain Mac Coinnich, Nyanza , C. B.
Tormod Domhnullach, Addington , N. S.
Calum Buchanan, Bradalbane , E. P. I.
Donnacha McKinley, do.
Domhnull Caimbeul, Kinross , E. P. I.
Mairi Nic-Gilleain, Victoria Mines.
Seumas Mac Coinnich, Marsh Lake.
An t-Urr. M. A. MacPhersain, L . B. d’ Or
Muracha Mac Fhionghain, Glen ’y Valley.
Lachuinn MacFhionghain, Margaree Har.
Aonghas Mac Aonghais, Georgeville , N. S.
Seumas Mac Ille-mhaoil, Wood Islands E. P. I.
A. B. Domhnullach, Meat Cove, C. B.

Tuilleadh anns an ath aireamh


ThaMiss Jane Young,aon de ribhinnean oga Thoronto an drasd a cur as deigh fear Seumas Smith air son gealladh posaidh a thug e dhis nach do cho-lion e. Tha ig agairt coig mile dolar. Tha i deiseil gus a dhearbhadh gu robhn reiteach air a dheanamh o chionn da bhliadhna, ach air dhasan a bhisan oilthigh ag ionnsachadh na dotaireachd, thachair te eile ris, air na ghaabh e meas, agus phos iad.

Dheug Ailain Domhnullach, seann duine coir a rinn a dhachaidh sa bhaile so o chionn aona bliadhndeug, maduinn Dior-daoin air an t-seachdain sa chaidh, an deigh dha aois mhor a ruigheachd. Rugadh a ann an Uibhist a chion a deassa bhliadhna 1802, agusnuair a bha e coig bliadhna fichead a dhaois thainig e air imrich don duthaich so. Shuidhich e air Beinn Abhainn Dhennis an Siorramachd Inbhrinis, far na thog e teaghlach mor. Tha dithis da chuid mhac air a bheil gach aon an taobh so de Nova Scotia gle eolach, an Dotair Domhnullach, comhla ris an robh e fuireach anns a bhaile so, agus an Senator Domhnullach. ’Sa mhaduinn Dior-daoin sa chaidh air danighean a dhol a dhionnsaidh na leapa le bhiadh-maidne fhuair i gu robh e air caochladh re na h-oidhche. Cha robh coltas gu robh trioblaid sam bith air mun deug e. Bha e na dhuine air an robh deagh chliu aig gach aon dom baithne e, agus mu nach burrainn neach sam bith labhairt gu h-olc. Bha e ceithir fichead bliadhna sa h-on deug a dhaois.


Mac-Tallas anScottish Canadian, ”fad bliadhna maille ri leabhar de dhorain Albannach air son da dholair.


STANDARD
Life Insurance Company

Cuideachd Chinnteachidh
BEATHA.

Steidhichte an Dun-Eideann an 1825.

Suim an airgid-chinnteachidh aig an am so.. .. .. .. .. $109 ,000,000
Teachd a steach bliadhnail.. 5,000,000
Buanachdan air an roinn. .. 27,500,000
Airgiod ma seach.. .. .. .. .. 38,000,000
Ma seach an Canada.. .. .. .. 8,125,500

Prisean Iosal, Lan Thearuinteachd gun Chumhnant sam bith, Gach Dlighe air a phaigheadh cho luathsa dhearbhar bas us coir air an airgiod, gun dail air bith.

W. M. RAMSAY,
Fear-gnothuich an Canada.

SEORAS Mac ILLEATHAIN,
Fear-ionaid, Truro, N. S.

ALASDAIR MATHANACH,
Fear-gnothuich an Sidni.


C . B. TRAVIS,
SYDNEY, C. B.

Pianos, Orgain, agus Innealan-fuaighil dhe na seorsaachan as fearr.

Stoc math de dhaccordeons, Harmonicas, teudan. fidhle, ’s de leabhrichean ciuil.

Snathadar, Olla, agus gach ni air an cuir Innealan fhuaighil feum, air laimh daonnan.



[133]

[Vol . 2. No. 18. p. 5]

OIDHCHE SHAMHNA.

Ceadaich dhomh focal no dhachur sios mu oidhche Shamhna. Ma chi thu nach toir iad mi-chliu, bimise gle thoilichte ma bheir thu oisinn daibh, oir tha mi an droch staid, agus ma tha leigheas domh air thalamh, ’si mo bheachd gur h-ann am measg do luchd-leughaidh a gheobh mi e; air an aobhar sin bi trocaireach mar bu dual duit o dshinnsearan.

Mar tha fios agadsa, tha mi gun cheile, agus, a reir cleachdadh mo dhuthcha, smaoinich mi gum feuchainn dem fortan a bha romhan, air oidhche shamhna. Le sin na mo bheachd dhfhalbh mi fein agus mo charaidMac-Shimidh,” gu taigh sean bhoireannach a thasan aite leis an cleachdach a bhi leughadh nan copan: ach air an oidhche seo, ’s ann a bha ileughadh nan uibhean. Bha triuir nighean a steach maille rithe agus gach te dhiubh airbhiodair son a fortan a chluinntinn. Cha bu luaithe rainig sinne na riuth an triuir a mach air an dorus chuil; agus ma dhinnseas min fhirinn duit-se cha robh sinne bronach, oir cha bu toigh leinn a bhig eisdeachd na caillich aleughadh nan uibhean, agus gun robh sinn cinnteach gum bitheadh na caileagan a magadh a ris oirn. Bhrist a chailleach ubh, agus gu curamach leag i leis a ghealagan ruith don ghloinne (aig an am cheudna gle thoitheach nach gluaiseadh am buidheagan, oir nan tuiteadh boinne dheth saghloinne maile ris aghealagans ris an uisge, cha bhiodh achuis cho math.) An deigh don ghealagan a bhi mar bu mhiannach leis achaillich, chuir i a bois air beul na gloinnes chrath i i gu h-iollagach aig an am cheudnag ainmeachadh araonMhic-Shemidh” (air ainms air a shloinneadh) agus an fhir nach tig an comunn nan criosduidhean. Leag in sin leis na bhasaghloinn stoladh, ’s shin i-fhein air aithris rann no ubag air chor-eigin. Leugh i ghloinne, ’s dhinnis i doMhac Shimidh,” ni, ma tha e fior, a nina dhuine sona e, cho fadasa bhiosanail adol sios as suas. Air a mhodh cheudna, leugh i mo ghloinne-se achs duilich leam nach dthug i misneachd sa bith dhoth. Dhfhalbh sinn an sin a tigh na caillich as dhealaich mi-feinsMac Shimidh,” agus chaidh mi do thaigh eile, agus air dhobh dol a steach, bha fear ann an sinsa cheann gu ruig a ghuaillean ann am ballan uisge, feuchainn an tugadh e sea sgillinn deghrunnd. Theirteadh nan tugta an t-sea sgillin a grunnd a bhallain uisge, leis na fiaclan, gum faigheadh a neach a dheanadh sin ceile, luath no mall. Chuir mi fhein mo cheannsan uisge, agus gach uair a dhfheuchainn ri chur fodha, thigeadh an aileag orm, ’s ged a bhithinn a stri ris an t-sia sgillin a thogail a fhathasd cha bhithinn dad na bfhearr; agus sguir mi, oir bha e cho fasa dhobh snaoisean fhaighinn oDhomhnull na Gealaich” ’sa bha e dhoth greima dheanamh air an t-sea sgillinn. Dhfhiach min sin ri ubhall a thoirt as abhallan, ach cha be dad a bfhasa dheanamh; as gheill mi. Chuireadh an sin brat air meudainn, gus an robh mi cho dall ri fath; agus chuireadh tri triunnsairean air mo bhial-thaobh, fear falamh, fear lan a dh uisge glan, agus, le do cheadsa, am fear eile lan a dh uisge salach. Bha agam ri mo lamh a chur ann am fear diubh, agus a rear an fhirsan cuirinn i, bha mfhortan’ ’sa bheatha seo gu bhi air a thaisbeanadh. Tri uairean an deigh cheil chuir mi mo lamhs an triunnsair fhalamh; as le corraich thilg mim brat dem aghaidh. Fhuair mi an sin ubhall agus chaidh mi leis gus an sgathan; oir chuala mi, nan ithinn ubhall ag coimhead ris an sgathan agus coinneal alasadh nam lamh chli, gum faicinn iomhaidh mo leannain. Rinn mi mar dhiarradh orm, ach an truaighe iomhaidh a chunnaic mise ach miomhaidh fein! Shin iad an sin air losgadh chnothan; ’s a chiad dithis a loisg iad (Mac Shimidhs a mhaighdeann) “ghabhiad cho aillidh agus gun eilticheadh tu fein riutha, fhir mo chridhe. Loisgeadh an seo mi-fein agus an te air an robh min toir o ghlun mo mhathar, —s ma loisgeadhghabhmise, ’schragse. Cha burrainn mi seasamh ris achorr, ’s dhfhag min taigh le corraich agus thug min iolainn orm, a spionadh dhias as achruaich choirce. Bha fadal mor orm gus an tigeadh an dias, agus min dochas gum biodh i tarbhach, torrach, ach mo dhiubhail! cha robh aon siallan oirre! As an iolainn thug min ath orm, agus thilg mi ceirsle shnathaghoid mi air mo mhathair suas do chro na h-athainn, as dheigh mico tha siod air ceann mo shnathain?” Ach cha dfhuair mi freagairt; as gu dubh-chridheach beiginn tilleadh dachaidh. Adol dachaidh smaonaich mi air oidheirp, eadhon an oidheirp dheareannaich; mo mhuilicheann a bhogadh ann an allt sa bith air an robh beo as marbh a dol seachd. Rinn mi seo, chaidh mi dhachaidh, as chaidh milaidhe. Chuir mi mo mhuilicheann fliuch fo mo cheann agus min duil gum bruadairichinn air ailleag air chor-eigin; ach cha do bhruadair, agus air dhomh eiridhsa mhaduinn bha misgith trom airtneulach.” Nise a charaid dhinnis mi dhuit mar dheirich dhomh oidhche shamhna. Cha bu mhath leam a bhi na mo sheann fhleasgach, agus sin gu h-araid on than sean-fhocal ag radhgur fada bu choir dol a dhfhaicinn fear nach fhaigheadh bean.” Theagamh gum faighinn-se te, achsem mi-shealbh a bhorm riabhan te a gheobhainn cha ghabhainn. Bha min toir air iomadh te ach de dheth sin, cha ghabhadh iad mi. An nis a tuigeas tu-fein mo staid as theagamh gun cuir thu focal math a steach air mo shon ri aon de na h-oighean maiseach a tha leughadh do phaiper. Ma gheobh thu eolas air te a shaoileas tuthaitneas rium, abair rithe gur ann innte-se than eis, ’s nach ann annam-sa. * * Seall mo dhealbh do thesa bith leis am miannach fhaicinn! —MAC-DHOMHNUILL DHUIBH, ANNSA GHAIDHEAL.


S math is fhiach dhuit so a leughadh ma ghabhas tu a chomhairle bheirear ort. ’S taitneach an ni ri fhaicinn bean air a deagh sgeadach; agussen nis fhaisge thig air sin ann an taitneas duine fhaicinnsa chuid aodaich a freagairt air gu math. Agus ma tha thu air son thu fein a bhi mar sin, ma tha toil agad aodach math a bhinad dheise, ’san deise air a sar dheanamh, ’s coir dhuit a dhol gu

IAIN MAC LEOID & CO.

Tha stoc mor de dhaodach aca, ’s tha na gearradairean aca cho math sa ghabhas faotinn. Tha iad a deanamh gnothuich aig207 Queen St., Charlottetown, F. P. I.Cuimhnich nach deid thu seachad orra oir reicidh iad riut an Gailig.


MA RUIGEAS TU STOR
D. J. DOMHNULLACH,
AIR STRAID WENTWORTH,

chi thu gu bheil gach seorsa bathair a thaige cho mathsa gheibh thu an stor sam bith sa bhaile, agus gu bheil e ga chreic
GLE SHAOR.

Nuair a thig thu don bhaile, ’s coir dhuit a dholga choimhead, gun fhios nach eil ni eigin aige a tha dhith ort, agus ma tha gheibh thu
DEAGH BHARGA.


Storichean Bhaddeck.

Bidh na Storichean am Baddeck air an dunadh a h-uile feasgar Di-luains Dior-daoin aig seachd uairean (7, p, m.) Bidh na cleirich fad an comain muinntir ma cheannicheas iad na bhios a dhith orra romhn uair sin.

NIALL DOMHNULLACH.
Air son nan Cleireach.



[134]

[Vol . 2. No. 18. p. 6]

Oran Dealachaidh.

SEID.—
Eirich agus tiugainn o!
Eirich agus tiugainn o!
Eirich agus tiugainn o!
Se crioch gach comunn dealachadh

An cuimhne leatsan gleannan uain
Far an robh sinn og as luath,
Abuain nan sobhrach feadh nam bruach,
S gun luaidh againn air dealachadh.

As far an robh sinn ait le cheil’,
Aruith abhradain leis an leus,
S asealg achoilich air agheig,
Mun dthog sinn ceum an allabhain.

Achs cian bhon sgaoil sinn deas as tuath,
Chaidh cuid thar bheann as cuid thar chuan,
Cha chluinn min diugh an coileach ruadh,
Ged bheirinn duais nach canainn air.

Ach far do lamh mo charaid ciuin,
As cuir an smalan so air chul,
Oir chi sinn fhathast tir nan stuc,
As bidh sinn sunndach aighearrach.

O, eiribhillean, lionaibh suas,
As cuiribh farumach mun cuairt,
Do thir nan beann, nan gleann, ’s nan cruach,
Gun ol sinn cuachs an dealachadh!


Turus a Mharaiche.

LE EOBHAN MAC LAOMUIN, M. A., D. D.

CAIB. IV. —Air a Leantuinn.

Ach cha d-innis thu dhomh tainn,” thubhairt Peadar gu baigheil,

“ ’Ses ainm domh Delileh; ’s mi nighean an tsean Nathair, agus ann an duchas do na teaghlaichean as fearr mar a ta na Luciferan bho Hades a Ridire Esan, fear tionndaidh mun cuairt, na h-Iscariots o Ierusaleim. Tha mo phiuthar Iesebel posda ri Righ. Dhfas Peadar fuidh naire a thaobh deise Seoladair bhi uime agus nuair chunnaic Delilah so, thubhairt i: “Nach tusa Mac Talamh Dearga dh-fhag Babilon ann a Sgeul a Mhor Aoibhneis?” Rinn Peadar aicheadh le mionnan, ag radh gar e bainm dhasan SimonCiod!” thubhaird i, an t-usa caraid Simon Mor Magus, lighiche na Teaghlaich againne?”

Dhfhan Peadar na thosd. An sin air dha Delilah fios bhi aic gu robh e g-innse bhreug dh-fuathaich i e na cridheam feadh a ghair i na aodann, agus i ga threorach gu sgrios.

Am feadh bha iad coiseachd air adhart, dh-amhairc Peadar an sids an so airson luchairt aluinn; ach co a chuireas an ceill uamhas-san nuair threoich Delilah e dh-ionnsiudh cladh far an robh seann duine crotach a lomadh gheugan dheth craobh sheargta?

Thubhairt Delilah“ ’S e so mathair, Chriothnaich Peadar agus theicheadh e, ach dh-fhailnich a threoir e. Air don t-Seann Nathair guth a nighinn a chluinntinn thionndaidh e mun cuairt agus choisiche na codhail. Dhfhas fuil Pheadair fuar thuiteadh e, ach rinn strac de chuip glaodh ard agus goirt a thoirt as. Thainig aon da ionnsuidh da mainm Tighearna na Cogais, Sealgair cumhachdach a labhair le guth garg: “Ciod tha thu deanamh a so a Mhic Crosduidh?” Chriothnaich an talamh; bha eagal air Peadar gu fosgladh es gu sluigeadh e e.

(Ri Leantuinn.)


Air son bathar math agus bathar saor ruig an stor aig D. I. Domhnullach, air Sraid Wentworth. Thachuid bathail cho math sa gheibh thu an aite sam bith, us tha na prisean gle iosal.

Cleachdidh dotaireanMinard ’s Liniment

Ma thig ort a dhol a dhireadh beinne, chan eil doigh is fhearr dhuit na gabhail ceum air cheum air daghaidh air do shocair fhein gus an ruig thu am mullach. Mar is lugha a ni thu do ghearain air na tha agad ri dheanamh, is ann is eutruime a dhfhairicheas tu an obair.


Glanidh agus neartichidh
K. D. C
an stamag gun milleadh no lagachadh sam bith a dheamh.
Sampull a nasgidh gu neach sam bith.
K . D. C. COMPANY, LTD.
New Glasgow, N. S., Canada.
Ainmich am paipear so.


COMHRADH.

Den uair a tha e?”

Tha e coig mionaidean an deigh tri.

Ciamar a tha fios agad?”

Nach do sheall mi air m uaireadear.”

Dhfhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.”

Chan eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mun am son uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheelsa bhaleithid riamh, air aon spoig, ’se cho gliogachs nach burrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasdase uaireadear cho math sa thasan duthaich.”

Cocharaich e?”

O, nach be cheist e! Charaich
GUZZWELL & RHODES,
ann an Sidni, feadhainn da m baithne charadh.”


A. J. PEUTAN,
FEAR-DHALCIADH.
CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2 .00 GU $90 .00.

Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c ., &c .

Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan.


TAGHAIL AIG
Aonghas Domhnullach,
CEANNAICHE,
SIDNI,- - - C. B
Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige.
RIN REIC SAOR



[135]

[Vol . 2. No. 18. p. 7]

NA TAILLEARAN.

LE IAIN.

(Air a Leantuinn.)

Agus mar a bha e leis an olc, thoisich e air chur char den chiste. Chuir e air a taobh i, agus chuir e air a ceann i, agus chuir emas os a cionn. Nam bfhior e fhein, bha efeuchainn ri greim fhaotainn air ceann an t-snath. Bi so achiste anns an robh a h-uile ni a bfhearr a bha staigh. Bha baine agus uachdar agus im agus uighean agus min innte, agus na soithichean a bfhearr a bhan taobh a staigh den dorus. Bhristeadh na soithicheannan criomagan beaga, agus chaidh am baines an t-ims an t-uachdars na h-uigheans amhin air feadh a cheile. An uair a thainig bean an-taighe dhachaidh bhan taillearna shuidhe aig an teines a chasan bac air bhac, agus langan aige air gabhail oran. Ghabh abhean bhochd ioghnadh an uair a chunnaic i nach drinn e car obrach fhads a bha i air falbh.

Tha eagal orm, a bhean, gun drinn mise barrachd de chron na rinn mi de mhath on a dhfhalbh sibh. Bhrist an snath-fuaghail ann an toll na glaise mun do tharr sibh a dhol a mach, agus o nach robh toil agam a bhithnam thamh gus an tigeadh sibh, chuir mi car no dha den chiste feuch am faighinn greim air ceann an t-snath. Cha do smaoinich mi gu robh dadna broinn a ghabhadh bristeadh,” arsan taillear.

Cha mhor nach do thuit abhean bhochd as a seasamh far an robh i an uair a chual i mar a bha. Bhuail i na basan, agus thoisish i ri tuireams ri caoineadh. Ma bha tur innte cha do ghabh i amhrus meirlich air duine coir, onarach gu brath tuilleadh.

Bha gille og ann aon uair, agus an uair a bha eg ionnsachaidh na taillearachd thachair gun deachaidh e fhein agus a mhaighstir a dheanamh deise chlo do thaigh duine choir, chothromaich a bhafuireach ann am baile a bha began mhiltean an aite anns an robh iad afuireach. Tha e coltach gu robh nadur mosach, neonach, anns an taillear. Ged bu ghle mhath leis fhein biadh math fhaotainn anns gach taigh anns am biodh eg obair, cha robh e idir deonach gu faigheadh a ghille a h-uile seorsa bidh a gheibheadh a fhein. Bhiodh en comhnuidh ag innseadh anns gach taigh anns am biodh eg obair nach itheadh an gille an ni ud non ni ud eile. Bha fhios aig a ghille air so gle mhath, ach bha e car coma teannadh rimhaighstir a dheanamh breugach ann am fianuis muinntir an taighe. Ri uine bhan gnothach a bhann asaruchadh a naduir. Mu dheireadh, chuir e roimhe nach cuireadh e suas le cuisean mar a bha iad ni bfhaide. An latha thoisich e fheins a mhaighstir ri obair anns an taigh so, thuirt bean-an-taighe ris, “Is mi a tha duilich nach ith thu im no caise idir. Chaneil annlann eile pailt againn aig an am so. Tha eagal orm nach teid agad air biadh gun annlann a ghabhail.”

Ithidh mise im is caise cho math ri fear dhe mo sheorsa anns an duthaich,” arsan gille.

Is mi a tha toilichte sin a chluinntinn. Is e do mhaighstir fhein a thuirt riumsa nach itheadh tu im no caise,” arsa bean-an-taighe.

Na tugadh sibhse geill ciod a their mo mhaighstir; oir bidh edol iomadh uair as a rian. Feumaidh sibhsebhith air bhur faicill roimhe. Cha toigh leam an coltas a thair an diugh fhein. Cha chomhairlichinn a dhfhear-an-taigh no do na gillean a dhol fada on taigh an diugh, gun fhios ciod a dhfhaodadh tachairt,” arsesan.

Ach am fas e gle fhiadhaich?” arsa bean-an-taighe.

Fasaidh mur a grad cheangail iad e cho luaths a bhuaileas e a dhorn uair no dha air a bhord,” arsesan.

Coma leibh an ceann greise chuir an gille an siosar am falach, agus an uair a thoisich an taillear ri iarraidh an t-siosair agus nach robh eg a fhaotainn, bhuail e dhorn uair no dha air abhord. Ach ma bhuail, bha fear-an-taighe agus a dhithis mhac air am bonn cho ealamh ris an fhudar; agus ann an tiotadh rinn iad ceangal nan tri-chaol air an taillear. Cha robh fhios aig an duine bhochd ciod a theireadh e; oir cha burrain e ni sam bith a dheanamh. Mu dheireadh ghuidh is ghrios e ris aghille ega fhuasgladh. Bha truas aig a ghile ris, agus fios aige gle mhath gu robh e cho rianailnainntinn ri fears an duthaich, ged a bha muinntir an taighe an duil gu robh e air an dearg chuthach. Mu dheireadh thuirt an gille ris gu fuasgladh e nan gealladh e nach biodh eg innseadh tuilleadh nach itheadh esan im no caise. Gheall e so, agus fhuair e air a bhonn, agus riamh tuilleadh leig e leis aghille am biadh a thogradh e itheadh.


IarrMinard ’s Liniment, ’s na gabh an corr.

Na bfhiach leat a bhithtoirt geill do gach facal suarach a theirear mu do thimchioll. Cha mhisd aghealach na coin a bhi comhartaich rithe. Cha mho na sin is misd thusa daoine suarach a ithg ad chaineadh.

Minard ’s Liniment, caraid nan tuathanach.

Faodaidh gun tuirt a chaora anns apholl; ach tha tlachd aig a mhuic a bhit anns apholl an comhnuidh. Faodaidh duine math olc a dheanamh uair us uair ach bidh an droch dhuine ri olc a ghuath.

CumMinard ’s Linimentsan tigh.


Am bheil thu dol a thogail tigh no sabhal ur air an t-samhradh so? Ma tha, ruig

MOORE & JOHNSTON,

far am faigh thu Tairnean, Glianne, Paipear-tearra, Paipear-mullich, Olla, Glasan, Ludagain, agus Acfhuinn-shaor dhe gach seorsa.

Nuair a thoisicheas tu air an fhiar, thig thuginn air son, Spealan, Crannan, Sgriobain, etc., etc.

Tha Cruidhean each agus Tairnnean chruidhean aginn do gach aon air a bheil iad a dhith.

Tha sinn a creic Crannuchain, Tubichean, Sguabichean, Slatan-iasgich, Dubhain, Cuileagan, etc., etc.

Taghail aginn agus bidh sinn uile gle riarichte.

MOORE & JOHNSTON,
Sidni, C. B.


REIC A MACH
Aodach Dheiseachan is fhiach 20 cts. air son 13 cts.
agus
Cotaichean-uachdar air son ghillean, air an ceannach o cheanniche a bhrist.
STOR SAOR SHIDNI
F . A. CROWELL,
Fear-Gnothich.
Bruidhridh na cleirich Gailig.



[136]

[Vol . 2. No. 18. p. 8]

LEATHANICH CHOLA.

Bha Niall, treas mac Lachinn, an Siathamh Leathanach a bha air Cola, a fuireach an Druimnacroise. Bha da mhac aige, Eachann agus Ailain Ghrisipuill. Chaidh Eachann a mharbhadh aig Dunchaillinn. Bha Lachinn a mhac posda ri Mairearad nighean do Mhr Alasdir Mac-Dhomhnuill, agus piuthar do dh-Alasdir mac Mhaighstir Alasdir, am bard. Phos Ailain Ghrisipuill Catriona, nighean Eoghin Mhic Gilleain am Bailephetris an Tirithe. Bha sianar chloinnne aige, Lachinn, Iain, Niall, Ailain, Fionnaghal, agus Mari. Bha Mari posda ri Iain Mac-Gilleain ann an Giudal an Rum. Bha sianar chloinne aig Iain Ghiudil, Tearlach, Ailain, Niall, Catriona, Anna, agus Seonaid. Bha tri mic aig Tearlach, Ailain, Eachann, agus Alasdir. Thanig iad do Cheap Breatunn. ’Ses docha gu bheil cuid den sliochd aig a chaolas no am Margari.

Bha Iain, darna mac Iain Ghairbh, seachdamh Leathanach Chola a fuireach ann an Tota-Raonuill. Chaidh a leon gu trom ann am blar Ionarchetein sa bhliadhna 1651. Bha da mhac aige, Ailain agus Eoghan. Bha ceathrar mhac aig Ailain, Eachann, Ailain, Iain, agus Ruari.

Cha n-eil fios agam co bhuaithe a thanig Ailain Mac-Gilleain a bha ann an Crosapoll an Cola. Cha mho a tha fios agam co bhuaithe a thanic Tearlach mac Lachinn. Bha mac aig Tearlach dom bainm Lachinn. Bha e na dhoctair, sa Ghallanich, aguss e doctair na Gallanich a theirteadh ris am bitheantas. Phos e nighean do dh Fhear na Comrich. Bha tri mic agus da nighinn aige. Tha Tearlach, am mac bu shine, na sheanailair ann san arm. Tha e posda, agus tha seachdnar chloinne aige. Bha e an Colasa bhliadhna 1889. Tha e na dhuine eireachdail, na fhior dhuinuasal. Ach co e? Tha fios agam gur h-e Tearlach mac Lachinn mhic Thearlich mhic Lachinn e tha ann, ach nas fhaide na sin cha n-urrinn mi a shloinneadh air ais.

Bann de theaghlach Chola a bha Iain mac Eachinn Bhuidhe a bha a fuireachsan Eilain mhor am Picto. Be e-fein agus Lachinn clann na da pheathar. Bha brathair mathar dhaibh, Iain Mac-Isaic, Iain Saor, a fuireach ann an Rudha an t-Saoir an Shudic an Ceap Breatunn. Bha sianar chloinne aig Eachann Buidhe, Eoghan, Niall, Iain, Gilleasbig, Eachann, Calum, Mor, agus Mari. Bha brathair dha dom bainm Lachinn a fuireach ann an Arichat.

Chaidh Leathanach de Theaghlach Chola do dh-Illinois bho chionn corr agus da fhichead bliadhna. ’S e Eachann a bainm dha, Eachann mac Iain mhic Thearlich. Bha e greis mhoir ann an Glaschu na chlachair. Tha mic dha ann an Ilinois.

Cha n-aithne dhomh ach dithisd de Leathanich Chola ann san aite so, Aongus Mor agus Niall. Tha Aongus na Chlachairs na phiobaire. Tha Niall na chaptin air bata-smuid a tha ruith eadar Belfast agus Baile-Shearlot. ’S e Lachinn a bainn dan athir, Lachinn Mac Eoghin Mhoir mhic an Dotair. Bha Eoghan Mor na shaighdear ann san Reiseamaid Duibh. Bha e den dream ris an abairteadh Clann Eachinn mhic Dhomhnuill, ach cha n-eil fios agams co bhuaithe a bha Domhnull.

Tha mi dhen bheachd gun danig Eachann Johnstone, piobaire Thighearna Chola, do Cheap Breatunn, agus gun dfhag e mac na dheidh a bha na phiobair. A bheil duine sam bith ann as urrinn iomradh a thoirt dhomh air Eachanns air a shliochd?

Ma leughas duine sam bith an litir so, as urrinn e-fhein a shloinneadh air ais gu teaghlach Chola, bidhidh mi gu mor na chomain ma chuireas e do mionnsidh ainms a shloinneadh. Ma tha e da rireadh de theaghlach Chola bu choir gun rachadh aige air so a dheanamh. Thoireadh e dhomh co dhiu na thaige deshloinneadh. Dhfhaoidte gu h-ann da a bhuineas a bhi na cheanntaighe. Mas-ann, faodidh e da it a chur na bhoineid, ’se sin na tha uibhir de dh-fhuil Iain Ghairbh anns gu bheil boineid aige.

A. MAC G. SINCLAIR.


STOR MHOR UR!

Tha C. H. Harrington a nis an deigh an stor a mheudachadhs tha iad a reic mar a babhist daibh,—

MIN US FLUR,
TI US COFI,
AMHLAN DE GACH SEORSA.
SPIOSRIDH US LUIBHEAN,
BRIOSCAIDEAN US NITHEAN MILIS.


A h-uile seorsa Bhroan,

am measg a bheil na brogan a thatar a deanamh am Factoridh Shidni a Tuath, an seorsas fearr cosg a thasa mhargadh. Brogan Uachdair de gach seorsa.

Gabhidh sinn im us coirce air son bathair aig pris airgid.

Tha pris gach ni cho iosal sa ghabhas e cur.

C . H. HARRINGTON & CO.
Sidni, C. B.


Chan eil air an taobh-sa dhen Atlantic ach aon phaipear Gailig. ’Sen aon phaipear sin am MAC-TALLA. Chan e sin a mhain, ach chan eil paipear seachdaineach Gailig air an t-saoghal ach e-fhein.

Tham MAC-TALLA tighnn a mach a h-uile Di-sathairne. Tha naigheachdan na ducha agus an t-saoghil gu leir air an innse ann gu pongail, ann am beagan fhacal, agus cho firinneachsa gheibh thu iad am paipear sam bith.

Tha toil againn an aireamh a tha gabhail a phaipear so a chur gu mor am meud romh thoiseach na bliadhna 1894, agus tha sinn a sealltuinn ri ar cairdean air son cuideachadh. Deanadh gach aon a dhichioll agus theid a chuis leinn.

Cuireadh gach aon a tha gabhail a MHAC-TALLA air a chuid as lugha aon ainm ur us aon dolar thugainn eadar so us BliadhnUr, agus cuireadh e aig a cheart am thugainn a dholar fhein, mur do chuir e thugainn cheane. Agus mar is luaithe thig iads ann is fhearr.

Ma tha toil agad am MAC-TALLA a ghabhail fad bliadhna, cuir thuginn do dholar, agus gheibh thu a cheud aireamh cho luath sa bheir am postaga t-ionnsidh e, agus leanidh e air taghall agad a h-uile seachdain gu ceann bliadhna. Seol do litir gu

J . G. MACKINNON,
Mac-Talla, Sydney, C. B.

titleIssue 18
internal date1893.0
display date1893
publication date1893
level
reference template

Mac-Talla II No. 18. %p

parent textVolume 2
<< please select a word
<< please select a page